[201]

[Vol . 4. No. 26. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 4, 1896. No. 26.


Litir a Alba.

Bodachan aghàraidh
Cho friogadachs cho frogadach,
Bodachan aghàraidh
Cho frogadachsa bha e riamh.”

MO BHALACH GASDA; —Nan tigeadh fear de na daoine a dhfhalbh á Alba o chionn da fhichead bliadhna air ais a dhfhaicinn na dùthchadh is gann a dhaithnicheadh e i. Cha mhòr gu bheil a h-aon an diugh beò de na daoine a bhanan làn mheudachd o chionn da fhichead bliadhna. Agus a chuid atha beò thainig atharrachadh mòr orra. Dhfhàs iad sean mar a bha nàdurra dhaibh. Fàsaidh na h-uile sean ge be àite anns am bi iad. Ach is e an t-atharrachadh as mo a thogadh aire duine a chunnaig roimhe iad, an t-atharrachadh aodaich is caiseirt a tha orra. An uair a bha mise aotrom òg, uallach, is gann a bha daoine acaitheamh snàile aodaich ach na bha na mnathan adeanamh air an cuid clòimhe fhein. Ach an diugh is ann a tha daoine sean is òg na dùthchadh mar is trice air an comhdachadh le aodaichean Gallda. Tha mòran de na mnathan an deis sniomh a leigeadh á cleachdadh. Is ainneamh taigh anns an cluinnear fuaim na cuibhle agus na càrdadh. Tha na mnathan ògag am meas fhein os cionn lamh a chur ann an calanas. Ma bhios clòimh aca cuiridh iad air falbh don Ghallachd i gus a càrdadhsa sniomh. An àite na deadh chlòimhe a chuireas iad air falbh gheibh iad snàth dhachaidh air a dheanamh air pronnasg grànda de chlòimh a bha, ua dhfhaoidte, ann an aodach roimhe. Cha bhi blàths no buantas anns an t-snàth so.

Mu dheidhinn na h-òigridh chan eil feum a bhith bruidhinn orra. Tha na nigheanan cho spaidel ri baiin-tighearnan. Tha iad ann an sid còmhdaichte le riomhadh o mhullach an cinn gu bonn an coise. Is ann a bhios faiteachas air bodachan beag mar a tha mise amharc orra afalbh an rathaid mhòir. Le adachans le itean; le cleochdanan Gallda; le guntannan grinne; le lamhannan dubha, ’s le brògan as am faiceadh tu dfhailleas.

Chan eil na gillean òga dad air dheireadh air na nigheanan. ach iadsan le an deiseachan glasa; lem briogaisean gliùine; le am brògan fraochanach; agus le an uaireadairean air an cliathaich. Chi mi fear is fear dhiubh le fàinne buidhe air a ludaig. Gheibh fear fàinne cho buidhe ris an òr air son leith-chrun. “Is iomadh rud buidhe nach òr; is iomadh rud còir a bha dubh.” Tha de phròiss de mheud-mhòir ann an daoine òga an latha an diugh na chuireadh sgreamh air na coin. Tha e cruaidh leam so a ràdh ged is e an fhìrinn ghlan a tha mi ag ràdh. Ach ni iad air an socair mum bi iad cho sean riumsa. Bheir an saoghal air a shocair fhein srònan dhaoine a nuas glé mhor. Bu mhath riamh uige sin e.

Is e an duine glic an duine a bheir an aireair a ghnothach, agus nach bi cosg a h-uile sgillinn a choisneas e ann an aodach riomhach agus ann an nithean gòrach eile. Is iomadh fear is a chaill air a bhith dlùth-leantuinn an fhasain.

Innsidh mi dhut mu na h-atharrachain eile a thainig air an dùthaich anns an ath litir. Is mi do charaid
BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh an Locha, Latha Nollag.


ARABIA. —Tha ceannairc mhor air bristeadh a mach ann an Arabia, an aghaidh Iompaireachd na Tuirce, aig am bheil an dùthaich fo cheannsal o chionn faisg air ceithir cheud bliadhna. Is ann de chreud Mhahomet na h-Arabaich, agusse iompaire na Tuirce ard cheann nam Mahometanach air fad, na h-Arabaich a measg chaich. Chòisinn a shinnsirean an inbhe sin leas a chlaidheamh. Chan eil gràdh sam bith aig na h-Arabaich dha, ach an àite sin fuath mor, aguss ann air sgath seann ghamhlas a tha iad adeanamh ceannaircna aghaidh. Tha fear Seyyid, a tha de shliochd Mhahomet féin air an ceann, agus mas ceannard math e, cha bhi e gle dhoirbh dha a dhùthaich a shaoradh. Tha aon ni a bhios gle fhadan aghaidh nan Arabach, agusse sin gu bheil iad air an roinn nan treubhan, ’s nan teaghlaichean, air chors nach eil aonachd sam bith nam measg, agus tha singam fàgail ann an tomhas mor gun neart an àm cogaidh; theid aig an Turcach air blàr a chur ri badan dhiubh an sidsan so, agus air an dòigh sin an toirt uile gu striochdadh le armailt nach eil ann an àireamh acheathramh uiread rin armailt-san. Ach mas es gu bheil an ceannard a thorra na dhuine gleusta, tapaidh, faodaidh e bhith gun dean iad aonadh, agus mar sin gun cuir iad an ruaig air armailtean na Tuirce. Chan eil an Turcach ach air clach-an-turramain mar a tha, ach ma chailleas e Arabia, a chuid as fhearr deIompaireachd, chan eil teagamh nach cuir e crioch gu buileach air. Agus gu dearbh nan crioch air gun an Roinn-Eòrpa uile bhi air a tumadh ann an fuil, bu mhath an gnothuch e.

AN T-SIDE. —Tha sinn a nise anns a mhios mu dheireadh dhen gheamhradh, agus faodaidh sinn a radh nach dfhuair sinn blasad air geamhradh fhathast. Cha do thuit de shneachda o latha Samhna na dheanadh rathad sleighe, agus than t-side briagha, blàth. Cha dthàinig deigh ach air na lochans air bun nan aimhnichean, ’s chan eil i ach gle thana orra sin fhéin. Tha moran ann a tha dhen bharail an bheil an t-side air atharrachadh gu mor anns an dùthaich so o chionn fichead bliadhna, agus chan eil e idir ao-coltach. Bàbhaist a chuid bu mhiosa dhen gheamhradh a bhi thairis leis a mhios so, ach a nis o chionn aireamh bhliadhnaichean, chan eil an sneachdas am fuachd atighinn gu toiseach an earraich. Tha e mar gum biodh an geamhradh an deigh am a thighinn us fhalbh atharrachadh.



[202]

[Vol . 4. No. 26. p. 2]

MORAIR CHOLASA.

II. —AN T-UACHDARAN GAIDHEALACH.

Bha Cloinn-Neill an inbhe urramaich an Earraghaidheal o chionn ceithir cheud gu leth bliadhna. Cha toir eachdraidh sinn nis faide air ais; ach tha seanachas air gun dthainig da bhrathair de Chloinn-Neill á Eirinn iomadh linn roimhe sin; gun do thuinich fear dhiubh an Earraghaidheal, ’s gun deachaidh am fear eile mu thuath. Tha e airaithris gum be am fear mu dheireadh so a bu phriomh-athair do theaghlach Bharra. Fhuair clann an fhir a dhfhan an Earraghaidheal coir air Caisteal Suain o Dhomhnullach nan Eileanans abhliadhna 1422. Corr as da cheud bliadhnan a dheigh sin, ’n uair a bhriseadh cumhachd nan Domhnullach gu turs na h-Eileanan, fhuair Diuc Earraghaidheal còir air Colasa. Bhuineadh an t-eileans an am sin do Chlann-a- Phi, agus do bhrigh gun do lean iadsan aobhar nan Domhnullach, thug an Diuc seachad a choir air Colasa do Mhac-Neill air son fearann Airidh-Chonain a bhaig an teaghlachs an am. Chaidh Mac-Neill le feachd do Cholasa; ghlac as mharbh e Mac-a- Phì; agus than oighreachd an lamhan an teaghlaich gus an la diugh.

Bha Cloinn-Neill Cholasan an daoine treun, gleustabaigheil rin sluagh, agus fo mhor-mheas aig an luchd aiteachaidh. Tha e air aithris gun robh athair Dhonnachaidhn a dhuine dreachmhor, tuigseach, foghluimte. Bhamhathair de theaghlach an Dun-mhoir, ainmeiln a latha air son eireachdas a pearsa agus beothalachd a h-inntinn. Rugadh don chàraid uasail so teaghlach morseisear mac agus ceathrar nigheanagus is fior e nach robh, da fhichead bliadhna roimhe so, teaghlach eilen Albainn a beireachdaile na teaghlach og Cholasa. Cha be Donnachadh a mhain a thug dearbhadh air buaidhean ards an teaghlach. Chaidh am mac a bu shineAlasdaira bhathadhs an Orions abhliadhna 1846, air acliaoidh gu trom an Earraghaidheal o gu h-araid an Colasa. Chum an ceathramh macCalum Oga suas cliu an teaghlaich mar dheagh shaighdeir. Tha an treas macSir Iainfathasd a lathair* , agus a nisn a uachdaran air Colasa. Ann an rioghachdan ceinann am Persia agus an Russiachoisinn esan mor urram dha fein agus don teaghlach on dthainig e.

Fhuair Morair Cholasa seilbh air oighreachdaithricheans abhliadhna 1844. ’S an am sin, agus fad iomadh ginealach roimhe sin, bha suidheachadh an t-sluaighs an eilean sin mar bha em bitheantas air na h-oighreachdan a lean an lamhan nan sean teaghlaichean. Bu lionmhoire daoine na caoraich ann. Cha robh mal trom; bhan t-eilean torach, ainmeil air son buntatas crodh dubh. Baite Colasa anns an togteadh teaghlach air gle bheag. Rachadh am mal a phaigheadh le ceilps le gamhuinn firionn, ’s an teaghlach a bheathachadh air beagan mine, moran buntata, ìm, as bainne. Cluinnidh sinn o chuid gum bi sud an tim shona do Ghaidheil, ’n uair a bhan sluagh lionmhor, caoraich gann, ’s tigheans rathaidean-mora mar a dhfheudadh iad. Cluinnidh sinn o chuid eile, gun robh sluagh na Gaidhealtachds an am udn an traillean, ann an suidheachadh a bha suarach do dhaoine saor a bhith, fo smachds fo chumhachd neach a bha dhoibh mar Thighearnas mar Righ. Is i mo bharail gu bheil beagan den fhirinn air an da thaobh; ach than so ceist fharsainn, air nacheil tim a bhileudachadh air an am, ’s air a bheil caochladh barail aig na daoine is mo a smaointich mudeidhinn.

Bliadhna no dhan deigh do Mhorair Cholasa an oighreachdfhaotainn, dhfhailnich am buntata, agus bha mar so, mor-chudthrom air a chur air iomadh uachdaran gu h-araids aGhaidhealtachd. Bhan sluagh lionmhor, ’s bham beo-shlaind gu grad air a ghearradh air falbh. Chaidh suim mhor airgid a thogail air feadh na rioghachd air son daoine a bhabasachadh le gort a chumail beo. Thar cuid de oighreachdan sguabadh air falbh an sluagh bochd gu neo-iochdmhor do bhailte-moras do rioghachdan cein. Air cuid eile ghleidh na h-uachdarain, le mor-chostas dhoibh fein, beo an sluagh, choisinn iad mor urrams an rioghachd air son fialuidheachd. Air oighreachd bheag Cholasa ghabh an t-uachdaran atharrach doigh air an am chruadalach a bha sudfhaotainn seachad. Cha robh ecreidsinn gum bu ni ceart sluagh a bheathachadhn an tamh. Bha e tuillidhs uaibhreach air son cuideachadh a ghabhail o choigrich; bha e tuillidhs ceart air son an luchd-aiteachaidhiomain air falbh ged a bhan uallach air fein. Bha tanachadh feumail gun teagamh don t-sluaghs don uachdaran, ach bha e ceart as freagarrach gum biodh an tanachadh so air a dheanamh gu foighidneachs gu curamach.

Thoisich Morair Cholasa air a bhicur air aghaidh oibrichean feumail a chum leas na h-oighreachd agus an t-sluaigh. Re fhichead bliadhna, gun sgios gun sgur, bhan obair adol air a h-aghaidh, agus bhan sluagh afaotainn cothrom air a bhi cumail an teaghlaichean le obair an lamha fein, ’s ag iunnsachadh dicheall, aghartas, agus eolas a bhiodh feumail dhoibh, ge be aite am beigin dhoibh a bhith na dheigh so. Bha ceann glic an uachdarain adealbh gach obair a rachadh air bonn; bhashuil gheur afaicinn na h-obair air a criochnachadh gu ceart; agus bhaeisempleir o la gu la, ’s o bhliadhna gu bliadhna am measg an t-sluaighn a dheagh iunnsachadh air foighidinn, dicheall, gleustachd, agus soirbheachadh. Re na h-uine a dhainmich mi chaidh tighean as aitreibh, gàraidhean as geataichean, a chur suas a chosd miltean punnd Sasunnach; chaidh rathaidean-mora a ghearradh roimhn eilean o thaobh gu taobh; chaidh acarsaid ur a dheanamh; tighean-sgoile ura; an eaglais a chur suas, as ministeir suidhichtefhaotainn don eilean; ceudan de dh-acraichean fearainn a thoirt as ur fo àiteach; innealan as beairte-treabhaidh a thoirt thar Galldachd, agus Goilln an cois a chum an deagh laimhseachadh iunnsachadh don luchd-aiteachaidh; atharrach stuic; atharrach poir; duaisean dhoibhsan a bu sgileile air treabhadhs air àiteach fearainn. Cha robh, gun teagamh, tuaireasdail mor, ach bha obair cinnteach, bha paigheadh cinnteach, ’s bhan t-iunnseachadh maith. Bhan t-eilean o shean ainmeil air son crodh dubh as spreidh, ach fo uachdranachd aMhorair dhfhas e ni bainmeile. Cha robh spreidh air Gaidhealtachd a bu tricegheibheadh duais aig cruinneachadh, no bairde reiceadh air feill na treud Cholasa.

Fhuair Morair Cholasa an oighreachd le tighean air dhroch càramh, le aiteachas fad air ais. Rathaidean-mora cha robh idir ann. Bhan sluagh lionmhor, —ann am bheachdsa ro lionmhor, —toilichte ann an tomhas, ach a


’ *sa bhliadhna 1874.



[203]

[Vol . 4. No. 26. p. 3]

mhor chuid diubh air dhroch cothrom. Fichead bliadhnan a dheigh sin, cha robh oighreachd eadar am Parbh as Maol-Chinntire anns am faiceadh fear-turuis tuilleadh de chomharan comhfhurtachd am measg an t-sluaigh. Chaidh moran den t-sluagh re na h-uine sin air imrich do dhuthchannaibh ceingu h-araid do Chanada; ach bha so comharraichte mu thimchioll na h-imrich á Colasa, nach dfhag aon an t-eilein an aghaidh a thoil fein, gun dfhalbh achuid mhor diubh air costas an uachdarain; agus (ged gheibhear barrachd Cholasaich an diugh air falbh na gheibhear aig baile) gu bheil iadsan a dhfhan, a dh-aon sgeul man tlachds mun speis don uasal a buachdaran thàiris orra. Cia mar fhuair Morair Cholasa, am measg nan dleasdanais chudthromach a bhuineadh da dhreuchd, uiread da uines da aire a chur air leth air son gnothuicheanoighreachds a shluaigh, tuigidh iadsan a mhain aig a bheil eolas air na chuireas duine gleusta nacheil uair sa bithn a thamh seachad de dheagh obair. Ged nach robh duinen Albainn aig am bu mho bha ri dheanamh, no bu churamaichebheireadh air a dhleasdanas an esan, fhuair e cothrom air tri miosan de gach bliadhnachur seachad an Colasa, agus air a bhi mion-eolach air gach neachs gach ni a thachradh ann. Bha iomadh uachdaran Gaidhealach, creididh mi, a bu mhotharruingeadh speis sluaigh, air bheag eolais, na Morair Cholasa; achs i mo bharail gur gann a bha Tighearnas aGhaidhealtachd o chionn ceud bliadhna a choisinn uiread urraim agus tlachd o gach neach da shluagh fein, ’s a choisinn an t-uasal ainmeil so o gach Colasach, ge be aite an robh no bheil iad. Cha robh Baird an Colasa a sheinneadh a chliu; agus, ma dhfhaoidte, nach cordadh moran da dhoigh ris achuid mhoir de na Baird Ghaidhealach a sheinn o chionn da cheud bliadhna. Bu duine e aig an robh firinn as ceartas mar riaghailt stiuiridh airoighreachd an Colasa cho maith as anns achuirt an Duneideann. Duine cruaidh, cumhnantach, theireadh cuid; ach, a reir mo bheachd sa, cruaidh ris an leisgein a mhain. Ris an dicheall, ris an fheumach, bha e caoimhneil, seirceil, còir. Agus gheibh firinn agus ceartas buaidh thairis air inntinnean agus cridheachan Ghaidheal cho maiths thairis air duilean achruthachaidh mhoir gu leir.

Nam biodh uachdarain Ghaidhealach abuntainn rin sluagh air an doigh so, saolidh mi nach bu lughaiden cliu am measg an iochdarain fa dheireadh. Nan cleachdadh iad fas ni beolaiche air cors air feum an t-sluaigh; a ghabhail orra fhein mar dhleasdanas an sluagh a theagasg lem focals len eiseimpleir gu deagh dheanadas; cothrom a thoirt don dicheall, an uair a bheireadh iad achmhasan den t-slaodaire; agus thar gach ni, a leigeil fhaicinn don t-sluagh gun robh iad feins am fior-leas gu tricn an smuaintean, ’s nach fuilingeadh iad eucoir a dheanamh air aon diubh le neach air bithn an ainmsan, chluinneamaid mi bu lugha mu thimchioll cruaidh-chas nan Gàidheal, ni bu lugha mu sgapadh theaghlaichean air son aitedheanamh do dhaoines do fheidh. Bann mar so a chunnaic mi Morair Cholasare fhichead bliadhnaadol mun cuairt am measg a chuid daoine. Duine e fein a fhuair urram am measg ard-chomhairlichean na rioghachd nach dfhuair Gaidheal eilen ar latha-ne; ach a lean ri canains ri cleachduinaithrichean cho dlus ged nach fagadh e riamh Colasa. Cha robh duine airoighreachd air nach robh e mion-eolach. Baoibhinn leis an soirbheachadh; bu duilich leis an uireasbhuidh; Gu sunndach, foighidneach, suairce, labhradh e ris an neach a a bislen a chainnt fein. Cha chualas riamh focal suarach as a bheul; chan fhacas riamh cabhag airn uair bha gnothuch ridheanamh. Bheireadh ethuarasdal don bhuachaille-laogh cho suilbhearras cho modhails a ghabhadh e mal on tuathanach. Ri gearan nam bochd bhachluas an comhnuidh fosgailte. Cha robh truas aige don lunndaire no don mhisgeir; ach be caraid na bantraichs nan dilleachdan e, —uachdaran, a dhaon fhocal, a bhachum dioghaltais air luchd-deanamh an uilc, ach chum cliu dhoibhsan a ni maith.”

Bu bheatha so, agus beiseimpleir so, ann am bheachdsa, —nacheil acreidsinn gu bheilleughadh as sgriobhadh as cuuntasuile-chumhachdach air son iunnsachadh sluaigh, —a beifeachdaiche na obair fichead maighstir-sgoile, agus, le cead na cleire, leth-dusan ministeir. Agus bhabhuil. Am mach á Gàidhealtachd Albainn tha e do-thuigsinn an t-urram agus an speis a bhaig a dhaoine dha. Fhuair an luchd-lagh an Duneideann a dhealbh air a tharruing, ’s chaneil uair a choisicheas min luchairt aluinns am bheil an dealbh crochte, nach tog mo chridhen uair a chi mi air a nochdadh an tlachd agus am meas a bhaig a chomh-luchd-dreuchd air-san a bha cho fada air an ceann; ach chane so dealbh is mo a bheothaicheas mo chuimhne air maitheas an uasail a nis nach mairionn. Chaidh a dhealbh a tharruing air iarrtas luchd-aiteachaidh Cholasa o chionn se bliadhna, na eudach clo mor bha e cleachdte ri dol mun cuairtn am measg; agus chi min so comharra nacheil tric ri fhaicinn air speis iochdarain dan uachdaran. Chithear an dealbh so crochte an aite-tuinidh aghille oig Cholasaichs abhaile mhor; chithear an tigh an tuathanaich an Colasa e; chithear am bothan na bantraich e, agus chithear aoibh a gnuis roimh a deoirn uair a dhinnseas i da dilleachdain laga mun uasal urramach a dhfhaodadh a radh, le Fionn e shean,

Bham feumach riamh ri mo laimh,
S dhfhas an lag dana fo mchruaidh.”

Chaneil eagal gun teid a leithid so de bheatha air dichuimhn’; agus cha maith an comharra ma theidfhads a dhinnsear sgeul an Gaidhlig.” Chi sinn gu bheil uaislean Earraghaidheal acur air a bonn cuimhneachan dha an tigh na Siorrachd an Inbhir-aora, agus tha so freagarrach. Tha fios againn gu bheil muinntir Cholasa acruinneachadh airgid air son a chuimhne a ghleidheadh ur don dream a thign an deighn an eilean fein, agus tha dochas againn nacheil Colasach am muigh no aig baile a chluinneas iomradh air run a luchd-duthcha nachcuir clachn a charn.” Gun teagamh, as eugmhais carra-cuimhne, bithidh e fior an Colasa,

Gus an crion gu luaithre achlach,
S an searg as le h-aois agheug,
Gus an sguir na sruthain a ruith,
S an deagh mathair-uisge nan sleibhtean;
Gus an caillear an dilinn aois
Gach filidh, ’s dan, as aobhar sgeil

nach feoraich an t-aineolCo Morair Cholasa?” ach gidheadh tha e iomchuidh gum biodh cuimhne an uasail agus speis an t-sluaigh dha air an comharrachadh re iomadh linn do choigrich. Cha suidh oidhren a chathair. Chaneiluir am measg a shluaigh. An tir choimhich bhasaich e; an Duneideann dhadhlaiceadh e. Bu cheol mun cuairt da chreathail an Orasameaghal mhiol-chon

(Air a leantuinn air taobh 6.)



[204]

[Vol . 4. No. 26. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IANUARAIDH 4, 1896.

BLIADHNA MHATH UR.

Tha MAC-TALLA anns an àireamh so acur fàilte na BliadhnUire air a luchd-leughaidh uile, agus aguidhe gun soirbhich gach ni gu math leotha air a bliadhna air am bheil sinn a nis air tòiseachadh. Tha a bliadhna 1895 a nise air a h-àireamh am measg nan làithean a dhaom. Cha bhuin i dhuinne nis fhaide; tha i air ar fàgail, agus tha i gach lathag imeachd nis fhaide agus mis fhaide uainn. Chan fhada gus am bi i adol as ar cuimhne, agus ann an ùine gle ghearr, cha bhi de dheòlas aig an t-saoghal oirre ach a mhàin na gheobhar troimh eachdraidh.

Nuair a thainig a bhliadhna so dhfhalbh a stigh, bha cogadh adol air adhart eadar dithis de rioghachdan na h-airde Near, Sina agus Iapan. ’S i Iapan an dùthaich as laige ann an àireamh a sluaigh, ach tha i beothail, adhartach, agus ann an iomadh dòigh suas ri gin de dhùthchannan na Roinn-Eòrpa. ’Si Sina air an laimh eile an dùthaich as sluaigh a tha air an t-saoghal, ach tha i fad air deireadh air Iapan na dòighean-riaghlaidh, agus ann an sgil cogaidh. Mun robh iad ùine mhor acogadh, bha e soilleir do na h-uile gum biodh Iapan buadhach, aguss ann mar sin a bha. Thug i Sina gu striochdadh, agus mur biodh Ruisia a dholsan eadraiginn, bha Sina ann an tomhas mor fo a spòig an diugh. Ach thug Ruisia oirre gabhail le suim airgeid a phàigheadh cosgais a chogaidh, agus Eilean Formosa.

An deigh an t-sith a dheanamh eadar an da dhùthaich ud, thòisich fathunn air tighn a Armenia mu mhurtsmu mharbhadh a bha air a dheanamh leis na Turcaich air na Criosduidhean. Cha robh daoine acreidsinn gach sgeòil a bha tighinn an toiseach, ach tha e nise air a dhearbhadh gur ann a bha iad uile tuilleadh us fior. Tha na Turcaich a déiligeadh ri Criosduidhean Armenia air dhòigh a tha an-iochdmhor agus brùideil. Chan eil iad idirnan càradh cho mathsa tha beothaichean na machrach. Ach so ni iongatach: tha rioghachdan na h-Eòrpa an guaillibh a chéile aig dorus na Tuirce ag iarraidh ceartais do na h-Armenianfch, tha de ghunnaichean-mora aca na chuireadh Iompaireachd an t-Sultain bu o sceann ann an ceithir uairean fichead, ach a dhaindeoin sin uile tham murtsam marbhadh adol air adhart gun lasachadh, than sgeula brònach ceudna tighinn a Armana na h-uile seachdain, ’s than sgrios cianail cho fada o bhi air a chasgsa bha en latha thòisich e.

Thainig ni eile mun cuairt deireadh na bliadhna a tha bagart cogadh aobharrachadh, ’se sin a chòmhstri a theadar Breatuinn us Venezuela, agus an dòigh a tha na Stàitean acur roimpe gnothuichean a réiteach dhaibh. Mases gun tig cogadh as achùis, bidh ena chogadh searbh, agus sgriosail taobh air thaobh, ach tha gach aon ach na Stàitean fhéin ag aideachadh gur ann aig Breatuinn a tha chòir, agus ma theid i chogadh gur h-ann dha h-aindeoin. Tha gnothuichean a niseg amharc nis fhearr, agus tha dòchas làidir nach bi cogadh ann idir. Tha sinn an dòchas nach tig na cogaidhean a tha bagradh aig an àm so, ach gum bi a bhliadhnùr sona bliadhna shìtheil agus shoirbheachail.


Than cogadh ann an Cuba adol air adhart fhathast, agus chan eil a choltas air gu bheil taobh seach taobh abuannachadh a bheag. Tha an cogadh a cosd uamhais airgeid don Spàinn, agus tha moran a deanamh a mach ma theid aig na ceannaircich air seasamh a mach na h-aghaidh gu toiseach an t-samhraidh, gun toir i suas.


Na biodh cota dubh air cealgaire no cota dearg air slaoightear.

Am fear isn dàn a chroich, cha dtheid gu bràch a bhàthadh.


AChoisir ChiuilOrain Ghailig.

Than leabhar ciùil Gàilig so air a chur a machna thri pàirtean. Tha 62 de dhòrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oransa cheud Phairt, 21san darra Pàirt, agus 20san treas Pàirt. Than ceòl, (Tenor , Alto, SopranoagusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr don MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadhga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnathasa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, den Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[205]

[Vol . 4. No. 26. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh gille beag le Aonghas Mac Leòid ann am Port Morien a bhàthakh DI-luain sa chaidh. Bha e-fhéin us ballaich eile acluich air an deigh airSand Lake.Thuit e ann an toll, a bhair a chòmhdach thairis le sgreabhag thana de dheigh, agus mun dfhuaireadh a dholga chuideachadh, bha e air a bhàthadh. Cha robh an giullan bochd ach da bhliadhndeug a dhaois.

Fhuaireas sgeul o chionn ghoirid ag innse gu robh an t-Urr. Iain Caimbeul Màrtuinn, a tha na mhisionaraidh anns an Turic, air a chur an priosan leis na Turcaich, an deigh droch dhiol a dheanamh air air gach dòigh. Bha biadh us cadal air a chumail naithe fad thri latha, agus cha gach tàire a burrainn daibh air a thoirt dha a bharrachd air sin. Buinidh Mr. Màrtuinn do Eilean a Phrionnsa.

Chaidh Caiptean Deorsa E. Pearcy a mhuinntir Newfoundland, a bhàthadh aig beul acarsaid Shìdni a Tuath Di-sathairne sa chaidh. Bha e na sheasamh air mullach fear de na taighean aig deireadh an t-soithich, acur air dòigh rud-eigin ma na siùilnuair a chaidh a thilgeadh thar na cliathaich le tulgadh an t-soibhich, Chuireadh stad air an t-soitheach gun dàìl, agus chuireadh bàta mach, ach cha dfhuaireadh esan gus an robh e tuilleadh us anmoch. Bha e air a thurus dhachaidh guSt . John’ san deigh a thilleadh a Brazil, agus thaghail e ann an Sidni Tuath air son luchd guail a thoirt leis dhachaidh, aguss am an deigh dha am port fhàgail a thachair an sgiorradh muladach leisn do chaill e a bheatha. Ghabh Saor Chlachairean a bhaile cùram dechorp, agus bha e air a chur air falbh air de na soithichean smùide Dior-daoin. Bha e da fhichead bliadhnasa seachd a dhaois, àgus dhfhàg e bean, dithis mhac, us dithis nighean. Bha do na h-igheanan, aois shia bliadhndeug, air an t-soitheach còmhla ris.

Chaidh an Comunn Albannach air an dthug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh, a chur air chois oidhche Di-luain sa chaidh, fon ainmComunn Caledòineach Cheap Breatunn.” Tha còrr us deich buill fhichead ann cheana, agus tha dùil ri moran eile bhi dol a stigh a cheud chothrom a gheobh iad. ’Se rùintean a chomuinn so a bhi cumail suas cainnt, ceòl, litreachas, agus cleachdaidhean nan Gàidheals nan Gall Albannach, agus a bhi deanamh co-chomunn ri chéile. Faodaidh neach sam bith a tha de shliochd Albannach, agus a rugadh no thacòmhnuidh ann an Ceap Breatunn a bhina chall dhen chomunn. Bha Iain Siosal, á Antigonish, apiobaireachd don chomunn aig acheud choinneamhs e sgeadaichte anns an deise Ghàidhealaich. Tha sinn an dochas gum bi soirbheachadh math leis a Chomuun, agus gun bi gach blìadhna theid seachadga dheanamh nis mo agus ms mo na mheadhon air a bhi meartachadh càirdeas Ghàidheal Cheap Breatunn da chéile, agus a meudachadh am bàigh ri dùthaich an sinnsireachd.

Sa mhaduinn latha Nollaig, bhrist meairlich a stigh do thigh fear Mr. Tadini, ann an Sidni Tuath, agus ghoid iad leotha gach sgillinn airgeid air an dfhuair iad greim. Bha muinntir an taighe anns an aifhrinn aig an àm, agus thug sin an deagh chothrom do na meairlich. Fhuair iad a stigh troimhn t-seilear, agus cha mhor guu do dhfhàg iad ni fo dhruim an taighe gun a chum run os ceann ag iarraidh airgeid. Fhuair iad eadar leth-cheud us tri fichead dolair. Cha dfhuaireadh a mach fhathast iad, ’s chan eil e ro choltach, gu ruige so, gu bheil doigh air an lorgachadh a mach.

Chaidh dithis ghillean òga a bhàthadh aig Frenchvale Di-dòmhnaich sa chaidh. Dhfhag iad an dachaidh aig a Mhèin Chopairsa mhaduinn, agus am feadhsa bha iad adòl thairis air dama muilne (le Iain Mac Leoid), bhrist an deigh fopa, agus chaidh am bàthadh le chéile. Cha robh duine timchioll aig an àm, achnuair nach dthainig iad dhachaidh feasgar, ghabh am pàrantan eagal gun do dhéirich rud-eigin dhaibh, agus chaidh daoine machg an iarraidh. Fhuaireadh an cuirp an grùnnd na damasa mhaduinn Diluain, ann an ochd troighean de dhuisge. Cha robh am fear bu shine dhiubh, mac do Mhicheil Mac Suain, ach seachd bliadhndeug a dhaois, agus am fear eile, mac bantrach AlasdairIc Leòid, ceithir bliadhn deug. Bha iad air an tiodhlacadh latha na BliadhnUire.

Tha an latha afàs nis fhaide; tha gach seachdain a cur àireàmh mhionaidean ris. Aig toiseach a mhios, bhaghrian ag èiridh ochd mionaidean deug air fhichead an deigh seachd, agus a dol fodha leth-uair an deigh ceithìr. Cha robh dhfhad anns an latha mar sin ach ochd uaireans leth-cheud mionaidsa dha. An latha mu dheireadh dhen mhios, eiridh a ghrian seachd mionaidean deuga nis tràithe agus thèid i fadha seachd mionaidean deugair fhichead nis anmoiche na air a cheud latha. Than latha mar sin a gleidheadh uair ach sia mionaidean air a mhios so. Ann am Manitoba than lathan drásda dlùth air tri chairteil na h-uarach nis giorra na tha e againne; an latha mu dheireadh dhen mhios, cha bhi e ach leth-uair nis giorra, agus air an aonamh latha fichead de mhios meadhonach an t-samhraidh, bidh uair us naodh mionaidean de sholus latha aig muinntir Mhanitoba a bharrachd air na bhios againne. Saolaidh cuid gu bheil so iongatach, ach iongatachsga bheil e, tha e fior.

Chaidh tigh comhnuidhna theine ann an Columbus, Ohio, ’sa mhaduinn Dior-daoin, agus bha fear an taighe, a bhean, dithis chloinne, agus dithis mhnathan òga bha fuireach còmhla riutha, air an losgadh gu bàs. Fhuair an duine bochd ceathrar den chloinn a shàbhladh, ach an deigh sin rug an teine air fhéin, ’s chaill e a bheatha.

Is sleamhuinn achlach a than stairsnich an taigh mhoir.


Caradh Uaireadairean
fad an da mhios sa tighinn.
GLANADH $0 .60
MAINSPRING .60
AN DA CHUID 1.10
Agus theid min urras air gach obair a ni mi.
W . H. WATSON.
Sidni, C. B.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[206]

[Vol . 4. No. 26. p. 6]

Litir a Port Hood.

FHIR-DHEASACHAIDH IONNHUINN; —Faigh $1 ,00 airson an cuir thu ugam bliadhneile do MHAC-TALLA. Tha mi gle thoilichte fhaicinn gum bheil Clòdh-chlar a nis aig Mac-Talla dha fhéin. ’S dearbhadh soilleir sin do luchd-teagamh gu bheil e gach lathabuannachd grùnnd, ged a bha iomadh aig radh, ’nuair a chunnaic iad e an toiseach, nach robh a shaoghal fada. Ged a bha tuilleadhsa chòir dhen t-seòrsa sin ann, gidheadh, bha na measg de dhaoine treibhdhireach, tir-ghràdhach na thug fasgadh dha le faoilteasnuair a thainig e namhacanbeag a dhiarraidh an aontagus beagan cuidichidh. Bha moran dhiusachuir cùl ris, agabhal mar leisgeul gu robh e cho beags nach bfhiach e bhi ris. Bu choir dhaibh so a thoirt fa-near nach robh MacTalla, ’snach eil fhathast, ach an toiseach a ghluasaidNa daoine is ainmeil a bha air an t-shaoghal beiginn dhaibh a bhi greis ag imeachd air mhàgaran man deach acair coiseachd. Tha MacTalla nas fhearr na sincha robh altrum a dhith air, us cha robh e na thrioblaid daibhsean bho robh duil aige ri cuireadh. Na bheil esiridh se nas lugha na da shentsan t-sheachdain agus thig eh-uile seachdain gu riaghailteach uchdasan a phaigheas am priobaid beag sin. Bu choir am paipear so a bhi tighinn do na h-uile tigh Gaidheal agus paighedh air a shon oir tha e, chan e a mhàin, a cumail suas ar cainnt mhathaireal ach tha en deigh a dusgadh ann an iomada aite anns a robh i air cadal gu bulach. Tha moran a their nach teid acair Gaidhlig a leughadh; faodaidh sin a bhith ach neach a bhruidhneas Gailig is a leughas beurla ma dhfhiachas e le dìchioll, ann am beagan ùine theid aige air Gailig a leughadh. Tha dearbhadh agamsair sin oir dhfhiach mi e. Tha duine anns an tigh as fhaisgorm a tha gabhal a Chasket; bha laoidh ann an Gàilig ann agus thainig e airson miga leughadh dha, ni a rinn mi gu toileach. Thòisich e fein air an sin agus misegradhain nam faclan roimhe. Chum e air chumhne pàirt dhiu, agus thainig e an ath latha us rachadh aig air roinn mhath de na faclan a leughadh. Sheòl mi e a ris agus thuirt mi ris nan gabhadh e MAC-TALLA nach bfhada gus a leughadh e e. Chuir ega iarraidh agus ann am beagan ùine chan eil facal dheth nach deid leis a leughadh. ’Se duine e nach do chleachd a bhi labhairt na Gàilig ach gle bheag oir chuir c seachad moran dhe uine anns na Stàiden. Faodaidh so misneach a thoirt do neach aig am bi toil Gàidhlig a leughadh. Than dùthaich làn de dhaoine a leughas MAC-TALLAa h-uile smid dheth ma gheobh iad an iasad e (agus cha chuir iad air ais idir e) ach ma their thu riutha curga iarraidhcha leuge mi ach facal an sidsan so dheth.”

Tha mo litir air fàs tuilleadh is fada, ach o nach eil i math tha mi airsontomhas pailt a chuir ann dhi.” Bha mo ghoistidh innse dhomh an oidhche roimh man chùbairduine bha, na nadur, gle dhoirbh; bhiodh e fhéinsa bhean air uaireabh gle neo-chompanda. Thainig còmhdadh eadar iad air lathàiridh, dhfhas an gnothach cho tethsgur ann a bha an cùbair as deigh na mna air son a dochunn, ’sa toirt leis lorg de chearcall theich isemachs ma-chuairt an taighe a ghabh iadise ag eibheach muirtus bear is cha bhear aig an duine oirre. Bha duine eile a tighinn an rathad, ’s chualen ùpraid fada mam fac e iad. Se bhann gu robh e air thuair a bhi air muin a chùbair airson a bhi dol a mhurt na mna. “A thrusdair,” thuirt e, “tha mi smaointeachadh an lorg sin a chosg mad dhruim. An ann am beachd do bhean a mhurt a tha thu?” “O chan ann, chan ann,” arsan cùbair, “ ’sann a than creutar air fior dhroch cnatan a ghabhail is bha mi airson falus a chuir dhi.”

Cha baithne dhutsUilleam, (thuirt e,) duins mors e gle neo-bhriadha. Bhiodh e daonnan a faighinn coire don mhnaoi airson nach cumadh i gnothaichean mar bu chòir dhi. Bhiodh e gu sònnraichtetrod ma dheighinn nan laogh nach robh igam biathadh riaghailteach no ceart. Bha e air thuras uair, e-fhéins duine no dithis eile, bha an latha fuairs cha bfheairde coltas Uilleam sin dad. Ach dhaimis na laoigh airsnuair a bha e féins na doine eile tiotadh beag as tigh thuirt e, “A mhor, tha mi gach latha a bruidheann ma na laoigh ud feuch an toir mi ort a bhi gu math dhaibh ach cha dean sin feum; tha nàire orm am faicinn am measg laogh nan coimhearsnach.” “Ma ta,” ars ise, “tha nàire ormsa thu féin fhaicinn am measg nan comhearsnach.”

V.


(Air a leantuinn o thaobh 3.)

cleasadh ard,” geumnaich bha-laoigh, ’s gaoir achladaich; agus be miann muinntir Cholasa gun laidheadh ean eilean fuar nan geotha cromri taobhaithricheangus am biodh cadal na h-uaighe criochnaichte.” Ach cha do thachair mar so. Soraidh mhaith, ma ta, agus soirbheachadh leosan a thadeanamh nis urrainn doibh air son cuimhneachan a chur air bonn don Ard-urramach Morair Cholasa.

D. MK.


Litir a St. Anns.

FHIR-DEASACHAIDH: —Ged nach eil misgriobhadh gle thric dor n-ionnsuidh, smaoinich mi gun deanainn sin air an turus so. Tha muinntir Cheap Breatunn uile gle thoilichte bhi faicinn litrichean Iain Rothaich á New Zealand, a tha tabhairt mor eòlais dhaibh air cor nan nan daoine dhfhalbh as am measg, agus air cleachdaidhean nam Maories, agus iomadh ni eile air nach cluinneadh iad iomradh am feasda mur biodh a chuid litrichean-sansa MHAC-TALLA. Tha iad mar an ceudna toirt gun cuimhne seann amannan, seann bhlàths us cathrunnas a bha ann an St Anns nach eil idir ri fhaotainn aig an àm so. Tha Iain Rothach da-rireadh airidh air mor spéis agus urram air son oidhearpean dhùrachdach agus a dhillseachd a chum cainnt cheanalta, ealanta, bhlasda, bhinn, nam beannsnan srath a chumail air a h-adhart. Chan eil spéis aige do na baothairean truagha tha coma co-dhiu ged a bhitheadh an iall mu dheireadh air a druidheodh mu muineal. Dhfhàg Iain Rathach daoine ann an St Anns aig nach robh de Bheurla na chuireadh fàilt air Innseanach; ach a nis chan fhaighteadh facal aig an cuid cloinne ach Beurla. Daoine aig nach eil spéis dan dùthaich no dan cainnt mhàireil, chan eil iad freagarrach air son ni sam bith earbsa riutha. Bidh mi aco-dhùnadh le bhiguidhe Bliadhna mhath Ur do uile luchd-leughaidh a MHAC-TALLA.

F. L.
Gut-a- Deas, St Anns, 23, 12, ’95.


Chaidh soitheach-smùide Breatunnach a long-bhristeadh air cladach Eirinn seachdain roimhn Di-luain sa chaidh. Chailleadh a naodh deug dhe na bhair bòrd, a measg chach an sgiobair, a bhean, ’sa mhac, ’sna h-oifigich uile.



[207]

[Vol . 4. No. 26. p. 7]

Nuair a thainig mi dhionnsuidh an t-saoghailarsan duine beairteach ri caraid, “cha robh sgillin ruadhnam phòcaid.” “Ged nach rodh fhéin,” ars acharaide ris, “bha thu na bfhearr dheth na bha mise; cha robh fiù na pòcaid fhéin agamsa.”

Than coisiches fhearr air am bheil cùnntas aig an àm so ann an Sasuinn, fear dan ainm Sturgess. Choisich e o chionn ghoirid ochd miles dacheuds tri fichead slatsa deich (570) ann an uair a thim. Choisich e a cheud mhile an taobh a stigh de sheachd mionaidean.

S iongantach na nithean neònach a chi daoine ann an aislingean. Bha Eirionnach uair ag innse aisling a chunnaic e, agus so mar a chriochnaich e: “Agus an uair sin shaoil leam gu robh mi a spaisdireachd mun cuairt dearg rùisgte agus mo dha laimh na mo phòcaidean!”

Than duines raimhre thair an t-saoghal an diugh ri fhaotainn am baile-mor Pharissan Fhraing. Tha e mhuinntir Switzerland, is ainm dha Canon-Berg, agus cothromaichidh e air na toimhsean coig ceuds tri fichead pùnnd. Tha e ann am fior shlàinte, agus ithidh e uiread ri coignear dhaoineile.

Bha seann duine anns a Ghàidhealtachd uair a bhiodh acaradh phoitean dubha do na smugalairean, agus aon latha thachair an gauger air. “Seadhars esan ri fear càradh nam poitean, “càiten do chàraich thu a phoit mu dheireadh?” “Ma ta,” ars am fear eile, “chàraich mi i dìreach far an robh an toll oirre.”

Bha seann duinesa bheans t-samhradh sa chaidh ann am bàta smùide a bha ruith eadar Sasunnsan t-eilean Manach. Bha a mhuir car garbh, agus thòisich abhean ri gabhail an eagail. “O Iain,” ars ise, “tham bàta dol fodha; tha mi cinnteach gu bheil!” “Ma theid, nach eil a chead aige,” ars Iain. “Cha leinne am bàta ann, ’s nach fhaod sinn a bhi coma.”

Chan eil dùthaich eile air an t-saoghal anns am bheil an sluagh cho fad air adhart ann am foghlumsa tha iad anns aGhearmailt. Ach ged tha sin mar sin an diugh, ceud bliadhna roimhe so, bha na maighstirean-sgoile afaotainn tuarasdal cho bochds gum bàbhaist daibh a bhi seinn air sràidean nam bailtean mora air son sgilinnean airgeid fhaotainn on t-sluagh.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.



[208]

[Vol . 4. No. 26. p. 8]

A bhliadhnUr.

LUINNEAG.
O mo chaochladh mor a thainig,
O mo chaochladhtha mi smaointinn;
S fado thir mo ghaoil a tha mi;
O mo chaochladh mor a thainig.

On a thainig a bhliadhnùr oirnn,
Toirt air iomadh smaointinn dùsgadh,
Cuiridh mi na rainnsadionnsuidh
Ged nach buin dhomh cliù na bàrdachd.

S tric a dol air ais mo smaointean,
Thun na tim ud a rinn aomadh,
Toirt am chuimhne mnathan caomha
Agus daoine rinn ar fàgail,

Cáite an diugh a bheil an còmhlan
A bha leam an làithean mòigo?
Sgaoilto chéile na bheil beò dhiu,
S coigrich a còmhnuidhnan àite.

Tha na fàrdaichean air sgaoileadh;
Tha na pàrantan air caochladh;
Tha chlann-bheag air fàs nan daoine;
Sgaptair feadh an t-saoghail pàirt dhiu.

Ged nach eil mi fathast aosda.
Chunnaic mi nam latha caochlaidh:
Eòlaich mòigeluchd mo ghaoil,
An duighsan leabaidh chaoil an càradh.

Guidheam soirbheas maithus suaimhneas
Bhi don àl a dhfhàs on uair sin;
Leanadh iad an gnàthas bu dual dhaibh,
Biodh iad suairce, modhail, càirdeil.

Tha gach bliadhna deanamh caochlaidh,
Sa cur ann an cuimhne dhaoine
Gu bheil tim a sior-ruith daonnan.
S nach eil anns sn t-saoghal tàmh dhuinn.

Deanamaid le dichioll gniomhach,
Ge be gheibh ar làmh ri dheanamh.
Oir tha ùine ruith air sgiathaibh;
Tha ar bliadhnachangar fàgail.

Giulain beannachd na bliadhu ùire
Gu mo chàirdeanmo luchd dùcha;
Thugad fhein tha beannachd dubailt
On a chuir thu ùighsa Ghàilig.

Chuireadh an t-òran bòidheach so ugainn le caraid nach eil air son ainm a chur ris. Is òran e a tha gle fhreagarrach mun son bhliadhna, agus ged than t-ùghdar ag radhnach buin dha cliù na bàrdachd,” ’s iomadh bàrd aig nach rachadh air briathran cho bòidheachs cho firinneach a chur an eagaibh a chéile.


Chruinnich Pàrlamaid Chanada ann an Ottawa Dior-daoinsa chaidh. Co-luathsa leughadh an Oraid on Chathair, sgaoil i gu cruinneachadh air an t-seachdainsa chaidh. Chan eil a choltas gum bi ina suidhe ach ùine ghoirid air an turus so. ’Se ni àraidh a tha fa comhair riaghailtean a dheanamh a thaobh nan sgoilean ann am Manitoba.


Iadsan a Phagh

Coinneach Mac-an-Tòisich, Bai Niar.
Aonghas Moireastan, Marsh Lake.
D. C. Domhnullach, Birch Grove.
D. I. Domhnullach, Birch Grove.
Alasdair Domhnullach, Salmon River.
Calum Mac Leoid. Orangedale .
Iain D. Domhnullach, Woodbine .
An t-Urr H. P. Mac-a- Phearsain, L ’ Ardoise.
Anna Mhathanach, Valley Mills.
Caipt. D. Mac Leoid, Baile-nan-Gall.
Alasdair Caimbeul, Brook Village.
A. D. Mac Diarmaid, Stirling (50c)
A. W. Bethune, P . M., Loch Lomond.
A. Mac Fhearghais, Loch Lomond.
Alasdair Mathanach, Sidni.
Bantrach I. Dhomhnullaich, Mabou .
Aonghas MacFhearghais, LochIc Fheaeghais
A. B. Domhnullach, Meat Cove.
Alasdair Seathach, Hay Cove.
Domhnull Mac Cuish, Bridgeport .
F. D. Caimbeul, Middle Cape.
Domhnull A. Smith. Bai Niar (40c)
Seumas Mac Leoid, Port Bevis.
Somhairle Mac Leoid, St . Esperit.
Calum Mac Fhearghais, St . Esprit. (50c) .
R. MacGilleain, St . Esprit.
Donnacha Moireastan, New Harris, ( $2 .00)
Domhnull Moireastan, Ceap Nòr.
V. A. Mac Gill-fhaollain, Port Hood.
Coinneach Mac Coinnich, Amhuinn Dhennis.
Uisdean Calder, Malagwatch , (75c)
Dughall Domhnullach, Gleann-comhain, $2 .00
Donnacha Mac Coinnich, Gut Mhira;
D. Mac Gill-fhinnein, Taobh tuath an Eilein Mhoir.
Calum H. Gillios, Braigh Mhargaree.
Aonghas A. Mac Phàrlain, Braigh Mhargaree. ( $2 .00)
Mairi E. Nic Neill, Meinn Ghardiner.
Uisdean Mac Aoidh, Garfield , P. E. I.
D. M. Mac Ille-mhacil, Eileanan Coille.
Uisdean Mac Leoid, Braidalbainn,
Donnacha Mac Coinnich, Amhuinn Mitchell
Uisdean A. Mac-a- Phi, St . Georges,
M. D. Domhnullach, St . Georges,
Domhnull Pentan, Drochaid Chardigan,
Domhnull Mac Calamain, Kinross ,
Tearlach Martuinn, Kinross ,
Murcha Ross. Toronto , Ont.
An t-Urr. Niall Mac-na-h- Innse, Cornwall .
Aonghas Mac Ille-mhaoil, Lagan .
Domhnull I. Friseal, Cnoc Vankleek,
Gilleasbuig Mac Neachtain, Calumet , Mich.
Caipt. Eben MacAmhlaidh, Gloucester , Mass
Caitriona Nic Iomhair, Boston , Mass.
Bean H. P. Haskill, Boston , Mass.
An t-Urr. D. E. Siosal, Amhuinn Larry, N. S.
Ailein Mac Gille-bhràth, McPherson ’s P. O.
Cairistiona Fhriseal. Stellarton ,
Domhnull Domhnullach. Ashdale ,
D. K. Domhnullach, Springhill , Que.
Eobhan Domhnullach, Lunnuinn,
Nial Buchanan, Reynoldstown , N. Z.
Andras Mac Gille-Chriosd, Burnbank ,Alba.


BAIS.

Aig an Amhuinn Duibh, faisg air a Bhai Niar, air Di-luain, air 30mh latha den mhios a dhfhalbh, Domhnull Mac Gilleain (Eildeir) 91 bliadhna dhaois. Rugadh e anns na h-Earradh, agus thainig e mach don dùthaich sosa bhliadhna 1828. Bha e pòsda aig Nic-Gille-mhoire mhuinntir Phictou, agus bha seachdnar chloinne aig dhem bheil ceathrar beò. Is mac dha Aonghas G. Mac Gilleain a tha ri ceannachd anns a chaile so, anns anAcadia House.


C. H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.

titleIssue 26
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 26. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page