[Vol . 4. No. 23. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DECEMBER 14, 1895. No. 23.
Tuilleadh mu na Maories.
Tha mi dol a thoirt dhuibh aig an am so tuilleadh eachdraidh an dòighean nam Maories agus tha mi’n dòchas nach bi luchd-leughaidh a MHAC-TALLA fas sgith dhiom. Cha’n eil e ’nam chomas innse gu mean na h-uile car mu’n timchioll; bheireadh e mach cus dhe’n phaipeir. Tha eadar-dhealachadh mor eadar ua seann Mhaories agus an fheadhainn a th’ann anns an latha ’n diugh. Bha iad uile air an roinn ’nan treubhan, agus cinn-fheadhna, Rangatira, thairis air gach treubh, mar a bha na fineachan Gàidhealach o shean, agus bhiodh an ceann-feadhna sin a riaghladh thairis orra anns gach ni a bhuineadh dhaibh. Ann an reic fearainn bha fhocal cho cinnteach ’s nach rachadh e air chor ’sam bith an cois an rud a ghealiadh e. Cha’n eil Maories an latha an diugh mar sin. Tha iad le foghlum agus ionnsachadh a’ cur an cleachadh uile cuilbheartan an duine ghil. Bha na h-aobhair aca: bhiodh na cearnaichean, cuid dhiubh co-dhiu, a’ cur nam biorsamaidean air iomrall le bhi ’g atharrachadh nan cothroman(Weights) ,agus mar sin a toirt a chuir as a Mhaori mar a thogradh iad, an am reic us ceannach, ach tha ’m Maori a nise suas ris a h-uile dòigh meallaidh: agus ma bheir na ceannaichean an car as, bheir esan an car asda-san.
Tha còrr ùs deich bliadhna fichead on chaidh fearann a reic le ceann-féadhna, gun aonta na treibhe gu léir. Mu’n àireamh bhliadhnaichean sin air ais, reic fear dhiubh criomag fhearainn, mu shia ceud acaire, ri fear de luchd-riaghlaidh na dùthcha. An ùine ghoirid thoisich Maori eile air tagairt paidheidh air an fhear a fhuair seilbh air an fhearann, a cumail a mach gu ’m b’ann dhàsan a bhuineadh e. Thoisich an deasbud, agus an deigh sin cogadh, a chosd do’n dùthaibh na ceudan miltean de dh’airgead, agus dh’fhàs moran de na Maories fiadhaich, an deigh dhaibh an cuid fearainn a, chall. Rinn iad an deigh sin, righ dhaibh féin, agus tha iad a nise sitheil a rithist. Tha cùirtean fearainn air an suidheachadh le breitheamhan air an ceann a tha eolach air sinnsireachd nam Maoreis. Bi’dh na cùirtean so ’nan suidhe bho àm gu àm nuair a bhios fearann ri reic, agus bi mòran sluaigh a cruinneachadh. Cha téid ploc fearainn a reic gus an aontaich iad uile ris. Bi’dh luchd-lagha a’ frithealadh nan cùirtean, air son còirichean nam Maories a dhion, agus ’se glé bheag a bhios a’ tigh’n dh’n ionnsuidh nam Maories ’nuair a gheobh iadsan an cuid fhéin. Tha na breitheamhan agus na daoin’ urramach a tha sealltuinn an deigh gnothuichean nam Maories ’nan daoine le gibhtean àraidh tha freagarrach dhaibh, cuid dhiubh a rinn iad féin ainmeachadh. Feumaidh iad a bhi cruaidh, ceart, agus seasmhach, le moran foighidin agus ceannsachadh droch nàdair, buadhannan a tha ainneamh ri ’m faotainn. Tha na Maories neo-chumanta gleusda agus deas-blriathrach; cumaidh iad suas deasbud gun lasachadh. Tha iad glé gheur gu toirt fa-near laigse sam bith a bhios anns an duine ris am bi iad a’ deanamh gnothuich, agus gabhaidh iad uile ’n cothrom air. Tha iad glé shuilbhearra, agus bheir iad deagh chrathadh-laimhe do’n duine gheal ’nuair a thachras iad air, agus cuiridh iad fàilte air leis an fhacal. “Tenakoe, ”aig am bheil an aon bhrigh ’sa th’ aig an fhacal, “Failt oirbh,” anns a Ghàilig. Eadar iad féin, an àite crathadh làimhe ’s ann o shuathas iad an srònan ri cheile; ge ’r bith càite ’n tachair iad air a chéile, air sraid a bhaile mhoir no’n àit eile, seasaidh na h-uile h-aon dhiubh ’nan sreith, gun ghluasad, gus an cuir gach aon dhiubh fàilt air gach aon eile le ’shròn a shuathadh ri a shròinan-san. Ma tha iad glé fhada gun a chéile fhaicinn, no ma tha iad càirdeach, bidh na srònan air an cumail ri chéile beagan ni’s fhaide, agus crònan beag agus gal air a chumail suas fad na h-ùnie. Chunnaic mi daoin-uaisle bha measail aig na Maories a cur fàilte orra air an dòigh so. Bha mi fhéin ris a’ chleachdadh so cuideachd; bha Maories a’ fuireach faisg orm a bha glé chàirdeil agus daimheil, agus ’nuair a choinnicheamaid, shuathamaid ar srònan ri chéile, na mnathan cho math ris na fir, boirionnaich bhriagha, mheal-shuileach, a thaisbeanadh gu sèimh caoimhneas an cridhe ann an seana cleachdadh an dùthcha. Cha’n eil na Maories idir math air leigheas euslaintean; cha’n eil tuigse sam bith aca air an aire tha neach a bhios tinn ag iarraidh. Tha na bothain anns am bi iad a comhnuidh air an tubhadh gu dionach, agus gun fhosgladh de sheòrsa sam bith aca ach an dorus. Bi’dh iad ’g am bruich leis a bhlàths anns na bothain sin agus theid a mach air son fionnachd. Gabhaidh iad an sin fuachd, cnatan, no tinneas-cléibhe. ’Nuair a dh’fhàsas duine ro thinn, ’s gann a theid oidhearp sam bith a thoirt air a leigheas; bidh iad an dùil gur buitseachd a th’air. Ni an sagart(Tohunga) , ’ùngadh, agus theid an sin a ghiulan gu uaimh no toll sam bith am measg nan creagan, far am faigh an duine bochd bàs.
Iain Rothach.
Gléidh do mhisneach le deagh rùinte ’nad chridhe. Gabh tlachd ann an comunn nan càirdean a’s dillse dhuit. Anns gach toil-inntinn bi stuama. Bi do ghnath glic agus cùramach ’nad gnothuchaibh ri muinntir eile, —seasmhach ’nad gheallannaibh, ma’s miannach leat suaimhneas agus fois. Na labhair gu h-olc mu neach sam bith air a mhiosad. Buin ri t-eascaraid le siobhlatachd, agus druid do chluasan an aghaidh gach droch sgéil.
[Vol . 4. No. 23. p. 2]
ORAID
A liubhair an t-Ollamh Niall Mac-na-h- Innse, ann an Lochiall, Ontario.
B’ àbhaist do bhàird no do fhilidhean na Féinne anns na linntean a tha fad air chùl, a bhi ’creidsinn anns an eòlas beag air nithean spioradail a bha aca, gu robh an sinnsirean ’n an ciar thalla ann an ceò doilleir nan neul, a’ sealltuinn do ghnàth a nuas orra, ’s ’g am brosnachadh a bhi duineil, measail, sgiobalta, anns gach gniomh is gàbhadh us cunnart. Nach fhaod sinn a nochd a bhi ’smuaineachadh gu bheil spioradan nan Gàidheal a rinn euchdan cho mora ann an Lochiall anns na làithean a dh’ aom, ag amharc a nuas oirnn le tlachd us le toileachas domhainn air a’ chlach-chuimhne ealanta ’chuir an clann suas a chum meas us onair a thabhairt do chuimhne ’s do bhuaidhean lionmhor nan Gàidheal, a bha eudmhor, measail, sùrdail, ann an Lochiall. Tha ’n sean-fhacal ag radh mu dheibhinn nan laoch us nan sonn a bha dileas ann an stri nan lann, “Co nach cuireadh clach ’nan càrn?” Their sinn, uile co nach cuireadh clach ann an càrnnan Gàidheal dhichiollach, dhùrachdach, thoilichte a leag le neart an gàirdean craobhan garbha ’s àrda bhaile so, agus le iomadh Bee-Roillickigh a loisg le dragh nach robh suarach, le dealas a bha easguidh gach moch ’s gach anmoch, na craobhan tiugha, meurach, agus a dheasaich ionadan comhnuidh agus teachd-an-tir shubhailceach, onorach daibh féin agus d’ an clann. Tha briathran tiamhaidh an Ollaimh Mac Lachuinn, am bàrd milis, gleusda ’bhuineas do ’r linn féin, freagarrach gu leòr mu dheibhinn nan gleann ’s nan aonaichean anns an d’ rugadh na Gàidheil a thainig do Lochiall bha fhonn an fhraoich ghaganach, bhadanach, bhòidheach.
“A ghlinn ud shios, a ghlinn ud shios,
Gur trom an diugh mo shùil,
A’ dearcadh air le ’lagan àigh,
Mar b’ àbhaist dhaibh o thùs,
Tha spreidh ag ionaltradh air do mhagh
Na caoraich air do raon,
Tha churra ’g iasgach air do thràigh,
’S an fhaoileann air a’ chaol.
O c’àit am bheil gach caraid gaoil,
Bu chaomh leam air do learg,
A chuireadh fàilte orm le tlachd
Us beannachd leam a’ falbh?
Tha chuid a’s modha dhiubh anns an ùir,
’S an t-iarmad fada uainn;
Dh’ fhàg mise am aonaran an so,
’N am choigreach nochte truagh.”
Agus ma bheir sinn géill do bhàrd Sheallama nam beusan ciùin ’s nan caomh dhan, creididh sinn gur e iarrtus dùrachdach nan Gàidheal a tha ann an suaimhneas a’ bhàis anns a’ bhaile so, nam bitheadh comas aca air am beachdan ’s an comhairlean a chur an géill, gu’m bitheadh na Gàidheil a chuir an òrdugh a chlach-chuimhne eireachdail so, a leantuinn daonnan le cridheachan suilbhir, treubh achàrdanach, ris gach ni a’s fhearr, a’s measarra, ’s a’s motha tlàths us buannachd ann an cliù, ’s ann an stòldachd, ’s an eachdraidh nan daoine geamnuidh, gaisgeil bho’n d’ thàinig iad.
Ged nach eil Canada ach òg ann an coimeas ri Rioghachdan uaibhreach, làidir, na Roinn Eòrpa, b’ eigin di iomadh cunnart eagalach a sheasamh, agus fuil a mic a dhòrtadh airson a còirean ’sa saorsa ’dhion bho’n nàmhaid fhuileachdach, gharg. Dhearbh Gàidheil Ghlinne-garaidh, agus Gàidheil Lochiall maille ri càch, ann an cogadh no dha, agus air iomadh blàr, gu bheil gairdean nan Gaidheal anns an dùthaich so fathast foghainteach, neartmhor, agus ealamh, agus gu bheil fior-fhuil nan sonn a chiosnaich Bonaparte, fathast blàth us glan ann an cridheachan Gàidheil na siorramachd so, Gàidheil a thug dearbhadh diongmhalta cheana, gu bheil, agus gu’n urrainn daibh, a bhi gach àm mearganta us mileanta ann an stri nan lann air machair ’us faiche ’n àir. Ma bhitheas feum air iomchair nan claidheamh us an sleagh anns an aimsir a tha ri teachd, nochdaidh iad gu’n dean iad ann an trusgan ciar a’ chomhraig ann an àm liodairt nan lann ’s nan clogaidean, onoir do na Gàidheil bho’n d’ thainig iad—Gàidheil a bha ciùin am feadh a bha sith air gach sliabh us tràigh us aonach, agus a bha calma, cosgarra an uair a thogadh an nàmhaid a ghuth gu dàna, tàireil.
Agus a nise focal no dha mu na Ghàelig—mu na chainnt aosmhor thapaidh a labhair laoich na h-Alba—laoich nach b’ urrainn na Ròmanaich leis gach feachd us feart anabarrach, iomraiteach, a bhuineadh daibh, riamh a chiosnachadh. Ged a thug iad buaidh aig bhlàr cogaidh air Galgacus, an Gàidheal gagach, cha do striochd na Gàidheil riamh do Iompairean uaibhreach na Ròimhe. A’ cheud uair a bha mi anns a’ bhaile so, dh’ innis cuid eiginn domh nach robh ach tri no ceithir de theaghlaichean ann an Lochiall nach robh ’labhairt na Gàelig. Cha ruig sinn a leas nàire no rughadh gruaidh a bhi òrinn mu dheibhinn na Gàelig, oir bha i deas-labhrach, fileanta, agus còinneach nan làithean liatha m’a timchioll mu’n deachaidh tulgainn a dheanamh air creathall Beurla no Fraingeis. Tha na bàird Ghàidhealach le briathran dealbhach, fonnmhor, a’ deanamh luaidh air meas us morchuis na Gàelig. Tha Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair ag radh:
“Gur i ’labhair Adhamh ann am Pàrras féin;
’S bu shiubhlach Gàelig o bheul aluinn Eubh,
Bha ’Ghàelig ullamh, ’na gloir fior ghuineach cruaidh
Air feadh a chruinne mu’n thuilich an Tuil Ruadh,
Mhair i fòs ’s cha teid a glòir air chall,
Dh’ aindeoin go us mi-run mor nan Gall.”
Tha Donnacha Ban Mac-an-t- Saoir, bàrd oirdheric, aiginneach, Ghlinn Urchaidh ag radh le moran toileachas us cinnte, “Gur i ’Ghàelig an labhairt phriseil chùramach a rinn cùmhnanta ri Adhamh; gur i ’bu chainnt do Noah an am seòladh anns an airce; gur i fhuair maighstireachd an uair a sgaoil na cainntean aig Tùr an aimhleidh mhòir.” Tha gu cinnteach an sgeula ’nis sean us searbh—oir chaidh iomadh linn seachad o’n thòisich e air a bhi air aithris—gu robh agus gu bheil a’ Ghaelig ann am feasgair a treòir ’sa làithean; gu bheil i euslainteach agus aig ceann uidhe a turuis, agus gu feum i ann an ùine ghearr an deò deireannach a thoirt suas, us àite tosdach a ghabhail ann an ciste nam marbh, agus a bhi air a tasgaidh anns an ùir taobh ri taobh ris na Gàidheil a labhair i, ’sa bha misneachail cliùiteach ’nan latha ’s nan inbhe féin. Thainig agus dh’ fhalbh iomadh geamhradh agus samhradh us sneachd us uisge, us fuachd us teas, us grian us gealach, o’n thòisich luchd mi-run air a bhi ’g radh, gu robh a Ghàelig breòite, truagh, agus gu robh i ’g imeachd le ceum deifireach a dh’ ionnsuidh na h-uaighe. Ach tha Ghàelig beò, beathail, sunndach fhathast, ann an Lochiall agus ann an
[Vol . 4. No. 23. p. 3]
iomadh àite ’s ceàrna eile. Tha freumh bunaiteach aice ann an tir nan gleann ’s nam breacan. Tha iomadh comunn air feadh na h-Albha ag altum spéis bhlath us dhomhainn di ’s a deanamh moran stri us tapaidh as a leth. Tha i ’fàs ’na faillean fiùranach anns na h-Innsean, ann an Australia, ann an America tuath us deas. Is lionmhor iadsan ann an Canada ’tha àrd us cumhachdach air feadh na dùthcha, a tha gle phròiseil gur Gàidheil a tha annta, agus gu bheil comas aca air cànain Oisein, bàrd Sheallama nam feart, a labhairt gu furasda, gu pougail, agus gu ceòlmhar. Is ann da rireadh a tha ’Ghàilig aig an àm so ’g ath-nuadhachadh a h-òige, ’s a cur sòbhraichean us neòineanan dreachmhor ann an suaicheantas a cinn ’sa maise. Ruithidh moran Gàidheil an cuairt thalmhaidh ann an Lochiall mu’n teid an fhòd ghorm a chur gu bràth air uchd leathann làidir uasal na Gàelig. Is ro mhath, mata, tha Niall Mac Leòid, am Bàrd Sgiathanach a seinn.
“Duisg suas, a Ghàelig ’s tog do ghuth
Na biodh ort geillt no sgaig:
Tha ciadan mile dileas duit,
Nach diobair thu ’s a’ bhlar.
Cho fad ’s a shiubhlas uillt le sruth
’S a bhuaileas tuinn air traigh,
Cha’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gu’n teid do chur gu bas.
Cha’n eol dhuinn cearna an ear no ’n iar
No fonn mu’n iadh an sàl,
Nach fhaighear cuid an suid de’n àl
A’ liadachadh ’s a’ fas
’Tha ’g altrum suas le durachd dhian
Gach sgialachd agus dàn
A bhiodh an sinnsirean a’ sniomh
An tir nan sliabh ’s nam bagh.
Tha dochas mor ’us deothasach agam gu’n tig as dachaidhean fhaoilidh Lochiall anns na laithean nach fhaic sinne, iomadh Gàidheal a ni ainm mor ’us measail da fein ann an parlamaidean ’us oil-thighean ar duthcha. Tha dochas laidir agam gu bi Gàidheil Lochiall le moran suird us eolais a’ cur gu buil ghasda mar thuathanaich nan achaidhean farsuing, comhnard, beartach a chi mi air gach taobh dhiom. Is e mo bheachd nach ’eil ann an Canada gu leir beatha a’s modha sonais us toilinntinn, a’s fhearr agus a’s fallaine, na beatha ’s saothair an Tuathanaich. Tha dochas mor ’us cinnteach agam, mar anns na laithean a bha’s a dh’ aom, gu’n eirich agus gum bi ann an Lochiall anns na bliadhnachan a tha ri teachd, iomadh nighean agus boirionnach malda, seimh, sunndach, sgiamhach, a chum as suas ainm ’us cliu ’us beusan nam ban Gàidhealach anns gach linn ’us tir.
Do gach sean-athair ’us sean-mhathair, do gach mac ’us nighean Gàidhealach ann am baile ainmeil Lochiall, tha mi ’toirt mo mhile beannachd, an la chi ’s nach fhaic
Bha aig an taillear gille og, ris an abair sinn Cailein, ag ionnsachadh a cheird agus cha ’n iarradh Donnachadh n’a b’ fhearr na bhi a’ toirt a’ char á Cailein agus a’ cur ghnothuichean neo-chomasach mar fhiachadh air; agus sin uile gun urad agus smeideadh gaire a dheanamh. Air latha araidh fhuair an taillear fios cabhaig gu dol a dh’obair do thigh an tuathanaich ann am Bealach-na-mona. Bha iomradh am fad ’s am farsuingeachd feadh an duthcha gu ’n robh buidseachas air an tigh, agus a mach o ’n taillear fhein agus h-aon no dha eile cha robh a’ bheag d’am b’ aithne an t-aite nach robh a’ toirt lan gheill do ’n bhiubhas. Ma bha buidsichean an aite sam bith eadar Maol-chinntire agus Barra bha iad ann am Bealach-na mona. Theireadh duine gu’n robh e air a dheanamh air an son, —aite uaigealta, fasail, air a chuairteachadh le boglaichean ’s le criathraichean ris an deanadh cridhe nan doideagan ’s nan glaistigean teòisinn. Ach cha ’n e mhain gu’n robh Bealach-na-mona coltach ri aite a thàladh an leithidean so, agus a bha anns gach doigh freagarrach air son an uabgan ’s an iopannan a chur an gniomh, —bha gu leoir de dhaoine ’s a’ choimhearsnachd a bheireadh am boidean ’s am mionnan gu ’m fac’ iad fein agus gu ’n d’ fhairich iad cuid d’ an droch chleasachd an àm a bhi ’gabhail an rathaid chuil, anmoch a dh-oidhche, eadar Tigh-an triubhais agus an Caolas. Co nach cuala mar a lobair ’s a liodair ’s a mhi-ghnathaich iad an Drobhair Mor, uair a bha e ’tilleadh dhachaidh anmoch á Tigh-an triubhais, an deigh a bhi fad an latha air Faidhir a Chlachain? Cha d’ fhuair e os a chionn gus an latha ’n diugh, agus tha e ag radh nach gabhadh e an saoghal agus dol air ’ais leis fein a rithist air an rathad cheudna, eadhon ann an geal an la sholuis!
Bha lan fhios aig gille an tailleir mar a thachair do’n Drobhair Mhor agus do iomadh aon eile, ’s cha chluinneadh e an t-iomradh a bu lugha air dol a choir an tighe. Thuirt e gu ’m faodadh an taillear dol ann ma bha e gun suim, gun churam d’a bheatha; ach air a shonsan ged a bhiodh a’ h-uile snathain aodaich ann am Bealach-na-mona air a chaitheadh ’n a luideagan, agus a’ h-uile duine gun snichdean a chuireadh iad m’ an cuirp, nach rachadh esan a dh-obair ann, nach laidheadh, agus idir, idir, nach caidleadh e oidhche ’s an tigh. Dh’ fheuch an taillear an da chuid le durachd agus le fochaid air a chur bharr a bheachd, agus theab ’s gu ’m fairtlicheadh air; ach mu dheireadh, chuir e iompaidh air Cailein gu dol leis, agus moch air maduinn an ath latha thog iad orra, —an taillear gu togarrach sunndach, ach Cailein bochd, lan géilt agus amharuis.
Air feasgar a’ chiad latha, rinn Donnachadh-taillear guth air mac an tuathanaich; dh’ innis e dha an t-eagal a bha air Cailein roimh na buidsichean, agus thuirt e ris e ’dhol fo ’n leabaidh anns an robh esan agus Cailein ri cadal, agus an uair a bhiodh iad direach dol a thuiteam ’n an cadal, e ’chur a dhroma fo urlar na leapach agus a togail a suas uair no dha a chur eagail air Cailein. Cha d’ iarr mac an tuathanaich na b’ fhearr, agus goirid m’an do ghabh an taillear agus Cailein mu thamh, chaidh e air a mhagan fo ’n leabaidh agus rinn e deas airson a’ ghnothuich. An deigh dol a laidhe, —an taillear air an taobh-beol agus Cailein air an taobh-cuil—cha robh ’shaod air Cailein gu ’n caidleadh e idir ach a’ sior-bhruidhinn air buidsichean, agus an taillear, ma b’ fhior e fein, a’ magadh air airson a bhi cho faoin. “Caidil,” ars’ an taillear, mu dheireadh, “tha mi seachd sgith dhiot fein agus de d’ bhuidsichean, —cha chreid mi gu’m bheil an leithid idir ann gus am faic no ’m fairich mi iad.” Thionndaidh an taillear a chulaobh ri Cailein, a thug osann throm as, agus shocruich iad iad fein airson cadail. Is gann a neadaich iad an cinn anns na cluasgan, an uair a mhothaich Cailein an leabaidh ag eiridh suas fodha mar gu’m biodh crith-thalmhainn ann. “Ni-math g’ar teasraiginn, sin iad!” ars’ esan, ’s e ’toirt leum-buic a nunn air meadhon an urlair,— “nach d’ thuirt mi ribh gu’n robh buidsichean ann.” Cha b’ urrainn do ’n fhear a bha fo ’n leabaidh cumail air fhein; rinn e glag gaire, agus ma rinn, rinn an taillear. Bha Cailein bochd fo leithid de bhalla-chrith ’s nach b’ urrainn da toiseachadh leotha no tlachd a ghabhail anns an spurt ged a chunnaig e ciod a b’ aobhar dhi. Ged nach do chaidil e moran an oidhche sin, dh’ aidich e gu’n do chuir cleas an tailleir—oillteil ’s mar a bha e, —gu buileach as a cheann, o’n latha sin, gach creideamh ann an buidseachas, gisreagan agus a’ h-uile gne shaobh-chrabhaidh.
MAC-MHARCUIS.
[Vol . 4. No. 23. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, DECEMBER 14, 1895
Tha duine do’n ainm Aubray ann am baile Hull, an Ontario, agus bha e treis a dh’uine na àrd bhaillidh(Mayor)air a bhaile. Dhearbh e an ùine ghoirid nach b’airidh e air an dreuchd anns ’n do chuireadh e, oir reic e e-fhein mar gu’m b’eadh, ri feadhain eile air son buannachd shalach a chur ’na rathad fhéin. Chuireadh ’san lagh e, agus a nise tha chùirt an deigh a dhùnadh a mach ri bheò o gach oifig agus dreuchd ’san dùthaich, agus a bharrachd air a sin tha càin mhor aige ri phàigheadh. Cha’n eil teagamh uach saoil cuid gu robhas tuilleadh us cruaidh air, ach nuair a bhios duine cho suarach ’s gu’n cuir e cùl ris a cheart an deigh do dhaoine a chur an dreuchd earbsach cha’n eil peanaiste sam bith tuilleadh us mor dha.
Tha na Staitean aig an àm so a’ deanamh moran bruidhne an aghaidh Bhreatuinn. Tha Breatuinn o chionn reis a dh’ uine ann an aimhreit ri Venezuela, comh-fhlaitheachd bheag ann an ceann a deas America. Tha mir fearainn aig Breatuinn ri taobh Venezuela, agus tha stiall dhe’n fhearann a tha mu’n chrich a tha eatorra, mu nach urrainn dhaibh còrdadh. Tha Venezuela ’ga agairt ’s tha Breatuinn ’ga agairt. A bharrachd air sin, rinn saighdearan Venezuela eucair air cuid de na Breatunnaich, agus tha Breatuinn air son tòrachd sin a thoirt a mach. Ach a nise tha na Stàitean air son a dhol ’san eadraiginn, agus b’ àil leatha Breatuinn fuireach cuibhteas Venezuela gu buileach. Tha cuid de dhaoine mora nan Stàitean eadhon air son a dhol a chogadh ri Breatuinn mu’n chùis, ach cha’n eil e ro-choltach gu’m bi a’ chuid mhor cho amaideach ’s gu’n dean iad a leithid sin. ’S gann a chreideas sinn gu’m bi na Stàitean cho fior ghòrach ’s gu’n teid iad a dhòrtadh fala air son ni cho beag agus cho fada uapa féin.
MUINNTIR ARMENIA: —Bidh truas aig na Gàidheil, mar gheibhear feadh an t-saoghail gu léir, ris na h-Armenianaich bhochd ’nan geur-fhulangais aig làmhan an Turcaich mhosaich. A dh’aindeoin na chaidh a ràdh ris leis an Fhraing, le Russia, is le Breatunn, tha an obair oilteil a’ dol air a h-aghaidh, mnathan air an salachadh, clann air an reubadh, is fir air am mort ’sam marbhadh. Tha dachaidhean nan daoine bochd so air an sgrios; ’s tha iad air am fàgail gun chuid is gun nì. Chithear iad ann an creuchdan is ann am bochdainn ’s na coilltean is ann an sgoltaibh nam beann. Is e rùn an Turcaich cur as daibh uile mu’m faigh uachdranachd na h-Eòrpa cothrom air an Turcach éigneachadh a mach as a’ bhrùitealachd is a’ mhuirt a bhuineas d’a ainm anns na laithibh so. Air an t-seachdain so féin tha sgeul ùr air teachd gu’n do thòisich mort fiadhaich ann an ceàrn eile do Armenia; agus theagamh gu’m feum an dùthaich so an làmh làidir fhaicinn mu’m bi an gnothuch air a chriochnachadh. —Oban Times.
Bha iad a taghadh fir-pàrlamaid ann an siorrachd Ontario a tuath Dior-daoin. Bha triùir a ruith; fhuair Mac Gillebhràth, anconservativea stigh, le barrachd mor bhòtaichean sa fhuair gin de chàch.
Tha D. J. Domhnullach a reic bathair glé shaor aig an àm so. ’S math a b’ fhiach dhuit taghal aige.
ThaMr . W. H. Watson,a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean a deanamh gnothuich ann am Baddeck, a nise ann an Sibni. Chithear sanas uaithe anns a phaipeir so. Tha Mr. Watson mar an ceudna a’ cumail tigh bòrdaidh.
Tha an geamhradh air tighinn, ’s tha ’n latha ’sior fhàs goirid. Tha a ghrian an drasda ’dol fodha beagan mhionaidean an deigh ceithir. ’Se Di-sathairne s’a tighinn an latha ’s giorra dhe’n bhliadhna.
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 23. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh fear Daibhidh Howie, a mhuinntir Westville, N. S., mharbhadh air an t-seachdain s’a chaidh le urchair gunna. Bha an urchair air a losgadh le fear eile a bha mach a’ sealg chearcan-tomain.
Chaidh moose geal a mharbhadh ann an cearna de Stàit Maine o chionn ghoirid. ’Si an aon mhoose gheal a chaidh a mharbhadh riamh an criochan na Stàite, air am bheil cùnntas; cha’n eil ach iomradh glè ainneamh air aon dhiubh a bhi geal ann an àite sam bìth.
Chaidh soitheach-smùide a mhuinntir Newfoundland air tir faisg air beul acarsaid Louisburg ’sa mhaduinn Di-domhnaich, agus chaidh a bristeadh. Chaill i na siuil anns an stoirm Di-haoine roimhe sin, agus chaidh an acfhuinn cearr air chor ’s nach gabhadh i stiuireadh. Bha da mhile ’s coig ceud ceantal de throsg aice air bòrd.
Bha tagradh air a chur gu luchd-riaghlaidh na dùthcha ag guidhe gu’m biodh a bheatha air a leigeadh le Shortis, a tha air a dhiteadh gu bàs air son mort a rinn e ann a Valleyfield, an Cuibeic, ach dhiult an luchd-riaghlaidh gnothuch a ghabhail ris a chàs idir. Tha Shortis ri bhi air a chrochadh air an darra latha dhe’n bhliadhn ùir.
Chaidh fear Uilleam Mac Mhuirich, ann an Toronto, a chur do’n tigh-oibreach an la roimhe air son sabhal a chur ’na theine. Bhuineadh an sabhal do’n fhear a bha posda aig a dhalta. Dh’ fhàg bean Mhic Mhuirich e, agus chaidh i dh’ fhuireach còmhla ri h-ighinn, agus ’s ann mar dhioghaltas air son sin a chuir esan teine ri sabhal an fhir eile.
Tha sinn an dòchas gu’n dean luchd-gabhail a MHAC-TALLA, iadsan nach do phàigh fhathast, an dichioll air na th’aca ri phaigheadh a chur ugainn eadar so us Bliadhn’ Ur. Tha moran airgeid a dhith oirnn air son gnothuichean a chur ceart aig ceann na bliadhna: ma ni an luchd-gabhail an dleasanas. theid againne air ar dleasnas féin a dheanamh, agus mur dean iadsan sin, cha’n urrainn dhuinne ar cuid fein a dheanamh. Is ni beag dolair, ach ma nithear moran dhiubh a chur cruinn ni iad feum. Cluinneamaid bho ar càirdean.
Thainig ceud stoirm a gheamhraidh oirnn feasgar Di-ciaduin s’a chaidh, agus lean i fad cheithir uairean fichead. Thòisich i le fuachd ’s le cur us cathadh. Shil cnap math sneachda, na dheanadh deagh ròidean mur biòdh an cathadh a dh’ fhàg a chuid mhor dhe’n talamh rùisgte. Bha citheachan cho domhain air an rathad-iaruinn eadar so us Louisburg ’s gu’n do chuireadh stad air a charbad ann an Catalone ’sa mhaduinn Dior-daoin, ’s b’ fheudar dha tilleadh gu Louisburg. Sguab a mhuir air falbh pios dhe’n rathad-iaruinn cheudna aig Gut Mhira, rud a chum an carbad gun a dhol thairis air fad latha no dha. Gus a so cha’n fhaca sinn ach fras no dha de shneachd an taobh so, agus mar sin cha’n eil aobhar gearain againn.
Bha’n stoirm a bh’againn an so Di-ciaduin ’s Dior-daoin gle thron air cladaichean St. Pierre. Bha tri soithichean air am bristeadh air na creagan, ach chaidh na daoine bh’air bòrd a shàbhaladh.
Tha MAC-TALLA latha air deireadh, air an t-seachdain so. Cheannaich sinn inneal chlo-bhualaidh dhuinn fèin, agus eadar a cur a stigh sa cur a dh’ obair, chuir i sinn latha air deireadh. Tha MAC-TALLA nise air a chlo-bhualadh gu buileach ’na thigh fhéìn, agus tha sinn an dòchas nach misde an luchd-leughaidh sin. Mar a tuirt an dall, “Chi sinn.”
Fhuair Uilleam Cadman, ann an Lunnuinn, Ontario, seachd bliadhna dhe’n tigh oibreach an la roimhe air son e bhi pòsda tuilleadh ’sa chòir. Phòs e an toiseach anns a’ bhliadhna 1870, agus uaithe sin phòs e seachd mnathan, agus tha chuid a’s motba dhiubh beò fhathast. Taa tri duine fichead cloinne aige. Bha cuid de na mnathan beairteach nuair a phòs e iad, ach cha robh iad mar sin fada.
Tha da theaghlach a fuireach anns an aon tigh ann am baile St. John, agus tha nighean bheag anns an darra teaghlach. Aon fheasgar o chionn ghoirid, thainig fear an teaghlaich eile dhachaidh agus aghaidh-choimheach air. Chunnaic an te bheag e, ’s ghabh i leithid a dh’eagal roimhe ’s gu robh i air a bualadh balbh. Cha do labhair i facal uaithe sin, agus tha choltas oirre gu bheil i beagan as a rian.
Air an t-seachdain s’a chaidh dh’ fhas bantrach ann am Pitsburg, Pa., tinn, agus bha i sior dhol na bu mhiosa, fad dha no tri lathaichean, agus an sin a reir gach coltais chaochail i. Rinneadh na h-uile ullachadh’ air son a tiodhlacadh, ach direach ’nuair a bhatar a dol a dhunadh na ciste, dh’ fhosgail i a sùilean, agus sheall i mu ’n cuairt. Chuireadh fios air dotair, agus fhuair esan gu robh i beò, agus a nise tha choltas oirre gu’n teid i ni’s fhearr.
Tha muinntir a Bhras d’ Oir Bhig agus na Mèinne Tuath ag iarraidh an rathad iaruinn a bhi air a thoirt ’gan ionnsuidh, agus bha coinneamh mhor aca mu dheobhainn aig a Mèhinn a sheachdain gus an dé. Tha iad air son an rathad a thighinn mu ’n cuairt am Bras d’ Or Beag ’sa Mheinn an àite e bhi dol troimh na coilltean faisg air Amhuinn Sheòrais, far nach eil ach gann duine gu feum a chur air. Tha iad ag radh mar an ceudna nach deanadh sin an rathad a bheag sam bith ni b’ fhaide na tha e.
Tha muinntir Halifax a’ cur mu dheobhainn càrn chuimhne a chur suas do’n Onarach Ioseph Howe. B’e Howe aon de na daoine bu tapaidhe ’sa b’ fhearr dha dhùthaich a dh’ araich Nobha Scotia riamh. Bha e àireamh mhor bliadhnaicheah na Phriomhair anns a Phàrlamaid, agus aig àm a bhàis b’e Riaghladair na mor-roinne. Bi’dh ’ainm agus cliù air anns an dùthaich so fad iomadh linn ri tighinn, agus tha e gle iomchuidh gu’m càrn-chuimhne air a chur suas dha, cha’n biodh ann a mhàin le muinntir Halifacs, ach le muinntir na mor-roinne air fad.
Caradh Uaireadairean
fad an da mhios s’a tighinn.
GLANADH $0 .60
MAINSPRING .60
AN DA CHUID 1.10
Agus theid mi ’n urras air gach obair a ni mi.
W . H. WATSON.
Sidni, C. B.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 23. p. 6]
RIONNAGAN EARBALLACH.
Anns na h-earranaibh a chaidh air thoiseach rinn sinn dichioll air cunntas a thoirt air a’ ghrein, agus air na reultaibh agus gealaichibh a ta ’g a cuairteachadh. Nochd sinn meud, astar, agus gluasad nan reult mu thimchioll na greine, agus gach buaidh eile is fios duinn a tha dluth-cheangailte riu. Chunnaic sinn gu’m beil an talamh agus na reultan eile a’ siubhal ann an cearcallaibh mu thimchioll na greine, agus gu’m beil iad a’ criochnachadh an cuairtean ann an amannaibh suidhichte, a ta ’deanamh suas am bliadhnaichean doibh fa-leth. Tha na nithe so uile, uime sin, iongantach annta fein, agus is dall agus neo-mhothachail an neach sin do nach leoir iad chum cumhachd agus gliocas miorbhuileach an Ti sin a dheanamh soilleir, “Aig am beil a shlighe ’san fhairge, agus a cheumanna anns na h-uisgeachaibh mora.”
Tha gach reult a dh’ainmich sinn ri’m faicinn o’n talamh ann an ait air bith da’n cuairtibh, agus tha iad gu leir a’ siubhal mu thimchioll na greine ann an cearcallaibh, no air slighibh a tha dluth air a bhi gu h-iomlan cruinn. Ach tha meallan nor soillseach eile ’gan nochdadh fein air amannaibh anns na speuraibh a ta gu h-iomlan eu-cosmhuil ri h-aon air bith a dh’ainmhicheadh, thaobh an gluasaid, an nadair, agus an coslais. Is iad so na Rionnagan-earballach a chithear air amannaibh araidh leis an t-snil luim. Tha na h-earbuill so soilleir mar lasair theine, agus a ghnath a’ dol a mach o na rionnagaibh sin air an taobh a’s fhaide dhiubh o’n ghrein. Tha iad ’a gluasad ann an cuairtibh nach ’eil idir cruinn; oir tha na cuairtean sin air an deanamh ann an cearcallaibh fada, cumhann, a ta ’sineadh a mach air feadh farsuingeachd na cruitheachd. Air an aobhar sin, cha’n fhaicear na rionnagan teinteach so, ach car beagan sheachduinean an uair a thig iad am fagus do’n ghrein. Le luathas do-thuigsinn tha iad a’ siubhal a mach ann an gorm-astar nan speur, agus a’ pilleadh air an ais a ris ’nan amannaibh suidhichte fein. Is miorbhuileach na rionnagan so, à thaobh gach buaidh a bhuineas doibh. Tha iad a’ greasad air an slighibh fein le luathas do-thuigsinn, agus a’ siubhal air an aghaidh air feadh slighean nan reult eile air an d’rinn sinn cheana iomradh; agus tha iad air an suidheachadh co cothromach agus co h-eagnuidh is nach buail iad air aon a’ cheile. Cha’n urrainn teallanaich a dheanamh mach gu cinnteach ciod an stubh dhe’m beil na rionnagan cearbach so air an deanamh suas. Tha cuid anns a bharail gur peileirean cruinn teine iad, agus gur lasair an t-earbull aca, a ta ’ga shineadh fein a mach co fada, a thaobh an luathais leis am beil iad a suibhal. Tha cuid eile an duil gur meallan cruinn talmhainn iad cosmhuil ris na reultaibh, agus gu’m beil iad air an cuairteachadh le adhar teinnteach agus soillseach a ta ’ga sgaoileadh fein nan deigh, agus a’ nochdadh coslais earbuill. An toiseach chithear iad anabarrach beag leis na gloineachaibh-amhairc; ach an uair a dluthaicheas iad a stigh ris a’ ghrein, tha iad a fàs ni’s mo, agus ni’s dealraiche, agus air uairibh, tha sealladh aluinn agus soilleir r’a fhaotainn diubh. Air do na slighibh aig na rionnagaibh iongantach so a bhi co anabarrach fada agus farsuing, rinn an teallsanach Newton a mach gu’m bheil iad a’ siubhal air feadh nan speur, aig astar moran ni’s fhaide air falbh na iomall cuairte Uranuis, agus gum bheil iad a ris air uairibh a’ teachd air an taobh a stigh de chuairtibh Bhenuis agus Mhars. Chunncas rionnag-earballach o cheann naoi fichead bliadhna air ais agus an uair a bha i teann air a’ ghrein, bha Newton a’ deanamh sluaigh cinnteach gun robh a teas da mhile uair nis teotha na iarunn dearg as an teallaich; agus is teas sin a ta do-thuigsinn dhuinne! Tha na reultairean an duil nach lugha na seachd ceud aireamh nan rionnag earballach sin, a tha cuairteachadh na grein’ againne, ach cha’n eil fios cinnteach aca mu thimchioll ach aireamh ro bheag dhiubh so. Tha cuid dhiubh a’ criochnachadh an turais mu’n ghrein ann an da bhliadhna, cuid ann an tri, sea, agus deich bliadhna, an uair a tha cuid eile a’ gabhail tri, ceithir, agus cuig fichead bliadhna, agus tuilleadh, chum aon chuairt a chur air a’ ghrein! Anns a’ bhliadhna 1835, chunncas rionnag-earballach le Halley, agus thugadh an t-ainm sin di; a chionn gur e an teallsair Edmund Halley a rinn a mach gu’n tigeadh i ann am fogharadh na bliadhna 1835. Ceart mar a thubhairt e thainig i agus cha’n eil teagamh nach cuimhne le cuid de’r luchd-leughaidh a’s sine faicinn leis an t-suil luim, anns a’ bhliadhna sin. Tha i so a’ gabhail tri fichead agns cuig bliadhna deug, agus sea miosa chum aon chuairt a dheanamh air chor is nach fhaicear tuilleadh i gus a’ bhliadhna 1911, ’s e sin, ochd-bliadhna deug thar fhichead an deigh so! Gus an do rannsaich na teallsanaich a mach mu thimchioll nan rionnag siubhlach so, bha iad a’ bualadh dhaoine aineolach, agus saobh-chrabhach ann an iomadh aite le maoim agus eagal. Bha iad an duil gu’n robh Dia ’gan suidheachadh anns na speuraibh mar comharan air cogannaibh, air plaighibh, agus atharraichibh eagallach eile; ach gu sonraichte gu’n robh iad air am foillseachadh mar chomharan air breith no air bas dhaoine gaisgeil agus ainmeil! Mar so chunncas a h-aon dhiubh re sheachd laithean an deigh breith Iuliuis Chesair, agus shaoil an sluagh gu’m be anam an ainmeil sin a bh’ann air a nochdadh anns na speuraibh! Chunncas a h-aon eile aig Constantinople anns a’ bhliadhna a rugadh Mahomet. Ghabhadh beachd air rionnag so, Halley cho fad air ais ri sea fichead agus deich bliadhna ro bhreith Chriosd, agus bha i ach beag an sin co dealrach, tha e air a radh, ris a’ ghrein! Chunncas gu tric o’n uair sin i, ach cha robh fios cinnteach m’a timchioll gus an d’rinn Halley a mach a gné. Ma’n d’thainig i o cheann ochd bliadhna deug thar fhichead air ais, bha anabarr eagail air moran sluaigh a bha ’gan deanamh fein cinnteach gu’m buaileadh i an talamh agus gu’n loisgeadh i e gu luaithre! Bha iad fo’n eagal so, a chionn gu’n robh i gu cuairt-shlighe na talmhainn a gearradh tarsuing roimh mheadhon oidhche air an naoidheamh la fichead de’n mhios mu dheireadh de’n fhoghar. Ach ged bha ise gu sin a dheanamh, cha d’ thainig an talamh dh-ionnsuidh an aite ’na chuairt anns an robh an rionnag Halley gu dol tarsuing air a shlighe gu maduinn an 30mh la de cheud mhios a’ gheamhraidh; agus aig an am sin bha’n rionnag co fad’ air falbh a’s nach robh aobhar eagail sam bith aig luchd-aiteachaidh na talmhainn, gu’m buaileadh iad air aon a cheile!
Co a’s diona ’na bheachd fhein na’n t-aineolach?
An duine a chumas a theangaidh cumaidh e ’chairdean.
[Vol . 4. No. 23. p. 7]
Fhad ’sa bhios uisge an t-sruthain a’ ruith bidh e glan, soilleir; ach an uair a thig e gu bhith ’na uisge-tàmha tòisichidh creutairean grannda, neò-ghlan ri tighinn beo ann. Na h-iuchraichean a bhios aig daoine ’nam pòcaidean a chum a bhith ’dùnadh agus a fosgladh ghlasan leatha gach latha, bidh iad glan, boillsgeil gu leor; ach ma dh’fhàgar car ùine an crochadh air stob ris a’ bhalla iad, cha bhi iad fada gun fhàs meirgeach. So dìreach mar a tha ’chùis a thaobh beatha ’n anama; ma bhios sin a ghnàth ag oidhirpeachadh gu dìchiollach air a bhith ’toirt ùmhlachd a dh’àintheantan Dhé, bidh sinn ann an tomhas mòr air ar gleidheadh o nithean truaillidh an t-saoghail so. Ach aon uair ’s gu sguir sinn a bhith ’g obair gu dìchiollach ann an seirbhis Dhé, tòisichidh nithean truaillidh, gràineil ri fàs suas ’nar cridheachan. Fàsaidh buadhan an anama euslan agus bidh sinn gun fheum do Dia, dhuinn fhéin, agus do dhaoine eile.
Anns a’ Ghearmailt tha na boirionnaich pòsda air an comharrachadh le currachd beag a bhi air ceann gach té dhiubh, agus ’nuair a tha nighean òg a’ pòsadh tha aice ris a’ churrachd a chur suas air latha na bainnse. Ann an cearnan de Ruisia, tha na mnathan pòsda a cosg fiaraig de dh’aodach dubh, agus cha chuir iad ni sam bith eile mu’n cinn eadhon an iuchar an t-samhraidh. Cha’n eil dùthaich ann, an diugh, ach Breatuinn agus an dùthaich so féin anns nach eil eadar-dhealachadh air choir-eigin air a chur eadar na mnathan pòsda agus iadsan nach eil pòsda. Bha am fasan am measg nan Gàidheal, gu feumadh a’ bhean phòsda currachd a chur suas gus o chionn da fhichead no leth-cheud bliadhna air ais, ach ’se ar barail gu bheil iad roimhe so air a leigeadh seachad gu buileach.
Anns na bliadhnaichean so thatar air tòiseachadh air deanamh paipeir air fiodh, agus thatar air cur as do choiltean mora cheana. Tha aon phaipear ann am Paris, aig a bheil muillein de luchd-gabhail, a cosg sia fichead mile craobh ghuthais na h-uile bliadhna, agus gach té de na craobhan sin tri fichead troigh ’sa sia a dh’àirde. Ma leanas an obair ud cha’n fhada ’n ùine gus am bi coilltean na Roinn Eorpa air an cur as gu buileach.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
[Vol . 4. No. 23. p. 8]
EARBSA.
Dh’ eirich an fhairge, ’s shéid a’ ghaoth,
Is b’ aobhar-oillt an fhuaim,
Do n’ h-uile aon ’s an eathar fhaoin,
Air faondradh feadh a’ chuain.
Ach mac an sgiobair, balachan maoth,
Chual’ e, gun gheilt, an toirm;
Fiamh aiteis àrd gun robh na ghnùis,
Gun smuairean air roimh ’n stoirm.
Dh’ fheòraich aon de ’n sgioba dheth,
C’ arson bha e cho ciùin:
“Chan eagal dòmhsa” fhreagair e,
“Tha m’ athair air an stiùir.”
Mar so, ’n uair dhìobras sòlas sinn,
’S an cridh’ le dòlas làn,
Tha acair dhaingean ann nach tréig;
’S e Dia is Dia a mhàin.
R’ ar n-ùrnaigh cromaidh Dia a chluas,
Is fuasgladh luath bheir dhuinn;
Ar deòir gu aiteas tionndaidh e,
Gu aoibhneas fàth ar teinn.
Measg àmhgharan an t-saoghail thruaigh,
Earbaibh á Dia nan Dùl,
Ag ràdh, an là na gaillinn chruaidh,
“Tha m’ Athair air an stiùir.”
PHARAOH.
Faic uachdran na h-Eiphit
Air toiseach a shluaigh,
Gu bosdail ga ’n treòrach
A mach gus a’ chuan;
A bhratach a’ srannraich
Ri crann aig’ gu h-àrd;
Le uabhar a’ tòcadh
Air tòir a chuid thraill.
Faic na h-Israelich dhìblidh,
Fo mhìghean ’s fo bhron,
’S an nàimhdean cho bréun
Le aon éigh air an tòir;
“An uabhar mo chridhe,
’S le m’ spionnadh ro thréun,
Am prasgan so, sguabaidh mi
’N chuan iad gu léir:
“Cha téid aon aca, as,
Cha mhair iarmad dhiubh beò,
Na ’m masladh do ’n righ
Is do m’ ìochdarain fòs;
Na ceannaircich uamharr’
Le ’n goid is le ’m foill,
Nis léir-sgrios is dosgainn
Thig orra gun mhoill’ .”
Na prionnsan ’s am pobull
Tha ’n co-bhoinn le chéil’,
’S an rìgh tha ga ’n iomain
Mar neach as a chéill;
Na carbaid tha ’n deifir,
’S gach stéud anns an tòir;
’S à neart an cuid eachraidh
Tha ’m marc-shluagh ri bòsd.
Tha iad uile na ’n siubhal,
’S air boile ro chruaidh;
Mar chuairt-ghaoith tha ’n imeachd
Thar chòmhnard is chruach;
Ach sheall Dia ro ghruamach,
Bho dhubhar an neòil,
Air luchd-casgraidh a shluaigh
’Bha cho luath air an tòir.
Ghrad dh’fhosgail e mhuir,
’S sheas na h-uisgeachan suas.
Mar bhalla, gach taobh,
A chum tearmunn d’ a shluagh;
Is pobull Iehòbha,
Le muinghin chaidh sios,
’S thar grinneal an aigein
Fhuair rathad gu tìr.
Fhuair mìltean Chlann Israeil
Gu tèarainte nunn;
Ach feachdan na h-Eiphit
Chaidh fodha ’s a’ ghrunnd;
’S an t-uisge ’rinn seasamh
Mar challaid a suas,
Air na h-Eiphitich phill
Agus sgrios iad na ’n uaill.
Fir-chogaidh na h-Eiphit
Chaidh fodha gu léir,
’S am bantraichean òga
Tha brònach na ’n déigh;
’S a nis air an fheamainn
’Tha sgapt’ air an tràigh,
Tha Phàraoh ’s a mharc-shluagh
An cadal a’ bháis,
Is math an comharra air ni math sam bith nach urrainn daoine deanamh as aonais ’nuair a ni iad blasad air aon uair. ’Sann mar sin a dh’éirich dh’an MHAC-TALLA. Chuir cuid dhe’na thòisich air a ghabhail an toiseach stad air, an duil gu’n deanadh iad a’s aonais, an deigh dhaibh a bhi ’ga leughadh na h-uile seachdain fad bliadhna no dha; ach tha iad a nise air toiseachadh ri ’gabhail as ùr, a lion fear us fear. Dh’fhairtlich orra deanamh as aonais. ’S math leinne am faicinn a’ tigh’n air ais ugainn, ’s tha sinn cinnteach nach misde iad féin e.
Bha Carlos, Righ Phortugal, air chuairt ann am Breatuinn o chionn ghoirid agus rinn Ban-righ Bhreatuinn làn dith a bheatha. Bha e air chéilidh oirre ann am Balmoral ’sa Ghàidhealtachd, agus rinneadh gach ni a ghabhadh deanamh an sin chum a thurus am measg nan Gàidheal a dheanamh taitneach dha.
Nach e m fiodh bha gann nuair rinn iad thus’ ad phost ’san teampull!
Feumaidh fear an aon mhairt a h-aerball bhi na dhorn.
Cha robh riamh a ieithid o’n rug an reath an t-uan.
Is fada ’n oidhche gu latha aig fear na droch mhnatha.
An cron a bhios ’san aodann cha ’n fhaodar fhalach.
Cha dean am bodach breug ’sa chlann a’ stigh.
Cha mhiste duine de’n donas na chumas na donais deth.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna.
title | Issue 23 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 23. %p |
parent text | Volume 4 |