[225]

[Vol . 4. No. 29. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 25, 1896. No. 29.


Litir as an Niar Thuath.

FHIR-DEASACHAIDH: —Tha micur ugaibh mo dholair anns an litir so, air an latha mu dheireadh dhen bhliadhna, aguidhe le dùrachd, Bliadhna Mhath Ur do Mhac-Talla. Agus tha min dòchas nach ann leis féin a ruigeas mo dholair e, ach gum bi gu leòr da sheòrsa ag itealaich ga ionnsaidh mun am so, agus ma bhitheas, cha chùram nach bi bliadhna mhath ur aige da-rireadh. Than Niar Thuath car balbhsan àm, ach chan eil aobhar gearain bhon tha slàinte ariaghladh anns gach cearna. Tha pris a chruithneachds gach gran eile fhathast iosal, agus a thaobh sin tha e car doirbh do dhiomadh fear dolair a nochdadh aig a cheart àm

Le bhi cho sgapte anns an dùthaich so, tha na Gaidheil air moran dan àbhaistean a leigeil seachad, gu h-àraid an cridhealas a bhiodh aca an àm na Nollaigsna BliadhnUire; agus ma dhfhaoidte, ’n deis a h-uile rud, gum biodh e cho math cuid dhe na seana chleachdaidhean a leigeil air diochuimhne, gu h-àraid a chuid sin dhiubh anns am biodh an t-uisge-beatha mar ghoistidh aca.

Chan eil romham litir mhor a sgriobhadh air an turus so, agus uime sin bidh mi a criochnachadh. Leis gach uile dheagh dhùrachd, is mi bhur caraid,

SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
Moosomin , N. W. T.


Litir a Ceap Nor.

FHIR-DEASACHAIDH: —Leis na tha de sgriobhaichean matha Gàilig agaibhs gann a dhùraigeas mi féin peann a ghlacadh gu facal a chur dour n-ionnsuidh. Tha e mòran nis usadh Gàilig a leughadh na tha e a sgriobhadh. Dhfhoghlum mi féin a leughadhnam fhior òige le bhi sàs anns a phaipear ghasda bha uair-eigin air a chur a mach an GlasachoAN GAIDHEAL. Bu duilich leam an comas sin a reic an diugh air suim sam bith de dhairgiod. Chaidh an Gàidheal á bith le dìth luchd-gabhail, ’sa theagamh, le droch luchd-pàidhidh, ach tha dòchas làidir agam nach ann mar sin a thachras don MHAC-TALLA. Ma ni a luchd-gabhail an dleasanas le bhi ga phaigheadh gach bliadhna, ’s le bhi faighinn tuille luchd-gabhail dha, ’s ann a bhios am MAC-TALLA a sior thighinn air adhart, am meudachds anns gach dòigh eile, air chors gum faod a luchd-leughaidh gu léir a bhi làn riaraichte leis.

Tha geamhradh air leth briagha againn an so. Tha deagh ròidean againn le beagan sneachda fad greis, ach than aimsir co blàth a nis o chionn da sheachdain ri deireadh an fhogharaidh, ’san sneachda, gu ìre bhig, air leaghadh.

Thug e ni-eiginn do thogail dom chridhe a leughadhsa MHAC-TALLA, gun robh sibh duilich sinne chall aodhaire cho math ris an Urr. Calum Mac Leòid. ’Sann a than t-aobhar doilgheis againne, a dhuine, an deigh na h-ùpraid gus an deachaidh sinn ri teas an t-samhraidh, a meudachadh a mhansasa feuchainn ri fhaotainn ullamh roimh fhuachd a gheamhraidh, ’s sinn cinnteach á seirbheis ar teachdaire uine ri teachd. ach sinne? —gach fear le thuaighsa choille, a snaigheadh fiodha— ’s sinn cho sona ged a bha ar fallas a sruthadhsna cuileagangar sgobadh. Ciod a bfhiach sinsam ministeir gus a bhi gu seasgair againnsa mhansa troimhn ghamhradh.

Mun gann a bha Mr. Mac Leòid aon bhliadhna suidhaichtenar measg-ne an deigh dhuinn gairm a thoirt da, ’sann a chuir sluagh a Ghut a-Deas agus Bhaile-nan-Gall an cinn cuideachd a chum a ghairm dan ionnsuidh féinCha robh àite aca air an tugadh iad an aghaidh ach co-thional bochd Cheap Nòr. Shaolamaid gum biadsan an sluagh mu dheireadh a dheanadh a leithid sid, an deigh cho olcsa chòrd e riu féin an ceann-iùil a chall air an dòigh cheudna. Agus nach do leugh misan FHIANUIS CHLEIREAL gur h-ann a bha co-ghàirdeachas air a dheanamh maille ris an t-sluagh sin a rinn sinne cho truagh a chreachadh le ar ministeir a thoirt uainn. Cha bu choltach sin ri mòran truais a bhi ri Ceap Nòrsan latha sin.

Tha chùbaid againne falamh aig an àm. Bhuineadh uaine deagh shearmoinaiche. Biodh iadsan a thug leo e dìleas da, ’sna cluinneamaid gun tig smid ghearain air-san á beul aon diubh ram beò.

Is eigin domh stad. Guidheam Bliadhna Mhath Ur don MHAC-TALLAs do luchd-gabhail air feadh an t-saoghail gu leir. Is mi do charaid dìleas.

AN TUATHANACH BAN
Ceap Nòr, Dec. 31. ’95.


Dluth-Tharruing.

Thug sinn cheana fanear ann an earranaibh eile, cuid de na buaidhibh a ta rim faicinn air cruinn-mheallaibh soillseach nan speur. Labhair sinn air an aireamh, am meud, an astar, agus an soilleireachd; ach tha buaidhean eile orra, air nach do labhair sinn fathast; agus siad sin, an dòigh air am bheil iad agluasad, agus an dluth-tharruing nadurra a ta eatorra. Tha ena bhuaidh air gach ni gum fan e aig fois mur gluaisear e le cumhachd eigin eile. Ged is innleachdach an obair a chithear ann an uaireadair, gidheadh cha ghluais o mur teannaichear a shlabhraidh. Cha charaich am peileir as aghunna, gus an cuirear teine ris an fhudar. Ceart mar sin cha ghluaiseadh an talamh, no na reultan, mur biodh cumhachd eigin air a ghnathachadh chum an greasadh man cuairt air na slighibh mora agus farsuing fein. A ris, tha e airfhaotainn a mach gum bheil, a thaobh nadair, dluth-tharruinn eadar gach aon ni anns achruitheschd, chum an dluthachadh ra cheile. Is buaidh so a chithear anns na smuirneanaibh as lugha, co math is anns na meallaibh as mosa chruitheachd. Chithear e anns a bhraon as lugha den druchd air an lus mhaoth. ’Se an dluth-tharruingeachd so a ta deanamh an druchdna chuirneanaibh cruinn agus boisgeach air bileagaibh an fheoir; agusse mar



[226]

[Vol . 4. No. 29. p. 2]

LITIR BHO IAIN.

FHIR MO CHRIDHE. —Bliadhna mhaith ùr dhuit, agus mòran dhiubh. ’D e mar a chuir thu seachad aNollaigs aBhliadhna ur? Is cinnteach gun do chuir gle chridheil, sunndach mar bu ghnath leat. An creid thu so? Riamh o rugadh mi cha do chuir mi seachad Nollaig mar a chuir mi seachad an te mu dheireadh. Theab lion mo mhillidh a dol mu mchasan. Ach ged a ruiginn aois nach drainig mathair no mo sheanair cha teid achuis as maire.

Innsidh mi dhuit facal air an fhacal mar a bha. Fhuair mi cuireadh bho sheann fhear-eolais, Niall Ruadh, gu dhol ga fhaicinn aig an Nollaig. Nis, is gle thoigh leam oidhche no dha a chur seachad an drastas arithist ann an tigh an duine choir so. Tha e fhein agus a bhean air dhithis, tha mim beachd, cho coir s cho fiosrachs a thachair riamh orm. Tha iad cho gasdas cho Gaidhealach nan doigheans gu faod neach sam bith a bhi cho dana orras ged a bhiodh e stigh aige fhein. Bha fhios agamsa air a so, agus bha mi gealltuinn dhomh fhein gun cuirinn seachad an Nollaig gu cridheil. Mo chreachs beag a bha dhfhios agam air na cliobaistean a bha gu eirigh dhomh. Air na chunnaic thu riamh na toir guth ri duine beo air a so air neo bidh mise nàr dheth ri mbheo.

Nuair a rainig mi tigh mo charaid bha lamhan sgaoilte romham mar a babhaist. Mar a bham madadh ruadh ag ràdhn uair a bha eg itheadh mal na pioba, bha biadhus ceol againn. Chuir sinn an oidhche seachad le cridhealass le fearas-chuideachd nach robh a chum coire dhuinn fhein nodhaoine eile. ’S amhaduinn dhinnis mo charaide dhomh gun dfhuair mi-fheins e-fhein cuireadh bho dhuin-uasal air an robh e eolach gu dhol an oidhche sin gu cuirm mhoir a bha gu bhi aige. ’N uair thuig mi gu robh na h-uiread a dhuaislean gu bhi aig achuirm cha robh mi idir deonach a dhol thuice. Bha ceud leth-sgeul agam, ach cha robh maith a bhi ris; a h-uile toll a dheainn-sa chuireadh esan tairig ann. “Coma leat a bhigabhail mar leth-sgeul nacheil aodach freagarrach agad, bheir mi fhein dhuit iasad de chota biorach fhadsa bhios tu ann,” arsesan. A bhalaich ort! ’nuair a chuala mi gu feumainn cota biorach a chur orm thuirt mi nach rachainn ann a muigh no mach. Mise dhol le cota biorach iasaid gu mdhinneir a thigh duine choir sam bith eile! Cha rachainn ann ged a gheibhinn mart-laoigh air chluais. Cota biorach! Aphiollaig shuarach! Is mi tha cinnteach nach ann aon chuid on phailteas no on onair a thainig a cheud fhear dhiubh. Bha gainne aodaich air an tailiear, no ghoid e pios dheth, ’s chuir en ire don duine bhochd dhand rinn en cota gum bem fasan ur a bhann. Eudail sann dha bfhior. Ochan, biad na Gaidheil fhein luchd a chridhe mhoir riamhus roimhe. Chuireadh iad den chlo ann an aon fheileadh na dheanadh dusan cota biorach. Nuair a rachadh iad a chuideachd cha bu nar leon calpannaibh cruinne, dumhaill a leigeil am fianuis an t-saoghail.

Cha bionnans na Goill dham beiginn riamh an casan caola fholach am brigissa bhi mar ealta dhe na gobhlain-ghaoithe nam faigheadh iad cuireadh gu cuirm. So cuid dhe na smaointeanan a dheirich annamnuair a bha Niall asparradh orm a dhol thun na cuirme. De thagad air ach nach robh dhol bhuaithe agam. Beiginn deanamh deiseilsan cota-biorach a chur suas. A dhinnse na firinn, cha mhor nach bu cho maith leam an leine bhais a chur umam. Tha min duil, mata, gu robh micheart cho luaineach inntinn am broinn achota bhìoraichs a bha Ionah am broinn na muice mara. Dhfhalbh sinn mu dheireadh. Nuair a bha sinn suas cnoc-an-fheoir chunnaic sinn seanneach ban Iain Ruaidh ri taobh an rathaid. San dol seachad dhuinn thog echeann gu h-aigeannach, tharruinn e srann, ’s thog e earbull air a chruachainns thug e ri bruthach! Ghrad sheas sinns ioghnadh oirnn a leithid a sheana chreutair a ghabhail sgaoim gun fhios car son. “Chan eil mi idir atuigsinn dechuir eagal air,” arsa Niall. “Tha misega thuigsinn gle mhath,” arsa mise. “Ghabh e clisgeadhnuair a chunnaic e mise le cota-biorachs le aid aird dhuibh, Cha robh fhios aige co leig a crodhadh mi.” Theab Niall a dhol as a ghiallan agaireachdaichnuair a chuala e mo fhreagairt.

Nuair a rainig sinn an Tigh-mors a bhuail sinn an clag thainig duine grinn a dhfhosgladh an doruisministeir shaoil mise, oir bha stoc geal ma amhaich. Sheol e steach sinn do sheomar mòr, aluinn, anns an robh airneis cho snasails a dhfhoghnadh don Bhan-righ, “Tha mi cinnteach gum bi agad ri te dhe na mnaibh uaisle thoirt a stigh don t-seomar-bhiadhtachd; ach cuimhnich, thoir do cheart aire nach seas thu air a gun an am a bhi dol a stigh air neo ma sheasass docha gun tig e on bhann,” arsa Niall. Chuir so miapadh gun chiall orms thuirt mi, “Ubh, uibh, nach iad tha lag, buileach mur urrainn doibh a dhol thun am bidh gun chuideachadh! Is fhearr lsamsa te aca thogail beo slan leam na dol an cunnart a gun a thoirt on chom.” “Chaneil feum a bhi riut,” arsa Niall.

Mun deach am facal as a bheul dhfhosgladh an dorus, ’s thoisich na h-uaislean air tighinn a stigh. Cha robh crathadh lamh ann, oir chaneil es an fhasan, ach bha mise feuchainn ri bhi cheart cho modhail ri Niall. Chromainn mo cheanns mo chom gu gasda do na h-uile thigeadh a stigh. Bha iad adearrsadh le òrs le seudaibh luachmhor. Bha na daoin-uaisle gu leir ag amharc mar nach bolc ann an deise an fhithich. Bha cota-biorach air a h-uile fear, agus bha iad ag amharc leo na bfhearr na shoil mi riamh roimhe. Thug so misneach dhomh.

Nuair a bhuaileadh clag na dinneireach thoisich fear-an-tighe ri caigneachadh nan uaislean, agus gu fortanach cha robh h-aon ann a chuirten caiginn riumsa no ris fhein. Nuair a chunnaic mi so dhfhairich mi mo chridheploscartaich leis aghairdeachas.

Shuidh sinn sios aig achuirm, agus be sin achuirm. Cha robh biadh a smaoinicheadh tu, no nach smaoicheadh tu idir, nach deach rud dheth chur thun abhuird mun do sguir sinn. Bha h-uile seorsa dibhe a cheart cho pailt ris an uisge fhuar. Eadar a h-uile rud a bhann theab mo cheann a dhol na bhoil. Bha mi leigeil orm gum baithne dhomh a h-uile rud ged nach baithne dhomh dad. Bha suil a mach agam gun fhios a dhfhaicinnde bha na coimhearsnaich adeanamh. Mar so chaidh agam air faotainn car uine air aghaidh mar nach bolc. Bham biadh cho laidirs gum beiginn domh sgur fada roimh chach; ach o nach robh diog agam de bheurla Lunnainn cha robh mi-fheins an t-uasal og a bha



[227]

[Vol . 4. No. 29. p. 3]

feitheamh dhan bhòrd atuigsinn a cheile. Nuair a theirinn-sa nach robh mi air son ni sam bith shaoileadh esan gur e bha mig radh gun gabhainn rud. Mar so lion e na glaineachan le fion na bu trice na bu mhath leam Bha mig am falamhachadh air son da aobhair; an toiseach, an duil gun cuireadh am fion air falbh gach saidealtas a bhorm. Mar a tham bard ag radh:—

Ni e laidir fear lapach,
Ni e dana fear gealtach,”

agus mu dheireadh, bha bhim beachd nach robh e modhail deur fhagail. Achs in deoch ris an abair iadSeampaina theab an dunaigh a chur orm. Lionadh glaine mhor dhomh, ’snuair a dhòl mi i dhfhas mi gle chridheil. Cha robh cuimhne air cota-biorach, air modh, air onair, no air rud eile. Thainig taom fodham glaine a bha lan air mo bheulthaobh òl air slainte bean-an-tigh bho nach robh de thuigse an cach na rinn e. Ach mun do tharr mi sid a dheanamh dheirich i bog, balbh bhon bhords thug ih-aghaidh air an dorus. Cha bu luaithe dheirich ise na dheirich cach. Thug fear roid thun an doruis ga fhosgladh. Ghradh bhuail es acheann agam gur ann a dhfhas bean-an-tighe ro thinn, agus sid mi thun an doruis cuideachd a dhfhaighneachdde bha cearr. Leis mar a sheall iad gu leir orm thuig mi gun drinn mi cuis-mhagaidh dhiom fhein. Dhfhalbh na mnathan uaisle don t-seomar-choinneachaidh, ’s dhfhan sinne. Cha drinn mi ni cearr fad na h-oidhche tuilleadh, ach bha mi car samhachs mi mothachadh annam fhein nach robh mi am measg chaich ach mar an fheannag am measg nan columan. Nuair a chaidh sinn far an robh na mnathan uaislede chunnaic mi ach sgathan cho leathainn ri deagh gharadh-cail. A bhalaich ort, chunnaic mi mi-fhein ann bho bhonn gu bathais! Ach ma chunnaics mi nach robh toilichte. Bha mi leis achota-bhiorach mar bhodach-rocais! Thainig mfhuil amaodanns cha mhor nach do thuit mi far an robh mi. Am beagan uine dhfhalbh sinn dachaidh. Fad na slighe bha miseg iomchain air Niall, ’s Niall ag iomchain ormsa mu na thachair dhomh aig achuirm. Cha dfhuair mi cadal ceart an oidhche sin, agus an cora phriobadh a fhuair mis ann abruadar mun chuirms mun chota bha mi. Bhoidich mi nach cuirinn cota biorach mu mchroit fhads bu bheo mi, ’s nach mo a rachainn gu cuirm air nach baithne dhomh mi-fhein a ghluasad gu ceart. Is mi do charaid,

IAIN.


COMHRADH NAN IOLAIREAN.

Tha e air a radh gun cuala ciobair an Comhradh a leanas eadar seann iolair agus a h-alach og, am feadhs a bha etoirt an aire air an treud:

Mo chlann,” arsan iolaire, “chunnaig sibh mi atiolpadh nan cearc as na h-iolannan, aglacadh na maighich anns aphreas, agus atogail amhinn oionaltradh. Ach tha cuimhne agaibh blasfhaighainn air biadh moran is millse na iad sinis minig a thug mi dhuibh cuirm de fheòl duine.”

Innis dhuinn,” arsa na h-iolairean oga, “caitem faighear daoine, agus ciamar a dhaithnichear iad; oir is cinnteach gur i feoil an duine biadh nadurra na h-iolaire. Carson nach dthug thu duine slan a dh-ionnsaidh na nid ann ad spuirean?”

Tha e tuilleadhs dumhail, trom,” ars an iolaire; “an uair a dhamaiseas sinn air duine chan urrainn duinn achfheoil a stroichdeadh leinn agus na cnamhanfhagail as ar deigh.”

Ma tha an duine cho mor as sin,” arsan fheadhain oga, “ciamar a thadol agad air a mharbhadh? Tha fiamh agus eagal agad roimhn mhadadh-alluidh agus am math-ghabhainn; ciod an cumhachd leis am bheil buaidh aig na h-iolairean thairis air duine? Am bheil an duine nas laige na caora?”

Chaneil againn,” fhreagair an iolaire, “neart an duine, agus tha mi air uairibh an teagamh a bheil a sheoltachd againn; agus bann fior ainneamh a gheobhadh iolairean cothrom airfheoil itheadh mur biodh nadur, a dhorduich e chum ar feum, air buirbe iongantaich a chur ann, nach faca mi riamh ann an creutair air bith eile a thachomhnuidh air an talamh. Gu tric coinnichidh da threud mhor de dhaoine, criothnaichidh an talamh leis an toirm a ni iad agus lionar an t-adhar le teine. An uair a chluinneas sibh toirm agus a chi sibh teine aruith air aghaidh na talmhainn, greasaibh a dhionnsaidh an aite le uile luaths ur sgeith, oir bithibh cinnteach gu bheil daoine asgrios a cheile; gheobh sibh an talamh dearg le fuil agus cuirnichte le closaichean marbha, agus moran diubh air an srachdadh agus air an gearradh air son nan iolairean.”

Ach an uair a mharbhas na daoine an cuid creiche,” arsna h-iolairean beaga, “carson nacheil iadg a itheadh? An uair a mharbhas madadh-alluidh caora, chan fhuiling e don iolaire teachd ga choir gus am bheil e fein air a shasuchadhNach e seorsa de mhadadh-alluidh a tha anns an duine?”

Is e an duine,” arsan iolaire, “an t-aon chreutair a mharbhas an ni sinn nach ith e, agus is i abhuaidh so a thag a fhagailn a charaid cho math don chinneach againn-ne.”

Ma tha an duine mar so amarbhadh creiche dhuinn-ne agusg a fhagail ann ar rathad,” arsan iolaire og, “ciod am feum a tha againn air saothrachadh air ar son fein?”

Tha,” arsa mathair,” a chionn gum fan an duine air uairibh re uine fhada samhachn a gharaidh. Innsidh na seann iolairean duibh cuin a tha sibh ri suil gheur a chumail air a ghluasadan. An uair a chi sibh buidhnean mor dhaoine asiubhal comhladh, faodaidh sibh a thuigsinn gu bheil iad ri seilg agus gum faigh sibh ur diol de fheoil duine gu h-aithghearr.”

Ach stadaibh,” arsan iolaire og, “bu mhath leam fios fhaighinn air an aobhar air son am bheil daoine mar so asgrios a cheile. Cha burrainn domh fhein a mharbhadh an ni sinn nach ithinn.”

Mo leanabh,” arsa mathair, “an uair a bha mise og, babhaist domh dol a thaghal air seann iolaire aig an robh a comhnuidh anns na creagan ud shuas. Bha itighinn beo o bhliadhna gu bliadhna air mionaichean dhaoine. Thuirt i, mar a bha geugan na craoibh dharaich air am bualadh ra cheile leis an doininn a chum gun tigeadh na mucan-fiathaich beo air na cnothan a thuiteadh dhiubh, gun robh daoine mar so le cumhachd do-thuigsinn air an sparradh an aghaidh a cheile a chums gum biodh na h-iolairean air am beathachadh. Agus tha an fheadhainn a tha ag itealaich os an cionn atoirt aire gum bheil fear anns gach treud a tha toirt seolaidh do chach agus a tha a reir coslais agabhail tlachd anabarrach anns achasgradh oillteil. Ciod e a tha toirt coir don fhear so air inbh cho ard chan fhios duinn; mar is bitheanta chan è idir fear is momha no is luaithe na cach, ach tha etaisbeanadh leis cho dian as cho dichiollachs a tha e gur esan, gu sonruichte, Caraid nan iolairean.” —Ead. on Bheurla.



[228]

[Vol . 4. No. 29. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IANUARAIDH 25, 1896.

Chan eil teagamh nach bi iomadh aon anns an t-siorrachd so eadar dha chomhairle co leis a bhòtas e air latha taghaidh fir-pàrlamaid. Cluinnidh e aon duineg radh aon rud, agus duineileg radh rud eile, agus cha bhi fhios aige tha ceart. ’Se dleasanas gach duine tha mar sin, e fèin a dheanamh fiosrach gun dàil a thaobh nan nithean a tha toirt airen t-sluaigh air an àm so, agus an sin e thoirt a bhòt don fhear a tha chogais fein ag innse dha as airidhair a chur a stigh.

Tha baile Peebles, ann an Ohio, an deigh riaghailt a dheanamh gum bi clag air a bhualadh aig ochd uairean na h-uile oidhche, agus an sin feumaidh gach gille a tha fo ochd bliadhndeug a dhaois, agus gach nighean a tha fo shia bliadhndeug a dhaois, na taighean a thoirt orra. Ma gheobhair a mach iad an deigh don chlag a bhi air a bhualadh, gun am pàrantan còmhla riutha, faodar an glacadh agus càin nach bi nas lugha na dolair a chur orra.

Tha sgeul air tighinn ag innse gun do chaochail Prionnsa Eanruic Bhattenburg air bord soitheach cogaidh Breatunnach faisg air cladach a niar Africa. Ghabh e fiabhrus a tha buailteach do dhaoine anns an dùthaich sin, agus dheug e Di-luain sa chaidh. Bha e pòsda aig ban-phrionnsa Beatrice, an nighean as òige aig ban-righ Victoria.

Fhuaireadh corp duine dom bainm Daniel OLearry ann an seann tigh aHalifacs, an deigh dha bhi marbh tri seachduinean. Chan eil fhios de thug a bhàs, oir bhan corp air itheadh leis na rodain, no le coin, air dhòighs nach burrainnear a dheanamh a mach. Bu sheann saighdear e, còrr us tri fichead bliadhnasa deich a dhaois, agus chog e anns achogadh Ruiseanach, anns aChrimea. Chan eil barail sam bith gum be tighn ri bheatha rinneadh, oir cha robh ann ach duine gle bhochd, agus cha bhiodh reusan aig duine sam bith air cur as da.

O chionn àireamh bhliadhnaichean bhan Fhraing agus Breatuinn gu math fuar ri chéile, ach a nisen deigh beagan fuatha bhi air a dhùsgadh eadar Breatuinn agus a Ghearmailt le obair an Iompaire, than Fhraing us Breatuinn nan dlùth-chàirdean. Tha gamhlas mòr aig an Fhraing don Ghearmailt, agus nan tigeadh aimhreit sam bith eadar Breatuinnsa Ghearmailt, bhiodh an Fhraing gun dàil air taobh Bhreatuinn.

Tha mu choig ceud muillein dolair ( $500 ,000,000) de theachd-a- steach aig Riaghladh Bhreatuinnsa bhliadhna, agus tha sin suim mhath thairis air na tha ri phàigheadh a mach. Chan eil dùthaich eile ann aig a bheil maoin cho mòr, no tha paigheadh a fiachan cho ri Breatuinn. Ged is beairteach na Stàitean, tha iad adolsna fiachan a h-uile bliadhna.

Tha pàrlamaid Nobha Scotiana suidhe, agus tha cùisean adol air adhart gu rianail. Tha pàrlamaid Chanada na suidhe cuideachd, ach chan eil gnothuichean buileach cho reidh. Tha daoine air gach taobh dhen tigh aig am bheil deagh cheann-labhairt, agus chan eil iad idir acumail nan gibhtean sin an cleith.

Tha coltas nas sitheile a tigh ?n air an t-saoghal. Chan eil e idir coltach gu bheil cogadh gu bhi eadar Breatuinnsa Ghearmailt, no idir eadar Breatuinnsna Stàitean. Tha daoine a fas nas glice na bha iad, agus cha tarruinn iad an claidheamh gus an fheudar dhaibh.

Bha crith-thalmhainn mhor ann am Persia o chionn ghoirid. Bha dha no tri bhailtean air an leagail agus chaidh aona ceud deug duine a mharbhadh.


AChoisir ChiuilOrain Ghailig.

Than leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a machna thri pàirtean. Tha 62 de dhòrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oransa cheud Phairt, 21san darra Pàirt, agus 20san treas Pàirt. Than ceòl, (Tenor , Alto, SopranoagusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr don MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadhga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnathasa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, den Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[229]

[Vol . 4. No. 29. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha e air a radh gu bheil leth-cheud teaghlach á Eilean a Phrionnsa adol air imrich gu Manitoba toiseach April.

Tha am bàt-aiseig air sgur a ruith. Than acarsaid air reothadh, ach chan eil an deigh ach gle dhona fhathast. Chan eil i idir cho maths bu mhiaun leothasan aig am bheil na h-eich luatha. Chan eil deigh as fhiach air loch a Bhras dOir fhathast.

Cha dfhuaireadh sgeul fhathast air an ochdnar dhaoine a dhfhag an soitheach a chaidh a bhristeadh air Canso, agus chan eil dòchassam bith gu bheil iad beò. Tha na tha beò de chach anns an tigh-eìridinn ann a Halifax, agus tha iad uiledol gu math am feobhas.

Thuit cnap marbh sneachd a Di-ciaduin, gu h-araid na h-oidhche. Bha an carbad-iaruinn a feuchainn ri faighinn tioimhn rathad eadar Louisbourgs am baile so bho sheachd uaireansa mhaduinn Dior-daoin gu tri uairean feasgar. Le rathad reidh roimhe theid aig air an t-astar a dheanamh ann an da uair.

Chaidh fear Seumas Benoit, a mhuinntir Poulamond, ann an siorrachd Richmond, a bhàthadh le tuiteam bhar bòrd soithich a bha seòladh eadar Newfoundland us Barbadoes anns na h-Innsean a Niar. Thachair so air an t-siathamh latha deug de Dhesember sa chaidh. Bha e mu cheithir bliadhna fichead a dhaois.

Chaidh soitheach iasgaich a bhualadh le soitheach-smùide ann an acarsaid Bhoston air an t-seachdain sa chaid. Bha dha air fhichead air bòrd, agus chaidh naodhnar dhiubh sin a bhàthadh. Bhuineadh fear dhiubhsan a chailleadh do Cheticamp an siorrachd Inbhirnis. Chaidh an soitheach fodha mu dheich mionaidean an deigh dhi bhi air a bualadh. ’Se bainm dhiFortuna.”

Cha chluinnear guth air ni sam bith eilesna lathaichean so achpolitics. Than da phairtidh a stri cho maths is urrainn daibh air son an t-siorrachd so achosnadh, agus than cuid teachdairean nam fuils nam falus aruith o àite gu aite, afeuchainn ri daoine thoirt gu bhi air an taobh. Mar a thuirt sinn anns an aireamh mu dheireadh, tha Sir Tearlach Tupper air a thoirt a mach leis daconservativesagus toiseach na seachdain so shònruich naliberalsan t-Onarach Deòrsa H. Murray air son ruithna aghaidh. Bha coinneamh mhor air naliberalsDi-mairt, aign do labhair Mr. Murray, Mr. Longley á Halifax, Mr. Mac Isaic á Antigonish, agus Mr, D. C. Friseal á Guysboro. Dior-daoin bha coinneamh dhen t-seòrsa cheudna aig naconservatives, aign do labhair Sir Tearlach Tupper. Bha sluagh mor cruinn aig an da choinneamh, agus fhuair an luchd-labhairt uile deagh éisdeachd. Bha beagan troimhe-chéile ann aig a cheud , ach cha da mhair e fada. Di-mairt sa tighinn, lathan Ainmeachaidh, gheobh sinn uile cothrom air an dithis a tha ruith a chluinntinn a rithist ag agairt an còirichean air bhòtaichean an luchd-taghaidh.

Ruig an stòr aig D. J. Domhuullach ma tha thu air son bathar math fhaighinn saor. Tha pris gach ni air a chur gle iosal.

Chaidh factoridh àirneis a bfhiach mile dolair a losgadh gu làr ann an Alexandria, am Ontariosa mhaduinn Di-mairt. Cha robh ach da mhile dheug dolair de dhairgead urrais oirre.

Fhuaireadh fear Uilleam Higgins marbh anns achoille faisg air Brookfield am Pictou air an t-seachdain sa chaidh. Chaidh e dhan choille a ghearradh connaidh. Bha e tri fichead bliadhnasa deich a dhaois, agus thatar adeanamh a mach gum be tinneas achridhe a thug a bhàs.

Bha pàrlamaid ùr air a taghadh ann am Manitoba air an t-seachdain sa chaidh. Chuireadh Greenway agus a phàirtidh a stigh a rithist pailt nas treasa na bha iad roimhe. Tha da fhichead cathair anns a phàrlamaid, agus dhiubh sin tha a dha dheug air fhichead air taobh a phriomhair.

Ràinig Sir Tearlach Tupper Sidni feasgar Di-ciaduinn ann an carbad dha fhéin anns an dthainig e direach á Montreal. Bha e uair no dha na banmoiche aruigheachd na bha dùil ris; bha stoirm shneachd ann agus dhfheumadh an carbad falbh air a shocair. Bha moranga choinneachadh aig na h-uile àite-stad, a cur fàilte air.

Tha ar caraide Niall Domhnullach, ann am Baddeck, an deigh a dhol a cheannachd air a laimh féin. Than stor aige mu choinneamh tigh-òsda Dhunlap. Tha mòran chàirdean aige, agus chan eil teagamh sam bith nach soirbhich leis. Tha e acumail leabhraichean Gàilig mar a bàbhaist da, agus duine sam bith a tha air son leabhar fhaotainn bu chòir dha sgriobhadh uige.

Chaidh tigh cluich ann an cearna de Ruisia a deas na theine an oidhche roimhe, agus chaidh àireamh mhor de dhaoines de mhnathan a losgadh gu bàs. Bha an cleas a dol air adhartnuair a bhrist an teine mach, ruith an sluagh gu bhi aig an dorus, dhòmhlaich iad air muin a cheile, agus bha moran air am prannadh fo na casan. ’Nuair a chaidh an teine a chur as, chaidh leth-cheud corp a thoirt á làrach an taighe. Nuair a thainig am fios bha àireamh de dhaoine air chall, ’s bhatar a deanamh dheth gu robh iad air an losgadh cùomhla ri càch.


BAS.

Ann an Gleann-garaidh, cùl a Phòn Mhòir, air Di-sathairne, an ochdamh latha deug dhen mhios so, Mor, bantrach Eachuinn Mhic Fhioghain, tri fichead bliadhna sa seachd deug a dhaois.

IANUARAIDH, 1896.

1 Di-ciaduin La na BliadhnUire.
2 Dior-daoin [1] A Ghrian ag éiridh, 7.38; alaidhe, 4.30.
3 Di-haoine
4 Di-sathairne Fhuaras America, 1492.
5 Di-Domhnaich Domhnaich an Taisbeanaidh.
6 Di-luain Seann Nollaig.
7 Di-mairt An Canteal mu dheireadh dhen t-Solus, 11.25, mad.
8 Di-ciaduin
9 Dior-daoin Bàs an III. Napoleon, 1873
10 Di-haoine A Ghrian ag eiridh 7.36; alaidhe 4.39.
11 Di-sathairne
12 Di-Domhnaich I. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
13 Di-luain
14 Di-mairt An Solus Ur, 6.19, feasgar.
15 Di-ciaduin Crunadh ban-righ Ealasaid 1559.
16 Dior-daoin
17 Di-haoine Blar na h-Eaglaise Brice, 1746.
18 Di-sathairne
19 Di-Domhnaich II. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
20 Di-luain
21 Di-màirt A cheud phàrlamaid Shasunnach, 1269.
22 Di-ciaduin
23 Dior-daoin A cheud chairteal dhen t-Solus, 10.42, feasgar.
24 Di-haoine
25 Di-sathairne
26 Di-Domhnaich III. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
27 Di-luain
28 Di-màirt
29 Di-ciaduin Bas an III. Deòrsa, 1820.
30 Dior-daoin An Solus Lan, 4.55, mad.
31 Di-haoine 30) Bas Priusa Tearlach 1788


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[230]

[Vol . 4. No. 29. p. 6]

(Air a leantuinn bhon 1 taobh.)

an ceudna a thagluasad nan cruinn mheall soillseach anns na speuraibh. Than dluth-tharruingeachd so laidir no lag, a reir meud agus astar nan nithe anns am bheil an cumhachd so air a shuidheachadh. Air don talamh so, uime sin, a bhina mheall anabarrach mor, tha e atarruing gach mill eile a ta am fagus da, ’ga ionnsaidh fein. Mar so tilgeadh neach clach suas os a cheann anns na speuraibh agus tuitidh i gu h-ealamh a nuas dhionnsaidh na talmhainn far an luidh i gun charuchadh. Agus carson? Tha, a chionn gum bheil an talamh a dluth-tharruing na cloiche da ionnsaidh fein! Tha fios againn nach soirbh le moran so a thuigsinn, oir their iad gum bheil achlach atuiteam lecudthrom fein; ach nacheil an cudthrom ceudna aice gu dol suas anns na speuraibh, no gu gluasad air slighe sam bith eile? Gun teagamh sam bith dheanadh i sin mur biodh an talamhga dluth-tharruing an nuas da ionnsaidh fein. Is ann, uime sin, trid na dluth-tharruing so, tha na reulta agus aghrian abuanachadhnan aitibh, air an slighibh fein anns na neamhaibh. Tha Diaacrochadh na talmhainn,” agus gach reult eile airneoni,” agus tha iad a buanachadhnan cuairtibh fein trid na dluth-tharruing a ta annta agus eatorra fein. Air don ghrein a bhi mor seach na reultan, tha ig an tarruingga h-ionnsaidh fein, ach tha iadsan, mar an ceudna, atarruing aon a cheile, agus air an tarruing iad fein le reultaibh eile mun cuairt doibh; air chors gum bheil a ghrian agus na reulta mar so acomh-chothromachadh a cheile. Tha iad air an socrachadhnan dluth-tharruing, mar gum biodh iad air meidh, air sheols nach toir a h-aon buaidh air an aon eile! Is do-thuigsinn an gliocas a shuidhich iad air an doigh so, ais chor is gum bheil iad cosmhuil ri cuidhleachaibh asiubhal gu riaghailteach, agus ag oibreachadh gu h-innleachdach an uair ghluaisear iad le uisge, teine, no toit. Mar so tha na reultan agus aghrian air a suidheachadh aig aleithid a dhastar o cheiles gum bheil iad acomh-chothromachadh a cheile le eagnuidheachd mhiorbhuilich. Air doibh a bhi mar so air an socrachadh thug Dia orra gluasad le focal a chumhachd, agus tha iad, uime sin, agluasad le riaghailt agus laghannaibh a tha gu neo-chriochnuichte nis eagnuidh nan obar-chuidhleachan as grinne a rinneadh riamh le lamhaibh innleachdach dhaoine.

Tha e airinnseadh dhuinn ann an leabhar Iosua gun do stad aghrian air iarrtas Dhe, ag radh,— “A ghrian air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Ataloin. Agus stad aghrian, agus sheas aghealach,” (Iosua x. 12.) A ris, ann an Dara Leabhar nan Righ, tha rifhaicinn, an uair a rinn Heseciah urnuigh gun dthug Dia comharanh dha le toirt air a ghrein dol air a h-ais deich ceumanna air uaireadair-greine Ahais (II. Righ. xx. 11.) Chuir Dia an so an toiseach stad air an talamhna chuairt laitheil, agus a ris, chuir e air aisna shlighe e deich ceumanna, nithe a tafoillseachadh air mhodh miorbhuileach, cumhachd an Tighearna Iehobhaidh! Ach ged a tha e air a radh anns na h-earrannaibh so dhen Sgriobtur, gun do chuireadh stad air a ghrein agus air a ghealaich, gidheadh, chan eil sinn gu sin a thuigsinn anns an t-seadh litreachail; oir chan ann air aghrein agus air aghealaich a chuireadh stad, ach air an talamhna chuairt air a mhul fein, agus air aghealaichna cuairt mun talamh Dhinnseadh ann an aite eile gum bheil a ghrian neo-ghluasadach, agus gum bheil an talamh ag iathadh ma timchioll aon uairsa bhliadhna, agus a cur deth air a mhul fein gach ceithir uairean fichead, agus mar sin adeanamh latha agus oidhche. A nis, an uair a ta e air a radh gun do stad a ghrian air Gibeon, tha sin a ciallachadh gun do chuireadh stad air air gluasad na talmhainn air a mhul fein; agus a thaobh achomharaidh a thugadh do Heseciah, chan i aghrian a chuireadh air a h-ais, ach an talamh, agus an uair a rinneadh sin, béigin do fhaileas na gréine dol air ais deich ceumanna air an uaireadair-greine. Tha na Sgriobtuirean, mar as trice acur nithe an céill ann am briathraibh cumanta, agus agnàthachadh an dòigh-labhairt as fhearr a thuigear. Ged a dhinnseadh Maois far am bheil etoirt cunntais air cruthachadh nan cruinn-mheall soillseach neamhaidh, gum bheil aghrian neo-ghluasadach, agus gum bheil an talamhga cuairteachadh, cha chreideadh moran eged bha e a cur an ceill na firinn, agus air an aobhar sin, tha e air a radh anns na Sgriobturabh gum bheil aghrian ag eiridh agus aluidhe, a chionn gur e sin doigh labhairt choitchionn dhaoine.

Chum an dluth-tharruingeachd so air am bheil sinn alabhairt a dheanamh nis soilleire fathast, bheir sinn eiseimpleir ma timchioll o na seolaibh-mara. Air don ghealaich a bhi nis teinne air an talamh na na reultan agus aghrian, tha neart na dluth-tharruing aice air a mhothuchadh gu soilleir. Tha i atarruing, uime sin, da h-ionnsaidh an aite sin dhen talamh a bhios a ghnath fa comhair. Air don talamh a bhian stabh a tha cruaidh agus daingeann cha druigh a cumhachd co mor air; ach air do na h-uisgeachaibh a bhi nis fhusa a ghluasad, tha iad gu mor air an luasgadh le dluth-tharruing na gealaich. Tha, uime sin, na h-aitean dhen fhairge a tha direach fo chomhair na gealaich air an tarruing le a neart da n-ionnsaidh fein, air chor is gum bheil na h-uisgeachan ag eiridh suas nis airde na bha iad, agus an sin their sinn gum bheil muir-lan ann; ach an uair a theid a ghealach seachad air an aite shonraichte sin, tuitidh na h-uisgeachan air an ais a ris gus am bi muir-tragha ann. Air an doigh cheudna, tha cumhachd aig aghrein os ceann uisgeachan na talmhainn a chithear gu soilleir aig amannaibh sonraichte. Tha aghealach agabhail mies gu dol timchioll air an talamh agus air an taobh a stigh dhen ùine sin, tha i da uair air an aon ruith ris aghrein; ’se sin, an uair a ta i lan agus acaochladh; agus air an aobhar sin, air do dhluth-tharruing na greine agus na gealaich a bhi dol ann an co’ -bhionn ra cheile, agus a tarruing nan uisgeachan air an aon rathad, tha an cumhachd air an doigh so nis treasa, nan uair a bhitheas iad atarruing an aghaidh acheile. Air an aohhar sin, ma ta, tha reothairt agus contraighgar fiosrachadh gach uile cheithir la deug. Than lan-mara teann air uair nis fadalaich gach latha, a chionn, air don ghealaich a bhisiubhalna cearcall fein, gun gabh an talamh an uine sin chum an t-aite ceudna anns am bheil muir-lan an diugh, a thoirt fa chomhair na gealaich a maireach. Than lan-mara nis airde anns an earrach agus anns an fhogharadh na aig uair air bith eile dhen bhliadhna; do bhrigh, an sin, gum bheil dluth-tharruing na greine agus na gealaich ro laidir a thaobh nan aitean da chuairt anns am bheil an talamh anns na h-amannaibh sin dhen bhliadhna.



[231]

[Vol . 4. No. 29. p. 7]

Bha gobha uair ann an cearna de dhAlba, a bha na dhuine gasda air gach dòigh, ach bha e car trom air an deoch. Aon latha thachair am ministeir air, agus thug e garbh achasan dha air son a chuid misgireachd. “Nach uamhasach dhuit fhéin an eiseimpleir a tha thu toirt do ddhithis mhac, a Rob; ciamar a tha thun dùil s dhfhasas iad suas, ’nuair a tha thu fhéin a caitheamh do bheatha air a leithid so a dhòigh? “Ma ta, a mhinisteir,” arsa Rob, “Tha min dòchas gun dean mi dhiubh rud nis fhearr nas urrainn dhuibhse dheanamh dhe ur mic féin.” “Am bheil gu dearbh?” arsam ministeir, “ciamar a tha thu dol a dheanamh sin?” “Ma ta ler cead,” arsa Rob, “tha min dòchas nuair a thig gach fear dhiubh gu ire duine, gum faodar a radh ma dheobhainn gur h-e duines fhearr naathair, agus sin rud, tha min dochas, nach gabh e radh mur cuid mhac-sa.”

AN LAGH. —Chaidh fheòrach de sheann fhear-lagha a bha air sgur a bhi tagradh chàsan aig na cùirtean, “Ciod i do bharail air an lagh?” “Ma ta,” ars esan, “so mo bharailsair: nan tigeadh duine a dhiarraidh mo chòta orm, ’se bagradh mur toirinn dha e, gun cuireadh esan lagh mi, thilginn ga ionnsuidh e, air eagal nan rachainn a dhion mo chòta gun caillinn mo pheiteag cuide ris.

A mhàthair,” arsa gille beag, “an robh bràthair beag riamh agamsa a thuit anns an loch ud thall?” “Cha robh,” arsa mhàthair, “carson a tha a feòrach? Arsan gille beag, “bha mi thall aig an loch an diugh, ’s thug mi sùil sios ann, agus chunnaic mi ann an sin gille beag a bha gle choltach rium fhein, agus bha mi smaoineachadh gum be bràthair dhomh a bhann.”

Anns abhliadhna 1894. thainig dlùth air coig mile duine rim beatha fàin anns na Stàitean, agus an uiridh, chuir gle fhaisg air sia mile crioch orra fhéin. Rinneadh naodh miles ochd ceud murtsna Staiteansa bhliadhna 1894, agus an uiridh deich miles coig ceud.

Nan triallar sligheghliocais leat,
Coig riaghailtean lean gu dluth;
Feuch cuinco risco uime,— ’scait,
As ciamar bhruidhneas tu.

Cha fadasa cheannsa bha Fionn sna casan.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harington.
SIDNI, C. B.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.



[232]

[Vol . 4. No. 29. p. 8]

A CHOILLE GHRUAMACH;

ORAN DO DH-AMERICA.

FONN:— “Coire Cheathaich.”

Gu bheil mim ònrachds a choille ghruamaich,
Mo smaointinn luaineach, cha tog mi fonn:
Fhuair min t-àite son aghaidh nàdair
Gun thréig gach tàlantabha nam cheann:
Cha dean mi òran a chur air dòigh ann.
Nuairni mi tòiseachadh bidh mi trom:
Chaill miGhàidhlig seach mar a bàbhaist dhomh
Nuair a bha mis an dùthaich thall.

Chan fhaigh mi minntinn leam ann an òrdagh,
Ged bha mi eòlach air deanamh rann;
S emheudaich bròn dhomhs a lùghdaich sòlas
Gun duine còmhlrium a ni rium cainnt.
Gach lathas oidhches gach car a ni mi
Gum bi mi cuimhneachadh anns gach àm
An tìr a dhfhàg mi than taic an t-sàile,
Ged tha min dràst ann am bràighe ghleann.

Chan ioghnadh dhomhsa gedtha mi brònach,
S ann tha mo chòmhnuidh air cùl nam beann,
Am meadhon fàsaich air Abhainn Bhàrnaidh
Gun dad as feàrr na buntàta lom.
Mun dean màiteachs mun tog mi bàrr ann
S a choille ghàbhaidhchur às a bonn
Le neart mo ghàirdein, gum bi mi sàraichte
Is treis air fàilinn mum fàs achlann.

Si so an dùthaichs a bheil an cruadal
Gun fhios don t-sluagh tha tighnn a nall,
Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a bhuairidh
A rinn len tuairisgeul ar toirt ann.
Ma ni iad buannachd cha mhair i buan dhaibh,
Cha dean i suas iads chan ioghnadh leam,
S gach mallachd truaghain a bhiosgan ruagadh
Bhon chaidh am fuadach a chur fon ceann

Bidh gealladh làidir ga thoirt an tráth sin,
Bidh cliù an àie ga chur am meud;
Bidh iad a gràitinn gu bheilur càirdean
Gu sona saibhir gun dad a dhéis:
Gach naidheachd mheallta ga toirt gur n-ionnsaidh-sa
Feuch an sanntaich sibh dol nan déidh;
Ma thig sibh sàbhailt nuair chi sibh iadsan
Chan fheàrr na stàtachan na sibh féin.

Nuair théid na dròbhairean singur n-iarraidh,
S ann leis na briagan a ni iad feum,
Gun fhacal firinna bhi ga innse
S an cridhedìteadh na their am beul:
Ri cur am fiachaibh gu bheil s an tìr so
Gach ni as prìseile tha fon ghréin:
Nuair thig sibh innte gur beag a chi sibh
Ach coille dhìreach toirt dhibh an speur.

Nuair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd
Bidh sneachdadlùthadh ri cùl nan geug,
S gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
S ge maith an triùbhsair cha dean i feum,
Gun stocain dhùbhailt’ ’s a mhocais chlùdaich
Bhios air a dùnadh gu dlùth le éill;
Be urfasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
Mar chaidh a rùsgadh den bhrùidh an .

Mur bi mi eòlach airson mo chòmhdaich
Gum faigh mi reòta mo shròns mo bheul;
Le gaoth a tuath a bhios neamhail fuaraidh
Gum bi mo-chluasan an cunnart geur.
Than reothadh fuathsach, cha seas an tuagh ris.
Gum mill e chruaidh ged a bha i geur;
Mur toir mi blàths di gum brist an stàilinn,
S gun dol don cheàrdaich cha gheàrr i beum.

Nuair thig an sàmhradhs a miosa céitein
Bidh teas na gréine gam fhàgail fann;
Gun cuir i spéirids a h-uile creutair
A bhios fo éislean air feadh na toll:
Na mathain bhéisteil gun dean iad èirigh
Dhol feadh an treuds gur a mòr an call;
S a chuileag inneach gu socach, puinsiont
Gam lot gu lìonmhor le rinn a lainn.

Gun dean i maodann gu h-olc a chaobadh,
Chan fhaic min saoghals annbhios mi dall;
Gun at mo shùilean le neart a cunngaidh,
Ro-ghuineach druidteach tha sùgh a teang’,
Chan fhaigh mi àireamh dhuibh ann an dànachd
Gach beathach gràineil a thogas ceann,
S cho liugha plàigh anns a bhair righ Phàraoh
Airson nan tràillean nuairbhàth en camp’.

Gur h-iomadh caochladhtighnn air an t-saoghal
S ro-bheag a shaoil mi nuair bha mi thall;
Bu bheachd dhomh nuair sin mun drinn mi gluasad
Gum fasainn uasal nuairthighinn ann,
An car a fhuair mi cha bann gu mbhuannachd,
Tighnn thar a chuain air a chuairt bha meallt
Gu tir nan craobh anns nacheil an t-saorsainn
Gun mhart gun chaoras mi dhaodach gann.

Gur h-iomadh ceum anns am bi min déis làimh
Mun dean mi saibhir mo theachd-an-tir;
Bidh mobair éigneach mun doir mi feum aisd
S mun dean ni réiteach airson a chrionn:
Cur sgonn nan teintean air muin a chéile
Gun dlasaich féithean a bha nam dhruim,
S a h-uile ball diom cho dubh a sealltainn,
Bidh mi gam shamhlachadh ris an t-suip.

Ge mòr an seanachas a bhacan Albainn
Thachùis a dearbhadh nach robh e fior:
Na dollair ghorma chan fhaic mi falbh iad,
Ged bha iad ainmeil a bhis an tir.
Ma nìtear bargain chan fhaighear airgiod,
Geds éigin ainmeachadh anns a phrìs,
Ma gheibhear cùnnradh air feadh nam bùithean
Gum paighear null e le flùr no im.

(Ri leantuinn.)


Cho geal ri sneachd na h-aon oidhche.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite chudna.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.

titleIssue 29
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 29. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page