[Vol . 4. No. 32. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 15, 1896. No. 32.
CANADA.
Tha Chanada a thaobh farsuingeachd fearuinn, a measg nan duthchanan a’s motha, ’s a’s farsuing ’s an t-saoghal—moran na ’s motha na Staidean America fhein, ge ainmeil iad, agus mu’n cuairt air an aon mheud ris an Roinn-Eorpa gu leir; agus cha ’n ’eil a nise a dhìth oirre ach an luchd-aiteachaidh airson a cur a measg nan duthchanan ’s cumhachdaich ’s a’s beartaiche. Tha de dh’ fhearann fàs eadar na mor-roinn ss, ni nach teirig ann an aireamh mor bhliadhnachan, agus fearann cho math agus cho torach, ’s a tha ri fhaighinn an aite ’s am bith, agus cho fallainn ri aon chearna de ’n t-saoghal.
Tha sinn a toirt na leanas á Cuairtear nan Gleann, a bha air a chur a mach ’sa bhliadhna 1841. Tha chuid mhor dheth cho fior mu’n dùthaich an diugh ’sa bha e ’n uair a sgriobhadh e.
Cha’n eil Canada fhathast ach ’na h-òige, ach tha i ’g eiridh gu luath’ ann an luach agus ann an cumhachd, agus gu dearbha cha’n iongantach so, oir tha iomad ni a’ co’ aontachadh chum soirbheachadh leis an dùthaich mhòir so. Tha i air ioma dòigh air a beannachadh le freasdal Dé; agus uair no uaireiginn bidh Canada ’na dùthaich co mòr ’s cho cumhachdach ri Breatuinn fein. * Tha’n tir so anabarrach tarbhach, agus nam biodh a’ choill’ air a’ gearradh agus an tir air a h-àiteachadh, ’s duilich a radh cia lionmhor an sluagh a dh’fhaodadh tamh ann le cothrom, agus ann am pailteas. Cha ’n eil sléibhtean arda lom neo-thorach fo chreagan agus fo fhraoch ann mar th’ann an Gàidhealtachd Albainn, no boglaichean anns mòintichean farsuing nach urrainnear a chur gu feum mar th’ann an Eirinn; ach faodar an dùthaich uile chur fo bhàrr agus fo fheur cosmhail ri machraiche na Galldachd, no Shasunn. Am bitheantas tha’n dùthaich còmhnard iosal, agus far am bheil beanntan, ma dh’fhaodar beanntan a radh riutha tha iad fa choille gu ’m mullaichean.
’Se ni a’s iongantaich’ ann an Canada na lochan uisge tha th’ann: a thaobh am meud agus an doimhneachd tha iad a toirt barr air lochan-uisge ’n t-saoghail; tha gach loch dhiubh mar chuan mhor.
Tha tri no ceithir dhiubh so dlùth d’a chéile; agus a’ tearbadh Chanada uachdrach o America tha air an taobh eile. O loch gu loch dhiubh so tha aibhnichean a’ ruith, a’meudacha’ gu mor mar tha iad a’ dol air an aghaidh, gus a bheil an abhainn mhòr d’an ainm anSt . Lawrencea tòiseachadh. Tha’n abhainn so dlùth do cheud mil’ air leud far a’ bheil i ruigheachd a chuain. Tha da mhile do mhìltean on àit’ o’m bheil an abhainn mhòr so ag éiridh, ’ìonnsuidh an àite ’bheil i ’coinneachadh na fairge.
Tha abhainn mhor eile ris an abair iad an Ottawa; an déigh dhi ruith ceithir cheud gu leth mìle troimh thìr cho tarbhach ’sa tha r’a fhaotainn, agus troimh choille cho dosrach reachdmhor ’sa tha cinntinn air ’thalamh, a’ tuiteam a stigh do’n aimhinSt . Lawrence.Anns an àite far a bheil iad a’ comhlachadh a cheile, tha eileanan luachmhor, agus ’sann air a h-aon dhiubh sin a tha baile-mor Montreal air a thogail.
Tha e soilleir o so gu bheil air na lochan-uisge so agus air na h-aibhnichean so slighe fad fichead ceud mìle, a’ ruith suas o iochdar gu braighe na dùthcha, air am faodar malairt agus marsantachd an t-saoghail a ghiulan. Anns na h-àiteachan sin far a’ bheil aon loch a tuiteam a stigh, agus le so leum-uisg ann nach leig le soitheach dìreadh no tearnadh, tha claisean-uisge(canals)air an deanamh, air a bheil na soithichean air an giulan air an aghaidh gun mhoille no grabadh air bith a’ tachairt. Tha fearainn na duthcha so tarbhach, ’san duthaich féin fallain; ged tha ’n t-sìd fuar, tha i tioram, agus math-dh’fhaoidte nach eil ceatharanaich a’ seasamh air bonn bròige cho calma, churanda, làidir ri Gàidheil Chanada.
Cha’n eil pòr a chinneas an Sasunn nach fàs ’san duthaich so; tha cuid do thalamh ann ’san cinn an tombac’ agus cainb. Airson coille tha i’n so do gach seòrsa; ’se saothair an t-sluaigh bhi ’ga gearradh chum a sgrios, agus ’ga losgadh. Tha ’chraobh-ubhall a’ fas ann an Canada gu reachdmhor; tha iad a beathachadh mhuc leis na h-ubhlan, agus a’ deanamh na thogras iad do dh’fhìon(cyder)dhoibh féin diubh, deoch tha taintneach fionnar ri teas an t-samhraidh. Tha’n geamhradh, mar chi sinn ’na dheigh so, anabarrach fiadhaich agus fuar; ach aon uair ’sgu’n tig a reothadh gu math a stigh tha’n t-sìde tioram fallain. Tha sneachd an sin cho cruaidh ’sgu’n ruith eich le slaoid agus cuirn air ’uachdar ’nan làn luathas gun uiread a’s lorg an coise fhegail. * So an t-àm an àbhaist am bàrra chur gu muileann ’sgu cladach, àm, chum na h-uile gaoireas fhaotainn o aiteachan fad as; tairngidh aon each le carn no slaod, barrachd air an àm so na dheanadh ceithir dhiubh air an rathad mhòr ’san t-samhradh. ’Se so au t-am a’s cridheala sa’s aighearaich’ air feadh na bliadhna: cairdean a’ falbh ’sa tighinn, sùgradh agus suilbhearachd, taghall agus ceilidh eadar bhailtean, pailteas r’a fhaotainn ’s r’a sheachnadh, agus tha’n aoidheachd agus an fhialaidheachd a’s cairdeala dol air aghaidh. Mur ’eil aite-codail sna tighean-comhnuidh a dh’ fhòghnas doibh uile, tha ann na dh’ fhoghnas do na mnathan, agus tha “leaba mhòr na h-àiridh” ann an sabhal fiodha air son nan daoine; tha ceòl agus dannsa, orain agus fleadhachas càirdeil a’ dol air aghaidh; agus mar sin, le leughadh agus seanachas, tha ’n oidhche gheamhraidh a’ dol seachad.
[Vol . 4. No. 32. p. 2]
BEAN A’ MHISGEAR.
CAIB. II.
“Oir thig am misgeir agus an geocaire gu bochdainn.” —Gnath. 23. 21.
An uair a bha e ’dlùthachadh ris an da uair deug thainig Seumas, agus e gu math blàth leis an dibh. O’n a b’e so a cheud uair riamh dhi fhaicinn cho fad air aghaidh leis an dibh thuirt i rithe fhéin nach leigeadh i oirre air son rud sam bith gu robh dad cearr air. Chunnaic i uair is uair e roimhe sid a’ tighinn dachaidh air latha pàighidh, agus fàileadh an uisge-bheatha gu làidir dheth, ach cha do ghabh i mor-shuim sam bith de’n chùis. Chuir an suidheachadh anns an robh e’n oidhche so ioghnadh mòr oirre, gu sònraichte do bhrìgh gu robh e cho searbh an aghaidh gach neach a ghabhadh deur a bharrachd. Ach is ann a bha ’n t-ioghnadh oirre an uair a chunnaic i cho mi-mhodhail ’sa dh’fhàs e leis an dibh. ’Sann a bha e airson aimhreit a thogail. Cha do chuir i facal na aghaidh, agus an deigh dhi toirt air greim suipearach a bha deiseil air a choinneamh a ghabhail, thug i air, a dh’olc no dh’eiginn a dhol a laidhe. Ma chaidil esan cha do chaidil ise.
Cha b’urrainn di an suidheachadh anns an robh e, agus an t-atharrachadh a thàinig air an nadur a chur bhar a h-inntinn. Dh’éirich i gu math moch ’sa mhaduinn, agus rinn i deas am biadh ’s chuir i ’chlann ’san taigh air dòigh mu’n do dhùisg i Seumas. An uair a dh’éirich e bha e glé shàmhach. A reir coltais bha dùil aige gu’n troideadh i ris. Bha fhios aige gu’n deachaidh e fada, fada, cearr. Bha amhrus aige gu’n dubhairt e facail nach bu chòir dha radh an uair a thainig e dhachaidh an oidhche roimhe sin, ach cha robh cuimhne aige air na ceart bhriathran. Cha leigeadh an nàire leis iomradh a thoirt air a’ chùis. Dh’ aithnich e gu robh dragh inntinn ro mhor air Seònaid. Cha robh bheag aice ri ràdh. Bha ’chlann, na truaghain, cho geanail sunndach ’sa b’àbhaist dhaibh, agus mur do mheudaich so dragh inntinn am màthar cha do lughdaich e dad e. An uair a shuidh i aig a bhòrd cha b’urrainn i greim itheadh; agus cha mho a b’urrainn Seumas greim a ghabhail. Bha e mar is minic a bha iomadh fear a bharr air, an deigh a chàileachd do’n bhiadh a chall air thàilleamh na dh’òl e ’n oidhche roimhe sin. Dh’fhalbh e mar a bha e thun ’oibreach; ach an déigh dha an obair a ruighinn cha b’urrainn e làmh a chur ann an car. Cha robh aige ach tilleadh dhachaidh. Air an rathad dhachaidh bha e ’toirt fa near an t-suidheachadh anns an robh e. B’eiginn dha aideachadh ’na chridhe gu robh e air fàs déigheil air an dibh làidir. Thoisich e air bòidean a thoirt nach blaiseadh e i gu bràth tuilleadh. An uair a ruigeadh e dhachaidh bha e dol a dh’iarraidh mìle mathanas air Seònaid airson mar a rinn e, agus gu sònraichte air son cho mi-iomchuidh ’sa ghluais e e-féin an oidhche roimhe sin.
An àm dha bhith tionndadh oisinn té de na sràidean, co thachair ris ach Callum Mac Sheòrais ’se air tighinn a mach á taigh-òsda. B’e Callum aon de na fir a b’fhearr a dh’òladh a gheibhte ach ainneamh anns a bhaile. Bha e anabarrach fialaidh mu’n uisge-bheatha; agus bha e ’na dhuine gle aoidheil, geanail, cuideachdail. Bha e fhein agus Seumas ùine mhath aig an aon mhaighstir, agus bha iad gle mhor aig a cheile. O nach robh bean no paisdean aig Callum cha robh sòradh air cosgais an uair a thachradh e ri aon de ’chompanaich. Dh’fhaodadh Seumas Ban a ràdh nach b’fheairrd e bhith cho fada ann an comunn Challuim. Beagan mhionaidean mu’n do thachair iad ri ’chéile bha Seumas ’ga radh so ris fhéin, agus bha e toirt air fhéin a chreidsinn nach gabhadh e glaine á laimh Challuim gu bràth tuilleadh. Ach cha do thuig e gu robh e air falbh cho fada leis an t-sruth ’sa bha e.
“Hollo ’charaid. Cia mar a tha thu? Cha mi ruig leas a cheist a chur ort; tha mi faicinn nach eil coltas a bhith gu math ort.” arsa Callum.
“Ma ta ’Challuim,” arsa Seumas, “Cha’n eil mi gu math idir. O’n is tu fhéin a th’ann innsidh mi dhuit ciod e tha cearr orm. Chaidh mi dhachaidh a’ raoir air an daoraich, rud nach d’rinn mi riamh roimhe, agus tha amhrus agam gu’n dubhairt mi facail ris a’ mhnaoi nach bu chòir dhomh a ràdh rithe. Tha so a’ cur dragh ro mhòr air m’inntinn. Nach bochd dhomh mo mheas agus mo chliù a chall. Rud eile dheth tha e na pheacadh dhomh a bhith caitheamh mo thuarasdail ann an òl. Nach bu ghlice dhomh a chur air chùl mo laimhe airson na mnà agus nam pàisdean? Agus tha e ’na pheacadh an aghaidh Dhe.”
“Ma ta, Sheumais, a charaid,” arsa Callum, “tha rud eile a cur dragha ort nach d’innis thu, agus ’se sin gu bheil do stamac troimh a chéile an deigh na daoraich a ghabh thu a raoir. Thig còmhladh riumsa do’n taigh-òsda aig Hart, agus gheibh mi fhéin deur beag a leighiseas tu. Cha dean ni air an t-saoghal feum dhuit ach deur de’n stuth cheart.
“An cluinn thu so, a Challuim, thug mi bòidean tiotadh mu’n do thachair thu rium nach blaisinn tuilleadh e. Ma tha thusa ’nad charaid dhomhsa na toir orm na boidean a bhristeadh,” arsa Seumas.
“Tha thu gorach, a Sheumais, mur a gabh thu uamsa deur beag. Cha’n fhàg e cnead ort ann an còig mionaidean. Tha fhios agamsa air mo chosg gur e’n aon rud a leighiseas neach a tha mar a tha thusa. An uair a thig sinn a mach thoir do bhòidean cho teann ’sa thogras tu ’n uair sin,” arsa Callum.
’Se bh’ann gu’n deachaidh na fir far an robh Hart agus mu’n d’thainig iad a mach fhliuch iad an da shùil da uair. Dh’fhalbh bòidean Sheumais Bhàin leis an t-sruth mar a dh’ fhalbh gu leòr de’n seòrsa, araon roimhe sud, agus o’n uair ud, do bhrìgh nach robh ni bu treise na cumhachd an t-saoghail so ’gan cumail. Mu àird fheasgair an uair a dh’ fhuaraich e chaidh e dhachaidh. Bha Seònaid agus i’n déigh an taigh agus a’ chlann a chur air dòigh gu grinn, glan mar a b’àbhaist dhi. Ach bha i anabarrach sàmhach. Bha dùil aig Seumas an dràsta agus a rithist gu’n tugadh i iomradh air daoraich na h-oidhche roimhe sin; ach cha d’thug i uiread ’san iomradh bu lugha ris mu ’n chùis. Nan robh iomadh té ’na h-àite bha e air an deagh chàineadh fhaolainn gu math moch ’sa mhaduinn. Ach bha Seònaid ro reunail, ciùin, glic ’na nàdur. Bha fhios aice nach b’àm gu comhairle a thoirt air neach sam bith an t-àm anns am biodh a h-inntinn troimh a cheile. Bha ni eile innte agus b’e so e: —chuireadh rud beag dragh oirre aig iomadh àm ni bu luaithe na chuireadh rud mor dragh oirre aig amaibh eile. An uair a bhiodh dragh mor air a h-inntinn dh’fhàgadh e anabarrach sàmhach i. Is ann an ceann latha no dha, no ma dh’fhaoidte, an ceann seachduin a bheireadh i iomradh air a chùis mu’n tugadh i earail no cronachadh seachad. Bha so glé ghlic dhi; oir mar is trice, an uair a tha muinntir ann an corruich their
[Vol . 4. No. 32. p. 3]
iad iomadh facal nach canadh iad an uair a tha iad ciùin, sèimh, sìobhalta. An uair a fhuair i a h-àm fhéin thug i, mar a bha e ceart dhi dheanemh, comhairle na còrach air Seumas. Anns an ath àireamh innsidh sinn cuid de na thubhairt iad taobh air thaobh.
(Ri leantuinn.)
An Caoimhneas a ni Cron.
An caoimhneas a ni cron! Nach iongantach a chainnt so, their neach àraidh! Tha e fìor gu leòr gu bheil iomadh ni ann a tha ’g eiridh o chaoimhneas, ach air a shon sin, a ni cron gu leòr. Dh’fhaodamaid caochladh nithean ainmeachadh; ach aig an àm so cha toir sinn fa near ach aon ni sònraichte, a tha mu’n àm so de’n bhliadhna a’ deanamh cron air iomadh neach.
Tha e nàdurra gu leòr dhuinn a bhith subhach maille ri ar càirdean an uair a thachras dhuinn a bhith ’nan cuideachd. Ach ma bhitheas an subhachas na mheadhon air sinn fhéin, no ar càirdean a tharruinn a dh’ionnsuidh uilc, no droch cleachdaidh, tha e soilleir gu leòr dhuinn gu’m b’fhearr dhuinn a chùis a sheachnadh o thoiseach a’ cheud latha. Their cuid gu bheil e ceadaichte dhaibh an ni ud ’san ni ud eile dheanamh. Tha so uile fìor; ach tha e mar an ceudna fìor gu bheil iomadh ni ann a tha ceadaichte nach eil idir iomchuidh. Abramaid an còmhnuidh ruinn fhéin an uair a thig ni sam bith fa’r comhair mu thimchioll am bi sinn ann an teagamh. Am bheil an ni so a raon ceadaichte agus iomchuidh dhuinn a dheanamh! Ged a bhiodh e ceadaichte, mu h-eil e iomchuidh seachnamaid e.
A nis, faodaidh sinn a bhi subhach maille ri ar càirdean agus aig a’ cheart àm gun chron sam bith a dheanamh. Cha’n eil cron sam bith ann an subhachas fhad ’sa tha e saor o’n olc. Ach tha cuid ann, agus le meud a’ chaoimhneis a tha toil aca nochdadh, teannaidh iad ri coiteach na dibhe làidir air an càirdean. Is minic a thachair gu’n do ghabh daoine tuilleadh ’sa chòir de’n uisge-bheatha, cha b’ ann a chionn gu robh toil aca dha, ach a chionn gu’n do choitich an càirdean orra e. Mar an ceudna tha muinntir ann a dh’fhaodas a ràdh gur ann o’n choiteach so a dh’ fhàs iad dèidheil air an dibh làidir.
Aig àm na Nollaig, tha e mar chleachdadh aig mòran a bhith falbh o thaigh gu taigh moch anns a mhaduinn, agus a’ coiteach an uisge-bheath air muinntir a’s toil leò. Is ann o chaoimhneas a dh’éirich àn cleachdadh so; ach mar tha fios aig mòran, is e caoimhneas an ni cron a th’ann. Cha’n eil sinn ag ràdh gu bheil coire sam bith ann do chuid de dhaoine ged a bhlaiseadh iad uair is uair air beagan de’n dibh làidir. Ach cha’n eil e sàbhailte do mhòran gnothach sam bith a ghabhail ris. Cha’n ’eil e idir ceart a bhith ’g a thairgse do’n mhuinntir òig. Ma ’s ann le caoimhneas a thairgear dhaibh e, is e caoimhneas a ni cron a th’ann.
Faodaidh e bhith nach bi cuid de dhaoine toilichte leinn a chionn a bhith toirt iomraidh air nithean de’n t-seòrsa so; ach fhad ’sa chi sinn an cunnart mu’n cuairt oirnn fhéin ’s air muinntir eile, feumaidh sinn rabhadh a thoirt seachad.
Biomaid uile caoimhneil ris na h-uile, ach thugamaid an aire nach dean ar caoimhneas cron do neach air bith. Ma ni sinn so cha’n eagal nach bi sinn caoimhneil; ach cha dean ar caoimhneas cron air neach sam bith. An àite so ’sann a ni e moran math.
F.O. S.
Deas Fhreagairtan.
Bha na bàird Ghàidhealach, mar tha fhios aig na h-uile neach d’an aithne ni sam bith mu’n chùis, anabarrach deas aig labhairt gu’n ullachadh, no a bhàrr-làimh, mar theirear; agus is minig a chuala sinn duanagan, a chuireadh ri chéile air an dòigh so, cho fileanta snasmhor ’sged bhiodh iad air an deacadh le tuilleadh saothrach agus ùine.
Chuala mi aon uair mu bhalachan bochd a chaidh a steach do thaigh anns an robh bean chruaidh-chridheach aig nach robh baigh no iochd ris na feumaich, a chionn nach do mhothaich i féin riamh ciod e bhi ann an uireasbhuidh. Air di sealltuinn gu h-àrdanach tàireal air a bhalachan bhochd a thainig a stigh, labhar iad ri chéile mar so:—
ISE. —Cia as thàinig am bradaidh truagh?
ESAN. —As a’ bhuaile mhaiseich mhin.
ISE. —Is bochd ’sis tana do ghruaidh.
ESAN. —Cha bhi tuar air cion a’ bhidh.
ISE. —Nam bithinn-sa mar tha thu, ’smi gu’n goideadh.
ESAN. —Ged bhitheadh tu mar tha mi, ’siad nach leigeadh.
ISE. —Bu bhàrd, tha mi saoilsinn, a b’athair dhuit.
ESAN. —Cha b’àrd e, ’s cha b’iosal, ach mu’n mheud mheadhonach.
A reir innseadh-sgeòil, bha’n Leanabh Ileach (mu’n cuimhne leinn iomadh ni a chluinntinn o ar sinnsear, ’nuair bha sinn òg, a chuir ioghnadh nach bu bheag oirnn aig an àm sin) air leth ainmeil air son seòltachd agus seannachaidheachd nam freagraidhean a bha e cleachdadh a thoirt seachad anns a’ ghne bhàrdachd so. Bha e air a shàrachadh ma’s fior an aithris, le droch mhuime, a bha buinntinn ris cho an-iochdmhor, ’sgur gann nach robh i ’ga chur gu bàs leis an acras. Ach bha i ’g oidhirpeachadh so a chleith mar b’fhearr a ghabhadh deanamh. Aon la air an d’thainig na coimhearsnaich a stigh, air dh’ise a ghruaidhean a dheanamh ruiteach le ’aghaidh chumail ris an teine, agus reamhreachd a chur timchioll a bheòil, a chum ’sgun saoileadh a’ mhuinntir a thainig a stigh gu’n robh i ga altrum cho caoimhneil ’sged bu leatha féin e, bhruidhinn a muime ris, agus fhreagair an leanabh sicir so i mar a leanas:—
ISE.— ’s ruiteach sin, a ruiteachain.
ESAN.— ’Se’n teine mor a loisgeas mi.
ISE.— ’S rapach sin, a rapaichain.
ESAN. —Cuir thar mo bheul a’ mheacharachd.
A thuilleadh air an tapachd a tha ri fhaicinn air uairibh ann an duanagaibh a chuireadh ri cheile gun ùine gun smuaineachadh mu’n deibhinn roimh làimh ’s minig nach robh an ealantachd cainnt so idir neo-fheumail. ’S cuimne leinn i bhi air a cleachdadh aig àmaibh sònraichte chum muinntir a shaoradh o chunnairt agus o éiginn. Co nach cuala mar chaidh Cailean a chumail o dhol a làimh, leis gu’n do chluich am piobaire am port sin, “A Chailean mo rùn, seachainn an Dùn,” &c .? —agus mar nach d’amais an nàimhdean fuileachdach air buidheann do chloinn Ghriogair threun, ’nuair sheinn a’ bhean aig an robh iad ’na taigh, “ ’S mi a’m shuidhe ’an so m’onrachd, air còmhnard an rathaid,” &c .?
Cha’n ainmich mi aig an àm so ach aon chùis eile, anns an robh luinneag de’n t-seòrsa cheudna ’na mheadhon air beatha neach a shàbhaladh. Thachair do dhuine àraidh a bha air thuras a tighinn ’san anmoch a dh’ionnsuidh tighe, far a d’iarr e cead fantainn ré na h-oidhche. Thugadh aoidheachd dha gu suilbhir; agus an déigh àm suipeir chuireadh a luidhe e ann an leaba chliumhar shocrach a dh’ ullaicheadh air a shon. Ach goirid an deigh dha e féin a leigeadh sios gu fois, thòisich a bhanaltrum a bha ’san tigh air cronan a ghabhail do’n naoidhean a bh’aice air a glùn, mar gu’m biodh i ga chur a chadal; agus air dha beachd a ghabhail air na briathraibh a bha i ’g aithris, b’ ioghnadh leis i bhi sior sheinn—
Aoidh, na dean cadal idir;
Aoidh, thoir as ris an tom;
Seall a stigh fo bhruaich do leaba,
’S gheibh thu gàirdean rag ’se trom.
Cho luath ’sa chuir an coigreach umhail nach robh na h-uile ni ceart, dh’eirich e le cabhaig, chuir e ’lamh a stigh fo’n leaba, agus air dha an “gàirdean rag ’se trom” fhaireachdainn ann, leum e mach troimh uinneag a bha ’san ’t-seòmar, agus thar e as le bheatha.
[Vol . 4. No. 32. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, FEBRUARAIDH 15, 1896.
Rinn Morair Salisbury, Priomhair Bhreatuinn, òraid air an t-seachdain s’a chaidh a thaobh suidheachadh Armenia, òraid nach do thaitinn ach gu h-olc ris a chuid a’s mò dhe’n t-sluagh. Tha e ag radh nach urrasnn Breatuinn an còrr a dheanamh as leth nan Armenianach, gu bheil a lamhan ceangailte anns a’ chùis. Tha Russia a’ diùltadh dad a dheanamh an aghaidh na Tuirce; tha’n Fhraing ’sa Ghearmailt an aghaidh rioghachd sam bith a dhol ’san eadraiginn. Tha Breatuinn a mhàin deònach pàirt an t-sluaigh bhochd a ghabhail, ach ma ni i sin, bidh cach uile na h-aghaidh. Tha Salisbury uime sin dhe’n bheachd gur fhearr foighdinn a bhi aca ris an t-Sultan, na dhol a dh’fheuchainn neart ris, agus mar sin fearg nan rioghachdan eile a dhùsgadh an aghaidh Bhreatuinn. Cha bhiodh e ach fior ghòrach do Bhreatuinn feuchainn, air a laimh fhéin, ri cùisean a chur ceart ann an Armenia nuair a tha mhòr chuid de’n Roinn Eòrpa na h-aghaidh.
COMUNN GAILIG INBHIRNIS. —Bha an Dinneir Bhliadhnail aig a’ chomunn so air Di-màirt, an ochdamh latha fichead dhe’n mhios s’a chaidh. Bha Mr. Bàillidh, fear-parlamaid siorrachd Inbhirnis, anns a chathair. Bha moran as gach cearna dhe’n t-siorrachd a làthair, agus dh’ òladh na deochan-slàinte àbhaisteach, agus rinneadh òraidean nach bu ghann. Cha’n eil teagamh nach e Comunn Inbhirnis an Comunn Gàilig a’s làidire ’s a’s beothaile tha ’n Albainn.
Chuir àireamh mhath de’n luchd-gabhail a stigh pàigheadh bliadhna o’n thainig a bhliadhn’ ùr, ach feumaidh sinn a radh nach robh an àireamh a rinn sin cho lionmhor ’sa bha dùil againn a bhitheadh iad, no idir cho lionmhor ’s bu chòir dhaibh a bhi. Tha sinn an dochas gu’n dean iadsan a tha air ais ’san ni so ar leisgeal a ghabhail air son a chur ’nan cuimhne aon uair eile gu bheil dleasanas aca ri dheanamh a thaobh cumail suas MHIC-TALLA. Faodaidh am fear-deasachaidh ’san clo-bhualadair an cuid féin a a dheanamh, agus a dheanamh le’n uile dhìchioll, ach mur dean an luchd-leughaidh an cuid-san cha’n fhaigh am paipear air adhart ach glé mheadhonach. Cha’n eil tlachd sam bith againn ann bhi bruidhinn air so cho tric, ach “an ni nach cluinn a’ chluais, cha ghluais an cridhe,” agus uime sin feumaidh sinn iomradh a thoirt air, neò ni moran da’n luchd-gabhail dearmad oirnn gu buileach.
Tha’n clag a bh’aig na Frangaich ann an seann bhaile Louisbourg an dràsta ann a’ Halifacs, agus thatar a’ dol ’ga reic. Tha bruidhinn aig Frangaich Chuibeic air a cheannach agus a chur ann an tigh-ioghnaidh ’nam measg féin. Tha cuid de mhuinntir Halifacs ag iarraidh a cheannach ’sa chumail far am bheil e. ’Se phris a thatar ag iarraidh ceud dolair. Tha crois a bh’air an eaglais mhòir a bha aig na Frangaich ann an Louisbourg ri faicinn fhathast ann an oil-thigh Harvard anns na Stàitean. Bidh gach aon dhiubh so a dol na’s luachmhoire ann an sùilean dhaoine a h-uile bliadhna.
Tha baile-mor Lunnainn a cheithir uiread ri baile Chicago, gidheadh bha deich muirt air a dheanamh ann an Chicago air a bhliadhna ’sa dh’fhalbh mu choinneamh gach aon a rinneadh ann an Lunnuinn. ’Nuair a tha neach fo bhratach Bhreatuinn, tha bheatha ’sa chuid na’s sàbhailte na bhitheadh iad ann an dùthaich sam bith eile a tha fo’n ghréin.
Reicidh D. J. Domhnullach, na th’ air fhàgail de’n bhathar thioram, ’s de na soithichean, cho saor ’sa ghabhas deanamh. Taghail aige.
Thuit torr math de shneachda oidhche Dior-daoin agus an dé. Cha’n eil teagamh nach dean sin na ròidean na’s miosa na tha iad an dràsda. Bha muinntir Shidni ag ullachadh air son reis each, ach millidh so an deigh orra.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC.
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche Notair, Etc.
Baile-Sheorais,
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 32. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Thaing corp fear Iain Mac Isaic, duin’ òg a mhuinntir Port Morien, dhachaidh air na carbaid oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean ann am Boston far ’n do chaochail e le tinneas sgamhain.
Tha fathunn a’ dol mu’n cuairt gu bheil Sir Oliver Mowat a dol a leigeadh dheth a bhi na Phriomhair air Ontario. Tha e anns an dreuchd sin o chionn ìomadh bliadhna. Tha iad ag radh nach eil e ach ann an droch shlàinte.
Bha stoirm agus uisge uamhasach aca ann an cearna de dh’ Astralia o chionn ghoirid. Tha e air a mheas gu’n do chuireadh as do fhiach da mhuilein dolair leis an stoirm. Rinn an stoirm cheudna call mor anns na h-eileanan.
Tha comhairle na Siorrachd cruinn air an t-seachdain so. Bha iad cruinn air a mhios a dh’ fhalbh, ach ’nuair a thainig e mu’n cuairt gu robh aig an t-siorrachd ri fear-pàrlamaid a thaghadh, sgaoil iad gus am biodh an taghadh seachad.
Chaidh stòr bhrog ie W. R. Cunningham a losgadh ann am baile Antigonish Di-dònaich s’a chaidh. Chaidh a chuid bu mhò dhe’n stoc a losgadh. Tha an call air a mheas aig sia mile dolair, ach bha ceithir mile de dh’ airgead-urrais air.
Bha réis skateidh ann an Sidni a Tuath oidhche Luain s’a chaidh, eadar fear Wilson Breen á St. John, N. B., agus Walker Connell á Pictou. Choisinn Breen an reis, agus tha ’n t-ainm aige nis a bhi na’s fhearr air siubhal na deighe na duine eile ’sna mor-roinnean iseal.
Chaidh fear Nesbitt Thompson a mharbhadh ann am mèinn chloiche an Antigonish a che’ -la-deug gus an diugh. Bha e seachd bliadhna fichead a dh’ aois. Chaochail ’athair o chionn bliadhna agus b’ esan an aon taic a bh’aig a mhàthair, ’s aig a bhràithrean ’sa pheathraichean a bha ni b’ oige na e féin.
Chaochail Uilleam B. Chandler, fear-lagha, ann an Arichat, Di-sathairne s’a chaidh, aig aois ceithir fichead bliadhna ’sa naodh. Cha’n eil teagamh nach b’e fear-lagha cho sean ’sa bha ’sa mhor-roinn. Bha e na fhear-lagha anns a’ mhor-roinn so o chionn leth-cheud bliadhna, agus bha e ’na fhear-lagha ann an New Brunswick fad shia bliadhna roimhe sin.
Bha side glé stoirmeil aca ann an Newfoundland air a mhios s’a dh’ fhalbh. Thainig stoirm mhor shneachda air an treas latha fichead, agus eadar sin us toiseach a’ mhiosa so, bha na ròidean air an dùnadh. Chaidh antelegrapha chur air aimhreit leis an stoirm, agus bha iad faisg air seachdain gun facal no fios fhaotainn á cearna sam bith eile dhe’n t-saoghal. Cha robh side cho doirbh aca o chionn àireamh bhliadhnaichean.
Ann a’ Hamilton, an Ontario, chaochail nighean òg, aois dha bhliadhn’ deug. Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. ’Se thug a bas, buille a fhuair e an clàr an aodainn le cnap cruaidh de shneachda. Bha goirteas mor ’na ceann an deigh dhi a bhuille fhaotainn, ach bhatar an dùil nach robh a bheag cearr oirre gus glé ghoirid mu’n do chaochail i.
Di-luain s’a chaidh bha Sir Tearlach Tupper air éigheach mar fhear-pàrlamaid do’n t-siorrachd so. Be ’n àireamh bhòtaichean a fhuair e bharrachd air Murray, seachd ceud ’s ceithir fichead. Chaidh sia mile, naodh ceud, ’s da fhichead ’sa h-ochd de bhòtaichean a thoirt seachad air fad. Fhuair Tupper tri mile seachd ceud ’s ceithir fichead ’sa seachd, agus Murray tri mile sa seachd. Bha ceud ’sa ceithir deug air fhichead de bhotaichean air am milleadh.
Chaidh soitheach-iasgaich Geancach, an Resolute, a long-bhristeadh air cladach Lorraine, faisg air Louisburg, oidhche Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bhuail i air creig agus chaidh i fodha; cha robh bior dhi ri fhaicinn an la- ’r-na-mhàireach. Chaidh aon duine bhathadh, fear Rogers a mhuinntir Port Mulgrave, leis am bàta dh’ an deach e a dhol fodha. Fhuair a chuid eile dhe’n sgioba iad féin a shàbhaladh. Bidh na daoine air an cur gu Gloucester, an t-àite as an d’ thainig an soitheach.
Bha leth dhùil aig muinntir a bhaile so gu’m biodhexhibitionaca air an fhoghar so a’ tighinn. Tha riaghladh Nobha Scotia gach bliadhna a’ cumail da fheill dhe’n t-seorsa sin, aon anns na siorrachdan an ear, agus aon anns na siorrachdan an iar. Ge b’e baile a thairgeas am barrachd airgeid air son cosgais na féille a phàigheadh, ’s ann ’sa bhaile sin a bhitheas i. Air a bhliadhna so ’se Truro a thug an tairgse b’ fhearr air son féill nan siorrachdan an ear agus uime sin feumaidh am baile agus an dùthaich so feitheamh bliadhn’ elle. Tha Truro a’ toirt seachad còig mile dolair air son na féille; thairg Sidni, agus mar an ceudna Pictou, tri mile.
NA SGOILEAN. —Tha da mhile ’s tri cheud ’sa coig (2305) de sgoilean ann an Nobha Scotia ’s an Ceap Breatunn, agus bha còrr us ceud mile de chloinn a dol dh’ an sgoil air a bhliadhna ’chaidh seachad. Bha mu thri mile ’s ceithir cheud de luchd-teagaisg sgoile anns a mhor-roinn, mu leth-cheud a bharrachd air na bh’ann a bhliadhna roimhe sin. Phaigh riaghladh na dùthcha naodh fichead us da mhile, ceithir cheud ’s da dholair air fhichead ( $182 ,422) mar thuarasdal do luchd-teagaisg nan sgoilean, agus an sluagh mu thri cheud ’s tri fichead us coig mile deug dolair ( $375 ,000). Bha ochd fichead us aon sgireachd gun sgoil idir fad na bliadhna. Tha moran de na sgireachdan ro bhaag, agus mar sin eu-comasach air maighstir-sgoile a chumail. Tha ceud ’sa deich de luchd-teagaisg na sgoile a tha teagasg o chionn fichead bliadhna. Chaidh dlùth air ochd ceud ’s da mhile dheug dolair ( $812 ,000) a chosg air na sgoilean fad na bliadhna.
FEBRUARAIDH, 1896.
1 Di-sathairne. (2) Blar Inbher-Lochaidh, 1645.
2 Di-Domhnaich. IV Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
3 Di-luain
4 Di-mairt. Rugadh Robert Peel, 1788
5 Di-ciaduin. An cairteal mu dheireadh dhe’n t-solus, 8.24, feasgar.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine. A Ghrian ag eiridh, 7, 17.
8 Di-sathairne. A Ghrian a’ laidhe 5.11.
9 Di-Domhnaich. V. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh
10 Di-luain
11 Di-mairt. Fad an latha, 10u. 7m.
12 Di-ciaduin
13 Dior-daoin. Murt Ghlinn Comhain, 1692
14 Di-haoine. (13) An Solus Ur, 11.59, maduinn.
15 Di-sathairne
16 Di-Domhnaich. Di-Domhnaich na h-Inid.
17 Di-luain. A Ghrian ag éiridh, 7.02.
18 Di-màirt. A Ghrian ag eiridh, 7.00.
19 Di-ciaduin. I latha dhe’n Charghus.
20 Dior-daoin. (21) Bas an III. Uilleam.
21 Di-haoine. A cheud chairteal dhe’n t-solus, 5.01, feasgar.
22 Di-sathairne
23 Di-Domhnaich. I. Di-Domhnaich ’sa Charghus.
24 Di-luain
25 Di-màirt
26 Di-ciaduin. A ghrian ag eiridh, 6.47.
27 Dior-daoin. A ghrian a’ laidhe 5.41.
28 Di-haoine. An Solus lan, 3.47, feasgar.
29 Di-sathairne. Fad an latha, 11u. 1m.
Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 4. No. 32. p. 6]
AN LEISGEIN.
Is e’n leisgein an t-aon chreutair a’s lugha feum a th’ air ùr-uachdar an t-saoghail. Cha ’n ’eil, cha robh, ’s cha bhi rath, no buaidh, no piseach air. Cha dean e feum dha fhein, agus idir cha dean e feum do neach sam bith eile. Tha e mar chraoibh gun toradh nach dean feum a’s fhearr na fasachadh na talmhainn, agus mar an salann a chaill a bhlas, agus a dh’ fheumar a thilgeadh a mach gu bhith air a shaltairt fo chasaibh dhaoine. Nis, mur biodh againn ri ràdh mu’n leisgein ach so cha bhiomaid a’ gearainn. ’S i chùis a’s bochda gu feumar a ràdh ris an leisgein, sùil mu’n t-sròin, gu bheil e cheart cho làn de’n olc ’s a tha ’n t-ugh de ’n bhiadh. Gheibhear an t-olc uair is uair far nach fhaighear an leisge, ach cha ’n fhaighear an leisge uair sam bith, ann an àite sam bith gun an t-olc ’na fochar. Tha iad, mar a bha Cigein is Cuaigein, an còmhnuidh an cuideachd a cheile. Os cionn an doruis aca tha na facail so sgrìobhta, “Far am bi sinn bidh sinn ann.”
Ann am facal Dhe tha ’n leisgein truagh air a dhìteadh gu ’bhrògan. ’Se ’n duine bu ghlice a bha riamh air an t-saoghal bu sheirbhe a labhair na aghaidh. Cha ’n ’eil càirdeas no comunn sam bith eadar gliocas, agus an leisge. Ach is iad an leisgein agus an t-amadan clann an droch aoin, agus, rùd nach ioghnadh, aithnichidh duine beachdaidh sam bith air an athair iad. “Mac mar an t-athair. ’”
Ge b’e taobh a theid sinn—an iar no an ear, a’ tuath no a’ deas—cha tachair aon duine glic ruinn a chuireas facal math a staigh air taobh an leisgein. Cha mhol athair no màthair e; cho mhol piuthar no bràthair e; cha mhol iosal no uasal e; cha mhol bochd no beairteach e; cha mhol ministear no bàillidh e. Neo-ar-thaing nach mol a chuideachd fhein e. “Is toigh le boin sgàrdaich bò sgardach eile. ’”
Ach tha ’n leisgein ann am beachd nach ’eil neach fo ’n ghréin a leth cho math, ’s cho glic, ’s cho tuigseach ris fhein. “Is glic an leisgein ’na bharail fhein na seachdnar a bheir freagradh gu ceart.” Dh’ fhoghainn deth! Cha’u ’eil, cha robh, ’s cha bhi rath air an fhear aig am bheil barail ro àrd air fhein.
Tha ’n leisgein glé ealanta air iomadh ni a dheanamh. Feumaidh sinn a cheartas fhein a thoirt do ’n duine thruagh ged a tha ’n dunaigh air. Cha’n ’eil mac màthar anns an dùthaich a’s fhearr a dh’itheas am biadh nach coisinn e, agus a dh’ òlas an deoch nach pàigh e, na’n leisgein. Ma gheibh e neach a chumas seanachus ris a thig a réir ’inntinn, cha ’n iarr e dhol a laidhe gus an teann na coilich ri gairm, no gus an teid an teine as. Laidhidh e ’n a shuain air a leabaidh anns a’ mhaduinn, ma leigear leis, gus an toir an t-acras air éiridh. Mar a thuirt an sean-fhacal, “Is leasg le leisgein a dhol a chadal, ’s ro leasg leis éiridh ’sa mhaduinn.” ’Si a rogha ceaird a bhith ’g aithris agus ag éisdeachd a h-uile sgeul a’s ùire, agus a’s faoine air an cluinn e iomradh. Tha ’n leisgein mar is trice anabarrach deas-bhriathrach; ach mar is lugha a bhios a dh’ eanchainn ann an neach ’s ann is luaithe ’bhios a theanga. ’Se ’n soitheach falamh a’s mò a ni dh’ fhuaim. “A’ bhò a’s caoile ’s a’ bhuailidh ’s i a’s àirde geum.” Gabhamaid beachd air ’s e ’n a shuidhe air chùl gaoithe ’s air aghaidh gréine, anns an fheasgar chiùin chéitein, an uair a tha na coimhearsnaich ’s am fallus ’g an dalladh ag obair air an àiteach; no an uair a dh’ éireas e àird-fheasgair, ’s a ghabhas e ’bhiadh, ma bhios greim fo na cabair, agus a leigeas e ’dhruim ris a’ bhalla ’s pìob thombaca ’n a phluic, agus a dha laimh am pòcaidean na briogais thun nan uillean; agus their sinn ruinn fhein nach b’ eucoir sam bith ged a dheanadh gille tapaidh bògadh-feannaig air ann an dig na h-iodhlann, no ged a ghabhtadh air le taod fliuch gus an tòchdadh e o chnaimh. Ach cha ’n ’eil feum sam bith teannadh ris an leisge a thoirt as na cnàmhan aige le comhairleachadh. Dithis nach gabh comhairle an leisgein agus bean bhorb. Mar a tha ’m facal ag ràdh,— “Comhairle ’thoirt air mnaoi bhuirb mar bhuille ùird air iarrunn fuar.” Bu cheart cho math leam teannadh ri comhairle thoirt air mnaoi bhuirb fhén ri comhairle thoirt air an leisgein. Cha bhiodh ann domh ach “saothair an daogha,” ged a theannainn ris. Ma ni dad idir feum dha is e a dhealbh a tharruinn cho math ’s a ghabhas deanamh, agus a ghlaodhadh ris a h-uile dorus ’s an dùthaich. Is iomadh fear a dh’ fhàsadh coma dheth dhòighean amaideach féin nam faiceadh e e fhéin mar a tha càch ’g a fhaicinn. Ach an uair a tha’n leisge air tàrmachadh anns an smear-cailleach aige cha tig an latha ’s cha chian an tràth a bheir e fhéin no duine eile as i.
Ma thachras—agus is ainneamh a thachras e—gu ’m bi fearann aig an lessgein aithnichidh fear ghabhail an rathaid co leis e. “Ghabh mi seachad air fearann an duinc leisg, agus air fion lios an duine gun tuigse; agus, feuch, bha e uile air fàs suas le cluaranaibh, chòmhdaich an eanntag ’aghaidh, agus bhriseadh sios a bhalla cloiche.” Aithnichidh fear ghabhail an rathaid an taigh aige mar an ceudna. Bidh cuid dheth gun tubhadh, agus cuid gun sgrathan. An àite sìomain ’s ann a bhios na cliathaichean aige breac le maidean agus le clachan. Bidh druim an taighe a cheart cho dìreach ri druim eich a bhiodh a’ bàsachadh leis an aois agus leis a chaoile. An uair a thig an t-uisge bidh an t-snidhe ’g a dhalladh, agus an uair a thig sneachda ’s reothadh bidh e ’g a mheileachadh leis an fhuachd.
O nach leig an leisge leis ullachadh a dheanamh air son na beatha ’tha làthair, idir cha leig i leis spàirn chruaidh a dheanamh gu dhol a steach air a’ gheata chumhann. Bu cheart cho math iarraidh air cruinn leum a ghearradh seachad air a’ ghealaich ’n a h-àirde ri iarraidh air spàirn a dheanamh air son ni sam bith. Tha eallach a dhroma de ’n leisg air, agus is gann a dhùraigeas e caruchadh as an àite am bheil e. Mu’n urrainn e dhol a steach air a’ gheata chumhann feumaidh e dealachadh ris an leisge—am peacadh a tha gu furasd’ ag iathadh uime. Mar a tha ’m facal ag ràdh—
“Cha leig an leisge dha deoin
Duine a dh-àite coir am feasd.”
I. McR.
Na deanamaid tàir air latha nan nithean beaga. Thugamaid fa near gu’n d’ eirich na nithean cho mòr ’s cho cumhachdach ’s a bha riamh anns an t-saoghal o nithean a bha gle bheag, lag, suarach an sealladh an t-saoghal.
Thoir an aire nach bi thu tuilleadh is deas gu cluas a thoirt do gach sgeul a chluinneas tu. Faodaidh iomadh sgeul a bhith air aithris am measg an t-sluaigh nach ’eil aon chuid fìor no feumail. Cha’n ’eil ann ach amaideas e bhith caitheamh na h-ùine ann a bhith ’g aithris, no ’g eisdeachd a h-uile sgeul a thig an rathad. Ge b’ e chreideas na chluinn e, faodaidh e na chi e itheadh.
[Vol . 4. No. 32. p. 7]
A Amhuinn Dhennis.
A CHARAID:— ’Se dìth naigheachd a thug orm a bhi cho fada gun facal a chur d’ur n-ionnsuidh, ach tha seann fhacal ag ràdh, “ ’S math an naigheachd a bhi gun naigheachd.”
Tha geamhradh briagha againn, agus ròidean matha. Tha na faoillich gheamhraidh a nis seachad, ach tha seana cheann ag radh nach “tig cneas gu’n tig ceannach, ’s nach tig fuachd gu’n tig faoillich earaich.”
Tha an triuthach ’nar measg bho chionn beagan sheachduinean agus tha mi cluinntinn gu bheil a ghriuthrach a’ tighinn air a luirg. ’S iongantach an beachdan a tha am measg cuid a shluagh ma leigheas thinneasan; ’se aon dhiubh gu’n teid neach air am bi an triuthach a leigheas ma gheibh e greim air iasg beò agus smugaid a chur na bheul ’sa leigeadh ’sa mhuir a rithist; ma’s a fior gu’n teid an tinneas air an iasg. Tha e air aithris gu robh cuid, as an earbadh sinn barrachd gliocais, ris an obair fhaoin ud eadhon anns an aite so, agus ged nach eil creideamh agam anns an leigheas cha teid mi tuilleadh a dh’iasgach gu ceann a ràidhe.
Chaidh dithis bhrogach as a choimhearsnachd so, Alasdair agus Rob, la do’n bheinn a shealltuinn ribeachan a rinn iad air son glacadh mhaigheach; sùil d’an d’thug iad chunnaic na shuidhe faisg orra, mar a shaoil leo féin, “madadh-ruadh-dubh.” Bha iad an dùil gu’n robh am fortan deanta agus ghrad leum Alasdair le cabar chum a bhualadh, ach ’sann a thog esan a spòg agus le greann rinn e fead a thug fuaim air a bheinn. “Pill! Pill! Alasdair,” ghlaodh Rob, ’se th’ann a mathan! agus mar a thubhairt b’fhior. Cha robh na brogaich fad a’ toirt a mach an taighe, agus cha chualas guth air maighich bho’n uair sin.
Tha comh-fhulangas againn ris “an tuathanach bhan,” a tha sgriobhadh á Ceap Nòr mu chall a mhinisteir, oir dh’eirich a leithid eile dhuinne bho chionn da bhliadhna, ’nuair a thug ar coimhearsnaich (muinntir a Bai’n Iar) leo ar ministeir cliùiteach, an t-Urr. A. Mac Ille-mhaoil, ’s dh’fhàg sin ar cùbaid fathast falamh. Cha’n eil teagamh nach fhaodadh sinne fear eile fhaotainn roimhe so na’n deanadh sinn mar a rinn iadsan, ach feuchaidh sinne ris an àithne choimhead cho fada ’sa tha ’nar comas, ann an dòchas gu’n oibrich na h-uile ni chum ar math.
Air eagal gu’m bheil mo litir tuilleadh is fada thig mi gu comh-dhùnadh le bhi guidhe saoghal fada d’an MHAC-TALLA, agus moran bheannachdan gu “Iain” air son a dheagh naigheachd mu’n chuirm air an robh e oidhche Nollaig.
X. Y. Z.
Feb. 4, ’96.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 32. p. 8]
ORAN NA BAINNSE.
LE DUGHALL MAC-EACHEARN.
(Ri leantuinn.)
B’ i sud a bhanais chliuteach,
’S gu’m b’ fhiughantach a chaitheadh aic’;
Bha sinn a cluich ar n-uine
Gun churam fhad ’sa mhair i dhuinn.
Nuair ’nochd an latha ’ghnuis dhuinn,
’Sa sguir na caran siubhlach,
Gun d’ ol sinn dram gu sunndach,
Is thog e smur na maidne dhinn.
Gu’n d’ smaointich mi bhi ’gluasad,
Ged bha droch uair is cathadh ann,
’San eathar ’bu mhath guallann
’Dhol thar nan stuadh gu farumach.
Gach seol bha agam fuasgailt’,
Buill chaol de ’n chorcaich bhuain annt’,
’S mi cumail ris an fhuaradh
A cheart cho cruaidh ’s a laigheadh i.
’S nuair ’shuidhich mi mo chursa
Bu shunndach a bha ’gabhail leam,
’Cur sheol is chrann gu ’n dubhlan
’S am filleadh cuil an teannachadh.
Bu mhomha ’s cas a stiuireadh,
’Si lan de spiorad dubailt’,
Ruith cuip air bharr nan sughan,
’S gach aon ’na thriuir ’san amharc dhomh.
Ged a bha ’n soirbheas gabhaidh,
Is e bho ’n aird’ ’bha anasta,
Gu’n d’ fhuair mi cala sabhailt’
An lagan blath ’s nach b’aineol mi.
Gur h-iomad latha ’bha mi
Mu bhruachaibh Allt-Mhic-Càra,
An t-aite grianach alainn
Far ’n tric ’bha ’n t-al a’ langanaich.
Is eolach mi mu ’chluaintean,
Is shios is shuas ’na ghlacagan,
’S an cluinnt’ an smeorach shunndach
A seinn a chiuil ’bu taitniche.
Tha sobhraichean gu h-uallach
A meudachadh a bhuadhan.
Tha neoineanan mu ’n cuairt ann,
’San luachair tha r’a faicinn ann.
A chluaintean boidheach sughmhor,
’Sa bheil an uir a’s fallaine,
Tha ’ruith air meanbh-chlaich dhubh-ghuirm
’S a cul mar leugaibh faileasach.
Gur fonnmhor, srannmhor, sunndach,
A bhios na beachan siubhlach,
Air feadh a bhlaithean cubhraidh,
Is surd orra ’toirt meal’ asda.
An coileach-tomain cuirteil
Bidh siubhlach feadh a bhadanan,
’S gur tric bhios an lon crocach
A comhnaidh ann gun fhadal air.
Am mathan bidh gun naire
A tigh’n a thogail cain ann,
’S an gille ruadh o ’n fhasach,
’S gur tric ’thug Tearlach car as ann.
Bha began de dhuil aig Dughall gun tachradh Mor Dhomhnallach air aig a bhanais, ach bha e air a mhealladh. B’ e taigh na bruaiche an taigh-sgoile. Air an la an deidh na bainnse bha da obair aig Dughall; bha e a teagasg na cloinne agus a deanamh an orain.
Mo Run Geal Dileas.
LUINNEAG.
Mo run geal dileas, dileas, dileas,
Mo run geal dileas nach till thu nall?
Cha till mi fein leat, a ghaoil cha’n fhaod mi,
’S ann tha mo ghaol-sa ’na laidhe tinn.
Is truagh nach robh mi an riochd na faoilìnn
A shnàmhadh aotrom air bhàrr nan tonn;
Is bheirinn sgrìobag do ’n eilean Ileach,
Far bheil an ribhinn dh’ fhág m’ inntinn trom.
Is truagh nach robh mi ’s mo rogha céile
Air mullach shléibhte nam beanntan mòr,
’S gun bhi ’gar n-éisdeachd ach eòin an t-sléibhe,
’S gu’n tugainn fhéin di na ceudan pòg.
Thug mi còrr agus naoi mìosan
Anns na h-Innsean a b’ fhaide thall,
’S bean bòichead t’ aodainn cha robh ri fhaotainn.
S ged ’gheibhinn saoghal cha’n fhanainn ann.
Thug mi mios ann am fiabhrus claoidhte
Gun dùil rium oidhche gu ’m bithinn beò;
B’e fàth mo smaointean a là ’s a dh’ oidhche,
Gu’m faighinn faochadh ’us tu bhi ’m chòir.
Cha bhi mi strìth ris a’ chraoibh nach lùb leam
Ged chinneadh ùbhlan air bhàrr gach géig.
Mo shoraidh slàn leat ma rinn thu m’ fhàgail,
Cha d’ thàinig tràigh gun mhuir làn ’na déigh.
Tha pàrlamaid Chanada a nise ’na suidhe o chionn còrr us mios ach cha d’ rinneadh a bheag a dh’obair a chur feachad fhathast. Chaidh bill mu dheobhainn sgoilean Mhanitoba a thoirt a stigh Di-màirt s’a chaidh agus a leughadh a’ cheud uair. Feumar a leughadh tri uairean mu’n tig e gu bhi na lagh; ’sann aig an darra leughadh a gheobhair a mach ciod i barail na pàrlamaid air, oir ’sann an uair sin a nithear gach deasbaireachd a bhios ri dheanamh uime. Ghabh Sir Tearlach Tupper ’àite-suidhe anns a pharlamaid Di-màirt.
Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W. H. WATSON.
Air an t-seann Laraich.
Baddeck, C. B.
NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: —Os cionn Stor Harington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
title | Issue 32 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 32. %p |
parent text | Volume 4 |