[Vol . 4. No. 22. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DECEMBER 7, 1895. No. 22.
Litir a Lunnainn.
FHIR-DEASACHAIDH, —Dh’innis mi dhuibh cheana gu’n robh an class Gàidhlig a th’againn anns a’ bhaile so gu bhi air a chumail am bliadhna an Oil-thigh an Righ. Aig a’ chiad choinneamh bha cruinneachadh eireachdail againn agus am Marcus Tillibardine anns a’ chathair. Thug an duine-uasail òg so òraid ghasda seachad anns an do sheall e dhuinn cho amaideach ’sa tha e ’bhi deanamh tàire air ar cainnt mhàthaireil. Dh’ innis e dhuinn gu’m beil e ’na riaghailt air oighreachd ’athair—an Duic Athollach—gu’m feum na h-uile sairbhiseach a th’air an oighreachd a bhi comasach air a’ Ghàidhlig a labhairt. Air da féin a bhi aon la dol do’n mhonadh a shealg agus cuid de dhaoine còmhla ris thachair gu’n do ruith balach beag—mac fear de na daoine— ’nan deigh. Thionndaidh ’athair ri a’ bhalach agus thug e òrdugh dha anns a’ Bheurla dol air ais gu ’mhathair. “Nis,” ars am Marcuis ris an duine so, “ma tha dùil agad gu’n lean do mhac thu do’n mhonadh ’nuair a dh’fhàsas e suas tha thu fad am mearachd, ma’s i sin a chainnt anns am beil thu ’ga thogail.” ’Nuair a chuala mi an sgeula beag so cha b’urrainn domh gun a bhi smuaineachadh air urrad ’sa dh’fhaodadh uachdaranan na Gàidhealtachd a’ dheanamh airson na Gàidhlig nan robh an leithid so de riaghailt aca air na h-uile oighreachd. Ach ciamar a dh’fhaodas so a bhi ’nuair a tha àireamh cho mor de na h-oighreachdan sin a nis an làmhan Ghall agus Shasunnach, muinntir nach caill cothrom air na’s urrainn daibh a dheanamh gu cur as duinn féin agus do air cainnt. ’Se so a tha ’ga dheanamh ’na ni cho taitneach aon de sheann teaghlaichean ar tire fhaicinn a cumail suas cuis na Gàidhlig. Gheall am Marcus duaisean a thoirt do na sgoilearan a b’fhearr a thigeadh air an aghaidh leis a’ chaint agus tha e féin gu bhi tighinn a dh’ ionnsaidh a’ chlass cho tric ’sa bhios sin ’na chomas.
CABAR-FEIDH.
23, 11, ’95.
Litir a Ontario.
FHIR-DEASACHAIDH, —Gabhaidh sibh mo leisgeul air an àm so ma bhitheas mo litir car mi-òrdail, oir bha mi fua’sach dona leis an déideadh bho cheann beagan lathaichean. ’S an-shocair e a dh’fhàgas duine anabarrach crosta. Thuirt aon rium, “ ’S fada do thinneas bho d’chridhe!” ach ’se bha mearachdach; ’se ruigeas cridhe duine, ged is beag truas a gheobh e bho dhuine nach d’ fhairich riamh gu de cho goirt ’sa tha e. Cha d’thug Robert Burns droch ainm air idir nuair a thuirt e gu’m b’e “donas gach tinneis e.”
Tha’n geamhradh air tighinn òirnn a nis; tha gleadhraich nan clag air na h-eich ri ’chluinntinn bho cheann beagan lathaichean. Tha mu leth-troigh de shneachda againn, agus bha e gle fhuar oidhche no dha air an t-seachdain so; bha iad ag ràdh gu robh e foZero 10° . Ma bha, nach truagh sinn mu’n teid Februaridh seachad. Tha na timeannan dol a bhi gle chruaidh air a gheamhradh so. Tha airgead duilich fhaotainn, ged tha cuid aig am beil gu leòir dheth. Nam biodh e air a roinn gu math, tha gu leòir ann do gach duine, ach cha’n ann mar sin a tha; an neach a tha bochd biodh e bochd a ghnàth, agus an neach a tha saoibhir, theid aig air tuilleadh a chur ri shaoibhreas, agus bidh e uaireannan a’ deanamh bòsd as. Ach nuair thig an t-àm gus an tigh talmhaidh a leigeadh sios, tha de thoileachadh aig an duine bhochd gu faod a shaoibhreas a bhi cho mor ri saoibhreas an fhir a bha ’deanamh tàire air. Bha mi uair a’ cainnt ri seann duine beairteach mios mu’n do chaochail e. Bha e na shuidhe agus dùn mòr de phaipearan fa chomhair a b’fhiach na miltean pùnnd. Ars’ esan, “Nach math dhòmhsa so a bhi agam an diugh.” Mo thruaighe! mur robh aige ach paipearan.
Chaochail Alasdair Brown, fear-oifig a phosta anns a bhaile so, air an t-seachdain a chaidh seachad. Bha e ’na dhuine bha measail, agus a threòraicheadh gach aon air an t-shlighe cheart. Rugadh e ann an eilean Mhuile; thainig e do Chanada bho chionn faisg air leth-cheud bliadhna. Bha e tri fichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’aois nuair a chaochail e. Chaochail gille òg an t-seachdain roimhe sin, Domhnull Camaran, fichead bliadhna dh’aois. Bha dùil aig ’athair gu’m biodh e ’na thaice dha ’na sheann aois, ach am bàs gun truas, thug e leis e, am mac a b’òige bh’aige. Dh’adhlaic e còignear d’a theaghlach roimh ’n fhear so. Chaochail Màiri Dhòmhnullach, nighean do Challum òg Domhnullach bho cheann tri latha, aois sheachd bliadhn’ deug. Chaidh a chas a thoirt dhith bho cheann bliadhna leis a chansar, agus bha i ’dol na b’fhearr car ùine, ach an deigh sin bhris e mach air a feadh agus thug e a bàs. Bhaist an t-Urr. Domhnull Mac-Leòid i beagan lathaichean mu’n do chaochail i.
Tha comanachadh ri bhi anns an eaglais Chléireach againn an so Di-Dómhnaich s’a tighinn, anns a’ Ghàilig; seachdhin an deigh sin bidh e againn anns an eaglais cheudna ’sa Bheurla. Bha an tide gu math stoirmeil againn an so toiseach na seachdain; tha e coltach ri aiteamh a nis, agus “mar sin bitheadh e,” oir tha cuid dona chion uisge. Tha mi ’smaoineachadh gu’n do sgriobh mi gu leòr de’n t-seorsa th’ ann, agus sguiridh mi, ach geallaidh mi ma bhios mi gu math, gu’n sgriobh mi an ùine ghearr a rithist. Ur caraid,
IAIN MAC ’ILLEASBUIG.
Priceville , Ont., 25, 11, ’95.
Cha robh cam nach robh crosda.
Bha call ni’s mo an Culodair.
Geugan air aich’, breunan nam fear
[Vol . 4. No. 22. p. 2]
ORAID
A liubhair an t-Ollamh Niall Mac-na-h- Innse, ann an Lochiall, Ontario.
FHIR NA CATHRACH AGUS A CHAIRDEAN GAIDHEALACH: —Tha cuig bliadhna fichead o’n a chuir mi eòlas air Lochiall, agus air na Gàidheil a tha ’chomhnuidh anns a’ bhaile so. An uair a bha mi glé òg, chuala mi iomradh cliùiteach agus gasda air Gàidheil Lochiall, agus air an dàimh agus an dilseachd a bha agus a tha iad a’ nochdadh do’n Ghàilig, no do’n chainnt a labhair Fionn agus Oisean anns na bliadhnachan a dh’ aom. Is e mo bheachd nach eil ann an cearna air bith de Chanada, baile eile cosmhuil ri Lochiall anns am bheil cainnt agus àbhaistean nan Gàidheal air an altrum cho dileas, cho foghainteach, agus cho meamnach. Bha duilgheas mòr orm nach robh e ann mo chomas a bhi làthair leibh bho cheann miosa no dha, an trath a bha sibh le eud us dealas urramach us togarrach agus càirdeil a’ gleidheadh cuimhne air na Gàidheil easgaidh, ghaisgeil, agus churanta, a thòisich air tuineachadh a dheanamh anns a bhaile so o cheann ceud bliadhna. Tha ceud bliadhna, anns an dùthaich òg ùr so co-dhiu, a’ ciallachadh moran aimsir, moran dichill, moran deanadais, moran tapaidh, moran aghartais, agus moran gaisge, agus mar an ceudna moran stri agus toileachais. Tha sinn cruinn an nochd anns an ionad so airson clach-chuimhne no leac-lighe nochdadh na fhoillseachadh do’n t-saoghal gu lèir—clach-chuimhne bhòidheach, shnasmhor, a bheir a nuas bho cheann tri ginealaich àilleachd us beusan us stuaim, us caoimhneas, us simplidheachd nan Gàidheal a thàinig air tùs do Lochiall agus a leag na craobhan agus a rinn àiteachadh anns a’ bhaile so ’tha ’nis cho ainmeil agus cho pròiseil. Cuireamaid air an ais ar smuaintean, agus ar n-aignean gus an àm anns an d’ fhàg na Gàidheil a thàinig gu Lochiall tir an dùthchais, “tir nan gleann ’s nam beann ’s nam breacan.” Is iomadh tapadh ’us euchd agus gniomh duineil, iomraiteach, a rinn Gàidheil Inbhirnis anns na bliadhnachan a dh’ aom. An deigh blàr Chuil-fhodair, thàinig caochladh mor agus muladach air cor us suidheachadh nan Gàidheal ann an dùthaich an fhraoich. Nochd na Sasunnaich, an deigh dhaibh buaidh fhaotainn aig Cùil-fhodair, uamhas brùidealachd. Is gann a bhitheadh e comasach do mhadadh-alluidh na macharach agus nan cosan uaigneach, tuille aingidheachd agus nimhe ’nochdadh agus a chuir an gniomh, na rinn an Diùc mosach cruaidh-chridheachChumberlandagus na ceannardan baoghalta bha maille ris, an tràth a chaidh am blàr agus an latha an aghaidh Thearlaich agus na fineachan Gàidhealach a dh’ éirich leis. Cha’n eil ioghnadh air bith orm féin gu bheil fathast anns an dùthaich so agus ann an tir ar n-aithrichean moran meas us mùirn air fhadadh suas an uair a tha eachdraidh Theárlaich fa chomhair inntinnean nan Gàidheal. Cha robh Tearlach gun mheang no gun choire. Bha e ceann-làidir agus breun aig iomadh àm. Gidheadh an uair a chaidh an latha gu cianail agus gu muladach ’na aghaidh, bu chòir do na Sasunnaich fhéineil fhuar-chridheach caoimhneas us carthannachd a nochdadh do na Gàidheil, a bha dileas, cinnteach, seasmhach, agus eudmhor air taobh nan Stiùbhartach, righrean laghail na h-Alba, le ’cnoic us le ’srathan us le ’còmhnardan. Mo nàire gu bràth an t-saoghail agus anns gach ceàrna ’sam bheil Gàidheil a’ gabhail còmhnuidh, air Diùc Chumberland agus air a chreachadairean airm, a bha ro-ullamh air ’iarrtuisean gun iochd, gun toinisg, gun cheartas, a chur an gniomh. Bitheadh an ainm ’s an cliù air feadh gach àl us linn fo mhasladh, fo sgàile dorcha, mosach, fo fhuath us mi-rùn gach duine us bean aig am bheil meas air tròcair agus air nithean ceart us gràsmhor. An uair a thòisich an “Teachdaire Gàidhealach” air dol air feadh nan gleann ’s nan srathan anns a Ghàidhealtachd, thubhairt neach, mar tha ’n Gàidheal flathail, àrd-inntinneach, blàth-chridheach, ag innseadh dhuinn, Tormaid Mac Leòid, “Caraid nan Gàidheal,” —esan a sgriobh a’ Ghaelig a’s fearr a’s pongaile, agus a’s snasmhoire a chaidh a sgriobhadh riamh; —thubhairt Gàidheal aig an robh cuimhne gheur air droch chomhluadar Chumberland agus a chuid cheannardan us shaighdearan: “Ma’s aithne dhuit co a tha ’deasachadh an Teachdaire Ghàidhealaich, leig fios d’ an ionnsuidh ma thòisicheas iad air smàdadh Thearlaich us na dh’ éirich leis’ nach ruig iad a leas tighinn an taobh so le ’n teachdairiachd.” Ma dh’ fhaoidte nach bitheadh e comasach barrachd eucoir us geur-leanmhuinn a chàramh air na Gàidheil thruagh na chaidh a chàramh orra, ged nach bitheadh annta ach Innseanaich na h-àirde ’n ear, no na h-àirde ’n iar, no fineachan fiadhaich, iargalta, fhuileachdach ann am meadhon Africa. Tha mo charaid, Mac-an-Aba ’g innseadh domh gur ann bho Chnòdard, bho Ghleann-eilg, bho Lochabair, agus bho Pheart a thàinig na Gàidheil a rinn tuineachadh air tùs anns a’ bhaile so, agus aig an robh a cheud eòlas air na frithean ’s air na craobhan àrda, tiugha, lionmhor, a bha anns an dùthaich so ré iomadh linn mu ’n d’ thàinig na Sasunnaich riamh thar a chuain. Faodaidh sinn a bhi gle chinnteach gur ann le mulad trom agus le cridheachhn airsneulach, deurach, a dh’ fhàg na Gàidheil air am bheil mi deanamh iomraidh, na glinn, na h-aonaichean, na srathan, agus na comhnardan anns an d’rugadh iad; anns an do chaith an aithrichean an làithean, agus anns am bu mhiann leo féin an làithean a chaitheamh, agus fadheòidh, an uair a thigeadh crioch air an treòir ’s alr am bliadhnachan; a bhi air an tasgadh ann an suaimhneas neo bhriste ’bhàis anns an uaigh far an robh, agus far am bheil na daoine bho’n d’ thainig iad ré iomadh linn, tosdach ann an sàmhchair chiùin us thiamhaidh a bhàis. Phlanntaich Dia ’na mhor chaoimhneas gràdh domhainn, dileas, dùrachdach ann an cridhe gach neach a tha ’n diugh air uachdar an t-saoghail. An uair a thug na Gaidheil a dh’ àitich Lochiall, bho cheann ceud bliadhna, an aghaidh ris a chuan fharsuing, bheucach, ghluasadach, agus a dh’ fhàg iad beannachd mhuladach, chràiteach, leis gach sliabh us comhnard, leis gach gleann us dachaidh, air an robh iad min-eòlach, agus leis an Eaglais anns am b’ àbhaist daibh a bhi ’deanamh aoraidh do’n Dia a’s Tighearna ann; gun teagamh bha iad gle bhrònach am feadh a bha iad a’ gabhail an t-seallaidh mu dheireadh air cnoic àrda na Gàidhealtachd, agus iad a nis anns an long air bràighe ’chuain, agus am measg nan tonnan àrda beucach agus luasganach. An uair a rainig na Gàidheil threubhach, ghasda, mhor-chuiseach ud Cuebec, an deigh moran trioblaid anns a’ chuan stuadhach, cha robh ni air thoiseach orra bheireadh neart no toileachadh no misneach dhaibh. Cha robh long le ’bréidean geala, an sin am broilleach na h-aimhne àillidh agus iomraitich a bhuineas do Chanada, cha chuala neach air bith luaidh
[Vol . 4. No. 22. p. 3]
thall no bhos air bàta na smùide no air an each iaruinn. Is ann le dragh mor mata, a thàinig na Gàidheil bho Chuebec gus a’ bhaile so, anns an do leig an campa, agus anns an do thòisich iad air obair dhuilich chruaidh a dheanamh. Is ann am measg an fhraoich a rugadh mi féin ann an Earraghàidheal. Is e fior-fhuil nan Gàidheal a tha blàthachadh mo chridhe, ’sa tha ’ruith ann mo chuislean, agus cha’n eil e comasach gu’n tugadh ni air bith fo ’n ghréin uiread tlachd us bòsd us sonais us toileachadh dhomh, agus a tha agam gach uair do bhrigh gur Gàidheal fior, glrn, a tha annam agus gur ann bho na Gàidheil aghartach, churanta, thàinig mi. Bha mi glé òg an uair a thog m’ athair, mo mhàthair agus moran de mo chàirdean anns an àm, long, agus a thug iad an cuan mor farsuing orra. Is math mo chuimhne air an doilgheas agus air a bhròn a nochd na Gàidheil a bha anns an long, am feadh a bha ghrian a’ dol fodha, ’s ag òradh mullach nam beann Gàidhealach, nach fhaiceadh na Gàidheil bhlàth-chridheach gu bràth tuilleadh. Gun teagamh air bith, nochd na Gàidheil a thàinig do’n bhaile so, mu’n do leagadh craobh, agus mu’n deachaidh rathad beag no mor, bochd no beairteach, a dheanamh ann, moran treubhantais, moran dòchais, agus creidimh nach robh aon chuid fann no faoin. Tha eagal orm nach eil ach fios us mothachadh glé shuarach aig an linn a tha ’nis a làthair air gach cruadal agus spàirn us saothair draghail a b’ éigin do na daoine ’s do na mnathan a dheanamh, a thòisich air àite còmhnuidh a dheasachadh daibh féin ’s d’ an clann anns a’ bhaile so. Tha sinn an Canada aig an àm so, am bitheantas a deanamh luaidh le gàirdeachas us le greadhnachas air na gniomharan mora ’s euchdach a rinn sinn. Tha eagal mor orm gu bheil sinn a leigeil ann an dichuimhne na seirbheis chruaidh, dheuchainneach, agus na gniomharan gaisgeil, mora, ’rinn na Gàidheil anns an dùthaich so, bho’n chuan fharsuing, dhomhain, air taobh an ear Chanada, gus a chuan leathann shàmhach a tha air taobh an iar ar tir. Gun teagamh air bith, re na tri ginealaich a chaidh seachad o’n thàinig a cheud Ghàidheal do ’n bhaile so, is iomadh balach us caileag làidir fhallain a rugadh agus a thogadh ann an Lochiall. Is iomadh athair agus màthair dhileas, laghach, a rinn gach dichioll a b’ urrainn iad airson cothrom math a thoirt d’ an chlann fóghlum iomchuidh fhaotainn agus àite measail, àrd, a chosnadh anns gach inbh’ tha urramach agus feumail ann an Canada. Agus an uair a ghabhas sinn beachd air an liuthad Gàidheal macanta, mùirneach, meamnach, a thog Gleann-garaidh, agus a dh’ fhalbh o’n t-sioramachd so, ’sa choisinn cliù dha féin agus d’a dhaoine ann an iomadh innleachd us seirbheis us oidhearp dhuineil dheuchainneach, tha mi gle chinnteach nach eil àireamh nan Gàidheal ud aon chuid beag no faoin a rugadh anns a’ bhaile so ’sa fhuair an àrach am measg nan Gàidheal a tha nis ann an suain a bhàis mu thimchioll na h-eaglais so féin. Moladh gach fine na daoine làmhach, onarach, beusach, a bhuineas daibh féin ann an eachdraidh Chanada. Molaidh sinne mar is cubhaibh dhuinn, agus mar tha deagh aobhar againn, na ceatharnaich Ghàidhealach, na suinn chalma, ghleusda, threubhach, a rinn cho duilich agus a chleachd spionnadh agus gliocas cho sùrdail, deanadach, ann an gearradh frithean garbha Chanada, agus ann an neart iongatach a thoirt do gach ceàird us innleachd, a thug treise do’n t-sruth mhòrail, thormanach a tha nise cho làn agus luchdaichte le eòlas, le dichioll, le feartan lionmhor agus le beartas us comhfhurtachd nach eil gann no suarach re na roinnean lionmhor, torach, gniomhach, a tha le ’chéile ’deanamh suas Rioghachd eireachdail agus àluinn Chanada. Is iomadh grian a dh’ éirich agus a chaidh fodha anns an iar, on bha Fionn us Oisein agus an Fhéinn a làthair agus sona us buadhmhor ann an tir an fhraoich ’s nan sonn ’s nan sruth aoibhneach, gàireach, fonnmhor mor. Thug Gàidheil a bhaile so ’tha nis gu bràth tosdach fo’n fhòd ghorm anns an uaigh géill ullamh, thàbhachdach do chomhairle aosmhor na Feinne:
“Bithidh tu treun air tùs na teugmhoil
Is e cliù gach neach a cheud iomradh.”
Is tlachdmhor da rireadh leamsa a bhi làthair an so an nochd agus a bhi ’faicinn air mo shon fèin, gu bheil clann ghràdhach nan tri ginealaich a bha ’sa tha dlùth-cheangailte ri Lochiall, a dearbhadh leis a chlach chuimhne no leis an leac-lighe, ’tha air a suidheachadh anns an eaglais so, agus a chi sibh ann an ùine gheàrr, gu bheil iad umhail do bhriathran glic us bòidheach na Féinne, “Lean gu dlùth ri cliù do shinnsear ’s na diobair a bhi mar bha iadsan.” Thig do gach aon againn ùmhlachd a thoirt gu toileach do’n àithne tha ’g iarraidh oirnn urram a thoirt do’r n-athair agus do’r màthair. Is math a chreideas mi gu bheil Gàidheil Lochiall a chuir a’ chlach chuimhne so ann an uidhean cho grinn agus cho snasmhor, a’ faireachduinn gur ann a tha iad a’ tabhairt onair mhor doibh féin am feadh a tha iad le dealas agus dùrachd fiachail, a’ dearbhadh gu bheil tlus us bàigh làidir aca ris na Gàidheil on d’ thàinig iad, agus gu bheil tlachd ro mhor aca ann a bhi gleidheadh gu bràth air chuimhne, beusan us gniomharan, caoimhneas us dichioll nan aithrichean ’s nam màthraichean Gàidhealach a ruith an réis ann an Lochiall agus a dh’ fhàg dileab luachmhor d’ an clann ann a bhi ’cur impidh orra, iad a bhi ciùin, onarach, firinneach, dileas, a toirt daonnan aoraidh us urraim sònruichte do Dhia nan gràs ’s d’a mhac Iosa Criosd, Slànuihhear an t-saoghail. Tha a h-uile aon againn le cridhe carthannach, bàigheil, a’ gleidheadh cuimhne air na càirdean dàimheil blath-chridheach, a bhuineadh dhuinn, agus a tha nis ann an dùthaich chian us dhuaichni a’ bhàis. Is tric, is gle thric, a tha na càirdean a tha marbh, anns na smuaintean againne. Is glé thric a tha sinn ann an uaigneas ar cridheachan féin a’ gabhail beachd orra ’sa’ sineadh a mach gràidh us furain d’ an ionnsuidh. Tha sinn uile ’creidsinn le dùrachd sònruichte gu bheil ar càirdean a gabhail cuimhne oirnn, agus ged nach fhaic sinn iadsan, gu bheil iad do ghnàth min-eòlach òirnne, agus toilichte ann an tomhas anabarrach an uair a tha sinne treibhdhireach agus iriosal ann an làthair Dhia, agus geamhnuidh, stuama, measarra, ann ar caithe-beatha ’s ann ar giulan.
(Ri leantuinn.)
Nuair a bhios am pobull dall, ni ’n gille cam ministear.
Toiseach na coille ’s deireadh na h-aibhne.
Ciall a thogas teine, a’s rian a chumas baile.
Din na comhairle, g’a toirt far nach gabhair i.
Gille gun bhiadh gun tuarasdal, cha bhi e uair gun mhaighstir.
[Vol . 4. No. 22. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, DECEMBER 7, 1895.
Shaoileadh neach an deigh dha bhi leughadh eachdraidh Blàr Allt a’ (mar tha i air a sgriobhadh anns a’ Bheurla) nach rcbh na Gàidheil an lathair aig a’ chath ghlòirmhor sin idir, agus gu’m b’iad na Goill a mhàin a sheas an aghaidh nan Sasunnach air an latha ud; ach cha b’ann mar sin a bha a’ chùis idir. Bha fichead ceann-fheadhna nam fineachan Gàidhealach còmhla ri Brus, agus cha ruig sinn a leas a ràdh gu’n robh am fir-cinnidh an làthair mar an ceudna; is iad so an ainmean: —Na Dòmhnullaich, Clann Mhic Aoidh, Clann an Tòisich, Na Camshronaich, Clann Mhic Coinnich, Clann Mhuirich, Clann Ghriogor, Na Caimbeulaich, Na Cataich, Na Granntaich, Clann Donnachaidh, Na Rothaich, Na Druimnich, Clann Mhic Phàrlain, Clann Mhic-na-Ceàrdaich, Na Friseilich, Clann ’Illeathan, Na Ròsaich agus Clann Mhic Ghuairidh. Bha mòran Ghaidheal eile a bha ’nan dlùth chàirdean do Bhrus, agus cha-n ’eil teagamh ann nach robh iad an sin cuideachd, ged nach ’eil iad air an ainmeachadh. Cha b’e Rabairt Brus an t-aon righ Albannach a b’urrainn a radh, mar thuirt an Salmadair, “Togaidh mi mo shùilean chum nam beann, o’n tig mo chabhair.” Faodaidh sinn a ràdh gu’n robh na h-Albannaich gu léir ’nan Gàidheil, oir cha bu mhòr àireamh an t-sluaigh anns a Ghalldachd aig an robh cànain sam bith eil ach a Ghaidhlig ré na linne sin agus ré mòran linntean an deigh sin; bha i air a labhairt le luchd-àiteachaidh cearnan iomallach Siorramachd Inbhir Air anns a’ bhliadhna 1677 agus ann an siorramachdan Chinrois agus Uigton mòran bhliadhnachan an deigh sin. Anns a’ bhuidheann a bha fo chùram Righ Rabairt e féin, mar chùl-earalas, aig a’ chath ainmeil sin, bha Clann Domhnuill, agus na h-Eileanaich uile a lean Anghus Og, na fineachan bho Earraghàidheal, agus na Ghall-Gàidheil bho oighreachd Bhruis ann an siorramachd Inbhir Air. A nis, mur b’ urrainn do’n righ labhairt riu-san anns a’ Ghaidhlig is cinnteach nach b’ urrainn daibh aon fhacal a thubhairt e a thuigsinn. Ach is e a’s coltaiche gu’n robh “cànain mhilis nam beann” aig deadh Righ Raibairt, a chionn nuair a chuir na Sasunnaich an ruaig air, càit an deachaidh e ach do’n Ghàidhealtachd no do dh’Eirinn, agus is coltach gu’n do dh-ionnsaich e a’ Ghàidhlig an sud, mur robh i aige roimhe. Cha robh ard-uaislean nan Gall cho lionmhor am measg feachd nan Albannach agus bu chòir dhaibh a bhi, a chionn bha eagal air a’ chuid bu mho dhiubh gu’n cailleadh iad an cuid oighreachdan, nan seasadh iad an aghaidh nan Sasunnach, agus nam bitheadh buaidh le Righ Iomhar agus mar sin cha d’thàinig aon chuid iad féin no na daoine aca dh’ionnsuidh Bhruis gus an do chuir e an ruaig air na Sasunnaich. Gun teagamh rinn na Gaidheil an dleasnas air an latha chliùiteach ud mar a rinn iad iomadh uair eile, nuair a bha Albainn na h-éiginn, agus ciod i an duais a fhuair iad airson an gràidh dùthcha? Taighean rùisgte agus làraichean lom, agus iad féin a bhi air an sgapadh feadh an t-saoghail. Tha dùthaich an sinnsear na fàsaich fhiadhaich air an latha an diugh, agus faodaidh sinn a ràdh mu’n deibhinn-san mar a thuirt am fàidh Isaiah mu na h-Iùdhaich, “Tha bhur tir fàs, tha bhur bailtean air an losgadh le teine; bhur fearann, tha coigrich ’ga itheadh suas ’nur làthair; agus dh’fhàsaicheadh e, mar gu’m bitheadh e air a sgrios le sluagh coimheach.”
Na caith gus an coisinn thu. Caomhain chum comas toirt seachad a bhi agad. Saothairich chum gu’m faigh thu nithe a bhuilicheas tu chum maith dhuit fhein agus do mhuinntir eile. Is deagh riaghailtean iad so do na h-uile, agus is dubh dhoibh-san an la air an cuir iad cul riutha.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 22. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh sia cinn chruidh a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Ball’s Creek, aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bhuineadh iad do Uilleam Jefferson.
Bha teine mor ann am baileAmherst , N.S. Di-luain ’sa chaidh, leis ’n do loisgeadh fiach fichead mile dolair. Cha robh ach mu leth na suime sin de dh’ airgead urrais air na chailleadh.
Tha’n eaglais ùr Chléireach a bhatar a’ togail ann an Glace Bay, a nise ullamh, agus tha i ri bhi air a fosgladh am màireach. Bi’dh an t-Urr. Dr. Robertson, ceann-suidhe Ard-Sheanadh na h-Eaglais, air ceann na seirbheis, agus bi’dh sianar no seachdnar de mhinistearan na Cléire ’ga chuideachadh.
Thachair sgiorradh neònach do ghille beag le Hammond Moffatt ann an Sidni Tuath an la roimhe. Bha e ’cleasachd le pios de chas cuipe, agus air dha tuiteam, chaidh i sàs ’na mhuineal, a deanamh lot grànda. Thachair so dha Di-sathairne agus chaochail e ’sa mhaduinn Di-ciaduinn. Cha robh e ach sia bliadhna dh’ aois.
Fhuair triùir dhaoine ann am Mabou, uaireadair airgeid am fear bho Riaghladh Chanada, o chionn ghoirid, air son am beatha shàbhaladh do àireamh sheòladairean air cladach Inbhirnis, a bhliadhna ’n fhoghair s’a chaidh. ’S Gàidheil an triùir, agus ’s e ’n ainmean, Iain Domhnullach, Alasdair Domhnullach, agus Iain MacGuaire.
Tha a chuideachd a bha ’dol a dheanamh an rathaid iaruinn eadar Orangedale us Broad Cove ann an trioblaid aig an àm so. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil, Iain MacKeen, A. C. Ross, agus feadhain eile an deigh an cur dh’an lagh ge b’e dè a thainig eatorra. Tha e doirbh a dheanamh a mach ciamar a theid dhaibh, ach ’se ’s dòcha nach leigear a leas guth a thoirt air an rathad iaruinn a cheud-threis.
Tha an t-Urr. Calum Mac Leòid, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean air a shuidheachadh mar mhinistear aig Ceap Nór, an deigh gairm a ghabhail gu Baile-nan-Gall. Tha sinn duilich gu bheil muinntir Cheap Nòr a’ call aodhaire cho math, agus ris am bheil iad cho ceangailte, ach esan a tha iadsan a call tha muinntir Bhaile-nan-Gall a’ faotainn. Tha sinn an dòchas gu’m bi soirbheachadh math le Mr. Mac Leòid anns an sgireachd dh’am beil e air ùr thighinn.
Cha’n eil teagamh nach toir an Amhuinn Mheadhonach an t-urram bho gach àite eile a thaobh tapachd a seann daoine. Afr latha taghadh nan comhairleach o chionn che’ -la-deug, chaidh fear Aonghas Caimbeul, aois cheud bliadhna ’sa h-aon, a mhuinntir na h-Aimhne, astar chòig mile dh’ ionnsuidh an àit anns an robh iad a bhòtadh. Tha còrr us ceithir fichead bliadhna o’n thog e fearann air an Amhuinn; b’e fear de’n cheud fheadhain a thainig g’a h-ionnsuidh. Bu cheaird dha an t-saoirsneachd, agus tha e fhathast cho tapainh ri iomadh fear nach fhaca leth a làithsan.
Rainig soitheach a mhuinntir Nobha Scotia baile Liverpool, an Sasuinn, an la roimhe, an deigh dhi tigh’n direach á Sidni, an Australia. Thug i ceud ’s tri fichead ’s tri latha deug air a turus. Bha glé fhaisg air muillein dolair de dh’ airgead-urrais orre fhéin ’s air a luchd. Theid aig soitheach smùide air an t-astar a dheanamh ann an deich latha fichead.
Iadsan a Phaigh
Calum MacGill-fhaollain. St . George’s, E. P. I.
Domhnull Mac Gill-fhaollain, St . George’s, E. P. I.
Eobhon Mac Gill-fhaollain, St . George’s, E. P. I.
An t-Urr. I. C. Mac’Illemhaoil, Cardigan , E. P. I.
Dr. G. Gillios, Dundas , (50c) E. P. I.
Murcha Mac Leòid, Valleyfield , E. P. I.
I. D. Mac Leòid, Valleyfield , E. P. I.
An t-Urr. Ruairi Mac Gilleain, Valleyfield , E. P. I.
Domhnull Mac Coinnich, Orwell Cove, E. P. I.
Domhnull Mathanach, Piopolis , Que.
Domhnull I. Domhnullach, Piopolis , Que.
Murcha C. Muireach, Milan , Que.
Eobhan Mac Colla, Strathroy , Ont.
Calum Deora, Dunbheagain, Ont.
Donnacha Mac Rimmein, Dunbheagain, Ont.
Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont.
An t-Urr. Ruairi Mac Leòid, Dunbheagain, Ont.
Bean Iain Mherlin, Springhill , N. S.
Domhnull Johnstone, Springhill , N. S.
An t-Urr. A. Domhnullach, D. D., Antigonish
R. Domhnullach. Pleasant Valley,
Donnacha F. Camaran, Bridgeville ,
Donnacha Mac Griogair, Bràigh Am. Deas,
Seumas Mac Rath, Marshy Hope,
Domhnull Dùghlach, Longlaketon , N. W. T
R. H. MoireastanGreat Falls, Mont.
C. I. Moireastan, Brooklyn , N. Y,
Uilleam Mac Coinnich, Dunéideann, Alba.
Artar Morgan, Dunéideann, Alba.
Padruig Mac-an-t- Saoir, Dunéideann, Alba.
T. C. Harold, Sidni, C. B.
Domhnull Domhnullach, Sidni, C. B.
Murcha Mac-a- Ghobha, Sidni, C. B.
A. G, Mac-Gilleain, Sidni, $2 .00
H. C. Mac Aoidh, Malagawatch ,
Alasdair Domhnullach, (Saor) Port Hood,
Ailein Mac Leòid, International Pier.
Aonghas Gillios, Orangedale ,
Iain A. Mac Isaic, a Mhéinn a Tuath,
An t-Urr. A. Mac Gillemhaoil, An Bai Niar, $3 .00
Uisdean Mac Cuthais, Port Morien,
Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien,
Aonghas D. Morieastan, Baile-nan-Gall.
M. R. Mac Neill, Benacadir Pond,
Murcha Mac Coinnich, an Cnoc Aoil.
Aonghas T. Mac Gill-fhaollain, S . W. Marg.
Ruairi R. MacCoinnich, T. Deas Bhoulardarie
Iain Mac Asguill, Goose Cove, St. Ann’s,
Coinneach Mac Asguill, Mill Pond,
Alasdair Mac Asguill, South Bar,
Ailein Moireastan, Pòn Mor, $2 .00.
Padruig H. Mac-a- Ghobha, B . C. Chapel,
Michael Gillios, B . C. Chapel,
Ailein Mac Aoidh, U . S. W. Margaree.
Micheil Mac Fhionghain, Lakevale .
Mairi Cheanadach, Alba,
Aonghas Mac Cuthais, Seana Bhridgeport.
D. S. Mac Fhionghain, Shunacadir, (25c)
Ceit Mhoireastan, Gut-a- TuathSt . Ann’ s
Calum Mac Ille-Ghuirm, Valley Mills.
Cearc reamhar a choilich chaoil.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 22. p. 6]
CEILIDH ‘COMUNN AN FHRAOICH,’
ANN AN OIL-THAIGH N. FRANCIS XAVIER.
Bho chionn ceithir no còig de sheachduinnean chaidh comunn ùr a chuir air chois ann an oil-thaigh N. Francis Xavier an Antigonish. ’Se ainm a chomuinn “Comunn an Fhraoich,” agus ’se ’s ceannn-criche dha, a Ghàidhlig a chumail air aghaidh agus cuideachadh a dheanamh leothasan aig am beil toil fàs na’s eòlaiche oirre. Aig a chiad choinneamh chaidh na h-oifigich a leanas a roghnachadh: —Ceann-Suidhe, —An t-Urr. Domhnuill M. MacEamuinn; 2rra Ceann-Suidhe, —Ioseph Sutherlanach; Cleireach, —Iain N. MacIsaic. ’Se an suaicheantas cluaran Gàidhealach agus crois N. Aindris iar a tarruinn ann an òr air ribein de shioda gorm, agus os a cionn na facail “Comunn an Fhraoich” ann an litrichean òir.
Gu firineach bha na gillean gasda, Gàidhealach ag coimhead eireachdail nan cuid suaicheantas ùra air Oidhche Fhéill Aindris sa chaidh ’n uair a bha céilidh aca ann an onair Naomh Patron na hAlba. Am measg nan càirdean a chaidh a chuireadh ’sa thainig air chéilidh orra bha Iain Domhnullach Ard-Bhàillidh Antigonish, Iain Mac-a- Phearsain agus A. T. Dòmhnullach, ceann feadhna agus ceann-suidhe Comunn Gàidhealach Antigonish. Ma mheadhon a chéilidh thainig cein-chagar bho’n Urr. I. Mac-a- Mhaighstear ag radh gu robh e fior dhuilich nach b’ urrainn dha a bhi ’làthair, ach gu ’n robh e ’n dòchas gun cuireadh an Comunn seachad oidhche chridheil.
’Nuair a bha na h-aoidhean uile cruinn chuir an ceann-suidhe failte orra anns na briathran a leanas:—
A Dhaoin-Uaisle, —Tha “Comunn an Fhraoich” le mor-thoileachadh a’ toirt fàilte chridheil, Ghàidhealach do na daoin-uaisle a thug an t-urram dhuinn tighinn ’g ar coimhead air an oidhche nochd. Cha ’n e gu’m beil duil againn nithean mora no iongantach a shealltuinn dhuibh, ach gur a math leinn cuimhneachadh air a chaoimhneas a thaisbean sibh dhaibhsan a bha feuchainn ri cainnt ar sinnsridh a chumail an cleachdadh ann an Oil-thaigh Naoimh Francis Xavier.
“ ’Chanain ghasda, bhlasda, bhinn!
’Si ’bha’n cleachdàdh aig na suinn
Dhearbh an gaisge anns gach linn,
Sa bha cinnteach ’nam bhi tarruinn.”
Tha sinne mi ta a’ deanamh ar ciad mhodh an nochd, agus tha sinn ’ga dheanamh le earbsa, chionn tha fios againn gu bheil sinn am measg chàirdein a sheallas le caoimhneas agus le carantachd air faillin sam bith a dh’ fhaodas iad fhaicinn. Tha fios againn ged nach biodh seud eile ’nar fàbhor ach a chànain a tha sinn a labhairt gu’n tugadh ar n-oidhirp mor-thoileachadh dhuibh. ’Sna làithean so ’n uair a tha ’Bheurla cho bichionta, ’nuair a tha muinntir òga cho tric a’ leigeil na Gàidhlig air diochuimhn, seadh ’nuair a tha cuid ann cho beag mothhichidh cho beag meas orra fhéin agus air na feadhainn bho’n d’thàinig iad ’sgur ann a bhios iad ri tàir air a Ghàidhlig, bu chòir dhaibhsan anns am beil spiorad nam fior Ghàidheal diola-fiach a dheanamh le bhi na’s deidheile agus na’s gaolaiche air cainnt an sinnsridh.
“Beurla chruaidh gach aona latha,
’Nar cluais o cheann ghrathainn,
’Se bu dual duinn o’r n-athair
’Bhi labhairt na Gàidhlig.”
Tha sinn ma ta, fada an comain nan daoin’ -uaisle a thainig a cheilidh oirnn a’ an oidhche nochd, agus am measg air càirdean gu léir tha feadhainn ann da’ ’n còir dhuinn a bhi taingeil ann an seòl àrait. Air thùs agus air thoiseach tha an duin’ -uasal fior-urramach Easbuig na sgireachd a thug iomadach seòladh agus cuideachadh dhuinn. ’San ath àite tha an t-Urr. Iaiu Mac-a- Mhaighstear, sagart Mhabou ’bu cheann-aobhair a’ sgoil Ghàidhlig a chuir air a cois an uiridh, agus a thug seachad tri duaisean fiachaill gus a brosnachadh. A sin tha an duin’ -uasal flathail ’sa fior-Ghàidheal Iain Domhnullach Ard-Bhàillidh Antigonish, a thug mor-chuideachadh dhuinn anns a bhliadhna sa ’chaich seachad; agus gach dileas go deireadh tha Comunn Gàidhealach a bhaile so a thug bonn-cuimhne eireachdail mar dhuais dhaibhsan a bha ’g ionnsachadh na Gàidhlig.
Bha ma ta a h-uile còir againn air cuireadh a thoirt dhaibh; agus tha sinn an dòchas nach bi sibh duilich a chionn tighinn air chèilidh oirnn, agus cha’n ’eil teagamh againn nach téid Latha Patran na h-Alba a chumail le barrachd taingealachd agus le barrachd naomhachd a chionn gun do ghabh sinn pàirt air Oidhche Fheill Aindris anns a chridhealas bheusach, stuama, ’bu ghnath do na laoich:
“A dh’ àraicheadh air sgéith nam beann,
’Bhuannaich anns an Eiphert geall
’Sa chuir Frangaidh as an sealladh.”
Na dheigh so bha ordugh a chéilidh mar a leanas:—
“ ’S iad na Gàidheil fhein na diu’laich” } Raonull Domhnullach, Raonull MacEamuinn,
“Turus Phàdruig do’n Taigh Mhor” } Raonull Peutan.
“Far am bi ’n toil bithidh an gniomh. ” } Raonull Domhnullach, Ioseph D. Sutherlanach, Aonghas C. MacAonghais
“Oran na Caillich, ” } Eoghann Boid, Ronull Domhnullach
“Calum agus Seonaid,” —Iain U. MacIsaic.
“Mor an t-Sheathaich,” —Eoghann Boid.
“Ruairidh Ban Og,” —Ioseph Sutherlanach.
“Bho’n a tha mi fo smuairean,” Eoghan Boid.
Chaidh so uile a thoirt seachad ann an doigh a thug mor-thoilinntinn agus mor-chridhealas do gach aon a bha ’san éisdeachd, agus gu firinneach faodaidh bòsd mor a bhi air a chomunn airson cho math ’sa rinn iad air an ciad oidhirp. A bharrachd air na bha ’san ordugh sheinn Clarence Domhnullach roinn mhath do phuirt bhinne Ghàidhealach air a phiano.
’Nuair a rinn “Comunn an Fhraoich” an cuid fhein, thug an ceann-suidhe slàinte na Gàidhlig agus nan Gàidheal agus ghlaoidh e air Ard-Bhàillidh a bhaile gu freagairt do’n t-shlàinte. Rinn an duin-uasal so òraid speisealta, shnasar ann an cainnt a shinnsridh. ’S duilich leam nach urrainn dhomh a toirt dhuibh uile, ach bha aon ni àraid a dh’aithris e nach bu chòir a leigeil air dio-chuimhne, ’se sin gu’n d’ rugadh agus gun d’àraicheadh ann an uidhe da mhile dhiag do dh’oil-thaigh Antigonish tri easbuigean, ceithir britheamhan, agus moran de dhaoine cliùiteach eile, a h-uile d-aon do shliochd nan Ghàidheal. ’Sin chaidh slainnte Comunn Gàidhealach Antigonish a thogail agus fhreagair A. T. Domhnullach, ceann-suidhe a chomuinn dhi. ’Se fior Ghàidheal a th’ann ’san uasal Domhnullach, agus bruidhnidh e ’Ghàidhlig le mor ghrinneas. An deigh na h-òraide so, a thaitinn gu mor ris gach aon, leugh an t-uasal Iain Domhnullach “Birlinn Chlann-Raonuill.” Bi bhàrdachd i! C’àite faighear a leithid ann an cànain sam bith? Agus gu’n teagamh b’airidh a leughadh air a bhardachd. Cha b’urrainn e gun chòrdadh ri Mac Mhaighstir Alasdair fhéin ged a bhiodh e ’san éisdeachd. Bha i ’nisd a’ fas anamoch. Sheinn a choisir “Air sgàth na laith’n a dh’aom,” agus scaoil a chuideachd an dòchas gun coinnicheach iad a rithist ann an uine gun a bhi fada.
Aonghas.
[Vol . 4. No. 22. p. 7]
Bha cailleach ann roimhe aig an robh da churrachd am muigh air an scaoiltich, agus thainig amadan an rathad agus spion e leis iad; bha ’chailleach ’ga choimhead ach cha do leig i dad orra. An la’r- na-mhàireach dh’iarr i na curraichdean air, ach dh’ àicheidh esan gu’n d’thug e leis iad; ach air do ghille òg a bh’anns a choimhearsnachd so a chluinntinn, chaidh e far an robh e. “Seadh a Challum, nach bu tu a bhéist a dhol a ghoid tri churraichdean na mna-bochda.” “Ach an duirt bradag a tri? cha robh gin ann ach na dha,” arsa Calum, agus leis a sin b’fheudar dha aideachadh gu’n do ghoid e iad; ’s fhuair a chailleach a cuid churraichdean air ais.
Chaidh gille beag le Alasdair Mac Rath anns a’ Bhras d’ Or bheag, aois da bhliadhna, a losgadh gu bás air an darra latha fichead de’n mhios s’a chaidh. Bha a phàrantan a muigh aig an am agus thòisich esan ri lasadh phaipearan ris an teine, agus ghreimich an teine air a chuid aodaich. Nuair thainig a phàrantan a stigh, bha ’aodach ’na lasair timchioll air. Bha an páisde bochd air a losgadh gu dona mu’n aodann ’s mu’n amhaich, agus chaochail e an ceann da latha. Bha dithis eile de’n chloinn bhig a stigh còmhla ris ’nuair a chaidh a losgadh.
Is e faobhar na lainne a tha’n a bhearbhadh air deagh chlaidheamh, agus cha’n e grinneas an dorn-chur, no maise na truaille. Ceart mar sin, cha’n e a’ chuid no a mhaoin a ni duine ’na dhuine mor agus urramach, ach a dheagh ghiulan agus ’fhio rmhaitheas fein.
Fhuair boirionnach ann anLiverpool , N. S.fios o chionn ghoirid gu’n do chaochail a mac ann anGloucester , Mass.Da latha ’n deigh sin fhuair i fios eile, ag innse nach robh e ach ann an nial, agus gu’n do dhùisg e aisde beagan ùine roimh am an tòrraidh.
Cha tig as a phoit ach an toit a bhios innte.
Am meirleach a dh’itheas ’sa dh’ innseas, cha chinnteach am fear comuinn e.
Cha truagh leam cu ’s marag mu amhaich.
Tional nan strabh ’s call nam boitean.
Cha d’fhuair droch bhuannaiche corran riamh.
Is fada theid neach o’n bhaile mu’n toir e droch sgeul dachaidh air fein.
Gille firihnn ’se fas dh’itheadh e mar ’bheileadh brà.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
[Vol . 4. No. 22. p. 8]
ORAN AIR CUAIRT DO DH-AMERICA.
LEIS A CHUBAIR CHOLACH.
Ann an toiseach an fhoghair
Ris a’ chuan thug mi m’ aghaidh le sunnd,
’Dhol a shealltainn an àit’
’S a bheil na measan a fàs a’s feàrr sùgh;
’Dhol a shealltainn nan gillean
A ghabh toiseach na linne a null,
’S a thoirt naigheachd gu ’n càirdean;
’S mar a till mi bidh pàirt diubh ga m’ thùrs’.
’Fhir a chruthaich an saoghal
Is a dh’ òrdaich na daoin’ os a cheann,
Thoir dhuinn soirbheachadh feasgair’
’S sinn a gluasad o’n fheasdraich fo shiùil:
Bi ’gar stiùradh gu cala,
Na leig dhuinn dol a mearachd ’n ar cùrs’;
’N uair a shéideas a ghaoth oirnn,
Dhuits’ tha comasach faochadh ’thoirt dhuinn
Bi mu ’r croinn ’s mu ’r buill-bheairte
Bi mu ’r cùl-stadh mu ’r rachdaibh ’s mu ’r sgòd,
’S gach aon bhall ’tha ’s an àrdraich
A toirt iomrachadh sàbhailt do ’n t-slògh
’Dhol a dh’ ionnsaidh an fhearainn
Anns na dh’ullaich thu cheana dhaibh lòn.—
Bi gach là ad sgéith-dhion’ orra
Dean am faicinn air tìr is air dòigh.
’N uair a chunnaic Thu ’n rioghachd so
Gun dòigh aig daoin’ ìsle air ’bhi beò
Gu ’n do bhrosnaich thu ’n spiorad
’Dhol a dh’ imeachd na linne fo sheòl,
’Dhol a shealltainn na dùthcha
’Chum thu ’m falach ré ùine ro-mhòir,
’S nach bi bochdainn no ganntar
Ged a ruigeadh na th’ ann ’s an Roinn-Eòrp.’
’Nis tha ’n fhàidheadaireachd soilleir
Bha’ measg dhaoin’ o cheann iomadach bliadhn’
Gu ’m biodh ciobhlan a mheanbh-chruidh
Ri bristeadh nan galla-chrann ’s nan cliath.
Chinn na h-uachdarain cosgail
’S tha an tuath air fàs bochd leis a’ mhàl;
’S ann mu ’n caill e ’chuid itich
’Théid gach ian a bhios glic air an t-snàmh.
’Thi a chruthaich gach creutair,
Cha ’n ’eil ni nach bu léir dhuit o thùs;
Tha thu riaghladh an ceartas,
Tha gach uachd’ran fo d’ smachd is gach Prionns’;
Is sàr-bhuachaille treud’ thu,
’S e do ghealladh nach tréig air an cùl;
’S do gach neach ’tha na èiginn
Gu bheil bealach lan-réidh ’s dol a null.
’N uair a dh’ fhalbhas na daoine
Is a chruinnicheas na caoraich mu ’n chrò’
Bidh gach tighearna tìre
Giùlan cromag a’ chìobair ’s a chleòc;
Cha bhi ’m fonn orra b’ àbhaist
’S iad a cunntas a’ mhàil air a’ bhòrd,—
’S ma thig strì air righ Shasuinn
Bheir gach ciobair dha bragsaidh gu leòir.
Ma thig cogadh do ’n rioghachd s’
Thig na Frangaich na ’m miltean a nall
Is bidh amhach righ Deòrsa
Ann an cunnart gu leòir bho ’n cuid lann.
’N uair a dh’ fhalbhas na Gàidheil
Le cion aodaich, is earra is is lòin
’S olc an dion dha na Sas’ naich
Ged robh ’m bronnaichean pacte le feòil.
Nuair a thug a’ chiad Iomhar, Righ Shasuinn, na Cuimrich fo chis, rinn e cuirm mhòr, agus bha cuireadh air a thoirt do na h-uile Bàrd Cuimreach. Chaidh a’ chuid a bu mhò dhiubh a dh’ionnsuidh na cuirme agus nuair a bha iad air an tional agus iad gu sona, suilbhir, an teas-meadhon na cuirme, chaidh na saighdeirean Sasunnech a steach le òrdugh Righ Iomhair, agus mhurt iad na h-uile fear dhiubh. Rinn e mar sin a chionn gu’m b’iadsan a bha ’nan luchd-teagaisg aig an t-sluagh agus a b’àbhuist a bhi teagasg gràdh dùthcha dhaibh. Bhitheadh iad mar an ceudna a’ brosnachadh an t-sluaigh a chum saorsadh an dùthcha a thoirt air ais, agus bha fios gu math aig an righ, cho fada ’sa bhitheadh na bàìrd a’ deanamh an leithid sin, agus a’ cumail suas cànain agus cliù an sinnsear, nach b’urrainn da misneach an t-sluaigh a bhrisdeadh gu leir.
Tha sgeul air innse air duine bh’ann an Grianaig, a bha car as a rian, agus a chuireadh do’n tigh-chaothaich, gle fhada ’n aghaidh a thoile. Beagan laithaichean an deigh dha bhi air e chur ’san dachaidh ùr sin, chuir fear gleidhidh an taighe a mach a chur càil e. Rinn e sin ach an àite ’n càl a chur ceart ’sann a chuir e na barran ’s an ùir ’sna bunan far ’m bu chòir na barran a bhi. Thug fear-gleidhidh an taighe garg aghaidh air ’nuair a chunnaic e an obair, ach b’e ’m freagradh a fhuair e:— “De bhladaireachd a th’ ort mar sin? Ma tha mise gu bhi ann an tigh caothaich, saoil nach feum mi obair duine caothaich a dheanamh. Cha ’n eil mi gu bhi air mo chumail ann an so mar amadan, agus a dol a chur càil mar a chuireadh duine glic e.”
Bha Camshronach agus Caimbeulach a’ stri ri cheile co ’b’urramaiche fine, an uair a fhreagair an Camshronach agus thuirt e, “nach eil fhios agadsa nach teid an Cam-bhial os cionn na Cam-shròn gu bràch.
Taghail aig D. J. Domhnullach, agns faic na brògan agus na cleòcannan bèin a th’aige ri chreic. Tha na cleòcannan gu teirgsinn. Gheobhair deagh bhargain aige daonnan.
Far an taine an amhuiun ’sann is mo is fuaim.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna.
title | Issue 22 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 22. %p |
parent text | Volume 4 |