[Vol . 4. No. 24. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DECEMBER 21, 1895. No. 24.
Litir a Alba.
“Bodachan a’ ghàraidh
Cho friogadach ’s cho frogadach,
Bodachan a’ ghàraidh
Cho frogadach ’sa bha e riamh.”
MO BHALACH GASDA: —Ged tha mo cheann air liathadh ’s mo chiabhagan air tanachadh, cha’n eil mac màthar ’san dùthaich so leis an fhearr am MAC-TALLA fhaicinn tighinn thun a thaighe na ni. Togaidh mo chridhe ris an uair a thig e. Ged nach ’eil e mòr tha dreach na slàinte air. Agus far am bheil an t-slàinte, an sin tha beatha, agus thig fas is neart ri ùine. Is meirg a bheireadh droch mheas air an òg.
Ged a tha iomadh caraid agad air feadh an t-saoghail mu’n iath a ghrian a tha deonach o àm gu àm air sgriobhadh ugad, tha mi ’creidsinn nach misde leat litir fhaotainn o bhodach beag, bochd, liath mar a tha mise. Bha uair a dheanainn sgriobhadh ni’s fearr na ni mi an diugh, ach dh’fhalbh an uair sin, agus cha tig i gu brath tuilleadh. Ged tha crith air tighinn ’nam làimh tha mo cheum cho aotrom ’sa bha e fichead bliadhna roimh ’n diugh.
Tha mi nis o chionn corr is fichead bliadhna ag obair air gàradaireachd aig an aon mhaighstir—maighstir, tha mi creidsinn, a’s fhearr a tha ri fhaotainn. Ged is iomadh fear a’s fhear a ni obair na mise cha do chuireadh as an obair mi fhathast. Tha mo mhaighstir a’ faicinn gu bheil mi ’deanamh mo dhìchill a réir mo neart agus m eòlais.
Tha mo cho-luchd-oibre anns a’ ghàradh gu math tric a connsachadh rium mu’n Ghàilig. Ged a tha h-uile fear dhiubh a cheart cho Gàidhealach ri fàd mònadh is gann a leigeas a’ mheud-mhòr leotha aon fhacal Gàilig a labhairt. Tha iad a toirt orra fhein a chreidsinn gur i a’ Ghàilig a tha ’cumail dhaoine gun fhàs beairteach. Ach cha thir iad orm-sa beachd mearachdach de’n t-seorsa so a chreidsinn idir. Tha barrachd mòr de dhaoine bochda ann am Baile Lunnain aig nach ’eil facal Gailig na tha ann am measg nan Gàidheal gu leir. An uair a their mi so riutha fanaidh iad ’nan tosd, ach tha iad cho fada ’nam barail fhein ’sa bha iad riamh. Cha’n eil e idir furasda toirt air daoine dealachadh ris na beachdan mearachdach a bha iad ag àrach o laithean an òige.
Tha meas gu leòr agamsa air a Bheurla, ach cha’n eil sin a’ toirt orm tàir no dimeas a dheanamh air a’ Ghàilig. B’olc bu chòir dhomh dineas a dheanamh oirre. Is i a’s mò a rinn a dh’ fheum dhomh na ’Bheurla. Bha mi dlùth air fichead bliadhna dh’aos mu’m b’aithne dhomh ach gann mo dhinneir iarraidh an am Beurla. Cha do chuir m’eòlas air a’ Ghàilig call riamh orm. Bruidhnidh mo mhaighstir math rium anns a’ Ghàilig, ach is gann a their mo cho-luchd-oibre aon fhacal rium ann an Gailig. Is e am maighstir mòran is iriosaile na na seirbhisich.
Thachair duine còir rium o chionn ghoirid, agus chomhairlich e dhomh teannadh ri sgrìobhadh litrichean ugad. “Tha thu,” ars’ esean, “gu math sean ’sa cheann, agus tha deagh chuimhne agad. Tha gliocas ’na do cheann ma bhios e ann gu brath.”
“Cha’n eil mòran gliocais ’nam cheannsa; ach beag no mór e tha mi deonach a chompàrtachadh ri neach sam bith leis an aill mo ghuth èisdeachd, no mo bhriathran a leughadh.”
“Tha thu ni’s glice na fear a’s gòraiche na thu,” ars’ esan.
“Tha sin fior gu leor; ach cha dubhairt sin gu bheil mi cho glic ’s gur fhiach mo chainnt a bheag de gheill a thoirt dhi. Faodaidh gu meas daoine eile mar amaideas a’ chainnt a mheasas mise mar ghliocas.”
“O’n a theid agad air Gailig a sgriobhadh ceannaich paipear, agus sgriobh litir an drasta ’sa rithist a dh’ ionnsuidh a’ MHIC-TALLA, am paipear gasda a tha iad a’ clo-bhualadh ann an Ceap Breatunn. Theid mi an urras gu leugh na Gaidheil a th’ann an America a h-uile facal a sgriobhas tu,” ars’ esan.
An uair a chuala mi so thuirt mi ris gu’n gabhainn a chomhairle. Mur urrainn mi naigheachdan ùra a chur a dh’ionnsuidh cuiridh mi seann naigheaced ugad. Tha an oidhche air fàs fada, agus mar sin bidh barrachd ùine agam gu sgrìobhadh na bhios agam an uair a thig an t-earrach. Ged tha obair gu leòr ri dheanamh anns a’ ghàradh tha’n reothadh cho cruaidh ’s nach teid agam air car ruamhair a dheanamh. Thainig an reothadh oirnn ni’s traighe na b’àbhaist dha. Tha mi an dòchrs nach bi e cho teann ’s cho buan ’sa bha e an uiridh. Ach ma bhitheas feumar cur suas leis. Tha mi ’creidsinn gu bheil reothadh gu leòr agaibh ann an America. Ach tha sibh cho cleachdaidh ris ’s nach cuir sibh a’ bheag a dh’ uidhireachd air. Cluinnidh tu uam gun dail. Is mi do charaid.
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Taobh an Locha. La-Fheill Andrais, 1895.
Ann an Siam, tha na cuileagan cho pailt an teas an t-samhraidh ’s gu bheil e air a chur mar fhiachaibh air na saighdearam cuideachadh ri cur as daibh. Tha aig gach saighdear ’san rioghachd ri uiread dhiubh ’sa lionadh bocsa beag a ghlacadh ’sa marbhadh a h-uile latha.
A CHOISIR CHIUIL. —Tha a Choisir-Chiùil againn a rithist, agus theid againn air an cur air adhart ga’n ionnsaidh-san a choisinn iad gun dàil. Cuimhnicheadh ar luchd-leughaidh gu’n cuir sinn pàirt gu neach air son aon fhear-gabhail ùr, agus na tri pairtean air son a dha.
[Vol . 4. No. 24. p. 2]
COMHRADH NAN CNOC.
(Bho ’n Teachdaire Ghaidhealach.)
Para Mor, Fionnladh Piobaire, agus Mor Og.
FIONN. —Cò tha againn ’an so a Phàruig! Ma ta is fada o chunnaic mi fein bean uasal a’ tèarnadh a stigh an catha ud roimhe.
PAR. —Tha dà latha uaithe ma chì thu ’n diugh i; tha uat a bhi shuas no bithidh othaisg ’s an dris. Cha math a fhreagras an sròl uaine ud am measg na droighinn. Nach dubhairt mi riut? Seall an tràs i. O! lan nam beannachd do’n droiginn— ’s minic a chuala mi gu’n robh i gun eiseimeil— ’s ’gu dearbh tha mo chead aice.
FIONN. —Ud! ud! a ghoistidh, cha dubhairt thu riamh a leithid. A cheart rìreadh a thà mi, tha uainn dìreadh ’n a còdhail.
PAR. —Ma ta cha téid mo chas ged a bhiodh i snìomh ’an sud gu latha; ach ma tha truas agad rìthe, theirig ’s an eadriaiginn—éudail— ’s tusa dh’ amais air a’ mhnaoi-uasail—tha e coltach gur ann agad fein a tha ’m beachd oirre. ’S e sin thus’ a bhi co tric ’an cuideachd nan uaislean. Am beil cuimhn’ agad air an té d’an do sgrog thu do bhoineid an là a ràinig sinn Glaschu?
FIONN. —Falbh! coma leat sin an tràs—cha’n ionann so agus Glaschu—is bean-uasal a tha’n sud, no tha mise meallta.
PAR. —An cuala tusa, ghoistidh, “Sìoda air cabar, agus bithidh e briagha” —sid agad e. Na’m bitheadh i sid uasal, bheirinnsa urram na h-uaisle dh’ i—ach mu tha faodar sgur da’n ghnothach. Am beil thu idir ’g a h-aithneachadh? Nighean bràthair Fhionnlaidh Phìobaire, a’s nighean piuthar Phara Mhòir! Cha ’n ’eil fhios c’aite ’m beil fear-na-bainse? ach cluinnidh sinn. Is math a tha fhios agam an taobh a thug e ’àghaidh an diugh.
FIONN.— ’N ann a cheart rìreadh a tha thu? Ma ta, mar thuirt thu fein ris an tailleir Ghallda, “is e’n gille ’n t-aodach” —ach ’s i Mòr a tha’n so, co dhiubh. Fàilt ort a Mhòr—bu mhithich dhut tighinn air do shean eòlas.
PAR. —Am beil thu ann a Mhòr? Bha eagal oirm gu’n caileadh tu’n rùsg ’s an dris. Cha b’fheaird thn ’n teadhair uaine sin slaoda riut ’s a’ chatha dhroighinn—theab i cipein a chur ort.
MOR. —Tha e coltach nach féumadh daoine aodachdecentsa bith a chur orra ’s an dùthaich so.
PAR. —Tha iunndrain agads’ air a’ Ghalldachd, agus air na cabhsairean. Is tus a dh’ fhaodas a ràdh—leis an sgeulachd, Gu’n deach thu air do thuras le brògan paipeir mu d’ chasaibh. Cha mhoth a fhreagras na leòban sin ’s na sgrìodain. Bheil fios agad ciod a tha Fionnladh ’n so ag radh? Tha, gu’m b’ fhèarr leis gu’n tugadh tu dha stiall de’n riobain sin air son na pìoba— ’s gu’n gléusadh e i air do bhainis a nasguidh.
MOR. —OUncle !isdrollan duine sibh! bithidh sibh daonnan rifun , ’s ri magadh.
PAR. —Bithidh a Mhòr. Am fasan a bha aig Niall, bha e riamh ris. Ach an saoil thu, a Ghoistidh, nach ’eil sid gu math. Uncle ,ars’ ise! Nach iongantach nach dubhairt i, Mr. Finlay, agus Mr. Peter, mar thuirt am Bodach Gallda.
FIONN. —Ud, a Phàruig tha thu tuille ’s cruaidh air Mòir bhochd, a’s i air ùr thighinn dachaidh; nach ann is math leat i labhairt Béurla? Ciod a bheireadh daoin’ òg gu Galldachd idir mur togadh iad beagan d’i.
MOR. —Gu dearbh a dhuine is math a dh’ fhàg sibh e. Abraibh sin—tha e coltach, ma’s fior esan gu’n robh e cho math dhuinn fuireach aig an tigh.
PAR. —Cha’n ’eil fhios agam nach robh cuideachd, a bhuinneag, air dòigh no dhà—ach Fhionnlaidh, an saoil thu nach faod daoine Beurl’ ionnsachadh gun a’ Ghailig a dhichuimhneachadh. Labhradh i Beurla a’s neorthaing mar cum sinne rithe mar is urrainn duinn—ach is coma leam an cothlamadh mosach, mi-chiatach a tha nis aig a h-uile fear a’s té air an dà chànan.
FIONN. —Ciod tha ris a sin, a mhic chridhe, ach an cleachdadh?
MOR. —Ciod eile, a dhuine, ach an cleachdadh? An saoil sibh an amais mis’ a nis air’ Ghailig?
PAR. —Cha’n amais, mo thruaighe! Cha’n iongantach sin! Théid an cleachdadh mar an dùthchas, an aghaidh nan creag. Cha’n iongantach leam idir mar a dh’ éirich dhut. Bha thu trì ràidhean air Galldachd, ag cagnadh ablaich de Bhéurla— ’s cha robh thu ach deich bliadhna fichead ’s a’ Ghaidhealtachd, a’ sgoltadh cainnt d’athar ’s do sheanathar. Ach ma chaill thusa, Mhòr. do Ghàilig ’s i mo bharail-sa gu’m faod thu radh, mar thuirt a’ Chailleech a h-eab a bruidhinn a chall, ’nuair a chaidil i fa chomhair na gréine, “An cnocan, an cnocan.” ars’ ise gu leodach,— “far an do chaill mi mo Ghàilig— ’s far nach d’ fhuair mi mo Bhéurla.”
FIONN. —Ach cha ’n ’eil fhios, a Phàruig, nach ’eil a’ Bhéurla na’s pailte aig Mòir na tha dùil agadsa.
PAR. —Cha ’n ’eil fhios nach ’eil—ach chì mi gur h-ann mar is lugha tha aig daoine dh’i is bitheant’ a tha i ’n a gurracaig mhosaich an uachdar gach seanachais—dìreach mar tha’n rìomhadh gu léir air an druim— ’s ann mar sin a tha Bheurla gu leir daonnan air an teangaidh. Nach feuch an cluinn thu iad air feadh a chéile aig a’ mhaighstir-sgoile; is fada m’an cluinn. Coma leat—mar thuirt an t-amadan e, “An la bhios sin ri orach bitheamaid ri h-òrach—an uair bhios sinn ri maorach bitheamaid ri maorach.” An uair a bhios sinn a, bruidhinn Béurla, bruidhneamaid Bèurla; ach an uair a tha sinn a’ bruidhinn Gailig, labhramaid Gailig. Is don’ a fhreagras ad a’s casag ort fein le d’ fhéile ’s le d’ osain; is ceart cho mì-chiatach leam fein a Bhéurl’ agus a’ Ghailig a bhreacadh—fòghnaidh sid d’e. Tiugainn, a Mhòr, dìreamaid a dh’ ionnsuidh an tighe, ’s mur tuig thu Gailig, ni ’bhean do bheatha ’s a’ Bhéurla chruaidh Shasunnaich ’s fearr a tha aice.
MOR. —Bha gnothach beag agam ribh fein agus ri bràthair m’ athar an so, ’s o’n a dh’ amais mi oirbh cha bhi mi taoghal gus am till mi. Bha toil agam dìreach mo chomhairle chur ribh m’an ghnothach so tha mi cinnteach a chuala sibh fein a bha ’mi dol a dheanamh.
PAR—Dìreach—Cò b’fhearr gu fiosachd na Coinneach Odhar? Bha fios agam fein gur h-ann mar so a bhitheadh—an geall thu gu’n gabh thu comhairle? Is minig a thainig comhairle an rìgh á beul an amadain— ’s na’m biodh tus’, a Mhòr, a bhuinneag, air a’ chomhairle mu dheireadh a thug mise dhut, a leanailt, bha thu’n diugh gu socrach, cothromach pòsda ri Eobhan ruadh, ’s cha’n ann mar tha thu ’am beul an t-sluaigh, le sìochaire de Ghall lachdunn—ad bhristeadh-cridhe do’n bhantraich bhochd is
[Vol . 4. No. 24. p. 3]
màthair dhut; ’s ad thàmailt do gach aon a bhuineas dut.
MOR. —Eobhan Ruadh! thug sibh coimeas domh gu dearbh. Gu dearbh cha’n ’eil farmad agam ris an té a fhuair e. Cha b’ ann le leithid a’ chithteadh, an cuideachd, no an clachan mi. Mac an dubh choiteir.
FIONN. —Mac an duine chòir, chneasda; ach innis so, a Mhòr, Cò b’athair do’n fhleasgach so a tha ’d chois fein? Eudail b’fhad o chéile crodh-laoigh ur dà sheanathar, ’s mi tha cinnteach.
PAR. —Cha’n ’eil fhios aicese, mo thruaighe, an robh a’ chearc a sgrìobadh an dùnan aig ’athair, no aig a sheanathair, gun tighinn air crodh-laoigh. Ach gu dearbh ma bha crodh-laoigh aig ’athair, tha bhuil airsan gu’n do chuir iad an dìosg gu math tràth e. Is glas an neul a th’ air an deòra thruagh—dìreach mar gu’m faigheadh e ma sgaoil á priosan. Cha’n ’eil fios an aithne dha fein cò a b’ athair dha.
MOR. —Is e fein a tha mis’ a’ dol a phòsadh, ’s cha’n e athair no mhàthair; ’s ma tha esan gu math, tha e coltach gur coma mar bha iadsan.
FIONN.— ’S eadh—an e so e’n tras? Cha choma, Mhòr, is minic a bha laogh math aig bò chrotaich, ach air a shon sin ma ’s i mart fein a tha mi ceannach, is math leam i bhi de shìolach math: ’s gu cinnteach bu tàmailt do d’ athair còir a tha sinnt’ anns an ùir gu’n abradh iad ogha mèirich ri d’ leanabh. Cha ’n e air a shon sin nach faod an gille bhi math, agus de dhaoine matha, ach gu dearbh ma tha, a bhuidheachas sin da fhein— ’s cha’n ann dutsa, a Mhòr, a ghabh leis gun eòlas, gun aithne air fein no air a mhuinntir. Ach am beil a bheag air aige?
PAR. Innsidh mise dhut mar tha sin—fhad ’s is léir dhomhsa. Tha aig ’nUmbrellariomhach ud a tha fo ’achlais—agus a’ chasag odhar a tha slaodadh ri dha shlinneig, mar gu’m faiceadh tu sean aodach air stob, no air sgàth am an eorna—agus mar thuirt an t-òran,
Gun fhios a beil n’a phoca
Na dh’oladh a deoch-slainte.
MOR. Mur ’eil cèird no stòras aige, tha rud is fearr aige—modh a’s ionnsachadh, ’s bheir e e fein as gach cuideachd le ceòl ’s le conaltradh.
FIONN. Tha’n t-ionnsachadh gle mhath, a Mhòr, ach dh’ fheumadh an saoghal so beagan de anns ’n a lamhan, cho math ris a’ cheann. Air son modh dheth—tha e gle mhath a rithist—ach ’s minic a chunnaic mi’n duine bha math gu thoirt fein á cuideachd, gu’n robh e mutha ’s math gu chur fein ann—agus air son ciùil deth—tha e glé thaitneach dhaibhsan a tha ’g a éisdeachd; ach creid thusa mise, cha’n ’eil e ro tharbhach dhasan a tha ’g a chluich—mo chreach, ’s ann agam tha fios!
PAR. Nach abair thu ’n sean-fhocal, a Ghoistidh. Cha mhinic a bha moll aig sabhal Pìobaire. Ach cia air bith mar tha sin, cha ’n ’eil dùil agam gu’n dean am fear ud a lòn le binneas a bheòil, no gluasad a mheur am feasd. Mur dean e Drumair beag do naVolunteers, ma théid iad air an cois a ris, cha’n ’eil fhios agamsa ciod tuilleadh a tha air a shon—am fearagan bochd.
MOR. Falbh! cha’n ’eil dùil agam gu’m beil e ’an comain ur molaidh, co dhiubh. Bha teagamh agaibhse anns na Goill riamh. Is sibh a bha coimheach riutha. An saoil sibh nach faodar amas air duine math idir ’n am measg?
PAR. Cha’n ’eil, a Mhòr, mas anns a’ bharail sin. Faodar amas air daoine còir ’n am measg, agus air daoine fiachail—ach am fear a ghabhas leis a’ cheud iasg a thig air a dhubhan, cha’n ’eil fhios nach fhaigh e dallag. Agus an té a ghabhas le fear sa bith a thig ’n a tairgse, ma dh’ fhaoidte gu’m faigh i biasd—agus mar d’fhuair thusa biasd, a Mhòr, thoill thu e. Ghabh thu leis gun eòlas air fein, no air a mhuinntir. Gun chomhairle chur ri mathair no ri cairdean, chuir thu thu fein am beul an t-sluaigh, mu’n robh thu ’m beul a’ Chleirich—agus ged a chi thu bean a’s clann a’ tighinn air a dheigh an ceann ràidhe, mar thachair do’n te a phòs am marsanta mòr an uraidh, ’s math an airidh. Is tu fein an òinseach bhochd, shocharach mar bha thu. Sin agad sin. Gabh ’s an t-sròin no ’s a’ chluais e. Ach thoir ort, ruig an tigh—ma tha na mnathan ’n an abhaist, theid iad na ’s faide ad leisgeal na theid sinne.
MOR. Ma ta olc mhath ’s mar rinn mise tha mi ’m barail nach b’ uilear dhaibh sin—is gabhaidh mi ur comhairle an fhad so, co dhiubh—gu’n robh maith agaibh air son ur caoimhneis.
FIONN. Dh’fhalbh i ghoistidh— ’s cha’n ’eil i toilichte, ach bitheadh aice—rinn thu cheart chòir beagan de’n fhirinn innse dh’i; ach ciod am math a ni e—tha i nis am beul an t-sluaigh, agus cia air bith mar tha’n Gall, feumaidh i bhi gabhail leis.
PAR. Feumaidh, feumaidh, cha’n ’eil ach an suaineadh an luib a chéile, ’s e sin ma chi am ministeir iomchuidh sin a dheanamh; ’s cha ’n ’eil fios agam cuideachd.
FIONN. Ach an saoil thu, a ghoistidh, nach féumar sealltainn riutha. Ged a bha i fein socharach ’s i nighean a h-athar ’s a màthar i, feumar cuideachad hleatha.
PAR. Nach e sin, a mhic chridhe, a’ chomhairle bha dhìth oirre. Tha teann air tuarasdal leth-bhliadhna crochte ri dà chluais; ’s ciod a nis a théid ’n a beul. Ach na’m bu ghille measail a bha i faotainn, cha bu ghearan sin, ge b’e ’ait as an tigeadh e, ach an siochaire beag lachdunn. ’S mòr leam, ge beag e, amhach circe shineadh air a shon— ’s gun fhios co è.
FIONN. Cha’n ’eil atharrachadh air a nis, ach an dreach is fearr a chur air a’ ghnothach. Ach gu dearbh ge nach àbhaist domh mo chlann a leigeil gu bàinis; leigidh mi ’n sid iad. Ma tha mothachadh aca bheir sid an sùilean daibh. Tha mi air m’ oillteachadh an leigeil as mo shealladh, gun fhios nach éirich tubaist daibh.
FIONN. Ma shaoileas tu gu’n dean e féum trus a h-uile nighean ’s an dùthaich ann; ach cha dean—cha’n ’eil annt’ ach na dall-chuileineam thall ’s a bhos. Ach coma—mur seall iad rompa—seallaidh ’n an déigh—ach tiugainn a dh’ fheuch ciod a ghabhas deanamh; ’s gu dearbh ’s beag a tha de shunnd bains e orm,
An oidhch’ a rinn iad a bhainis,
’S truagh nach i’n fhairire bh’ann.
PAR. Thachair e dhomh, ach cha’n ’eil atharrachadh air. A Mhòr! a Mhòr! mo thruaighe bochd! cha robh thu riamh ’s an dris gus a nis.
FIONN. Tha e coltach; ach mar thuirt Iain amadan e ’n uair a ghabh e air fein, Cò air a rinn thu sin? Ort fein, a ghràidh. ’S i fein a dhìolas air, air a cheann fa dheireadh, ged a thug i tàmailte dhuinne ’s a cheud dol a mach.
J. M’L.
[Vol . 4. No. 24. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, DECEMBER 21, 1895.
Bha aimsir gle fhliuch againn fad an fhoghair. Fhuair daoine an t-arbhar a chur fo dhion gun mòran domail sam bith. Ged a bha uisgeachan troma ann, bha, mar bu trice, smuid mhath air a’ ghaoith, agus mar sin sheas feur is arbhar ris gu math. Bha coltas math air a’ bhuntata, agus mur b’e gun do ghrod mòran de mu’n do thogadh e, bhiodh e cho pailt ’sa bha e o chionn iomadh bliadhna. Cha robh a bheag ri fhaicinn de’n ghaiseadh ann an àite sam bith. Ach le meud nan uisgeachan ghrod e far an robh talamh trom tais.
Tha deagh phrìsean air crodh air son am mharbhadh. A dh’aindeoin na tha de chrodh reamhar a’ tighinn a nall ugainn á America tha prìs na feola a’ fuireach àrd gu leòr. An uair a b’ìsle a bha prìs a chruidh ’s nan caorach bha na feoladairean a’ cumail suas na prìse gu math. Feumaidh gu robh iad a’ deanamh buannachd mhath ged a bha daoine bochda nam bailtean-mora agus na dùthchadh a’ fulang calldachd nach bu bheag.
Chaidh bàta-smuide a bha air a turus a Montreal gu ruige Libherpol a bhristeadh ann an caolas Cholla o chionn seachduin. Chaill an sgiobair a chùrsa le ceò ’s le dorchadas a bh’air an iarmailt fad latha no dha. An uair a bha e an dùil gu robh e dlùth air Eirinn is ann a bha e dlùthachadh ri Colla ’s ri Tiriodh. Tha caolas Cholla cho salach ’s nach gabh sgiobair sam bith do’n aithne an t-àite os laimh seòladh troimhe ach air an latha, agus an uair a bhios am muir-làn ann. Ach gu h-iongantach, chaidh an long mhòr so a bha giùlan corr is ceithir mìle tunna de luchd, troimh an chuid bu mhò de’n chaolas mu’n do bhuail i air sgeir. A bharrachd air ceithir mile tunna de bhathar de gach seorsa bha còig ceud gu leith de chrodh innte. Bha leith cheud de sgiobadh oirre. Shàbhail a h-uile duine dhiubh. Thilgeadh an crodh thar na cliathaich agus shnàmh cuid diubh do Cholla, agus a’ chuid eile do Thiriodh. Am measg na bha de luchd air bord bha fichead mile mulchag chàise. Tha dùil aca a’chuid nach deachaidh o fheum de’n luchd a thoirt air falbh do’n Ghalldachd.
Cha’n ’eil an t-iasg cho pailt am bliadhna ’sa b’àbhaist dha bhith. Tha daoine a’ smaointean gu bheil na h-iollachan iasgaich air am milleadh aig na bàtaichean-tràlaidh. Tha lagh na rioghachd a’ toirt cead do na bàtaichean so a bhith tràladh an taobh am muigh de thrì mile o’n chladach. An uair a gheibh iad an cothrom tha iad a’ tighinn gu math ni’s fhaisge na sin air a’ chladach. Sgrìobaidh iad leotha anns na tràlaichean gach iasg beag is mòr a thig ’nan rathad. Ged a tha bàtaichean a’ chùin mu’n cuairt nan eileanan gus na tràlairean a chumail air an criochan fhein, gidheadh tha iad gu math tric a’ deanamh dolaidh mhòr do’n iasgach. Chaidh a còig no sia dhiubh a ghlacadh ag iasgach an taobh a staigh de na crìochan o’n a thainig am foghar, agus chuireadh càin throm orra. Tha cleas muinntir an smuglaigidh aca, an uair a ghlacar iad ’sa chuirear càin orra, tha iad na dheigh sin ni’s miosa na bha iad riamh.
IAIN.
Ma bhios bàn-righ Victoria beò gus an treas latha fichead de mhios meadhonach an fhoghair s’a tighinn, bi’dh i ni’s fhaide ’sa righ-chathair na bha gin de righrean Bhreatuinn riamh roimhe. Tha i cheana ’sa chathair ni’s fhaide na bha gin roimpe ach an III Deórsa, a bha na righ tri miosan thairis air leth cheud bliadhna ’sa naodh. O’n chaidh i air a chathair chaidh na Priomh Mhinisteirean atharrachadh naodh uairean deuga.
’Se ’n diugh an latha ’s giorra dhe’n bhliadhna, mar is e ’n aonamh latha fichead de Iùn an latha ’s fhaide. An deigh so bidh an latha dol beagan ni’s fhaide.
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75cMainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 24. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Rinn stoirm na seachdain s’a chaidh milleadh mor air soithichean. Tha cuid ag radh gur h-i stoirm bu chailltiche thainig o chionn aireamh bliadhnaichean.
Mu’n tig an ath àireamh dhe’n phaipeir so a mach, bi’dh an Nollaig air tighinn ’s air falbh. Tha MAC-TALLA a’ guidhe NOLLAIG CHRIDHEIL dà chàirdean ’s d’a luchd-eòlais uile.
Tha ’n eogadh a dol air adhart ann an Cuba. Cha’n eil a choltas air gu bheil taobh seach taobh a gleidheadh moran, ach tha aon ni cinnteach, nach eil an Spàinn a teannachadh a greime air an eilean idir. ’S i ’n sgeul mu dheireadh a thàinig mu’n cuairt, gu bheil i a’ feuchainn ri Cuba iomlaid ri Breatuinn air aon Gibraltar agus àite no dha eile. Cha’n eil fhios co-dhiu tha no nach eil an sgeul fior, ach bu mhath do Chuba an latha rachadh an iomlaid a dheanamh.
Thainig fear Domhnull Mac-a- ghobha, a mhuinntir Cheap Breatuinn ri bheatha féin ann an Nanaimo, B. C., o chionn ghoirid. Bha e ri ceannachd anns a bhaile sin, agus thatar a deanamh mach gu’m b’e gnothuichean a dhol cearr air bu choireach e chur as da féin.
Tha Sultan na Tuirce fhathast a’ cumail beul briagha ris na rioghachdan eile leis ’m bu mhiann casg a chur air an dòrtadh fala ann an Armenia. Ach a dh’ aindeoin sin, tha e coltach gu bheil an obair fhuilteach a a’ dol air adhart gun lasachadh sam bith.
Thainig bàs glé aithghearr air fear Beuiamin Burchell (clachair), ann an Louisburg Di-màirt s’a chaidh. Bha i aig obair mar a b’ àbhaist da ’nuair a bhrist cuisle na cheann a’ toirt a bhàis an ùine glé ghoirid. Bha a dhachaidh ann an Seana Bhridgeport, Bha e air a thiodhlacadh Dior-daoin leis na Saor Chlachairean. Bha eòlas farsuing aige, agus bha e gle mheasail aìg na h-uile.
Tha bruidhinn an dràsda air cuideachd làidir a dheanamh suas air son mèinn chopair Choxheath oibreachadh le neart. Tha iad ag iarraidh cuideachadh o luchd-riaghlaidh Chanada, agus ma gheobh iad sin theid iad air adhart leis. Tha iad ag radh gu’n cuir iad suas togalaichean agus uidhean leaghaidh a chosgas muillein dolair. Nan tigeadh sin gu crich bu mhath d’an dùthaich e.
Di-luain s’a chaidh bha soitheach Gearmailteach, luchdaichte le olla, air a cur na h-éigin leis an stoirm a mach o chladach New Jersey, agus bha an sgioba ’ga fàgail ’sa dol air bòrd soitheach Breatuunach a thachair oirre. Am feadh ’sa bha iad a’ deanamh sin, ghreimich an teine air dòigh eigin air an olla, agus chaidh an soitheach a smùideadh as a chéile. Bha an sgiobair ’s a tri deug dhe na daoine air bòrd aig an àm, agus chaill gach aon diubh a bheatha. Bha sianar dhe’n sgioba air a dhol air bòrd an t-soithich Bhreatunnaich, mu’n do thachair an sgiorradh; agus fhuair iad sin as.
REIC A MACH.
Tha D. J. Domhnullach, Wentworth House,a reic a chuid Bathair, Tioram us eile, air na chosg e. Tha so ’na chothrom math dhaibh-san a tha air son bathar fhaotainn na’s saoire na bha e ann an Sidni riamh roimhe. Gheibhear aodach air son deiseachan bhan, cloimh uile, leud dubailte, air 18c an t-slat. Seorsa math eile air 14c an t-slat. Agus gach ni eile air reir sin. Feumaidh am bathar uile bhi air a reic.
Tha Aonghas D. Gilbert, duin’ òg a mhuinntir Nobha Scotia air a dhitteadh gu bàs ann am Boston air son mort. Mhurt e nighean bheag, Alice M. Sterling, aois ochd bliadhna deireadh an earraich s’a chaidh. Cha deachaidh e as àicheadh gu’n d’ rinn e an gniomh oillteil, ach bha na fir-lagha a feuchainn ri thoirt saor a chionn gu robh an daorach air aig an àm. Cha ghabhadh ceartas a leisgeul air son sin ìdir, agus tha e ri bhi air a chrocradh air an aonamh latha fichead do cheud mhios an earraich.
PEARSANTA.
Tha Bean Dhomhnuill Chaimbeil, aLakota , Dakota,ann an Sidni air an t-seachdain so ag amharc air a càirdean an deigh dhi bhi air falbh fad cheithir bliadhn’ deug. Is piuthar i do bhean Chaiptean Alasdair Domhnullach aig na Narrows Bheaga. Tha a càirdean uile ro-thoilichte a faicinn ’nam measg.
Bha dithis ghillean ann anColburg , Ontario,a mach a’ sealgaireachd mhaigheach an la roimhe, agus thòisich iad air an gunna thoirt bho chéile. Anns an iomairt a bh’ aca dh’ fhalbh an urchair, a dol troimh-amhach fir dhiubh, agus chaochail e ’n ceann beagan mhionaidean.
BAIS.
Ann an Stewartdale, Hogomah, air an t-siathamh latha de’n mhios, Anna Dhùghlach, bantrach Ghilleasbuig Dhomhnullaich (eildear) ceithir fichead bliadhna dh’ aois.
Ann an Sidni Tuath, air an ochdamh latha deug dhe’n mhios, Caritiona, bantrach Dhonnachaidh Gillios, ceud bliadhna ’s ochd miosan a dh’ aois. Rugadh i an eilean Bharraidh.
Aig Orangedale, air an treas latha de’n mhios, Bantrach Ghilleasbuig Mhic Phàil. Rugadh i anns na h-Earadh, agus thainig i nall do’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1827. Bha i ’na boirionnach cliùiteach, agus measail aig gach aon a chuir eòlas oirre. Bha i ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’aois
Ann a Halifax, air a choigeamh latha fichead de Nobhember, an deigh tinneas fada air a ghiulan gu foighidneach, Lachuinn Uilleam Mac Calldair, aon mhac Aonghais Mhic Calldair, an Orangedale, anns an treas bliadhna fichead de ’aois. Dh’ fhàg e moran chàirdean us luchd-eolais a’ caoidh a bhàis
Chaochail fear Uilleam Mac Coinnich air Beinn nan Gearrloch air an aonamh latha deug dhe’n mhios so an deigh dha aoìs ceud bliadhna ’sa naodh a ruigheachd. Rugadh e ann an Gearrloch, ’sa Ghàidhealtachd mios deireannach an t-samhraidh ’sa bhliadhna 1786, agus cha robh e latha tinn re ’uile bheatha gus an latha chaochail e. B’ fhior Ghàidheal e a bha gabhail tlachd mor ann an eachdraidh ’san claachdaidhean a dhùthcha. Bha e ’na dhuin’ onarach, clìùiteach air an robh deagh mheas air na h-eòlaich.
[Vol . 4. No. 24. p. 6]
SEANN SGOIL.
Cha’n abradh fear-turuis, ma dh’ fhaoidte, gu’n robh an tigh air a thogail an aite ro thaitneach. Cha robh beanntan arda, no glinn fhasail, no coilltean dosrach ’san t-seàlladh, no iomadh ni eile a bheireadh aoibhneas do’n t-suil. Ach bha’n tigh goireasach air na sgoilearan; ’s bha reidhlean gorm air gach taobh dheth air am faigheadh a’ chlann comas cluiche g’an toil; bha lochan uisge fa chomhair a bhiodh miaghail ris an reothadh; ’s bha geodhachan uaigneach mara dluth air laimh mar gu’m biodh iad air an cruthachadh air son balaich a mhealladh air snamh. ’S cha robh ’an sealladh mu’n cuairt’ lom, cianail, mar a chitheadh am fear-turuis e, gun a luach fein an suilean a’ bhalachain a chaidh arach ’san aite. B’e dhachaidh e; agus do bhrigh so bha gach cnoc, a’s allt, a’s leanag ni bu mhaisiche leis-san n’an aon aite a b’aillidh’ air an do dhearrs grian riamh; chor ’s gum faodadh e ’radh, gun toibheum, mu dhachaidh mar thuirt an Salmadair mu Shion:
Oir t’oglaich tha a’ gabhail tlachd
’Na clachaibh breagh gach uair;
Tha deagh thoil aig do sheirbhisich
D’a luaitbre a’s d’a h-uir.
A thuillidh air so, chiteadh air gach laimh seallaidhean a thogadh inntinn an sgoilear o dhleasdanas an la. An sud traigh, nach taghail an t-iasgair fathast ach fo gheilt, air an do chuir a shinnsearan blar fuilteach a’ dion an dachaidh o choigrich a’ chuain; an so Dun, le fhrogan dorcha comhdaichte thairis “le foghnan, fraoch, a’s fòlach,” a’ toirt dearbhadh follaiseach air na naigheachdan a dh-innseas sean daoine mu na linntidh an-iochdmhor a threig; ’san tolman uaine ud mu’n cuairt do larach an teampuill tha aithrichean air an tulgadh nan codal siorruidh le monmhor an t-sruthain air a mhuchadh le buille trom na tuinne air an traigh. Fa chomhair tha Cuan mor na h-airde an Iar, an comhnuidh a’ dusgadh suas uamhunn, ioghnadh, a’s ard-thoilinntinn, co-dhiubh a chithear e air a luasgadh le doinionn a’ gheamhraidh, no ’codal gu seimh fo ghrian an t-samhraidh, no mar a chunnaic priomh Bhard ar duthcha gu minig e mu’n do sheinn e cho oirdhearc mu’n “ghrein ’si gu laidhe ’sa chuan:”
“An d’fhag thu gorm-astar nan speur,
A mhic gun bheud, a’s òr-bhuidh ciabh?
Tha dòrsan na h-oidhche dhut fein,
Agus paillium do chlos ’san iar.
Thig na stuaidh mu’n cuairt gu mall,
A choimhead fir a’a glaine gruaidh;
A’ togail fo eagal an ceann;
Ri d’fhaicinn cho aillidh ’nad shuain,
Theich iadsan gun tuar o’d thaobh,
Gabhsa cadal ann ad chòs,
A ghrian! a’s till od’ chlos le h-aoibhneas.
Cha’n fhaicear, taing do’n Fhreasdal, ach ainneamh a nis coimeas do’n fhardaich ris an abairte an Tigh-sgoil. Tigh fada, farsuing, dorcha le bhallaichean iosal de chloich ghlais nach do ghearain air buillean an uird, air an salachadh air an taobh muigh le criadh air an taobh stigh air an dubhadh le toit. Dorus air gach taobh do’n tigh ach gun chomhla mar bu tric ri aon dhiubh. Chiteadh ’sa gheamhradh sgathaich fhraoich ri taobh an fhuaraidh de dhorus an t-soirbheis air a cumail na seasamh le cas camain. Rachadh an sgathach a chaitheamh a lion beagan a’s beagan a’ lasadh an teine; ’s bhiodh a’ sin boitein connlaich a’ gleigheadh fasgaidh gus an tigeadh mart no each miomhail an rathad a dh’itheadh e. ’San t-samhradh bha’n tigh fosgailte gu farsuing, fialaidh do sgoilearan de gach seorsa. Urlar de thalamh fuar, fliuch, ach larach na teine a mhain. Uinneagan leth-lionta le pluic, ’san corr comhdaichte le lic ’s clach ri ’cul. Da tholl air druim an taighe a’ leigeadh a mach na toit nach iarradh an rathad roimh dhorus no uinneig. Da theine air an urlar dluth air meadhon an tighe agus clach eatorra. B’i chlach so “Stol no (furm) an aithreachais.” Is tric a rinn mi cron latha fuar geamhraidh a dh’aon ghnothuch air son faotainn air an stol. Bha déileachan a gheibhte air a’ chladach sinnte air clachan a’ deanadh aitean-suidhe; ’s bha da sheana bhord le casan briste air an urlar aig am faighte sgriobhadh le beagan cunnairt. Agus ma bha airneis an tighe-sgoil gann, cha robh asaig an sgoileir duilich a ghiulan. Leac-sgliat ghlas le ruith oibreachaidh oirre, paipeir-sgriobhaidh cho saor ’sa gheibheadh cailleach nan uibhean an Grianaig, dubh de shughadh an daraich, peann de dh’ite an t-Sulanaich, Gray, Leabhar Aithghearr nan Ceist, Biobull Gaidhlig air a chomhdach le craiceann caorach, agus deagh chaman.
Bhiodh e eu-comasach do’n fhear-theagaisg a bu chomasaiche sgoilearan math a dheanamh air a leithid so de bhiodh gach tigh ’s gach goireas a b’ fhearr aig mo shean mhaighstir (cha’n chothrom; ach tha mi creidsinn ged ann r’a chur na dheigh e), nach faigheadh an sgoil an cliu a b’airde o fhir-cheasnachaidh ar latha-ne. Cha robh eolas a mhaighstir ro fharsuing; agus cha d’fhuair e cothrom air na doighean a b’fhearr air sgoil a riaghladh, no air eolas fein a theagasg d’a sgoilearan, fhaicinn no ionnsachadh. Bha e, gun teagamh, an Glaschu ’ga cheasnachadh; agus dh’innis an Dr. Mac-Leoid dha nach b’urrainn dhasan leasan Gaidhlig a thoirt dha. Air diomhaireachd an lagh “Leathan ri leathan, a’s caol ri caol” bha e mion-eolach; ach nam biodh an sgoil air a paigheadh a reir mar a fhreagradh na sgoilearan na ceistean a chuirear air cloinn an diugh, is mor m’eagal nach biodh tuarasdal a’ mhaighstir a bheag ni b’ airde na bha e. “Na labhair ach maith mu na mairbh,” theirte o shean; agus gu firinneach ’sann le h-uram agus le seirc a b’airidh sean mhaighstirean-sgoile na h-Alba a bhi air an cuimhneachadh. Agus ged nach rachadh mo shean mhaighstir a thaghadh á measg drobh an diugh a lionadh aite falamh, b’airidh e air meas agus air tlachd, agus is ann le meas agus le tlachd a tha a chuimhne air a gleidheadh aig gach sgoilear a bha fo ’theagasg. Cha bhithinn seachd bliadhna dh’aois nuair a chaochail e; ach tha mo chuimhne an diugh air a dhreach ’sair a dhoigh cho maith ’sa bha i an la a dh’adhlaiceadh e. Bha e ’s an arm ’na oige, agus thug an t-oileanachadh a fhuair e an sin seasamh direach a’s gluasad fearail dha nach do dhealaich ris ré a bheatha. Duine breac-liath, mu dheich-a’ s-tri-fichead; deas ’na phearsa; aghaidh thuigseach; cridhe blath; nadur ath-ghoirid; a cheum air tromachadh a’s uilt air teannachadh; ach a spiorad gun taiseachadh—a mhisneach cho ard a’s aignidhean cho togarrach ri aois ochd-bliadhna-deug. Cha robh balach son sgoil a bu deise a bhreth air caman, na bu deine a chur gu taghall. Saoilidh mi gu faic mi an sean duine sunndach a’ tighinn am fradharc air maduinn reota gheamhraidh, le ’aid ghibich a bha uaireigin dubh, le chota ’chlo, ’s le bhata glas-daraich ’na laimh. Chi e ’mhac fein a’ leigeadh seachad na cnaige. “A thuaisd, a thraill, a sgagaire bhochd!” their an t-athair, a’s a nuas leis a’ chota mhor. As deigh na cnaig gu lughmhor bheir e, a’ greimachadh ceann caol a bhata; agus an tiota tha i aig an taghall is faide air falbh. Theid ar gairm a steach, a’s theid na camain fo’n bhord. Toisichear obair an la le urnuigh dhurachdaich an Gaidhlig; theid earcann dhe’n Bhiobull a leughadh ’sna Ceistean a chur. Tha ’n sin sgriobhadh a’s cunntas, cunntas a’s sgriobhadh gu feasgar. Leughar am Biobull. Co-dhunar le urnuigh. Bheirear na camain am follais, a’s bithear ag iomain gus an toir an oidhche as ar suilean e.
[Vol . 4. No. 24. p. 7]
Cia suaimhneach an inntinn, cia stolda an aigne, cia suilbhear a’ ghnuis, cia binn an guth, cia milis an codal, cia toilichte uile-bheatha an duine sin nach runaich droch-bheart ’na chridhe an aghaidh muinntir eile: agus nach smuainich gu’m bheil a leithid air a runachadh le neach sam bith ’na aghaidh fein. Air an laimh eile, nach graineil, mi-thaitneach an ni a bhi ’buanachadh ann an staid naimhdeis, connsachaidh, agus corruich, air do na smuaintean a bhi air an claoidh gu searbh le curam, amharas, agus doilghios, a bhi maraon ag oibreachadh annta.
Is lionmhor iad a th’ann an cabhaig gu fàs bearteach, a chi gur amaideach an giùlan fein, oir feuchaidh beagan uine gu’m bheil iad ann an cabhaig gu bhi air an creach. Is iad na daoine a shaoithricheas gn foirfe, ciùin, stòlda, na daoine is fearr a shoirbhicheas anns an t-saoghal. Is tric leo-san da’n cleachd a bhi ’deanamh nithe gu cabhagach, gu’m féum iad na nithe ceudna a dheanamh da uair.
Anns a bhliadhna 1875, dh’òl muinntir Bhreatuinn còr us sia galain dheug air fhichead (36) mu choinneamh gach duine ’san rioghachd de stuth làidir eadar, leann, fion, uisge-beatha, ’s gach deoch eile. Anns a bhliadhna 1893, cha robh air òl ach gann deich galain fhichead mu choinneamh gach duine. Tha so a nochdadh gu bheil an sluagh gach bliadhna a’ fas ni’s stuama na bha iad.
Na’n tionndaidh duine a chulaobh a h-uile uair a thigeadh a’ ghaoth ’na aghaidh cha tig an latha a ruigeadh e ceann a thurais. Mar sin, esan a leigeas leis fein a bhi air ’amaladh leis gach ni a thig cearr air, cha dean e moran adhartais ann an turas na beatha.
Cha tric leinn aithreachas a bhi oirnne air son gu’n d’fhuirich sinn nar tosd ach is minig a ghabh sinn aithreachas a chionn nach do chum sinn ar teangadh.
Tha an neach sin a tha an còmhnuidh fo dheagh mhisnich ag cleachdadh leighis, a bhios chum slàinte, an da chuid, do’n chorp agus do’n anam.
Tha da fhoghlum aig gach aon againn. Tha sinn a’ faotainn aon dhiubh bho mhuinntir eile, agus tha sinn a toirt dhuinn fein an aon eile.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
[Vol . 4. No. 24. p. 8]
Clann nan Gaidheal.
(Le Niall Macleoid.)
SEISD:
Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham,
Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham.
Clann nan Gàidheal a tigh’nn fodham,
’S foghainteachd an euchdan.
Siol nan sonn ’s nan curaidhean,
’Bha ’n tìr an fhraoich a’ tuineachadh,
A dhion a cliù gu h-urramach,
’S nach fhuiligeadh an eucoir.
An cliù ’s an ùir sin mealamaid,
’S an t-saors’ is daor a cheannaich iad,
’S a chaoidh a’ strì gun fhannachadh
A leantuinn air an ceum-san.
’Us ged’ tha ’n àl air tanachadh,
’Us muir ’us tir ’g an dealachadh;
Tha càirdeas blàth ’g an teannachadh
Le carthantas ri chéile.
Cha dìobair iad am fearalachd,
No rìoghalachd an seanairean,
’S an gaol do thìr an athraichean,
Ged ’sgaradh iad bho chéile.
O, gu ma buan ’us maireannach,
’Bhios cliù nam fiùran chaithreamach,
’Us fhad bhios grian ’us gealach ann
Bidh aithris air an euchdan?
Theid mi nnll thar an Atlantic.
(Le R. Frazer Mackenzie.)
SEISD:
Théid mi null thar an Atlantic,
Théid mi null, ’s gur ann am dheòin,
Théid mi sheòladh air na cuantaibh
Gu mo luaidh-sa, Hatttie og.
Tha mo cridhe-s’ an Ur-Albainn, *
Tìr nan garbh-choill’ ’us nan òb,
Far am beil mo leannan uasal,
An té shuairc’ a rinn mo leòn.
Ged ’tha iomadh caileag àluinn
Eadar Geàrrloch ’us Fermòi†
Air fad Albainn agus Eirinn—
’S tu-sa m’ éibhneas thar gach òigh.
Bha mi duilich ’bhi ga d’ fhàgail,
Bha mi, ’ghràidh, a sileadh dheòir,
’S bha mo chridhe faisg air sgàineadh
’N uair a ràinig mi air bòrd.
Fad dà sheachdain air a chuan domh
Bha mi luaineach gun do phoìg,
Ach a nis’ gur buileach truagh mi
O’n ’s fhad uam thu, Hattie òig.
Gu ma luath a thig an latha,
’Us an t-soitheach ’bhios fo sheòl,
A bheir mise null air astar
’Dh ’ionnsaidh ’chailinn leam is bòidhch’.
’S tric ga d’ fhaicinn mi am bruadar,
’S tric ’nam shuain mi ’toirt dhuit phòg,
Ach ’s a’ mhadainn ’s fhada uait mi—
Och, mo thruaigh’, tha mi ’Fermòi.
*Nova Scotia. †Fermoy , County Cork,
Tha pàrlamaid Nobha Scotia ri bhi air a gairm cruinn air an naodhamh latha dhe’n bhliadhn’ ùir.
Tha a ghealach gu bhi làn da uair air a mhios so. Bha i làn air an darna latha ’s bidh i làn a rithist air an latha mu dheireadh dhe’n mhios. Tha e air a radh nach robh an solus làn da uair an Desember riamh o’n bhliadhna rugadh Criosd.
Caradh Uaireadairean
fad an da mhios s’a tighinn.
GLANADH $0 .60
MAINSPRING .60
AN DA CHUID 1.10
Agus theid mi ’n urras air gach obair a ni mi.
W . H. WATSON.
Sidni, C. B.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
title | Issue 24 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 24. %p |
parent text | Volume 4 |