[161]

[Vol . 4. No. 21. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 30, 1895. No. 21.


Litir a Dunbheagain.

FHIR-DHEASACHAIDH IONMHUINN; —Is iomadh car a chuir an talamh dheth, mas fior gum bheil edeanamh sin uairs na ceithir-uairean-fichead, bho na bhog mi mo fheann roimhe ann an dubh gu bhi sgriobhadh gu bhur paipeir laghach. Tha mi glé thoilichte mfhianuis a thabhairt, mas fiach i ni, air fiùghalachd libreachais a MHIC-TALLA, Is math a gheibhear sibh le bhur n-iomraidhean ath-ghearr agus bhlasda ann an cainnt nan sonn bho na caoehladh cheàrnaibh don chruitheachd anns am bheil a chainnt sin air alabhairt.

Bheir mi oidhearp air cunntas beag a thoirt do luchd-leughaidh a MHIC-TALLA air gu de mar a tha cuid de thuathanaich na ceàrnaidh so den talamh adeanamh. Bha a bhliadhna so ro thorachnar measg. Tha biadh duine agus ainmhidh ann am pailteas aig gach tuathanach. Fhuair sibh iomradh o chionn beagan sheachduinnean air tuathanach a thog tri fichead buiseal dhen da bhuiseal a chuir. Tha againn tuathanach faisg air Dunbheagan ann an Gleann-a- garradh fear Dunnachadh Mac Rimein a chuir tri fichead tunnasa sia deug do dheòrna mòr ann an ciste dion arbhair(Silo)air a bhliadhna so. Thug an tuathanach ceudna so air an Fhoghar so tromh mheadhon innleachdach a dhéirichna cheann féen air uisge a bha còrr is cheud troidh air falbh agus mu dheich troidhean fichead na bìsle na bàthach a chruidh gus a bhi deiseal aig laimh na h-uile troimhn gheamhradh a bhitheas e biathadh nan ainmhidhean. Is ann troimh phiob fhiodhla air a leigeil fodh’ ’n talamh a tha an t-innleachd so ag oibreachabh. Ma tha neachs am bith iarrtanach air min chùnntas fhaotainn air an innleachd so cuiridh Maighstir Mac Rimein thuige e, oir cha duine gun chùram mu thimchioll soirbheachaidh a cho-chreutair e. Tha e calg-dhìreach an aghaidh sin. Fhuair ar caraid Maighstir Callum Deòra an tuathanach cothromach so gu bhina Ghabhadair agus tha mi cur airgiod nan uaislean so air-son na bliadhna a tha ri tighean gu ur n-ionnsuidh, còmhla ri mairgiod féin agus airgiod Alasdair Friseil. Soirbheachadh math leis a MHAC-TALLA!

R.
Dunbheagain, Ont.


Litir a New Zealand.

Bha soitheach tri-chrannach dom bainmHanden Isleair a turas eadarNew Zealandagus Sidni, an Australia bho chionn beagan sheachdainnean, agus chunnaig iadsan a bhair bòrd da mhuc-mhara mhor a tighn an rathad. Thainig te dhiu leh-uile neart agus bhuail i air an t-soitheach mu uachdar an uisge. Chaidh dochann mor a dheanamh air an t-soitheach; chaidh tsi de na bùird air an taobh a mach a bhristeadhsa sgealbadh as a cheile; cuide ris na tarsunnanan agus an linigeadh air an taobh a stigh. Bham fosgladh cho farsuinns gu robh an t-uisge adòrtadh troimhe mar amhuinn. Chaidh an taomadair a chur air obair gun dàil, agus bfheudar plaideachan agus aodaichean leapa eile a dhinneadh anns na tuills anns na sgaran mun burrainn dhaibhsan a bha taomadh an anail a leigeil. ’Se luchd fiodha a bhanns an t-soitheach; chaidh na maidean a bhair a chlar-uachdair a thilgeadh a mach air a cliathaich chuma h-aotromachadh, agus rinn sin an obair ni baotroma orra-san a bha aig an taomadair. Leis an aimsir a bhi ciùin rainig an soitheach port sàbhailte. Cha deachaidh a cuid cleasachd ach glé dhona dhan mhuic; bha a mhuir dearg le a fuil mu thimchioll an t-soithich. Chaidh i fodhan coinneamh a cinn agus chan fhacas sealladh tuilleadh dhi. Feumar an soitheach a charadh mum fàgar port leatha. Bhuineadh i do Mhr. Domhnull Ross, am baile Auckland.

Air an t-seachdamh latha fichead deSeptember ,chaochail ann a Waipu, Uilleam Fionnlasdan, tri fichead us ceithir bliadhna dhaois. Be treas Mac Iain Fhionnlasdain, (Saighdeir) a bha fuireach aig ceann uisge Bhaddeck.

IAIN ROTHACH.
3, 10, ’95.


Orain Iain Luim.

Rugadh Iain Lom ann an Lochabar mun bhliadhna 1615, agus dheug e mun bhliadhna 1710. Bha e na bhard comasach agus ainmeil. Rinneadh moran de dhorain leis, ach chaneil againn ach beagan diu, mu choig deug air fhichead. Tha iad nan orain luachmhor, araon air son am bardachd agus an eachdraidh. Tha iad a toirt morain eolais dhuinn mu bheachdan agus ruintean nan Seumasach, mar a theirteadh ris an fheadhainn a bha seasamh air taobh nan Stiubhartach. Chruinnich an t-Urram. A. Mac-Gilleain Sinclair iad agus chuir e am mach ann an leabhar iad. Fhuair sinn an leabhar an la roimhe. Chaidh a chlo-bhualanh ann am baile Antigonish. Chaneil e ach air ur tighinn a mach.

Tha e na iongantas nach deach òrain Iain Luim a chur a mach bho chionn fhada. Bu Dhomhnallach e, agus bu Dhomhnallach ainmeil e. Ged nach biodh ann de Ghaidheil ach na Domhnallaich fhein, shaoileamaid nach biodh a chuid oran gun an cur am mach gus a so.

Ma tha neach ag iarraidh orain amaideach gun bhrighs fhearr dha gun a chuid airgid a chur an orain Iain Luim. Cha ghluais iad a bheul gu gaireachdaich no inntinn gu beachdan faoine no smaointinnean salach. Ach ma tha e ag iarraidh orain a bheir fiosrachadh feumail dhas fhearr dha cur gan iarraidh. Cuiridh sinn an leabhar gu duine sam bith airson coig sentichean deug air fhichead.


Fanaidh duine sona ri sith ach bheir duine dona duibh-leum.



[162]

[Vol . 4. No. 21. p. 2]

SEALLADH AIR AIS. (A RETROSPECT. )

LE MARIA LAWSON.

Og agus mar a tha an duthaich againn, tha àireamh a tha sior-mheudachadh innte de luchd-ceirdetha daonnan nan leth-thàmh air neo diomhanach, dotairean gun euslaintich, ministeirean gun chothionail, luchd-ealaidh nach eil nam faillinean ach mar gum biodh tachartas ann an cuairt am beatha, agus daoine tha air caochladh dhòighean atighn beò air goraiche agus laigseachan an co chreutairean.

Cha sluagh mi-bheusach iad so uile idir. Tha chuid mhòr dhiu toileach obair a dheanamh, na faigheadh iad i ri deanamh. Ach thug iad uile gu margadh bathar dhe bheil i cheana làn, agus cha cheannaich neach air bith uatha e. Tha iad a call a misnich, agus an darra cuid atuiteam ann am bochdainn air neo a buinig le seòltachd agus ceilg an ni air nach ruig iad le saothair onarach. Co is urrainn am fulangasan fein no fulangasan na muinntir than crochadh riu so innse? Tha sinn a creidsinn gu bheil iomadh olc anns an t-saoghal a ghabhas leasachadh, uime sin feuchaidh sinn ri fhaotainn a mach gu de dhaobharaich cùisean a bhi mar so, agus ciamar a ghabhas iad cur ceart.

Tràth anns a cheud-bliadhna so, bfheudar do chuideachdan beaga do luchd-imrich an t-seann dùthaich fhàgail, aig caochladh aimsirean, agus tighn gu cladaichean an ear Chanada, a dhfheuchainn rin crannchur a leasachadh. Bha coltas glé iargalta air an fhearann, còmhdaichte le coille ard dhlùth, dhe gach seorsa fiodha fad an seallaidh. Bu shaighdearan cuid dhen luchd-imrich, iasgairean moran dhiu, tuathanaich no ciobairean cuid eile agus be fear ainneamh dhiu a fhuair a cheud leasan ann an gearradh na coille, an obair a dhfhemas e chleachdadh bho so a mach. Ach bha am mnathan agus an clann bheag maille riu, air tilleadh air ais cha robh ri smaointeachadh; uime sin a taghadh an ionaid bu ghealltanaiche, mar bu trice ri taobh an uisge thòisich iad air deanamh dhachaidhean dhoibh féin.

An ùine ghoirid bha àite air a ghlanadh, agus bothan beag logaichein air a thogail. Bha na sgaran eadar na logaichein air an dùnadh le criadh no le còinnich. Ma bhan teaghlach mor, ’s dòch gun robh an tigh air a roinn le balla-tarsuinn troimhmheadhoin, agus bha a lobhta adeanamh gnothaich air son tigh-stòir agus seòmar-cadail. Bha aon taobh dhe na bhothan air a lionadh le similear mor farsuinn, a chuireadh mach blàths agus solus gu leòr nuair a rachadh a lionadh le connadh. Cha bann nan támh a bhan teaghlachnuair a shuidheadh iad timchioll an teine an deigh dorchadh na oidhche. Dhinnseadh fuaim socrach nan càrdan, gliogan nam biorain-fighe, no srann na cuibhle-shniomh, gu robh na boirionnaich ag ullachadh aodach blàth air son cruas na dùlachd. Bha na fir gu trang a càradh bhròg, aleasachadh an innealan tuathanachais, no mar a bfhearr a baithne dhoibh adeanamh chasan thuagh, oir bi choille an da chuid an nàmhaid bu mhó, agus an caraid a bfhearr. Cha robh craobh nach robh na seasamh far am fàsadh bàrr, ’s air an laimh eile gheobhadh iad airgiod cruaidh air son gach maide bheireadh iad gu cala air bith anns an robh loingeisga togail air son malairt an duthcha, a bha sior fhas. Mar a dhfhaodas sinn a smaointeachadh, cha robh leabhraichean aig an àm ach glé ghann. ’S dòcha nach robh dad aca ri leughadh o thùs gu deireadh na bliadhna, ach am Biobull no Turus a Chriosdaidh, mar a tigeadh litir no paipear-naidheachd as an t-seann dùthaich. ’N dràsdasa rithist bheireadh caraid a thigeadhgan amharc á sgireachd eile, no fear-siubhail a ghlacadh an t-anmoch, cothrom do na daoine còire so am fialuidhachdsan càirdeas a thaisbeanadh. Cha robh an sgireachd uile ach mar theaghlach bu mho anns an robh compàirt aig gach aon dhe gach bron cho math ris gach gàirdeachas a thigeadh nan rathad. Bha gach cruaidhchas agus mi-fhortan air an deanamh so-ghiulanta le caoimhneas gach neach dochoimhearsnach. Bha tòrr connaidh na banntraich uidhir ri ginsa choimhearsnachd. Cha robh curachd an duine thinn gun deanamh, no a chuid buana air fhàgail gun chruinneachadh. Bhiodh iad gach Sàbaid cruinn anns a bhothan bu mho, air son leughadh na firinn, ùrnuigh a chur suas agus laoidh thaingealachd a sheinn dhàsan a ghiulain leosa chum suas iad gu ruige so. Cha robh am maighstir-sgoile mu sgaoil fhathasd, agus bu latha ri chumail air chuimhne an la thigeadh ministeir nan rathad.

Tha nis còig bliadhna fichead air dol seachad. Sguir lamhan nan seann daoine dhen cruaidh-shaothair, ’s than cuirp agabhail fois anns an uaigh. Tha uaghannan moran dhiu gun ainm gun chuimhne, ach air son sin, tha muinntir Chanada fo fhiachaibh dhoibh air son moran de na chuid as fiùghaile, as gloine agus as firinniche nam beatha.

Tha nis tigh-sgoile air a thogail, agus gach maduinn air a rathad mhor, a tha air gabhail àita chois-cheum a bha troimhn choille, tachraidh grunnan de ghilleans de nionagan beaga ruiteach, cas ruisgte, riut a dol don sgoil, far nach fheud iad an sùil a thogail bhar an leabhair gu iosal fheasgar, oir bfhiach don fhear a bhiodh diomhain sùil a mhaighstir sgoilesheachnadh anns an àm ud. Tha na gillean morasan athair aig obair anns an achadh o chionn fhada. Tha tigh comhurtail freim an deigh a chur suas, ach than seann bhothanna sheasamh làmh ris fhathasd, ’s nuair a bhleòdhnas na caileagansan mathair an crodh, agus a ghlanas iad an tigh, tòisichidh iad gu trang air fighe, air sniomh, no air fuaigheal. Chan eil aon diu a smaointeachadh gur cruaidhchas obair ghoirt. An àm an fheòir s na buana bha h-uile nighean san àite cho fad a mach ribràithrean acruinneachadh an fheòirse ceangal nan sguab. An ceann ùine tha na gillean òga agabhail fearainn dhoibh féinsag amharc air son bana-chompanaich am measg chaileagan bòidheach na coimhearsnachd. Chan eil aon dhiu smaointeachadh air dol a chumail tighe leis fein. Tha mi-sheslbh gan coinneacheadh air uaireabh. Tha bàrr a dol nan aghaidh, tha tinneas, bròn is bas atignn nan caramh, ach gu ruige so sheachainn ainbhfhiach iad, aguss ann ro bhochd a bhios am foghar nach riaraich daoine aig am bheil càil mhath agus deagh shlàinte. Ni spiorad cuideachaidh agus gràdhda chèile, moran air son neartachadh an neach a tha air a thilgeil sios, agus gu tric gheobh an duine dichiollach rathad a mach as gach duilgheadas a dhfhàgas e nas treise agus nas soirbheachaile na bha e riamh. Chan fheum sinn a shaoilsean nach eil e faicinn beagan nas fhaide nafhearann féin a nis. Tha co-chomunn a mhaighstir sgoile sa mhinistear, paipearan naigheachd agus nithean dhen



[163]

[Vol . 4. No. 21. p. 3]

t-seòrsa sin, an deigh inntinn fhosgladh do ioma smuain nach urainn e gu ro mhath a chur an céill. Chuir na daoine làidir ciùin so an reis. Tha iad aig fois bhon saothair agus leanaidh an oibre iad,” “Than cuid mhac, aig am bheil roinn de dhfhoghlum, agabhail an aite. Chan eil a choille nas faide a dealachadh gach sgireachd. Tha ròidean iarainn agus smùid-shoithichein an deis co-chomunn a dheanamh soirbh. Tha innealan ùra an deis saothair an tuathanaich aotramachadhs tha dòighean eile air deasachadh na talmhuinn an deis am fearann fhàgail nas toraiche.

Ach tha spiorad stri agus mòrchuis a nis air tighn nam measg. Tha tighean briagha, carbadan riomhach, eich eireachdail, agus aodaichean cosgail ag itheadh suas buanachd an fhearainn. Tha Ainbhfhiach, dearg nàmhaid Sith Inntinn, a taghal an tuathanaich, na chodal agus na dhùisge. Cha toir toradh an fhearainn a stigh gu leòr air son feuman an teaghlaich. Tha chlann afàs mi-thoilicte aguss dòcha gu bheil an athair tuilleadh is cruaidh orra, aig mar a tha e air a sgitheachadh leis na duilgheadasan a thug a ghòraiche féin air.

Tha tuathanaich eile ann a rinn feum math dhe na cothroman a bhaca. Tha iad so acur an cloinne do na cholaiste, air son an deanamh comasach air aita ghabhail anns an aon dhe naprofessionsmar a their iad. Tha moran dhe na daoine òga so, a lionadh àiteachan onarach ann an eaglaisean, ann am pàrlamaidean, ann an cùirteans ann an colaistean ar dùthcha; tha cuid eile dhiu, aig nach robh de fhreagarrachd air son so ach glòir-mhiann am pàrantan, afaotainn a mach nuair a tha iad air an tilgeadh air ac earalas féin gu bheil iad eu-comasach air cath a chur ris an t-saoghal, agus an àite éiridh os cionn an seann chompanaich gur ann a tha iad ann an suidheachadh nas eisimeileiche, nas lugha pàidheadh, agus docha rud as mo a dhfhairicheas iad, nas isle ann am meas.

Bheir neach air bith a bha air chall ann an coilltean na mor-roinne so, fianuis air gu de cho doirbh sa bha e faighinn air ais dhionnsaidh a chois-cheum air an robh e chianaimh asiubhal, ach bha a bheatha an crochadh ri shoirbheachadh. Mo thruaighe! an deis e féin a chlaoidh gum bfheudar don fhear shiubhail air uairibh toirt suas agus bàsachadh anns an fhàsach.

Ach tha aobhar taingealachd againne nach deacha sinn ro fhada air seacharans gu bheil an rathad air ais soilleir. Chan eil neach a shiubhail air feadh na dùthaich fharsuinn so, sa ghabh beachd air na tha de dhfhearann torach innte tha fhathasd gun àiteachadh, is urainn gun a smaointeachadh ma tha Canada gu fàs na dùthaich mhor fhiachail, gu feum a chuid as lionmhoire dhe cuid mhac, an eòlas, an tuigse san spionnadh achleachdadh ann an toirt as an fhearann na beòshlainte a tha e cho ullamh gu thoirt seachad; aig an àm cheudna, lionaidh iad i le sluagh a ghràdhaicheas an dùthaich mar nach urrainn neach a dheanamh, ach iadsan aig an robh cuid na deanamh suas.

Gach duine òg laidir a tha na leth thàmh, no uile gu léir diomhanach, nar bailtean mòra, tilleadh e agus toisicheadh e ri tuathanachas. Tha an Talamh, is màthair dhuinn uile, deas air son gach mac stròghail dhiu a dheanamh di-beathaichte, agus air son aran gu leòr agus ri sheachnadh a thoirt seachad air son an uile fheuman.

Gheobh iad an obair nach do chleachd iad gu math doirbhsa cheud dol a mach, ach ma tha an deicheamh cuid annta dhen dichioll, dhen mhisnich, agus dhen treuntas a bha nan aithrichean a ghabh fearann air cladaichean an ear Chanada, bidh soirbheachadh an cois an saoithreach.

Measaidh iad an sin, ’nuair a sheallas iad mun cuairt air liosan is achaidhean torach, gu bheil iad ann an seadh gu math fior mur a h-eil anns an t-seadh as àirde, nan co-luchd-obair maille ris-san a tha toirt airfeur fàs don spréidh agus luibh air son seirbhis an duine.”

Eadar. le IAIN D.


Bha duinàraidh ann uair a bhiodh gu math tric a sealg agus nam biodh stoirm ann bu chleachdach leisanail a leigeil; agus ma-dh-fhaoidte, an oidhchechuir seachad ann am bothansa bheinn. Air an seo bha e staighs an deagh ghealbhan air a bhial-thaobh, as ega thiormachadhsga ghaireadh féin. Sùilg an dthug e air an dorus ciod e chunnaic e ach cat peallach, odhar, agus gur gann a bha eleantuinn a chéile leis abhochduinn. Bha chù aig an t-sealgair, as leum iad air abhéisd cho luathsa tháinig e gus an dorus. Cha bu luaitheleum na coin air na thug e ràn as agus aig an àm cheudna dh-iarr e air an t-sealgair tròcair a dheanamh air Ghabh an sealgair mòr ioghnadh air don chat labhair ris; agus a chums gum faiceadh e ciodn seòrsa beathaich a bhaige chaisg e na coin; ’san uair a chaisg chan fhac e ach an cat mar a bha en toiseach, “Thig gus an teines dean do ghaireadhdeir an sealgair. “Cha dthigarsan cat, “oir tha eagal orm gun geàrr do chuid chon mi.” Thug an cat an seo ròineag fhada don t-sealgair, ag iarraidh air aig an àm cheudna na coin a cheangal leatha ris a mhaide-changail. Chuir an sealgair an ròìneag mun mhaide-cheangail, agus leag e air ris achat gun do chuir e air na coin i mar an ceudna. An seo thàinig an cat thun an teine; agus cha bu luaithethàing na shìn e air fas mòr. Thug an sealgair an aire do seo, agus arsesan, “droch shiubhal ort a bhiast leibeideach, ’s tu tha fàs mòr;” as ann am prioba na sùla bhan cat cho mùr ri mialchu; agus an ath shealladh chruth-atharraich abhiast e-féins co bhaige ach dethbhan-nàbuidhean ris an canta gu coitchionnBean an Lagain,” agus air an robh e cho eòlachs a bhan liagh air aphoit. “A shealgair nam beanndeir ise, “thàinig crioch do làithean-sa. ’S fhada le bfhuathach leat mi féins mo sheòrs’, ach a nise gheibh sinn buaidh.” Leum i air, ’s rinn i greim air a sgornanach cha bu luaitheleum naleum na cein oirre-se; “teannaich as tachd a roineagarsise— ’sin dùil gun robh an roineag mu abhaichean nan con— ’s cha bu luaithethuirt, nagheàrr an roineag am maide-ceangail. Bha na coin an sàs innte, ’g a caobadhs ga reubadh, ach mu dheireadh fhuair i uapa, ’s am prioba na sùla dh-fhalbh i air iteigan cruth fithich.


Na labhair gu h-olc mu na daoine a tha marbh. Mur urrainn dhuit am moladh fan sàmhach.

Ma thilgeas tu oladh air an uisge fanaidh i an uachdar
Air a cheart dòigh, thig an fhirinn an uachdar an uine nach bi fadà.

Tha uamharna ni gun tlachd anns gach neach, ach gu h-araidh anns na daoine òga.



[164]

[Vol . 4. No. 21. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, NOBHEMBER 30, 1895.

Tha cheannairc ann an Cuba a sior dhol air adhart. Than Spainn a cur roimpe an t-eilean a chumail aice, agus tha muinntir an eilean a cur rompa a thoirt as a lamhan gu buileach. Chaill an Spàinn bho na thòisich an cogadh da mhile air fhichead duine (22,000) eadar na chaidh a mharbhadhsna blàir agus na bhàsaichsna taighean-eiridinn. Chan eil fhios den àireamh a chaill na ceannaircich, achs cinnteach gun do chaill iad gu leòr. Tha e doirbh a dheanamh a mach de cho fadsa leanas an cogadh fuilteach so no n taobh a bhios buadhach aig a cheann mu dheireadh.

Tha cùisean ann an Armenia gun moran atharrachaidh. Chan eil latha dol seachad gun sgeul ùr a tighinn air morts air marbhadh. Ma tha gus nach eil an Sultan deònach stad a chur air an obair, chan eil moran coltais air gun téid aige air sin a dheanamo. Tha moran de Theachdairean aig eaglaisean na Roinn-Eòrpas Amurica ann an Armenia; gu ruige so cha chualas gun drinneadh cron sam bith orra fhéin, ach chaidh an cuid a thoirt uapa agus an taighean a losgadh; thatar a meas gu robh fiach còrr us ceithir fichead mile dolair air a chall air an dòigh sin, agus tha na teachdairean on dfhuaireas fios agabhuil eagail nach faigh iad as lem beatha. A bharr orra sin, tha àireamh ann an cearnan iomallach den dùthaich o nach dthainig fios o chionn treis a dhùine, agus tha eagal mor dan taobh sin.

Tha naidheachd ghràineil atighn a Constantinople, ceanna-bhaile na Tuirce. Bhatar adol a thogail laimhrig aig beul na h-acarsaid, agus chaidh àireamh de thumairean(divers)a rannsachadh fodhn uisge air son an stéigh a leagail. Am feadhsa bha iad gu h-iseal, fhuair iad àireamh mhor de chuirp nan seasamh air a ghrùnnd. Dhaithnich fear de na tumairean iad, agus tha egradh gum fhòghlumaichean òga iad a bha dol do fhear de dh-oilthighean a bhaile. Bha cnap mor luaidhe an ceangcl ri casan gach fhir dhiu, agus bha singan cumail nan seasamh. Bha eadar da fhichead us leth-cheud ann dhiu air fad. Chan eil teagamh nach do chuir na daoine truagha corruich air an t-Sultan, agus gun do ghabh en dòigh uamhasach so air an cur as an rathad.

Bha stoirm mhor aca ann an StàiteanNew York, Ohio,agusIllionois ,Di-luain sa chaidh. Bha craobhan air an spionadh as am bun, taighean air an leagadh, agus moran millidh air a dheanamh air iomadh ni eile. Bha uisges sneachdasileadh, agus ann an caochladh àitean bha piosan de na ròidean-iaruinn air an sguabadh air falbh leis an tuil. Ann an iomadh aite cha dfhairicheadh a leithid de stoirm o chionn aireamh bhliadhnaichean.

Ann am baileNew York,tha tri ceeuds ceithir deug air fhichead mile duine (334,000) a rugadh anns na Staitean, tri cheuds ceithir ficheads naoidh mile deug (339,000) a rugadh ann an Eirinn, agus ceithir cheuds ceithir mile (404,000) a rugadh anns a Ghearmailt. Chan eil ach mu aon duine as a cheathrar a fhuair a bhreith usàrach anns na Stàitean.

Chaochail Sir Henry Ponsonby, rùn-chléireach na Ban-righ, ann an Eilean Wight, air an aonamh latha fichead dhen mhios so, agus bha e air a thiodhlacadh le mor greadhnachas Di-màirt sa chaidh. Bha moran de dhuaislean na dùthcha air an tòrradh.

Tha sinn an dòchas gun dean ar càirdean anns gach aite an uile dhichioll air cuideachadh leis a MHAC-TALLA air a mhios a tha tighinn. Cumadh iad air chuimhne gu bheil sinn a toirt pàirt den Choisir-Chiuil do gach aon a gheibh ainm agus dolair fear-gabhail ùr dhuinn, agus na tri pàirtean do fhear a gheibh a dha.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


AChoisir ChiuilOrain Ghailig.

Than leabhar ciùil Gàilig so air a chur a machna thri pàirtean. Tha 62 de dhòrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oransa cheud Phairt, 21san darra Pàirt, agus 20san treas Pàirt. Than ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr don MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadhga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnathasa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, den Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[165]

[Vol . 4. No. 21. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha fearann aig Morair Obaraidhean ann an Columbia Bhreatunnach air am beil e togail mheasan agushops .Tha iad ag radh gu bheil e deanamh glè mhath air.

Bha sia òirlich shneachda air an làr ann an ceàrnan deNew Brunswicko chionn che’ -la-deug, agus bha na sleigheachan cho siùbhlachsa bhiodh iad an teis-meadhoin na dùdhlachd. Faodar a radh nach fhacas sneachda ann an Ceap Breatuinn fhathast.

Thug fear Uilleam Farr, ann a Winnipeg, ionnsuidh o chionn ghoirid air a thigh a losgadh agus a bheansa theagalach fhéinna bhroinn. Chaidh a thoirt gu cùirt air a shon, agu tha nis aige ris na deich bliadhna tha tighin a chur seachad anns an tigh oibreach.

Tha fear Iain Paynes, ann am Montreal, air fhaotainn ciontach de chur taigheannan teine, agus fhuair e deich bliadhna dhen tigh-oibreach. Bha moran de thaigheans de thogalaichean eile air an curnan teine am bliadhna; be so a cheud fhear dhe na bha ris an obair sin air an drugadh, agus tha luchd-ceartais a bhaile an duil tuilleadh dhe sheòrsa a bhi dol na dheigh an ùine ghoirid.

Chaidh gille beag, Iain Mac Isaic, a mharbhadh aig Mèinn Victoria Di-luain sa chaidh. Leum e air a charbad ghuail, agus an deigh dha dhol astar beag air falbh air, leum e dheth; bhuail e air tòrr guail a bha ri taobh an rathaid, agus chaidh a thilgeadh fodh na carbadan. Chaidh na cuidhlichean seachad tarsuinn air a chasan, ’gam prannadh dheth. Cha robh an giullan bochd beo ach mu thri uairean an deigh a ghoirtachadh.

Thatar ag radh gu bheil na ceudan de shoithichean, luchdaichte le trosg, air acair aigSt . Johns, Newfoundland,agus air fairtleachadh orra an t-iasg a chreic. Chan fhaigh iad pris is fhiach air far an gabh e creic, agus ann an iomadh margadh chan fhaigh iad tairgse idir. Thug sin air moran de na soithichean tilleadh dhachaidh, oir bfhearr leo an t-iasg a chumail aca fhéin na thoirt seachad air neoni. Chan eil sin ach bochd do na h-iasgairean.

Rinn an stoirm a bhann deireadh na seachdain sa chaidh, milleadh mor air soithichean anns na mor-roinnean iseal. Bha moran air an cur air tir leis an stoirm, agus cuid air an droch bhristeadh. Bha soitheach a dhfhalbh á Sidni Tuath gu dhol guPortsmouth . N. H. ,air a milleadh cho dona eadar so us Halifaxs gum bfheudar dhi stad anns a phort sin gu bhi air càradh. Chaidh soitheach eile a Ingonish air tir faisg air Cansos tha i an sin fhathast. Chaidh soitheach eile á Newfoundland air na creagan aig beul na h-acarsaid so agus a bristeadh cho donas nach gabh i càradh.


BAS.

Aig Loch Bhlackett, Forks Shidni, air an treas latha fichead den mhios so, an deigh moran tinneas, Màiri Nic Coinnich, nighean Ruairidh Mhic Coinnich. (eildear), seachd bliadhna fichead a dhaois.

Chaschail nighean a mhuinntir Ghrand River, dom bainm Iseabail Mhathanach, ann anProvincetown , Mass. ,o chionn ghoirid. Thugadh a corp dhachaidh, agus bha i air a tiodhlacadh ann an cladh na sgireachd an la roimhe.

Chaidh soitheach-smùide dam bainn Albert, a chall faisg airSt . Pierre,seachdain roimhn t-Sàbaid sa chaidh. Tha e coltach gun do bhuail i air creig, agus an deigh sin chaidh i air tir; fhuaireadh a toirt a mach dhan uisge dhomhain, ach bha i cho ao-dionachs gum bfheudar a fàgail. Bha i luchdaichte le feurs le coirce á Eilean Phrionnsa, ’s bha i air a turus guNewfoundland .Bhuineadh i do cheannaicheam ann anCharlottetown ,agus bha iad a meas gum bfhiach i thairis air fichead mile dolair. Cha robh ach mu naodh mile dolair de dhairgead-urrais oirre.

Bha Mac Rath a loisg air Pringle aig a Bhai Niar air an t-seachdain sa chaidh air a thoirt gu cùirt Di-luain. Cha robh fianuisean a làthair ach Mac Rath fhéinsa bheansa nighean; cha robh duine eile stighnuair a chaidh an urchair a losgadh ach fear Ioseph Catherine, nach robh aig achùirt idir, agussi barail moran gum besan bu choireach ris na thachair. Tha Mac Rath afuireach ann an àit aonranach aig bonn Beinn Phringle. Tha muilleann-shàbhaidh agus muillean chàrdaidh aige; tha e glé mhath air a dhòigh agus bhasan ainm gu robh roinn de dhairgead as tigh aige. ’Sn fhianuis a thug Mac Rath, agus tha a choimhearsnaich fhein agns iadsan a bhaig a chùirt gachreidsinn, gun do chual iad éigheach a tighn a nuas a bheinn os cionn an taighe, gun do ghabh iad eagal agus gun dfhuair esan daga bha stigh aige. Chaidh iad an sin dhionnsuidh an doruis a dhéisdeachd, ach cha chualiad an còrr, agus tacan beag an deigh dhaibh tilleadh a stigh gun dthàinig Catherine a stighs gun do thòisich e air toirt droch bheul dhasan. An deigh sin thug e mach botull de stuth làidir, agus thairg e drama dha. Chaidh Mac Rath a mach do rùm eile a dhiarraidh siùcair, agus chunnaic e Pringlega fhalach fhéin anns a phoirdse; thill e air ais agus lean Pringle a stigh e. Dhiarr e air suidhe ach thuirt Pringle nach suidheadh, agus an ceann beagan mhionaidean thòisich e-fhéin us Catherine air sabaid. Ghabh Mac Rath an t-eagal gu robh cronnam beachd, agus dhfhalbh e gus an rùm fhàgail, nua a bhuail Pringle e, agus bha e gu bhin sàs ann. Ruith Catherines chuir e as an solus, agus thug Mac Rath an sin a mach an dagas loisg e anns an dorcha. Chaidh am peilear ann an com Phringlesan taobh chli mu dha òirleach gu leth fodh na h-aisnean, adol troimhn chuisle mhoir, agus a toirt a bhàis an ceann beagan mhionaidean. An deigh sin ghiulan Mac Rath an corp a mach agus dhfhàg e e mu fhichead slat on tigh. Chan eil na h-eòlaich atoirt ach droch chliù air Catherine, agus bàbhaist do Phringle a bhi deanamh companach dhe. Tha Mac Rathsa theaghlach, cho math ri cuideachd Phringle fo dheagh cliù, agus gle mheasail aig an coimhearsnaich.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[166]

[Vol . 4. No. 21. p. 6]

Dain Oisein.

Tha na h-uile coslas aosmhaireachd air Danaibh Oisein. ’Nuair a dhinntrinneas daoine ann an comunn is i staid na Sealgaireachd a cheud seorsa cuideachd a chuireas iad suas. An deigh sin thig staid na Buachailleachd, agus a ris staid an Treabhachais no na Tuathanachd; agus an ceathramh staid, staid na Co-mharsandachd. A nise chi gach neach a leughas Dain Oisein gur h-i acheud staid anns an robh esan a lathair: chaneil ni air feadh a chuid dan ach sealg ud fiadhach. Is cosmhuil gun robh staid na Buachailieachd atoiseachadh, oir gheibhear iomradh air roinn na treudan uair a dhealaicheas fear agus bean o cheile; ach chaneil guth sam bith air Tuathanachd no air Co-mharsandachd air feadh nan Dan uile. Faodar a cho-dhunadh on ni so gun robh Oisein beon uair a bha na Gaidheil atoiseachadh ri eolasfhaotainn air Buachailleachd agus spreidh. Thachair so mun cuairt do thoiseach na coigeamh linn. Aig an àm sin thòisich na Gaidheil ri dealachadh a chur eadar an cuid fein agus cuid an comhearsnaich. Air an am so thoisich iad ri aitean-comhnuidh seasmhach a thogail doibh fein, agus lion iad na tighean mora so le creach nam Breatunnach deas a bha fo chuing nan Romanach. Anns a bhliadhna 426 dhfhag na Romanaich Breatuinn, agus an sin bha na Breatunnaich ruisgte, gun didean, mar chreich do na Gaidheil. Chuir iad fios a chum nan Romanach air son cobhair, ague, an uair nach burrainn do na Romanaich so a dheanamh, chuir iad teachdaireachd a dh-ionnsuidh na Sacsonach saGhearmailt. Thainig na Sacsonaich a nall gun comhnadh, agus phill na Gaidheil dachaidh gun tir fein. Thoisich na sin na Scuitich agus na Pictich, an da fhine Gaidhealach air cogadh ri cheile, agus air togail na creach. A nise chaneil Oisein a deanamh luaidh sam bith air aon de na nithibh so. Uime sin chaneil e cosmhuil gun robh maoin air a roinn, agus a chuid fein aig gach neach ra lina-san. Uime sin faodar a cho-dhunahd gu reusanta gun robh Oisein ann mun do thoisich an t-eadar-dhealachadh ann am maoin am measg nan Gaidheal mu thoiseach na cogeamh linne.

O na nithibh a chaidh ainmeachadh faodar a chreidsinn gun robh Oisein aseinn a dhan mu dheireadh na treis no toiseach na ceathramh linne. An t-iomradh a tha e adeanamh air na Romanaich cha burrainn bard Gaidhealach an deigh an am so a dheanamh le bhi rannsachadh eachdraidh na Roimhe; oir an deigh na linne so bha na Gaidheil cho aineolach agus air fas cho fiadhaichs nach robh e comasach dhoibh a leithid a dheanamh idir. Ach, their nerch, ciamar a chaidh na Dain a ghleidheadh air chuimhne, ma rinneadh iad cho trath ris an treas linn? Air tus freagramaid, ’n uair a theid achuis fhagail aig beul-aithris, tha e cheart cho furasda rud a chumail air chuimhne fad da mhile bliadhna, agus a tha e fad da cheud bliadhna. Oir feumaidh an t-athair a theagasg don mhac, agus am mac don ogha, agus mar sin air adhart agusn uair is gnìomh cuimhne a tha ann tha e an t-aon chud cho soirbh don mhac ionnsachadh o athair, cia dhiubh is eathair fein a rinn e. no is ann a fhuair esan o shean-athair no o a shin-sean-athair an ni a rinneadh le daoinibh eile an linnibh o chian. Gleidhidh achuimhne an darra ni cho math ris an ni eile. Agus a rithist feumar a thuigsinn gun robh a bhard fein aig ah-uile Ceann-cinnidh am measg nan Gaidheal, agus gum bi a dhreuchd ghnathaichte a bhi ag athris nan Dan so air beulaobh nan uachdaran, oir bha so taitneach do na cinn-fheadhna, a chionn gun robh gach aon dhiubh acreidsinn gum biad na gaisgich a tha air an ainmeachadh le Oisein an sinnseara fein. Bhà na cinn-fheadhna amisneachadh nam bard gus an dain a ghleidheadh air chuimhne le bhi toirt duais don neach bu mho a dhaithriseadh dhiubh. Mar sin bhiodh na baird astri ri cheile a dhfheuchainn co dhiu bu mho a ghleidheadh air chuimhne de na Danaibh; agus bhiodh amanan suidhichte aca anns am biodh iadgan aithris air cuideachd de na cinn-fheadhna. Air an doigh so bha na Dain air an cumail air chuimhne agus leis an tlachd a bha na Gaidheal agabhail annta cha bfhurasda leo an leigeil air dio-chuimhne. A thuilleadh air so faodar a thoirt fainear gum beil achuimhne moran nas treise aig an dream sin nach urrainn leughadh no sgriobhadh idir, na tha i aig an dream a tha ag earbsadh ris an treosdain sin gu an cuideachadh. Agus an uair nach robh na baird a deanamh ni sam bith eile fad laithean am beatha ach aseinn nan Dan so cha burrainn iad an leigeil air chall. Tha so adearbhadh mar an ceudna gur h-i aGhailig a labhair luchd-aitich na tire aig an am ud, oir cha ghabhadh iad gleidheadh air chuimhne ach ann an cainnt an t-sluaigh am measg ann do chuireadh iad ri cheile o thoiseach.

D. B. B.


Chan eil gnothuichean adol dad nis fhearr ann an Iompaireachd na Tuirce. Chan eil sgrios nan Armenianach asgur, idir agus tha e glé choltach nach eil an Sultan comasach air casg a chur air an obair fhuilteach god bu mhiann leis sin a dheanamh. Tha rioghachd an t-sultain cho crions cho beag tailes nach eil ni ga cumail ri chéile ach rioghachdan na Roinn-Eorpa air fad a bhi faicinn iomchuidh a cumail mar sin. Bhiodh e air a thilgeadh bun os cionn o chionn fhada mur biodh gu bheil na rioghachdan uile chinnteach nach còrdadh iad mu roinn na creiche, agus gum biodh aca ri dhol troimh chogadh uamhasach mun cuireadh iad achuis an darna taobh. Tha fearann na Tuirce anns a chuid as fhearr den Roinn-Eorpa agus cha bhiodh aon rioghachd deònach fhaicinn ann an lamhan rioghachd sam bith eile. ’Se sin is coireach gu bheil iad uile deònach air an Tuirc fhàgail mar a tha i, ’s gu bheil crith eagal orra roimh dholga cur as a cheile, agus agus chan e gu bheil gradh sam bith aca don Turcach fhein no do dhòigh-riaghlaidh. Ach tha moran a deanamh mach nach mair cuisean mar a tha iad moran nis fhaide, agus gum bi aig na rioghachdan eile ri crioch a chur air Iompaireachd na Tuirce an uine ghèarr a dhaindeon cho deònachsa tha iad air gach olc a thig na lorg sin a sheachnadh.

Bha pòsadh ann an eaglais Fhrangach ann am Montreal feasgar Di-màirt sa chaidh, agus am seadhsa bham ministeir adeanamh an t-searmon phosaidh, chaidh Tòmas Patton, bràthair-màthar do bhean-na-bainnse, ann an neul. Chaidh a thoirt a mach gu rùm eile agus an ceann beagan mhionaidean, chaochail e. Bha moran sluaigh anns an eaglais air an àm. Cha robh fhios aig a chàraid òig gu robh dad air ach laigse, agus dhfhalbh iad air a charbad-iaruinn, a ghabhail sgriob don Niar-Thuath. Bha Patton tri fichead bliadhnasa deich a dhaois.

Gach fiodh air a bharr ach am fearn as a bhun.



[167]

[Vol . 4. No. 21. p. 7]

Ann an deanamh nan pioban mòra, tham fiodh a thatar a cur annta atighn á Africa no a Jamaica; than ibhori a tha dol air na duis a tighn a Africa; than adharc a tha air a phios beòil a tighinn a Australia; agus an cuilc dhen beilear a deanamh nan rifeidean a tighn as an Spain. Chan eil ni Gàidhealach timchioll orra ach an craicionn caorach a thasa mhàl, agus a ghaoth a tham piobaire cur innte.

Bha amadan o shean ann an teaghlach Mhic-Leoid, agus fear eile ann an taghlach Mhic-Dhomhnuill; agus chuir iad an da cheann-fheadhna geall co aige bhan t-amadan bu ghoraiche. Chuireadh a thrusadh maoraich iad don chladach, agus chàireadh bonn oir air cloichsan traighsan robh iad. Mhothaich amadan Mhic-Dhonuill don or: Am faic thun t-or? arsesan ris an fhear eile. Falbh! arsamadan Dhunbheagain, an la bhios sinn ri orach, biomaid ri orach; ach an latha bhios sinn ri maorach, biomaid ri maorach.

Tha muinntir bhearteach nan Stàitean air a dhol gu pòsadh air a gheamhradh so. Bha da phòsadh riomhach ann am baile New York a dha no tri sheachduinean air ais, agus air an t-t- seachdain so, bha fear eilann. Be chàraid air an turus so Harold F. Mac Cormaic, agus Edith, nighean do Iain D. Rockfeller; bhuinidh iad le cheile do Chicago. Tha athair-san glé bhairteach, agusse h-athair-se fear dhe na daoines beairtiches as fialuidhe thas na Stàitean. Thatar ag radh gu bheil ise na h-oighre air barrachd airgeidsa tha aon eile air an t-saoghal. Bha suil aca am pòsadh a bhi anns an eaglais, agus bha corr us mile air an cuireadh gu bhi lathair. Bha an t-seirbheis gu bhi ni bu riomhaiches na bu mho greadhnachais na gin de chach, achnuair thainig an latha, bha fear-na-bainnse gu tinn, agus bfheudar sìn uile a leigeadh seachad, agus bha iad air am pòsadh ann an tigh-òsda.


Am fear nach freagair athair na mhathair freagraidh an ni is taire, creicionn an laoigh.

Am fear a bhioss an dig cuiridh a h-uile fear a chas air.

An ni chuir an earb air an lochan eiginn.

Duine dur, duine gun tur.


DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinnna oifig anns an togalachs a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann aSheerwood.”


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.



[168]

[Vol . 4. No. 21. p. 8]

ORAN GAOIL.

LE IAIN DOMHNALLACH.

Bogbha misis Mari
M fasichean Ghlinn-Smeoil,
Nuairchuir macan Bhenuis
Saighead gheuram fheoil.
Tharruinn sinn richeile
Ann an eud cho beo.
S nach robh air an t-saoghal
A thug gaol cho mor.

LUINNEAG.
Ho, mo Mhari laghach,
S tu mo Mari bhinn;
Ho, mo Mhari laghach,
S tu mo Mhari ghrinn;
Ho, mo Mhari laghach,
S tu mo Mhari bhinn;
Mhari bhoidheach, lurach,
Rugadh ann sna glinn.

S tricbha misis Mari
Falbh nam fàsach fial,
Gun smaointinn air fal-bheirt,
Gun chail gu droch ghniomh;
Cupid ga n-ar taladh
Ann an cairdeas dian;
S barr nan craobh mar sgail dhuinn,
Nuair a bairda ghrian.

Ged bu leamsa Alb’,
A h-airgiod is a maoin,
Ciamarbhithinn sona,
Gun do chomunn gaoil.
Bannsabhi gad phòsadh
Le deagh choir dhomh fein,
Na ged gheibhinn storas
Na Roinn-Eorpgu leir.

Tha do bhroilleach soluis
Lan de shonas graidh;
Uchd as gilleshealas
Nan ealair an t-snamh.
Tha do mhin shlios fallain
Mar chanach a chair;
Muineal mar an fhaoilean
Fon aodunn as aillt’.

Tha tfhalt bachlach, dualach,
Mu do chluais a fas;
Thug nadar gach buaidh dha
Thar gach gruag a bha.
Cha n-fheil dragh no tuairgne
Na chursuas gach la;
Chas gach ciabh mun cuairt dheth
Se na dhuail gubharr.

Tha do chailc-dheud snaidhte
Mar shneachda nan ard;
Tanail mar an caineal,
Beul bhom banail failt;
Gruaidh air dhreach an t-siris,
Min raisg chionalt’, thlath;
Mala chaol gun ghruaman,
Gnuis gheals cuach fhalt ban.

Thug ar n-uabhar barr,
Air aigheas righrean mor’;
Biad ar leaba stata
Duilleachs barr an fheoir;
Flurichean an fhasich
Toirt dhuinn cail is treoir,
Is sruthain ghlan nan ardibh
Chuireadh slaints gach por.

Cha robh inneal-ciuil
A thuradh riamh fon ghrein,
Dhaithriseadh air choir
Gach ceolbhiodh againn fein.
Uiseag air gach lonan,
Smeorach air gach geig,
Cuthag is gug-gug aic
Maduinn chubhridh Cheit’.


ORAN DA LEANNAN.

LE DOMHNULL DOMHNULLACH.

O, ciamars urrinn mi bhi beo,
S cho mors a thug mi speis dhuit?
No ciamar dhfhaodas mi bhi stoilt
Is gun mo choir air tfheudinn?
Ged fhaighinn airgiod na Roinn-Eorpa
Agus or na h-Eiphait,
Cha chumadh sin misuas car uair
Is tu bhi bhuam gun sgeul ort.

Mas es gun dchuir thu rium do chul
S tu ann an duil mo threigsinn,
Gus an cuir iad misan uir
Cha deanar turnad dheidh leam.
Ciamar dhfhaodas mi bhi saor
S nach dean an saoghal feum dhomh;
Mo chridhfo smalan le do ghaol,
S gun duil a chaoidh ri tfheudinn.

Tha gaol nam boirionnach on oige
Mar an ceosa cheitein:
Laighidh e ri madinn dhriuchd
A bhan cho dluths nach leir dhuinn.
Chi min t-adhar leiss na beanntan
Dol an ceann a cheile;
Ach sgaoilidh e ri uinro ghearr
Gun fhios cian t-ait an deid e.

Chan fheil mo chadal domh ach ciuirt’,
S cha n-fheil mo dhuisg ach cianail;
Cha n-fheil an obir dhomh ach cradh,
S cha n-fheirrde mi bhi diamhain.
Cha dean laighe dhomh ach creuchdan
S cha doir eirigh dhiom iad;
Cha doir asdar mi gu slàint’;
S cha n-fhasa tamh no gniomh dhomh.


SMEORACH NAN LEODACH.

LE DOMHNALL NAN OBAN.

LUINNEAG,
Uilibh i na i ri u o,
Uilibh u na u ri u o,
S smeorach mise mach on tur as
Gleodhrach cuirn mubhuird le feusda.

S mise smeorach òg a ghrinnis
Sheinneas ceol mar òrgan milis;
Feadan ordail fo mo ribheid,
S fead mo mheoir air comhradh fileant’.

S mear mo ghreann a dannsair crannaig,
Breabadh bhonn le fonn gun ainnis,
Bleith nan tolls gach trannsa darais,
Mealladh rann o cheann mhic-talla.

Seinneam fonnmhor, pongail, mealain,
Air a chom nach trom mar eallach;
Cha dig tonn mu bhonn mo thalla,
Ni mo chall no ganntas marain.


Taghail aig D. J. Domhnullach, agns faic na brògan agus na cleòcannan bèin a thaige ri chreic. Tha na cleòcannan gu teirgsinn. Gheobhair deagh bhargain aige daonnan.


C . H. HARRINGTON & CO

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna.

titleIssue 21
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla IV No. 21. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page