[241]

[Vol . 4. No. 31. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 8, 1896. No. 31.


AN T-EASBUIG SELWYN.

Feumaidh mi tuilleadh a chantainn mu na Maories mun tòisich mi air innse mun Easbuig Selwyn; gun sin a dheanamh, cha bhi eachdraidh an easbuig cho furasda h-innse. Dhinnis mi cheana mu na Maories, gu robh iad nan daoine làidir, deante, agus neo-chumanta tapaidh, agus glensda air son sealltuinn an deigh an gnothuich féin. Tha comunn ann an Lunnainn. “Luchd-dion nan Innseanach agus nan daoine dubha,” a tha deanamh an uile dhichioll air na Maories agus daoine fiadhaich eile a challdachadh. Bha ceud luchd-àiteach Bhreatuinn nan daoine mòra fiadhaich, itheadh a chéile mar bha Maories. Le bhi air an co mheasgachadh le sluagh dhùthchannan eile dhfhàs na Breatunnaich nan sluagh foghainteach mar tha iad an diugh. Co aige tha fios nam biodh na Maories air an calldachadh, nach tigeadh iad gu bhi nan sluagh tuigseach tapaidh, mar an ceudna? ’Nuair a thainig na daoine geala don dùthaich an toiseach, bha na Maories cha lionmhors gu feumadh iad a bhi glé sheòlta air son a bhi sitheil riutha. Bha marsantan, daoine inbheach eile, agus iasgairean nam mucan-mara agabhail còmhnuill anns an dùthaich gun bhacail sam bith. Seòladairean agus daoine bochda eile, bha na Maories ag itheadh! Bha iad a faicinn feum air na marsantan, bha tlachd mòr aca dhen cuid bathair, ach cha robh iad afaicinn feum idù anns na daoine bochda, agus mar sin bha iad adeanamh feum dhiubh! Bha na marsantan agus an fheadhain eile a gabhail mhnathan de na Maories thuca féin, agus, ’nuair a thainig an luchd-teagaisg, agus an t-Easbuig Selwyn am measg chàch, thug iad a h-uile misneach dhaibh na pòsaidhean sin a chumail air adhart, an dùil gum biodh an sliochd ni bfhearr na Maories féin. Ach cha do thionndaidh an sliochd sin a mach cho mathsa bha iad an dòchas. Tha cuid de na leth-chaistich(half-castes)nan daoine measail, ach tha chuid as dhiubh air atharrachadh sin, lan den olc. Thug iad bhon aithrichean geala gach droch bhuaidh a bhorra, agus cha dthug iad math sam bith bhom màthraichean dubha. Tha na boirionniach leth-chaisteach gle bhriagha, agus tlachdmhor, ach chan eil iad idir cho maths bu choir dhaibh a bhi. Agus le innse na firinn cha dthug na daoine geala eiseamplair a bfhearr dhaibh.

Thàinig an t-Easbuig Slewyn don dùthaich anns a bhliadhna 1842, ’s e air ùr shuidheachadh mar easbuig ann an siorrachd Auckland, agus an eileanan a chuain mhòir far an robh luchd-teagaisg na h-Eaglais Shasunnaich a saoithreachadh. Dhionnsaich e cainnt nam Maories air a thurus a mach á Sasunn, agus labhair esa chainnt sinsa cheud shearmon a rinn e an deigh dha tighinn air tir! Bha e na dhuine gle laidir. Nuair bha e na dhuinóg adol dhan sgoil, bha e na ghaisgeach air snamhs air iomradh bata, air thoiseach air gach aon de chompanaich ann an neart, agus ann an gleachd no an stri de sheòrsa sam bith, cha robh duine dhiubh a chuireadh a dhruim ri lar. Bha neart inntinn aige còmhla ri neart cuirp, agus bha e lan fhreagarrach air son an t-suidheachaidh a thugadh dha. Bha soitheach beag aig an eaglais air son a bhi cur cuairt air na h-eileanan, agus bhiodh an t-Easbuig a falbh oirre bho àite gu àite. Bha ena dheagh sheòladair; ghabhadh e riaghladh an t-soithich na lamhan féin, agus dhfhenmadh an sgiobair agus gach duine bhiodh air bòrd a bhi gle umhail dha. Bhiodh eg obair air bòrd mar dhuine sam bith eile den sgioba, cas-ruisgteglanhadh clar-uachdar na luinge le sguabaich, agus aglanadh ùrlar an t-seòmair aige fein gun a bhin eiseamail sgalaig no duineile. Bhiodh e taghall air eileanan air an robh daoine fiadhaich, fuilteach, agusnuair nach burrainn bàta dhol air tir ghabhadh e an snàmh. Chumadh e treis de sheanchas ris na daoine gun eagal sam bith aige rompa. Bha inneal aige air a dheanamh de dhfhiodh aotrom, air son a cheangal ri bhroilleach gus e féin a dhion bho na creagan corrail a tha glé lionmhor agus glé bhiorach anns na h-uisgeachan sin. Bha i air a deanamh air cumadh toiseach bàta gus e bhi furasda dha dhol troimhn uisge leis. Thainig aon uair, deasbud eadar e-fhéinsan sgiobair, an sgiobair adiùltadh ni a dhiarr e air a dheanamh. “Mur-a dean, bheir misort,” ars an t-easbuig, agus le sin rinn e greim air an sgiobair, ’s am priobadh chuir e a dhruim ri clàr na luinge. “De do bheachd orm a nis?” ars esan. “ ’Si mo bharail,” ars an sgiobair, “gur-a duine tapaidh thu ach gur-a donas easbuig thu.” An deigh cuairt a chur air na h-eileanan, rachadh en sin troimhn tir-mhor, ataghal anns gach àitesan robh gin, den eaglais aige. Bhan dùthaich garbh, gun rathad mor no drochaid, ach bha esan làidir, agus shiùbhladh e gun stad, air uairean a marcachd, ach mar bu trice dha chois. Cha chuireadh amhainn sam bith bacadh air, shnàmhadh e troimpe! Bhiodh na h-uaislean gu tric a toirt cuiridh dha gu latha no oidhche chur seachad còmhla riutha, ach cha rachadh e ceum bhar a dhleasanais air son a h-aon dhiubh. Aon uair thainig an oidhche air aig tigh duine bochd, a mach air an dùthaich. Cha be bhochduinn gu leir bu choireach, ach cha robh greim bidh a stigh aig an àm. Ach bha poca de chôrn aig an easbuig a bha egiùlan air son an eich. Thugadh lamh air a sin, rinneadh min air le muillean bheag iaruinn, a bha gle phailts an am sin, agus mar sin bha aca na chuir seachd an oidhche dhaibh. Bha an t-easbuig cho toilichte le sins ged a bhiodh am biadh a bfhearrs an dùthaich aige.

IAIN ROTHACH.



[242]

[Vol . 4. No. 31. p. 2]

SEANN SGEULACHD.

(An Gaidheal, 1874.)

Mun bhliadhna 1430, thainig tighearna Aird-ghobhar air sgriob do Raineach, agus phos e nighean do thighearna Shruthain, ceann-cinnidh Chloinn-Donnachaidh. An uair a thug fear Aird-ghobhar a bhean leis guchaisteal fein, chuir fear Shruthain coignear ghillean sgairteil maille rinighinn, a bhan an cairdean dileas dhi, agus anns am feudadh i a h-earbsachur am measg choigreach. Thug uachdaran Aird-ghobhar seilbh fearainn don chuignear oganach sin dluth da aite-comhnuidh fein, agus rinn e gach nin a chomas chum gun soirbhicheadh leo. Bha iad measail aig muinntir Aird-ghobhar, air sgath na baintighearna don robh mor speis aca; agus chaneil teagamh nach gabhadh iad fein agus an sliochdn an deigh, comhnuidh air fearann Aird-ghobhar mur be mar a thachair. Bha gach aon den choignear a chaidh o Raineach, treun agus gaisgeil, ach thug am fear bu lugha dhiubh barrachd air cach uile, do thaobh gaisgagus tapachd, agus gu sonruichte do thaobh a theomachd euchdaich le bogha agus le saighead. Be Alasdair Beag Mac-Dhonnachaidh a bainm don oganach ealanta so, agus cha bfhada gus an do dhuisg a luth-chleasan, eud agus gamhlasn a aghaidh ann an cridheachan luchd-leanmhuinn Aird-ghobhar.

La de na laithean, dheirich connsachadh eadar Alasdair Beag agus oganach sgiamhach eile de mhuinntir Aird-ghobhar. Chaidh na fir am fionnsgan acheile, ach cha bfhada gus an do leag Alasdair Beag an t-oganach gun deo air an raon! Cha deanadh fuireach feum tuillebeigin do Mhac-Dhonnachaidh am fireach a thoirt air gun dail sam bith. Thug e na buinn as air ball, agus cha do ghabh e tamh, no fois, gus an drainig e a cheann-feadhna euchdach agus cruadalach fein, “Ian Dubh Gearr,” no mar a theireadh cuid ris, “Ian Dubh nan lann,” a bhagabhail comhnuidh ann an Gleann-Duibhris an abrar a nis Gleann-Liobhainn. Dhinnis e don treun-laoch Iain Dubh mar a dheirich dha an Aird-ghobhar; agus thubhairt Iain ris, “Chan eagal duit a Mhic Dhonnachaidh, gabh fasgadh fom sgeith-sa, agus ma thig mac mathar o Aird-ghobhar a chur draghort, cha teid e dhachaidh a dh-innseadh a sgeoil.”

Fagaidh sinn a nis Iain Dubh agus Alasdair Beag ann an Gleann-Liobhainn, atighinn air an gniomhara gaisgeil fein fa seach, agus theid sinn ler sgeul, car tamuill bhig gu Srath-ghlais ann an Siorramachd Inbhirnis.

Air la araidh bhan Siosalach, uachdaran Shrath-ghlais, agus buidheann thaghta maille ris, a mach asealgaireachd air feadh nam beann. Air dhoibh a bhi air an sarachadh le siubhal nam beann chaidh iad a steach, aig cromadh an anmoich, do bhothan bantraich thruaigh a bha ri taobh an rathaid, agus, gun a cead iarraidh, mharbh agus dhith iad an t-aon laogh a bha air a seilbh. Co a thachair a bhi stighs an am ach duine bochd o Ghleann-Liobhainn a bhasiubhal o aite gu aiteg iarraidh na deirce. Cha robh na cuisean acordadh ris an duine bhochd air chor sam bith, agus thoisich e ri bhi cur dheth agus agearan. Thionndaidh an Siosalach agus thubhairt e, “Ciod a tha cur ort a bhodaich leibidich, dhranndanaich?” “Chaneil abheag (deir an duine bochd,) ach tha fios agam air aon ni, ’s cha bhinn leat a chluintinntha fios agam far nach biodh a chridhe aig an t-Siosalach e fein a ghiulan mar a rinn es abhothan so.” Las an ceann-cinnidh uaibhreach le corruich, agns thubhairt e, “Innis domh a bhodaich dhona cait nach biodh a chridhe agamsa mo thoil fein a dheanamh?” “Is soirbh an ni dhomhsa sin a dheanamh (arsam bodach,) oir ann an duthaichIain Duibh nan lann,’ dhfheumadh tu a bhi umhal.” Mhionnaich an Siosalach gum biodh dearbhadh aige-san air sin mun rachadh moran laithean seachad.

Thuig an duine bochd nach biodh cuisean reidh; agus cha do chaill e uine sam bith gus an drainig eIain Dubh nan lann,” agus gus an dinnis e dha focal air fhocal mar a thachair. Fhuair Iain Dubh coire mhor don duine bhochd air son a luathas-teanga, ach thug e maitheanas da, agus thoisich e air gach ni a dheanamh deas air son teachd an t-Siosalaich.

Cha bfhad a chuir an Siosalach dails aghnothach; oir cha deachaidh seachdain thairis an uair a bha fir Shrath-ghlais, agus an uachdaran air an ceann air fraithibh Ghlinn-Liobhainn.

Bha freiceadan aig muinntir aghlinne a mach agabhail beachd air gach bealach, agus chunnaic iad na tuathaich naimhdeil atarruing am fagus.

An uair a roghnaich an Siosalach aite-taimh freagarrach air a shon fein agus air son a cheatharnaich, chuir e teachdaireachd a dh-ionnsuidh Iain Duibh, ag innseadh dha cuirm a bhi deas aige air son beagan cuideachd a bha teachd a dh-amharc air on Airde-tuath,— “agus mar bi,” arsan Siosalach, ach cha dthubhart e tuilleadh.

Fhuair Iain Dubh an teachdaireachd agus thuig e gu ro mhaith a seadh. Ghrad chuir e fios air ais gum biodh gach ni deas a bha freagarrach air an son, agus iad a thighinn air an aghaidh gu h-ealamh— “ach ma thigarsIain Dubh, agus stad ean sin.

Thuig na laoich air gach taobh gun robh na cuisean gu bhi garbh, agus air gach taobh rinneadh uidheamachadh air an son. Chaidh na Siosalaich gu faicilleach air an aghaidh, agus bha Iain Dubh Gearr mar gum bann air eutromas le mireadh-chatha chum deannal cruaidh, teith, a thoirt doibh. Bha seachdnar mhac aige, agus bu treun iad. Bha iadn an oganaich co clis agus ealantas a ghiulan riamh iughar agus dorlach. Chaidh ceathrar diubh air laimh dheis anathar, agus an triuir eile air a laimh chli, maille ris an robh mar an ceudna Alasdair Beag Mac-Dhonnachaidh, a bha comharraichten a linn fein air son cuimse a ghabhail le saighead. Theirinn an Siosalach air ceann a dhaoine chum na h-aibhne an uair a bha na Liobhannaich thall fan comhair air an taobh eile. Bha ceann-feadhna Srath-ghlais aireideadh o bharr gubhonn le luirich-lannaich, clogaid agus ceann-bheairt, air chors nach ruigeadh saighead air a leonadh. Bhan latha grianachagus chunnacas gathanna na greine miltean air aster, a dearrsadh mar ghrad bhoisge an dealanaich air armachd nan laoch! Thog an Siosalach a chlogad suas os cionn a shul, agus air amhionaid sin thilg Alasdair Beag saighead a bhuail an clar an aodainn ceannard nan Siosalach. Ghrad sparr an duine leonta a lamh air an lot, agus ghlaodh Mac-Dhonnachaidh, “A Shiosalaich, gheibh thu an t-saighead air do chulthaobh;” ach bhan Siosalach gun chomas freagairtoir thuit e marbh air an laraich! Than taite far an dthug e suas an deo fathasd air a chomharrachadh a mach le cloich, ris an abrar gus an lan diugh, “Clach an t-Siosalaich.” An uair a chaill na naimh-



[243]

[Vol . 4. No. 31. p. 3]

dean an ceannard, threig am misneach iad, agus thionndaidh ied an cul air na Liobhannaich. Chuir Ian Dubh ruaig orra, agus cha dfhagadh mac mathar diubh beo ach am piobaire a mhain. Thugadh cead dasan dol dachaidh a dh-innseadh sgeul a bhroin da chairdean agus da chinneach.

Goirid an deigh sin, thugIain Dubh nan lanna nigheann a mnaoi do Alasdair Beag Mac-Dhonnachaidh, agus tha e airinnseadh gum bheil an sliochd fathasd lionmho anns na criochan sin.

SGIATHANACH.


BEAN AMHISGEAR.

CAIB. I.

Oir thig am misgeir agus an geocaire gu bochdainn.” —Gnath. 23. 21.

Tha eagal ormsa, ’Sheumais, gun dthig thu dhachaidh anochd mar a thàinig thu dhachaidh iomadh oidhche o chionn tri bliadhna. Och, och, is beag a shaoil mi mun do phòs sinn gur h-ann mar so a bhitheadh. Bu mhòr do thlachd air a bhithn am chuideachds an àm ud; ach is fhearr leat a nis, a réir choltais, na feasgair a chaitheamh anns an taigh òsda ag òl an airgid bu chòir dhuit a chur ann an aodachs an caiseart do dchloinn bhig rùigste.”

So cuid de na briathran a labhair bean Sheumais Bhàin rithe fhéins in a suidhaig taobh an teinecàradh aodaichean na cloinne, eadar aon uair deug is da uair dheugs an oidhche. Bhan triùir bu shinne den chloinnn an cadal gu socrach, sàmhach, anns an leabuidh agus bham pàisde a bòigeaois shia mìosan— ’n a shuain chadail annsa chreathail ri glùin amhàthar. Is gann a bha sradag beòs an teine. Bhan gual daor, agus bhan t-airgiod gann. Bha Seonaidoir be so ainm bean Sheumais Bhàincho faicilleachs cho cùramach mun airgiod a bha ifaighinn o Sheumass a burrainn nigheann màthar a bhith. A bharrachd air sin, bha i o a h-òige air a cleachdadh ris gach obair anns am feum bean-taighe a làmh a chur. Cha robh fiach na sgillinn air a chaitheamh, le mi-bhuil, no le scaireap, eadar da cheann amhios. Mar be gu robh so mar so chaneil fhios ciod a bhair éiridh dhi fhéins don chloinn.

Bha Seumas Bàn, ’n a ghille òg cho modhail, measail, deanadach ri h-aon a bhanns an dùthaich, rilinn. Fhuair e comhairlean agus eisimpleirean math oathairs omhathair. Dhionnsuich e glé mhath a h-uile ni ris an dfheuch e. Bha en a shaor-geal cho maths a bhanns an dùthaich. O nach robh pailteas den obair a fhreagradh air aige rifhaighinn anns an dùthaich, thog e air don bhaile-mhòr. Cha robh e tri làitheans abhaile-mhòr an uair a fhuair e obair gu leòr agus deagh thuarasdal. Bha e glé ghlic, agus glé chùramach; agus bha e araon a deanamh cuideachaidh leathairs lemhàthair, agus acur airgiod ma seach air a shon fhein. Cho fads is fhiosrach sinn lean e air an dòigh so fad ceithir no coig de bhliadhnachan.

Bha e fhéin agus Seonaid nigheann Alasdair Ruaidh eòlach gu leòr air a chéile mun dfhàg en dùthaich. Ma bha na bha daoine ag radh fior, bu glé thoil leò a bhith gu math tric an cuideachd a chéile. Cha robh so acur ioghnaidh sam bith air daoine; oir tha, ’s bha, ’s bithidh e nàdurra gu leòr do ghillean agus do nigheannan òga bhith toigheach air a chéile. An déigh dhan dùthaich fhàgail cha do dhi-chuimhnich e Seònaid. Cha burrainnear a ràdh muthimchioll mar a dhfhaoidte a radh mu thimchioll iomadh fir eile, “An uair théid fadon t-sùil théid fad on chridhe.” Ge be àm den bhliadhna anns an tigeadh e dhachaidh a dhfhaicinn a chuideachd dhfheuchadh e ri earrann mhath dhethùine a chaitheamh ann an taigh Alasdair Ruaidh. Mar a tha n seanfhacal ag ràdh, “Far am bi do chràdh bidh do làmh, ’s far am bi do ghràdh bidh do thathaich.”

Le làn thoil an càirdean taobh air thaobh, phòs Seumas agus Seònaid. On a bhah-uile duine ann am beachd gum bu ghille glic, stòlda, deanadach, curamach a bhann aSeumas Bàn, agus on a bha es an ainm gu robh deannan math airgid aiges a Bhanca theireadh iad nam measg fhein gum bfhortanach do Sheonaid nigheann Alasdair Ruaidh gun dfhuair i greim air. Bha Seonaid i fhein glé thoilichte le a crannchur. An uair a fhuaradh gach ni deiseil an déigh na bainnse, dhfhalbh iad don Bhaile mhòr, far an do ghabh iad da sheomar bheaga. Bha cùisean adol lèo mar nach bolc fad corr is da bhliadhna. An sin thòisich Seumas ri frithealadh nan coinneamhan a bhaig cuid den luchd-oibre a bhanns abhaile mu thimchioll àrdachadh nan tuarasdal. An uair a sgaoileadh na coinneamhan rachadh cuid de na fir do na taighean-òsda a ghabhail deur beag mun dealaicheadh iad richeile. Bhiodh a leithid aca ri ràdhs nach tugadh iad guth no iomradh air na taighean-òsda fhàgail gus an iarrta orra dhol a mach aig an aon uair deug. Dh fheumadh iad greis eile de sheanchus a bhith aca mun dealaicheadh iad aig oisinn na sràide. ’Se bhiodh ann gum biodh e suas ri da uair dheug mun ruigeadh fear seach fear dhiubh an taighean fhein.

Acheud oidhche a bha Seumas fada gun tighinn dhachaidh bha Seonaid glé neo-fhoiseilna h-inntinn. Bha i air a clisgeadh gun déirich alltapadh air choireiginn dha. Chan fhaodadh i na pàisdean fhagail leò fhein anns an t-seòmar gu a dhol air a thòir, ged a bhiodh fios aice càite an robh e. Agus ged a bhiodh neach ann aig am fàgadh i achlann bha làn fhios aice gum bu cheart cho math dhi fuireach far an robh i ri dholg a iarraidh air feadh sraidean abhaile.

IAIN.

(Ri leantuinn.)


Na bith tuilleadh is deas gu neach sam bith a ghabhail mar dhlùth charaid. Leig leis achàirdeas fàs suas gu nàdurra mar dhfhàsas a h-uile ni eile. Is e am fliodh, agus na luibhean gun fheum eile, as braise a dhfhásas nam barr a dhfhàsas, nam barr a bheathaihceas duine agus ainmhidh. A h-uile ni as braise a dhfhàsas, ’s e is luaithe sheargas. Is i chraobh dharaich as cruaidhe fiodh, agus is feumaile airson iomadh ni ach is i craobh as fhaide a bheir air fàs is aithne dhuiun. Gabh beachd sònraichte air so.

Na bi tuilleadh is deas gu ni sam bith a ghealltuinn. Cuimhnich gu bheil facal glé chumanta am measg nan Gaidheal a thag ràdh gur fiachan air duine rud a gheallas e. Smuainich uair no dha air co dhiu a théid agad air ni sam bith a thoirt seachad no nach téid. Ni sam bith as urrainn duit a thoirt seachad do dhuine sam bith aig am bi feum air cuideachadh, thoir seachad e. Ach na geall e mur urrainn duit a thoirt seachad.



[244]

[Vol . 4. No. 31. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, FEBRUARAIDH 3, 1896.

Tha caisteal mor, air a dheanamh gu h-iomlan air deigh, air a chur suas ann an Leodville, an Calorado air a gheamhradh so, an caisteal deighe as mo a chuireadh suas riamh. Tha e toirt a mach tri acraichean fearainn, agus chosg e coig mile fichead dolair. Cho luathsa thig beagan blàiths, tuitidh an togalach so as a chéile.

Fhuair sinn litir bhoX. Y. Z.” à Amhuinn Dhennis, nach burrainn dhuinn a chursan àireamh so. Bheir ar luchd-leughaidh fa-near gu bheil acheud chaibideil de sgeul leIain,” don ainmBean a Mhisgear,” anns an àireamh so. ThaIaincomasach air sgeul innse air dòigh a thaitneas ris gach aon a leughas i, agus tha sinn cinnteach gun còrd a sgeul muBhean aMhisgeir,” ri luchd-gabhail a MHAC TALLA air fad.

Tha muinntir nan Stàitean acur anns an òl na h-uile bliadhna, tri dolair dheug ( $13 ) mu chinoneamh gach duine, bean us pàisde thanns an dùthaich. Tha muinntir Bhreatuinn pailt nas miosa na sin, oir tha iad acosg sia dolair dheugsa bhliadhna mu choinneamh gach aon dhen t-sluagh. Ged nach eil muinntir Chanada idir cho stuamas a dhfhaodadh iad a bhi, chan eil iad a cur a leth uiread ann an deoch làidirsa tha sluagh nan Stàitean us Bhreatuinn.


Litir o Chabar-Feidh.

FHIR-DEASACHAIDH: —Bha mi glé dhuilich a bhi faicinn anns an aireamh mu dheireadh a fhuair nu den phaipeir gun do thachair a leithid de thubaisd do ar caraid còirIain,” ach mar thubhairt sibh féin, ’s math nach robh a chuis ni bu mhiosa, agus is math an gnothach gum beil e an comas toiseachadh rithisd air a naigheachdan Gàidhealach a chuir thugaibh, oir is ann da fein is math is aithne sin a dheanamh.

COMUNN GAIDHEALACH LUNNAIN: —Bha ceilidh gasda aig a chomunn so air oidhche Di-sathuirneoidhche chollainn anns an t-seann chunntais. Bha mn chuairt air ceud gu leth de chàirdean a làthair, agus tha e glé mhisneachail daibhsan a tha air ceann a chomuinn a bhi faicinn àireamh cho mor de na Gàidheil a gabhail tlachd anns an obair a tha iad a deanamh. Chuir Mr. Ian Mac Coinnich fàilte air a chuideachd ann am beagan fhacal, agus an sin ghairm e air Mr. Cailean Siosal gu àite fir-an-taighe ghabhail. Rinn Mr. Siosal òraid ghoirid agus an deigh sin chum e an taigh an deadh òrdugh fad an fheasgair. Bha coignear phiobairean a làthair agus mar sin cha robh easbhuidh air ceòl no dannsadh. Le sin agus pailteas de dhorain agus seanachas chaidh oidhche gle thaitneach a chur seachad. Bha gach òran agus òraid anns a Ghàidhlig.

Tha fear eile de phàipeirean-naigheachd na Gàidhealtachd adol a thòiseachadh air Gàidhlig a chlòth-bhualadh gach seachduin, ’s e sin anNaigheachd Ghàidhealachan Inbhirnis. Tha so na chomharradh air gum beil ar cànain asoirbheachadh.

CABAR FEIDH.
Lunnain 21, 1, ’96.


Chaidh duinòg, Alasdair Mac Leòid (mac Ailein) aghoirteachadh gu dona aig anInternational PierDi-ciaduin. Bha eg obair air mullach na laimhrig nuair a thainig tuisleadh air choireign air agus thuit e thairis. Chaidh droch ghearradh a dheanamh air clàr aodainn, agus bhatar an dùil an toiseach nach burrainn da bhi beò a bheag a dhùine; ach tha sinn toilichte chluinntinn nach eil e cho donasa bhatar adeanamh a mach, agus gu bheil e adol gu math nas fhearr. Tha iomadh sgiorradh dhen t-seòrsa cheudna air tachairt mun laimhrig ud o chionn da bhliadhna.

Reicidh D. J. Domhnullach, na thair fhàgail den bhathar thioram, ’s de na soithichean, cho saorsa ghabhas deanamh. Taghail aige.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC:
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[245]

[Vol . 4. No. 31. p. 5]

NAIDHCAHDEAN,

Bha sioraachd Northumberland ann anNew Brunswick,a taghadh fir-pàrlamaid Diordaoin. Fhuair anconservatie, Mr. Rober-son, a stigh. Cha chuala sinn ciod an àireamh bhòtaichean a fhuair e bharrachd air an fhear a bha ruithna aghaidh, an t-Onarach Paruig Mitchell

Chan eil teagamh sam bith, a nise, nach be Wheeler a chuir a chaileag òg gu bàs air an t-seachdain sa chaidh aigBear River:tha a h-uile ni a sealltuinn mar sin, ged nach fhaca duine e ris aghniomh. Tha esa phriosan aca, agus tha e ri bhi air fheuchainn aig cùirt an ùine ghoirid.

Chaochail fear Iain Moriarty anns a choille am Maine o chionn cho’ -la-deug. Bha ena dhuine anabarrach mor; bha e sia troigheans naodh òirlichs tri chairteil a dhàirde, air ceannaibh a stocainnean; bha e da cheuds da fhichead pùnnd a chudtrom, agus bha a neart a réir a mheudachd. Chaidh a thoirt air falbh le fiabhrus. Cha robh e ach da bhliadhndeug air fhichead a dhaois.

Chaidh fear Alasdair Horne, aig Drochaid Horne, am Pictou, a mharbhadh le peilear gunnase na sheasamh aig dorus sabhalathar air am 16mh latha de Dhesember schaidh. Cha dfhuaireadh a mach fhathast co loisg an urchair, agus tha riaghladh Nova Scotia an dràsdatairgsinn duais, coig ceud dolair, do dhuine sam bith a bheir dhaibh fiosrachadh a chuireas air luirg an duine chiontaich iad.

Thainig lathan taghaidh agus dhfhalbh e, agus tha Sir Tearlach Tupper air a chur a stigh. Fhuair e mu achd ceud us fichead bhòt a bharrachd air na fhuair Murray. Bha glé fhaisg air seachd mile bhòt air an roinn eatorra, barrachd morsa chaidh a thoirt seachad aig taghadh anns an t-siorrachd so riamh roimhe. Dhfhalbh Sir Tearlach air a charbadsa mhaduinn Di-ciaduin, agus mun ruig so an luchd-leughaidh, bidh e measg a chàirdean ann an Ottawa. ’Se so taghadh cho ionraiteachsa bha ann an Canada o chionn iomadh bliadhna.

Tha sluagh bochd Armenia a sior fhulang ainneirt an Turcaich, agus cho fadas is urrainn daoine fhaicinn, chan eil fuasgladh faisg orra. Bhiodh Breatuinn gle dheònach air cur as do chumhachd an Turaaich, ach chan urrainn dhi sin a dheanamh gun Ruisia agus a Ghearmailt a bhrosnachadh na h-aghaidh féin, agus chan eil toil sam bith aice sin a dheanamh. Tha fathunn a dol mun cuairt gu bheil Ruisia agus an Tuirc air a dhol ann an co-bhonn ri chéile, agus ma tha sin ceart, chan eil ach an droch choltas air gum faigh na h-Armenianaich saorsa a cheud treis. Ach ged a theid neart thar ceart car ùine, thig an t-àm anns an toir an ceart buaidh.


Iadsan a Phaigh.

Domhnull Mac Illemhaoil, Priceville , Ont.
Dughall Mac Gilleain, Priceville , Ont.
Calum Mac Illemhaoil, Priceville , Ont.
Padruig Crawford, Oldfield . Ont.
Tigh nan Cumantach. Ottawa , Ont.
Iain Mac Thearlaich, Ottawa , Ont.
Murchadh Mac Rath, Ottawa , Ont.
Bean R. A, ’Ic Rath, Brodie , Ont.
A. M. Caimbeul, Aldboro , Ont.
Bean D. Fhriseil, Brucefield , Ont.
Iain Dùghlach, Sowerby , Ont.
H. A. Mac Illemhaoil, South Finch, Ont.
Alasdair Domhnullach, Thedford , Ont.
Domhnull S. MacLeoid, Tolosta , Que.
D. Mac Cuaig, Abbotsford , B. C.
Iain D. Mac Fhionghain, Moosomin , N. W. T.
Niall Seathach, Roseberry , Man.
I. H. Staples, Bruachdryne, Alba.
An t-Urr. A Mac Coinnich, Tomatin, Alba.
An t-Urr. D. Healy, Pierce City, Mo.
Aonghas Mac Aoidh, Providence , R. I.
I. D. Mac Gilieain, Avalon , Cala.
C. C. Mac Fhearghais, San Francisco, Cala.
Bean A. W. Nordling, San Francisco, Cala.
Alasdair Mac Citheagain, Everett . Mass.
Domhnall Mac Rath, Milton , Oregon.
Murchadh Mac Leoid, Beighe Bhaddeck.
Ailein Camaran, Amhuinn Dhennis.
D. H. Mac Cuithein, Port Morien.
Iain Gillios, Sidni.
An t-Urr. I. F. Forbes, Sidni.
Iain Mac Aonghais, Allt nam Breac.
Aonghas Mac Ritchie, Baile-nan-Gall.
D. B. Mac-a- Mhaighstir. Creaganais.
An t-Urr. L. J. Mac-a- Phearsain, Descousse.
Iain Mac-a- Phi, Seana Bhridgeport.
M. D. V. Mac Neill, Xmas . Island.
Bean D. F. Dhomhnullaich, Amhuinn Dhennis.
Calum Mac Gill-fhaollain, Margaree .
Alasdair M. Mac-an-t Saoir, Gabarus .
A. Dùghlach, (Taillear,) Margaree .
Gilleasbuig Peutan, Siudaig Bheag.
Raonull Mac Citheagain, Gut Chatalone,
Raonull Dùghlach, Grand Mira Tuath.
Domhnull Mac Iomhair, Port Morien.
A. J. Mac Gill-fhaollain, B . C. Chapel.
Iain Domhnullach, Ceap Nòr.
Niall I. Mac Neill, Gillis Point East
Iain Dillon, Beighe Mhira
I. F. Murphy Acarsaid Chloinn Fhionghain
M. H. Mac Fhionghain, Gleann-garaidh
Bean Neill Mhoireastain, Salem Road
Micheil Mac Neìll, Xmas Island
An t-Onarach Iain Mac Neill, Mabou
Bean ChoinnichIc Gillinnein, Melford
Donnacha Mac Leoid, Baddeck Mhor
Aonghas Mac Asguill, Rudhan Rothaich,
D. M. Caimbeul, Beinn-nan-Caimbeulach
Iain I. Gillios, Forks Shidni,
Aonghas Og Mac Fhearghais, Framboise
Iain A. Mac Ille-mhaoil, Grand Mira,
Iain D. Caimbeul, Narrows Mhora.
An t-Urr, A, L, Domhnullach, Hawkesbury
D, F, Camaran, Bridgeville , N. S.
D. Mac Neill, Loch na h-Aimhne Deas,
Iain M. Domhnullach, Stellaron .
Seumas Friseal, Alma , N. S. (50c)
Màiri Nic Neill, Iona , C. B. (50c)
A. Mac an-t- Saoir, Catalone , (50c)
D. M. Mac Neill, Xmas Island, (50c)
A. D. Mac Suinn, Glascho, (50c.)
M. A. Nic Eachairn, B . C. Chapel. (50c)
A. Mac Leoid, Allt-nam-Breac, (50c)
Iain M. Gillios, Rona , P. E. I. 25c
A. M Mac Neill, Iona , C. B. 25c
I. A. Siosal, Glace Bay. 25c


FEBRUARAIDH, 1896.

1 Di-sathairne. (2) Blar Inbher-Lochaidh, 1645.
2 Di-Domhnaich. IV Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
3 Di-luain
4 Di-màirt. Rugadh Robert Peel, 1788
5 Di-ciaduin. An cairteal mu dheireadh dhen t-solus, 8.24, feasgar.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine. A Ghrian ag eiridh, 7.17.
8 Di-sathairne. A Ghrian alaidhe 5.11.
9 Di-Domhnaich. V. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
10 Di-luain
11 Di-màirt. Fad an latha, 10u. 7m.
12 Di-ciaduin
13 Dior-daoin. Murt Ghlinn Chomhain, 1692
14 Di-haoine. (13) An Solus Ur. 11.59 maduinn.
15 Di-sathairne
16 Di-Domhnaich. Di-Domhnaich na h-Inid.
17 Di-luain. A Ghrian ag éiridh, 7.02.
18 Di-màirt. A Ghrian ag eiridh, 7.00.
19 Di-ciaduin. I latha dhen Charghus.
20 Dior-daoin. (21) Bas an III. Uilleam.
21 Di-haoine. A cheud chairteal dhen t-solus, 5.01, feasgar.
22 Di-sathairne
23 Di-Domhnaich. I. Di-Domhnaichsa Charghus.
24 Di-luain
25 Di-màirt
26 Di-ciaduin. A ghrian ag eiridh, 6.47
27 Dior-daoin. A ghrian alaidhe 5.41.
28 Di-haoine. An Solus lan, 3.47, feasgar.
29 Di-sathairne. Fad an latha, 11u. 1m.


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[246]

[Vol . 4. No. 31. p. 6]

Litir a Strath-Alba.

A CHARAID IONMHUINN: —Faidh anns an litir so da dhollar bho dhithis dhaoine còire a tha car socharach iad fhéin gu sgriobhadh ad ionnsaidh, ach a tha nam fior chàirdean duit air son sin. Cha mhaith leo deanamh as aonais MHAC-TALLA, agus fhadsnach cosg e ach dollar, mo làmhsa gum bi e aca.

Chaneil moran naidheachdan agam duit aig an àm so. Tha geamhradh briagha againn a dhionnsaidh so. Cha dàinig fuachd mor fathast. Chan eil sneachda domhain againn ach tha gu leòr ann gu rathaidean matha a dheanamh. Tha roinn den t-sluagh a gearain cnatain agus tinneasan den t-seòrsa sin. Ach chan eil tinneas gabhaltach air bithn ar measg. Gidheadh chan eil am bàs na thàmh anns an tir. “Tha seanus òg a dol sios don uaigh.” Chaochail nàbuidh gasda dhomh bho chionn ghoirid Ailean Màrtuin, Mac Alasdair Mhic Ailean, á uige, ’s an Eilean Sgiathanach. Thainig Alasdair Màrtuin don dùthaich so anns a bhliadhna 1830. Thog e fearann anns an sgire so far an drinn e dachaidh sheasgair da fhéin agus da theaghlach. Bha e measg a cheud fheadhainn a thùinich anns a phàirt so don eilean. Chaochail Alasdair Màrtuin bho chionn còig bliadhna. Bha e ceithir fichead bliadhnasa seachd aig àm a bhàis. Bha e thaobh amhathar càirdeach do Chaimbeulaich Uige. ’Si Màri nighean Eoghann Chléirich bu mhàthair dha. Thuinich Alasdair mar thuirt sinn anns an sgire so. Be Ailean an t-aon mhac a dhfhan maile ris air an àite agus mar sin a fhuair fearann agus dachaidhathar. Bha teaghlach mor aig Ailean. Bha e na bhantraich bho chionn àireamh bhliadhnachan, agus a nis tha e fhéin air a thoirt air falbhs tha chlann bhochd air am fagail gun athair gun mhàthair aca chum cùran a ghabhail diu. Ach chan eagal daibh ma chuireas iad an dòchas anns an Ti agheall a bhi na athair do na dilleachdain.

N uair thréigeas mathair mi gu tur
S mo mhàthair fàs faraon
Do ni an Tighearna an sin
Mo thogail suas gu caoin.

Chuir bas Ailean Mhàrtuin mulad air iomadh aon anns a sgire so. Bha e da fhichead bliadhnas a h-ochd deug a dhaois.

Thuirt sinn nach dthainig fuachd mor air a gheamhradh so, achs cinnteach gu bheil e dhfheithibh oirnn fathast. “Cha dig fuachd gun tig earrach.” Ach nuair thig e tha sinn ullaichte air a shon. Tha sinn nar cairtealan geamhraidh, connadh again air son teine, agus biadh gu leorsan tir air son duine agus ainmhidh. Chan eil eagal gorta no lathaidh oirnn mar tha air na h-Armenianaich bhochda. Gaidheadh tha moran againn gearains tha sinn an dùil gu bheil na h-aobhair againn. Ged tha pailteas anns an tir chan eil fèill, ach gann, air ni sam bith. Tha mar sin airgiod gann agus duilich a dheanamh. Chan eil e mar sin soirbh don duine bhochd a chreideas a sheasamh.

S taitneach na litrichean a thr thu toirt dhuinne á Alba, Sasuinn, New Zealand, agus iomadh cearn eile. Cumadh na càirdean ud air aghaidh atoirt dhuinn iomradh air cor nan Gàidheal anns gach àite anns am beil an còmhnuidh. Moran taing duit fhéin agus daibhsan a tha cho cuimhneach air sgriobhadh adionnsuidh.
C. C.
Strathalba E. P. I., Ian. 27, ’96.


CAIRDEAN NA GAILIG: —Tha caraide don MHAC-TALLA a tha fuireach ann am fear de bhailtean mora nan Stàitean ag radh ann an litir a chuir e ugainn, gur h-aithne dha moran de Ghàidheil a tha gabhail orra fein gu bheil meas mor aca air cainnt an atharsam màthair, ach an deigh sin nach dùraig iad dolair a thoirt seachad air son cumail suas na cainnte sin ged is i as fhearr a thaca. ’S duilich leinn a radh gur h-aithne dhuinn féin mòran dhen cheart sheòrsa sin, agus chan eil toil sam bith againn tuilleadh eòlais a chur orra. Chan eil sinn a meas gur càirdean don Ghàilig iad idir.

Ann an Sina, nuair a bhithear air son corp duine a ghleidheadh, theid a chur ann an ciste mhòir, agus ti thioram air a dhinneadh uime. Tha e air a radh gun gabh corp cumail air an dòigh sin, fad àireamh mhor bhliadhnaichean. ’Se ar barail nach cuala moran de luchd-òl na ti iomradh air aso riamh roimhe, ’s theagamh gum bu cho math le cuid dhiubh gun a chluinntinn an dràsda fhéin.

Is fhearr teicheadh math, na droch fhuireach.


A Framboise,

Ged a tha còmhdach math sneachda air an talamh, chan urrainn sinn a ràdh nach robh na thàinig den gheamhradh anabarrach briagha. Cha robh de reathadh againn na dhfhag na deigheann an dad a bharrachsa bhi sàbhailte ngabhail fhathast ach mur tig fuachdsan fhaoileachs dualach, gun tigsan earrach.

Chaidh sàcramaid na suipeir a fhrithealadhsan àite so air a cheud sàbaidh dhen bhliadhna so. Thòisich an t-seirbheis di-sathaìrne, acriochnachad di-luain. Bha àireamh mhath sluaigh cruinn ach bhiodh barrachd ann mur a be gu robh an t-òrdugh ceudna aig Grand River aig an aon àm.

Tha Mr Hooper an duil an soitheach ùr a tha etogail a bhi deiseil gus a cur air sàl toiseach an t-samhraidh. ’Si so an coigibh soitheach deug a thog e, agusse ar barail gur h-i aon cho bòidheachsa thog e fathast. Tha i gu bhiruith eadar na cladaichean so agus Halifax.

Ged a dhfhaodas smachachadh an fhreasdail a bhi a chum ar leis, gidheadh bidh e air uairean cruaidh air fuil air feòil, gu h-àraidnuair a chi sinn ar càirdean as dillse gan gearradh air falbh leis a bhàs. Air an naothamh latha deug den mhios so, chaochail Peigi, bean DhòmhnuillIc Leòid, (Domhnull Mac Dhòmhnuill òig) an deigh dhi bhi tinn ach òine glé ghoirid; bhà i na boirionnach glic tuigseach aig an robh meas nan uile chuir riamh eòlas oirre. Dhfhag i fear agus teaghlach mòr na déigh ach ged a thug a bàs beàrna mhòr anns an teaghlach nach gabh am feasd a bhlair a lionadh, tha sinn ag altrum dòchas gu bheil i lionadh àite anns an teaghlach sin anns nach cur bàs am feasd dealachadh. Bha i da fhichead bliadhna sa dha a dhaois,

CEANN LIATH.
28, 1, ’96.


Aig pòsaidhean Iùdhach, tha a bhean air acur na seasamh aig laimh dheis an duine, nuair a bhios iad air an stòl-phòsaidh. Am measg gach sluaigh eilesann air làimh chli an duine a bhios a bhean am feadhsa bhitheargam pòsadh.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[247]

[Vol . 4. No. 31. p. 7]

An Obairna h-am.

Than duine as glice bha riamh air an t-saoghal ag ràdh gu bheil àm ann air son gach ni fon ghrein. On a tha so sgriobhta anns aBhiobull is ainneamh neach a ghabhas air fhein a dhanadas a radh nach eil e fior. Ach tha mòran ann a tha nochdadh gu soilleir len caitheamh beatha, agus len giùlan nach eil iad a toirt creideis no geill sam bith do bhriathran an duine ghlic. Is ainneamh leo car oibre a dheanamh aig an àm cheart. Tha da dhòigh ann air am faod muinntir a dhol cearr anns an ni so. Faodaidh iad teannadh ris an obair roimhn àm cheart, faodaidh iad gun teannadh rithe gus an teid e thar an ama. Mar is trice tha sinn adol cearr ann a bhi leigeil leis an obair a dhol thar an ama. Uair is uair tha cion na foighidinn atoirt oirnn air lamh a chur san obair tuilleadh is tràth. Ma bheir sinn achùis fa near gu ceart, chi sinn gu bheil sinn adeanamh dolaidh ro mhòr, aig iomadh àm, araon dhuinn fheins do mhuinntir eile le bhithdeanamh obair sam bith a thagainn rideanamh aig an àm chearr.

Aig an àm so den bhliadhna chan urrainn daoine mòran a dheanamh air an fhearann. Tha na laithean car goirid fhathast, agus a bharrachd air a sin tha e nàdurra gum biodh an t-sìde car fuar, fliuch, fiadhaich, le sneachda, le uisge, ’s le gaoith. Thaoth e tuilleadh is trath a bhliadhna gu teannadh ri curachd, ach tha iomadh obair eile ann a ghabhas deanamh mar a tha deasachadh an t-sil-chuir, agus oibrichean den t-seòrsa sin. Ma bhios gach cranns gach cliath, ’s gach amull, is greallag, is sìnte, deas ann an àm, chan eagal nach tig sìde fhreagarrach air son teannadh ris an àiteach. Cha bhi cuid an Fhir-riaghlaidh dhen obair air dheireadh idir.

Tha fhios againn am fear nach cuir san earrach nach buain e san fhoghar; agus mar an ceudna gum bi abhuain a reir na curachd. Their sinn uile gur en t-earrach àm na curachd mar is em foghar àm na buana. Cha bhiodh ann ach amaideas ro mhor teannadh ri sìol a chur anns an fhoghar. Cha chuala sinn gu robh neach riamh ann a bha cho amaideachs gun dfheuch e ri leithid so de ni a dheanamh.

Chuala sinn gu math tric a bhith coimeas àm na h-òige ris an earrach. Is e am na h-òige an t-am as freagarraiche air son gach ceard fhòghlum. Cuirear achlann don sgoil an uair a thà iad òg, agus tha fhios aig gach aon gu bheil e ro fhurasda ni sam bith fhòghlum an uaìr a tha muinntir òg. Mar a than sean fhacal ag ràdh

Is en t-ionnsachadh òg
A ni fòghlum gun taing.”

Is ann an àm na h-oige as còir a bhithg ionnsachadh modha, “Ge be nach ionnsaichear ris aghlùn chan ionnsaichear ris an uilinn.” Bann ainneamh a thionndaidh na boadagain bhalach a bha -mhodhail, luath bheulachnan òige, gu bhithnan daoine còire, modhail iomchuidh, ’nan seanaois. Tha e furasda gu leòr na meanglain a thair achraoibh a lùbadh fhads a tha iad òg, maoth, ach mar a than sean fhacal ag radh— “An carbhios anns an t-seana mhaide is deacair a thoirt as.”

F. O. S.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[248]

[Vol . 4. No. 31. p. 8]

A CHOILLE GHRUAMACH;

ORAN DO DH-AMERICA.

FONN:— “Coire Cheathaich.”

(Air a leantuinn.)

Chan fhaic mi margadh no latha féille
No iomainn feadalach ann an dròbh,
No ni feum dhuinn a measg a chéile,
Than sluagh nan éigins a h-uile dòigh,
Cha chulaidh fharmaid iad leis an ainbh fhiach
A reic na shealbhaich iad ann an còir:
Bidh fear nam fiachan is cromadh cinn air
Ga chur don phrìosan mar diol en stòr.

Mun tig na cùisean á taigh na cùrtach
Gun déid an dùbhlachadh aig á mhòd,
Than lagh a giùlan o làimh najury
Gun déid a spùinneadhs nach fiù en còrr,
Bidh earraidh siùbhlach air feadh na dùthcha
Gan ruith le cunntasaibh air an tòir;
Gur mòr mo chùram gun dig em ionnsaidh
Cha ghabh e diùltadhs bidh diùbhail oirnn.

Chan fhaigh mi innse dhuibh anns an dàn so
Cha dean mo nàdar a chur air dòigh
Gach fios a bàill leamthoirt do na càirdean
S an tir a dhfhàg mirinn màrach òg,
Gach aon a leughas e tuigibh reusan
S na dugaibh éisdeachd do luchd a bhòsd,
Na fàidhean bréige a bhios gur teumadh,
Gun acaspéis dhibh ach déidhur n-òir.

Ged bhithinn dichiollach ann an sgriobhadh
Gun gabhainn miosa ris agus còrr
Mun cuirinn crìoch air na bheil air minntinn.
S mun dugainn dhuibh e le cainnt m bheòil.
Tha mulad diomhair an déidh mo lionadh
Bhons éigin strìochdadh an so ri mbheò.
Air bheag thoilinntinns a choille chruim so
Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl.

Cha be sin màbhaist an tùs mo làithean
S ann bhithinn ràbhartach aig gach bòrd,
Gu cridheil sunndach an comunn cùirteil
A ruith ar n-ùine gun chùram oirnn,
Muair thug mi cùl ruibh bha migur n-ionndrainn
Gun shil mo shùilean gu dlùth le deòir,
Air moch Diar-daoin a dol seach an Caolas
S an long fo h-aodachs aghaoth on chòrs.


ORAN NA BAINNSE.

LE DUGHALL MAC-EACHEARN.

Tha min son taigh ua bruaiche,
S gur mor mo ghruaim is maimeàdas,
S mo smaointinnean cho luaineach
Ri luing air chuan gun mharaiche.
Cha chadal seimhs cha suain domh,
S mi smaointinn air a ghruagaich;
An raoir gum boil leam bhuam thu,
S tu air a chuairttha fadalach.

Gur muladach a tha mi,
S min so san fhardaich ansheasgair,
Gun sunnd, gun cheol, gun ghaire,
S cha babhaist dhomh bhi falamh dhiu.
Tha cuid de mthinneas nadarr’,
S cuid nach h- ’eil fios aig cach air;
Mo cheann ged bhiodh gu sgaineadh,
Do lamh gum fagadh fallain e.

Gum bu slan don og-mhnaoi
Di-domhnaichdhfhalbh on bhaile so:
Gum baite leam bhi comhlriut
Nag ol air fion a searagan.
Chan ionghnadh dhomh bhi bronach
A cuimhneachadh do chomhraidh;
S ma tha fear ur ga dphogadh,
S ann leam nach deoin ma mheallar thu.

S ged thuirt mi sud le curam.
Gur dubailtann am barail mi,
Ged bhiodh tu bliadhnadhuinbhuam.
Fear ur nach dean do mhealladh orm.
Gur h-earbsach mi mu dghiulan:
Ged tha min drasd ga tiunndrainn.
S ged chaidh thu bhuainn Cheip Louis,
Mo dhurachd-sthu thighnn fallain as.

Nuairchaidh mithaigh na bainnse,
S min duil gu teann ri tfhaighinn ann,
Bha cuideachda neo-ghann ann,
Gun robh thu ann be mamharus.
Ged shiubhail mi gach ceann dheth,
S mig ionndrainn air mo chall as,
Chan fhaca mi ann mannsachd.
S ged dhfhan mi ann ben t-aindeoin e.

Shuidh mi an sin gu bronach,
S cha robh mi deonach carachadh,
S mi smaointinn air an og-mhnaoi
Nach leonadh mi le aineolas.
Ach suil mun dug mi foil bhuam
S micluinntinn glug is cronain
Bham botul dubh air sgornan
Aig Uilleam og, an caraiche.

Thuirt e gu caoimhneil, uasal,
Mun cuairt a chuach gu caithreamach,
S gu looir ann den stuth uaibhreach
A chumail gluasad teanga ruinn.”
Gun drinn e mar a baill leis,
Gun dlion e mach gu straic i,
S air eagal trod no tamailt,
Gun dug mi earrach ghlan oirre.

Cha luaithe dhol min dram sin
Na thug mo cheann gu carachadh.
Bhan fhiodhulls in a deann-ruith
S misanntachadh nan caileagan.
Mo chasan chaidh gu aimhleas,
Is gann gun cumadh sreang iad;
S nuair chaidh mi uilair aimhreit
Gun damhsainn ris na faileasan.

Is gum bu slan don uasal
A lion a chuach gu barrachdail,
Is a chuir oirnn an t-suaineach
A dhfhogair bhuainn gach anshocair.
Cha mhill em beus bu dual dhuit
Bhi cridheil, aobhach, suairce,
S do chairdeas ris na h-uaislean
Nach dbhuaineadh den phreas anabaich.

Chan fhaca mi fad meolais
Na shuidhaig bordthug barrachd ort;
Be sud an cliubu choir dhuit,
S chan neonach ged a lean e riut,
Bha tuigse, ciall, is foghlum
Gu nadarra ga dsheoladh,
S gun fhacal breigno boilich,
Cha sgleo na tha mig aithris ort.

(Ri leantuinn.)


Is fhearr tilleadh am meadhon an àtha, na bàthadh uile.


NIALL DOMHNULLACH
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE

titleIssue 31
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 31. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page