[Vol . 4. No. 20. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 23, 1895. No. 20.
AM MOD GAIDHEALACH.
Bha ceathramh Mòd bliadhnail A’ Chomuinn Gàidhealaich air a chumail ann an Glascho air a chóigeamh latha fichead de’n mhios a dh’fhalbh. B’e so a cheud mhòd a bh’aig a Chomunn a mach as an Oban, agus thatar ag radh gu ’n d’ thug e bàrr air gach aon de chàch. Bha àireamh ni bu mhò a’ strì air son nan duaisean, agus bha iad am bitheantas ni b’fhearr na iadsan a bha ’san t-strith ’sna bliadhnaichean roimhe. Bha Mr. Iain Mac-Aoidh, Hereford, ceann-suidhe a Chomuinn anns a chathair, agus dh’fhosgail e am mòd le òraid ghasda a’ toiseachadh mar a leanas:—
“Mo luchd-dùthcha ionmhuinn—Na’m bitheadh an comas agam ’se b’fheàrr leam, agus ’se bu chòir dhomh, ann an toiseachadh obair an latha so, beagan fhacal a labhairt ann an cainnt bhinn bhlasda ar dùthcha, ach a dh’innseadh na fìrinn, le bhi cho fada á tìr nam beann, ’s a measg choigreach anns an Fhraing, anns an Olaint agus ann an Sasunn, chaill mi an ealantas a bha aon uair agam ann an cainnt air sinnsear. Air an aobhar sin ceadaichibh dhomh facal no dhà a labhart anns a chainnt a thuigeas sibh uile—ged is coimheach i.”
Bha an sin na duaisean air an toirt seachad dhaibh-san a choisinn iad. Cha teid againn air an ainmeachadh uile an so, ach bha àireamh mhor a strì air son gach duais a bh’ann, airson sgriobhadh, leughadh, agus seinn Gàilig. Bha còig coisirean-ciùil a làthair, agus sheinn gach aon dhiubh aig a Mhòid. Bha’n da choisir a b’fhearr cho math ’s cho math ’s b’ fheudar a cheud ’s an dàrna duais a roinn eatorra; cha ghabhadh na breitheamhan orra féin a radh cò a b’airidhe air an duais a b’àirde.
Air an oidhche, bha co-sheirm Ghàilig aca, agus bha’n talla anns an robh iad luma-lan sluaigh. Cha robh facal air a sheinn ach Gàilig bho thoiseach gu deireadh agus chaidh gach ni air adhart gu h-eireachdail. ’Nuair a bha darra leth na co-sheirm thairis, chaidh Iain Caimbeal, bàrd na Leadaig, a toirt gu fear-na-caithreach, agus thug an t-uasal sin dha suim airgeid ( £365 ) an ainm nan Gàidheal, mar theisteas air am mòr spéis da air son a chuid bardachd. Tha tigh a bhaird air fàs sean agus a cnàmh as a cheile, agus bha’n t-airgead so air a chur cruinn air son tigh ùr a chur suas dha. Thug e taing mhor do’n Chomunn agus dhaibh-san uile aig an robh lamh ann a bhi cur suas tighe a bheireadh fasgadh dha a chuid eile d’a bheatha “aig bonn nan creagan mora ’s ri taobh tonnan beucach a Chuain Mhòir.”
Chriochnaich e mar a leanas:—
“Ged ’s corrach àrd na creagan ud
Do’n fhear a théid an ròd,
Gach clach is crann co-fhreagairt tha
Le sonas laithean m’ oig,;
’S an robh mi fhéin ’s mo chompanaich
Gun neul an sin ’n ar speur
Cà’n diugh a bheil na companaich?
Is fad gach aon o chéil’,
Tha cuid ’nan dachaidh uaigneach
Fo leccaibh fuar na marbh,
Cuid eile anns na h-Innsean,
’S an tìrean fad air falbh.
Is beag a chuid de’n chròilean ud
Tha ’n diugh a chòir a chéil’,
Bha sunndach eutrom còmhla rium,
’S’an tìm a dh’fhàg mi ’m dhéigh.
Dh’fhalbh iadsan, falbhaidh mise, falbhaidh sibhse, ach seasaidh an cuimhneachan a thug sibhse dhomhsa ’n uair nach bi aon againn ann; ach ’se mo ghuidhe,—
Gu’n toir am Freasdal paigheadh dhuibh,
’S nach caill sibh air gu bràch.
Taing mhòr dhuibh o ghrunnd mo chridhe, agus slàn leibh.”
An deigh sin chaidh iad troimh ’n darra pàirt dhe’n cho-sheirm, agus mar sin bha ’n ceathramh mòd Gàidhealach air a thoirt gu crich. Cha’n eil fhios fathast càite ’m bi e air an ath bhliadhna. Ma gheobh an Comunn deagh mhisneachd gu dhol gu Peart theid iad ann; mur faigh, bidh e ann an Glascho. Cha’n eil teagamh nach e Glascho baile ’s Gàidhealaiche th’air an t-saoghal, agus nach bi na Gàidheil a th’ann glé dheonach am mòd a bhi aca bliadhn’ eile.
A ILLINOIS: —Tha sinn a toirt na leanas a paipear-naigheachd a chuireadh ugainn aOttawa , Illinois, “Fhuair Ullleam E. W. Mac Fhionnlaidh àireamhan dhe’n da phaipear Ghàilig a thatar a’ cur a mhch air an taobh so dhe’n uisge; MAC-TALLA. air a chur a mach ann an Sidni, Ceap Breatunn s’a Ghàilig Albannach, agus an “Gaidheal”, air a chur a mach amBrooklyn , N. Y. , ’sa Ghàilig Eirionnaich. Fad ùine mhor cha robh paipear air a chur a mach ann an te seach te de na cànainean so, ach o chionn ghoirid, tha luchd na Gàilig a’ gabhail barrachd meas air an t-seann chainnt, agus tha na paipearan so air an cur a mach. Tha An Gàidheal air a chlo-bhualadh anns na seann litrichean Gàilig, coltach ris na litrichean a bh air an cleachdadh ann an Sasuinn cho tràth ris a’ bhliadhna 700. Tha am MAC-TALLA air a chlo-bhualadh ’sna litrichean Ròmanach, a bha air an cur an cleachdadh le Gàidheil na h-Alba air tùs ’sa bhliadhna 1600.”
Cha mhor nach eil luchd-togail nan soithchean ann an Alba ’san Eirinn gu buileach nan tàmh aig an àm so air tàilleahh mi-chòrdadh a thainig eadar na maighstirean agus na saoir. Tha so glé mhi-fhortanach, oir tha e ’na chall mor do’n rioghachd na h-uiread a bhi ’nan tàmh ’nuair tha moran shoithichean cogaidh ri’n togail, cha’n ann a mhàin do Bhreatuinn fhéin, ach mar an ceudna do dhuchannan céin.
Direach mar is e an teas a tha teachd o thaobh a stigh a’ chuirp is mo comhfurtachd, is and o na bheil a steach a tha sinn air ar deanamh sona, is cha’n ann o’n taobh a mach.
[Vol . 4. No. 20. p. 2]
SGEULACHD DO’N OIGRIDH.
(O’n Bheurla.)
Is e m’ ainm Agib. Is mi mac Righ nan Turcach. An deigh a bhais ghabh mi seilbh air a rioghachd gu leir agus dh’ fhan mi anns a’ bhaile anns an do rinn e comhnuidh. Tha mo rioghachd air a deanamh a suas de aireamh de oighreachdan aluinn air tir-mor cho math ri moran de eileanaibh luachmhor. B’ e a’ chiad rud a rinn mi an deigh seilbh a ghabhail, cuairt a thoirt do na h-oighreachdan air tir: an deigh sin dh’ orduich mi mo chabhlach gu leir a bhi air an cur fo lan uidheam agus chaidh mi do na h-eileanaibh a chum agus gu ’m buidhinninn le m’ lathaireachd gean-math mo chuid iochdarain agus gu ’n daignichinn iad ’n an dillseachd agus ’n an tairiseachd. Thug na turais-cuain so dhomh deigh mhor air seoladaireachd, anns an do ghabh mi a’ leithid de thlachd gu ’n do chuir mi romham gu ’n gabhainn an saoghal mu ’m cheann ’s gu ’m faicinn ciod a bha ’gabhail aite an taobh a mach de m’ rioghachd fein. A chum na criche so fhuair mi deich luingis a chur an ordugh, chaidh mi air bord air te dhiubh, agus sheol sinn air falbh.
Bha ar turas ro thaitneach agus gun bhacadh fad da fhichead latha; ach air a’ chiad oidhche thar da fhichead sheid a’ ghaoth ’n ar n-aghaidh cho doinionnach ’s gu ’n robh sinn an impis a bhi air ar call. Dh’ aithn mi gu ’n stiuireamaid air ar n ais d’ ar duthaich fein; ach thug mi an aire aig a’ cheart am nach robh fios aig fear-iuil na luinge c’ aite ’n robh sinn. Air an deicheamh latha an deigh so thug aon de na maraichean a chuir sinn do bhar a’ chroinn dh’fheuch am faiceadh e fearannn, sanas duinn nach bu leir dha ni ach an speur ’s an cuan, ach direach air thoiseach oirnn gu ’n robh ar leis tiugh dhorchadas.
An uair a chual’ an stiuradair so ghrad mhuth e ’chruth agus a’ tilgeadh a chomhdach-cinn air clar-uachdair na luinge leis an darna lamh, bhuail e an lamh eile air ’uchd agus ghlaodh e, “O, fheara, tha sinn uile caillte; cha teid aon againn as; agus le m’ uile theomachd agus eolas cha ’n ’eil e am chomas ar tearnadh.” Dh’ fheoraich mi dheth ciod a b’ aobhar do leithid de an-dochas. Fhreagair e, “Tha an doinionn air ar toirt cho fada as ar slighe agus gu ’m bi sinn mu mheadhon latha am maireach dluth air a’ Bheinn-dhubh, no mèin na cloich-tharruing a tha eadhon a nis fein a’ slaodadh do chuid luingis g’a h-ionnsaidh a chionn na tha de dh-iarunn ann ad shoithichibh; agus an uair a thig sinn mar astar araidh do ’n bheinn tha cumhachd na cloch-tharruing cho laidir ’s gu ’m bi na tairnnean uile air an spionadh a cliathchaibh agus urlar nan soithichean, agus leanaidh iad ris a’ bheinn air alt agus gu ’n tuit do chùid luingis as a cheile agus theid iad fodha. A thuille air a so the e eu-comasach a’ bheinn a dhireadh: Air a mullach tha comhdach de phrais ghrinn air a chumail a suas air ceithir puist phrais agus air ’uachdar sin tha each prais ’n a sheasamh le marcaiche air a dhruim agus clar luaidhe air ’uchd [ ? ] am bheil sgriobhainean druidheachd [ ? ] . Tha seann eachdraich ag radh gur iad am marcaiche agus an t-each so is aobhar gu ’m bheil de shoithichean agus de dhaoine air an call ’s an aite so, agus gu ’m bi e sgriosail do na h-uile a thig dluth dha gus am bi e air a thilgeadh sios gu lar.”
Air do’n stiuradair sgur, ghuil e as ur; rinn an sgioba gu leir an ni ceudna agus dh’fhag iad beannachd aig a cheile.
An ath mhaduinn chunnaig sinn gu soilleir a’ Bheinn-dhubh. Mu mheadhon latha bha sinn cho dluth ’s gu ’n do mhothaich sinn gu’m b’fhiòr na chuir an stiuradair air mhanadh; oir leum na bha de iarunn agus de thairnnean anns na soithichibh a dh-ionnsaidh na beinne le fuaim chruaidh; chaidh na soithichean as a cheile agus chaidh an luchd fodha ’s a’ chuan. Bha mo dhaoine uile air am bathadh, ach bha Ni-math trocaireach dhomh-sa agus chaidh agam air mi fein a thearnadh air mir briste d’ an long a sheid a’ ghaoth gu tir, direach aig iochdar na beinne. Cha d’fhuair mi an goirteachadh a bu lugha: agus mar a b’ fhabhorach bhuail mi an cladach aig aite far an robh mar gu’m b’eadh staidhir a’ suas gu mullach na beinne.
Rainig mi am mullach gun sgiorradh sam bith; chaidh mi a stigh fo’n chomhdach phrais agus a’ tuiteam air mo ghluinibh thug mi buidheachas do Dhia airson a throcairean.
Chuir mi seachad an oidhche an so. Ann am chadal thainig seann duine far an robh mi agus thubhairt e “Eisd, ’Agib; cho luath ’s a dhuisgeas tu cladhaich anns an talamh fo d’ chasaibh: gheobh thu bogha prais agus trì saighdean luaidhe. Tilg na tri saighdean air an each, agus tuitidh e fein agus a mharcaiche anns a’ mhuir; air d’a so a bhi deunta eiridh an cuan a nios gu ruig am pailliun. An uair a dh’eireas e, chi thu bata le aon duine innte agus ramh aige anns gach lamh tha an duine so mar an ceudna de mhiotailt, ach eadar-dhealaichte bho ’n fhear a thilgear sios; leum air bord, ach gun Ni-math ainmeachadh, agus leig leis do stiuradh. Bheir e ann an deich laithean thu do chuan eile far am faigh thu cothrom air tilleadh dhachaidh do d’ dhuthaich fein, air chumhnant mar a dh’ aithn mi dhuit, nach tig thu thairis air ainm Ni-math fad an turais.”
An uair a dhuisg mi dh’ fhairich mi mi fein gu mor air mo chomhfhurtachadh leis an taisbeanadh agus rinn mi gach ni mar a dh’iarr an seann duine orm. Thog mi am bogha sna saighdean as an talamh, loisg mi air a’ mharcaiche agus leis an treas saighead leag mi e fein agus an t-each. Aig a’ cheart am dh’ eirich a’ mhuir uidh air n-uidh. An uair a rainig i casan a phailliuin a bha air mullach na beinne, chunnaig mi, fada uam, bata ag iomram g’am ionnsaidh agus thug mi taing do ’n Fhreasdal.
An uair a bhuail am bata tir chaidh mi air bord, a’ toirt aire mhaith nach ainmichinn Ni-math, ni mo a labhair mi aon fhacal. Shuidh mi, agus thoisich an duine air iomram air falbh o’n bheinn. Dh’iomair e gun sgur gus an naoidheamh latha ’n uair a chunnaig mi eileanan eigin, a thug dhomh dochas gu ’m faighinn as o gach cunnart roimh ’n robh eagal orm. Bha m’ aoibhneas cho mor ’s gu ’n do dhi-chuimhnich mi an rud air an deachaidh mo chur an earalas; “Is mor maitheas an Fhreasdail, cliu gu’n robh dha!” a deir mi.
Cha luaith a bha na facail as mo bheul na chaidh am bata agus an duine fodha agus bha mi air mo thilgeadh am measg nan tonn. Shnamh mi gu oidhche, ach mu dheireadh an uair a bha mo neart ’g am threigsinn, thilg tonn cho ard ri beinn mi air talamh tioram. B’e a chiad rud a rinn mi m’ aodach a thilgeadh dhiom agus a thiormachdh.
Air an ath mhaduinn chaidh mi air m’ aghaidh a dh
[Vol . 4. No. 20. p. 3]
fhaicinn ciod a’ ghne dhuthcha anns an robh mi; cha deachaidh mi ach gle bheagan astair an uair a chunnaig mi gu’n robh mi ann an eilean fasail, ach aillidh, agus e lan de chraobhan agus de gach seorsa toraidh. Thug mi mi fein a suas do Dhia agus ghuidh mi air gu’n deanadh e rium a reir a thoile. Air ball chunnaig mi long a’ tighinn o thir-mor, a ruith leis, direach a dh-ionnsaidh an eilean. Chaidh mi suas do chraoibh a chum, o mheasg an duillich thiugh gu’m faicinn gun a bhi air m’ fhaicinn. Thainig an long a stigh do chamas beag, far an d’ thainig air tir deich traillean a’ giulan chaibeachan agus innealan eile air son cladhach an talaimh. Chaidh iad air an aghaidh gu meadhon an eilein, far an do chladhaich iad uine mhor gus an d’ thainig iad air dorus a ghabhadh togail. Thill iad an sin thun an t-soithich agus chuir iad air tir caochladh sheorsachan de bhiadh agus buill airneis a ghiulain iad a chum an aite anns an robh iad a’ cladhach; chaidh iad an sin a sios do’n ionad-chomhnuidh fo ’n talamh.
Chunnaig mi iad a’ dol a ris a chum an t-soithich agus a’ tilleadh goirid as a dheigh le seann duine a threoraich air lamh giollan og, eireachdail mu thuaiream coig bliadhn’ deug a dh’aois. Dh’ fhosgail iad a’ chomhla agus chaidh iad air fad a sios. An uair a thainig iad a nios a ris, dhuin iad an dorus, chuirnich iad e le uir agus thill iad thun a’ chamais far an robh an long; ach cha’n fhaca mi an gille og ’n an cuideachd. Thug so orm a chreidsinn gu ’n d’ fhuirich e as an deigh anns an uaimh.
Chaidh an seann duine agus na traillean air bord; thog iad an siuil, agus stiuir iad an cursa gus an tir o’n d’ thainig iad. An uair a chunnaig mi iad cho fad as agus nach b’ urrainn doibh m’ fhaicinn, thainig mi ’nuas as a’ chraoibd agus chaidh mi direach a dh-ionnsaidh an aite aig an faca mi an talamh air a bhristeadh. Thog mi an uir a lion beag a’s beag gus an do rainig mi leac, mu dha no tri’ throidhean air fad ’s air leud. Thog mi ’suas i agus chunnaig mi staidhir chloiche. Chaidh mi ’sios, agus fhuair mi aig iochdar na staidhreach seomar mor, soillseach, le brat-urlair; suidheachan grinn le obair ghreis agus cluasagan sioda air an robh an duine og ’n a shuidhe. An uair a chunnaig e mi bha e fo mhor iomaguin; ach rinn mi umhlachd dha agus thuirt mi ris, “Na biodh eagal ort. Is righ mise, agus cha déan mi dochann sam bith ort. An aite sin, is ann is docha gur e do dheadh fhortan a stiuir an rathad mi gu d’ shaoradh as an uaigh eagalaich so, far am bheil thu a reir coltais air do thiodhlacadh beo. Ach is e is mo ’tha cur de ioghnadh orm (oir cuimhnich gu ’m faca mi a’ h-uile ni a ghabh aite o’n thainig thu do’n eilean) gu ’m fuilingeadh tu thu fein a thiodhlacadh anns an aite so gun strith gun chur ’n a aghaidh.”
Air cluinntinn so do ’n duine og ghabh e beagan misnich agns le gnuis shuilbhear dh’ iarr e orm suidhe r’a thaobh. An uair a shuidh mi thubhairt e, “A Phrionnsa, cuiridh m’ eachdraidh iongantas ort. Tha m’ eachdraidh iongantas ort. Tha m’ athair na fhear-malairt sheudan. Tha aige moran thraillean, agus luchd-ionaid ann an iomad cuirt rioghail a’ reic a chuid usgraichean. Bha e uine mhor posda m’ an robh teaghlach aige. Bhruadair e gu’m biodh mac aige ach nach biodh a shaoghal ach goirid. Greis an deigh so rugadh mise, ni a bha ’n a aobhar air mor aoibhneas anns an teaghlach. Ghabh m’ athair geur bheachd air am mo bhreith agus chuir e a chomhairle ri teallsanaich mu thiomchioll na bha an dan domh. Fhreagair iad e, “Bidh do mhac beo gu sona gus an ruig e aois choig bliadhn’ deug ach aig an am sin coinnichidh e ri cunnart o ’m bi e cruaidh dha dol as. Ach ma bhios e cho fortanach ’s gu ’m faigh e thairis air an am sin bidh e beo gu aois mhor. Tachraidh so ’ars iadsan ‘aig an am anns am bi an t-each prais a tha air mullach na Beinne-duibhe air a thilgeadh anns a’ chuan le Prionnsa Agib, agus, mar a tha na reultan a’ cur air mhanadh bidh do mhac-sa air a mharbadh leis a’ phrionnsa sin, deich agus da fhichead latha as a’ dheigh sin.’
“Ghabh m’ athair mor dhragh ann am oileineachadh gus a’ bhliadhna so, agus is i so a’ choigeamh bliadhna deug de m’ aois. Fhuair e sanas an de gu’n deachaidh an t-each prais a thilgeadh anns a’chuan o chionn deich laithean. Chuir so mor iomaguin air; agus a thaobh faistinneachd nan speuradairean, dh’ ullaich e an t-aite-comhnuidh uaigneach so chum mise ’fhalach fad nan deich agus da fhichead latha an deigh d’ an each prais a bhi air a thilgeadh a sios; agus uime sin o’n tha nis deich laithean o’n thachair so, thainig e le cabhaig gu m’ fhalach, agus gheall e tilleadh an deigh da fhichead latha agus mo thoirt air m’ ais. Air mo shon fein, tha mi lan dochais, agus cha ’n urrainn domh a chreidsinn gu ’n tig Prionnsa Agib gu m’ shireadh ann an uaimh fo ’n talamh, agus sin ann am meadhon eilein fasail.”
An uair a chriochnaich e thuirt mi ris le mor chairdeas, “Mo ghille caomh, earb ann am maitheas Dhe, agus na biodh eagal ort roimh ni sam bith. Cha ’n fhag mise thu gus am bi an da fhichead latha air dol seachad mu thiomchioll an robh na speuradairean a cur eagail ort; agus ni mi a’ h-uile seirbheis dhuit a tha ann am chomas; an deigh sin le cead t-athar agus thu fein gheobh mi de chomhstath an t-aiseag a ghabhail anns an long agaibh a dh’ionnsaidh tir-mor, agus an uair a thilleas mi gu m’ rioghachd fein cuimhnichidh mi mo chomain duibh agus bheir mi oidheirp air mo thaingealachd a nochdadh air modh freagarrach.”
Chuir na briathran so misneach anns a’ ghille og agus lion iad e le earbsa. Thug mi ’n aire mhath nach d’ innis mi dha gu ’m bu mhise a’ cheart Agib roimh an robh geilt air, air eagal ’s gu ’n togainn fiamh no amharus. Fhuair mi e ’n a oganach ro thuigseach agus chompairtich mi d’a chuid loin de ’n robh gu leoir aige a dh-fhoghnachdainn fada os cionn da fhichead latha ged a bhiodh tuillidh ’s mise de dh-aoidhean aige. A dh’ aon fhacal, chuir sinn seachad naoi latha deug thar fhichead anns an ionad-chomhnuidh uaigneach so cho taitneach ’s ged bhitheamaid ann an luchairt an righ.
Thainig an da fhicheadamh latha; agus anns a’ mhaduinn an uair a dhuisg an t-oganach, thuirt e rium le toil-inntinn agus aoibhneas nach b’ urrainn da a chasgadh, “A Phrionnsa, is e an diugh an da fhicheadamh latha, agus cha’n eil mi marbh, taing do Dhia agus do d’ dheadh chuideachd-sa. Cha dean m’ athair dearmad air a thaingealachd a leigeil ris dhuit air son do chaoimhneis dhomhsa agus bheir e gach goireas agus gach ni a bhios feumail dhuit chum tilleadh gu d’ rioghachd fein. Ach” ars esan “am feadh ’s a tha sinn a’ feitheamh a thighinn, a phrionnsa mo ghaoil, dean de dh-fhabhor siucar agus measan a thoirt dhomh chum ’s gu ’n ith mi beagan g’ am fhionnarachadh.”
(Air a leantuinn air taobh 6.)
[Vol . 4. No. 20. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, NOBHEMBER 23, 1895.
DAIN OISEIN: —Chuir caraid á Alba, Seumas Craigie, Brechin, ugainn an la roimhe Dàin Oisein, dhe’n chlo-bhualadh a rinneadh ’sa bhliadhna 1818. Bha na dàin bhriagha agus ainmeil so air an clo-bhualadh ’sa Ghàilig air tus ann am baile-mor Lunnuinn, anns a bhliadhna 1807, maille ri eadar-theangachadh gu Laidinn. Bha iad air an eadar-theangachadh gu Beurla àireamh bhliadhnachan roimhe sin, agus as a’ Bheurla, cha mhor, do gach cànain eile ’san Roinn-Eorpa. Bha na dàin Ghàilig air an cur a mach leotha fhéin ’sa bhliadhna 1818, agus bha moran de na leabhraichean air an craobh-sgaoileadh air feadh na Gàidhealtach a nasgaidh. Cha’n eil teagamh nach eil na leabhraichean a chlo-bhuaileadh ’sa bhliadhna 1818 a nise fàs gann. Tha sinn glé fhada ’n comain an fhir a chuir an leabhar luachmhor so ugainn. “Gu ma fada beò e, us ceò as a thigh.”
Tha fios as a Bhai Niar ag innse gun deachaidh fear Abraham Pringle a mharbhadh le urchair a loisg fear Ruairidh Mac Rath air oidhche Di-màirt s’a chaidh. Cha chuala sinn ciod a b’aobhar, ach tha sinn a tuigsinn gu robh seann ghamhlas eatorra, gu’n deachaidh Pingle do thigh Mhic Rath, agus mu’n da dhealaich iad gu’n do loisg Mac Rath air, ’go mharbhadh air a bhad. Thug Mac Rath an sin e fhéin suas. Bu ghill’ òg Pringle; tha Mac Rath pòsda. Dh’ fhalbh Mr. D. A. Hearn ’sa mhaduinn an diugh gu bhi ’na fhear-tagraidh aig a chàs.
A’ CHOISIR-CHIUIL. —Theirig na bh’ againn de’n Choisir-Chiùil, agus air an aobhar sin cha teid againn air na leabhranan a chur ga’n ionnsuidh-san a tha ri’m faotainn gus am faigh sinn stochd ùr dhiubh. Bi’dh iad againn an ceann da sheachdain, agus an sin cuirear air adhart iad dh’ionnsuidh gach aon nach eil air a riarachadh cheana. Agus bidh sinn gle thoilichte tuilleadh a bhi cur air adhart air an son na h-uile seachdain.
A LUNNUINN: —Tha “Creag-an-Fhithich” a sgriobhadh air an ochdamh latha dhe’n a mhios so, mar a leanas:— “Bha ’n darra coinneamh aig a Chlass Ghailig an Colaisd an Righ an raoir. Bha coig air fhichead a lathair, agus tha sinn an dòchas gu’n téid an aireamh am meud fhathast. Tha da chlass ann am bladhna, fear air-son na feadhnach a tha tòiseachadh air a Ghàilig, agus am fear eile air an son-san aig a’ bheil i cheana. Tha na sgoilearan ùra ri bhi air an teagasg le Mr. Iain Deòrsa Mac Aoidh, agus an fheadhain eile leis an Lighiche Mac ’Illiosa, agus Mr. Iain Mac Coinnich. Bha am Morair Tullibardine aig a cheud chonneamh, agus gheall esan agus Mr. Friseal Mac-an-Toisich airgead do’n chlass, airson duaisean a cheannach ’nuair a bhios iadh a’ sgaoileadh. Tha’n t-side fliuch agus dorcha againn ’sna làithean so, agus tha fhios againn gu bheil an geamhradh a’ tighinn gu luath.”
Tha Mr. R. C, Domhnullach, fear-gnothuich do’nW . H. Johnson Co., Ltd., Halifax,luchd-reic Phianos us Orgain, ann an Sidni aig an àm so. Tha chuideachd so a’ cumail fear de na taighean-ciùil a’s fhearr a tha ’sna mor-roinnean iseal, agus iadsan air am beil innealan-ciùil a dhith, bu chòir dhaibh taghal air Mr. Domhnullach, no sgriobhadh uige air chùram a MHAC-TALLA. Is fior Ghàidheal Mr. Domhnullach.
Cha d’rainig cladan sneachd riamh an talamh gun sal a thrusadh o’n aile troimh an do thuit e; mar so tha nadur ss gloine air a shalachadh ’na ghluasad anns an t-saoghal.
Fasaidh daoine, mar a ni lusan, ban agus beag ma tha a’ ghrian air a cumail uatha. ’Si deadh shlainte solus greine a’ chuirp; ’si inntinn aoibhneach solus-greine an anma.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON.
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
ugainn da ainm ur agus da dholair.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 4. No. 20. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Bha Dior-daoin air an t-seachdain so air a chumail mar latha taingealachd. Bha na stòraichean ’s na taighean-gnothuich ’sa bhaile so dùinte fad an latha, agus bha seirbheisean anns gach aon de na h-eaglaisean ’sa mhaduinn.
Rainig nighean òg d’an ainm Mòr Chaimbeal, aois chòig bliadhna fichead, a dachaidh ann a’ Woodstock , Ontario,o chionn ghoirid, an deigh dhi tigh’n áPlatte , Nebraska,astar tri cheud deug mile. Rinn i an turus ann an carbad, agus cha robh creutair beò còmhla rithe ach còig eich a thug i leatha dhachaidh. Thug i da mhios air an rathad.
Chaidh fear Ailein Camaran a ghoirteachadh gu dona ann am Mèinn Victoria Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Thuit ni-eigin air ’s e aig obair agus chaidh a lamh a bhristeadh. An la- ’na-mhàireach, chaochail piuthar dha a bha tinn beagan sheachdainean roimhe sin. Bha iad le chéile a fuireach còmhla ri ’n athair, Micheil Camaran.
Thugadh a mach an duais air son sgoil Ghàilig ann an oilthigh na Ban-righ, an Kingston, am bliadhna le Eachunn Mac Fhionghain, foghlumaiche òg a mhuinntir Loch Ainslie. Thug bràthair dha a mach an duais cheudna an uiridh. ’S fhiach an duais tri fichead dolair. Tha i air a buileachadh air an oilthigh gach bliadhna le Mr. M. C. Camaran, anGoderich , Ontario
Tha càirdean Shortis, am fear a th’ air a dhiteadh gu bàs ann an Cuibeic air son mort oillteil a rinn e, a deanamh an uile dhichioll air a bheatha ghleidheadh dha. Tha iad a’ cur tagradh dh’ ionnsuidh an Ard Riaghladair a bheatha leigeadh leis, agus a chur do’n tigh-oibreach ri ’bheò. Cha’n eil fhios co-dhiu gheobh iad an iarrtas no nach fhaigh, ach cha’n eil e gle choltach gu’n cuir an t-Ard-Riaghladair làmh ’sa chùis idir, ach gu’m fàg e i mar a dh’ fhàg a chùirt i.
Chaidh tuathanach ann an Eilean à Phrionnsa a robaigeadh an oidhche roimhe. Bha seachd ceud dolair aige ’n gleidhead ann an ciste, còig ceud ’na notaichean agus da cheud de dh’ òr. Bhrist am meairleach a stigh air té dhe na h-uinneagan, thug e mach a’ chiste ’s thug e leis na notaichean, ach cha do stad e ris an òr fhaotainn, a bha ’n grunnd na ciste. Cha do dh’ fhairich an tuathanach starbaich sam bith ’s cha robh fhios aige gu’n d’ thainig call sam bith air gus ’n do dh’ éirich e ’sa mhaduinn.
Fhuair ard-oifig na Cuspuinn ann an Ottawa litir an la roimhe agus leth-cheud dolair ’na broinn, ’s gun ainm rithe idir, ach ge b’e co a sgriobh i, thuirt e gu’m buineadh an t-airgead do thigh-na-cuspuinn ann a Halifax. Cha’n eil teagamh nach do chuireadh an t-airgead air adhart le cuid-eigin a rinn slaoightireachd air luchd-na-cuspuinn uair no uair-eigin, agus a ghabh an t-aithreachas air a shon. ’Se “airgead cogais” an t-ainm a thugadh air airgead a thig air ais air an dòigh so.
Bha tuathanach ann an cearna de dh’ Ontario, a dol dhachaidh oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, agus anns an dorchadas ghabh e ’n rathad cearr agus chaidh e le creig, deich troighean fichead a dhoimhnead. Chaidh e fhéin ’san t-each a mharbhadh.
Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil coithional Hogomah a’ dol a dh’ fhaotainn ministeir suidhichte an deigh do’n chùbaid a bhi falamh còrr us da bhliadhna. Tha iad a toirt gairm do’n Urr. Alasdair Ross, a bha àireamh mhor bhliadhnaichean na mhinisteir ann am Pictou, agus tha sinn a tuigsinn gu bheil Mr. Ros a’ dol a ghabhail ris a gharinn. Tha ’n coithional a gealltuinn ochd ceud dolair ’sa bhliadhna dha, agus bi’dh fear-cuideachaidh aca còmhla ris fad an t-samhraidh. Tha ’n coithional mor agus farsuinn, agus bhiodh an t-saothair tuilleadh us trom air aon duine.
Chaidh seòladair do’m b’ ainm Alfred Bartol, a bhàthadh ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair air bòrd soithich a bha ri taobh te de na laimhrigean. ’Sa mhaduinn Dior-daoin, dh’ fhàg e a leaba tràth ’sa mhaduinn, agus cha d’ fhuaireas sgeul air tuilleadh gus an d’ fhuaras a chorp an grunnd an uisge ri taobh an t-soithich. Thatar a deanamh mach gu’m b’e éiridh ’na chadal a rinn e, agus gu’n do thuit e mach air cliathaich an t-soithich. Dh’ fhàg e bean us triùir chloinne.
Tha taghadh nan Comhairlichean seachad, agus tha iadsan a roghnaich an sluagh a nise ri bhi ann an dreuchd fad nan tri bliadhna tha tighinn. Tha aon àite anns an t-siorrachd so, na Forks, nach eil fhios cò tha stigh. Bha dithis a feuchainn, W. A. Richardson agus Alasdair Caimbeul. Bha ’n Caimbeulach a deanamh a mach nach b’ urrainn do Richardson ruith, agus cha do sheas esan latha ’n taghaidh idir. Bha mar sin an taghadh aig Richardson dha fhéin. Cha bhi fhios co comhairliche dligheach na sgireachd gus an téid a chùis a reiteach air beulaobh cùirte.
Tha sgireachd no dha ann an Cuibeic anns nach do phàigh an luchd-àiteachaidh cha mhor sgillinn cise bho chionn chòig bliadhn’ deug. Rinn luchd-riaghlaidh na mor-roinne o chionn ghoirid suas an inntinn gu’n toireadh iad orra a chis a phàigheadh a dheòin no dh’aindeoin. Chuireadh sgioba de mhaoir air falbh an toiseach, ach thill iad sin mar a dh’ fhalbh iad. B’ fheudar an uair sin buidheann de shaighdearan a chur a mach, agus thill iad-san feasgar Di-ciaduin s’a chaidh gu buadhach, an deigh a chis a thogail cha mhor uile. Cha d’ thainig orra cron sam bith a dheanamh. Tha na sgireachdan so fad aia chùl, agus bha ’n sluagh a reir coltais an dùil nach ruigeadh an lagh orra.
Chaidh tigh na theine am baile Phaisley, an Alba air a cheud latha dhe’n mhios so, agus an deigh dha’n teine bhi air a chasg, fhuaireadh a mach gun robh boirionnach a bha fuireach san tigh air a tachdadh leis an toit.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 20. p. 6]
Seumas Dauson.
’Nuair a bha Prionns’ Tearlach a’ tilleadh air ais an deigh eagal a bhualadh leis na Gaidheil troimh chridhe mheamnach Shasuinn dh’fhag e air an rathad ann an Carlisle, tri cheud do’n Reiseamaid a thogadh ann am Manchester gu bhi ’nan gearastan anns a’ bhaile criche ud. Am measg nam feadhainn so bha Seumas Dauson mac duine bheartich. Bha e aig an am ’na oileanach aig aon do Oilthighean Shasuinn. Ach ghabh e taobh a’ Phrionnsa. An ceann da latha thainig Diuc Chumberland fa chomhair baile Carlisle le a armailt. Dh’iarr e air a’ ghearastan toirt suas ach dhiult iad. Mhair an t-seisd a chuireadh ris a’ bhaile fad deich laithean; ach fa-dheoidh thoisich ballachan grod a’ bhaile air falbh, agus cha robh aig a’ ghearastan ach toirt suas no bhi air an losgadh. Chuireadh bratach gheal a suas air an aonamh la deug a dh’innseadh gu’n robh iad a’ toirt suas.
Chaidh Seumas Dauson agus seachd deug eile a thoirt ’nam priosanaich do Lunnuinn. Cha robh fios aig parantan Sheumais gus a nis gu’n d’eirich e leis a’ Phrionnsa, ged a chual’ iad gu’n do theich e o’n Oilthigh. Bha aon eile ann a bha cho bronach r’a chairdean—Fanny Lester a bha fo ghealladh posaidh aige. Bha iad eolach air a cheile o’n a bha iad ’nan leanaban; agus chaidh i nis i-fein a Lunnuinn a ghuidhe air an righ mathanas a thoirt da. Fhuair i steach far an robh Seumas ’sa phriosan; agus bha a chridhe-san lan gairdeachais gu’n d’ thainig i a thoirt comhfurtachd dha. Bha i faotainn far an robh e a’ h-uile la, is bhiodh iad a bruidhinn le cheile air mar gheibheadh e mu sgaoil ’s a’ misneachadh a cheile.
Bha muinntir a h-atharsa agus atharsan ’nan daoine aig an robh tomhas do ughdarras; agus bha iad gach la an crochadh ri uaislean mora na rioghachd a dh’ fhaotainn mathanas do Sheumas; ach, ged bha geallanna fabharrach air an toirt a nis agus a rithist, cha robh mathanas ri fhaotainn.
Chaidh se miosan seachad agus an dùil fadheoidh gu’n leigteadh Seumas mu sgaoil chaidh a shuidheachadh gu’m posadh e fein is Fanny an la a leigteadh a mach e. Ach ’s ann a chaidh a thoirt gus a’ chuirt comhla ri cach. Bha Fanny agus na parantan agus an cairdean a lathair; mu dheireadh chuala i am facal “ciontach” air a radh; ’s thugadh na priosanaich air falbh a dh’ fheitheamh la a’ chrochaidh. Bha let dhochas fathast gu’m feudadh an righ aig a’ mhionaid mu dheireadh mathanas a thoirt seachad. Ach chaill Fanny a duil ris a so; stad i a bhi cainnt mu shaorsa na mu phosadh; is ann a bha labhairt a nis mu ’n t-siorruidheachd agus mu iad a bhi comhla ann an sud a chaoidh. Cha’n fhaicteadh a nis deur air a suil no gluasad air a h-iomhaigh. Bha i seamh le a cridhe runaichte air na bha roimpe. Mu’n d’thugadh air falbh e a chrochadh fhuair i a fhaicinn. Glac e gu teann r’a chridhe i, agus thuirt e “slan leat, slan leat, O ghaoil—beannachd, beannachd shiorruidh leat!”
“Cha’n ann gu siorruidh,” thuirt ise, “coinnichidh sinn a rithist. Cha bhi ann ach beannachd ghoirid—slan leat a ghaoil. Coinnich am bas gu duineil. Bidh sinn le cheile gu goirid”
An latha bha iad ris a’ cheann a thoirt deth, bha ise an lathair aig taobh a mach chaich. Bha i ann an coidse comhla ri da bhanach-araid. Chunnaic i aon an deigh aoin a’ tighinn gu bhi air a chrochadh; b’e Seumas am fear mu dheireadh. ’N uair a chuuuaic i esan dh’fhas i dall—cha chuala i toirm an t-sluaigh mu’n cuairt—tharruing i a ceann air ais do’n choidse—thuit i air gualainn a bana-chompanach, ’s i ag radh, ‘A ghaoil! tha mi falbh leat! tha mi falbh leat!” a’ cur a da lamh comhla,— “Iosa chaoimh, gabh ri ar n-anaman!” Thug iad lamh air a ceann a thogail, agus a cumail suas ’nan gairdeanan, ach thuit i air a h-ais gun chli gun bheatha; chompanaich a spiorad esan anns an robh a cridhe a sas; is thug i suas an deo á cridhe briste.
Air a leantuian o thaobh 3.
De na measan a bha air am fagail ghabh mi a’ chuid a b’fhearr agus chuir mi air trinnsear iad; agus o nach b’ urrainn dhomh amas air sgian ga’n gearradh, dh’fheoraich mi da’n ghille òg am b’aithne dha càite ’m faighinn te? “Gheobh” ars esan “anns-a bhosdan gu h-ard os mo chionn.” Chunnaig mi an sgian gu h-ard, ach ann an cabhaig an uair a bha i agam am lamh air do’m ’chas dol an ribeadh anns a’ bhrit-urlair thuit mi gu mi-fhortanach tarsuinn air an oganach bhochd, agus chaidh an sgian anna an uchd aige gu ruig an cridhe.
An uair a chunnaig mi ciod a thachaia ghlaodh mi gu craiteach. Bhuail mi mo cheann, m’ aodann agus m’ uchd; reub mi m’ eudach; thilg mi fein air an talamh le doilgheas agus bron do-labhairt. Na ’n taisbeanadh am bas e fein domh aig an am dh’ fhailtichinn gu toileach e—ach an ni a dh’ iarramaid ma’s math no ma’s olc e, cha tachair e a reir ar miann. Gidheadh, air cuimhneachadh dhomh nach tugadh mo dheoir no mo bhron air ais an t-oganach grinn agus, air do’n da fhichead latha bhi nis air tighinn gu crioch, gu’m faodadh athair teachd orm gun fhios, dh’ fhag mi an t-ionad uaigneach, chuir mi an leac air beul an tuill agus chomhdaich mi thairis le uir i. Chaidh mi a suas air m’ ais do’n chraoibh a chuir fasgadh orm roimhe. Is gann a bha mi shuas an uair a chunnaig mi an soitheach a’ dluthchadh ris a’ chladach.
Thainig an seann duine agus na traillean air tir gu togarach agus thainig iad, le gnuis lan dochais, a dh-ionnsaidh an aite anns an d’ fhag iad an t-oganach; ach ’n uair ’chunnaig iad gu’n robh an talamh air ur charachadh, mhuth ìad neul, gu sonruichte an seann duine. Thog iad an leac agus chaidh iad a sios an staidhir. Ghairm iad an duine og air ’ainm; ach cha d’ fhuair iad freagradh. Lion mor eagal iad. Rannsaich iad m ’an cuairt, agus mu dheireadh fhuair iad e’n a laidhe air an leabaidh agus an sgian troimh a chridhe, oir cha robh de mhisneach agam na spion as i. Air faicinn so dhoibh dh’eigh iad a mach air mhodh cho craiteach ’s gun do shil mo dheoir as ur. Bha an seann duine truagh cho fada ann an neul ’s gun d’ thug iad duil-thairis d’a bheatha; ach thainig e thuige mu dheireadh. Thog na traillean leotha corp a mhic, dh’eudaich iad ann an deise riomhach e, agus air dhoibh uaigh a chladhach chuir iad innte e. Thilg an seann duine ’s e ’n a aheasamh le taice dithis de na traillean agus a shuilean a’ sruthadh le deoir, a’ chiad uir air a’ chorp agus an deigh sin lion na traillean a suas an uaigh.
Air d’a so a bhi seachad, thug iad a nios an airneis gu leir agus chuir iad i maille ris na bha air fhagail de bhiadh air bord air a long. Chaidh an seann duine, agus e air toirt thairis le bron, a ghiulan air cro-leabaidh a dh-ionnsaidh an t-soithich, thog iad a siuil rithe agus ann am beagan uine bha iad as an t-sealladh.
MAC-MHARCUIS.
[Vol . 4. No. 20. p. 7]
LITREACHAS IS CEOL. —Bha iad so ri ’m faotainn ann an Glaschu air an t-seachdain a dh’fhalbh. Thàinig soirbheachadh mòr gu muinntir a mhòid anns a’ bhaile chumhachadh ud; agus bidh cumhne chaomh aig ioma do chlan na Gàidheal air an latha agus air an oidhche ud a ruith seachad cho taitneach ann an companas na seann chanain. Bidh e ’na thaitneas do na Gàidheil anns gach ceàrn a bhi cluinntinn gu’m beil bàird, mar tha Mac-Fàidein agus an Rosach a làthair ’nar measg; agus mar an ceudna gu’m beil a’ h-uìread do luchd-ciùil ag éiridh a suas a bhios ’nan cliù d’an dùthaich. Tha dòchas gu’m bi comas seinn is ciùil mar so a’ fàs anns gach sgìreachd feadh na Gàidhealtachd. Theagamh nach ’eil na bliadhnachan fad ás anns am faigh sinn luchd-seinn is luchd-ciùil foghainteach feadh uile chrìochan nan Gàidheal—Oban Times, Nov. 2.
Bha Iain na ghàradair aig duin’ -uasal. Thainig bean a mhaighstir a mach far an robh e aon latha, ’s an deigh dhi bhi ’g amharc air ag obair car tacain thuirt i ris, “ ’S gasda ’n an obair a ghàradaireachd, Iain,” “Seadh, gu dearbh,” ars Iain. “ ’S iomadh uair a chuair e iongatas orm nach do phòs thu riamh, Iain,” arsa ’bhean-uasal. “Cha’n eil fhios aig duine air sin ach agam fhéin,” ars Iain. “Ma ta,” ars’ ise, “bu gharadair Adhamh, agus ghabh e bean d’a fein.” “Tha sin ceart,” ars Iain, “ghabh Adhamh bean da féin cinnteach gu leòr, ach ma ghabh cha b’fhada ghleidh e obair an deigh sin.”
Chaidh sealgair a mach a shealg. Aig an àm cheudna chaidh mathan a mach a dh’itheadh. Chunnaic an sealgair am mathan. “O”, ars an sealgair, “sud mo chòt-uachdair béin;” Loisg e urchair. Leum am mathan air cùl craoibhe, ’s cha do ghoirticheadh e. “O”, ars am mathan ’se sealltuinn air an t-sealgair, “sud mo dhinneir”, agus air ball dh’ith e an sealgair, Mar sin fhuair iad le chéile an dùrachd an sealgair a chot-uachdair béin, agus am mathan a dhinneir.
Thatar ag radh gur i ’n t-sràid a’s fhaide th’air an t-saoghal, sràid Washington ann am Boston, a tha seachd mile deug gu leth a dh’fhad, agus gur i an t-sraid a’s giorra th’air an t-saoghalRue Ble,ann am baile Pharis, ’san Fhraing, nach eil ach gann fichead troigh a dh’fhad.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
[Vol . 4. No. 20. p. 8]
ORAN
Do Dhotair Ailain Mac-Gilleain as an Ros Mhuileach, an uair a bha e dol air chuairt do’n eilein Sgitheanach agus a chaidh cunnart bathaidh air.
LE DOMHNALL BAN AN LIOBA.
LUINNEAG.
O soraidh slan do ’n ailleagan
A ghluais an tus an raidhe bhuainn,
Mo dhurachd thu thigh’nn sabhailte
Gu failteachas do dhuthcha.
Tha ionndrainn bhuaiun ’s an àite so,
Gur fada leinn o’n dh’ fhàg e sinn;
’S e Dotair Ruadh nam blàth-shùilean;
Tha fiamh is àilleachd Diùc air.
Gur bliadhna leinn gach seachduinn
Bho na thriall thu bhuainn do Thalasgair:
Gu’n danig fuachd is gaillionn oirnn;
Gur fada leinn an ùine.
Gu’n d’ fhuair sinn sgeul bu duilich leinn,
An àm bhi fàgail Mhuile dhuit,
Gu ’n d’ fhuair thu deuchainn chunnartach,
’S bu mhuladach sud dhuinne.
B’ e sud an sgeula craiteach dhuinn
Nan cluinneamaid gu’n d’ bhàthadh thu;
Tha m’ inntinn air a h-àrdachadh
Bho’n thànig thu gun chunnart.
Gur h-e mo rùn an caiptin
Air an dig na h-airm gu fasanta;
Thig claidheamh caol an tarsuinn ort,
’S thig gunna glaic nach diùlt duit.
Gur math thig deis’ dhe ’n sgàrlaid,
’S i ùr o laimh nan tailleirean;
Mar ròs am meadhon gàraidh thu,
’S e fás an am na dùlachd.
Do chalbannan geal fìnealta.
Mar bhradan ann am fior-uisge;
Troigh shocrach am bròig dhionaich thu
A bhiodh an sioda dùnadh.
Tha sealladh sèimh na maighdinn ort,
Tha deanamh cruaidh an t-saighdeir ort,
’S do chridhe mar an daoimean
’Deanamh soillse measg gach cùinnidh.
Nam faighinn fhin mar dh’ òrdaichinn
Do rogha céile pòsd’ agad
Le oighreachd fhearainn shònraichte,
’S ann dhòmhsa nach biodh cùram.
Bu chinnteach mi á aite dheth
Nam b’ urrainn mi a phàigheadh dhuit;
Is ged nach biodh am màl agam
Gu’m faighinn dàil is ùine.
Is slat de ’n abhall phrìseil thu;
Bu dosrach an àm cinntinn i,
Ged ’tha i ’nis air crìonadh;
Cha’n fheil ni air nach tig mùthadh.
Bu lighiche bha sàr-mhath thu,
Nuair dh’ fheuchadh tu le d’ làmhann sinn
Mar fhiadh a bhiodh air fánas
Bhiomaid slàn a chum ar tùrna.
Gach greim a bhiodh ’s an fhearann so,
Gach tinneas cléibh is anshocair
Gu’n léighseadh tu le d’ cheanaltas
’Nuair ’thigeadh t’ anail dlùth dhuinn.
Fànas, a void space.
Bha ’n Dotair Ruadh pòsda ri Fionnaghal, nighean Mhurchaidh Lochabuidhe. Chaochail e mu’n bhliadhna 1828.
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MACLAOMUIN, M. A. D. D.
CAIB. VIII.
“Feumaidh gu’m bheil iad air a chuthach” arsa Tòmas. “Tha’n cridheachan air an cruadhachadh,” thubhairt Timoteus, agus a shùilean làn dheur. “Cha tig iad d’ar n’ionnsuidh chum ’s gu ’m bitheadh beath aca,” thubhairt Eudmhor, “ach nach fhaod sinn tuille dheanamh riutha?” Bha Tuigse na thosd. Nuair bha clar-uachdair “Sean Fheolmhoireachd” air a sguabadh leis na tuinn thilg Deadh-choslas deth gach sgàth, mhionnaich agus mhollaich e. Nochd aon de’n sgiob’ aige iarratas dhol air bòrd a “Gheallaidh;” thubhairt e ris gu sgeigeil, “Seadh, seadh, bitheadh tu air do shàbhaladh ann an tuba.” Rinn a chuid eile gàire, eadhon nuair bha ’m bàs dlùth, agus esan aig an robh a chridh air a thaiseachadh, chaill e bheatha do bhrigh gu robh eagal air o ghàire. Dh’fheith na maraichean agus ghlaodh iad, ach cha do chuir iadsan a thainig iad a thearnadh suim annta, oir bha iad cinnteach gu’n cuireadh am prionnsa aca cuideachadh. Chaidh cuid dhiubh sios anns an t-sàl gus an amhaich, ach cha gairmeadh iad airson cobhair. Cha threigeadh an t-aingidh a shlighe no ’n duine mi-dhiadhaidh a smuaintean. Ach ni bu mhuladaiche na so, b’urrainn da na lseoadaran, mnathan agus clann, a tuiteam aon as deigh aon—agus air an call. An sin thainig tonn mor a chuir eadhon an Gealladh ann an cunnart, ach air do Thuigse tionndadh mu’n cuairt ris bha iad sàbhailte. Bhrùchd, an tonn air Seann Fheòlmhorachd agus chualas glaodh an eu-dòchais, a reub na speuran. Sguab slatan agus maidean briste seachad gu luath. Chaidh Caiptean Deagh Choltais, a sgioba, am mnathan, sgus an clann, gu tur a dhìth. Thog na maraichean suas an guth agus ghuil iad; chunnaic iad a nis cealgaireachd a pheacaidh. Dh’ fheith iad tiomchisll gus an robh gach dòchas seachad agus phill iad le cridheachan dubhach dh’ionnsuidh an t-soithich. Bha fios acasan a dh’feuirich air bord ciod a thachair, agus rinn iad bròn maille riutha. Gidheach bha ainm an Tighearna air àrdachadh.
(Air a leantuinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna.
title | Issue 20 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 20. %p |
parent text | Volume 4 |