[Vol . 4. No. 28. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 18, 1896. No. 28.
Litir a Lunnainn.
FHIR-DEASACHAIDH, —Mu’n àm a ruigeas so sibh bithidh sibh a toirt a a steach na bliadhn’ ùire anns an t-seann chùnntais, agus mar sin ceadaichidh sibh dhomh a bhi guidhe dhuibh fein agus do bhur leughadairean, “Bliadhna mhath ùr.”
Thug mi’n aire gu’n robh “Creag-an-Fhithich” a sgriobhadh thugaibh as a bhaile so o chionn ghoirid ag innseadh dhuibh gu’n do chùnnt e coig air fhichead a lathair aig dara coinneamh a Chlas Ghàidhlig. Tha mi gle thoilichte a radh ma ghabhas e an dragh ceudna a rithist gu’m faod e còrr ’us coig-deug air fhichead a chunntadh, agus iad so uile gu dìchiollach ag ionnsachadh ar cainnt mhathaireil. Tha an t-Oil-thaigh dùinte an dràsd airson tri seachduinnean agus mar sin tha sinn na’r tàmh, ach tòisichidh sinn as ùr air an t-seathamh latha diag de’n mhios so.
Tha mi gle thoilichte fhaicinn gu’m bheil Orain Iain Luin air an cruinneachadh agus air an cur a mach leis an fhior Ghaidheal sin an t-Urramach A. Mac Gilleain Mac-na-Ceardaidh, agus bithidh mi fada na’r comain ma chuireas sibh thugan ceithir de na leabhraichean. Gheibh sibh ordugh airson sia tasdain le so chum paigheadh air an son.
Air domh a bhi bruidhinn ri caraid an oidhche roimhe mu dheibhinn MAC-TALLA thubhairt rium gu’m be bheachd fein gu’m bitheadh e na ni gle mhath na’n cuireadh sibh a mach ann an leabhar beag an sgeula gasda sin a thug sibh dhuinn o chionn ghoirid agus a bha air a sgriobhadh le ar deadh charaid “Iain.” — ’Se tha mi ciallachadh. “Taigh na Coille.” Na’n rachadh agaibh air so a dheanamh tha mi cinnteach gu’m bitheadh aireamh mhor de bhur leughadairean deonach air an leabhar a cheannach.
Tha na leanas air eadar-theangachadh agus air a thoirt o phaipeir-naigheachd a th’ air a chur a mach an so leis an Eaglais Chleireach:—
“Seirbheis dhruighteach. —Tha duine òg, ard, le suilean domhain agus gnuis lan dùrachd na sheasamh air bialthaobh co-thional beag a tha cruinn anns na suidheachanan a’s fhaisge do’n chubaid. Faisg air an dorus tha beagan luchd-amhairc air [ ? ] uile choltas gu’m beil iad aig an taigh, ach tha e furasda fhaicinn gu’m beil ni-eigin a cur eadar-dhealachadh eadar iad so agus an luchd-aoraidh. Tha an duine òg a tòiseachadh ann an cainnt choimhich, agus an ceann beagan ùine tha e seinn, le guth laidir binn, fonn tiamhaidh a tha air a thogail leis an dorlach a tha na’n suidhe fa chomhair. Tha iad a stad fhad ’s a tha an duine òg a cur a mach an ath shreath, agus an sin a togail an fhuinn a rithist. Tha an t-seinn a dol air feadh na h-eaglais le fuain ceolmhor drùighteach, agus tha na deòir a ruith o shùilean a cho-thional. Tha iad a seinn na tritheamh sailm thar an fhichead mar a sheinn iad i an laithean an òige, agus tha cuid diubh nach cuala i fad seachd bliadhna diag. Is i th’ann seirbheis Ghàidhlig anns an Eaglais Chleireach an Derbi, agus is e an searmonaiche an t-Urramach Alasdair Connell, Lunnain. Cha chualas a chainnt gu dreuchdail anns a bhaile so bho chleachd Prionns’ Tearlach i nuair a thug e ant ordugh do na Gaidheil pilleadh a dh’ionnsaidh an Taobh Tuath. Tha iad anns a cho-thional so bho gach cearna de’n Ghaidhealtachd. Tha iad a nis ag eisdeachd ri firinn Dhé anns a chainnt sin is dlùithe ruigeas air an cridheachan. Tha faireachdain eadhon aig a choigreach air cumhachd na searmoin, agus is urrainn da beachd a bhi aige air cho taingeil agus cho aoibhneach ’sa tha iadsan a tha ga tuigsinn.”
CABAR-FEIDH.
Lunnain, 4, 1, ’96.
Guth a Nyanza.
Thainig Iain Mac Ille-mhaoil, a bha àireamh bhliadhnaichean a mach ’san àirde Niar, dhachaidh o chionn ghoirid. Tha sinn uile toilichte fhaiciun air ais.
Bha Iain Mac Rath, (Mac Dhonnachaidh,) agus Màiri, nighean Sheòrais ’Ic Coinnich, aig ceann Beighe Hogamah [ ? ] s’a chaidh. Tha ’n sgriobhaiche a’ guidhe saoghal fada agus sona dhaibh.
Bho chionn beagan sheachdainnean bha coinneamh Pholitics againn ann an Talla na Stuaime. Bha na “gunnachan mòra” ann uile, agus tha mise ’g ràdh riut nach robh gainne fùdair orra, ach nuair a stad iad a losgach, chaidh gach duine dhachaidh mar a thainig e, —na bharail fhein. Labhair gach fear gu math air a thaobh féin; ach bhiodh e chum fallaineachd dhaoine na chluinncadh iad mu Pholitics, an àm taghadh fir-pàrlamaid, a ghabhail le grainne beag salainn.
Tha Comunn na Stuaime (I. O. G. T.) a’ deanamh gu math. Tha an talla air a chur air dòigh a muigh ’sa stigh. Chuir na h-igheanan cruinn le da Shocial-bascaid a bh’aca na fhuair tri fichead séithir dhuinn. Bha deasboireachd Ghàilig againn o chionn ghoirid. B’i cheist, “Cò a’s feumaile do’n tuathanach, bò no each?” Fhuair an t-each am barrachd bhòtaichean. Cha’n eil mi fhéin ag àicheadh nach airidh an t-each còir air cliù gu leòr, ach cha bhiodh daoine ach gle mheadhonach as aonais cruidh. Tha mi fa-near gu’m b’e ’n fheadhain aig an robh a’ Bheurla gle dhona as na h-uilt, bu mho a bheireadh de lothan do’n Ghàilig.
TASSO.
14, 1, ’95
[Vol . 4. No. 28. p. 2]
COMHRADH NA H-ATHA.
O Charaid nan Gaidheal.
SEOR. —Cha tig focal as mo bheul an nochd ach smior na firinn— ’nall a’ cheirsle-shiomain sin o chul an doruis agus minichidh mis’ a’ chuis dhuit. Ni sinn a’ cheirsle-shiomain sin ’n a samhladh air an t-saoghal, o nach ’eil dealbh a’ chruinne againn air an am na’s fearr.
SGAL. —Nach mi fhein an gille a’ giulan an t-saoghail! Sin i agaibh a nis, agus feuchaibh an toir sibh oirnn-ne cumadh an t-saoghail a thuigsinn.
SEOR. —Gabh a h-aon de na slatan sin, ’ille bhig, ’s dean leth-dusan pinne dhomhsa. Sin thu, mo ghille tapaidh—dean suidhe ’nis—agus feuchaidh mi a’ chuis a mhineachadh. ’S i a’ cheirsle-shiomain so, ma ta, an saoghal. Cuiridh mi pinne ann an so air a mullach, agus pinne eile gu h-iosal m’a choinneamh. Nach soilleir, ma ta, na-m biodh tu ann an luing a’ seoladh air falbh o’n phinne so ’tha air mullach na ceirsle, a dh’ ionnsuidh a’ phinne eile, gu’n cailleadh tu sealladh air bun a’ phinne air tus—an sin air a mheadhon, agus fa dheireadh air barr a’ phinne. Gabh air d’ aghaidh ’s an luing mar a tha mo lamh a’ dol, agus ri uine thig barr a’ phinne iosail ’s an t-sealladh, agus mu dheireadh tha thu aig a bhun. Gabh air d’ aghaidh mar sin mu thimchioll na ceirsle, agus thig thu ’dh’ ionnsuidh a’ cheud phinne dh’ fhag thu—a nuas air a chul a chum a’ cheart aite ’s an do thog thu do shiuil an latha dh’fhag thu’n cala. ’S ann ceart mar so a tha e ’tachairt air a’ chuan. Caillidh tu air tus an cladach, agus ri uine [ ? ] . Mar tha thu ’gabhail air d’aghaidh tha barr croinn a’ tighinn ’s an t-sealladh tamull beag an deigh sin chi thu siuil ard na luinge—an sin na siuil iosal, agus mu dheireadh slige ’n t-soithich. Gabh thairis gu tir chein agus chi thu binnein nam beann a’s airde ’tighinn ’s an t-sealladh, agus uidh air n-uidh gu ruig an cladach.
LACH. —Ar leam gu-m bheil mi ’g ar tuigsinn—ach nach robh sibh a’ dol a dh’innseadh ciod a chuirCaptain Parry,agus feadhainn eile chum a’ chuain reota?
SEOR. —Air d’ athais. Faic far am bheil mo lamh dheas air a’ cheirsle: cuiridh mi pinne ’n so.— ’S e sin Eilean Bhreatuinn, agus a suas mar tha mo lamh a’ dol air a’ cheirsle tha ’n Roinn-Eorpa ’sineadh a mach gus am bheil i ruigheachd ceann tuath Asia, ann an so far an cuir mi pinne eile. So agad ceann mu thuath an t-seann t-saoghail. Calg dhireach mu choinneamh a’ phinne so tha ceann tuath America, agus an sin cuiridh mi pinne eile. Tha America a’ sineadh suas gu fada mu dheas fa chomhair na Roinn-Eorpa, agus cuan mor ris an can iad an Cuan Atlantic eadar riu. ’Nis, tha thu ’faicinn an da phinne so fa chomhair a’ cheile—a h-aon ’an ceann tuath America agus a h-aon eile ’an ceann tuath Asia. Bha ’mhiann oirnn fios fhaotainn an robh caolas fosgailte eadar an da phinne, eadar America agus Asia. Bha fhios daonnan gu-n robh gach caolas agus muir anns na cearnaibh sin reota; ach bha toil aig Breatunn fios fhaotainn an robh e comasach slighe seolaidh fhaotainn troi’ na cuantan reota sin, agus air an t-slighe sin dol a nunn o’n chuan Atlantic a tha eadar America agus an Roinn-Eorpa ’dh’ ionnsuidh a’ chuain a tha taobh eile an t-saoghail—and Cuan Siochail.
LACH. —Tha mi ’tuigsinn; ach innsibh so dhomh, ged a gheibheadh sibh troi’ na caoil sin, agus ged a dh’ aimiseadh sibh air slighe fhaotainn rompa, ciod a’ bhuannachd a bhiodh ann ’n a dheigh sin gu leir? C’ait an rachadh sibh an deigh dol a mach!
SEOR—Tha do cheist poncail. Amhairc ma ta ris a’ cheirsle-shiomain. So agad, mar thubhairt mi, Brautunn. Taobh eile na ceirsle tha aiteachan a bhuineas do Bhreatunn. Tha Innsean na h-Aird-an-Ear—tha rioghachdan mora eile, mar tha China as am bheil anTeaa’ tighinn, agus buidhnean de dh’ eileanan ris am bheil sinn a’ cumail malairt. Air an am so ’s ann mu dheas is abhaist do luingeis seoladh do na cearnaibh sin; ach tha ’n t-astar mu dheas anabarrach fada. Nach soirbh dhuit a nis a thuigsinn na’m faigheamaid a mach eadar an da phinne sin, ’s e sin eadar America mu Thuath agus Asia, gu’m buannaicheamaid ath-ghoirid mor, ’us gu’m faigheadh ar luingeis a nunn do na h-Innsean an Ear ’an uine ghoirid. Agus nach ’eil so a rithist a’ dearbhadh dhuit gu’m bheil an saoghal cruinn. Falbh thus agus fear eile ’mach air blar comhnard—gabhadh fear agaibh mu dheas agus fear mu thuath, agus c’ait’ an coinnicheadh sibh? Cha choinnicheadh gu dilinn na’m bu chomhnard an saoghal; ach amhairc air a’ cheirsle-shiomain, dealbh an t-saoghail, agus tuigidh tu na’m falbhadh da chuileig o’n aon aite, na’n gabhadh a h-aon diubh mu dheas agus an t-aon eile mu thuath, agus na’n siubhladh iad leis an aon luas, gu direach air an aghart, choinnicheadh iad, gob ri gob, calg-dhireach taobh eile na ceirsle, fa chomhair an ait’ a dh’fhag iad.
LACH. —Air ’m fhocal firinneach tha mi ’g ad thugsinn—bha toil agaibh ath-ghoirid fhaetainn troi’ na cuain reota mu thuath ’null gu taobh eile an t-saoghail, ’an aite dol mu dheas—do bhrigh nach ’eil an t-astar cho fada ’n dara rathad ’s a tha e ’n rathad eile. An t-urram do’n cheirsle shiomain! Tog do shiuil ma ta—gabh mu thuath; cia mar a bhuadhaich na bha ’n ’ur beachd?
SEOR. —Rainig sinn a’ Mhuir Reota toiseach an t-samhraidh, agus fhuair sinn sinn fhein ’am measg eileanan eighe ’bha aillidh ri amharc orra, ach ’n an culaidh uamhais ri tighinn tarsuing orra. Tha ’n eigh so ’tha ’snamh nan cuantan mora sin mar dhuthchannan farsuing, fo shneachd a’ gheamhraidh. Tha cuid de’n eigh reota sin ceithir cheud mile air fad, agus da cheud mile air leud. Tha i coig ’s a se ceud slat air tiughad, ’sa’ chuid a’s mo dh’i fo shaile. Tha cuid de na h-eileanan reota sin air uairibh ag eiridh gu airde mhor, mar bheanntan corrach, ard. Tha e anabarrach cunnartach a bhi ’seoladh eadar na mill oillteil sin. Tha iad a’ snamh air falbh leis an t-sruth a tha ’dol mu dheas; agus an uair a thig iad ’an caramh a’ cheile tha ’n toirm a ni iad uamhasach r’a h-eisdeachd, mar gu’m biodh an saoghal a’ spealgadh as a’ cheile ’n a bhloighdibh. ’S minic a chuir sinn ar n-acair orra, ged a b’ fhearr leinn gu mor fuireach uapa. Ri dealreadh greine tha iad aillidh, boillsgeanta: cha’n ’eil cumadh, no dreach nach gabh iad. Saoilidh tu air uairibh gu’m bheil cabhlach mor luingeis fo lan uidheam a’ gabhail a nios ann a’d’ choinneamh: saoilidh tu an ath uair gu’m bheil baile-mor a’ tighinn ’s an amharc. Chi thu, ar leat caisteil, turaidean, eaglaisean, agus stiopuill a’ boillsgeadh ri gathaibh na greine leis gach dath ’s a’ bhreacan; air chor ’s gu’m bheil iad ciatach, dreachmhor ri amharc orra—ach am Freasdal a thearnadh mo chairdean o theachd eatorra!
SGAL. —Thuirt sibh gu’n robh iad a’ snamh leis an t-
[Vol . 4. No. 28. p. 3]
sruth—c’ ait’ am bheil iad a’ dol, no c’ait’ am bheil iad a’ stad?
SEOR. —Tha iad a’ snamh mu dheas, a dh’ ionnsuidh a’ chuain mhoir a tha eadar America agus an Roinn-Eorpa; agus ann am blas nan uisgeachan tlatha sin, agus fo theas grein’ an t-samhraidh, tha iad a’ leaghadh; ach tha cuid diubh a’ fuireach anns na cearnaibh fuara anns an d’ fhas iad, o linn gu linn, a’ sior mheudachadh.
LACH. —An d’ fhuair sibh an seachnadh?
SEOR. —Dh’fheuch sinn ris mar a b’ fhearr a b’ urrainn duinn ach fhuair sinn iomadh fasgadh cruaidh eatorra. Ghabh sinn air ar n-aghaidh, a’ tolladh a suas mu thuath, o latha gu latha. Air uairibh bhiomaid reota, gun chomas car; ach thigeadh ’n a dheigh sinn lunn trom fo’n eigh a sgaineadh i le fuaim oillteil—air falbh rachadh i, a’ fagail slighe fhosgailte againn-ne. Air iomadh uair rachadh stad a chur oirnn le eigh nach biodh ach ceithreamh a’ mhile air leud, agus chitheamaid o bharr a chroinn a’ mhuir fosgailte an taobh thall d’i. Cha bhiodh air an sin ach a h-uile mac mathar a bhi ’mach gu rathad (mar gu faiceadh tuCanal) a dheanamh troi’n eigh, leud na luinge, agus a tarruing troi’n t-slighe sin le buill. Chaidh sinn mar sin air ar n-aghaidh o aite gu h-aite—sgaoileamaid a h-uile breid a b’ urrainn dhuinn an uair a leigeadh an t-sid leinn, —a’ fagail duthaich ’us duthaich ’s na h-eileanan mor’ eighe. O! ’s iomadh maol mhor, gharbh air an deachaidh sinn seachad, a’ gnath-smaointeachadh gu’n robh sinn ’an deigh an caol ceart fhaotainn, ’s gu’m biomaid a nunn gu taobh eile an t-saoghail a thiota. Ciod a th’ agad air, ach seachduin ’an deigh seachduin gu’n robh sinn a’ cothachadh ris—a’ dol mu thuath ’an cois fearainn nach ’eil a choimeas air aghaidh an t-saoghail mhoir—gun lus, gun chraobh, gun duilleach, gun [ ? ] — gun duine beo, no creutair ceithir-chasach r’a fhaicinn.
SGAL. —Am faca sibh idir aon duine o’n a dh’fhag sibh ’ur duthaich fhein?
SEOR. —Leig dhomh air an am ’s na cuir grabadh orm—innsidh mi dhuit ’n a dheigh so mu luchd-aiteachaidh nan duthchannan eagalach sin, agus mu na beo-chreutairean a th’ann, air muir ’s air tir. —Ach dh’ fhag sinn iad sin fhein a nis ’n ar deigh, agus rainig sinn tir an dolais agus na fasalachd anns nach robh eun r’a fhaicinn air iteig, no iasg a’ snamh, ach seorsa de mhucan-mara beaga, geala, a dh’ iasgaich sinn air uairibh. Ach ’s e ’chuir iongantas ’us caileigin de dh’ eagal oirnn, gu’n do chaill snathad na Combaist, no mar theirear rithe, an Tarunn-art, a buaidh. Tha fhios agaibh gu’n seas an t-snathad iuil so, no an Tarunn art, do gnath anns na cearnaibh so ris an taobh tuath.
BUACHAILLE. —Nach e sud an ni ’chunnaic sinn ann am bocsa beag iaruinn fo ghloine air soitheach na Ceilpe?
LACH. —Cum do theanga, ’gharraich, na cuir stad air a sheanachas.
SEOR. —Cha’n amhairceadh ma ta an Tarunn-art na bu mho chum na h-airde tuath, no chum na h-airde deas; chaill i a buaidh ’s a h-eifeachd gu buileach glan, agus cha robh stath suil a thionndadh oirre. Ach ’n a dheigh so uile ghabh sinn air ar n-aghaidh—caoil ura, agus muirean ura ’fosgladh romhainn, agus maol air chul maoile a’ tighinn gach latha ’s an t-sealladh. Latha de na laithean rainig sinn aite araidh far an d’ thainig an Tarunn-art, no snathad na Combaist, a rithist beo, agus gu a buaidhean; ach an ait’ a gob a chumail ris an airde tuath, sheas i calg-dhireach ris an airde deas; a’ dearbhadh leis a so gu’n deachaidh sinn seachad air fior chridhe na h-airde tuath; a’ chuid sin de ’n t-saoghal ris an cum an Tarunn-art a ceann, c’ait’ air bith an cairear i. Air an latha so, mu mheadhon an fhogharaidh, dh’innis ar sgiobair gasda dhuinn( ’s b’ e sin esan,) gu’n do choisinn sinn an coig mile bonn oir a ghealladh do’n cheud luing a ruigeadh an t-aite so. Cha ruig mi leas innseadh gu’n do thog sinn iolach gairdeachais. Ceithir-la-deug ’n a dheigh sin chunnaic sinn nach robh stath ’bhi ’stri na b’ fhaide. Bha ’n geamhradh a nis toiseachadh, eigh ur a’ tighinn air na h-uisgeachan. B’ eigin pilleadh, agus cala acarsaid fhaotainn anns an cuireamaid seachad an geamhradh. Cha b’e sin an fheala-dha, ach chuir sinn ar guala ris, agus shoirbhich leinn. Thilg sinn acair, sinn fhein agus an long eile ’bha ’s a’ chuideachd, ’an aite fasgach. Phaisg sinn na siuil, agus ’an ceann da latha bha sinn cho teann, reota ’s nach robh cumhachd air thalamh a b’ urrainn ar fuasgladh.
LACH. —An d’ fhan sibh an sin fad a’ gheamhraidh?
SEOR. —Is sinn a dh’ fhan; agus ged a bha ’m fuachd coimheach ’s gann a bha dìth no deireas oirnn. Bha ar sàth bìdh againn—de dh’fheoil a phronnadh ’an Susunn agus a chuireadh a suas ann an soithichean dìonach, le innleachd cho mòr ’s ged nach robh gràinne salainn oirre, gu’n do sheas i fallain, blasda ré na h-ùine. Bha eanaraich againn gach latha—fìon ’us beòir, —ach, cha tugadh iad deur spioraid dhuinn, a thaobh nach robh sin tèaruinte dhuinn.
LACH. —An robh ’ur leòir connaidh agaibh—teine maith [ ? ]
SEOR. —Cha’n fhaod mi radh nach robh, ’s bha feum air. Chitheadh tu an deò analach mar thigeadh e ’mach as a’ bheul, a’ tuiteam ’n a cheòthraich reòta ’s ’n a shneachd, air an ùrlar. Na’m beanadh tu do dh’ iarunn le d’ làimh, gun ni eadar thu ’s e, dh’ fhàgadh tu a leud de d’ chraicionn air, mar gu’n glacadh tu gàta dearg, teinteach.
LACH. —A mhic chridhe! Nach bi dùthaich na h-oillt i? ach cia mar a chuir sibh seachd an aimsir?
SEOR. —Bha cuid a’ leughadh, cuid a’ sgrìobhadh; agus bha mar fhiachaibh oirnn a h-uile latha, moch ’us anmoch ruith an déigh a chéile air clàr na luinge, cho luath ’s a b’ urrainn ar dà chois ar giùlan, a chumail lùis ’n ar casan, agus bhiomaid a’ dannsadh ’s a’ leum, ’s a’ feuchainn a h-uile cleas a b’ fhèarr na ’chéile chum am fuachd a chumail air falbh.
LACH. —Ach an robh teas idir ’s a’ ghréin air a’ mheadhon latha?
SEOR. —Teas ’s a’ ghréin! a mhic chridhe—sin a’ ghnùis nach fhaca sinne fad thrì mìosan maith agus deich làithean!
LACH. —Ciod a tha thu ’g ràdh? ’N e nach faca tu a’ ghrian fad thrì mìosan ’us deich làithean?
SEOR. —Cha’n fhaca—bu doirbh dhomh, ’s gun i ann. Chaidh i fodha oirnn air latha deireannach an fhogharaidh, agus cha’n fhaca sinn an t-ath shealladh dh’ i gus an deicheamh latha de cheud mhìos an earraich.
LACH.— ’Fheara ’s a ghaoil! an cuala duine riamh a’ leithid? An robh sibh ann an dorchadas fad tri mìosan a’
(Air a leantuinn air taobh 7.)
[Vol . 4. No. 28. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IANUARAIDH 18, 1896.
Litir a New Zealand.
A GHAIDHEIL CHOIR. —Tha mise a cur anns a litir so sia tastain us tri sgillinn (6s. 3d.) mar phàigheadh air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA a chuireas sibh gu caraide dhomh anns an dùthaich so. ’Se ’s ainm dha Niall Bochannan, agus gheobh sibh an dòigh air an seòl sibh am paipear aig deireadh na litreach. Tha agam ri innse dhuibh gu’n d’fhuair mi deich àireamhan dhe’n MHAC-TALLA cho fada so agus tha e ’toirt iomadh ni gu’m chuimhne. Creidimh mi an uair a their mi gur h-e mo dhurachd “buaidh. agus piseach a bhi air a MHAC-TALLA, agus sibh féin a bhi fada beò gus a chlò-bhualadh. Ni mise ni’s urrainn mi gu pearsanta air son am paipear ciatach, eireachdail, a chur fa chomhair mo luchd-dùthcha, nach eil idir cho lionmhor anns na cearnan so ’s bu mhath leamsa. Chi mi litrichean o fhear-dùthcha dhomh as an Eilean Sgiathanach o àm gu àm anns a phaipear; tha mi anabarrach toilichte chluinntinn gu bheil mo chairdean anns an eilean sin a’ soirbheachadh, mar bu mhath leamsa iad a bhith.
Thachair dhòmhsa bhi air an aon ruith ri R. I. Grannd, á Gleann Chashion, an Ontario; cha d’fhuair mi ach an droch chothrom air a Ghàilig ionnsachadh ann an làithean m’òige, agus mar sin cha’n eil annam ach an droch sgoilear Gàilig. ’Nuair a bha mise dol dh’an sgoil ann am paraiste an t-Srath, cha robh chridhe againn an aon fhacal Gàilig a bhruidhinn, oir rachadh ar sgiùrsadh air son a bhi ’labhairt cainnt ar màthar. ’Sann mar sin a bha’n luchd-riaghlaidh a’ deiliggeadh ris na Gàidheil ’san àm ud. Cha b’ioghnadh ged nach sgriobhadh iad an cànain dùthchasach. Ach tha cuisean air atharrachadh uaithe sin, agus ’s math mar a tha seach mar a bha. Bidh mi nis anns a cho-dhùnadh a’ guidhe soirbheachadh math le MAC-TALLA, agus an dochas gu’m bi e fada ’ginnse gach sgeul a’s fhearr na chéile, agus a gnaàth a cumail suas na Gàilig. Le deagh spéis, agus dùrachd,
Is mise ur caraid,
DOMHNULL ROTHACH.
Port Chalmers, N. Z. 17, 11, ’95.
Theid aig Breatunnach air a dhol ceithir-thimchioll an t-saoghail gun a chas a chur air tir ann an dùthaich chéin. Cha’n urrainn duine á rioghachd no á dùthaich eile air an domhain sin a ràdh ach e fhéin. ’Se sin a thug bith do’n fhacal a chluinnear gu bitheanta agus a tha fior gu leòr, nach eil a ghrian a’ dol fodha air an Iompaireachd Bhreatunnach.
Chaidh leth sheann duine far an robh ministear ann an an Alba uair air son e ’ga phòsadh. Dh’innis e dha co ’n té a bha ’san amharc aige, agus air ball chuimhnich am ministear gum bu sheann leannain iad, agus ars esan, “Nach fhada bho na bha dùil agad a pòsadh?” “ ’S fhada gu dearbh,” ars an duine. “tha deich bliadhna fichead bho na rinn sinn reiteach, ach bha a cuideachd a’ smaoineachadh nach robh mise math gu leòr dh’i, agus chuir iad am pòsadh air ais. Ach tha iad deònach gu leòr gu’m pòsainn i an diugh.”
Tha gnothuichean air an réiteach gu math ann an Ottawa. Tha na ministearan a chuir cùl ris a’ phriomhair an deigh a dhol air ais uile ach Tupper òg, agus tha’n seann Tupper a dol ’na àite-san. Cha’n eil cathair aig seann Sir Tearlach ann an tigh na Pàrlamaid, agus mar sin feumaidh e feuchainn ri fear fhaotainn. Tha iad ag radh gu bheil te de chaithrichean na siorrachd so ri bhi air a falmhachadh le Mr. Mac Keen a bhi air a ghairm do’n t-Seanadh, agus an uair a nithear sin gu’m feuch Sir Tearlach ri bhi air a thaghadh ’na àite.
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 28. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Thainig beagan sneachda deireadh na seachdain s’a chaidh, agus toiseach na seachdain so, a rinn na ròidean gle mhath, agus tha na sleigheachan gu siùbhlach ’s na chuig a’ gliongarsaich gu fuaimearra mar a b’ àbhaist mu’n àm so ’n bhliadhna.
Chuir àireamh mhath de luchd-gabhail a MHAC-TALLA stigh an dolair bho’n thainig a bhliadhn’ ùr, agus tha sinn a toirt moran taing dhaibh air a shon. Tha àireamh mhor bho nach cuala sinn fhathast, ach tha sinn ag earbsa gu’n cuir iad fios ugainn an ùine ghoirid.
’Nuair a tha ’m faoilleach againne ann an so, tha ’n t-iuchar aca an ceann eile ’n t-saoghail Thainig fios á Sidni, an Astralia ag innse gu’m b’e Di-màirt s’a chaid an latha bu teotha air an robh cùnntas aca bhi ’sa bhaile sin riamh. Bha moran air am marbhadh le teas na gréine.
Fhuaireadh fear Albert Ball, a mhuinntirBall ’s Creek, marbh ’na leabaidh Di-luain s’a chaidh. Bha e tinn leis andropsyo chionn àireamh bliadhnaichean, agus tha na dotairean a’ deanamh a mach gu’m b’e ’n tinneas sin a thug a bhàs. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa dha a dh’ aois.
Mharbh fear Robert Harrison, ann am Brantford, an Ontario, le tuiteamas a mhathair fhéin oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha e toirt a nuas gunna bhar an àite ’san robh e ’n crochadh, agus air doigh eigin dh’ fhalbh an urchair as, agus chaidh am peilear troimh ’ceann-se, ’ga marbhadh air ball.
Bhatar a taghadh fear-pàrlamaid ann a Huron a Niar, aon de shiorrachdan Ontario, Di-màirt s’a chaidh. ’Seconservativea bha stigh roimhe so, ach air an turus so, chuireadhliberala stigh, Mr. M. C. Camshron, le còrr us da cheud gu leth bhòt a bharrachd air an fhear eile. Is Gàidheal Mr. Camaran, agus Gàidheal a tha gle dhileas do chainnt a dhùthcha. Cha’n eil dad againn ri radh dha thaobh mar fhear-pàrlamaid.
Bha aon de chomuinn stuamachd Shidni(League of the Cross)a cur cuairt air a bhaile le eich us sleigheachan Dior-daoin. Bha ’n latha ’s an rathad cho math ’sa b urrainn daibh iarraidh, agus chaith ìad an uine gu cridheil. Bha na h-eich air an uidheamachadh gu briagha mar is àbhaist aig a leithid a dh’ àm, agus bha ’n t-sreath, anns an robh coig sleigheachan fichead, a’ sealltuinn glé bhòidheach ’san dol seachad.
Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, phòs duin’ òg do’m b’ ainm Deòrsa Addy ann an Newport, an Ontario, agus chaidh treud de ghillean òga dh’ ionnsaidh an taige aige, a’ losgadh urchraichean ’sa’ seinn dhùdaichean. Anns an t-stroighlich a bh’ aca, thainig athair fear na bainnse a mach agus loisg e orra le gunna, agus chaidh am peilear ann an corp fear Uilleam Knight, a deanamh leòn air a thug a bhàs an ceann dha no tri lathaichean. Thug Addy e fhéin suas an deigh dha an urchair a losgadh.
Tha an t-side a’ cumail anabarrach briagha; cha’n eil fuachd mor sam bith againn. Tha an acarsaid fosgailte fhathast, agus tha ’m bàt-aiseig a ruith eadar an da bhaile ceithir uairean san latha cho riaghailteach ’sa bha e ’san t-samhradh. Bha moran fhàidhean ag éiridh ’nar measg a’s t-fhoghar ’s ag innse dhuinn gu robh geamhradh tràth, fada, agus doirbh ri bhi againn, neo gu robh iadsan aìr am mealladh; ach tha e gle choltach gu robh iad bhar an cùrsa. Cha robh an geamhradh idir tràth, agus ge b’e ciamar a bhios e an deigh so a thaobh doirbhead, cha’n urrainn e bhi gle fhada.
’Si ’n sgeul mu dheireadh a thainig á Ottawa gu bheil Mr. Daibhidh Mac Keen air a ghairm dh’an t-Seanadh, agus gu’m bi aig sluagh na siorrachd so ri fear-pàrlamaid eile a thaghadh toiseach an ath mhios. Tha Sir Tearlach Tupper a’ tighinn a nuas air son feuchainn ri faighinn a stigh, agus tha naliberalsa’ deanamh deiseil air son duine dhe’n ceud fhéin a chur a’ ruith ’na aghaidh. Bi’dh iadsan a tha dol a ruith air an Ainmeachadh air an 28mh latha dhe’n mhios so, agus bi’dh an Taghadh ann air a cheathramh latha dhe’n ath mhios. Tha e coltach gu bheil geamhradh us earrach cridheil gu bhi againn an taobh so.
Chaidh soitheach smùide de’n ainm “Ealing” a long-bhristeadh aig Canso toiseach na seachdain s’a chaidh, agus chailleadh a sia deag dhe’n sgioba bh’air bòrd. Bha i air a turus eadar Newfoundland agus New York le luchd copair, agus chaidh i air sgeir ’si feuchainn ri dhol a stigh gu Halifax air son guail. Thachair so feasgar Di-luain, agus bha iad anns na bàtaichean fad na h-oidhche a feitheamh gus an rachadh an soitheach fodha. Bha ochdnar anns a’ bhàta bu lugha, agus a seachd deug anns a bhàta bu mhomha. Dh’ fhàg iad an soitheach ’sa mhaduinn Di-màirt, agus cha’n fhacas am bàta beag no duine dhe na bh’ ann tuilleadh. Bha stoirm mhor agus fuachd ann aig an àm, agus cha b’urrairnn iadsan a bh’ anns a bhàt’ eile dad a dheanamhach a leig eil leis a ghaoith. Chaochail dithis dhe na daoine oidhche Di-màirt, agus dithis eile, an caiptean air fear dhiubh, ’sa mhaduinn Dior-daoin; air feadh an latha chaochail triùir, agus sa mhaduinn Di-haoine chaochail fear eile dhiubh. Mu’n àm a chaochail am fear so chunnaic iadsan a bha beò tir, agus rainig iad an ùine gun bhi fada, Canso, far ’n do ghabhadh deagh chùram dhiubh. ’N an robh iad air a bhi mach uair eile bha iad uile air an reothadh gu bàs. De’n choig duine fichead a bh’ air bòrd an t-soithich, cha d’ fhuair gu tir beò ach an ochdnar, agus chaochail fear dhiubh sin, ballach òg, beagan lathaichean an deigh dhaibh tigh’n air tir. Bha iad uile air an reothadh gu dona, agus tha e coltach gu’m feumar na làmhan ’s na casan a ghearradh bhar cuid dhiubh. Chaidh coignear dhiubh a thoirt gu Halifax toiseach na seachdain so; bha an triùir eile cho dona ’s nach gabhadh iad carachadh. Bhuineadh an sgioba uile do Shasuinn, ach dithis a bha mhuinntir Newfoundland.
IANUARAIDH, 1896.
1 Di-ciaduin La na Bliadhn’ Uire.
2 Dior-daoin [1] A Ghrian ag éiridh, 7.38; a’ laidhe, 4.30.
3 Di-haoine
4 Di-sathairne Fhuaras America, 1492.
5 Di-Domhnaich Domhnaich an Taisbeanaidh.
6 Di-luain Seann Nollaig.
7 Di-mairt An Canteal mu dheireadh dhe’n t-Solus, 11.25, mad.
8 Di-ciaduin
9 Dior-daoin Bàs an III. Napoleon, 1873
10 Di-haoine A Ghrian ag eiridh 7.36; a’ laidhe 4.39.
11 Di-sathairne
12 Di-Domhnaich I, Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
13 Di-luain
14 Di-mairt An Solus Ur, 6.19, feasgar.
15 Di-ciaduin Crunadh ban-righ Ealasaid 1559.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine Blar na h-Eaglaise Brice, 1746.
18 Di-sathairne
19 Di-Domhnaich II. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
20 Di-luain
21 Di-màirt A cheud phàrlamaid Shasunnach, 1269.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin A cheud chairteal dhe’n t-Solus, 10.42, feasgar.
24 Di-haoine
25 Di-sathairne
26 Di-Domhnaich III. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
27 Di-luain
28 Di-màirt
29 Di-ciaduin Bas an III. Deòrsa, 1820.
30 Dior-daoin An Solus Lan, 4.55, mad.
31 Di-haoine 30) Bas Priu’sa Tearlach 1788
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 4. No. 28. p. 6]
NA SEOTAIREAN.
Fhuair mi na litrichean a leanas ann an seann phaipear Gaidhealach. Ma dh’fhaote gu bheil e cho freagarrach an cuir an clo an diugh ’sa bha e a’ chiad uair. “Cha mhisde sgeula mhath a h-aithris barrachd ’us aon uair.”
MARGAREE.
LITIR MU NA SEOTAIREAN.
“Nuair a bhios am bodach na thamh bidh e ’ruamhar.”
FHIR MO CHRIDHE, —Cha robh mise ’na mo thamh a bheag a dh’ùine o’n chuala tu uam mu dheireadh, agus is e sin bu choireach nach d’fhuair mi bheag a ruamhar a dheanamh. Bu choir a chuid mhor de’n ruamhar a bhi deanta roimhe so na’m biodh toil aig daoinibh gach ni a chumail an deagh ordugh. Bha an seann-duine ’gradh, “Am fear ni ’obair na thrath bidh e rithisd na leth thamh,” agus, “Am fear a bhios fada gun eiridh bidh e na leum fad an latha.” Tha so cho fior ri seann-fhacal a chuala mi riamh. Ach ged a tha, cha toirear a bheag a gheill da. An duine bu ghlice bha riamh air an t-saoghal, thuirt e gu’n robh am ann airson a h-uile ni bha fo na ghrein. Cuiridh a h-uilc duine glic, tha mi deimhin lan aonta ris a so. Their cuid eile gu bheil am ann airson seotaireachd. Tha e ro choltach gu bheil, oir tha na seotairean momha ’s lionmhor ’san dùthaich a nis. Is por iad a dh’fhasas suas cho grad ri ballag-bhuachair air raon, no ri folach ri taobh nan garaidhean. Tha bheag no mhor a dh’fheum anns na ballagan-buachair; oir ithidh na Sasunnaich cuid dhiubh an uair a theid am bruich ’san stobhadh gu math le sim, agus ithidh an seana chrodh ’sna seann eich a bhios air dhroch fhiaclan am folach. Cha’n aithne dhomh gu bheil feum fo’n ghrein anns na seotairibh. Bidh iad ga’n staoghadh fhein ri taobh an teine an latha bhios fliuch no fuar, agus ged a gheibheadh iad gu leoir ri dheanamh cha toir iad lamh air aon char. Nach fhaodadh iad acfhuinn an treabhaidh fhaotainn air doigh? Is i dudhlachd a gheamhraidh an t-am air son a bhi deanamh agus a’ caradh bhraighdean, a’s shintean, a’s ghreallag, a’s amull, a’s chromag, a’s chrann, a’s chliathan, a’s chairtean, ’s mar sin sios. Bu choir do gach tuathanach “na h-eich, na h-iallan, ’sna h-aghastair” a bhi na’n lan ordugh air son teannadh ris an treabhadh cho luath ’sa thigeadh an aimsir gu dad a thiormachd. An aite so is e bhios ann cha toir an seotaire lamh air car a dheanamh gus am faic e na coimhearsnaich air alachadh ’san treabhadh. Toisichidh e’n uair sin air rurach mar am broc, agus is gann nach cuir e’n taobh tha fodha dhe’n tigh as a chionn, ’s gun sgeul aige air aon bhall a dh’acfhuinn an treabhadh. Bidh e cho cas ri cat ann an carn ’s gu ’n sgeul air sintean an eich bhain. Mu dheireadh thall innsidh a bhean gu’m b’eiginn di ’n cur nan ceangal air a’ bhoin ghlais ’nuair a bhrist i’n seann cheangal a bh’oirre. Cha’n e tagha na tainge a gheibh i air a shon so. Caillear latha ’deanamh shintean, latha no dha ’n tigh an t-saoir a’ cur buird-uiridh air a chrann, air neo a cur droma uir ann, san t-seann druim air air failingeadh aig toll a’ choltair, latha eile ’sa cheardaich a’ deanamh suic uir ’sa cur leasachaidh air a’ choltair. Eadar a’ h-uile rud a bhios r’a dheanamh theid an t-seachdain seachad mu’m faighear car treabhaidh a dheanamh— “Fada gun toisicheadh, fada gun sgur agus beagan pisich,’ Bho’n nach d’rinn e’n obair na h-am feumaidh e bhi ’g obair gun fhois, agus an deigh sin gu leir cha bhi ach ro bheag pisich an deigh a shaoithreach. Bha an treabhadh fadallach, agus air a dhroch dheanamh; am beagan arbhair a dh’fhas, b’eiginn a bhuain mu’n robh e abuich gu leoir. Chaidh cuid dheth chuir ’sa mhulan ma’n robh e sughta gu leoir, agus ghabh e teas. Cha robh feum na ’fhodar no na ’shiol. Dh’fhas an spreidh caol ’s gun iad ag itheadh an fhodair air choir. An uair a theann iad ri dhol air thogail b’eiginn an siol san t-arbhar gorm thoirt dhaibh feuch an cumta an deo annta. Fhuair cuid dhiubh bas an deigh na chosgadh riutha. Bho’n nach robh an t-arbhar abuich gu leoir cha robh an gran ach caol. Cha robh bheag a mhin ann. “An uair is caoile ’n gaan ’sann is daoire ’n gran.” Cha bhi daoine beo gun bhiadh, agus feumair pairt de’n spreidh a reic gus a’ mhin ghallda phaidheadh, agus o’n chaidh a chaoile cho fada steach annta ’san earrach cha do ghabh iad a’ bheag a b’fhiach a chulaidh. B’eiginn an reic air pris bhig. Air an doigh so tha’n stoc a’ dol a lughad sa lughad o bhliadhna gu bliadhna. Ged a chi an seotaire so cha toir e fainear gur e fein is coireach, ach cuiridh e choire air an aimsir agus air an Fhreasdal. A bharrachd air a so their e gu tric gur e gainne an fhearainn is coireach. Cha ’n e idir: oir ged a bheirteadh baile fearainn dha cha bhiodh a chuis car ni b’fhearr. Na’n d’rinn e’n obair na h-am cha bhiodh so mar so. “Ge b’e neach cuir ’san latha fhuar cha bhuainn ’san latha theth.” Dh’fhaodainn lentainn gus am maireach air innseadh mu na seotairean air an do chuir mi eolas na’m latha ’s nam linn, agus cha chuirinn crioch air mo naigheachd. Ach foghnaidh na thubhairt mi. Bu cheart cho math dhomh teannadh ri taomadh a’ mhuir-lain le cuman gun mhas ri teannadh ri comhairle thoirt air seotaire. Is e tha n’am aire gu h-araibh rabhadh a’ thoirt do’n mhuinntir sin a tha’n cunnart gabhail ann an reisemaid nan seotairean. Cha chuala mi gu’n d’rinn a cheart reiseamaid treubhantas riamh bu chliutaiche na bhi ’g itheadh ’sag ol air chosdas dhaoine eile!
Is mi &c .
PLOCAN-AN-RUAMHAIR.
Air reir coltais fhuair e moran de litrichibh caine bho na seotairean. So te fhuair e bho cheannard na reiseamaid;—
Fhir gun naire, —Tha thu air toirt a mach gu sgriobhadh anns an am so. Cha’n eil fhios cait an sgur thu nis. Ach ciod e’n gnothuch a bh’agad iomradh a thoirt air na seotairean? Nach coma dhutsa co dhiubh a bhios iad ag obair no nach bi. Ma tha thusa ’g obair faiceam ciod a bhios agad air a shon air a cheann mu dheireadh. “Cha toir thu fo’n uir ni’s mo na bheir Calum.” Tha thu’n deigh do chuid fearainn a chur ann an deigh ordugh gun teagamh. Cha ghabh an ni sin aicheadh. Ach ma tha cha’n eil fios agam nach cur am bailidh snoigeach tuilleadh mail ort an uine gun bhi fhda. Abair thusa na thogras tu, ach tha mise ’g innseadh dhut gu’m b’fhearr dhut gu mor an saoghal a gabhail ni bu shocraiche na tha thu deanamh. Bidh spaid us piocaid na do dhorn gun fhalbh as. Cha ’n fhaicear a dig dhiot ach mullach a’ chinn. Bi tu amach fo’n uisge ’s fo ghliobhaid ’s ri tide nan seachd sion. Bi tu na do chreutair riobach, giobach, truagh, cho mi-dhaicheil ’s a chunnaic mi riamh. Their mi suil ma’n t-sroin ruit nach “tugainn da sgillinn ort no idir leth a’ ghrota.” Ma tha smodal de’n t-saoghal agad cha’n ann gu’n fhios c’arson. Gheibh
[Vol . 4. No. 28. p. 7]
mise agus na criosduidhean eile, anns a bheil a’ chiall na bheir an aire dhuinn fhein, na dh’fhoghnas duinn fhad ’sa bhios sinn beo. Tha thuse le ’do ruamhar agus le d’ chuid sgriobhaidh mar gu’m biodh tu deonach air mi-chliu a toirt ormsa agus air aon duine coir eile nach ab cairteal latha ’chur seachad maille r’a cheile mar chuimhneachean air an am o shean. Nach iomadh latha th’aig an uir ort! Ma tha droch bharail agad air na daoine coire tha mu’n cuairt duit, cum do bharail agad fhein. Ma their thu an corr bheir mi aon fhasgad air an t-sealbhan agad a chuireas as do chuimhne na chunnaic ’sna chuala tu riamh.
Is mi do dhearg namhaid,
CALUM SOMALTA.
Tha mi tuigsinn gu’n do fhreagair a’ bhrog do Chalum coir. Bho’n na chuir e fhein uime i cha’n eil aige ach a caitheamh. Is mo tha a litir toirt a dh’urram dhomhsa na tha i toirt a dh’ eas-urram dhomh. Tha e fior gu leoir gur h-iomadh latha th’aig an uir orm, ach ’sann mar sin is dichiollaiche ’s coir dhomh a bhith fad na h-uine ghoirid a th’agam air an talamh. “Ge b’e ni a gheibh do lamh r’a dheanamh dean e le d’ dhichioll; oir cha’n eil obair, no innleachd, no eolas, no gliocas anns an uaigh d’am bheil thu dol.” So agad briathran Sholaimh, agus is i mo bharail-sa gu’r e bu ghlice na Calum. Cha’n eil fhios agam an aidich Calum so ged a tha e gabhail air fhein a bhi na dhuine diadhaidh. Their mise suil mu’n t-sròin ri Calum’ agus r’a chompanaich, nach sgur mise a ruamhar no a sgriobhadh fad s’is urrainn domh spaid no peann a ghluasad. Their mi an fhirinn cho fada s’is aithne dhomh, agus ge b’e leis an searbh i cha’n eil aige ach eisdeachd ris na gheibh e.
PLOCAN-AN-RUAMHAIR.
Air a leantuinn bho thaobh 3.
gheamhraidh?
SEOR. —Cha robh idir. Tha freasdal an Tighearna caoimhneil anns na dùthchannan sin mar anns gach àite. Ré nan trì mìosan sin tha a’ ghealach làn againn, gun dol as an t-sealladh a latha no dh’oidhche; agus ni ’chuireas barrachd iongantais ort, ’an deigh a’ cheathramh-là-deug de’n Mhagh, cha téid a’ ghrian fodha tuilleadh, no as an t-sealladh a latha no dh’oidhche gus an téid i fodha gu buileach deireadh an fhogharaidh: air choir agus fad chòig mìosan nach ’eil dealachadh sam bith eadar latha agus oidhche.
LACH. —An robh na speuran soilleir, g’an, fad nam mìosan dorcha sin?
SEOR. —Bha. mi ’dol a dh’innseadh dhuit, gu-n robh iad na’s soilleire na chunnaic thusa riamh oidhche fhoghair ’san dùthaich so. Bha na fir-chlis a’ cur nan car dhiubh fad na h-ùine—agus b’iad sin na fir-chlis mhòra, aighearrach. Cha’n eil cainnt agamsa ’bheir dhuit am beachd a’s faoine air gluasad boillsgeanta, siùbhlach nan solus iongantach so. Chì thu na speuran, o thaobh gu taobh, làn diubh—fo dheich mìle cumadh agus dreach. Tha iad an tràs’ buidhe, ’s am priobadh na sùl’ tha iad dearg, lasrach. Tha iad ’san aon leumnaich chlis, bhrisg an tràs’— ’san ath mhionaid cha’n eil coslas dhiubh r’a fhaicinn. Cluinnidh tu iad a’ spreadhadh ’sa’ fuaimnich le srann àrd, a chuireadh oillt air duine nach robh eòlach orra.
LACH. —Cò sud a mach a’ bualadh aig an dorus? Ciod tha dhìth air a bhanaraich?
BANARACH. —Cuiribh a mach na buachaillean a bhiadhadh a’ chruidh—tha’m buntàta air tighinn dheth—gabhaibh a nall, a Sheòrais.
LACH. —Cha’n eil comas air. Tha dòchas agam gu’m bheil oidhche eile ’tighinn. Cha bhi mi fhein toilichte gus an cluinn mi deireadh a’ ghnothuich.
SGAL.— ’Eudail, a Sheòrais, na h-innsibh focal tuilleadh gus an suidh sinn air fad a rithist ’an so le ’chéile.
SEOR. —Cha-n innis focal, a laochain—tha mòran agam r’a innseadh dhuibh fhathast mu luchd-àiteachaidh nan dùthchannan sin—mu na h-Esgemothaich—mu na ròin—na sionnaich gheala—na madaidh-alluidh—na math-ghamhna—na tairbh-uisge, agus iomadh ni iongantach eile a chunnaic mi. Ach tha bh’uainn a bhi ’gabhail a null. Och! Och! ’se sin an t-aingeal suilbheara, taitneach a tha agadsa, ’Lachainn. Bu phrìseil e ’san àite mu’n robh sinn a’ labhairt, ged is dì-chuimhneach air beannachadh an Tigheasna ’san dùthaich shona so sinn.
Tha còig mile deug leabhar anns a’ cho-chruinneachadh leòbhraichean a th’aig Mr. Gladstone, agus tha ’n seann duine e-fhéin cho mion-eòlach air am feadh, ’s gu’n teid aige air fear sam bith dhiubh fhaotainn ann an leth mionaid.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
[Vol . 4. No. 28. p. 8]
Mo Chruinneag Ileach.
LE NIALL MAC-LEOID.
Ochòin a ’ri
Gur e mi ’tha muladach!
Nach robh mi ’n Ile
’S mo ribhinn lurach ann;
’S i ’thogadh m’ inntinn
Le ’brìodal cuireadach,
’S a bheir fo chis mi
Mur till i tuille rium.
An eilean uaine
Nan cluainibh glacagach,
A dh’ fhàg mi ’ghruagach
A ’s uisle cleachdaidhean;
Gur tric mi ’bruadar
Mo luaidh ’bhi ’n taice rium,
’S ’n uair ’nì mi dùsgadh
Mo rùn cha ’n fhaicear leam.
Cha ’n e ’cuid stòrais
’Thug dhòmhs’ an acaid so,
Ach meud a bòidhchead,
’S a còmhradh faicilleach—
Tha ’cruth gun fhòtus
’S gach seòrsa mais’ oirre,
’S a guth cho ceòlmhor
Ri eòin na maidne leam.
Ged tha Dun-Eideann
Cho éibhinn caithreamach,
’S na mìltean té ann
Mar reultan lainnireach—
Le’n òr a’ deàrrsadh
Air sràid cho farumach—
Ach cha bhi ’n àilleachd
No ’m blath ro mhaireannach.
Thoir dhòmhs’ a’ mhaighdeann
’Tha bainndidh cumadail,
Gun cheilg gun fhoill,
Ach gu caoimhneil furanach;
Ged nach biodh ’saibhreas
No ’h-oighreachd bunaiteach,
Gu ’m bithinn aoihhneach
Le loinn na cruinneig sin.
Ged chaidh a h-àrach
Aig tràigh nam marannan,
Tha ’buadhan làidir
’S tha ’nàdur carthannach,
Thug gaoth nan àrd-bheann
Dhi slàint’ ’us fallaineachd,
Mar ròs an garadh
Fo bhlath gun fhannachadh.
Gu’m b’ e mo dhùrachd
’Bhi dlùth do ’n chala sin—
’S ’n uair théid an dùdlachd
Air chùl cha ’n aithreach leam—
Cha d’ thug mi dùil dheth
Nach stiùirinn thairis ann,
A dhèanamh cùmhnant
Ri rùn nan caileagan.
Na dean fanaid gu bràth air duine air am faic thu ad ghiobach agus seann aodach. Dh’fhaoidte gur a fear-deasachaidh paipeir e, agus dh’fhaoidte gur e ’m fear stàtail ud eile, le aidBhiobhair ,le bhrògan buidhe ’s le aodach riomhach gallda, fear de luchd-gabhail a phaipeir, ’s nach do phàigh e sgillinn air a shon o chionn còig bliadhna.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
title | Issue 28 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 28. %p |
parent text | Volume 4 |