[193]

[Vol . 4. No. 25. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DECEMBER 28, 1895. No. 25.


A Ghaidhealtachd.

Tha laghannan an fhearainn air an atharrachadh gu mor anns a Ghàidhealtachd seach mar a bha iad. Chan eil an ùine gle fhada bho nach robh còir sam bith aig duine air a chuid fearainn ach cead an uachdarain.; ma bhan t-uachdaransa chroitearan acòrdadh gu math, bha cead aca fuireach, ach nam biodh amhreit sam bith eatorra, no ma bha toil aigesan feum eile dheanamh dhe na croitean, dhfhaodadh e an cur asda latha sam bith a thogradh e. Ach tha na laithean sin air falbh. Than croitear a nise, ma phàigheas e am màl gu riaghailteach, cho beag eiseamail don uachdarans ged bu leis fhéin am fearainn. Tha so air a leigeil ris gu soilleir ann an taghadh chomhairlichean anns na siorramachdan Gàidhealach o chionn ghoirid. Ann an Uidhist a chinn a tuath bha croitear, fear Padruig Mac-Ille-Mhoire air an chur a stigh an aghaidh mac an uachdarain, Sir Iain Orde, leis an leis an t-eilean air fad, agus cha ruig e leas cùram a bhi air gun cuirear as a chroit e fhadsa chumas e am màl pàidhte. Than croitear mar an ceudna leis an lagh ùr so air a chuir air bonn air am faod e tuilleadh fearainn fhaotainn, a dheòin no dhaindeoin an uachdarain, ma sheallas e gu bheil fearann air an oighreachd a bhiodh freagarrach air son àiteach, agus gu bheil esan comasach air oibreachadh ma gheibh e e, Chuir àireamh chroitearan anns an Luibsan Eilean Sgiathanach tagradh dhionnsuidh a Mhorair Dhomhnullaich o chionn ghoirid ag iarraidh air croitean a thoirt dhaibh aig ceann Loch Aineart. Dhiult am Morair sin a dheanamh, agus chuir iadsan an càs air beulaobh Comhairle siorramachd Inbhernis. Ma chi aChomhairle gu bheil e ceart am fearann a tha iad ag iarraidh a thoirt dhaibh, ni iad sin, agus chan eil duine ann a bhacas iad. Tha mar sin an cumhachd a bhan lamhan nan uachdaran Gàidhealach roimhe so ann an tomhas mor air a thoirt uapa, agus tha sin ceart. Tha e mi-chiatach gum biodh comas aig droch uachdaran air daoine bochda chur as an dachaidhean gun aobhar sam bith, ge be uair a thoilicheadh e. Na h-uachdarain mhatha, agus than leithidean ann, chan eil an comas sin a dhith orra, oir tha iad a déiligeadh rin tuath le iochds le ceartas.


Litir a Ontario.

Than t-seann bhliadhna ateannadh air a crich. ’S iomadh aon a rainig ceann a thuruis bho na thainig i stigh; ’s morna chaidh dhachaidh don t-siorruitheachd, sean agus òg, beag agus mor. Tha ionndrain féin aig gach neach. Tha iomadh aon a bha bliadhnan ama sona shuidhe aig bòrd ann an tighathar, agus acaitheamh na Nollaig gu sùnndach an diugh na laidhesan leabaidh thosdach far nach cluinnear a ghuth nis . Tha iomadh màthair bhochd na suidhe ri tùrsa acuimhneachadh air mac no air nighinn a bha còmhla rithe mam àm so n-uiridh nach fhaic i tuilleadh an tir nam beò. Tha iomadh bean acaoidh a fear-pòsda a chaidh a thoirt uaipe air a bhliadhna dhfhalbh. Tha iomadh fear ag ionndrain a chéile ghradhach a thugadh uaithe o chionn da mhios dheug. Tha iomadh athair ann le cridhe cràiteach, air fhàgail na aonar; thug am bàs air falbh àileagain a ghaoil. Cha tig iad na chòmhail tuilleadh, le furan mor, nuair bhios e tighn dachaidh bhoobairse sgith. O, a bhais gun truas, nach iomadh cridhe dhfhàg thu goirt. Bheir thu leat sios don uaigh aon mhac no nighean an duine bhochd, agus aon taic na bantraich.

Bhon sgriobh mi roimhe dhfhalbh an sneachd uile agus tha uisge againn bho cheann beagan làthean. Tha na ròidean fiadhaich bog, agus duilich falbh orra.

Bha rud ris an abair iadSoirreagainn anns an eaglais Chléireach air an 18mh latha (non oidhche) den mhios so. Bha Dùghall Mac Gilleain ag ràdh gur e brigh an fhacailsoirre,” suiridhe, agus na dhfhaoidte nach robh e ro fhada cearr; theagamh gu robh beagan dhe sin ann mar an ceudna, agus ma bha faodaidh math tighn as do chuid-eigin, ged nach biodh ann ach còig dolair don mhinisteir air son dithis a phòsadh. Ach bha tuilleadh de mhath anns na thubhairt mi, Ged bhan oidhche dorcha agus car gruainach, thainig moran a mach, agus cha robh an t-aithreachas orra air son tighinn; rinneadh suim mhath aigeid a chur cruinn, agus tha feum mor ri dheanamh leis.

Chaill nighean bheag anns abhaile so te dhemeòirean air an t-seachdain sa chaidh. Bha i a cleasachd, aig àm na cluiche san sgoil, agus rug rudeigin a bhasan rathad air a meur agus chaidh a spiorradh dhith. Tha a chaileag bhochd adeanamh cho maths bu choltach dhi an deigh am sgiorraidh bhochd a dhéirich dhi.

Chaill Domhnull Domhnullach (maighstir sgoile) an aon duine cloinne bhaige, caileag bheag, bhòidheach, aois ochd bhliadhna. Cha robh i tinn ach aon latha. ’S e banacair dhipneumonia .Cha deanadh lighiche feum dhi ged a bha dha a frithealadh oirre. Dheug a màthairnuair a bha i ochd latha dhaois, ach fhuair i a deagh thogail.

Tha iad abruidhinn air rathad iaruinn a thoirt faisg air abhaile so, a bhios air a ruith leelectricity ;gu de nach teid aig innleachd an duine air a dheanamh?

The Seumas Domhnullach tinn air an leabaidh bho chionn cheithir miosan bha egabhail a MHAC-TALLA gus an dfhàs e tinns nach deanadh e feum dheth. Tha e ceithir fichead bliadhnasa coig a dhaois. A réir coltais chan eil e dol a dhfhaotainn nis fhearr. ’S e fear de na h-eildearansan eaglais Chléireach.

Faodaidh e bhi gun do sgriobh mi gu leòr air an àm so. Aguidhe dhuibh féin us dor luchd-leughaidh uile, “Nollaig Chridheil us Bliadhna Mhath Ur, is mi ur caraid.

IAIN MACILLEASBUIG.
Priceville , Ont., 23, 12, ’95.



[194]

[Vol . 4. No. 25. p. 2]

MORAIR CHOLASA.

I. —AM FEAR-LAGH.

Tha en a chleachduin aig Gaidheil, agus is ion-mholta chleachduin sin, an uair a chruinnicheas iad am measg a chéile, a bhicur cuimhne air daoine ainmeil dam fuil fein. Beagan bhliadhnachan roimhe so, an uair a rachadh cunntas a dheanamh air na Gàidheil sin a dhardaichn ar latha-ne, cliu an stuic on do dhfhas iad, as a dhearbh don t-saoghal gu bheil buaidhean inntinn co maith ri neart cuirp co-cheangailte ris an fhuil Ghaidhealaich, bha triuir gu h-araid air an deanteadh luaidhs gach cuideachdMorair ChluaidhMorair Cholasaagus Daibhidh Mac-an-Léighe.

Tha e comharraichte mu thimchioll nan uaislean urramach so gun robh an duthchas anns na h-Eileanan-an-Iar. Bho linn Shomhairle Bhuidhe cha do thog Ile gaisgeach cho foghainteach ri Cailean Caimbeul; is urram do Mhuile, ged is iomadh ceatharnach treun a dharaicheadhn a ghlinn, gu bheil coir aige air Mac-an-Leighe; agus dhfhag Donnachadh Mac-Neill iomraiteach Eilean iomallach Cholasa.

Ged nacheil curam gun teid iomradh nan laoch so air di-chuimhnam measg ar luchd-duthcha an cabhaig, tha e freagarrach gum biodh cuimhne Ghàidheal air am bu mhiann leis an rioghachd gu leir a bhicur urraim, air a gleidheadh luachmhor agus ùrails an leabhar so. Anns an aireimh so is e ar run a bhitoirt cunntais aithghearr air Morair Cholasa mar fhear-lagh; ann an aireimh eile, ma dhfhaoidte, ni sinn iomradh air mar uachdaran Gaidhealach.

Be Donnachadh Mac-Neill dara mac IainIc-Neill, Tighearna Cholasa agus Orasa, eilean bheag taobh a cheile, air ceann-an-iar Earraghaidheal. Rugadh Donnachadh ann an Orasa ann am foghar na bliadhna 1793. Fhuair e tusfhoghluim an tigh athar. Bholeanabaidheachd thug e dearbhadh air an tùr agus agheiread inntinn air son an robh e comharraichte a bheatha. Their iad an Colasa gus an lan diugh an uair a bha en a choisiche gun do thachair Eachann figheadair airathairs air fein, agus an t-slat-thomhais aig Eachannn a laimh. An uair a dhfhag iad am figheadair thuirt Donnachadh: “Nach in t-slat-thomhais a bhaig Eachann an sud adeanamh bata dhith? “Chaneil teagamh nach i,” ars’ ’athair, “ach ciod e dheth sin?” “Tha eagal orm,” fhreagair am balachan, “ma bhios i tric ris an obair ud, gum feum gum bi a tomhas gann.” Smuainichathair air brithran a mhic, agus, mas fior an sgeul, thuirt en oidhche sin fein. “Ni mi fear-lagh de Dhonnachadh.”

An uair a bha e gle ogda-bhliadhna-dheug a dh-aoischaidh e do oil-thigh Chill-ribhinn. ’S an oil-thigh dhfhag an Colasach og a chompanaich fadan a dheigh, ged bha achuid mhor dhiubh ni bu shine na e. ’N a ochd-bliadhn’ -deug, chaidh eDhuneideann a dhiunnsachadh lagh, agus an uair a bha e tri-bliadhna-fichead thainig e machn a fhear-tagraidhs achuirt. Bhon am sin gu lathabhais cha robh ainm eile ni bu tricem beul sluagh Albainn na ainm Dhonnachaidh Cholasa; agus feudar le firinn a radh nach robh fear-lagh riamh an Albainn a choisinn an da chuid uiread meas agus tlachd o gach neach ris an robh a ghnothuch, ri Donnachadh Mac-Neill, Morair Cholasa.

Bha, gun teagamh, moran nithean aco-chuideachadh a dheanadais fein a chum soirbheachadh a bhuannachd dha. Bha e de theaghlach urramach, agus bha cairdean cumhachdach aigenithean a bha ni bfheumaile do fhear-tagraidhs an la ud nan diugh. Bha abhuaidhean ard, lionmhor, agus air an deagh ghiullachdinntinn fhallain ann an corp treun, air nach deargadh an saruchadh a bu ghoirte; aignidhean togarrach; cridhe blath; gluasad fearail; teangadh dheas-bhriathrach; cuimhne gheur; eolas farsuing; nadur neo-ghluasadach; agus misneach nach failnicheadh.

A thuilleadh air so, bha e aluinnn a dhreach. Chaidh a dhealbh a tharruing iomadh uair agus dearbhaidh gach oidheirp re iomadh linn eireachdas a phearsa, ged their na h-eolaich nacheil aon diubh a thig a nios ris an fhior dhuine e fein. Bha e cheann air liathadhs a cheum air tromachadh on is cuimhne leam e, ach saoilidh mi gu faic mi ann an gnuis an t-seana bhreitheimhstolda, foisneach mar tha iciamar a dhamhairceadh am fear-tagraidhn a dheich-bliadhna-fichead, an uair a bhiodh e air a bhrosnachadh gu foirneart a sgiursadh, no gus am priosanach a chur fa sgaoil. Anns an àm ud, cha robh acoiseachd sraid Dhuneidinn gillebu dreachmoirhe na Donnachadh Mac-Neill. Bha e os cionn se troidhean air airde; lughmhor, fearail. Cha robh iad ach tearc a ruitheadh, noleumadh, noshnamhadh ris. Pearsa dhireach, dhers; ceann mor, fada, air a chomhdach gu trom le falt dubh; aghaidh shoilleir, thuigseach, fhosgailte, anns am faiceadh tu, mar an sgathan fior, gluasadan na h-inntinn;

A Ghruaidh mar an t-iuthar caoin,
A shuil nach bfhaoin a sgaoileadh ard,
Fo mhala chrom, dhorcha, chaol;
A chiabh (dhuibh) ’n a caoir mucheann,
Taomadh mu ghnuis aluinn an fhir.”

Is anns abhliadhna 1816 a fhuair Mac-Neill comas tagraidhs achuirt. Anns an am ud bha daoine treuns an lagh. Bi sudlinn an àighdo luchd-lagh Albainn. Riamh on a chaidh an da rioghachd fon aon chrun, agus gu h-araid on a chaidh Parlamaid Albainn a shlugadh suas ann an Parlamaid Bhreatuinn, bann troimh bhealach an lagha a bhan aon slighe gu h-urram agus gu cumhachds an rioghachd. Dhruigh, mar so, achuid mhor de dh-uaisleans de dhaoine foghluimte Albainn a stigh don dreuchd so, air chors gur gann a gheibhear, re moran ghinealach, comhairliche, fear-eachdraidh, oid’ -fhoghluim, ughdar, no sgoilear ainmeil an Albainn nach robh anns acheart àmn a fhear-tagraidh. An uair a bha, mar so, na h-uiread de dh-eanachainn agus de fhoghlum na rioghachds an lagh, feudar a thuigsinn cìa cho duflichs a bha e aite-toisichfhaotainn noghleidheadh ann. An uair a thoisich Mac-Neill air tagradhs achuirt, bha cathaaichean nam breitheamhna air an lionadh le daoine gleusta, foghluimte; am measg an luchd-tagraidh a bu shine na esan, bha fir a thog cliu na rioghachd so len iomadh buaidh; agus gheibhte am measg a chomh-aoisean oganaich air nach deanadh aon ach burraidh tàir.

Gidheadh bha soirbheachadh maith aig Donnachadh Mac Neill on cheud la a dhfhosgail ebheuls achuirt. “Cha bhi dicheall air deireadh;” agus a thuilleadh air gach talann eile a bhuilicheadh air an duine ainmeil so, bha a dhicheall comharraichte. Cha robh



[195]

[Vol . 4. No. 25. p. 3]

saothair air bith tuilleadhs cruaidh leis a mheudaicheadh eolas. Chan fhagadh e clach gun tionndadh a shaoileadh echuireadh solus air achuis a ghabhadh e os laimh. Cha robh car no lùbs an lagh nach do rannsaich an inntinn gheur, bheo ud le mor-churam. Cha do lean a sheanair ni bu deine riamh air luirg Mhic-a- Phì, o leab-fholuich gu leab-fholuich gus an do ghlac es aChaolas-iarach an Eilean-nan-Ròn e, ’s an do dhaighnich echòir air Colasa le fuil a namhaid, na leanadh Donnachadha charaid foghluimte air an taobh eiletroimh gach toll, as fròg, as lùb anns am feuchadh e ri e feinfholach. Bheir na paipearan-naigheachd asgriobhadhs an am ud fianuis air barail a chomh-luchd-dreuchd mu Mhac-Neill. Thuirt Jeffrey, aon cho ainmeils a bhan am measg, “Gearraidh Donnachadh Mac-Neill troimh chridhe cuise, glan mar sgian gheur.” Rinn e gu h-aithghearr ainm dha fein adion phriosanach. Lionadh iad deagh leabhar gach naigheachd a tha fathasd air an innseadh mu ghleustachd Dhonnachaidh Cholasa ann an tilgeadh chuisean-ditidh bun os ceann, as air gach seol as cleas a chleachd e chum a phriosanach fhaotainn á inean an lagha. Thug a theomachd anns achearn so den lagh cliu agus buannachd da ionnsaidh. Gu h-araids aGhaidhealtachd chaidhainm am fads am farsuingeachd. Cha robh Gaidheal a bhiodhan teanntachd, no an ainfhiach, no fo smuaireann a inntinn,” nach feumadh a chomhairlechur ris an uasal og a bhadeanamh ainm dha fein an cùirtean na rioghachd. Anns abhliadhna 1820 fhuair en a fhear tagraidh fon Chrun, agus bha nis am mion-eolas air an lagh, agus an t-seoltachd a chleachd e cho buadhmhor atilgeadh chuisean-ditidh, airan cleachdadh an cur ri cheile chùisean anns nach faigheadh neach eile failinn. Tha na cuisean ditidh a tharruing en an riaghailt fathasd air son soilleireachd agus diongmhaltachd. Bha nis a chass an fhàradh, agus a lion ceum as ceum, gun tuisleadh, gun mheareachd, rainig emhullach. Rinneadhn a Shiorramh air Peairt es a bhliadhna 1824, agus deich bliadhnan a dheigh sin, thaghadh e gus an dara aites an lagh fon Chrun; agus bha, mar so, ’cheud aite cinnteach dha co luaths a bhiodh e falamh.

Than rioghachd air a riaghladh le aon bhuidheann no buidheann eile, agus is ann aig abhuidheann a than cumhachd a tha comas gach dreuchds gach oifig fon Chrun a lionadh. Thilg Donnachadh Mac-Neill on toiseach a chrannchur leis abhuidheann ris an can iads achainnt eile na Tories. Feudaidh tusa agus mise, ma dhfhaoidte, a bhisaoilsinn gur i bhuidheann eile is fearr a dhoibricheas a chum leas na rioghachd, ach chan abradh neach dom baithne Donnachadh Mac-Neill nach bann le coguis shaor a roghnaich esan abhuidheann ris an do lean e cho dileas re a bheatha. Ach gleusta agus seoltas mar bha e air son cuis fir eile, cha robh e cho dana air a shon fein. Is i mo bharail gun robh e daonnan car narachni bu deise gus a sholus a mhuchadh nachur far am bu leir do gach neach e. Tha e airaithris gur beag nach do chaillfhaiteachas, anns a bhliadhna 1834, ’aite dha. Ach fhuair edhuais, agus air bas Sir Uilleam Raes abhliadhna 1842, rinneadh Fear-tagraidh na Ban-righ dheth. Nochd a chomh-luchd-dreuchd an earbsan a chumhachds an tlachd da phearsa lethaghadh gu bhin a cheann orra feins abhliadhna 1843. Chuir a Shiorrachd fein, Earraghaidheal, do Pharlamaid es abliadhna so, agus re nan ochd bliadhna a shuidh es aPharlamaid thug e dearbhadh air farsuingeachdinntinn as air a run gu bhi cothromachadh an lagha ri fenm an t-sluaighair am bheil againn mar fhianuisLagh nam Bochd” (1845,) maille ri iomadh atharrachadh feumail air doigh-riaghlaidh an lagha, agus air deanamh soilleir coraichean fearainn.

Anns abhliadhna 1851 dhardaicheadh gu bhin a bhreitheamh e, agus, anns an ath-bhliadhna, an uair a bhachairdean an cumhachd, chuireadh air ceann na cuirt an Albainn e. Bha en a ard-bhreitheamh an Albainn re chuig-blaidhna-deug, gus an dardaicheadh do thigh uachdarach na Parlamaid es abhliadhna 1867, fo ainm Baran Cholasa agus Orasaacheud fhearlagh an Albainn a fhuair an t-urram on a dhaonadh an rioghachd ri cheile. Shuidh en Tigh nam Morairean atoirt seachad a chomhairle luachmhoir agus aco-chumadh gach Achd a thigeadh fa chomhair na h-ard Chomhairle ri fior-leas a luchd-duthcha. Chaochail e ann an deireadh acheud mhios den bhliadhna so, air a chaoidh gu goirt leis gach neach dam baithne, as airiundrainn gu mor le ard-mhaithean na rioghachd air son a ghleustachd, fhòghluinn as a sheirc.

Air feasgar aillidh Earraichs abhliadhna 1867, sheas mi an tigh na Parlamaid an Duneideann. Bhan lnchuirt aluinn sin air a lionadh a thaobh gu taobhcha robh aite-suidhe rifhaighinn. Thionndaidh uaislean as mnathan-uaisle abhaile-mhoir am mach. Bha na breitheamhna gu leir, sgeudaichte ann an eideadh an dreuchd, ’nn an aite. Bha gach dreuchds an laghfir thagraidh, sgriobhadairaan, cleirichan t-ards an t-iodal, an seans an t-ogcruinn an sud. Bha Donnachadh Mac Neill agabhail achead deireannachdon chuirt anns an do shaothraich e fad leth-cheud bliadhna. Cha robh aite fosgailte dhas an lagh nach do lion e le mor-mheas dha fein, ’s le onoir da dhuthaich. Re nan cuig-bliadhna-deug a bha e air ceann lagh Albainn, dhearbh e air gach doigh gum be da-rireadh a bairidh air an inbhe urramaich sin. Dhardaich e an lagh agus chuir e urram air. Agus bha e nis afagail nan luchairtean sin anns an do chaith ebheatha, air a ghairm le ordugh aChruin do luchuirt a burramaiche gun teagamh, ach do thir choimhich, am measg choimpirean ùra, a lionadhn a shean aoisbha e tri deug as tri ficheadaite nach deacha lionadh riamh roimhe, —breitheamh Albannachs an ard-chuirt an Lunainn. Chunnaic mi a dhealbh air a chrochadhs anTallam bu ghnath le (Mac-Neill)” —urram nach dthug a bhraithrean re a bheatha do neach riamh ach dhàsan a mhain. Chuala michliug a seirm le beoil om bu bhinn a thigeadh moladh. Rinneadh luaidh air a dhillseachdn a dhreuchd; —air an earbsa a bhaig sluagh Albainnn a bhreith chothromaich; —air an tlachd a bhaig ard agus iosal, sean agus og, don uasal a bha anns gach ceum de bheatha,

Mar shruth ris na sàir;
Ri laigse nan lann cho ciuin
Ri aiteal gaoith air raon an fheòir.”

Chuala mi anns gach beul, “Mas es gun teid fear-lagh a chur do Shasunn, chan airidh neach eile air an urram fhads is beo Mac-Neil; ach,

Co nis a thogas an claidheamh,
Noni achathair a lionadh.’

(Air a leantuinn air taobh 6.)



[196]

[Vol . 4. No. 25. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, DECEMBER 28, 1895.

Tha na Stàitean abagradh cogaidh air Breatuinn a cheart da-rireadh. Tha iad a dol achur a mach Ard-Chomhairle aig am bi ri cùsean a rannsachadh a thaobh na criche eadar Venezuela agus Guiana Bhreatunnach. Ma their an ard-chomhairle sin gu bheil a chrioch ceart, cha bhin còrr iomraidh air cogadh. Ach ma their a chomhairle gu bheil Breatuinn adol thar a criochan, agus gun diùlt Breatuinn tarruinn air ais (rud a tha glé chinnteach) cha bhi aig na Stàitean ach an da roghainn, a dhol a chogadh ri Breatuinn, no taruinn air ais iad féin, agus a bhinan culaidh-mhagaidh aig rioghachdan an domhain air fad, suidheachadh anns nach bu mhath le dùthaich sam bith a bhi, gu h-àraid an dùthaich a thagabhail oirre féin a bhi toirt bàrr air gach dùthaich eile ann an saoibhreassan neart. ’Ses dòcha gun abair achomhairle gu bheil a chrioch a tha Breatunn acur eadar i féin us Venezuela ceart gu leòr, agus mar sin gun seachainn iad an cagadh.

Bha tuil mhor anns an amhuinn Mississippi air an t-seachdain sa chaidh. Bha icur thar a bruachan, agus bha moran calla air a dheanamh. Chaidh àireamh dhaoine a bhàthadh. Tha e air a radh gun do dhéirich an t-uisge da throigh air fhichead ann an ceithir latha.

TEAGASG AN T-SLUAIGH. —Tha mòran don t-sluagh choitcheann anns na h-eileanan so a tha fada air dheireadh air am bràithrean feadh na h-Eòrpa ann an cuisean fòghlum. Chan eil muinntir nan eileanan so idir cho eugnaidh air an làmhan agus a tha fir mòrthir na h-Eòrpa. A nis chan eil so idir cliùmhor do ainm ar daoine no ar dùthaich. Tha trioblaidean ar luchd-malairt is ar luchd-tuathanachais ag eiridh on aineolas. Tha aon tuathanach sgileil ag ràdh nacheil ach glé bheag eòlais aig na tuathanaich an coitcheannas feadh Bhreatuinn. Tha cuid dhiubh cho dall a thaobh nan ioma seorsa feòìr a dhfheudtadh a thoirt a machs nach burrainn daibh an dara fear ainmeachadh on fhear eile. Tha sona aobhar bròin mòr; agus thig droch thoradhna dhéigh mur toirear àìte do spiorad ath-leasachaidh. Anns aghnothuch so chaneil na Ghàidheil nis feàrr na an coimhearsnaich. Tha eagal oirnn, a réir mar tha Diùc Eara-Gàidheal ag ràdh gum bheil iad car air dheireadh. Co-dhiù a tha so fior no nacheil tha e ro fheumail do na Gàidheil gum biodh iadnan dusgadh air achùis; agus gum faigheadh iad cliù air son an stris an oidheirpeis ann a bhi atoirl a mach brigh is toradh na talmhainn air dòigh a bhios cuineachail don duine is don ainmhidh. —Oban Times.

Tha Alasdair Mac Coinnich, fear-deasachaidh anScottish Highlander,ag obair air sgriobhadh Eachdraidh nam Frisealach aig an àm so. Bidh an leabhar deas ceud mhios an earraich. Tha Mr. Mac Coinnich an deigh ainm a dheanamh dha féin mar fhear-eachdraidh nam fineachan Gàidhealach Sgriobh e eachdraidh mòran dhiubh.

Tha moran a feòrach dhinn ciod a thachair doCheann Liath,” a bàbhaist a bhicur litrichean gasda gu MAC-TALLA. Chan urrainn dhuinn dad a radh mu dheobhainn sin, ach tha sinn acreidsinn gu bheil e cho liathsa bha e riamh, agus a cheart cho comasach air litir a sgriobhadhsa bàbhaist da.

Chaidh fear Harry Hayward a chrochadh ann am Minneapolis o chionn ghoirid air son mort. Mun deachaidh a chrochadh dhaidich e gun do mhort e triùir eile, a deanamh a ceithir air fad

AChoisir ChiuilOrain Ghailig.

Than leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a machna thri pàirtean. Tha 62 de dhòrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oransa cheud Phairt, 21san darra Pàirt, agus 20san treas Pàirt. Than ceòl, (Tenor , Alto, SopranoagusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr don MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadhga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnathasa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, den Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75cMainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[197]

[Vol . 4. No. 25. p. 5]

Rugadh air fear Harry Bradon ann am Montreal air an t-seachdain sa chaidhse feuchainn ri bristeadh a stigh do bhanca. Buinidh e do na Staitean, aguss i mheairles ceaird dha.

Thatar abruidhinn air Comunn Albannach no Gàidhealach a chur air chois ann an Sidni. Chan eil teagamh nach eil Sidni na àite cho freagarrach air son comunn dhen t-seòrsa sin ri baileilen Canada, agus tha sinn an dochas guteid aon a chur air chois agus gun soirbhich leis.

Thuit fear Iomhar Madden marbh as a sheasamh, aig River Bourgeois air an t-seachdain sa chaidh. Bha e dol don choille, agus thuit e marbh aig a beul. Tha iad a deanamh a mach gum be tinneas a chridhe a thug a bhàs. Bha e tri fichead bliadhnasa h-ochd a dhaois. Bábhaist da a bhi na Chomhairliche ann an siorrachd Richmond.

Tha ena chleachdadh aig daoine mun àm so bhliadhna bhi cur ghibhtean gun càirdean. Nach bu mhath aghibht do neach sam bith a chur gu caraide Gàidhealach bliadhna dhen MHAC-TALLA. Bheir sin fear-tabhairt na gibhte gu cuimhne an fhir a fhuair na h-uile seachdain, agussi ar barail nach urrainn fiach dolair de ni sam bith eile sin a dheanamh.

Chaidh an Nollaig a chur seachd gle shàmhach ann an Sidni, agus anns gach cearna den dùehaich, Cha robh Nollaig gheal againn air an turus so; cha robh sneachda air an làrs cha robh na sleigheachan cho siùbhlach no cluig nan each agliongarsaich mar a bàbhaist anns na bliadhnaìchean a dhfhalbh. Bha seirbheis ann an ceithir do na h-eaglaiseansa mhaduinn. Bha an latha briagha, blàth, agus an t-side cho mathsa dhiarradh duine.

Thainig sia fichead sa seachd deug de Shineich do Chanada air amhios sa chaidh, faisg air a dha uireadsa thainig air a mhios cheudna àn uiridh. Tha aig gach aon dhiubh ri dhol troimhn tigh chuspuìnn agus ri leth-cheud dolair a phàigheadh mun faigh iad cead eas a chur air tir. Chan eil lagh na duthcha so adéiligeadh mar sin ri sluagh eile ach iad fhein, agus tha moran ag agairt nach eil an lagh ceart a thacur càin air sluagh sam bith a bhios a tighinn a stigh.

Tha naigheachd iongatach a tighinn à Manitobas à Ontario. Aon latha o chionn ghoirid, bha fear A. M. Bell còmhla ri companach a mach asealg fhiadh, ann an cearna do Mhanitoba agus air dhaibh a bhi dol troimhn choille, gach fear agabhail a rathaid fhéin, shaoil le Bell gum fac e fiadh am measg nan craobh pios uaithe, agus loisg e air. Nuiar a rainig en t-àite, cha be fiadh a bhaige ach a chompanach, air a thilgeadh marbh! Air a cheart latha sin fhéin, bha mac do Mr. Bell, ann an Ontario, ceudan mile air falbh, chaidh e fhein is fear eile mach a shealg fhiadh, agus rinn e an cleas ceudnasa rinnathair; loisg e air a chompanach an àite féidh, ach gu fortanach cha do mharbh e e. Ma than sgeul so fior, tha i iongatach da-rireadh.

Chuir réiseamaid devolunteersa than Cornwall, fios gu Morair Salisbury an la roimhe, ’nuair a bha na tuaireasgalan cogaidh aig an àirde, ag ràdh, “Cha ruig thu leas tàmh na h-oidhche a chall a thaobh a chuid so de Chanada. Cumaidh sinne na Geancaich air an criochan fhèin, agus ma theid an cogadh èigheach theid againn air ar n-àireamh a dhùblachadh.” Chan eil teagamh mas es gun tig cogadh nach dean muinntir Chanada air fad oidhearp dhuineil air an dùthaich a dhion.

Bha da fhear-pàriamaid ùr air an taghadh ann an Canada air an t-seachdain so, a lionadh àiteachan a bha falamh, aon ann an Cardwell, Ontario agus aon ann am Montreal. Cardwell, Di-màirt, fhuair Mr. Stubbs a stigh, fear nach eil aon chuidnaLiberalna na Chonservative, ach a tha de pháirtibh ur a tha fàs ann an Ontario fo chùram Dalton Mac Carthy. Ann am Montreal Di-haoine fhuair Mc Shane, anLiberala stigh le mu chòig ceud bhòt a bharrachd air an fhear a bhair an taobh eile. Tha fear no dha eile ri bhi air a thaghadh fhathast, mun suidh a phàrlamaid.

Shearmonaich an t-Urr. Dr. Robertson, ceann-suidhe àrd-sheanadh Eaglais chleireach Chanada, ann an Eaglais St. Andrews maduinn na Sàbaid sa chaidh, agus an raoir liubhair e òraid anns an eaglais cheudna a toirt ìomradh air an dùthaich a Niar Thuath. ’Sannsan Niar Thuath a tha e fèin a saoithreachadh, agus faodar a radh le firinn gu bheil a chridhe anns an obair. Tha àireamh mhor de dhaoine á Ceap Breatuinn, á Eilean aPhrionnsas aNobha Scotia anns an dùthaich ùr ud ag obair anns na meinnean no air suidheachadh mar thuathanaich. Bha Dr. Robertson aon lathasearmonachadh ann am baile beag, agus an deigh an t-searmoin Bheurla, rinn o searmon goirid anns a Ghailig, agus aig co-dhùnadh na seirbheis cha bu lugha na seachdhnar a mhuinntir Cheap Breatunn a thainig a bhreith air làimh air.

Tha caraid asgriobhadh ugainn aSt . Georges, E. P. I. ,ag innse gu robh sligneich aca anns a chearna sin den eilein a rinn an talamh a chomhdach le deigh, agus gu robh na ròidean gle mhath fhadsa mhair sin. Bha an da chuid na sleigheachans na carbadan agabhail an rathaid gu siùbhlach. Cha thric le leithid sin de rathad a bhi ann.

Sin Eadailt an dùthaich as miosa thann air son murt. Anns an dùthaich sin tha trì duine deug air a mhurt mu choinneamh gach deich mile dhen t-sluagh. Anns an Spàin tha naodhnar, agus anns aGhearmailtsam Breatuinn aon duine as an deich mile air an cur gu bas le lamh duine. Chan eil aig an Eadailteach no aig an Spainnteach, ach glé bheagan suime de bheathan co-chreutairean,


Caradh Uaireadairean
fad an da mhios sa tighinn.
GLANADH $0 .60
MAINSPRING .60
AN DA CHUID 1.10
Agus theid min urras air gach obair a ni mi.
W . H. WATSON.
Sidni, C. B.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[198]

[Vol . 4. No. 25. p. 6]

Litir a Baile New York.

FHIR MO CHRIDHE: —Chan eil mi idir cho dileas sbu chòir dhomh bhi gu fios a leigeil dhuibh, gu de tha àireamh mhòr de Ghàidheil abhaile so a deanadh a thaobh nithean Gàidhealach bhon a sgriobh mi ugaibh mu dheireadh, ach tha lan-fhios agam gum bi sibh toilichte chluinntinn gu bheil Gàidheil New York an còmhnuidh a gluasad mar bu nòs, “guallainn ri guallainn,” agus a leantuinngu dlùth ri cliù an sinnsir.” ’Se sin gu bheil iad acumail suas gu duineil cànain, ceòl, agus litreachas nan daoine còire bhon dthàinig iad. Mar tha fhios agaibh, chaidh Comunn Gàidhlig a chur air bonn mun àm so nuiridh, agus air a mhios sa chaidh, chum sinn le mòr-spéis agus urram acheud choinneamh bhliadhnail. Bhan talla luma-lan de Ghàidheil chalma, chàirdeil, ghleusda, neart dhiu áTir nam Beannagus mòran á Canada. ’Sann an sin, a Mhic-Chridhe, bhan lan-aighearsam fearas-chuideachd. Bha Niall Dòmhnullach, ceann-suidhe a Chomuiun, ’sa chathair. Air dha facal no dha a labhairt ann am briathran freagarrach, thug piobairean a Chomuinn cuairt air piob thartarach nan dos àrd, aghluais aignidhean nan Gàidheal. Labhair rùn-chléireach a chomuinn na briathran a leanas:— “A luchd-dùthcha; Mun àm son uiridh, thachair gun deachaidh an ceòl air feadh na fidhle aig cuid de Ghàidheil a bhaile so a thaobh nithean suarach air an dòigh bu chòir Comunn Gàidhlig a bhi air a ghiulan air adhart, agus bhon a bha Bheurla a tolladh a stigh agus di-mheas ga chur air seann chleachduinnean nan Gàidheal. Smaointich Domhnull Domhnullach agus mi fhéin gu robh e iomchuidh agus freagarrach Comunn Gàidhlig a chur air bonn gu cothrom na Féinne thoirt don Ghàidhlig chòir. Nach taitneach ri aithris mar tha cliù a Chomuinn a sgaoileadh am measg nan Gàidheal, agus aig gach coinneamh mhiosail tha meanglan ùr neo-fhailinneach ga chur ri fior-chraobh Ghàidheal New York? Den reusan dha sin? A chionn nach robh guth mòr na droch fhacalnar measg bhon chaidh an comunn a chur air bonn. Gum a fada a bhitheas sinn san t-suidheachadh sin:—

Mi-dhuinealas duine ri duine
Chuir na milleonan fo bhròn,”

Sibhsema dhfhaoidte, tha nur coigreich do riaghailtean agus do obair a Chomuinn, their mi ribh, thigibh agus gheibh sibh daonan cuireadh fialaidh a Ghàidheil. Mar a thubhairt Burns:—

Mi féin air Nèamh chan iar mis féarr
Na fàilte Ghàidheil ghasda.”

Seadh, na bitheadh nairoirbh aideachadh. cho fadasa bhitheas an deònur com, gur i Ghàidhlig cainnt ur n-òige; agus theagamh ar briathran deireannach mum fàg sinn an saoghal caochlaideach so!! An deigh taing a thoirt don luchd-cuideachadh, ghuidh e air gach Gàidheal meas a bhi aig air a chànain.

Tha i measail aig a Bhàn-righ
Tha i ainmeil thar an t-saile
Si bhaig Calam Cille gràdhach
Nuair a thainig e do I.”

A deiga sin thug an t-Olla J. Dyneley Prince òraid eireachdail dhuinn anns a Bheurla. Thubhairt e nach robh fhios aige gun robh Comunn Gàidhlig Albannachsa bhaile so, gus bho chionn còrr us se miosan. ’Sann aig h-aon do chruinneachadh a chomuinn a chuala e ga labhairt gu fileanta Gaidhlig bhlasdaTir nam Beann.” Ghabh e mor speis don chanain, a chionnse bhi faotainn eolais air cànanain a sholas agus a thlachd.

Bhhirinn a chomhairle air gach neach aig a bheil Gàidhlig is nach urrainn a leughadh nosgriobhadh duileag a thoirt á leabharProfesser Princeoir chan eil ach mu cheithir miosan bhon a thòisich e air ionnsachadh na Gàidhlig, gun chuideachadh sam bith ach leabharComunn Gàidhealach Ghlaschu,” MAC-TALLA, usCaraid nan Gaidheal.” Chuir a Ghàidhlig a labhair e ioghnadh air a h-aon na dha, cha reidh, snasda sa chriochnaich e sa Ghaidhlig leis na briathran a leanas:— “Chan urrainn mi fhathast moransa Ghaidhlig a radh, ach their mi so ribh. Tha dòchas agam gum faic mi gu luath anns a bhaile so comunn gu bhi air a chur air bonn de bhuill Chomuinn Aibannaich agus Chomuinn Gaidhlig Eirionnaich. Se mo dhùrach gum bi bhur Comunn air a bhliadhna tha for comhair aseasamh gu dileas ri chach a cheile agus gun craobh-sgaoil sibh a

“ ’Chanain aosda glòirmhor bhinn
A dhuisgeadh fuinn nam bàrd,”

anns gach cearna don bhaile mhor so.”

Labhair mar an ceudna Mr. Wilson Mac Dhomhuill agus Domhnull E. Camshron òraidean a bha taitneach. Chaidh Orain Gàidhlig agus Bheurla a sheinn gu blasda binn le buill a Chomuinn. Na dheigh sin thòisich an dannsa— “ribheannan us fleasgaich ògasiad an òrdugh grinn gun mheang.”

Dhfhosgail an sgoil-Shèbaid air a mhios sa chaidh. Tha moran a gabhail cothrom air a bhi leughadh facal an Tighearna fo Shàbaid gu Sàbaid:

Nollaig chridheil agus Bliadhna mhath Ur dhuibh.

Smi ur Caraid.
Domhnull MacMhuirich


TIRITHE. —Chaidh sianar dhaoine a chur an greim ann an Tirithe o chionn ghoirid, agus e air fhàgail orra gun do ghoid iad damh a bhair bòrd soithich a chaidh a bhristeadh air achladach. A gabhail sin mar bhonn, sgriobh cuid-eigin gu fear de phaipearan an Obain a toirt droch cliù air muinntir an eilean air fad a thaobh coimhead na ochdamh àithne; ach sgriobh duineile na aghaidh atoirt a chliù a bfhearr air na Tiristeich, agus ag radh nach eil àite mun cuairt anns an lugha tha chùram air daoine a thaobh tearuinteachd an codach. Tha bathar air a chur air tir bhar nan soithichean, agus air fhàgail sgaoilte air na laimhrigean fad dha no tri dhoidhcheannan; chan eil ach dorus gle aineamh air a ghlasadh oidhchesa bhliadhna; agus tha soithichean làn guail air am fàgail aig a chladach fad a gheamhraidh, scha n-ìonndrainear pùnnd asda. Tha so uile na dheagh theisteannas do na Tiristeich, agus chan eil teagamh sam bith nach eil e uile fior. Ach chan eil àite sam bith anns nach bi àireamh de dhroch dhaoine a bhios len droch ghiùlan a toirt mi-chliù orra fhéin, agus air an coimhearsnaich a tha onarach.


(Air a leantuinn bho taobh 3.)

Ciod a ni achuirt as eugmhais Cholasa.” Chunnaic mi rugha an gruaidh an t-seana bhreitheimh; chuala mi a ghuth criteach a freagradh na soraidh chairdeil a chuireadh leis; agus shaoil mi gun do thuig mi cuid de na smuaintean a bhaluasgadhinntinnn uair a bha egabhail a chead den aite a bha ceangailte ri chridhe le cho iomadh snaim. Bha mi taingeil gum faca min sealladhs gun cuala min guth, —thaisg mi le cheile ann am chridhe iad, oirbha muaill as muachdaran mor.”

D. MK.



[199]

[Vol . 4. No. 25. p. 7]

MEARACHD. —Feumaidh ar luchd-leughaidh ar leisgeal a ghabhail air son mearachd a bhasan àireamh mu dheireadh dhen MHAC-TALLA. Air a 4mh taobh bha litir o ar deagh charaidIain,” a bu choir a bhi toiseachadh leis na facailNaigheachdan as aGhàidhealtachd.” Achnuair a chaidh an clo-bhualadairga cur an clò, dhfhag e na facail sin as, agus bhan litir mar sin air a fàgail gun moran brigh, o nach robh fhios aig moran co as a bha i. Tha sinn duilich a bhi againn ri innse gun do thachair sgiorradh beag doIaincòir bho na chuala sinn uaithe roimhe. Bhrist e a dha de mheòirean na laimhe deise, agus chan eil iad fhathast air leigheas cho mathsa bha iad. ’Se sin bu choireach e bhina thosd cho fada. Tha sinn cinnteach gum bi ar luchd-leughaidh uile duilich so a chluinntinn, agus gum bi iad toilichte nach robh a chùis ni bu mhiosa.

Tha pris nan each air tuiteam gu h-anabarrach anns na Stàitean a Niar, ach chaidh a phris bu lugha chualas fhathast a phàigheadh air eich ann an California o chionn ghoirid. Chaidh lair eireachdail a reic an la roimhe air da dholair, sgus chaidh each a reic air rup mun aon àm air son leth-dolair. ’Se gille dubh a cheannaich e, agus chuir e aphris suas gu leth dolair a chionn gu robh e air son an t-srian a bhana cheann fhaighinn; cha bann idir air son ùigh a bhaigesan each.

Bha saighdear Eirionnach uair air a thoirt gu cùirt-airm air son bristeadh a stigh do nabarracks , ’se sin, streap thairis air abhalla an àite dhol a stigh air an dorus. Dhfhaighnich an t-àrd oifigeach dheth car son nach dthainig e stigh air an dorus, ged a bhitheadh e anmoch a tighinn. “Ma ta ler cead,” ars an t-Eirionnach, “dheanainn sin, ach cha robh toil agam am fear faire a dhùsgadh.”

Anns na h-Innsean, feumaidh gach fear a thacumail taigheainm a bhi sgriobhte os cionn an doruis mar a bhios aig na ceannaichean agus aig luchd-gnothuich eile anns an dùthaich so. Mur bi sin aige cuirear càin throm air.

Chan eil de shluagh ann an Astralia ach gann còig muilleinean, ach tha iuchd foghluim ag radh gu bheil an t-eilean farsuinn sin làn chomasach air ceud muillein sluaigh a bheathachadh.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.



[200]

[Vol . 4. No. 25. p. 8]

Marbhrann do Eachann Mac Aoidh.

Tha sinne a nis cràiteach,
O na dhfhàg thu sinn, Eachuinn;
S e ar n-iondrainn an tràth so
Gu bheil tàitagainn falamh.

Bu ro ghoirid an t-eòlas
Air do dhòighsa bha againn,
Ach bha do bhuadhan cho òirdheirc
Rinn mar chòrdaibh mo tharruing.

Cheangail manam le gràdh dhuit,
N uair a bha thu air thalamh;
S cha dhfhuasgail am bàs e
Ge do chàireadh thun tasgaidh.

S mòr mo thruas ri do bhanntraich
Dhfhag an geamhradh so falamh,
Bha gu foighidneach ciùin
Le mor chùramg a taltrum.

Bha do thigh ann an ordugh,
Bha do lochran ri lasadh,
S cha-n iarradh tu tfhàgail
Anns an fhàsach na bfhaidh.

Cha beol dhomhs an dùthaich
Aon cho cliùiteach ri Eachann,
Thogadh suas leis na h-ainglean
Mar bhean-bainnsedol dhachaidh.

Bha toradh agus blàth ort
Mar phailm chraoibh ro mhaiseach,
Mar an seudar ro àluinn
Os ceann chaich bha thu barraicht’.

Bha thu duineil as treubhach,
Bha thu eudmhor fo dcheannard;
Fhuair thu gibhtean as gràsan,
Fear do thalantbha ainneamh.

Bha thu fallains an diadhachd,
S a riamh cha robh smal ort;
Thu tri-fichead bliadhna
S do cheann liath ri cuir mais ort.

Anns a chomunn bu bhlàth tu,
Ameasg nam bràithrean bu tairis;
N uair a thigeadh ùr-ghràs ort
Bhiodh do ghràdhsa ri lasadh.

Rinn do chreideamh cho dàn thu,
Rinn do ghràdh thu cho tairis;
Fhnair thu creideamh na dearbhachd,
Mun dhfhalbh thu dhen talamh.

Thu mar leòmhan thaobh treubhachd,
Thaobh seamhachd mar leanabh;
Thu mar iolair thaobh néamhachd.
Agus geuraid do sheallaidh.

Ann an labhairt bu treun thu,
N uair am Béiteil bhiodh tanam,
Bhiodh seallaidhean néamhaidh
Agad féin air an talamh.

N uair a thigeadh an t-òrdugh
Bhiodh sùil gach seòrsri Eachann,
Bhiodh bochdan an dòchas
Iadbhig òls acuir thairis.

Bhiodh bochdan an treuda,
S na feumaichbhiodh falamh,
Agus sùil ac ri féisde
N uair a dhéireadh tulabhairt,

Mar Sheanair bu treun thu
Air an dreuchd acuir maise;
Ann an seirbheìs bòrd Chriosda
Le dànachd naomh bhiodh tun toiseach,

Tha thu nis anns an Aros,
Fear do ghràidh romhad soilleir,
S tu cho geal ris na reultaibh
Anns na speuraibh is gloine.

Tha do chlarsach air ghleusadh,
Tha h-uile teud innte fallain,
Us gach aon a thug buaidh
Acluintinn fuaim do bhuaidh-chaithream.

Tha thusnamh a chuain shòlais
Dheth na dhòl thu air thalamh,
Bha na fhior uisge beò
Ruith an còmhnuidh á danam.

Fhuair thu nis an crùn-glòire,
Rin robh do dhòchas cho fada:
Fhuair thu talamh Chanaain,
Seilbh air lànachd a gheallaìdh.

Rugadh Eachann Mac Aoidh ann an Eilean-nam-Muc, ann an Albainns a bhliadhna 1809. Thainig athair agus an teaghlach uile gu Americas a bhliadhna 1821, agus shuidhich iad aig ceann tuath Loch Ainslie ann an Eilean Cheap Breatuinn, far an do chomhnuich iad deich bliadhna fichead. An so phos Eachann Mairearad, nighean Ian Mhic Guaire, a bhacomhnuicheadhs a choimhearsnachd cheudna, agus rugadh dhoibh naoinear chloinne dom bainmean, Mòr, Anna, Seumas, Iain, Màiri, Eachann, Dòmhnull, Mùrchadh, agus Uilleam. Anns a bhliadhna 1851 chaidh e fein agus an teaghlach uile (ach Màiri,) air imrich gu mor-roinn Ontario, agus shuidhich iad faisg air Uisge-Tees(Tees Water)ann an Culrois, far an do chomhnich e gu àm a bhàis, air a cheathramh de mhios meadhonach an fhogharaidhs a bliadhna 1869, aig aois tri fichead bliadhna.

N uair a bha en a chòmhnuidh ann an Ceap Breatuinn bha e air a roghnachadh agus air a shònrachadh mar Sheanair ann an coimhthional Eaglais Chléireach Strath-Latharna; agus an deigh dha dol gu Culrois bha e air a roghnachadh mar Sheanair de coimh-thional Cléireach an àite sin mar an cendna.

Bha geur-mothachadh aige air cudthromachd a dhreuchd, shaothraich e gu dileas air son a Mhaighstia, agus bha e a ghnath deas chum fianuis a thogail air taobh Chaiosd.

Cha-neil fhios aig fear-sgriobhaidh an iomraidh so co e ùghdair nan rann a leanas; ach feuchaidh iad an meas a bhaig a luchd eòlais air Eachann, agus bheir iad an duine urramach as ùr an cuimhne iomadh neach ameasg Ghàidheil Chanada a chuir eòlas air a chuairt.

Air chnimhne gu bràth blthidh am firean.
E. MACAOIDH.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.

titleIssue 25
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla IV No. 25. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page