[Vol . 4. No. 27. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 11, 1896. No. 27.
Tuilleadh mu na Maories.
LE IAIN ROTHACH.
Tha sgriobadh cnamhan nam marbh na chleachdadh iongantach aig na Naories. Tha rithist an “Tangi,” s’e sin faire nam marbh aca, mar a bha aig ar sinnsirean féin, agus ni’s bichionta aig na h-Eirionnaich. Nuair theid an obair sin air inneal, ’se ’n Tangi ge a theirear ris: tha so a sior leantuinn ris na Maories. Theid a chiste-laidhe a chur ann an uaimh air dhoigh ’sgur h-urrainnear a togail as gun chus saoithreach. Theid an corp fhàgail fo thalamh fad bliadhna agus air uairean ni’s fhaide na sin. Mu àm togail tha moran sluaigh, càirdean us luchd-eòlais an duine mhairbh, a tional as gach cearna air son an aobhair, agus air son cuirm a chur suas. Theid a’ chiste-laidhe a thogail gu sòluimte, agus an sagart(Tohunga)a’ cur a chuid gheasagan an céill. Tòisichear an sin an sgriobadh; ’se cuid-eigin a tha dlùth-chàirdeach do’n duine mharbh, ma dh’fhaoidte boirionnach, a ni ’n obair, le slige bheag, gheur. Theid an fheòil agus gach ni eile a’ sgriobadh gu glan bhar nan cnàmhan uile. Theid an Tangi (an fhaire) air adhart aig an àm cheudna. Bi’dh caoineadh us gul le iollach mor aca, agus crònan de dh’òran ’ga chumail suas a’ luaidh air treubhatas ’s air buadhannan an fhir a dh’fhalbh. Tha cuirm air a cumail suas fad na h-ùine, ithe agus òl gus an teirig am biadh ’s an cuir an t-acras sgapadh annta. Aig crioch a’ ghnothuich, tha na cnàmhan air an ceanghl, suas gu snasail, air an cur ann am màileid, agus air an giùlan le caraid earbsach gu àite tiodhlacaidh ’aithrichean, gu tric a’ dol astar fada, ma dh’fhaoidte gu ceann eile na dùthcha. Cha bhiodh e idir furasda Maori mor brannach a ghiulan troimh dhùthaich gharbh mar a tha’n so; ’siad na cnàmhan loma a’s usa ghiùlan. Thug an éiginn furtachd dhaibh anns a chùis so.
TAPU. —Tha am facal so a nise air a ghabhail a stigh ’sair a dhaighneachadh anns a’ Bheurla, air a litreachadh“Taboo. ”agus a’ ciallachadh an aona rud sa tha’m facal ann an cainnt nam Maories. Tha an Tapu air a ghnàthachadh am measg nam Maories fad us farsuinn, agus tha e neo-chomasach dhòmhsa innse gach dòigh air am bheil iad ’ga chur an cleachdadh. Tha’m facal Tapu a’ ciallachadh “ni no àite toirmisgte,” agus ni mo àite air am bheil tapu cha’n fhaod thu buntainn dha. Ma ni thu an riaghailt sin a bhristeadh ’s truagh do chor; theid gu cinnteach tòrachd a thoirt a mach. Ge be aite ’n caochail duine, tha’n t-àite sin gu h-araidh air a thapu-adh, ’s theid fhàgail mar sin ùine fhada no goirid a réir inbhe an duine ’chaochal. ’Nuair a bhasaicheas ceannard, tha gach ni a bhuinneadh dha agus e fein air an tapuadh; agus ge b’e àite ’m fàg e sgian, soitheach òil, truinnsear, no dad sam bith eile, cha bhean duine beò dhaibh dh’aindeoin de cho fada ’sa dh’fhàgair ann iad. Tha baidh air a thoirmeasg ann an dòighean diomhair a tha doirbh a thuigsinn. Cha’n fhaodar biadh a thoirt a stigh do thigh ceannard no duine urramach sam bith nam measg. Tha tigh mor farsuinn aca far an coinnich iad air son ithe. Neach a bhios a’ sgriobadh nan cnàmhan, tha e fo’n tapu; cha’n fhaod e beantainn do bhiadh le ’làmhan fad seachdain no fad na h-ùine bhios an tapu air fhàgail air. ’Se duine eile dh’fheumas am biadh a chur na bheul dha. Chunna mi Maori a bha comhla ri fea-tomhais fearainn uair, ’s bha e ’tional connaidh air son an coire ghoil. Bha maidean, a bha ann an seann bhothan faisg air, agus dh’iarr mise ’nam aineolas air na maidean sin a losgadh. Cha do leig e air gu’n do chual’ e mi, agus an sin dh’innis a mhaighstir dhomh, nach beanadh e dhaibh, aig eagal gu’n do chaidil ceannard anns a bhothan, ’smar sin gu’n robh na maidean air an tapuadh. Air an aobhar sin cha chuireadh am Maori mian orra. Ma theid bàthadh a dheanamh, tha a mhuir mu ’n cuairt air a cur fo thapu, ’sgu h-àraidh an t-iasg a tha innte, agus tha e air fhàgail oirre dh’fhaoidte fad shia miosan. Chunna mi Maories agus eagal orra dhol air tir an àit aineolach ’san oidhche, gun fhios nach robh tapu air; ach a’ gluasad gu faiceallach, dh’ fhalbh nise gus an d’ fhuair mi làrach teine; thug so toileachadh mor dhaibh agus thainig iad air adhart, oir bha iad an uair sin cinnteach nach robh tapu air. ’Se an sagart aca a bhios a’ cur an tapu an céill, agus tha àmhuiltean mora aige airson a leagail ’sa thogail. Tha iad a leantuinn ris a chleachdadh so gus an latha ’n diugh.
Ghabh na Maories ris a chreideamh Chriosdail gu toilichte an toiseach. Thug sin misneach mhath do na teachdairean a thàinig ’gan teagasg. Rinn iad an toiseach an Seann Tiomnadh eadar-theangachadh dhaibh, agus an deigh sin an Tiomnadh Nuadh. Ach fhuair na teachdairean mu dheireadh a mach le duilgheadas, nach robh tuigse dhomhain sam bith aca air an t-Seann Tiomnadh. ’Nuair thainig an cogadh mu dheireadh ’sann a rinn iad an Seann Tiomnadh freagarrach dh’an cùisean féin. Tha iad do ghne treun, agus bha leughadh mu chogaidhean Chlann Israil glé thaitneach dhaibh. Bha e mu dheireadh soilleir nach robh math a bhi feuchainn ri cus ionnsachaidh a thoirt dhaibh. Tha moran dhiubh a nise leantuinn nam Mormon; tha luchd-teagaisg an comhnuidh nam measg ’gan trorachadh gus an chreidimh sin. Tha iad air moran de’n cheud theagasg a fhuair iad a chall ni a tha ’na bhristeadh-cridhe mor a bha ’gan teagasg. Bha aon duin’ urramach, ainmeil nam measg, ’se sin Easbuig Selwyn, a bha’n deigh sìn ’na Easbuig air Litchfield. Chaith e moran bhliadhnachan a’ teagasg nam Maories, agus cha robh ach gle bheag aig air son a shaothair. Seach gu bheil an litir so tuilleadh us fada cheana, bi’bh mi a’ sgur, ach tha mian dòchas beagan a sgriobhadh mu’n easbuig ainmeil so air àm eile.
[Vol . 4. No. 27. p. 2]
ORAID
A rinneadh leis an Onarach Domhnull Mac Ille-Mhaoil comhairleach(Senator)a Gleann-a- gairadh aig coinneamh Ghàidhealach ann am baile-mor Toronto an Canada air an deicheamh la de mhios meadhonach an foghar sa bhliadhna l895.
FHIR NA CATHRACH, A BHAINTIGHEARN, SA DHAOINE UAISLE. —Cha’n eil e na iongantas ged bhitheadh bosd mor air cuideachd riaghlaidh a chomunn Ghàidhealich, air son cho math sa fheagair na Gàidheil an cuireadh a fhuair iad uaithe, ’gus a bhi comhlath gu eolas as co chairdeas a chur air a cheile air an oidhche so, ann an ard bhaile Thronto. Mun ghnothach air na bhruidhinn fear na cathrach ribh an nochd mu mo dheibhinnsa, tha fior eagal orm gun do rinn e tuille sa choir do chliu a thoirt orm nach bu choir dhomh fhaighinn. Ged nach d’ fhuar mi bhi comhlath ribh aig na coinneamhan beagan bhliadhnachan air ais, cha be gun d’ thainig di-chuimhne orm, na cion cuiridh, s’ ged nach robh mi maille ribh gu pearsanta, bha mi ann an inntinn san durachd, s’ cha be cion toil, ach nach freagradh dhomh mo ghnothach san àm fhagail. An ni air na bhru dhinn fear na cathrach ribh ma dheibhinn a chuideachadh a thug mise do na daoine uaisle—is e fein air an ceann—a chaidh a bhan as a so gu Ottawa, sa choinnich mis ann, gus an gnothach a chur an geil do cheannard na malisi, air son na Reiseamaid Ghaidhealach an Toronto, cha’n eil moladh mor ri dheanamh orm, a chionn nach robh ann ach rud bu choir dhomh a dheanamh, ann an rud nach b’ ionann agus an reiseamaid Ghaidhealàch, a tha na h-onair an diugh do’n bhaile s’ dha ’n dùthaich so, s’ na cliù dha n’ reiseamaid.
Dh’ éisd mi le toileachadh mor ris na labhair fear na cathrach ribh an nochd ma dheibhinn Albainn, agus e air ur thighinn as, ’s cho math sa bha iad a tighinn air aghart ann, san t-atharrachadh math saoghalta a thainig air an duthaich, as thug mi ’n aire an toileachadh mor a ghabh sibh as an naidheachd, ’s cha do chuir sibh teagamh innte. Tha so a cuir nan chuimhne naidheachd a tha ’r ag innseadh mun Easbuig mhor Dhomhnullach a bha iomadh bliadhna a fuireach an Gleann-a- garradh, an Canada. Air fear dheth na tursan a bha e san Roinn Eorpa an deigh dha faighinn a bhi na Easbuig, thaghail e an Albainn a choimhead air a chairdean, s’ air an duthaich, san deigh dha tilleadh dhachaidh a so, thubhairt e air latha dòmhnaich ann an Eaglais St. Raphels gum biodh e gle thoillichte an ath dhidomhnaich naidheachd a thoirt dha an t-seann sluagh air an t-sean duthaich, nam bitheadh iad cho math sgun tigeadh iad d’on Eaglais. Cha mhor sean na og a bha san duthaich nach do chruinnich, sa ’n deigh dha ’n t-seirbheis a bhi seachad, thoisich an t-Easbuig air innseadh dhaibh mar a chaidh an duthaich air a h-ais, san t-atharrachadh mor a thainig oirre bho na dh’ fhag iad i; nach robh taigh na fardach na leithid sud ’s na leithih so do ghleann a’s nach d’ fhalbh iad air fad nan duthchanan, san aite an t-sluagh a bha ann, gum bhel e an diugh fo chaoirich, s’ fo riaghladh Ghall. Nuair a sguir an t-Easbuig, dh’ eirich sean duine na sheasamh air a bhata an teis meadhon na h-Eaglais, as thubhairt e, “A Righ cobhair mise, an e an fhirinn a thagad Alasdair?” Tha mi gle thoilichte nach do chuir sibhse teagamh ann san naidheachd a chuala sibh air albainn an nochd mar a rinn Iain. Chaidh a chur mar fhiachaibh ormsa labhairt ribh ann sa Ghaelic an nochd, ’s ged mi thagu sin a dheanamh, tha fios agam gum bheil feadhainn gam eisdeachd aig am bheil Gaelic na ’s fearr na th’ agamsa, ach tha earbsa agam gad a dheanainn mearachd nach bi sibh cruaidh orm, leis nach d’ feuch mi ri bruidhinn folaiseach an Gaelic riamh roimhe.
Tha e na ghnothach taitneach gum bheil a Ghaelic a “togail a ceann” mar a thubhairt Donnachadh ban san oran; tha creideas mor ri thoirt do Ghaidheil na duthcha so air son sin. Tha comunn Gaidhealach ann am Montreal ris an abair iad“Celtic Society”se ’m facal suaicheantais a tha aca “Dileas dha’r canan as dileas dha cheile” Tha ciallachadh mor aig an tha cal sin, ’s cha’n eil rud sam bith cho math ris na coinneamhan so gus na Gaidheil a chumail dileas dha ’n canan ’s dha cheile. Cha’n eil an uine fada bho na rachadh oigridh taobh tuath na h-Alba beagan uine a dh’ionnsaidh an taobh deas ’gan cosnadh, sa nuair a thileadh iad dhachaigh cha leigeadh am bòsd leo cànan am màthrichean san luchd duthcha bhruidhinn. Tha e ’n cuimhne a h-uile h-aon a tha gam eisdeachd, an uine ghoirid a bheireadh an oigridh againn fein air falbh ann sna Staitean; san uair a thileadh iad cha bhiodh a Ghaelic aca nam b’ fior; se as dorra leam na sin nach bitheadh a bheurla aca. Tha sinn a nise air atharrachadh gle mhor, s’ tha a chliu sin ri thoirt doProfessor Blackiean Dun-eadeann, mar a thog e a Ghaelic an Alba air dhoigh ’s gum bheil i ’n diugh na dearbhadh air ionnsachadh agus foghlum cenrt a bhi aig muinntir na duthcha sin, san gniomh a rinn esan an Albinn, tha na comuinn Ghàidhealach a deanamh an Canada.
Ga mor a facal e, am mach bho chanan no dha eile, (s’ cha’n eil fios agam fein nach faodamaid connsachadh a dheanamh riu sin fein,) si a Ghaelic canan a’s sinne san Roinn-Eorpa. Tha iomadh dearbhadh gur h-i an canan a bha na Gaidheil a bruidhinn ann an Albain, corr as tri cheud bliadhna roimh thim Chriosd. Bha na Gaidheil mar luchd dhuchanan eile, mun deachaidh teachdairean a theagasg an t-soisgeul agus Criosdalachd dhaibh, ag aoradh sag aideachadh do dhiadhan breige. Tha clach mhor goirid bho Bhlar Athol, ris an abair iad “clach na h-iobairt” ’s cha’n eil teagamh nach i te do chlachan an teampuill aig na Druidhean, luchd teagasg as stiuiridh an t-sluaigh aig an am sin; tha clach eile an Albainn ris an abair iad “clach na brath,” ris an abair sinne “clach an fhiosrachaidh;” tha i cothromachadh corr as sia tunna ’s i air a suidheachadh air meidh cho cinnteach ’s gun dean an ni as lugha a gluasad gus an iarrtas fiosrachaidh. Tha clach eile san Eilean Sgiathanach, ris an can iad “clach na h-annait;” si sin a chlach ris an abradh iad “dia-breige nam blar-fortanach,” a chlach aig an cruinnichadh iad a chur an achanaich suas ris an dia so gus fortan a bhlair a bhi leo. Cha’n eil fear Gaelic thall na bhos ma thacharas neach air ’s gun abair e ris “tha mi dol do’n chlachan” nach tuig uithe gum bheil e dol do’n Eaglais; is ann bho na cleachduinn a bha aca sin a thainig a facal oirnne. Tha iomadh cinnt againn cho math sin air seanaid na Gaelic, mar a tha “tom a mhoid” far am bidheadh na Druidhean a riarachadh ceartais, agus “tobar na h-annait” far am bitheadh iad ga ’n glanadh fein mun rachadh iad sna blair, ach cha trioblaidich mi sibh an nochd le tuille dhearbhaidhe a thoirt dhuibh cho fad air air sa gabhas air
[Vol . 4. No. 27. p. 3]
canan a chur.
Gus na Gàidheil a bhi dileas dha cheile, tha a feumail gum bruidhinn iad an aon chànan. Tha dearbhadh sonraichte againn air so ann an Alba, nuair a thainig an t-arm Romanach a stigh do’n duthaich anns a bhliadhna 78, ged a bha iad liomhor, ionnsaichte, dh’ faodaidh corr sa deich man aon duine, cha do smachdaich iad riamh luchd na Gaelic; nuair a shaoileadh iad an diugh gun robh iad air an claoidh, s’ air an ciosnachadh aca, bha iad am maireach cho ealamh s’ cho toileach gu seasamh ri guaillean a cheile sa bha iad riamh. Mar sin an uair a dh’artlich orra buaidh fhaotainn air na Gaidheil, chur na Romanich balla mor tairsuinn troimh an duthaich bho chuan go cuan gus na Gaidheil a chumail dhiubh, san uair nach d’ rinn sin an gnothach chur iad ard bhalla eile goirid bho chriochan Shasunn, sa nuair nach d’ rinn sin an gnothach na b’ fearr na cheud fhear, dh’ fhag iad Albainn aig na Gaidheil fhéin.”
An deigh dha moladh agus mor chliu a thoirt air na Gaidheil ’s cho math sa coimhlion iad na h-uile gnothach, gleidhdadh agus dreuchd annsa robh iad an Albainn, an Canada, agus h-uile duthaich anns a faighear iad thubhairt e anns an dunadh. “Tha eagal orm gun do lean mi tuileadh as fada air labhart, gus na sharaich mi sibh; cha robh mi an duil urrad a radh nuair a thoisich mi, ’s mar a h-eil na facail a thubhairt mi gu math, chan e nach robh an toil agam. Tha mi a toirt taing mhor dhuibh air son an eisdeachd mhath a thug sibh dhomh.”
COMHRADH NA H-ATHA.
O’ Charaid nan Gaidheal.
[Lachann Ban a tireadh ’s an ath, an sgalag agus na buachaillean a’ rusgadh caoil—Seoras nan Long ag innseadh naidheachd air a thu us cuain do Cheann Tuath an t-saoghail. ]
LACHANN. —An cluinn thusa mi, ’ille bhain, gabh mo chomhairle ’s dean suidhe, fuirich a mach no ’stigh, ’s tog de d’ fhalbhanachd, mar gu’m biodh cearc ag iarraidh nid; an saoil thu an leig mi’n tireadh ’an cunnart air do shonsa. Dean suidhe, gharraich, cha’n ’eil thu cho eusgaidh an uair a dh’ iarrar ort gluasad.
SEORAS. —Gabh ceann buill dha; an t-urram dha seach aon ni ’chunnaic mi riamh gu smachd a chumail air a leithid.
SGALAG. —Theagamh, a Sheorais, gu’n d’ fhiosraich sibh fhein sin latha ’g an robh sibh.
SEOR.— ’S coma sin dhuit-sa—ma dh’ fhiosraich thoill mi e. Gheibh an lunndaire ’s gille-nan-car, theid mise ’an urras air, am feuchainn ann an luing-chogaidh: ach bitheadh duine ’n a earalas eusgaidh, tapaidh, umhal air ceann a ghnothuich, ’s cha’n ’eil aite ’m faigh e giullachd a’s fearr. Bha mi coig-bliadhna-fichead air luingeis-chogaidh de gach seorsa—bha mi air mo leaghadh fo ghrein loisgich nan Innsean, fo theas nach d’ fhairich fuachd, agus air mo reothadh ’an lag na gaoithe tuaith’, am measg sneachd air nach d’ thainig aiteamh, ’s bha mi sona anns gach aite. Na-m bithinn a rithist og cha’n ’eil mi ag radh nach i ’n long-chogaidh a bheirinn orm. Fhuair mi mo chuid fhein de dheuchainnean an t-saoghail— ’s iomadh rudha garbh air an robh mi, agus ’s iomadh sealladh eagalach a chunnaic mi; ach ’de dheth sin, tha mi ’n diugh laidir, fallain. Thainig mi gu calla samhach mu dheireadh: tha mo thastan geal, glan agam ’s an latha, agus am fear-diolaidh a’s fearr air aghaidh an t-saoghail, an Righ, an duine coir, nach dubhairt riamh, “Cha’n ’eil e goireasach dhomh an diugh, a Sheorais—ach thig air d’ais a rithist.” Buaidh leis fhein ’s le’ luingeas! So, a Lachainn, gabh greim tombac’ air a thailleadh.— ’S e fhein a chumadh spliucain a chuid ghillean lan.
LACH. —C’ ait’ an d’ fhuair thu ’n spliucan boidheach so, a Sheorais?
SEOR. —Fhuair mi sin ’an duthaich nan ron, fada mu thuath, ’s a’ mhuir reota, far an robh mi leis a’ mharaiche ainmeil, Parry, a chaidh na b’ fhaide mu thuath na aon duine eile a dh’fheuch riamh ris.
LACH. —So, ’illean, ma tha’n grainne caoil sin reidh, gabhaidh a nall agus suidhibh ’an so mu ’n aingeal, ’s bheir Seoras coir dhuinn eachdraidh air a thurus-cuain do dhuthaich nan ron.
SEOR—Ma ta ni mi sin gu deonach, ach ’s eigin do’n bhalach bhan suidhe.
LACH. —Dean suidhe, a shiochaire lachduinn, ’s na cluinneam smid o d’ bheul fhad ’s a tha Seoras a’ labhairt. Cuir an crann air a’ chomhla, Eachainn oig, ’s lion an cliabh moine ’n so lamh rium. Tha sinn a nis deas, a Sheorais, toisicheadh sibhse.
SEOR.— ’S ann a thri-bliadhna-deug an earraich so a dh’ fhalbh mi air a’ cheud thurus-cuain le Parry, sgiobair cho gleusda ’s a dh’amhairc riamh ri uchd fuaraidh, agus maraiche luinge. Chuir sinn fa sgaoil ’an Sasunn deireadh an earraich, agus rainig sinn an cuan reota mu latha Bealltuinn.
SGAL. —Gabhaibh mo leth-sgeul, a Sheorais, ach innsibh dhomh so, c’ait’ an robh sibh a’ dol, agus ciod a bha ’n ’ur beachd?
SEOR. —Tha thu ceart; bu choir dhomh bhi air sin innseadh ’s a’ cheud dol a mach. Tha fhios agam gu’n robh am baothaire sin, Calum seoladair, a’ cur amaideachd ’n ’ur cinn mu’n chuis so. Bha e aon bhliadhna ag iasgach nam mucan-mara, agus ar leis gur aithne dha gach ni.
SGAL. —Bha ’cheart duine ’g innseadh dhomhsa gu’n do chuireadh a mach sibh air toir cridhe na gaoithe tuaith’, a dh’ fheuchainn am faigheadh sibh a mach co as a tha na fir-chlis a’ tighinn, agus ciod bu ghne dhoibh.
SEOR. —Am bumalair truagh! Cha’n ’eil ann ach sgonn gun tuigse—innsidh mise dhuit ciod a bha ’n ar beachd. Tha fhios agad, ma ta, a Lachainn, o’n is tu a’s sine ’n am measg—tha fhios agad gu’m bheil an saoghal cruinn, no air cumadh uibhe, na ’s gairbhe mu’n mheadhon no m’a dha cheann—ceart mar gu’m biodh ubh ann.
LACH.— ’S e sin, ’fhir mo chridhe, a tha iad ag radh—ciod am fios a th’againn-e. Am bheil sibh fhein ’g a chreidsinn sin?
SEOR. —Gun teagamh tha mi ’g a chreidsinn—nach deachaidh mi mu’n cuairt ceithir thimchoill an t-saoghail— ’suas air an dara taobh dheth, ’s a nuas air an taobh eile.
LACH. —Ubh! Ubh! a Sheorais, an ann da rireadh a tha sibh?
(Ri leantuinn.)
[Vol . 4. No. 27. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IANUARAIDH 11, 1896.
Tha Pàrlamaid Bhreatuinn gu bhi cruinn toiseach an ath mhlos. Tha Morair Salisbury gle dheònach gu’m fosgladh a bhan-righ a phàrlamaid gu pearsanta air an turus so, ach tha iad ag radh nach bi sin comasach dh’i, oir cha’n eil i ann an deagh shlàinte. ’S àbhaist dh’i mar a’s trice fear de h-àrd uaislean a chur a dh’fhosgladh na pàrlamaid na h-àite.
Tha’n ceòl air a dhol car air feadh na fidhle air an luchd-riaghlaidh ann an Ottawa. Chruinnich a phàrlamaid air an darra latha dhe’n bhliadhna, ach cha d’rinneadh dad leatha fhathast, ach suidhe agus eiridh, o latha gu latha. Di-luain s’a chaidh, chuir seachdnar de mhinistearan na h-ard-chomhairle cùl ris a Phriomhair, a leigeil an dreuchdan dhiubh. Cha robh iad toilichte le Sir Mac Coinnich Bowell mar phriomhair; bha iad an dùil gu’m bu chòir dha an oifig fhàgail aig duine b’fhearr a lionadh i, agus ’nuair nach d’aontaich esan sin a dheanamh, dh’fhàg iad e. Dh’fhuirich triùir dhe na ministeirean còmhla ris, ach tha e air a lagachadh cho mor ’s nach eil teagamh nach leig e stiùir na staite as a laimh an ceann latha no dha agus ma ni e sin tha e gle choltach gu’n gabh seann Sir Tearlach Tnpper, a tha ’n Ottawa aig an am so, an gnothuch os laimh, agus gu’m bi’ e ’na Phriomhair an àite Bowell. ’Siad na ministeirean a leig an dreuchdan dhiubh, Foster , Tupperòg, Dickey , Montague, Haggart, Wood,agusIves .
Mar nach biodh gu leòr ann gus dragh a chur air Breatuinn aig an àm so, b’fheudar trioblaid éiridh an ceann a deas Africa. Tha moran fearainn aice anns a chearna sin dhe’n t-saoghal, gu h-àraidh sin ris an canarCape Colony.Tha stàit bheag ri taobh sin, air a h-àiteachadh le Gearmailtich ’s le duidsich, ris an abrarTransvaal .Tha an stàit so air a féin-riaghladh, ach tha seorsa de shealltuinn thairis aig Breatuinn oirre. ’Se ’n t-ainm a theirear ris an t-sluagh Boers. Thainig moran sluaigh as ùr do’nTransvallo chionn beagan bhliadhnaichean, agus tha e coltach nach robh iad sin gle riaraichte leis mar bho’n stàit air a riaghladh leis na Boers, agus gu’n d’ rinn iad ceannaric nan aghaidh. Aig an àm cheudna dh’fhalbh buidheann dhaoine áCape Colony,fo chomannda Dr. Jamieson, gus an cuideachadh an aghaidh nam Boers, agus chuir iad blàr riutha, anns an robh ceud de na Breatunnaich air am marbhadh agus a chuid eile air an glacadh nam priosanaich. Chaidh an gnothuch so a chur air adhart an ain-fhios do Bhreatuinn, agus do luchd-riaghlaidhCape Colonyagus ’nuair a thainig an sgeul ’gan ionnsaidh bha iomaguin gu leòr nam measg. Bha eagal air moran gu’n faodadh cogadh tigh’n as a chùis, oir tha bàigh aig a Ghearmailt ris na Boers,agus nochd i sin gu soilleir, ach tha coltas an dràsda gu bheil an t-eagal sin seachad agus gu’n gabh gach ni cur ceart anns anTransvaalan ùine ghoirid.
Tha e gle choltach gu’n dean an aimhreit a bha na Stàitean a feuchainn ri dheanamh ri Breatunn, sioladh seachad. Tha na daoine ’s fhearr ’s a’s glice ’sna Stàitean agus anns gach dùthaich eile a’ togail an guth an aghaidh a ghnothuich, agus cha b’iongatach ged a ghabhadh Cleveland ’s iadsan a bha dhe’n aon inntinn ris nàire dhiubh féin air son a bhi feuchainn ris an da dhùthaich a chur a mach air a chéile. Tha tuilleadh ’sa chòir de dhaoine glice, tuigseach anns na Stàitean air son an dùthaich a leigeadh gu cogadh nuair nach eil sgàile ceartais air a taobh ’sa chùis a tha i ’tagradh. ’Se ar barail gu’m bi Cleveland ’sa chuideachd aig deireadh na cùise duilich nach do ghabh iad comhairle Clag Sgàin, “An rud nach buin dhut, na buin dha,
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 27. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Thuit fear de nasenators ,da’m b’ ainm Kaulbach, marbh ann an tigh na pàrlamaid feasgar Di-ciaduin. ’S e tinneas a chridhe a thug a bhàs. Bha e na shlàinte àbhaistich roimhe sin.
Tha na h-Armenianich ann an Constantinople ag radh gu robh ceud mile dhe’n co-luchd-dùthcha air am mort leis na Turcaich, agus gu bheil leth muillein dhiubhsan a tha beò, air am fàgail gun ni ris an t-saoghal, agus an imis bàsachadh le gort.
Bha Di-luain s’a chaidh gu math fuar agus stoirmeil ann an so, agus bha side ni b’ fhuaire ’s ni bu stoirmeil gu mor aca anns na dùchannan a tha beagan a niar orinn. B’e latha bu doirbhe chunnacas ann an Stàit Maine o chionn deich bliadhna fichead.
Chaidh dithis ghillean òga, Domhnull Mac Gilleain agus Alasdair Mac Aonghais, a bhàthadh ann an Loch a Ghranndaich, an siorrachd Ghuysboro, an la mu dheireadh dhe’n bhliadhna s’a dh’ fhalbh. Bha iad a’ skateadh air an deigh, agus bhrist i fòpa.
Tha sinn an dòchas gu’n dean a’ chuid sin d’ar luchd-leughaidh nach do phàigh air son na bliadhna so dhe’n phaipear, an uile dhichioll air a deanamh air a mhios so. Tha ’n geamhradh ’s an t-earrach a’ dol a thoirt leis moran airgeid oirnn agus cuiridh sinn feum air gach sgillinn a ghabhas cruinneachadh.
Bha teine beag ann a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh. Cha do loisgeadh gin de thaighean gu làr, ach rinneadh milleadh air àireamh dhiubh. Tha an call air a mheas aig deich mile fichead dolair. Bha teine ann an Amherst mu’n àm cheudna a loisg sabhal anns an robh deich tunna fichead feòir, sleigheachan, carbadan, agus innealan tuathanachais, a bharrachd air tri cinn dheug chruidh us eich. Thòisich an teine le lampà bhristeadh.
Chaidh càin a chur air fear ann a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh, air son droch dhiol a dheanamh air rodan. Rug e air beò ann an ribe, agus an sin loisg e e.Cha’n eil an lagh an aghaidh rodan no beothach eile dhe sheòrsa a mharbhach tha e gu moran aghaidh a bhi ’gam pianadh air dòigh nach leigear a leas. Fhuair an duine so as le da dholair dheug a phàigheadh, ach mur biodh gu robh teaghlach lag aige, ’s gun e bhi ro chothromach ’na chrannchur, bhiodh a chàin moran nì bu mhotha.
Chruinnich Pàrlamaid Nobha Scotia Dior-daoin s’a chaidh. Tha so gu math ni’s tráithe na b’ àbhaist dhi cruinneachadh. Cha’n aithne dhuinn gu bheil moran oibreach aice ri dheanamh, agus ’s e ’s dòcha nach bi i gle fhada ’na suidhe air an turus so. Tha aig muinntir Mhanitoba ri pàrlamaid ùr a thaghadh Di-ciaduin s’a tighinn. Tha eas-còrdadh eadar pàrlamaid na mor-roinne sin agus Pàrlamaid Chanada a thaobh nan sgoilean, agus tha iad air son fhaotainn a mach co leis a theid an sluagh.
Bha an t-Urr. Alasdair Ros. M. A., air a phòsadh ris an eaglais ann an coithional Hogamah air an latha roimh ’n Nollaig.
Tha bhinn-chrochaidh a thugadh a mach air Shortis ann an Cuibeic, ri bhi air a tionndadh gu tigh-oibreach ri ’bheò. Bu mhurt gràineii a rinn e, ach tha iad a deanamh a mach gu robh e as a rian aig an àm, agus cha ’n eil iad a dol a thoirt na croiche dha air a bhònn sin.
O chionn dha no tri sheachduinean tha ’n trosg anabarrach pailt mu chladaichean Ingonish; tha iad ag radh gu bheil an t-uisge tiugh leis. ’N uair a tha ’n t-side fàbharrach, thatar a glacadh moran éisg. Tha so gle thaitneach ri chluinntinn, oir cha robh an t-iasgach idir math fad an t-samhraidh ’san fhoghair.
Chaidh dlùth air da mhuillein dheug air fhichead (32,000,000) buiseal de chruithneachd a thogail ann am Manitoba air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh. Ri ’n gabhail thar a chèile, thainig ochd buiseil fhichead bhar gach acaire bha fo bhàrr. ’S e so bàrr a b’fhearr a bh’ ann am Manitoba riamh, ach rinn an reothadh milleadh mor air, agus cha’n eil an siol cho math ’sa bha e bliadhnaichean roimhe so.
Chaidh dithis ghillean beaga ann an Chatham, Ontario, thar a cheile lath’ o chionn ghoirid, agus ’si chrioch a thainig air a chòmhstri gu’n do loisg am fear bu shine dhiu air an fhear eile le gunna bh’ aige. Chaidh am peilear ’na cheann agus bha e marbh an ceann beagan mhionaidean. Cha robh am fear a loisg an urchair, Iain Haslem, ach da bhliadhn’ deug a dh’ aois, agus am fear a chaidh a mharbhadh, Uilleam Patterson, deich bliadhna.
Thainig fear Iain Bain, a mhuiunntir Chòbh Chelly, ri bheatha fhéin la na Sabaid s’a chaidh. Chaochail a bhean o chionn dha no tri bhliadhnaichean, agus bha gnothuichean a’ dol cearr air o chionn ghoirid a bha laidhe gu trom air an inntinn aige. Mu aon uair feasgar, chaidh e mach dh’ an t-sabhal, ’s chroch e e-féin le ròpa ri te de na sailthean. Chaidh a nighean a mach beagan ’na dheigh, agus fhuair i e mar sin, ach mu’n d’ fhuaireadh cuideachadh bha ’n duine bochd marbh. Bha e mu thri fichead bliadhna dh’ aois, ’na thuathanach cothromach, agus ’na dhuine air an robh fior mheas aig na h-uile.
BAIS.
Aig Loch Bhlackett, Forks Shidni, air an darra latha dhe’n mhios, Iain Battleman, tri fichead us da bhliadhn’ deug a dh’ aois.
Aig naMeadows ,Forks Shidni, air an treas latha dhe’n mhios, Uisdean Mac-a- Phi.
Anns a Ghleann-a- Tuath, Salem Road,air a cheathramh latha de Dhesember, 1895. Niall Moireastan, 68 bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann Uidhist a chinn a tuath, agus thainig e dh’ an dòthaich so ’sa bhliadhna 1841, agus shuidhich e aig Doch Lomond, far an robh e a chòmhnuidh gu àm a bhàis. Bha e na chomhairleach an comhairle na siorrachd fad da bhliadhn’ deug.
Caradh Uaireadairean
fad an da mhios s’a tighinn.
GLANADH $0 .60
MAINSPRING .60
AN DA CHUID 1.10
Agus theid mi ’n urras air gach obair a ni mi.
W . H. WATSON.
Sidni, C. B.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 4. No. 27. p. 6]
Reulta Seidhichte.
Cha’n eil ni air bith ’sa chruitheachd a dheachdas an inntin le smuaintibh ni’s oirdhirce mu thimchioll moralachd agus co-dhealbhadh nan speur, na aireamh, meud, agus astar nan reulta suidhichte. Tha gun teagamh, iongantas oirm an uair a bheachdaicheas sinn le curam air mor-mheud na talmhainn air am bheil sinn a gluasad; ach an uair a smuainicheas sinn air cia co suarach ’sa ta am meud sin an coimeas ris a’ chuid a’s mo de na rionnagaibh os ar ceann, agus cia co beag cuairt a shiubhail an uair a’ choimeasair e ris na reultaibh suidhichte; an sin, tha smuainte ni’s freagarraiche againn mu fharsuingeachd na cruitheachd, agus mu mheud nan oibre eugsamhla a ta innte!
Ged is mor a ta gach reult agus gealach a tha ’giadhadh mu’n ghrein a foillseachadh cumhachd neo-chriochnuichte, an Ti bheannaichte a dhealbh iad; gidheadh is beag iad sin gu leir an coimeas ris gach corp dealrach eile a chithear air an suidheachadh air feadh farsuingeachd na cruitheachd. Tha na rionnagan suidhichte, air nach eil againn ach eolas ro bheag a thaobh an astair do-thuigsinn uainn, agus an lionmhorachd do-aireamh, a’ foillseachadh morachd, maitheas, agus cumhachd De air mhodh do-chur an ceill! Cha’n eil sinne ’gam faicinn ach mar bhallaibh beaga, cruinn, soillseach no mar sheudaibh boisgeach atha air an suidheachadh anns an speuraibh aig astar neo-chriochnuichte air falbh! Gidheadh, is grianan iad so, a tha toirt barrachd air grein na talmhainn’ againne ann am meud, agus ann an soillse! Goirear “Reulta Suidhichte” dhiubh a chionn gu’m bheil iad co fada air falbh a’s nach urrainn reultairean a dheanamh a mach gu’m bheil iad a’ carachadh idir as an aitibh, agus chum eadar-dhealachadh a chur eadar iad agus na reultan mu thimchioll am bheil eolas ni’s cinntich’ air ’fhaotainn a mach. Tha an aireamh co mor is nach urrainn na speuradairean ni sam bith cinntich a chur an ceill mu’n timchioll. Cha’n fhaicear ach beagan mhiltean diubh leis an t-suil luim, ach fhuaradh a mach gloineachan-amhairc leis am bheil na muilleanan do-aireamh dhiubh air am faicinn; ach an doigh sin uile, tha e cinnteach gur suarach an aireamh dhiubh a chithear idir, an coimeas ris an lionmhorachd neo-chriochnuichte de na rionnagaibh boisgeach sin, a tha air an suidheachadh aig astar air nach coimus do na gloineachan a’s fhearr ruigheachd. Cha’n eil teagamh sam bith nach grianan iad uile aig am bheil solus annta fein, cosmhuil ris a ghrein a tha soillseachadh na talmhainn so againne! Tha aobhar againn a bhi comh-dhunadh, gu’m bheil reultan agus gealaichean a’ cuairteachadh gach greine dhiubh so fa leth, agus gu’m bheil iad air an comhdachadh le coilltibh, feur, agus luibhean de gach gne, agus feudaidh e bhi air an aiteachadh le bithidh reusanta agus tuigseach! Nach miorbhuileach, uime sin, oibre an Tighearna De! Nach soilleir a tha na neamhan a’ cur an ceill a gloir, agus na speuran a’ nochdadh gniomh a’ lamh!
Tha astar nan rionnag so on talamh agus o aon a cheile, ceart co iongantach ris an aireamh aca. Tha’n teallsanach, Bessel a’ deanamh dheth gu’m bheil na rionnagan suidhichte a’s faigse do’n talamh tri fichead muillean de mhuilleanaibh mile air astar uaithe; agus ma tha iadsan a’s faisge co uamhasach fad’ air falbh, ciod a theirear mu’n timchioll-san a tha co fad’ as is gur gann a chithear idir iad? Tha’n solus a’ gabhail teann air ochd mionaidean gu siubhal eadar a’ ghrian agus an talamh so, ach ghabhadh e cuig, deich, agus fichead bliadhna gu siubhal eadar cuid dhe na rionnagaibh sin agus an talamh! Cha’n urrainn an inntinn aireamh nam miltean astair a tha na rionnagan sin air falbh a thuigsinn. Ghabhadh peileir gunna-mor, dh’aindeoin a luathais, teann air ceithir muillein bliadhna gu tighinn o’n rionnag ris an abrarDraconisa dh’ ionnsuidh na talmhainn; agus is leoir sin chm a dheanamh soilleir, nach comus duinn beachd freagarrach sam bith a ghabhail air an astar do-thuigsinn aig am bheil na rionnagan air an suidheachadh uainne! Tha moran anns a’ bharail gur lionmhor rionnag a tha ann, a tha co fad air falbh is nach d’rainig an solus aca fathast an talamh so o àm a’ chruthachaidh gu ruig an latha an diugh! Thugadh so air na h-uile an smuaintean fein a shuidheachadh air a’ chumhachd neo-chriochnuichte sin a dhealbh na solus mhaiseach so, agus a tha ’gan stiuireadh ’nan cuairtibh ann am farsuingeachd néimhe!
Cha’n eil neach air bith nach tug fa near an crios soilleir sin a chithear air oidhche reòta, ann an airde nan speur, do’n ainm, “An t-slighe bhainneach.” Cha’n eil anns a’ chrios so, uime sin, ach miltean agus muilleanan do ghrianaibh a tha air an suidheach. co teann air a’ cheile ’s gum faicear tri mile agus corr diubh ann an leud na gealaich dhe’n t-slighe dhealraich so. Mar so, chithear na rionnagan sin le gloineachaibh, dluth do aon a’ cheile, ach an deigh sin uile tha e air a dhearbhadh gu’m bheil muilleanan de mhuilleanaibh mhiltean eatorra! Ghabh na reultairean beachd air buaidh iongantach eile a bhuineas do chuid de na rionnagaibh suidhichte, agus ’se sin gu’m bheil iad caochlaideach ’nan soillireachd. Chithear iad aig aon àm anabarrach dealrach, agus aig am eile, ’s ann air eiginn a chithear idir iad. Tha cuid eile dhiubh a chithear gu soilleir re uine shonraichte, agus an deigh sin a theid as an t-sealladh; agus cuid eile a tha ’gan nochdadh fein do’n t-sealladh, nach fhacas riamh roimhe. Sea fichead agus cuig bliadhna mu’n d’ rugadh ar Slanuighear, nochd rionnag shoillseach de’n ghne so i fein nach fhacas riamh roimhe; agus chunncas rionnag eile tri cheud, ceithir fichead agus naoi bliadhna an deigh breith Chriosd, a bha co dealrach ri Bhenus, ach ann an tri seachdainibh chaidh i gu h-iomlan as an t-sealladh! Mar so tha caochlaidhean ri’m faicinn ann am feachd néimh ceart cosmhuil ris gach caochladh a chithear air an talamh. Air an talamh tha sinn a’ faicinn gu ’m bheil samhradh agus geamhradh a’ tighinn agus a’ falbh—gu’m bheil luibhean a’ teachd fo bhlath agus a’ crionadh—gu’m bheil linn a’ greasadh linne do’n uaigh, mar a ghreasar tonn le tonn gu traigh, agus mar so gu’m bheil “aon ghinealach a’ siubhal agus ginealach eile a’ teachd,” mar dhearbhadh gu’n “teid sgiamh an t-saoghail so seachad.” Tha e soilleir uime sin, gu’m bheil gach ni cruthaichte maraon anns na speuraibh agus air an talamh, buailteach do chaochladh.
Tha ri fhaicinn ann an tigh-ioghnaidh ann an Lunnuinn, clachan-creadha a thugadh á seann làaaichean Ninibheh agus Bhabilon, a tha cheart cho slàn ’sa bha iad an latha rinneadh iad. Cha robh na daoine o shean a losgadh nan clachan-creadha mar a thatar a deanamh sa’n latha ’n diugh, agus tha sin ’ga fhàgail ni’s iongataiche gu bheil iad a’ seasamh cho fada.
[Vol . 4. No. 27. p. 7]
A SEANN PHAIPEAR ALBANNACH.— “Nach robh na Gàidheil air an cur ris gach ionnsuidh chunnartach, far nach robh ni sam bith ri fhaighinn ach cnàmhan brisde agus nach ’eil an luchd-riaghlaidh a deanamh dearmaid air na réisimeidean so uile aig an àm so, ach am Freiceadan Dubh a mhàin. Cha’n eil ach leth tuarasdal bliadhnail aig a chòirneal Albannach ged a b’e a chiad duine a bhrisd a staigh air Caisteal Mora, agus aig an àm ceudna tha làn thuarasdal aig seanalair Sasunnach, ged a b’e aobhar bàis mòran mhiltean de dhaoine treuna trid a shannt; agus a bharrachd air sin tha ’n còigeamh cuid aige-san de’n airgiod a ghlacadh aig Habhànnah. Fhuair an Seanalair so £86 ,000; ciod an coimeas a bha eadar a shaothair agus saothair nan saighdearan cumannta a fhuar leth ceud tastan gach fear, no Oifigeach a fhuair £80 .? Bha da bhuidheann agus tri cuideachd anns an Fhreiceadan Dhubh, no mu 2300 fir agus cha’n eil ach mu cheithir fichead agus deich dhiubh so beò aig an àm so.” —“Edinburgh Advertiser, ”6mh. latha an iuchair 1764.
DUINE TREUN. —Ann an earrach na bliadhna 1308 bha choltas air Righ Rabairt Brus gu’n robh e sàraichte le toradh nan cruaidh-chàsan agus nan gàbhaidhean a dh’fhuilinn e, agus an spàirn iongantach a rinn e airson saorsadh na h-Alba a thoirt air a h-ais. Bha e cho lag, fann, ’sgun do thuit e ann an eudòchas, agus gu’n d’ fhàs e caoin-shuarach mu nithe an t-saoghas so, agus cha robh dùil aig a chàirdean ’fhaicinn air muin eich a rithist. Ach nuair a chuala e gu’n robh feachd Shasunnach a’ tighinn da ionnsuidh fo chomannda Sheanalair do’m b’ainm Mò braidh, agus gu’n do ràinig iad Baile Inbhir-Uraidh ann an Siorramachd Abaireadhain, bhrod an laoch e féin, dh’éirich e agus thug e òrdugh do chuid de na daoine aige a thogail a dh’ionnsuidh na diollaid, agus chaidh e air aghart a chum a nàmhaid, a choinneachadh. Mharcaich duine air gach taobh dheth a chum ’s gu ’n cumadh iad taice ris, agus anns an t-seòl sin rinn e dian ionnsuidh air na Sasunnaich, agus chuir e an ruaig orra.
Faic agus tuig so, a dhuine. Gheibhear gu tric do charaid a’s fhearr, agus do namhaid a’s miosa annad fein.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
[Vol . 4. No. 27. p. 8]
Soraidh Slan le Fionn-Airidh.
Eirich agus tiugainn O,
Eirich agus tiugainn O,
Eirich agus tiugainnt.O,
Mo shoraidh slan le Fionn-Airidh.
Tha ’n latha math, ’s an soirbheas ciùin;
Tha ’n ùine ’ruith, ’s an t-àm dhuinn dlùth;
Tha ’n bàt’ ’gam fheitheamh fo a siùil,
Gu m’ thoirt a null o Fhionn-Airidh.
Tha iomadh mile ceangal blàth
Mar shaighdean ann am féin an sàs;
Mo chridhe ’n impis a bhi sgàinnt’
A chionn bhi ’fagail Fhionn-Airidh.
Bu tric a ghabh mi sgrìob leam fhéin
Mu’n cuairt air lùchairt Fhinn an tréin;
’S a dh’ éisd mi sgeulachdan na Féinn’
’Gan cur an céill am Fionn-Airidh.
Ach cha ’n iad glinn ’us beanntan àrd’
A lot mo chrìdh ’s a rinn mo chràdh,
Ach an diugh na tha fo phràmh
An teach mo ghràidh am Fionn-Airidh.
Slàn le athair caomh mo ghràidh;
Bidh mi cuimhneach ort gu bràth;
Ghuidhinn sonas agus àgh
Do ’n t-sean fhear bhàn am Fionn-Airidh.
Am feum mi siubhal uait gun dàil?
Na siùil tha togte ris a’ bhàt’—
Soraidh slàn le tìr mo ghràidh,
’Us slàn, gu bràth le Fionn-Airidh!
TUIREADH AIRSON A BHRATHAR.
LE DOMHNALL CUBAIR.
Mo ghaol sgiobair a bhàta.
Bha thu eolach ’s gach aite,
Ghlac thu mhisneach bha sar-mhath ’s tu òg.
Gur h-e chràidh mi, gun fhios domh
Saoir bhi sàbhadh do chiste,
’S a cur aird’ oirr’ a thiotadh gu falbh.
Agus taillear gad dhresaadh
’Dhol gad chur ann ad dheise,
Dh’fheuch an togteadh san fheasgar leat seol
S truagh nach mise bha teann ort
Mun do dh-fhailnich do chainnt thu,
Bheirinn lighich’ gad shealltinn air bord.
Ged nach deanadh sìn feum dhomh,
Thoirt a leigheas do chreuchdan,
Gun biodh muinntir lan eibhneis ri ’m beo.
Chan e sin bha mi ’g acain,
Ach thu bhi ’d bhat’ air a h-acair
Is nach dug iad thu mach aisde beo.
Nuair a thog iad bho thraigh thu,
’Stu air ghuaillibh mu cairdean,
Cha robh piuthar no brathair gad choir.
’S goirt an t-saighead ’bha sathte
Anns a mhnaoi a rinn t’ àrach,
’Nuair ghlac Lachinn Mac-Faidein an t-ord.
Thoirt a bhuird bharr na ciste
Mun duinteadh fo lic thu
Ged nach b’ ann thoirt dhuinn misnich ach bron.
Gu bheil athair dheth deurach,
Is a shuilean gun leirsinn,
Bhi gad chur air an deile cho òg.
Tha do cheile gun mhisneach,
’S do leanabh na criosan,
S nach cuir thu’n duigh riof dhuinn ’san t-seol.
Ach ’s coir taing thoirt do’n Ard-Righ
Gu bheil mac ann at aite,
Nuair thig spionnadh na ghairdean is treoir.
Chaochail Tearlach Mac-Gilleain, am fear dha ’n d’ rinneadh an tuireadh so na bhata, ’se leis fein, ann an Tobar-Mhoire. Chaidh a chorp a thoirt dachaidh do Thirithe. Chaochail e mu ’n bhliadhna 1811.
BHEIREADH E SHAOTHAIR. —Bha toll beag air mullach eaglais àraidh faisg air Baile Clann Phàdruig, agus ’nuair a bha an aimsir fliuch, bhiodh an t-uisge tighinn a staigh air an t-sluagh. Chaidh am ministeir, aon latha mu’n cuairt an sgireachd airson airgiod a thional a chum ’s gu’m bitheadh an toll air a charadh. Thachair e air iasgair bochd air an robh e eòlach agus dh’iarr e air beagan bhonn ruadh a thoirt dha air son na h-Eaglais. Fhreagair an t-iasgair “Cha-n urrainn domh sin a dheanamh, oir cha-n ’eil bonn agam ris an t-saoghal, ach bheir mi mo shaothair.” “Do shaothair!” ars am ministeir, “ciod tha thu ciallachadh? cha-n eil thu ad shaor, no ad chlachair.” “Cha’n eil” ars am fear eile, “ach air an ath Dhi-dòmhnuich a bhitheas an t-uisge ann, thig mi agus ni mi suidhe air an toll.”
Rugadh pàisde nighinn ann an ceàrna de Indiana o chionn ghoirid, an ceathramh nighean deug a bh’aig a màthair. B’i màthair na h-ighinne an ceathramh nighean deug a bh’aig a màthair féin; ’bi sin a rithist an ceathramh nighean deug a bh’aig a màthair féin.
Tha deagh nadar aig moran an uair a bhios gach ni ag eirigh leo; ach cuiridh iad cul ri sin an uair a thig aire agus eiginn, agus a shiubhlas iad troimh amhuinn theintich an amhghair.
Tha sinn air ar cur dh’an t-saoghal so air son a dheanamh ni’s fhearr agus ni’s sona, agus a reir ’s mar a ni sinn sin, bi’dh sinn fein air ar deanamh ni’s fhearr agus ni’s sona.
Tha’n duine gle choltach ri iasg; Cha tigeadh trioblaid mhor sam bith na rathad na’n cumadh e a bheul dùinte.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
title | Issue 27 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 27. %p |
parent text | Volume 4 |