[233]

[Vol . 4. No. 30. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 1, 1896. No. 30.


Litir a Alba.

Bodachan aghàraidh
Cho friogadachs cho frogadach;
Bodachan aghàraidh
Cho frogadachs a bha e riamh.”

MO BHALACH GASDA. —Buaidh is piseach ort. Tha mi afaicinn gun do chuir thu mo cheud litir anns aMHAC-TALLA. Thug e misneach dhomh fhaicinn gu robh uiread de mheas agad oirres gun tug thu àite dhi ann am fìor thoiseach aphàipeir.

Tha aon sgeul ann am beul gach neach aig an àm, agus is a sin, an tuairsgeul cogaidh a tha air feadh ceithir Ranna Ruadha an t-saoghail. Tha an Turcach Mòr cho rag ris aMhac mollachd. Chan aill leis laghannan ceartashuidheachadh am measg nan daoine a tha fo a riaghladh ann an Armenia. Ged a tha rioghhachdan na Roinn Eorpa air cruinneacadh timchioll air mar gu faiceadh tu ealta dhe na fithich acruinneachadh timchioll air seann each marbh, chan aill leis abheag a dhoidhirp a thoirt air còir is ceart a chumail ris na daoine truagha a thafulang ainneirt anns an rioghachd aige. Ach theid mise am bannadh nach bi saoghal fada aige mur gabh e comhairle. Mar a tha an seanfhacal ag ràdh, “Ge be nach gabh comhairle gabhaidh e càm-lorg.”

Tha na Geancaich agaibh fhein thall an America air a dhol gu bragadaichs gu braighlich gun fhios car son. Ciod e an gnothach a tha acasan a dhol anns an eadraiginn eadar Breatunn agus Bhenesuela? Mar a tha an seanfhacal ag ràdh, “Bidh dòrn aig fear na h-eadraiginn.” Bfhearr dhaibh an aire a thoirt air an gnothach fhein. “Am fear a bhiosna thàmh, cuiridh e na caits an teine.”

Chuir an troimh-a- cheile a thòisich o chionn ghoirid ann an Ceann-a- deas Africa as an t-sealladh oirnn ach gann, a h-uile tuairsgeal cogaidh a bhanns an t-saoghal. Tha Luchd-Riaghlaidh Bhreatuinn anabarrach fada an aghaidh an ar-a- mach a rinn na daoine a bhuineadh dhi ann an Africa. Nochd iad so cho luathsa chualas mar a bha gu tachairt.

Rinn Iompaire na Gearmailtogha don Bhanrighgnothach anabarrach gòrach an uair a chuir e fios gu Cruger, àrd-fhear-riaghlaidh nam Baoghairean, (Boers)gu robh e toilichte gun do bhuadhaich na Baoghairean air na Breatunnaich. Chaneil ach gann duine eadar Taigh Iain Ghrot, an Gallthaobh, agus caolas na Frainge nach eil glé dhiùmbach do dhIompaire na Gearmailt. Bolc bu chòir dha teannadh ri brosnachadh nan nàimhdean an aghaidh a sheanamhar.

A nis, ged a bha iomadh cinneach abagradh air rìoghachd Bhreatuinn, cha robh an leoghann mhor Bhreatunnach aleigeil oirre gu robh icluinntinn diog. Bha i mar gum biodh ina cadal. Ach o chionn trì latha thog i colg oirre. Tha i anochdadh a nis do na h-uile cinneach fon ghrein, gur e an gliocas gun a bhithtarruinn a feusaig, agus afeuchainn ri bhith toinneamh a h-earbuill. Ma dhs fhanas iad modhail cha chuir i dragh no tuairgneadh air cinneach sam bith. Ach mur fan, faodaidh iad a bhith cinnteach gun cuir i a h-uile h-aon a chuireas dragh oirre fo a spògan glé aithghearr.

Tha dlùth air sia ceud long-chogaidh aig Breatunn. Tha iad so agiulan dlùth air seachd mìle gunna mòr. Tha feadhainn de na gunnachan mòra so anns am bheil córr is ceithir fichead tunna de chudtrom. Mur a fan Clebheland aige fhein cuiridh Breatunn a h-uile soitheach beag is mòr a thaig na Geancaich don ghrunnd. Nach gòrach an gnothach do Chlebheland teannadh ri cogadh ri Breatunn air son beagan de bhogaichean gun fheum a thanns achrich eadar Bhenesuela agus Guidhana? Ach chaneil sinn acreidsinn gum bi cogadh eadar sinn fheins na h-Americanaich idir. Gun teagamh sam bith ma dhfheumas sinn a dhol a chogadh théid sinn ann. Ach chaneil sinn ag iarraidh a leithid. Is fhearr einn càirdeas is comunn is gaol a bhith eadrainn, mar a bha eadrainn o chionn iomadh bliadhna. Tha sinn acreidsinn gun gabh aon aimhreit a tha eadrainn réiteachadh gun boinne fala a dhòrtadh.

Faodaidh mi a ràdh gu bheil corr is deich ceud mìle saighdear aig Breatunn. Tha h-uile fear den àireamh mhòir so suidhichte, ma thachras cogadh, gum bi buaidh no bàs aige.

Gun gleidheadh Dia sinn fhein agus gach sluagh eile o aimhreits o chogadh. Is mi do charaid.

BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh an Locha, Latha nan trì righrean, 1896.


BINN NEONACH. —Bha duine nach burrainn aona chuid leughadh no sgriobhadh air a thoirt gu cùirt ann an cearna de na Stàitean air son coire eigin nach robh ro chudthromach, agus fhuaireadh ciontach e. Chuir am breitheamh dhan phriosan e gus an rachadh aige air leughadh agus sgriobhadh a dheanamh. Chaidh priosanach eile, aig an robh deagh ionnsachadh, a chur a stigh còmhla ris air chumha gun faigheadh e ma sgaoil cho luathsa theagaisgeadh e leughadh us sgriobhadh dha. An ceann thri seachdainean, bhan dithis aca air an leigeadh as, ’s iad an deigh abhinn a choi-lionadh.


Tha fear-pàrlamaid ann an Lunnuinn an dràsda a tha ceithir fichead bliadhnasa còig deug a dhaois. Tha esa phàrlamaid a nise tri fichead bliadhnasa dha, agus cha do chuireadh a mach e aon uair on fhuair e stigh an toiseach. Bha e air a chur don phàrlamaid á Volverhampton, agus ses ainm dha Tearlach P. Williers. Bha fear ann roimhe a bhasa phàrlamaid fad thri fichead bliadhna. Bu Chuimreach e dom bainm Talbot, agus bha e anabarrach beairteach.



[234]

[Vol . 4. No. 30. p. 2]

COMHRADH NAN CNOC.

FIONNLADH PIOBAIRE, AGUS PARA MOR, AN OIDHCHE MUN DFHAG IAD GLASCHU.

FIONN. —So! so! a Pharuig, than t-am dhuinn cadal. Tha Mhaighdean-Mhorairneach afalbh gu math moch. Chunnaic mi fhein an sgiobair.

PARGruagach mo ghraidh cha be sin ach a h-abhaist; te na moch eiridh! Ach ged a ghluaiseadh i fheinsa h-upraid mam blais an an t-eun an t-uisgese Paruig nach biodh diombach; is fhad an oidhche gu latha gus am fag min t-uamhas aite so.

FIONN. —Chan uilear dhuinn a bhi air ar cois aig ceud ghairm achoilich.

PAR. —Sin aghairm shurdail nach cuir air do choissan aite so thu. Be bhi cur an uain do charn an t-sionnaich, coileach a chur do Ghlaschu. Ged is iomadh cailleach mhor, laidir a thasan duthaich againn, atrusadh uibhean as chearcan, airson an cur do Ghlaschu, cha chuala mi goc circe, gun ghuth air gairm coilich on thainig mi ann. Ach nach coma co dhiubh, fhadsa than duine truagh ud amuigh air achabhsair, aspaisdearachdsaglaodhaich fad na h-oidhche. An cluinn thun drast e? Gu dearbh a fhleasgaich, mar thuirt am mada-ruadh ris an fheannaig, “Cha toir do cheol á cuideachd thu.” Chan eil do ghuth ach reasgach, agus cha nar dhuit, chan iongantach thu bhi sgith den chabhsair; agus gu dearbh tha mi fein ann. Tha mi co bruite sgith an nochd feinss ged a bhithinn asiubhal amhonaidh fad na seachdainn.

FIONN. —Cha drinn mi fhein moran coiseachd an diugh; bha eagal orm gun caillinn mo rathad, agus cha do leig min t-each-odhar as mo shealladh fad an latha, am fadsa bha miceannach trealaich bheaga don teaghlach.

PAR. —Cha be sin domhse. Cha deachaidh stad air mo chois. Cha bhi min Glaschu an da la so a rithist; agus thar leam gum faicinn na bfhiach fhaicinn ann. An saol thu, a mhic chridhe, nach robh misan diugh air tòrradh. Bha min sud astaraineachd o aite gu h-aite gus an dfhuair mi mi fein ann an luchairtibh aCholaisde, aite cianail, samhach, far nach do thachair duine orm, gus na bhual an t-uaireadair mor, agus an sin thoisich dranndan de chlag beag a bha fodha. Ann am prioba na sul, bhruchd sgaoth a mach an sudsan so de sgoilearan len tonnagan ruadha, mar gum faiceadh tu tom sheangan anns an sathadh tu do bhata. Tachraidh na daoine ged nach tachair na cnuic. Cothainig orm an so ach Calum Og. Mac an athar. ’Se rinn an caoimhneas rium. Leig e ris domh iongantais an aite. Chunnaic min sud barrachd leabhraichean na shaoil leam a bhi air aghaidh an t-saoghail. An uair a rainig sinn an t-sraid, faicear an torradh atighinn a nuasna aon mheall dubh; an carbad mor fein anns an robh an giulan mar gum biodh cnap soithich annsa beul foidhpe; ach an uair a theann e oirnnsann an sin a bhan riomhadh! Bha an carbad fein air a chomhdachadh le sar eudach dubh; oir de shioda geal mu thimchioll; bara-bhidein ard air gach oisinn, le cnap òir os an cionn; stiallan fada de riobainean sioda crochta riutho; agus mar shuaicheantas broin agus bais, dealbhan claigeann agus chnamh air an tarruing air fiamh an òir air gach taobh dheth. Agus chan fhoghnadh sin, marbhaisg orra! ach na h-eich fein, na bruidean bochdas mairg a dheanadh amadain diubhbha iad an sud agur brat air ah-uile fear dhiubh, agus bad de dhitean dubhana cheann. An saoil thu an robhga chaoidh ach aon seisear. Bha iad so afalbh roin ghiulan; curraichdean maola, dubha air an sgrogadh mu mhullach an cinn; sgonn de bhata goirid ann an laimh gach fir dhiubh; agus iad acoiseachd na daoine truagha, gu tursach, trom, len suilibh ri lar mar gum biodh an cridhe gu sgaineadh. “Mo thruaighe,” arsa mise ri Calum, “ ’s iad so cairdean an fhir nach maireann.” “Cia aìr bitharsesanmar tha sin, tha latha math acasan an diugh, air a shailtibh. Ach, leanamaid iad don chladh agus chi thun sin deireadh aghnothaich.”

FIONN. —An ann don eaglais mhoir a chaidh iad? Nach bochd nach robh mise leat, ’s gun do gheall mi do Lach ann nan ceistean dolga h-amharc.

PAR. —Mata, is fiach i a faicinn: ach be sud aitan uamhais. An eaglais fein na h-aon mheall mor, glas; uamhachan eagalach le dorsaibh meirgeach, iaruinn a stigh foidhpe, agus iad lan, mar dhinnse dhomhoa, de dhaoine marbha. Bhan cladh so co farsuing ri dail agharbhain, agus leachdan lighe co dluth air a cheiles gur gann a gheibh an iunndagach fein a ceann a thogailnam measg. An saoil thu ged a ben latha geal a bhann, nach robh sgath orm; bha fuain co fas aig ah-uile ni. Ma dheireadhs ma dhiu, thainig an torradh; ma bha e fada gun tighinn cha robh e fada dol seachad. Bhan uaigh reidh, glan, agus an t-urram dhasan air cul sluasaid a bhacur a stigh na h-urach. Is fad on chuala mi, “So mar theid na h-eich don mhuileann, sud mar thig iad as.” Air falbh ghabh ah-uile carbad diubh sios an t-sraid, ’nan deann ruith. Chitheadh tun carbad mor fein, ’na ghabard luidneach, mar bha e, ’san turamanaich sios le cach; na claiginn agus na cnamhan mar gun leumadh iad anns na speuraibh; agus chan e sin uile, achuchd nan curraichdean maola, a ghraist! bu mhisam burraidh bochd, a bhagabhail truais diubh; co a bhannta ach luchd-tuarasdail. Co ach iadsan! ’nan deann ruith a sios an t-sraid, co aoibhinn, aighearachs ged a bhiodh iad air banais. Stad thusa gus am faic mise Lachann nan Ceistean; tha mi air mo bhodhradh leis; cha chluinnear aige ach am fasan Gallda, biodh daoine beo no marbh; ach ma tha en dan domhs’ ’fhaicinn, cuiridh mighlas-ghuib air an deigh na chunnaic min diugh.

FIONN. —Tha Lachann gle fhadasabheachd sin, agus chan fheudaraicheadh nach robh moran eireachdaissan doigh torraidh a dhainmich thu.

PAR. —Eireachdas, an dthubhairt thu? Gnothach co mi-chiatachsa chunnaic mi riamh; an saoil thu nam bitheamaid adol leat fein don Chill, am beireachdais e a chuireadh onoir ort, brat-mairbh a chur air an each bhan agad, agus bad fraoich, no dos do itean dubha a churna mhuinge? Tog dheth.

FIONN. —Tha na cleachdan sin tlachdmhor, no mi-chiatach a reir gnath na duthchasan cleachdar iad. Chunnaic mise latha anns nach bitheadh torradh eireachdailnar duthaich fhein gun cheol na pioba; ni ma dhfhaoidte, ’chuireadh uiread sgreimh air Gall no air Sasunnach, ’sa chuir na chunnaic thusan-diugh, ort fein.

PAR. —Is e sin iadsan a bhi gun tuigse; agus a bhi gun chridhe. Thaphiob a nis adol á cleachdadh air na co-dhailibh sin, agus theagamh gu bheil sin co maith; ach cha



[235]

[Vol . 4. No. 30. p. 3]

chuala mi riamh Baile Dhuneideann agad fein, le nuallan tiamhaidh, ’s tu falbh air eeann na cuideachda don Chill, nach dthainig tiomadh air mo chridhe, agus deoir air mo shuilibh.

FIONN. —Tha cheart phort sin fein tiamhaidh nis leoir, agus chunnaic thusa latha a chluichinn e co maith ris gach dara fear; ach an cluinn thu mi a Ghoistidh, ’se an ni a tha Lachann agus a ministeir fein aciallachadhnuair tha iad gar n-earalachadh gus na fasain Ghallda a leantuin, gun gnathaicheamaid an riaghailt agus an stuamachd, agus maraon an t-samhchair leis abheil iad adol mu thimchioll.

PAR. —Tuigidh mi sin. Gu dearbh bha chuid sin den ghnothach mar bu choir dha a bhi. Bhan uaigh ann an sud gu h-ullamh, reidh. Cha chluinneadh tu focal ard aig fear seach fear; cha robh connsachadh man cheart leaba, mar is tric a thachrassan duthaich againne. Cha robh iad aseanachas thallsa bhos mu ghnothaichibh faoine; chan fhacas fiamh ghaire air gnuis; agus cha do chairich duine on uaigh gus an robh gach ni seachad.

FIONN. —Nach robh eireachdas an sin, seach mar tha sinne air uairibh afaicinn?

PAR. —Gu deimhin thaitinn sin rium gu h-anabarrach, ged bu shuarach leam gach spailpeanachd a bhann. Bfhearr leam bhi air mo ghiulan don Chill air acharbad bheithe, air guaillnibh mo luchd-duthcha, na sa charbad is riomhaicha dh fhalbh riamh air cuibhlichibh; agus bu taitniche leam aon deur a shileadh mo choimhearsnaich air mfhoid na ged bhiodh na miltean den chomunn chealgach ud air thuarasdalgam chaoidh.

FIONN. —Thachair e dhomh. Is donafhreagras cealg agus mor-chuis aig an uaigh. Ach innis so dhomh a Pharuig, cionnas a chord an Eaglais mhor riut? Co dhiubh is briagha i no cach?

PAR. —Chuir thu ceist air Paruig. Bha e co furasda dhomhsa innseadh dhuit con reul is aillidhsan iar mailt, asinnse dhuit co an eaglais is riomhaichesa bhaile so. Tha de dheaglaisean ann, na dheanadh baile mor iad fein, agus tha gach aon diubh eireachdail nis leoir; ach air a shon sin uile, is ann a tha i sud, mar a ghealach am measg nan reul. Tha te bheag bhinneach, eile lamh rithe nach deanadh tigh-seisein di. Tha misag radh riut gu bheil cneachdachd direachna gnuis. Tha uiread eadar-dhealachaidh eadar i fein, agus na h-eaglaisean ura, gogaideach a tha iad a nis atogail, ’sa tha eadar seana mhinisteir aosda, dreachmhor, le shuilibh tla, le chiabhaibh liath, agus sgaomaire de shearmonaich og, a tha fo bharrachd speis da fein, no fo iomaguin mu dhaoin eile. Achsi mo bharail fein gu bheil toilleadhsa choir de eaglaisean ann.

FIONN. —Chan urrain sin a bhi.

PAR. —Is urrainn. Cha tachair dithis ort a tha dol don aon eaglais; agus nach cluinn thun t-aon chonnsachadh truagh aca man aidmheil ud, agus man aidmheil ud eile as ah-uile fear co fada na bheachd fein ris an fhear eile,

FIONN. —Tha leithid ann; ach tha dochas agam gu bheil iad am bitheantas atogail air an aon steidh ged tha eadar-dhealachadh baralach eadar riu an cuid a nithe. Chan eil connsachadh den t-seorsa sin nar measg-ne, ach tha ni co mi-chiatach ann: daoinetheir riut gu bheil iad de chreideamh an athraichean, de chreideamh amhinistear an t-sagairt, no an easbuig, nach urrainn innseadh cionnas, no carson.

PAR. —Tha an leithide sin ann; agus tha e na dhearbhadh nach eil creideamh ceart aca. Far nach eil meas air an fhearann, cha bhi fothrais mu na criochan. Ach an creid thusa na chuala mis an diugh, gu bheil corr as da fhichead mile anns abhaile so nach eil adol do eaglais eadar da cheann na bliadhna.

FIONN. —Tha micreidsinn gu bheil moran ann gu dearbh a tha gle shuarach mu na gnothaichean sin; ach air a shon sin, is iomad fear, mo thruaigh! nacheil adol don eaglais, a chionn nacheil aige den t-saoghal na dhiolas airson aite-suidhe. Chan ionnan agus sinne. Chan fhaigh daoines an aite so an t-uisge fein gun a cheannach.

PAR. —Mata, chan e sin duinne e. Nam biodh ah-uile goireas eile mar an t-uisge, bha sinn sona dheth. Ach mur urrainn doibh dioladh airson aite-suidhes an eaglaiss an aite so, is urrainn doibh do reir coslais dioladh air son an oil. Chunnaic minochd fein, air sraidean Ghlaschu, barrachd grainealachd agus mi-riaghailt nachunnaic mi riamh am dhuthaich. Ciod a their thu ris a so a nis? Ach gheibheadh tusa leisgeul dhoibh ged a spadadh iad Mairi agad fa chomhair do shul.

FIONN. —Mharbhaisg air an olc! cha toilleadh bean mo ghradh sin air neach sam bith. Ach a ghoistidh, ge nach gabh misan leisgeul, anns achas sin, cuimhnich thusa an sluagh anabarrach a tha ann an Glaschu. An saoil thu nam biodh ah-uile baile beag, mosach a thagainne air feadh na Gaidhealtachd an ceann a cheile, nach iomad mi-riaghailt a chitheadh tu? Chan e gu bheil iad glan fhalamh dheth mar tha. Tha daoine gle shiobhalt fads nacheil iad atighinn trasd air a cheile, is cha tugainn buidheachas doibh. Nach samhach na caoirich fein ag ionaltradh am fadsa tha farsuingeachd an t-sleibh aca; ach dumhlaich a stigh don fhang iad, agus faic mar dheireas iad air a cheile: Is ceart mar sin na daoine.

PAR. —Sin thu rithist. Cha dean mise bealach nach duin thusa. Ge olcsa bhaile-mhor iad, abheil iad moran nis fearr air an duthaich? Abheil cuimhnagad co liugha ait’ ’san do dhiult iad cuid na h-oidhche? An cuimhne leat an trusdar cailidh a dhiarr orm mo phathadh a thoirt don tobar, agus achuinneag lan aicena laimh? Seall mar theab iad an cleoca sgarlaid sin, a thagad mar gum biodh seun ann fod cheann ah-uile h-oidhche, a ghoid uait. Mas iad riobainean de phioba, nach do ghoid iad iad? An cuimhne leat idir mar bha iad acrannadh nan dorsan, ’s nan uinneagan ah-uile h-oidhche mar gum biodh eagal orra gun tigeadh na Frangaich fo latha, ged a bha mada mor, grannd acair slabhruidh aig ceann an tighe, le craos air abheist a chuireadh eagal air Ailean-nan-con, ge gaolach mu na coin e. Bi thusabruidhinn, ach meudail an duthaich far an coidheas an oidhche na an latha; agus an am gabhail mu thamh, far an suarach co-dhiu a than crann air achomhla bhreoite no nach eil.

FIONN. —Mata, ’s priseil sin fein, tha migaideachadh.

PAR. —Dhaidich thu mu dheireadh e, as cha bann led dheo ngu dearbhgu dearbh is tusasheasas na Gaill!

FIONN. —Dhaidich min fhad ud, ach air a shon sin chan aidich mim feasd, nach eil moran, moran de dhaoine fiachail, cneasd agus ceanaltair aGhalldachd. Nach beireachdail an co’ -thional a chunnaic thu air an t-sabaid fa dheireadh, agus da-rireadh bu bhlasd an t-searmoin a fhuair sinn.

(Ri leantuinn air an 6mh taobh.)



[236]

[Vol . 4. No. 30. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, FEBRUARAIDH 1, 1896.

Tha Breatuinnga sior neartachadh féin air a mhuir. Tha i cur a cuid shoithichean ann an òrdugh, agus a cur rin àireamh, air chors gun bi i lan uidheamaichte air son cogaidh ge be uair a thig e. Air an dòigh sin faodaidh in gnothuch a ghabhail air a socair, agus leigeil le càch a bhi cho bagarrachsa thogras iad; ach chan eil ig iarraidh dragh a chur air rioghachd sam bith, gus an cuirear dragh oirre.

Chan eil aig muinntir a bhaile so ri luchd-riaghlaidh a thaghadh air a bhliadhna so idir. Bham bàillidh agus tri de na comhairlichean a than dreuchd cheana air an cur a stigh gu h-aon-ghuthach, agus mar sin cha bhi taghadh ann Di-màirt sa tighinn, mar a bhitheadh nan robh barrachd us aon duine air ainmeachadh air son gach dreuchd. ’S fhada bho nach do thagh Sidni a luchd-riaghlaidh cho samhach so. Bàbhairt a cheart uiread ùpraid a bhi timchioll air, ’sa bhiodh timchioll air cur luchd-pàrlamaid do Ottawa

Rinn na Stàitean straighlich mhor nuair a shaoil leotha gu robh Breatunn a dol a stigh air criochan Bhenesuela. Tha rannsachadh a rinneadh ann an Lunnainn o chionn ghoirid anochdadh gu bheil na Stàitean fhéin agabhail seilbh on bhliadhna 1825 air stiall fhearainn air cladach Cholumbia Bhreatunnach, air nach eil còir sam bith aice. Tha tri muillein acaire anns an stiall sin agus air dha bhi an oir a chladaich, tha e ro fhiachail. Chan eil fhios co-dhiu ni no nach dean Breatuinn dad air son am fearann sin a thoirt a mach.


Naigheachdan as aGhaidhealtachd.

Bha an aimsir glé mhath againn o chionn tri seachduinean. Fad seachduin na Nollag bhan t-side glé fhuar, agus bha smuid mhòr air aghaoith on eara-dheas. Air taobh an ear Bhreatuinn agus Eirinn rinneadh call mòr air an fhairge. Re na seachduin chaidh corr is ceud duine a bhàthadh air taobh an ear na rìoghachd. Air mullach Beinn Nibheis, tha àite anns am bheil iad a h-uile lathas a bhliadhna acumail mion-chunntais air an t-sìde, agus tha am fear ris am bheil an obair an earbsa ag innseadh dhuinn gu robh aghaoth air latha Nollaig adeanamh ceud miles an uair a dhastar! Bha aghaoth anabarrach fuar, agus bha reothadh teann againn fad seachduin.

Latha no dhà roimhn bhliadhùir dhfhas an t-sìde blàth, briagha ciùin. On uair sin than t-side neo-chumanta blàth, briagha. Is gann a chunnaic sinn riamh roimhe na beanntan cho glan o shneachda aig deireadh an earraichs a tha iad an diugh. Tha na daoine aig am bheil e mar chleachdadh a bhithgabhail beachd air an t-sìde ag innseadh dhuinn nach robh a leithid de bhlàths anns an rìoghachd o chionn tri fichead bliadhna, mun àm-sas a thann am bliadhna. Tha daoine taingeil air son na side bhriagha ach tha eagal orra gun bi an t-earrach anabarrach fuar, fiadhaich.

Tha an àireamh as mo den t-sluagh gun charg a dheanamh. Chaneil daoine anns na bliadhnachan so cho dìchiollach gu obairs a bha iad ri mo cheud chuimhne. Is ainneamh àite anns am faicear daoine adeanamh gàraidh notiormachadh fearainn mar a chunnaic mise aon uair.

Than t-iomradh cogaidh athair feadh an t-saoghail ann am beul gach duine. Tha eagal air mòran gun toirear air falbh iad ma thòisicheas cogadh. Ach tha dòchas againn gu mair sìth agus soirbheachadh anns an t-saoghal a dhaindeoin na bheil na h-Americanaich adeanamh de mhaoigheadh oirnn. Dhfhaoidhte nacheil iad cho marbhteachs a tha iad cho maoighteach. Ma thoisicheas an cogadh fàsaidh am biadh gle dhaor; oir tha an earrann as mo de bhiadh na rioghachd so atighinn a nall ugainn a America. Ach is suarach am biadh a bhith daor seach beatha dhaoine a bhith air a gearradh sios ann an cogadh fuileachdach. Bu chòir do na h-uile gach ninan comas a dheanamh a chum sìth a ghleidheadh. IAIN.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC:
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[237]

[Vol . 4. No. 30. p. 5]

NAIDHCEAHDAN.

Bha siorrachd Charlevoix ann an Cuibeic a taghadh fir-parlamaid Di-luain sa chaidh. Fhuair Tearlach Angers, den phàirtidh Liberal a stigh le mu thri cheud bhòt a bhauachd air an fhuair am fear a bharuithna aghaidh.

Fhuair sinn litir ghasda bhoC. C. ,” ach thainig i ro anmoch air son na h-àireimh so. Bfhior thoigh leinn cluinntinn uaithe na bu trice. Fhuair sinn mar an ceudna litir bhoCheann Liath,” ’si ro anmoch cuideachd. Bidh an da litir anns an ath àireamh.

Chuir Mr. Murray, air an t-seachdain so a mach litir Ghàilig gu luchd-taghaidh na siorrachd, ag innse car son a thainig e mach an aghaidh Tupper, agus acur an ceill a bheachdan fein a thaobh doigh-riaghlaidh na dùthcha. Cho fads is aithne dhuinne, ’se so a cheud uair a bha litir Ghàilig dhen t-seòrs ud air a craobh-sgaoileadh anns an t-siorrachd so.

Chaidh an soitheach-aiseig Mulgrave, a bhios a toirt luchd-siubhail nan carbadan iaruinn thairis air Caolas Chanso, a thorit air falbh leis an deigh mhòir feasgar an , agus bha i air a cur fada bhar a cùrsa. Cha dfhuair an carbad mar sin stigh do Shidni an raoir idir. Rainig e beagan an deigh naodh an diugh. Than sruth anabarrach laidir anns ach a alas, agus nuair a bhios deigh ann, chan urrainn ach gann soitheach sam bith faotainn thairis air.

Tham paipear gasda sin, amFiery Crossa mach air a mhios so, agus moran ann a thaobh na tha dol air adhart ann an Ceap Breatunn aig an àm so. Tha dealbh Sir Tearlach Tupper ann, agus mar an ceudna, dealbhan DhaidhIcKeen, agus Eachuinn F. Dhughlaich, na daoin-uaisle a chuireadh leis an t-siorrachd so don pharlamaid aig an taghadh mu dheireadh. Tha comhradh Gailig air a chur ann a bheadar fear-deasachaidh a phaipeir agus Mr. Dùghlach ann an Ottawa.

BATHADH. —Tha caraide sgiobhadh ugainn áSt . Stephen, N. B. ,aig innse gun deachaidh boirionnach a bhàthadh anns a bhaile sin Di-sathairne sa chaidh, bean Thearlaich Ic Gilleain. Tha an tigh air a thogail air bruaich na h-aimhne a tha dol troimhn bhaile, agus tha seòrsa de laimhrig air cùl an taighe. Chaidh ise mach air am dorus chùil trathsa mhaduinn a dhiarraidh uisge, mar a thatar a deanamh a mach, agus air dòigh-eigin thuit i dhan uisge. Bha a h-aona mhac na chadal nuair a chaidh i mach. Dh-éirich esans fhuair e a bhraieast air a bhòrd. An deigh dha a bhiadh a ghabhail, bha ioghnadh air nach robh a mhàthair mun cuairt mar a bàbhaist agus chaidh e shealltuinn air a son. Cha dfhuaireadh i gus an deach an làn a mach, agus an sin fhuaireadh a corp air an traigh. Bhuineadh Tearlach Mac Gillesin féin do Cheap Breatunn, ach tha en dràsda ann an California. Tha aon mhac aig an tigh, agus chaidh fear eile bhàthadh, anns a cheart àitesan do bhàthadh a mhàthair, àireamh bhliadhnaichean air ais.

Than t-side acumail briagha ged bha latha fuar no dha ann air an t-seachdain so. Tha na ròidean gle mhath, agus the e fusasda gu leòr gluasad air feadh na dùthcha.

Tha cùisean ann an Cuba car mar a bha iad o chionn treis a dhùine. Tha na ceannaircich a seasamh a mach gu math, agus tha sior fhairtleachadh air an Spainn an toirt of smachd. Tha an ceannard a bhair arm na Spainne air a ghairm dhachaidh, agus tha fear eile air a chur a nallna aite. Tha Gomez, ceannard nan Cubach, còrr us tri fichead bliadhna dhaois, ach tha iad ag radh gu bheil e cho beothail, tapaidh agus cho geur gu cogadhsa bha e ann an laithean òige.

Bha dithis de chomunnan stuaime a bhaile a mach air an t-seachdain so len cuid each us shleigheachan; naGood TemplarsDi-luain, agus naSons of TemperanceDior-daoin. Fhuair iad le chéile side bhriagha agus ròidean cho mathsa dhiarradh iad.

Chaidh lathn Ainmeachaidh a chur seachad air dòigh ùr anns abhaile so Di-màirt sa chaidh. Bàbhaist dhaibh-san a bhiodh ag iarraidh a stigh a bhi còmhladh, agus labhairt ris an t-sluagh fear an deigh fir. Air an tunns sos ann a bha iad air leth, Tupper agus a chàirdean ann an tigh na cùrtach, agus Murray agus a chàirdean féin ann an Talla na Stuaime. Cha robh, mar sin, an latha cho toilichte leis a mhor chuid den t-sluaghsa bhitheadh e nan robh na daoine bhag iarraidh an cuid bhotaichean orra mu choinneamh a chéile. Ach chan eil teagamh nach robh reusan air iad a bhi mar sin. Bha moran sluaigh cruinn; chan eil tighsa bhaile anns an toilleadh iad uile: agus bhan t-side tuilleadh us fuar air son iad a sheasamh a muigh.

Chaidh nighean dom bainm Anna Kempton aois cheithir bliadhndeug, a mhurt oidhche Luain sa chaidh faisg airBear River,baile beag ann an siorrachd Digby. Fhuaireadh i marbh an tigh a h-atharsa mhaduinn Di-ciaduin, le fear Padruig Wheeler, a chaidh dhionnsaidh an tighe a dhiarraidh bainne. Bha clàr a h-aodainn air a bhristeadh a stigh mar gu m bann le maide connaidh agus a sgòrnan air a ghearradh. Tha an tigh ann an àite car aonranach, mu thri mile bhon bhaile. Bha a h-athair agus a bràthair ag obair anns a choille astar air falbh, agus tha a màthair anns na Stàitean. Bha bean a thasa choimhearsnachd agus a h-ighean afuireach còmhla rithe na h-uile oidhche, ach am feasgar ud cha dthainig iad a chionn gu robh dùil aice féin an oidhche chur seachad ann an tigh coimhearsnaich. Chunnacas mu dheireadh i mu chòig uairean feasgar Di-luain ann an stòrsa bhaile. Chan eil fhios rinn an gniomh oilteil; tha àmhrus air a leagail air Wheeler, agus tha e air a ghlacadh, ach chan eil, cho fada so, dearbhadh mor sam bithna aghaidh.


FEBRUARAIDH, 1896.

1 Di-sathairne. (2) Blar Inbher-Lochaidh, 1645.
2 Di-Domhnaich. IV Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
3 Di-luain
4 Di-mairt. Rugadh Robert Peel, 1788
5 Di-ciaduin. An cairteal mu dheireadh dhen t-solus, 8.24, feasgar.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine. A Ghrian ag eiridh, 7.17.
8 Di-sathairne. A Ghrian alaidhe 5.11.
9 Di-Domhnaich. V. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
10 Di-luain
11 Di-mairt. Fad an latha, 10u. 7m.
12 Di-ciaduin
13 Dior-daoin. Murt Ghlinn Comhain, 1692
14 Di-haoine. (13) An Solus Ur. 11.59 maduinn.
15 Di-sathairne
16 Di-Domhnaich. Di-Domhnaich na h-Inid.
17 Di-luain. A Ghrian ag éiridh, 7.02.
18 Di-màirt. A Ghrian ag eiridh, 7.00.
19 Di-ciaduin. I latha dhen Charghus.
20 Dior-daoin. (21) Bas an III. Uilleam.
21 Di-haoine. A cheud chairteal dhen t-solus, 5.01, feasgar.
22 Di-sathairne
23 Di-Domhnaich. I. Di-Domhnaichsa Charghus.
24 Di-luain
25 Di-màirt
26 Di-ciaduin. A ghrian ag eiridh, 6.47.
27 Dior-daoin. A ghrian alaidhe 5.41.
28 Di-haoine. An Solus lan, 3.47, feasgar.
29 Di-sathairne. Fad an latha, 11u. 1m.


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[238]

[Vol . 4. No. 30. p. 6]

(Air a leantainn on 3 taobh.)

PAR. —Tha na daoine tlachdmhor gu leoir, ach arson na searmoin

FIONN. Nach do thaitinn i riut? Tuigidh na Gaidheil a nis o gach aite beagan den Bheurla. Tuigidh tusi, dhaon cuid.

PAR. —Cha tuig, Fhionnlaidh, agus is dithis duinn sin, thu fhein, agus mise; ged a bha sinn air amhachair, cha ruig sinn a leas moit a chur as ar Beurla, mar a ni ah-uile peasan a chuir a chas air cabhsair. An saoil thu ged a tha gabhail an rathaid mhoir againn, an tuig sinn searmoin; agus a dh-innse na firinn, cha do choinnich aBheurla sin riamh mi fathasd a dhruigh air mo chridhe. Tha i maith gu leoir ann an gnothaichibh, ach than tubaist oirres achrannaig. Ach on thainig sinn air an t-seanachas, nach donan ceartas a tha sinn afaotainn a mach air a Ghallachd, nacheil iad à toirt, duinn teagasgs achanain athuigeas sinn. Is ard, ladarna a labhras na Gaill mur faigh iad Beurla againn, ach féuch co bheir Gaidhlig dhuinn, ’n uair theid sinn a mach?

FIONN. —Chan ionann idir an da ghnothach d a cheile; ach gun an seanachas a leantuinn nis faide, abheil iomradh idir agad air an tuath chneasd a chunnaic sinn, ah uile fear dhiubh mar mhinisteirn a theaghlach, co ciallach, stolda nach ceadaicheadh facal ard no olc sam bith man timchioll? An do leig thu air di-chuimhnan duine beannaichte sin, Mr . Ponton,a thug dhuit an leabhar math sin a thagad air do shiubhal; agus a liugha earail agus comhairle mhath a thug e ort am fads a bha thun a theaghlach? Caitam faigheadh tu a leithid ad dhuthaich?

PAR. —Tha iad ann, agus tha dochas agam gur ann an lionmhoireachd a bhios iad adol. Bha esann a dhuine cneasda, gu dearbh; bfhearr leam mo shaothair a thoirt dha air a leth-luach na do dhaoineile air an lan thuarasdal. Mo bheannachdn a chuid, ’s na chuideachd!

FIONN. —Mar sin. ’S mi than a chomain; ma chuireas mi duine-cloinne am feasd gu Galldachd, ’s annn a rathad a stiuras mi iad. Na paisdean bochda, ’s eiginn a bhi as mo shealladh uair no uaireigin. Thainig sinn air a cheile a nise a ghoistidh. Tha uainn a bhicadal. Oidhche mhath dhuit!

PAR. —Mar sin duitis, fhir mo chridhe. I. ML.


A Ontario.

Tha sneachda mòr againn bhon thainig a bhliadhnùr a stigh, agus fuachd gu leòir. Tha biadh spréidhe air fás glé ghann, agus tha iad atoirt moran fodair a nios as na mòr-roinnean iosal. Tha baile Durham, deich mile bhon bhaile bheag so, agus tha cho math ri leth-cheud lòd sleighe afalbh as a bhaile sin na h-uile latha bho cheann mios, eadar fiar, fodar, prann, agus biadh brist dhe gach seòrsa. Cha mhor gu robh mir bidh aca dhan cuid cruidh deich mile tuath air Durham mu bhliadhnùr, agus tha e gle chunnartach, an deigh dhaibh an toirt troimhe cho fada, gum bàsaich iad air moran mun tig an samhradh. Tha tunna fodair a creic bho dheich dolair gu aon dolair deug; fiar sia dolair dheug gu seachd dolair dheug an tunna: agus an corice 22c. us 23c am buiseal. Tha an coirce saor gu leòr, ach tha iad ag radh nach dean beothaichean feum gum bhiadh garbh còmhla ri coirce briste.

Tha gu leòr de bhiadhs de dheoch duine anns an àite, ’sair uairibh bidh daoinegabhail barrachd dhen deochsa thig rin slàinte. A thuilleadh air na thatar acursan deoch làidir tha daoine anns gach àite acosg airgeid ann am moran de nithean anns nach eil a bheag a dhfheum, mar tha ti, siucar, agus gu seachd sònraichte, an tormbaca. Chan eil mi faicinn feum cruthaichte do dhuine ann a bhi cur toite á piob. Chuala mi fear ag innse sgeòil uair mu sheana bhean chòir a bha gle throm air a bhi toiteadh na pioba. Bhruadar i aon oidhche gun do chaochail i, agus gun deach agiùlan suas gu geatachan an ionaid naoimh. Bhuail i aig an dorus; thainig an dorsair a mach gu grads dhfheòraich e ciod a baimn dhi. Dhinnis i dha, ag radh gu robh a h-ainm air an leobhar, nan rachadh e arannsachadh. Dhfhalbh an dorsair, agus an ceann tiotadh beag, thill e, ag radh nach dfhuair e a h-ainm idir. Thuirt a bhean ris gu robh dearbh chinnt aice gu robh a h-ainm air an leobhar, agus chuir i impidh air falbh air ais agus rannsachadh gu cùramach agus gu faigheadh e a h-ainm. Rinn e mar a dhàithni air, ach thill e mar a rinn echeud uair gun a h-ainm fhaotainn. “Och,” ars ise, “seall aon uair eileRinn e sin, agus an treas uair thill e le aoibhneasna ghnùis ag radh,— “Feumaidh tu mo leisgeal a ghabhail; fhuair ni dainm gu fada shios air deireadh na duilleig, agus e air a dhubhadh cho mor le toit tombacas gur h-ann air eigin a rinn mi mach e!”

Bha mileughadh litirBodachan a Ghàraidhá Alba, an la roimhe, agus gu dearbh thaitinn i rium. Tha mi dol a chur ceist air. an aois a dhfheumas duine bhi mun abrar bodach ris? Cha rud gle mhodhail a bhiga radh ri duineile, achnuair a their duine ris fhèin e, chan eil e cho mi-mhodhail idir. Cluinnidh mi moran de dhoigridh, agusse bhios aca air an athairs air am mathair, ambodach” ’sachailleach.” Nach mor an t-eas-urram a tha na h-ainmeannan sin a nochdadh. Tha iad da-rireadh mi-mhodhail, agus cha bu chòir air chor sam bith a bhigan cleachdadh le cloinn an àm a bhi bruidhinn mum pàrantan.

Tha eagal orm, a dhuine chòir, gu bheil sibhg ur sgitheachadh le bhi toirt moran dhuibh ri dheanamh us beagan air a shon. Tha mi dol a dhfheuchinn an ath uair a sgriobhas mi, ri litir as fhearr a chur ugaibh. Ni mi mo dhichioll air a Ghàilig a chumail suas mar is urrainn mi. Oidhche mhath leibh an dràsda; tha e faisg air da reug, agus than t-àm aig gach duine bhina leabaidh.

IAIN MACILLEASBUIG,
Priceville , Ont., 20, 1, ’96.


MacDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;



[239]

[Vol . 4. No. 30. p. 7]

Na Seann Ghaidheil.

Chaneil eachdraidh chinnteach againn a dhearbhas gu soilleir cia as a thainig na Gaidheil. A reir coslais, thriall iad air tus o thir Armenia troimh chomhnardaibh Asia thairis don Roinn-Eorpa aig am cho fada o shean agus nacheil cunntas air bith ann an eachdraidh muthimchioll. An deidh sin sgaoil iad air feadh na Roinn-Eorpa gu deas agus an iar, gus an do lion iad an Eadailt, aGhreig, an Spainn, an Fhraing agus aGhearmailt. Gheibhear ainmean Gaidhealach anns gach aon de na duthchannaibh sin, ni a dhearbhas gun robh na Gaidheil uaireigin anns an tir. Mar a bha iadsan atriall gus an iar, bha sluagh eile atighinn as an deigh on airden ear, agus bha an ni sog an eigneachadh gu sealltainn a mach air son aitean-comhnuidh nuadh, ’n uair a bha na seann aitean ro chumhang, no air an glacadh leis an luchd-imrich ur a thainig as an deigh. Air an doigh so thriall iad air an adhart gus an do rainig iad taobh tuath na Frainge mu choinnimh Bhreatuinn. As an Fhraing thainig iad a nall do thaobh deas Bhreatuinnoir chaneil astar fada cuain eadar an da fhearann; chaneil an caolas ach mu thuaiream cheithir mile fichead air leud, —uime sin bhiodh e furasda gu loir dhoibh tighinn a nall ann an curaichibh mar a bha aca o shean. Lion iad air tus an earrann sin de Bhreatunn ris an abrar Sasunn air an lathan diugh, agus an sin sgaoil iad gu tuath gus an do lion iad an t-eilean gu h-iomlan. Tha e cosmhuil gum beAlbainnan t-ainm a thug iad air an eilean air tus. An uair a thainig sluagh ur a nall as an Fhraing ris an abradh iadna Cuimrichmar ainm, dhfhag na Gaidheal ceann deas an eilein aca fein. Mheasgaich an sluagh ur so maille ri cuid den t-seann luch-daitich, agus an sin thugadhBreatunnmar ainm air an eilean; ach ghleidh na seann Ghaidheil an sealbh air ceann tuath an eilein agus lean an t-ainm. Albainn air achuid sin deth oir be so an t-ainm a bha air an eilean gu h-iomlan air tus. An uair a lionadh an duthaich le daoinibh, agus a dhfhas i ro chumhang, sgaoil iad a mach gu Eirinn agus Manainn agus eileanaibh na h-airden iar, maille ri, Arcamh agus Sealtainn gu tuath. Chaneil e soilleir cuin a thachair an imrich so, ach a reir coslais, feumaidh e bhi corr agus coig no s acheudan bliadhna roimh ar Slanuighear, oir, an uair a thainig Caesar thairis do Bhreatunn, bha na Cuimrich suidhichte anns an tir, agus fhuair Agricola ceann tuath an eilein air a lionadh leis na Caledonaich aig an robh bailtean-mora daingnichte agus armailtean lionmhor sluaigh air son cogaidh. Mar so chi sinn gun robh na Gaidheil suidhichte ann an ceann tuath agus na Cuimrich ann an ceann deas Bhreatuinn an uair a fhuaradh a mach an t-eilean leis na Romanaich. Dhfheumadh iomadh linn dol seachad man tachradh na nithean so, agus man rachdadh na caochlaidhean ud thairis air an tir, leis an dthainig i gu bhi air a suidheachadh mar a bhi i an uair a fhuair na Romanaich a mach i.

An uair a sgaoil na Gaidheil air feadh na tire, bha iad air an roinnn an fineachaibh agusn an rioghachdaibh mar a bha cinnich eile. Tha Homer, am bard Greagach ag innseadh dhuinn gun robh moran de rioghachdaibh beaga agus de righribh anns aGhreig; bha na Canaanaich ri linn Iosua air an roinnn am fineachaibh, agus a righ fein aig gach fine; agus bi an aon doigh riaghlaidh a bha anns an Fhraing, ’s an Eadailts an Spainn agus anns aGhearmailt, aig an am sin. Bha na righreans an am sin cho lionmhor ris na diucaibh agus ris na h-iarlachan air an lathan diugh. Tha na Seanachaidhean ag radh gun robh seachd righrean am measg na cuid sin de na Gaidheal ris an abairteadh naPictich.” Bha, mar an ceudna, moran righrean agus fhineachan am measg nan Deas-Bhreatunnach an uair a thainig Caesar. Cha robh tuilleadh ughdarrais no cumhachd aig na righribh so na bha aig na cinn-fheadhna Ghaidhealach o chionn tri no ceithir de cheudaibh bliadhna air ais. Ged a bha an tiodal, righ, aca cha bionann cumhachd righ aig an am sin agus righrean an lathan diugh. Air uairibh rachadh na righrean so ann an co-bhoinn ri cheile fo aon ard-righ mora bhan a cheannard air cach, mar a thachair ri linn Chalgaich a bha acogadh ri Agricola agus na Romanaich aig aGharbh-mhonadh.

D. B. B.


CATHAIR FHIACHAILBuinidh a chathair as fiachaile thair an t-saoghal an diugh don Phàp. Tha achathair air a deanamh air airgead, agus is fhiach i da fhichead mile dolair. Chuireadh chathair so ga ionnsuidh mar ghibht le bancair beairteach a mhuinntir nan Stàitean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.



[240]

[Vol . 4. No. 30. p. 8]

ORAN

Do Bhàta dam bainm Struilleag; leisa CHUBAIR CHOLACH.

FONN.— “Gur h-i bean mo ghaoil an Spainnteach.”

Struilleag.

S misetha dheth tùrsach, cráiteach;
S fadan sos a bhágh leam fhin mi.
Chaneil duine nach tug cùl rium,
Dhfhàg an Cùbair mi air di-chuimhn’.
Seadh, geds iomadh la de mshaoghal
Sheol e mi fo aodach iosal.—
Och mo chreach; gur truagh ra smaointinn
Nach h- ’eil suim de mshaothair dhileas.

An Cubair.

S gòrach dhuit a bhi ri tuireadh,
Chan eil culaidh s an Roinn-Eorpa
A gheibh chu no meas bho dhuine
N uair a sguireas i de sheoladh.
Tàirnidh mise suas gu traigh thu
Dhfhaighinn bais, am bagh na smeòraich
Tha min dùil gu bheil thu paidhte
Airson gach a shnamh thu dhomhsa.

Struilleag.

Chan in aois a rinn mo lagadh,
Ach thusAlastair, ’bhi sporsail;
S a bhidol an dèigh te eile,
Gus an deireadh a thoirt domhsa.
Bfhearr dhuit na teannadh ri cailich
A bhi leanachd ri dshean-eolas.—
Till riums bheir sinn sgriob am bliadhna
Don chuan shiar a dhiarraidhn Toisich.

An Cubair.

Fuirich gus an tig an t-earrach
Agus fanaineachd na h-aimsreach,
S bheir sinn turas eile fhathast
Dhiarraidh bathair air na seann-Ghaill.
Mur-a dùblaich thun Roinn-Ileach
Air bheag sgios le aiseag sabhailt’,
Tairnidh mi air chreig aìr tir thu,
S cha toir mi gu d[ ? ] lamh ort.

Struilleag.

Chan eil cùram orm an t-slighe
Tha thu bruidhinn oirresheòladh.
N cuimhne leat an latha dhfhag sinn
An traigh bhan an Innis-Eòbhainn.
Tha min dùil nach gnothach amaid,
No gniomh caile nach dfhuair eòlas,
Rinn min latha sin. —A chlisgeadh
Chuir min Dubh-Iortach fo msgòdaibh.

An Cubair.

Faire, fairen cluinn sibh Struilleag?
Tha i uile air dol gu bòilich;
Tha i toirt di féin gach urraim,
Gun ghuth air duinebha còmhl rith’,
Nach mi fhin a bhag ad stiùradh,
S tu air chùl nan tonnan mòra.
Ged is tusabhag an reubadh
S ann bhuamsa, ’s gach ceum, bha deòlas.

Struilleag.

Ged is tusthug mi á Eirinn,
Bu mhaththillinn féin air meòlas.
S math a dhaithnich min Roinn-Ileach,
S rinn mi direach aìr Muldònach.
N uair a chrom an ceò gu dùmhail,
Leag mi mo chùrsair ceann Shòaidh,
Thug mim mach mo chala gnathaicht
S dhacharaich mi aig bagh na smeòraich.

An Cubair.

Na creidibh facal deseanachas;
S ann tha boil-mhearaichinn na h-aoisoirr’:
Chan fhaca mi latha riamh i
Nach feumadh i miasg a taomadh.
Cha ghabhadh in rathad dìreach.
Mar-a ciosnaichinn le taod i.
S co-dhiubhiodh ann fiath no séideadh,
Cha deanadh i feum le aodach.

Struilleag.

N cuimhne leat an latha duaichnidh
Dhfhàg thu Loch-a- Tuath le spòrs leam?
Cha robh batabhas an tional
Nach robh gearanach gu leòir air.
Theap thu mo chur ann am bhreislich
Eadar Freasalans ceann Shòaidh.
Tha min dùil nach robh mi leisg dhuit
S tug am ghreasad thar nam bòchd-thonn

An Cubair.

Tha mi cuimhneachadh mar bha e:—
N tusa bata ban aChùbair?
S iomadh turas math a rinn thu;
S cha dfhuair mi riamh foill ad ghiùlan.
Ged leig mi thu greis air di-chuimhn
Tillidh mi le mchrìdhas ùr rìut,
Cha leig sgreathadh air tìr
Le do ghìomh: bu mhòr an diùbhail.

Tha a Choille Ghrnamach, an t-òran a bha ri leantuinn on àireamh mu dheireadh air a dhùmhlachadh a mach as an aireamh so le cion aite dha. Gheobhar e anns an ath aireamh.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.

titleIssue 30
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 30. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page