[17]

[Vol . 4. No. 3. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 20, 1895. No. 3.


AN CRANNCHUR.

(Air a leantuinn.)

Stad ort, gedtha,” arsa Seumas, “leig dhomh do thuigsinn gu ceart. Le fichead punnd Sasunnach a chur a stigh tha thu cinnteach air fichead milefhaighinn a mach?”

Cha dthubhairt mi gun robh mi cinnteach,

O, tha teagamhs aghnothach mata? Tha muinntir eiles achuis cho math riutsa?”

Chaneil mi cur ag, ach—”

Co meud, a bheilfhios agad?”

Chaneil; cha dfheoraich mi.”

“ ’S cha mho a ruigeas tu leas,” fhreagair Seumas Mor gu durachdach. “Tha thusa a Dhaidh Shulair, ann ad dhuine bochd mar tha mi fein; chaneil e furasda dhuit fichead punnd Sasunnach a sheachnadh. Tha e fior gu leoir gum faod thu buidhinn, ach tha e moran nas coltaiche gum faodadh tu call. Dhiarr thu mo chomhairle, agus fhuair thu i.”

Moran taing dhuit,” arsa Daidh, ’s e afalbh; ’s cha robh e idir toilichte.

Bha Daidh Sulair uine mhoir man do chuir e iompaigh air a mhnaoi chuiseil, ’s man dfhuair e gun daontaich no gun dthug i gnuis don ghnothach; ach mu dheireadh, le argumaidean seolta, chan e mhain gun do dhearbh e dhi gun robh an ceum a bha ecur roimheghabhail glic agus crionnta, ach bha aleithid de bhuaidh aige oirres gun dfhas i deich uairean na bu déine mun chuis na e fein. Thog i oirre suas an staidhir gun tuilleadh dalach, chuir i a lamh a suas an simileir as an dthug i seann stocaidh dhubh far an robh fichead punnd Sasunnach am falach aice; chuir i an t-iomlan gu toileach ann an laimh Dhaidh, a dhfhalbh, gun mhoil e mi-moile, ’s a phaigh an t-airgiod do mhuinntir achrannchuir, bhon dfhuair e air ais cairt bheagcairt a bha ann an uine ghoirid guchur ann an seilbh air storas mor.

Cuin a tha an tarruing ribhi?” dhfheoraich Peigi.

Seachdain on Dimairt sotighinn,” arsa Daidh.

Seachdain on Dimairt sotighinn? Cha toigh leam sin; tachraidh e air Latha-gnothach-na-cubhaige.”

Sin agad acheart aobhar air son an do thagh iad an latha,” fhreagair Daidhs e asuathadh a lamhan; “cuiridh iad fear no dha air gnothach na cubhaige.”

Anns abhruidhinn a bhann, cothainig a stigh ach Seumas Mor. Thainig e a chur stad air Daidh, ’s a dhearaileacheadh air gun echur a chuid ann an rud a bha cho teagmhach agus a bha ag aobharachadh a leithid de sheanchus feadh abhaile.

Than gnothach a nis deunta,” arsa Daidh. “Seall! ’s thug e achairt as a phoca. Sheall Seumas oirre gu taireil, “A bheil cuimhne agad air an t-sean-fhacal,” arsesan.

Chaneil, ciod e?”

Is furasda an t-amadans a chuid a sgaradh o cheile,” thuirt Seumas, ’s thug e an dorus air.

Ciod e sud a thuirt e?” dhfheoraich Peigi.

Tha, gu bheil sinn cinnteach duais mhor a bhuidhinn,” fhreagair Daidh Sulair.

Feumaidh sinn gach ni a chur fo uidheim uir bho mhullach gu iochdar,” thuirt Daidh agus en a shuidhe aig a shuipeir; “cha fhreagair na seana buird agus na cathraichean so dhuinn ann ar suidheachadh ur agus eadar-dhealaichte. Gheobh sinn buird agus cathraichean riomhach, ura; sgathain mhora agus cuirteanan aillidh man cuairt na h-uinneagan. Bidh sinn reidhs caradh mholtairean as phoiteann a dheigh sinagus air son geurachadh shiosar, —” Thug e breab don inneal-gheurachaidh a bha lamh ris mar a labhair es chuir e le urchair a dh-oisinn eilen tighe e.

Chaidh seachdain seachad; thainig an latha. Chuir Daidh e fein an ordugh moch air maduinn a dhol don bhaile-mhor.

Man dfhalbh e thug a do Pheigi na seolaidhean a leanas:—

Ma theid cuisean mar a tha suil agam, cha tig mi dhachaidh dam chois, cuimhnich thusa. Thig mi dhachaidh ann an carbad. Bi thusa afaireadh air mo shon aig uinneig uachdaraich, agus an uair a chi thu an carbad atighinn man cuairt an oisinn, tuigidh tu gu bheil mi dluth. Togaidh tun sin a suas an uinneag agus tilgidh tu ah-uile ball airneis air am faigh thu greim, a mach air an t-sraid; na caomhain sion; a mach leis gach stob dhi. Tha thu atuigsinn, a bheil? Beannachd leat, mata, gus an till mise.” Thog Daidh Sulair air, agus en a bheachd fein cheana ann an seilbh air beairteas nach gabhadh tomhas.

Choisich Daidh Sulair a stigh don bhaile-mhor le ceum aotrom saighdeir. Bha e ann an surd fuathasach; bha a cheann anns na neoil agus mar a bha e atartraich a sios an t-sraid bheireadh e barr a bhata a nuas le fead a bhacur teine as na clachan agus afagail caoir de shradan as a dheigh. Cha robh e ach goirid aruigheachd an ionaid anns an robh na croinn rin tarruing. Bha dumhladas mor sluaigh air cruinneachadh cheana. Bha lanaighear agus mire atoirt mac-talla as na ballachan. Cha robh smuairean air aghaidh neach, oir cha do chaill duine aca fathasd air achrannchur.

(Ri leantuinn.)


Aodaichean deante, Adan, Curraichdean, Brògan, Flùr, Min, Ti, Siùcar, agus ioma seòrsa eile aig D. J. Domhnullach, math agus saor. Taghail aige.


Ma théid thu air feadh aphuill cha tig thu as cho glans a chaidh thu ann.



[18]

[Vol . 4. No. 3. p. 2]

EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH

(Air a leantuinn.)

CHA luaithe a chaidh am focal iad a bhin sàs, a mach na thug Clann an Tòisich orra; cinneadh treun, curranta, foghainteach. Ged nach robh iad ann am blàr riamh roimhe, gus an sin, cha burrain doibh seasamh na bfhaide, a dhfhaicinn an sgrios a bha na gunnachan mòr atoirt air an càirdean. Bhrist iad a mach, nan aon sgaoth o mheadhon an fheachd, agus thàr iad as roithoit an fhùdair, agus an aghaidh frasan sneachda, gubhiam broilleach an naimhdean; ghrad lean muintir Athuill, na Camshronaich, na Stiùbhartaich, na Frisealaich, agus ClannIlleathain iad; an Ceannard Muireach air an toiseach, leis amhisneach neo-sgàthach air son an robh e comharraichte. Ann an tiota bhan t-arm Gaidhealach uile mar aon bhuidheann anns an ionnsuidh; ach Clann Dòmhnuill, dhfhuirich iadsan air an ais, agabhail mar leth-sgeul gu-n dthugadh urram na làimhe deise uatha, ’s gu-n dthugadh do na Camshronaich i.

Bu ghnàth leis na Gàidheilan àm dol a sìos don chath, am boineidean a sgrogadh a nuas gu teann air am malaidhean; agus bàbhaist do sheann duinuasal, measail, a chaochail o cheann ghoirid air aGhalldachd, ’innseadh gur en sealladh as a dhrùigh air a chridhe a chunnaic e riamh, coslas uamharra nam Fineachan Gàidhealach (leis an robh e féin acur a chath air an sin) mar a bha iad aruith a stigh air an naimhdean le colg buaireasach air gach sùil; gach curaidh air a thogail gu mire-chatha, gu bàs a chàirdean a dhìoladh: luth-chleas an lann ra fhaicinn os cionn an cinn; toirm abhlàir a mach air an raon; caithream na h-ionnsuidh air a togail, agusBàs no Buaidh!” ann am beul gach seòid.

Bhan ionnsuidh a thug na Gàidheil, agus achoinneamh a fhuair iad, mar bu dùth do dhaoine a bhastrì air son geall cho àrd. Dhfhosgail an t-arm-dearg o cheann gu ceann le làmhaich bhàs-mhoir air na Gàidheil mar a bha iad ateachd air an adhart. Bha na gunnachan mòrair an tarruing a mach air dhòighs gu-m faodadh iad muinntir Thèarlaich a smàladhn an ceudaibh leis gach griosaich oillteil a thàinig uatha; agus an àitaon pheileir mòr a bhi anns gach aon diubh, ’s ann a bha iad làn de pheileirean beaga a thàinig mar fhrois clacha meallain air na Gàidheil. Bha buidheann den arm-dhearg air an tarruing suas air leth o chàch a fhuair cuimse chinnteach a ghabhail air na Gàidheil mar a bha iad adol seachad orra; ach a dhaindeoin so uile, ghabh iad air an adhart, gun umhail, gun sgàth. Na bha comasach do mhisnich agus do ghaisge, do fhearalachd, agus do threubhantas air nach dthugadh riamh bàrr a dheanamh, rinneadh air an so. Cha dthug na Gàidheil an ionnsuidh mar dhaoine aig an robh spéis no suim dam beatha, ach mar bhuidheann a bhacogadh fo chumhachd nach burrainnear a chosg, nocheannsachadh.

Au ulfhartaich eagalach leis an dthugadh an ionnsuidhan sgairt àrd leis an do bhuaileadh acheud bhuilletorran nan gunnachan mòradùdach nam marc-shluagh fuaim nan drumaicheanlannair nan airm-chathabha nas leòir annta sin uile a dhùsgadh meith inntinn agus fiamh anns achridhebu chruadalaiche.

Mar dhealan oidhches abheinn,
Mar onfha beucach achuain,
N uair ghluaiseas an tonn gu h-àrd;
Mar thorrunn air cùl nan caurch,
Bha fuaim, ’us farum abhlàir.”

Buamhasach agus biomaguineach an tiota each cha robh ann ach tiota; oir cha luaithe a sguabas an ioma-ghaoth an duilleach seargta o gheugaibh nan craobh, na sgiùrs na Gàidheil rompa acheud earrann den arm-dhearg a choinnich iad. Gidheadh cha bann gun chall aìr taobh nan Gàidheal. Bha maise agus uaill nam Fineachan anns an t-sreith thoisich, agus thuit achuid a bu mhò dhiubh anns an ionnsuidh eagalaich so: agus ged a dhaom achuid so den arm-dhearg air an ais roin treubhantas do-cheannsaichte a thàinig orra, cha bann gus an robh an airm-chatha air lùbadhs a cho-strì, agus air an deargadh gum bun ann am fuil chraobhach nan Gàidheal.

N uair a bham feachd toisich den arm-dhearg air an sgiùrsadh as an rathad, ghabh na Gàidheil air an adhart roin làmhaich mhilltich a bhatighinn orra, gus an robh iad dlùth don ath bhuidhinn den nàmhaid; ach mum burrainn doibh a bhin am bad so len clàidheannaibh, bhachuid a bu tréines a bu lìonmhoire dhiubhn an sìneadh air an raon. Cha robh comas air, béigin strìochdadh; cha deanadh cruadal no gaisge barrachd feuma. Bha daoine ann nach pilleadhs iad beò, chaidh iad so fhathast air an aghaidh, ach cha dràinig duine dhiubh an nàmhaid. Thuit am fear mu dheireadh dhiubh mar fhad a chlaidheamh don fheachd, agus na ceudan an déigh cuimse bhàsmhor a ghabhail air uchd an laoich.

Chaneil ni sam bith as a dhearbhas treubhantas nan Gàidheal air an so, na gun robh iadan cuid de dhàiteachann an sìneadhn an sreithibhan glaic abhàis, triùir no chearthar ann an doimhneachd dhiubh air muin a chéile. Chaidh mòran de Chloinn-an-Tòisich a ghearradh as, agus thuit an ceannardan air fad, ach aon triùir. Am feadhs a bha na Fineachan mar so acur achatha, bha Clann Dòmhnuilln an tàmhcha rachadh iad ceum air an aghaidh. “Leanaibh mise, a Chlann Dòmhnuill,” arsa Diùc Pheairt. “Cuiribh an cath mar bu ghnàth leibh, agus bithidh miam Dhòmhnullach ri mbheò;” ach cha ghluaiseadh iad ceum. Bha daoinen am measg aig an robh caochladh spioraid, agus bann diubh so Mac Mhic Ranuill na Ceapaich; curaidh cho treuns a sheas rìamh air faiche; chaidh e féins a dhaoine air an adhart gu fearail, ach cha bfhada gus an do thuit esan, agus mòran de na daoine treuna bha leis.

N uair a béigin do na Gàidheil pilleadh, chuir am Prionnse féin air ceann achuid den fheachd nach robhs achath; ach ged a thug iad tilleadh beag air na Sasunnaich, béigin doibh ann an ùine ghèarr géilleadh. Rinn Tèarlach na dhfhaod e a bhrosnachadh a chuid daoine, gu aon oidhirp eile a thoirt, ach bhan t-àm seachad, dhfhàs iad meith-chridheach, thuit an inntinn, agus cha chluinnte uatha, ach Och-òin! Och-òin! mo chreach, ’us mo dhìobhail, a Phrionnsa, a ghraidh! than latha caillte. Bhan ruaig a nis iomlan; ach cha bann gun spàirn a fhuaradh Tearlach on àrfhaich. Ghlac iongantas cho mòr an t-arm-dearg, ’n uair a chaidh an latha so leo, an déigh na deuchainn chruaidh a fhuair iad, s gur gann a chreideadh iad gu-n robh iad buadhar; ionnas gu-n robh iad seal mu-n gabhadh iad de mhisnich na rachadh air tòir nan Gàidheal; achn uair a chaidh,



[19]

[Vol . 4. No. 3. p. 3]

mhort agus mharbh iad gu neo-sheachantach, gach neach a thàinign an caramh. Cha mhòr nach do ghearradh as gu buileach an earrann a ghabh rathad Inbhernis; ach fhuair earrann mhòr eile dhiubh as, a rinn air son nam monaidhnean, far nach bu chomasach don arm-dhearg an leantuinn. Mar a bhabhuidheann so gu dol a nunn air abhuinn a bha dlùth dhoibh, choinnich iad buidheann mhòr de na trupairean Sasunnach, a chuireadh a mach a chum an sgrios, achn uair a chunnaic iad an coltas colgarra a chuir na Gàidheil orra, rinn iad bealach dhoibh gu dol seachad gun bhuille a bhualadh. Cha robh am measg nan Sasunnach ach aon fhear a thug oidhirp air grabadh a chur air na Gàidheil, boifigeach am fear so, agus is daor a dhìol e air ashon; thug e ionnsuidh air prìosanach a dheanamh de dhfhear de na daoine so a bha air deireadh, ach thionndaidh an Gàidheal ris agus ghèarr e sìos e le aon bhuille da chlaidheamh. Cha-n fhòghnadh so leis, ach chrom e sìos agus thug e leis uaireadair òir an t-Sasunnaich; agus lean e a chàirdean.

Chan urrainn duinn cunntas a thoirt mu gach gnìomh treubhach a rinneadh leis na Gàidheils an àm so, ach cha-n fhaod sinn gun iomradh a thoirt air gnìomh euchdach a rinneadh le duine foghainteach dom b ainm Gillios mòr Mac Bheathain. ’N uair a theich a chompanaich uile, thug a naimhdean ionnsuidh air, agus leòinte mar a bha e, chuir echùl ri balla, far an do sheas e gu gaisgeil an aghaidh àireamh mhòr de na trupairean. Bha iad titheach gu cur as da, ach bha esan cho gramailg a dhìon, ’s gu-n do thuit trì-fir-dheug da naimhdean marbh ma thimchioll. Ghlaodh cuid de na h-oifigich an duine foghainteach a chaomhnadh, ach cha do ghabh iad suim don iarrtascha riaraicheadh ni air bith iad ach bàs an fhùirbidh thréin.

Mar so chuireadh blàr Chùil-fhodair, ann an uidh a bu lugha na leth uair an uaireadair. Fhuair an t-arm-dearg buaidh cho iomlan is a burrainn doibhiarraidh; ach beag buidheachais doibh air a shon, bha gach cothrom aca. Na-m bitheadh Clann Dòmhnuill air dol sìos mar a chaidh càch, agus leis an treubhantas a bha cho dualach dhoibh, bhiodh, ma dhfhaoidte, deireadh eile aig an latha. Ach beag no mòr a choisinn an t-arm-dearg de chliù air an so, chaill iad e len giùlan brùideil, -chneasdan a dhéigh sin, leis an dthug iad tàmailt orra féin. agus air acheannard chruaidh-chridheach, dhìoghaltach a bha air an ceann.

DAN MU BHLAR CHUIL-FHODAIR.

Tham Blàr air a chur air monadh an fhraoich,
Than sgiath air a spìonadh o ghuaillibh nan laoch;
Bhristeadh an claidheamh ann an làmhaibh nan Saoi,
S tha fuil nam fear geala fo bhonnaibh nan daoi.

Tham breacan, ’s an t-fhéile leis na dhéideadh na Sàir,
Le marcaichibh Shasuinn air an saltairt ri làr;
Than suaicheantas uasal a chòmhdaich na suinn,
Ra fhaicinns an àrfhaich, gun àilleachd gun loinn.

Ann an dùthaich nam mòr bheann, tha uamhasus caoidh,
Luchd nam boineid, ’s nam breacan chan fhaicear a chaoidh,
Na fir ùrabu tréine nach géilleadhs iad beò,
Air monadh Chùil-fhodair, gun phlosgus gun deò.
Slàn leat a Thèarlaich, chaidh an iomairt le càch;
Oighreachd do shinnsir, chaidh i dhìth ort gu bràth,
Thug thun oidhirp, ’s bu treum i, le gaisgich mo ghràidh;
S bidh iomradhur cruadail air a luaidh gu bràth.

GIULAN BRUIDEIL NAN SASUNNACH.

Mo chreach armailt nam breacan,
Air an sgaoileadh, ’s air an sgapadhs gach àit,
Aig fìor bhalgairean Shasuinn,
Nach do ghnàthaich bonn ceartaisn an dàil:
Ged a bhuannaich iad baiteal,
Cha bann dan cruadal non tapadh a bha,
Ach gaoth an iar agus frasachd,
Thighnn an Iar oirnn bhàrrr machair nan Gall.”

Chuir Blàr Chùil-fhodair as de gach dòchas àrd a bhaig PrionnsTèarlach agus aig a dhaoine. Thuit air an latha mhì-shealbhar sin, os ceann mìle de na gaisgich a bfhoghaintiche a dhéirich leis. Anns an àireamh sin bha mòran de dhUaislean na Gàidhealtachd. De na còig cath-bhuidhnean de na Fineachan a chaidh a sìos anns an ionnsuidh chumhachdaich a thug iad air na Sasunnaich, bhachuid a bu mhò den t-sreith thoisich air am fàgailn an sìneadhs an àrfhaich. Thuit Mac Lachlainn an t-Sratha. Chuir Fear-nan-Druimnean, an Leathanach treun, e féin air ceann na buidhne sin; mar a bha an sean laoch so ateachd a mach as achath, mhothaich e gu-n robh dithis da mhic a bha dlùth dha air an leònadh gu trom; agus chuale gu-n do thuit an treas fear. Cha bhi so gun dhìoladh, arsesan, agus epilleadh airais, gun bhoineid gun ghruag; thachair thrupair air, mharbh en dara fear agus leòn e am fear eìle: ach thàinig triùir as ùr air a leag a sìos an duine foghainteach. Bu dìomhain tòiseachadh riainmeachadh gach flath treun a thuit. Chaidh seachd-fir-dheug de dhuaislean na h-Apunn a mhàin a mharbhadh, agus deichnear a leòn.

Air monadh Chùil-fhodair chìtear gus an n diugh, iomadh comharadh soilleir air achasgradh mhuladaich so; am measg an fhraoich dhorcha, chithear iomadh tolman uaine, ’n an sreathaibh taobh ri taobh, anochdadh far an do thuit na laoich. Air gach taobh den t-slighe gu Inbhernis tha iomadh tigh caol cumhann den t-seòrsa cheudna, mar chuimhneachan air an àr dhiùbhalach a thachair an déigh abhlàir. Air na h-uaighibh gorma sin, than neònain geal agus an dìthein bòidheach le caoimhneas afaireadh nan ionadan uaigneach sin, anns am bheil gaisgich threunan dùthcha agabhail an tàimh dheireannaich.

Cha-n ann da rìreadh gun sgreanh agus gun oìllt, is urrainn duinn smaointeachadh air an sgrios gun iochd a thugadh air ar luchd-dùthcha an déigh Blàr Chùil-fhodair. Faodar a ràdh le mòr fhìrinn, nach cualas a shamhuil ann an aon chogadh a thachairs an Roinn-Eòrpa. Mar nach fòghnadh leis an arm-dhearg na chuir iad gu dìth anns abhlàr; an déigh dhoibh an ruaig a chur, tharruing iad an clàidheann, agus mar allamharaich fhiadhaich, chaidh iad air an ais agus air an adhart feadh na h-àrfhaich acur as do gach aon anns an dfhuair iad an deò; agus le brùidealachd air nach dthugadh riamh bàrr, asàthadh an lann ann an cneas nan laoch treuna bha cheana marbh. Cha-n emhàin gu-n do cheadaich Diùc Chumberland so, achs ann a ghabh e mòr thlachd anns achùis. Tamull beag an déigh don bhlàr a bhi seachad, bha e féin agus an gaisgeach foghainteach sin Wolfe, a choisinn cliù cho mòr an déigh sin ann an America, amarcachd far an do chuireadh am blàr, agus air dha Gàidheal bochd leòintfhaicinn airuilinn, thubhairt an Diùc ri Wolfe, “tilg an slaìghtire ud, aig am bheil de dhànadas amharc orm leis na h-uiread thàir.” “Tha mo chomission am buil do mhòrachd, arsan duine fiachail, “ach cha bhi mi ammhortair.”

(Ri leantuinn.)



[20]

[Vol . 4. No. 3. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IULAIDH 20, 1895.

Bha muinntir Bhreatuinn air an t-seachdain so ataghadh pàrlamaid ùr, agus cho fadsa fhuair sinn fios tha na Tories fada fada air thoiseach air na pàirtidhean eile. Bha pàrlamaid Roseberry air a fàgail lag leis an liuthad pàirtidh a bha innte, agus gun aon phàirtidh a bhi tuilleadh us làidir; ach tha e glé choltach gum bi a phàrlamaid ùr air dòigh eile; bidh aon phàirtidh nas làidire na càch uile, agus theid aca air cuisean a chur air adhart mar is àill leotha. Tha phàrlamaid air a gairm gu bhi cruinn air a cheud latha dhen fhoghar.

Cho luathsa bhios an àireamh so dhen phaipear a mach, tham fear-deasachaidh a dol a thoirt sgriob a mach dhan dùthaich, agus ma theid gach ni gu math leis cha bhi e air ais gu ceann còrr ur seachdain. Mar sin, cha tig MAC-TALLA mach idir Di-sathairne sa tighinn. Tha e a tighnn a mach a nise o chionn còrr us tri bliadhna, agus anns an ùine sin, cha do ghabh am fear deasachaidh dha fhéin ach aon seachdain. Tha e nise air fàs sgith de chuingealachds de stùir a bhaile, agus tha e cur roimhe beagan ùine a chur seachad am measg nan cnocs nan gleann a tha timchioll air Hogamah. Tha en dòchas, ’nuair a thilleas e, gun teid aig air a radh, mar thuirt am bàrd roimhe,

An t-uisge glans an t-àile
Thair mullach nam beann àrda,
Chuidich e gu fàs mi;
Serinn dhomh slàint us fallaineachd.”

Agus an sin gun teid aige air obair a dheanamh moran nas fhearr air tàilleamh a thuruis, gum bi am MAC-TALLA nas briathraiches nas brioghaire, agus gum bi an luchd leughaidh mar sin air an làn phàigheadh air son deanamh as aonais aon seachdain.


Bfhearr Comunn an Asail.

Bha Righ Spainteach ann, aon uair, leis am bàill a bhina bhard agus gu dearbh bha e féin am beachd gun robh e mar sin; ach cha do shaoil muinntir eile sin. Rinn e dàn neònach uair agus dhaithn e don bhàrd aige a bharail a thoirt air. Thuirt am bàrd nach robh aige ach barail bhochd air. Le sin ghabh an Righ mòran feirg agus corruich agus thug e àithne do cheannard nan saighdearan am bàrd a thoirt don stàbull, agus e a bhi air a cheangal taobh ri taobh le asail a bha an sin. Bha am bàrd bochd air a chumail anns an àite sin beagan mhiosan gus an drinn an righ duan eile. An sin thugadh e an làthair an righ, a thuirt ris gun leughadh e an duan da, agus an deigh sin gum béiginn da a bharail a thoirt air. Leugh an righ e agus nuair a ràinig e achrioch dhamhairc e air abhàrd. Cha dthubhairt am bàrd facal, ach thionndaidh e a dhionnsuidh nan saighdearan agus thuirt e, “Thoiribh air àis a dhionnsuidh an asail mi.”


Choinnich da Eirinneach air sràid ann an Lunnainn an latha roimhe agus thuirt aon diubh ris an fhear eileShaoil leam gum bu tusa bha ann a Phàdruig” “Agus bha mise am beachd gum bu tusa bha ann a Sheumaisars an dara fearach tha mi nise faicinn nach e fear seach fear dhinn a thann.”

Tha 910,289 sluaigh alabhairt na Gàidhlig Chuimreach(Welsh)anns an Odhailt, agus tha na Ministirean ag ràdh gum beil i air a labhairt le 236,000 ann an Sasunn. Chithear le so, gum beil spéis mhòr aig na Cuimrich do chanain an sinnsear. Cha-n eil aon siorramachd ann an Albainn anns nacheil muinntir aig am beil aGhàidhlig.


BAIS.

Anns an Roseburn, air an aonamh latha deug de mhios deireannach an t-shmhraidh, an deigh moran tinneis a thugadh air leis a ghrip, Domhnull Mac Fhionghain, leth-cheud bliadhnasa h-aon a dhaois. Dhfhàg e bean us ceathrar chloinne.


SGEUL EACHUINN.

Bha midol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòrs ga robhchabhag, cha burrainn domh ach stadnuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dhuaireadairean, de dhfhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dhioghnadh orm nach fhaca min stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bhadol seachad, “ tha cumailsan àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor on chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “chan eil ach beagan us seachdain on dhfhosgail e mach. ’S e

RHODES & GANNON

a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhnan t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am baithne dhuibh e?” “ ’S ann dhomh a baithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bhagam air idir.” Cha dfhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s chan abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha miseg ràdh riut, an ath uair a thig mi dhan bhaile, cha bhi mo sporan cho falamhsa bha en oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dhfhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath riumnuair a bha mi déileadh ris roimhe.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.



[21]

[Vol . 4. No. 3. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Thainig an t-uisge mu dheireadh, agus tha choltas air gun tig gu leòr dheth. Nam bitheadh e air tighinn beagan na bu tràithe, bu mhor am feum a dheanadh e dhan dùthaich, ach o nach dthainig e tràth, ’s math e thighinn anmoch. Ni e feum dhan arbhars dhan bhuntàta an dràsda fhéin.

S uamhasach an call a than teine deanamh a h-uile bliadhna. Eadar Canada agus na Stàitean, air a mhios sa chaidh bha còrr us fiach naodh muillein dolair ( $9 ,000,000) air a losgadh. Agus nan sia miosan a chaidh seachad, bha còrr math us tri fichead us sia muillein dolair ( $66 ,000,000) air a losgadhs na dùthchannan ceudna. Tha so gun ghuth a thoirt air an liuthad beatha a chaidh a chur a dhith leis. ’S fior an facal gur a seirbheiseach math an teine, ach gur droch mhaighstir e.

Còmhla ris an àr-amach a thann an Cuba air an t-samhradh so, tham fiabhrus buidhe air toiseachadh, agus a deanamh sgath mor a measg an t-sluaigh. Tham fiabhrus so buailteach do dhùthchannan tetha mar tha Cuba, agusnuair a thòisicheas e, ni e sgrios gàbhaidh. Cha biongatach ged a chuireadh am fiabhrus, car greis, stad air a chogadh. Chan eil a chuid mhòr de na saighdearan Spàinnteach cleachdte ri teas na dùthcha, agus mar sin thig an euslaint moran nas truime orra.

Than daolag a deanamh sgrios mor air a bhuntàta air an t-samhradh so mar a bha i o chionn dha no tri bhliadhnaichean. Tha e air innsen dràsda gu bheil beothach beag coltach ri seangan air tighnn air abhuntàta ann an Eilean aPhrionnsa, a tha cur as dhan daolaig mar nach olc. Ma than sgeul fiors es fhearr nampuinnsean Frangach,” na puinnsean sam bith eile air son cur as don daolaig. Ma theid leis gu math ann an Eilean a Phrionnsa tha sinn an dòchas gun tig e a Cheap Breatunn.

Chaidh fiadh fiadhaich a ghlacadh aig Ceap Nòr an la roimhe. Bha triùir dhaoine mach ann am bàta, agus chunnaic iad beòthach bòidheach a ruith pios air a chladach, a leum dhan uisgesa deanamh direach air eilean beag a tha mach on chladach. Thug iad as a dheigh, agus an deigh beagan oibreach, fhuair iad ròp a chur mu amhaichsa thoirt gu tir. Thug iad dhachaidh e mu dha mhile dhastar, agus tha e nise air fàs gu math callda. Ithidh agus òlaidh e gach biodh a bheirear dha cho math ri laogh.

Chaidh fear Uilleam Beals a mharbhadh ann a Halifax feasgar Di-luain air dòigh eagallach. Bha e ag obair air an t-sràid le each us cairt, agus e air an daoraich. Bha forc fheòir aige, agus thòisich e air a stobadh anns an each gus a ghreasad. Theich an t-each agus bhuail a chairt ann an craoibh; chaibh i thairis agus thuit i air muin an duine. Bhuail dha ne cuidhlichean air sa cheann agus phrann i e, ’ga mharbhadh air a bhad. Tha iad ag radh gum boillteil an sealladh ri fhaicinn e. Chaidh an t-each a mharbhadh cuideachd leis a bhuille fhuair e ris an t-sràid.

Tha Banca ann am Montreal(La Bangue du Peuple)a than deigh ruith a mach á airgead, agus chan urrainnear sgillinn a phàigheadh a mach gu ceann thri miosan. Tha e glé choltach gu feum e dunadh gu buileach an ceann na h-ùine sin, ach cha chaill gin dhiubhsan aig an robh airgead ann an cuid. Tha aig Uachdaranachd Chanada ri sealltuinn as deigh na cuise sin.

Thaghail an càbhlach Eadailteach ann am Breatuinn o chionn ghoirid agus chuir sluagh na dùthcha sin fàile chridheil oirre. Chuir a bhan-righ fios gu Righ Humbert ag innse dha cho fior thoilichtesa bha i fhéinsa h-irchdarain arm-mara na h-Eadailt fhaicinnnan dùthaich, agus fhuair i fios-freagairt uaithe gun dàil a toirt moran taing dhi féins do shluagh na rioghachd, air son an caoimhneissan deagh dhùrachd.

Thatar a deanamh moran fiona ann an California. Tham fion sin air a reic ann an New Orleans air ochd sentichean deuga an galan. Thatarga thoirt a bhaile New York, ’s ga chur suas ann am botuill fo ainm fion Frangach, agusga reic air coig dolair an galan. Tha moran dhen t-seorsa sloightireachd sin a dol air adharts an t-saoghal an diugh. ’N uair a cheannaicheas duine rud chan urrainn dha bhi cinnteach gu thaige.

Bha stoirm mhor aca ann an New Yorks an New Jersey toiseach na seachdain so. Bha da bhaile bheag air an droch bhristeadh leis an stoirm, agus bha triùir no cheathrar dhaoine air am marbhadh; chaidh taighean a bhuineadh don rathad-iaruinn a chur as a chéile. Ann an Connecticut bha stoirm chlacha meallain aca mun àm cheudna, a rinn milleadh mor air bàrr na dùthcha, agus gu h-àraidh air craobhan an tombaca. Tha e air a mheas gum bin call suas ri leth muillein dolair.

Chaidh duinuasal ann an Ruisia uair ann an co-bhonn ri daoine eilean aghaidh an Iompaire; fhuaireadh a mach e, agus chaidh òrduchadh amaha gu Siberia. Chuireadh aodach mu shuilean a chum dubh dall e, chuireadh an carbad dorcha e agus dhfhalbhadh leis. Fad sheachd lathas sheachd oidhche bhan carbad air astar, gun stad a dheanamh ach fhadsa bhiodh na daoine gabhail bidh. An ceann na seachdain stad an carbad. Bha e cinnteach a nise gu robh e ann an Siberia, ’s gu robh a bheatha dhòruinneach a bha roimhe an sin gu tòiseachadh. Thugadh as a charbad e, thugadh am bréid dhethshuilean agus càit an robh e ach aig dorus a thaighe fhéin! Bha e fad nan seachd latha air a chuidhleadh timchioll a bhaile. Cha deach e an co-bhonn an aghaidh an Iompaire am feasda tuilleadh.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[22]

[Vol . 4. No. 3. p. 6]

TURUS A MHARAICHE.

LE EOBHAN MACLAOMUINN, M.A. D.D.

CAIB VIII.

Bha an t-àm a nis air teachd anns a feumadh na maraichean falbh; dh-fanadh iad gu toilichte ni bfhaide fo sgàil na creige ach bha iad ag iarruidh duthaich a bfearr. A thaobh gun robh iad co fad nan seasamh airCarraig nan àlbha iad air an atharrachadh nan cridhe, agus bha faguisgeachd tre aon spiorad chum an Athair; cha robh iad nis nan coigrich agus nan coimhich, ach nan luchd aoin bhaile ris na naomhaibh, agus ra muinntir-teaghlaich Dhé; agus air an togail suas air bunait nan abstol agus nam fàidhean, air bhi do Iosa Criosd féinna chloich-chinn na h-oisinn. Be aon de na nithibh a dhùisg mòr ghairdeachas air an siubhal an àm bhi seòladh annsa chuan fhosgailte rithisd dòchas bhi aca bhi comasach air furtachd a dheònachadh do aon air bith a dhfhaodadh bhi air a long-bhriseadh agus ann an cunnard dol a dhith. Thug iad air bord moran uisge as na tobraichean; agus air dhaibh beagan ùine chur seachad ann a meorachadh agus an urnuigh, dhàithn criosduidh dhaibh seòladh. Bha e cruaidh leo an sùilean a thionndadh air falbh on charraig, mu thiomchiolln do labhair iad fon ainm Carraig na Slàint. Bha an cursa na luidhe eadar ise agus Rudha gun Dòchas, far an robh slighe fhosgailte agus pailteas doimhneachd. Aig an am cheudna bha faicill ri chleachdadh chum an cladach air gach taobh a sheachnadh. Bhan t-uisg cho soillear air chors gum bu léir dhaibh a ghainmheach gheal air a ghrunnd. Bha sruth làidir a ghnaruith dhionnsuidh Tìr a Gheallaidh; uime sin tha mheud sa tha pilltinn air ais gu Babilon, agus a feuchainn ri dhol troimhn chaolas so a dhaindeoin, tha iadsan gu tric air an ioman chum Carraig nan àl, agus air an Call. Air don t-soirbheas agus don t-sruth bhi fabharrach, agus gach aon na àite a deanamh a dhleasdanais, rinn Criosduidh gàirdeachas, agus thubhairt e ris fein: “Chan eirich tuille doran dhuinn.” Ach thubhairt Tuigse, “Mar as ar tearunteachds ann as ar Cunnart.” ’Sneònach a chainnt sin fhreagair Criosduidh. “Gidheadh tha iad fior,” fhreagair Tuigse; “Nuair tha sinn ag imeachd fo sgàile na creige moire so, a bha na slàinte dhuinn, ciod as coltaiche na gu seasamaid a dùr-amharc oirre a lionadh ar nanman le ioghnadh gus am bheil sinn a dearmad bhi g-oibreachadh ar slàinte féin le h-eagal agus ball-chrith. “Ach tha Dia ag oibreachadh annainn,” fhreagair Criosduidh: “Is fioragus mar eil sinne nar co-luchd oibir maille ri Dia, cha dean sinn tuileadh astar na dheanadh tu an àm dol air tir annsaGhealladh,” air dhuit bhig iomradh leis an làimh dheas agus a deanamh fodha leis an lamh chli. “Agus am bheil sinn an cunnart mar an ceudna bho Rudha gun Dòchas?” dh-fheòraich Criosduidh. Fhreagair Tuigse mhain: “Bitheamaid dileas chum bàis agus fagamaid ar cunnardan an lamhan an Tighearna.”

(Ri leantuinn.)


Na Rionnagan.

Tha astar nan rionnag on talamh, agus o aon a cheile, co iongantach ris an aireamh aca. Than teallsanach, Bessel adeanamh dheth gum bheil na rionnagan suidhichte as faigse don talamh tri fichead muillean de mhuilleanaibh mile air astar uaithe; agus ma tha iadsan as faigse co uamhasach fadair falbh, ciod a theirear mun timchioll-san a tha co fadas is gur gann a chithear idir iad? Than solus agabhail teann air ochd mionaidean gu siubhal eadar aghrian agus an talamh so, ach ghabhadh e cuig, deich, agus fichead bliadhna gu siubhal eadar cuid dhe na rionnagaibh sin agus an talamh! Chan urrainn an inntinn aireamh nam miltean astair a tha na rionnagan sin air falbh a thuigsinn. Ghabhadh peileir gunna moir, dhaindeoin a luathais, teann air ceithir muillean bliadhna gu tighinn on rionnag ris an abrar Draconis a dh-ionnsuidh na talmhainn; agus is leoir sin chum a dheanamh soilleir nach comus duinn beachd freagarrach sam bith a ghabhail air an astar do-thuigsinn aig am bheil na rionnagan air an suidheachadh uainne! Tha moran anns abharail gur lionmhor rionnag a tha ann, a tha co fad air falbh is nach drainig an solus aca fathast an talamh so, o am achruthachaidh gu ruig an la an diugh! Thugadh so air na h-uile an smuaintean fein a shuidheachadh air achumhachd neo-chriochnuichte sin a dhealbh na soluis mhaiseach so, agus a thag an stiuireadhn an cuairtibh ann am farsuingeachd nèimhe!

Cas air creathaill, ’s làmh an cuigeil, comharradh na deagh mhna tighe.

Ceannsaichidh ah-uile fear an droch-bhean, ach am fear aig am bi i.

Bha iasad a ghahhailsa thoirt riamh air feadh an t-saoghail.

Thachùram fhein aig gach latha; ach thalatha fhein aig gach cùram.

Chan urrainn cridhe glan a bhith aig an fhear aig am bheil teanga shalach.

Chan fhuiling abhreug an solus fhaicinn; ach is e an solus is fhearr leis an fhìrinn

Tha facal caoimhneil cho furasdaràdh ri facal crosda.

Glé thric tha beagan molaidh co-ionnan ri mòran di-molaidh.

Am fear a tha math gu trod, faodar a bhith cinnteach gu bheil e math gu labhairt.

Builles gach aon chraoibhs gun aon chraobhg a bristeadh:

Mar is àirdechraobh is ann is a gheibh aghaoth greim oirre.

Tomhais an t-aodach tri uairean mun gearr thun deise.

Am fear aig am bheil fearanns nach dean feum dhe,
Am fear aig am bheil leabhraicheans nach leugh iad,
Am fear aig am bheil cluasans nach toir éisdeachd,
Thacheann ro ghann de chialls de reusan.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.



[23]

[Vol . 4. No. 3. p. 7]

MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


CUIMHNICH!
gu bheilghinn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agusga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.


S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.

Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.

Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.

S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.


CLOIMH.

DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris as airdesa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.


Ma ruigeas tu stor
D. J DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, —C. B



[24]

[Vol . 4. No. 3. p. 8]

CALL GHADHAIG.

LE CALUM DUBH MAC-AN-T- SAOIR.

FONN. —Alastair, a laoigh mo cheille.

S beag an t-ionghnadh mibhi dubhach
S an fheasgar, ’s a ghrian le bruthach;
Dhfhag mulad ar suilean sruthach,
S in nolluig sothionndaidhchairt-dubh orm;
Cha beiric an ait an udhair,
Ged bhithinn gu brath ri cumha,
S nach dig thuchaoidh slan le dbhuidhinn
Dhimich do Ghadhaig nan aighean.

Nan digeadh iad slan, an Caiptin,
M Bràthachs Iain Og Mac-a- Phearsain,
An Granndachs MacFarlain sgairteil,
Ged nach digeadh na feidh ghlasa,
S ged a bhiodh na miol-choin tachte
Bhiodh eibhneass gach gnuis a lasadh.
S en t-Aog a bha guineach, ascaoin!
S truagh nach robh em priosan glaiste.

Nam bu mhise maor a phriosain,
Cha-n- fhaginn a chiontgun innse;
Mo chomhdach air paipairean sgriobhte
Air bialaobh luchd-breithis binne.
S cinnteach gun rachadh a dhiteadh,
Gun cuirte gu grad as an righeachd,
An ceangal air slabhruidhean iaruinn,
S a chumail anntleth-chiad bliadhna.

Ge boidheach gach rionnag a chi mi
Than saoghalna bhriagadair inntinn.
Cha n-fhaic mi thusiubhal frithe,
Le dghunna caols e reidh, direach,
A bhuaileadh air ball na disne;
Le dghilleans le dthaghadh mhial-chon.
Tha cuaileanan gearrtgun chireadh
On fhaisgeadh thun cladhna sgireachd.

Nuairbhiodh tu ri fiadhach beinne
S tric a bha misenam ghille,
Le dlomhinn, beagan air dheireadh,
A feitheamh ri fuaim do theine,
Nuairstiuireadh tu esan eilid,
Bhiodh toll air a bian le dpheileir,—
Marbhaichna h-earbaigs a choilich,
An dobhrain, na liath-chirc, ’s an t-sionnich.

Cha n-fhaca mi barr aig duinort
A dhireadh nan carns nam mullach,
A mharbhadh nam fiadhsa mhunadh,
A tharrinn nan lannbu ghuinich’,
A bhualadh nan dornsa chunnart.
Deas labhirt aig mods tu burrinn,
Dhaindeoin nodheoin bu leat buidhinn;
S gach cuis bhiodh morchuis is urram,

Rinn stoirm call am braigha ghlinne,
S bha cruinneachadh morsan fhireach
A giulan dachidh nan gillean
S tu fhir mhoir nach gabhadh giorrag,
Marcich eich shrianich air mhire,
Ceann-feadhna an am na h-iomirt,
Ite chorra sgeith do chinnidh,
Nach drinn riamh den t-saoghal cillein.

Cha bionghnthu bhin tus nam fear barricht’,
Laoich nach biodh fada mun mhalirt,
Phaigheadh fear togail na carraid:
Gur cairdeach thudh-Alasdair Garrach,
Do Mhac-Dhughill mor a Lathurn,
Dh-IarlAnntrums do Mhac-Ic-Ailein,
Dh-oighre Dhun-tuilm nam fear fallain,
Dam bu shuaineas leoghanns lamh fhala.

Olc air mhath le luchd do mhi-ruin,
Nam baithne dhomh dheaninn tinnse;
Pearsanach do shloinneadh direach,
Caiptin thu air Sliochd Ghiolliosa
Chiosinn am blar a bham Piorait.
S a leag an trup Gallt gu h-iseal.
S Ban-Domhnallachthug glun is cioch dhuit.
Am mach a teaghlach IarlIle.

Ged a tha min drasd air maineol,
S ann a bha mi ognam leanabh
Air duthchas tathars do sheanar,
Mu dheas air baile nan gallan,
Far am biodh crodh-laoigh air ghleannibh,
S mnathan breidghealfuaghal anirt
Far am faighteadh fion gun cheannach
Sor ga dhioladh do luchd-ealidh.

(Ri leantuinn.)


S Fheudar Dhomh Bhi Beo.

S fheudar dhomh bhi beo,
Ged a robh thum dhith;
Ciamar gheobh min smuairein so
Chumail dhiom?
S fheudar dhomh bhi beo,
Ged a robh thum dhith.

S muladach a ta mi
Mach ri Dail-na Ceardach,
S gun aghruagach lamh rium
Gaol as gradh mo chridh’.
S fheudar dhomh, &c .

S i mo ghaol an ainnir
S deise theidn a h-anart;
S iomadh diuc as baran
Dhfharraideas, Co i?

S i mo ghaol an déideag
S deise theidn a h-eiteadh;
S coltach ri deo-greini
N uair a dheireas i.

S ann ort a than cul-snìomhain,
Nach feum cir ga chireadh,
S e mar theudan sioda,
Sios mu chul do chinn.

Than t-urram dhuit air dannsadh,
Anns gach coisir ghreannar;
S mor a thug mi gheall duit,
Ged a mheall thu mi.

S muladach a ta mi
Dol a stigh don bhata.
Dhol a nunn thar saile,
S gu labhrath cha till.

Achs e dhfhag mi bruite,
N ainnir a chur cul rium;
N deigh na rinn ishugradh,
S tursach tha mo chridh.’


Gheibhteadh damh, ann an Albainn, an deigh Blàr Allt aBhonnaich airson sia tasdan deug, agua caora airson ochd sgillinn deug, agua cearc airson da sgillinn.


DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinnna oifig anns an togalachs a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann aSheerwood.”


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI. C. B.


I. O. G. T.
Tha coinneamh aigVictory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, am Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.

titleIssue 3
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla IV No. 3. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page