[257]

[Vol . 4. No. 33. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 22, 1896. No. 33.


Na h-Armenianaich.

Tha an sluagh ainmeil so ro shean. Tha iad air an ainmeachadhsa Bhiobull, an leabhar Ghenesis fon ainm Togarmah. Tha an amhainn aosda Euphrates a sruthadh troimh an tìr fharsuinn so. Air taobh an ear na h-aimhne so tha Armenia Mòr, agus air an taobh siar tha Armenia Beag. ’Sann ann an Armenia Mòr gu sònruichte, a tha na Turcaich an dràst adeanamh geur-leanmhuinn ghoirt air na Criosduidhean Armenianach. Tha e air a ràdh gun do chuireadh còrr us trì fichead mìle pearsa dhiubh gu bàs! Tha sona mhasladh mòr, agus na chionta eagallach, do rìoghachdan Criosduidh an domhan. Tha eagal orm gum bheil sinn uile cosmhuil ris an t-sagart agus ris an Lebhiteach a ghabh seachad o shean air an duine bhochd a thuit am measg an luchd-reubainn air an t-slighe gu Iericho. Shaoil sinn gun nochdadh Breatunn roimh so gniomh an Deagh Shamaritanaich do shluagh bochd Armenia. Than Roinn-Eòrpa, ’sa chùis so, cosmhuil ris a bhoin a ni mòran bùireich, ach nach toir seaehad ach beagan bainne. Chan e ràdhaiteanas, ach deanadas a thaisbeanas gum bheil sinne saor o gheallaidhean briste, agus o chionta folasa chùis so.

Tha Armenia air a roinn eadar Russia, Persia, agus an Tuirc. Tha mun cuairt air da cheud mile (200,000) Armenianach ann an Constantinopal, Baile mòr na Tuirc. Tha sinn an dòchas gun seas Breatunn dìleas air taobh na firinn, na còrach, agus acheartais, agus gun cuirear mar fiachaibh air Impire na Tuirc gun cuir e stad air spùinneadh agus air marbhadh ann an dùthaich mhaiseach Armenia.

Tha ena bheul-aithris aosda ann an Armenia gur h-e an t-Abstol Bartolomeus no Natanael, a thugsa bhliadhna 34 an soisgeul do Armenia. Tha còrr as ceithir cheud deug bliadhna on a dhfhuiling na h-Armenianaich geur-leanmhuinn chruaidh air son an dìllseachd don chreideamh Chriosduidh. Bham Biobull air eadar-theangachadh gus achainnt Armenianaichsa bhliadhna 400. Tha cleachdaidhean eaglaiseal nan Armenianach cosmhuil ri cleachdainnean na h-Eaglais Ghreugaich. Tha seachd sàcramaintean aca. Mar a tha leanaban air am baisteadh, tha iad air an tumadh trì uairean ann an uisge. Tha cead aig na ministeirean Armenianach pòsadh. Ach chan eil e ceadaichte do bhantrach ministeìr pòsadh an darra uair.

Tha na h-Armenianaich, fir agus mnathan, ’nan sluagh calma, tapaidh, eireachdail. Tha iad àrd, dìreach nam pearsa, le falt òr bhuidhe maiseach. Tha na boirionnaich uasalnan giùlan agus sgiamhachnan gnùis. Tha iadnan cinneach geur-chùiseach, tuigseach. Gheibhar iad sgapta feadh an t-saoghail, agus cuid diubh ann an dreuchdan cudchromach.

Bithidh cuimhne air ar leughadairean gur h-ann an Armenia a tha Beanntan Ararait air an do stad an Airc. —An Fhianuis.


Iomadh Comhairle.

Tha e airaithris gun robh duine àraidh agus a mhac aghabhail an rathaid le asail. ‘Carson nach eil an dara fear agaibh amarcach na h-asail?’ arsan ceud neach a thachair riutha; Chuir an seann duine an sin suas an gille agus choisich e fhéinAm bheil e ceart thusa a bhimarcachd agus tathair aosda acoiseachd?’ arsan darra fear a choinnich iad. Chaidh an seann duine an sin air muin an eich agus choisich an gille. ‘Am bheil sibh afaicinn an t-seann duine leisg amarcachd agus a mhac òg da chois?’ arsan treas fear; an sin thog an seann duine a mhac air a chùlaobh. ‘Tha thu féin agus do mhac nis comasaiche air an asail a ghiùlan na tha ise oirbhse,’ arsan ath-fhear. ‘Ni air bith airson ur toileachadh, arsan seann duine, agus air ball cheangail iad a casan agus thug iad oidhearp air a giùlan thairis air an drochaid; ach thachair aimhleas air choir-eigin orra, ’s thuit i don abhuinn agus bhàthadh i. Direach mar sin a thachradh don MHAC-TALLA nan gabhamaid an deicheamh cuid de gach comhairle agus seòladh a tha sinn afaighinn. Cuimhnicheadh ar càirdean gum bheil na mìltean againne ri riarachadh agus gun ach glé bheag dhiubh air an aon bheachd.


ThanNews ,paipear-naigheachd a thatar a cur a mach ann am baile Alexandria an siorrachd Ghlinn-Garraidh, an Ontario, air tòiseachadh air leasanan Gàilig a chlò-bhualadh gach seachdain. Tha iad air son cuideachadh leotha-san a tha deònach air Gàilig a leughadh, ach nach robh riamh air an teagasg. Tha so a nochdadh gu bheil toil air feadhain a tha aineolach air a Ghàilig eòlas a chur oirre, agus gu bheil iadsan aig am bheil eòlas oirre toileach a dhol gu beagan dragha gus an cuid eòlais a chomh-pàirteachadh ri muinntir eile.

Chaidh còrr us tri mile fichead each a mharbhadh agus itheadh ann am Paris, ceanna-bhaile na Frainge, an uiridh. Thomhais an fheòil a chaidh a reic còrr us coig mile tunna, agus fhuaireadh eadar ceithir us ochd sentichean deuga am pùnnd oirre. Na bùithean a thaga reic, chan fhaod iad feòil sam bith eile a chumail. Tha a chuid mhor dhith air a cur ann am maragan.

Ann an arm Bhreatuinn, tha ceud us tri fichead milesa tri de Shasunnaich, sia mile deug de dhAlbannaich, agus sia mile fichead de dhEireannaich. A thaobh aidmheil, tha seachd fichead còig mile dhiubh den Eaglais Shasunnaich, seachd mile deug air fhichead den Eaglais Chaitlicich, coig mile deug den Eaglais Chléirich, agus da mhile dheug den Eaglais Mhethodaich.



[258]

[Vol . 4. No. 33. p. 2]

BEAN AMHISGEAR.

CAIB. III.

Oir thig am misgeir agus an geocaire gu bochdainn.” —Gnath. 23. 21.

Tha uair aig an achasan is àm aig achéilidh.” An uair a fhuair Seònaid a h-àm freagarrach fhéin labhair i gu ciùin, sìobhalta, ri Seumas mu na cleachdaidhean gòrach a bha eleantuinn. Bann air feasgar na Sàbaid an déigh dhi achlann a chur a laidhe a labhair i ris, oir cha robh toil sam bith aice gun cluinneadh no gu faiceadh achlann dad a bheireadh orra bhig amharc sìos air an athair. So cuid de na briathran a labhair i:—

Cha ghabh thu gu h-olc e, ’Sheumais, ma bheir mise comhairle na corach ort. Ged is boirionneach mi tha mi ann an tomhas comasach gu leòr air dealachadh a chur eadar am math agus an t-olc, a reir an teagaisg agus an eòlais a fhuair mi. Cha bhiodh e idir ceart dhomh leigeadh le neach sios uatsa a bhith siubhal air an t-slighe chearr gun rabhadh a thoirt seachad.

Ach tha mise agus thusa ann an daimh ro dhlùths ro shònraichte richéile, agus air an aobhar sin, tha e mar fhiachaibh oirnn cuideachadh agus misneach a thoirt da chéile aig gach àm. Tha lan fhios agad fhéin, tha micreidsinn, gu bheil thu air fàs déidheil air an òl. Agus tha thu mar an ceudna air fàs crosda, greannach rium; rud a tha cur dragh ro mor air minntinn. Tha fhios agad gle mhath gu bheil facal an Tighearna alabhairt gu searbh an aghaidh luchd na misge, agus a comharrachadh a mach gun tig am misgear gu bochdainn. Tha iomadh éis air achloinn, agus bfhearr dhutsa an t-airgiod a tha thu acursan òl a chur a cheannach nan nithean a tha dhìth air achloinn na bithga chaitheamh ann an ni nach dean feum aon chuid don chorp no don anam. Ann an ainm an Tighearna, agus le cuideachadh a shaor ghràis, thoir gach oidhirp air sgur den òl. Cia mar a bhiodh achùis an diugh nan robh aon de na coimhearsnaich a làthair an oidhche roimhe an uair a thainig thu dhachaidh air mhisg, agus a bhrist thu a h-uile soitheach a bhagam air a bhòrd? Is mi bha taingail gu robhchlannnan cadal air an àm; oir nan robh iad nan dùsgadhs dòcha gum biodh cuimhne aca air a choslas anns an robh thu gu latham bàis. Chaneils cha bhith meas aig cloinn air am pàrantan an uair a chi iad aimhreit sam bith eatorra. Na robh iad nan dùsgadh an oidhche ud, shaoileadh iad gu robh mise agus tusa ann am mullach na h-aimhreit. Chan eil gruaim sam bith agamsa riut; ach tha truas gu leòr agam riut mar bu chòr a bhith aig a mnaoi phòsda ri a fear; agus air an aobhar sin chan urrainn domh gun a chomhairle so a thoirt ort le uile dhùrachd mo chridhe. Mum bi e tuilleadh is anamoch grad sheachainn an t-òl, agus luchd an òil; oir truaillidh droch comhluadar deagh bheusan. Ann an lathair an Tighearna thoir a nis dhomh do làmh, agus thoir bòid gu sguir thu dheth na dòighean amaideach a bha thu leantuinn o chionn ghoirid.”

Ma taSheònaid,” arsa Seumas, “feumaidh mise aideachadh gu saor nach eil mi mar a bha mi aon uair. Bha mi uair agus nan canadh neach sam bith rium gun tiginn dhachaidh air mhisg, agus gum bristinn soithichean, theirinn mar a thubhairt Hasael ris an fhàigh, “An do sheirbhiseach gun deanadh e leithid sin?” Ach beag air bheag thàinig mise gu bhith mar a tha mi. Is iomadh uair a bha ioghnadh orm nach robh thu labhairt gu searbh rium. Tha mi taingail nacheil fios aig duine beò air mar a thachair ach sinn fhéin le chéile. Le còmhnadh an Tighearna feuchaidh mise ri sgur den òl agus ri communn luchd an òil a sheachnadh.”

Bha tuilleadh còmhraidh eatorra air nach ruigear a leas iomradh a thoirt an so. Aig an àm bha h-uile coltas gum biodh sìth, is soirbheachadh, is beannachd anns an teaghlach. Ach is iomadh rud air an robh deagh choltas aig a thoiseach a thàinig gu droch dheireadh. Cha dthug Seumas ni bfhaide na mìos air tighinn dhachaidh sòbarra mar a gheall e da mhnaoi. Gun fhios gun fhaireachadh dha fhuair misg agus mi-bheus lamh an uachdar air. Gu fortannach cha robh fhios aig a mhnaoi air ach fior bheagan dena dòighean mi-iomchuidh anns an robh ecaitheamh a bheatha. Bha efeuchainn ri folach a chur air cùisean cho maths a ghabhadh deanamh. Bhiodh en còmhnuidh fada gun tighinn dachaidh, agus an uair a thigeadh e dhachaidh deanadh e naigheachd cho coltach dhis gu robh in dùil gur in fhìrinn a bhanns a h-uile facal a theireadh e. Ach mu dheireadh ghabh i amhrus nach robh cùisean mar bu chòir dhaibh a bhith. Theireadh i rithe fhéin an dràstas a rithist, “Cha dearbhadh air duine amhrus. Feumaidh mi làn dearbhadh fhaotainn gu bheil e ciontach de na bheil iad acur as a leth mun creid mi e.” A dhaindeoin so gu léir bha, mar gum biodh guth a labhairt rithe, ’s ag innseadh dhi gu robh ni eiginn muthimchioll nach fuilingeadh an solus fhaicinn.


CAIB. IV.

Air oidhche àraidh bha Seònaid mar a bàbhaist dhi a feitheam Sheumais, agus icàradh aodaichean na cloinne. Thàinig da uair dheug, ’s thàinig uairs amhaduinn, ach cha dthàinig Seumas. Cha robh fhios aice air an t-saoghal ciod a dheanadh i. Bha nàire oirre na coimhearsnaich a dhùsgadh mun àm ud a dhoidhche gus a dhol air a thòir, air eagal gu faigheadh iad a mach mar a bha cùisean. Agus ged a dhfhàgadh ichlann leò fhéin, bha eagal oirre gu faodadh iad éiridh as an leabaidh, agus cron a dheanamh orra fhèin fhads a bhiodh i air a thòir. A bharrachd air so, cha robh fhios aice n taobh air an tugadh ih-aghaidh ga iarraidh. ’Sebhann gun dfhan i far an robh i, ’s in dùil a h-uile mionaid gun cluinneadh i fuaim a chas air an staidhir. A réir choltais bha chuid mhòr de shluagh abhaile air gabhail mu thàmh, oir aig an àm cha chluinnteadh a bheag a dhfhuaim chas no charbad air sràidean abhaile. An dràstas a rithist bheireadh i oirre fhéin a chreidsinn gu robh i cluinntinn fuaim a chas a nuas an t-sráid. Am feadhs a bha i mar sos a cluas ri claisneachd bhah-inntinn fo dhragh ro mhòr le bhith smaointean a liuthad cunnart bàis a dhfhaodadh tighinn ann an rathad Sheumais.

Mu dheireadh an uair a ghabh i ceud fadachd, ’s a dhfhàs an sèomar fuar, chaidh i don leabaidh. Ach ma chaidh cha bann gu cadal. Ged bu bhuidhe cridhe leatha cha tigeadh aon norradh air a sùil.

O nach robh ifaotainn cadail dhéirich i gu math moch, ’s chuir in taigh air dòigh, ’s dheasaich i biadh na cloinne mar a bàbhaist dhi. Ach bha i fhéin air a lionadh cho mòr le bròns le bristeadh cridhes nach burrainn i am biadh a bhlasad.

Beagan an deigh mheadhon latha chuala i bualadh aig



[259]

[Vol . 4. No. 33. p. 3]

an dorus. bhan so ach aon de mhaoir-sithe bhaile a bha gu math eòlach air Seumas. Dhinnis e dhi gu robh Seumas air a chur ann am prìosan air son làmh a bhith aige ann an droch bheairt éiginn a rinneadh anns abhaile, agus nach fhaigheadh e mach gu ceann shia seachduinean mur pàighte coig puinnd Shasunnach de chàin air a shon. An uair a chuala Seònaid bhochd so thòisich i ri caoidhs ri tuireadh, araon a chionn gu robh Seumas anns aphrìosan, agus mar an ceudna a chionn nach robh comus aice air achàin a phàigheadh. Mu dheireadh chuimhnich i gu robh aon charaid aices abhaile a bheireadh dhi na coig puinnd Shasunnach ma bha iad aige ris an t-saoghal. Thuirt am maor-sìthe nach biodh e glic dhi achàin a phàigheadh eadhon ged a bhiodh an t-airgiod aicena laimh. Cha robh so idir atighinn a réir a h-inntinn; oir bha gràdh mòr aice do Sheumas, agus bha e ro chruaidh leatha e bhith fad shia seachduinean ann an seòmar beag, fuar, gun teine, gun tuar, air ghainne bidh, agus air dhroch leabaidh, gun luaidh air amhasladhs air an tàmailt a bha e fhéins a theaghlach gu bhithfulang.

Ma ta,” arsam maor-sìthe, “Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, ’Sheònaid, leigidh tu le Seumas na sia seachduinean a chur seachad far am bheil e. Tha e air a dhol nis fhaide air aghaidh anns an olc na tha thusan dùil. Is aithne dhomhsa cha mhòr a h-uile car a tha ecur dheth a nis o chionn dols na tri bliadhna. Tha mi seachd sgìthga chomairleachadh. Ma ni dad idir feum dha fo laimh Dhe, ’se gaeis dheuine a chur seachad far nach fhaics nach cluinn en comunn truaillidh a bha eleantuinn o choinn ùine. Is e aon duine as a mheall mi a chunnaic mi riamh. An uair a chuir mise eòlas air an toiseach, bha e modhail, fìrinneach, onarach, agus measail air fhéin; ach tha e nis air na nithean so a thréigisinncar ùine co dhiu. Tha e gle chruaidh leam a leithid so de theist a thoirt airna do làthair-sa. Ach feumar an fhìrinn innseadh ged a dhfhaodas i bhith gle shearbh air uairibh. Tha h-uile guth a tha mig ràdh fior, agus an corr ged a theirinn e.”

Chuir a h-uile naigheachd a bhann Seònaid cho mòr troimh-a- cheiles nach burrainn i aon fhacal a ràdh fad beagain mhionaidean. Mu dheireadh thuirt i;— “Cruaidhs mar a tha mo shuidheachadh an diugh feumaidh mi cur leis. Mar a tham facal ag ràdh, a nuair a thig ri duine, thig ris uile. Thug sibh fhéin droch naigheachd ugam; ach ged is i naigheachd as cruaidhe a burrainn domh fhaotainn saor o naigheachd a bhàis, tha ni eile ann a thacur dragha agus uallaich orm. Tha mi fhìns mo cheathrar phàisdean laga an diugh gun bhiadh, gun teine, gun aon sgillinn ruadh ris an t-saoghal a cheannaicheas greim a theid nan cinn. Ceithir bliadhna roimhn diugh bha airgiod ma seach againn a chumadh suas sinn ged a bhiodh e fhein gun char cosnaidh fad leth-bhliadhna. Dhfhalbh sins thàinig so. Dhfhalbh ar meass ar cliù. Is iomadh trioblaid, éis, is bròn a tha luchd an òil atoirt orra fhéins air an teaghlaichean. An ùine ghoirid feumaidh sinn an taigh so fhàgail o nach urrainn sinn am màl a phàigheadh. Aig an Tighearna tha brath caite an téid sinn.”

An uair a thuirt i so chuir i a da bhois rih-aodann, agus shil i na deòir cho frasach ri leanabh beag. Dhéirich am maor-sithena sheasamh gu falbh, agus mun dfhàg e slàn aice thuirt e:— “Ma dhfhaodas mi thig mi dhfheòraich air bhur son uair eiginn fo fheasgar am màireach. So dhuibh na chuireas seachad an tràth. Ma dhfhaodas mi cha bhi éis sam bith oirbh gus am faigh Seumas cead a choise. Ged a chaidh e thun na truaighe cha leig mi air dìchuimhne, tha min dòchas, an caoimhneas a nochd e dhomh, agus na comhairlean mathathug e orm, an uair a thàinig mi don bhaile an toiseach.”

(Ri leantuinn.)


An Fheinn air a h-Uilinn.

Tha seann ràdhs aGhaidhealtachd agus is e sin, “Tha an Fheinn air a h-uilinn.” A reir an ràdh so bha an Fheinn aig aon am fo gheasaibh ann an uamh araidh nach bfhiosrach do neach beo. Aig beul na h-uamha bha dùdach, agus nan robh de mhisnich aig an neach a gheobhadh a mach iad, an dùdach a sheinn tri uairean, dheireadh an Fheinn beo, slan. Air do shealgair araidh dol air seacharan ann an ceo, thainig e air an uamha anns an robh an Fheinn. Chunnaic e an dudach, agus chuimhnich e air an t-seann ràdh, gun robh an Fheinn fo gheasaibh, agus ge be neach a sheideadh an dùdach tri uairean gun duisgeadh e iad. Bha eg am faicinnn an laidhes an uamha: rug e air an dùdaich, agus sheid e sgal chruaidh oirre. Is ann le mor ioghnadh a thug e fainear gun do dhfhosgail gach aon diubh an suilean agus iad adur-amharc airs an aodann, agus thug e fainear mar an ceudna, le oillt, gun robh an suilean mar shuilean dhaoine marbh. Thog e a mhisneach, sheid e sgal eile air an dùdaich, agus ghrad dheirich gach aon airuillinn. An uair a chunnaic e sin chaill e uile gu leir a mhisneach, agus theich e. Air dha a dhachaidh a ruigheachd dhinnis e a sgeul da chairdean, agus ghabh iad a mach comhladh, ach cha burrainn doibh amas air an uaimh tuille, ’s cha dfhuaras riabh i gus an lathan diugh. Theirear bho sin, “Tha an Fheinn air a h-uilinn.”


An Duine Deanadach.

Theireadh na coimhearsnaich uime gu robh e cruaidh, agus gu robh e spiocach, ach cha robh e cuid seach cuid. Bha e deanadach, gleidhteach, agus cùramach. Cha do chosg e ni a ghabhadh cùmhnadh. Shaothraich e gu cruaidh uile làithean a bheatha. Thòisich e gun sgillinn ruadh, ach bha da ghàirdean làidir aige, agus bha e suidhichte air beolaind onarach a dheanamh dha féin, agus air beagan a chur ma seach air son an latha fhliuch. Thòisich e anns achoille. Réitich efhearann féin. Fad nam bliadhnaichean saoithreach sin, dhfheumadh e bhi cùmhnach, ach cha robh e aig àm sam bith spiocach. Bha a bheans a theaghlach air an deagh chòmhdach agus air dheagh bhiadh. Bha leobhraichean agus paipearan rim faotainnna thigh. Fhuair a chlann na burrainn da thoirt dhaibh de sgoil. Bhafhearann an còmhnuidh air oibreachadh gu math agus gach ni air uachdar ag amharc cho maths bu chòir dha. Bha e cho onarach ris an òr. Bha fhacal cho math ri ghealladh sgriobhte, agus bha a ghealladh sgriobhte cho math ris an airgead chruaidh, ge be àiten robh eòlas air. ’N am biodh làn dùthcha againn dhen t-seòrsa dhaoinud, cha chluinntiomradh air ceannaichean no bancaichean a bhi bristeadh, ’s cha bhiodh bochdainn ach gann idirsan tir. Faodar gàire fanaid a dheanamh ris na daoine so, agus a radh gur a spiocairean iad, achs iad na daoine thacumail suas creideas na dùthcha, agus cha bhiodh adhartas no soirbheachas oirre as an aonais.



[260]

[Vol . 4. No. 33. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, FEBRUARAIDH 22, 1896.

Litir a Lunnainn.

A DHEASAICHE CHOIR: —Thàinig bliadhna eile oirnn, agus tha min dòchas gum bi ina bliadhna mhath airson na Gàidhlig, agus gach ni Gàidhealach. Chan urrainn domh a ràdh cho toilichtes a tha mi gum beil ar deadh charaid, MAC-TALLA maille ruinn fathast, agus afàs nis treise gach bliadhna. Gu ma fada mar sin a bhitheas e. Is duilich leam nach dthàinig feum sam bith a thaobh na Gàidhlig as a choinneamh mhòir a bha air a cumail ann an Truro. Is mòr meagal gum beil na Gàidheil Canadach a cheart cho suarach mu dheibhinn na Gàidhlig agus a tha na Gàidheil Albannach iad féin. Ma tha iad asaoilsinn gur còir aGhàidhlig a bhi air a cumail suas, carson nach dean iad oidhirp a chums gum bi i air a teagasg; oir tha e cho cinnteachs is urrainn da bhi, nach seas aGhàidhlig no cànain sam bith eile gun a bhi air a teagasg anns na sgoilibh. Thug e mòr thoileachas domh litricheanBodachan aGhàraidha leughadh, ach is e mo bheachd gum beil e tuilleadh as cruaidh air an òigridh. Cha-neil iad gu leir coireach anns aghnothuch. Is ann aig an t-seann fheadhainn a tha achoire. Is furasd a ràdh gum beil an òigridh acur dimeas air cànain agus cleachdaidhean an sinnsear; ach càit an do dh-ionnsaich iad sin a dheanamh? Ma chi iad am pàrantan acur dimeas air aGhàidhlig, am beil e coltach gum bi mòran spéis aca-san di. Cuimhnich na sean-fhacail, “An nichluinneas na big, is echanas na big,” agus, “An rud a chi an leanabh is e a ni an leanabh.” Is ionmhuinn aGhàidhlig le mòran den òigridh anns an àite so; chi mi gach seachduinn, gillean agus caileagan athagabhail mòran dragha agus atoirt gu deònach an cuid airid agus ùine a chum cànain ionnsachadh, a bu chòir dom pàrantan a bhi air a theagasg daibhnuair a bha iad nan leanabana. Ach air an taobh eile, cia meud de na Gàidheil anns abhaile so, a theagaisg riamh facal Gàidhlig don cloinn? Gun teagamh is iad feadhainn mar sin a thanan naimhdean as misebha aig aGhàidhlig riamh. Nach uamhasach maslach do na Gàidheil mar a tha cànain an sinnsear air a cur gu tur air chùl le daoinebu chòir a bhi an toiseach gach gluasaid gu a cumail suas. Tha mi buileach toilichte fhaicinn gum beil Comunn Albannach air a stéidheachadh ann an Sidni. Tha min dòchas gun gabh iad cùis na Gàidhlig os làimh gun dàil. Le fìor dhùrachd, Is mi ur caraid dileas.

LAMH LAIDIR.
Lunnainn, 7, 2, ’96.


S ionmadh bliadhna bhon bha còmhstri eadar Breatuinn agus an Fhraing a thaobh cladach an iar Newfoundland. Tha còir aig na h-iasgairean Frangach air an cuid éisg a ghlanadhsa thiromachadh air achladach sin riamh on thug an Fhraing suas a còir air an eilean, agus bha sin a cur dragh mor air muinntir Newfoundland. Chan e mhàin gu robh na Frangaich a gabhail còir air an cuid éisg a ghlanadhsa thiormachadh ann an sin, ach bha iad agabhail orra féin muinntir Newfoundland, agus muinntir sam bith eile thigeadh, a chumail air falbh dheth gu buileach. Cha robh sin idir a còrdadh ri luchd-àitich an eilein sin, agus bha iad agearain gu tric ri Breatuinn da thaobh. Ach ged a bha sith eadar Breatuinn agus an Fhraing, tha iomadh bliadhna bho nach robh iadnan càirdean, agus uime sin cha robh e soirbh cùisean mar so a chur air dòigh. Ach a nise tha iad nan càirdean mora, agus thatar ag radh nach bin ùine fada gus an toir an Fhraing suas a coir air cladach an iar Newfoundland gu buileach, agus gun toir Breatunn dhise an coinneamh sin, tuilleadh coir air fearann a thaice an ceann a tuath Africa. Ma thig sin gu crich, bidh ena latha math do mhuinntir Newfoundland.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC:
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais,


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[261]

[Vol . 4. No. 33. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Be Di-ciaduin sa chaidh acheud latha dhen charghus. Tha Di-dònaich na Càisge a tighinn trath am bliadhna, air a chòigeamh latha do dhApril.

Tha nighean òg don ainm Hattie Benedict, ann am Marengo, N. Y., an deigh dùsgadh á suain anns an robh i fad còrr us mios. ’Si so an treas suain anns an deachaidh i an taobh a stigh de cheithir miosan.

Sgaoil pàrlamaid Nobha Scotia Di-sathairne sa chaidh, an deigh dhi bhi cruinn ùine ni bu ghiorra na bha i riamh roimhe. Cha robh fior mhoran aca ri dheanamh, agus cha robh reusan air a bhi cosg moran ùine.

Tha Sir Tearlach Tupper car tinn a chuir as dhen ùine bhon chaidh e dhOttawa. Cha robh ena àite an tigh na parlamaid ach aon fheasgar air an t-seachdain sa chaidh. Tha amhach agus a shùilean a cur dragh air.

Ann an aon tigh anGrand River, tha triùir a fuireach a than deigh aois mhor a ruigheachd. Than t-aon as sine ceithir fichead bliadhnasa deich, an darra h-aon ceithir ficheadsa còig, agus an treas aon, ceithir fichead.

Tha naodh ceuds tri ficheadsa deich de Dhomhnullaich anns an t-siorrachd so. Gun na thann an Sidnis an Sidni Tuath, a chùnntas, tha tri fichead sadeich anns an t-siorrachd don ainm Alasdair Domhnullach, tri ficaeadsa h-aon deug don ainm Aonghas Domhnullach, agus seachd fichead sa dha don ainm Iain Domhnullach.

Chaidh clar-cuhimhne a chur suas ann an eaglais St. Andrews air an t-seachdain so, don Urr. Uisdean Mac Leòid, D. D., ceud mhinisteir na sgireachd, a chaochail o chionn da bhliadhna. Bha an Dotair Mac Leòid na dhuine ainmeil agus measail; bha moran der luchd-leughaidh glé eòlach air nach bi toilichte an clàr briagha ud fhaicinn air a chur suas na chuimhne.

Tha fios air tighinn o chionn seachdain gu bheil Dr. Nansen an deigh ceann a tuath an t-saoghail a ruigheachd. Tha Nansen ainmeil air soa a chuid rannsachaidh anns an àirde tuath, agus tha e o chionn treis a dhùinestrith ris an fhior cheann a tuath a ruigheachd. Tha moran dhaoine dhen bharail nach eil an sgeul so a thainig ceart, ach gheobhar a mach an ùine gun bhi fada co-dhiu tha no nach eil. ’S ioma duine bochd a chaill a bheatha, o chionn cheud bliadhna, arannsachadh a mach na h-àirde tuath.

Tha Gilbert, am fear a mharbh caileag bheag ann am Boston o chionn bliadhna, air a dhiteadh gu bàs. Bha e ri bhi air a chrochadh an , mur deachaidh tilleadh a chursa bhinn. Bha àireamh dhotairean timchioll air o chionn ghoirid feuch an robh e aig a thùr fhéin, agus rinn iad a mach gu robh. Bha a cháirdean air an t-seachdain so acur tagraidh dhionnsaidh riaghladair na Staite air son a bheatha leigeadh leis. Cha chuala sinn co-dhiu fhuair no nach dfhuair an tagradh sin éisdeachd.

Bi oidhche Di-luain sa chaidh an oidhche cha bfhuaire thainig air agheamhradh so. Cha robh na h-oidhchanan fuara am bliadhna gle phailt, agus cha robh iarraidh orra. Thuit moran sneachda o chionn seachdain, ach gu fortanach cha robh bheag a chathadh ann, agus mar sin ged tha na ròidean gu math trom, chan eil iad cho donasa dhfhaodadh iad a bhi.

Chaidh muillean-sàbhaidh le fear Mac-Ille-mhaoil, na teine ann an Sidni Tuath oidhche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh, agus a losgadh. ’S ann air éigin a fhuaireadh na taighean mun cuairt o ghabhail, tigh-comhnuidhIc-Ille-mhaoil fhéin am measg chàch. Bha inneal ùr air a cur a stigh an latha sin fhein. Cha robh airgead-urrais air amhuilinn idir. Tha an call air a mheas aig da mhile dolair.

Chaidh factoridh cholairean na teine ann an Troy, N. Y., feasgar Di-luain sa chaidh, agus loisgeadh i gu làr. Bha mu thri cheud de nigheanan ag obair innte, agus a chuid mhòr dhiubh air na lobhtaichean; loisg an teine an aon staidhir a bhann, agus bha iad mar sin air an dùnadh a stigh. Chan eil fhios fhathast cia meud a chaidh a losgadh, ach tha e cinnteach gun do chailleadar fichead us deich air fhichead am beatha.

Chaidh an tigh aig bantrach Fhionnlaidh Mhic Leòid, air taobh deas an Eilein Mhoir, ’na theine oidhche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh, agus chaidh e gle thearm air a bhi air a losgadh gu làr. Bha an sgalag, Domhnall Mathanach, na laidhe tinn leis a ghriùraich, agus dhùisgeadh e air feadh na h-oidhche leis a cheò. Bha an teine air tighn a mach air toll pioba a bhair an t-simileir, agus air greimeachadh air a phaipear. Bha e air faotainn air cùl an linigeidh, sadeanamh greim math air an tigh nuair a fhuaireadh casg a chur air. Bhacarpeta bfhiach da fhichead dolair air an rùm san robhn teine, agus bha roinn de dhàirneis luachmhor ann, agus chaidh an tur mhilleadh.

Tha an t-Urr. Ruairidh Mac Leòid, a bha àireamh bhliadhnaichean air a shuidheachadh ann an sgireachd Strath-Lathairnn, ’san eilean so, agus an deigh sinan Dunbheagain, an Ontario, an deigh a dhol gu cho-thional Huron. Bha an gairm aon-ghuthach, agus ged a bha ceangal mor aige ri co-thional Dhunbheagain, ghabh e e, agus bha e air a shuidheachadh ann aHuron air an 20mh latha dhen mhios a dhfhalbh. Bha coinneamh mhòr aig an t-sluagh beagan lathaichean an deigh sin acur fáilte air. Tha iad a toirt dha mile dolairsa bhliadhna agus mansa. Thug e an searmon mu dheireadh do mhuinntir Dhunbhheagain air an treas latha deug, agus an ath oidhche bha coinneamh aca, dhionnsuidh an dthainig gu ire bhig gach aonsa cho-thional a dhfhágail beannachd aige.


BAS.

Ann an Sidni, air an treas latha deug den mhios so, an deigh tinneas fada Robert Màrtuinn, mac do dhAlasdair Màrtuinn, seachd bliadhndeug a dhaois. Bha ena ghille a bha glic, stuama, caoimhneil, agus air an robh deagh mheas aig na h-uile bha eòlach air.


FEBRUARAIDH, 1896.

1 Di-sathairne. (2) Blar Inbher-Lochaidh, 1645.
2 Di-Domhnaich. IV Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
3 Di-luain
4 Di-mairt. Rugadh Robert Peel, 1788.
5 Di-ciaduin. An càirteal mu dheireadh dhen t-solus, 8.24, feasgar.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine. A Ghrian ag eiridh 7,17.
8 Di-sathairne. A Ghrian alaidhe 5.11.
9 Di-Domhnaich. V. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh
10 Di-luain
11 Di-mairt. Fad an latha, 10u. 7m.
12 Di-ciaduin
13 Dior-daoin. Murt Ghlinn Comhain, 1692
14 Di-haoine. (13) An Solus Ur. 11.59, maduinn.
15 Di-sathairne
16 Di-Domhnaich. Di-Domhnaich na h-Inid.
17 Di-luain. A Ghrian ag éiridh 7.02.
18 Di-màirt. A Ghrian ag eiridh 7.00.
19 Di-ciaduin. I latha dhen Charghus.
20 Dior-daoin. (21) Bas an III. Uilleam.
21 Di-haoine. A cheud chairteal dhen t-solus, 5.01, feasgar.
22 Di-sathairne
23 Di-Domhnaich. I. Di-Domhnaichsa Charghus.
24 Di-luain
25 Di-màirt
26 Di-ciaduin. A ghrian ag eiridh 6.47.
27 Dior-daoin. A ghrian alaidhe 5.41.
28 Di-haoine. An Solus lan, 3.47, feasgar.
29 Di-sathairne. Fad an iatha, 11u. 1m.


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[262]

[Vol . 4. No. 33. p. 6]

IAIN AN FHAMHAIR.

Ri linn Righ Artair nam buadh bha tuathanach còir an Cinntìre an Sasonn, an siorramachd Chornwall, aig nach robh ach aon mhac, agusse Iain a bainm dha. Bha Iain na bhalchan ro fhearail. Bethoil-ìnntinn a bhig eisdeachdsa leughadh sgialachdan air buidsichean, ’s air draoidhean, ’s air famhairean, agus air sìthichean; agus chan iarradh e de shòlas ach a bhi cumail cluaise riathair ag aithris mu éuchdan nan cuiridhnean calmaRidirean aBhuird-Chruinn aig Righ Artair.

An uair a chuirteadh Iain don fhireach a bhuachailleachd nam s nan caorach, bhitheadh e, a chumailfhadail dheth fhéin, a tarrainn bhlàr as séisdidh dhaingneach, agus adealbhadh na inntinn mar a chìosnaicheads mar a ghabhadh e fàth air nàmhaid. Cleasachd cloinne bige cha bfhiù leis; agus bainmig e a fhuair achuid a bfhearr dhethsa ghleachd. Bha e cho deas, seòlta, ’s ged a thuiteadh air uair gun tachradh a sheise air, gun robh buaidh ag éiridh leis anns gach cìnnseal.

Anns an àm ud bha famhair mòr afuireach an Cruaich-Mhìcheil an Cornwallbéinn a tha machsa chuan astar math bho thir. Bha e ochd troidhean diag air àirde agus naoidh air liad agus ùrla cho déisinneach, fiadhaichs gun robh ena chulaidh-eagail do na coimhearsnaich. Bha e fuireach an uamha dhuibh dhorcha am fas-mhullach na beinne; agus bu nòs da coiseachd roimhn mhuir gu tir air tòir cobhartaich. Cha luaithe chiteadh e tighinn air fàireamh, na theicheadh an sluagh lem beatha ás na tighean. An uair a dhitheadh e sheachd sàth de mhairt-fheoil agus de mhuic fheòil, thilgeadh e leth-dusan damh air a mhuin, agus a thrì urad sin de mhucan agus de chaoraich, cheangladh e àir a bhac-stic, agus thrialladh e dhachaidh don uamha. Is se seo a bu bheus da fad bhliadhnaichean; agus mur do chrean criochan Chornwall air a chuid chreach! Mu dheireadh chuir Iain gu cruadalach roimhe cur as da.

Togar air ma ta, le dùdaich, le sluasaid, le piocaid, agus le crùisgean; agus an toiseach na h-oidhche faide geamhraidh, snàmhar a null do Chruaich-Mhìcheil. Chaidh e gun mhaille an dàil oibre, agus cian roimh latha chladhaich e toll fichead troidh air doimhneachd le a dhìol leòid.

Dhùin e bial an tuill le créubhaich agus le soplach, agus chrath e sciotan ùrach air uachdar sin gus am famhair a chur ásumhail. An sin shéid e dhùdach fhein le sgairt cho mòr, onfhachs gun do dhùisg e as a shuain am famhair. Thàinig e air imeachd an rathad a bha Iain, ’s ghlaodh e le fuam tàirneanaich; “A pheasain bheadaidh, bidh daor an ceannach agad air mise dhùsgadh. Cuiridh mi air aghrìosaich thus bidh tu agam gum bhraic-mhias.” Gun tuilleadh bhriathran thugar sith ga ionnsuidhs tuitear na ghleog an comhair a chinnsan toll le saidse cho mòrs gun do luaisg e bheinn! “O , Ghoistidh,” arsIainse coimhead sìos don toll, “An ne gun dràinig thun t-iochdar mar tha! Ciod is gléus do dstamaig? Am bheil dad idir ann a dhfhòghnas dhut gud bhraic-mhias air amhaduinn fuar so, gun Iain bochd a ròisteadh?”

Thug am famhair glideachadh, air fhein gu éirigh, ach bhuail Iain aphiocaid air am mullach achinn agus mharbh e dhaon bhéum e. Gun mhoille, gun dàil, thill Iain air ais a thoirt furtachd dha chàirdean le sgial-bàis an fhamhair.

An uair a chuala triathan Chornwall mun éuchd seo, chuir iad fios air Iain, agus le aon ghuth thuirt iad gur h-e Iain-an-Fhamhair a bhiodh mar ainm air bhon uair sin; agus thug iad claidheamh dha, agus crios guailne, agus sgriobh iad air; an litrichean-òir,—

Is misIain Còrnach an sàr-chuiridh, Mharbh mi Cormoran le buille.

Chualas mun euchd so a rinn Iain, ’s cha bfhada h-uige, anns gach cearna dhàirde-niar Shasonn; agus bhòidich famhair a bhan sin dom bainm an Buamastair-Sean, a bhi dìoghailtes Iain ma bha e gu bràth an dàn da fhaotainn na ghlacan.

Bham famhair seo fuireach an caisteal-gheasan ann an coillidh lethoirich. Mu cheithir miosan an deaghaidh bàs Chormorain, thàinig air Iain, air a thurus do Chuimridh, dol roimhn choillidh seo; leis an sgìos, rinn e suidhe a leigeil analach aig taobh tobair àlluinn, ’s tuitear na shuain-chadail.

Anns achears àm sin thàinig am famhair thun an tobair a dhiarraidh uigse. Rinn an sgribheadh a bhair achrios-ghuailne Iain a bhrath; agus is e bhann gun do thog am famhair gu socrach air a mhuin e ga thoirt leis don chaisteal. Atriall dhaibh roimh dhlùths na coille dhùisg fuaim nan duilleag e, agus bha e an cruaidh-staid gu leòir an uair a fhuair e e fhein an crògan an fhamhair. Ach cha bu dad idir e lamh ris an eagal a ghabh e an uair a ràinig iad an caistealbhan t-urlar lom-lan de chlaiginns de chnaimhean sluaigh.

Thug am famhair as tigh do sheòmar mòr anns an robh cridheachan, as lamhan, as casan, as cinn, nan daoine bhair an ùr-mharbhadh; agus thuirt e ris, le braoisg sgreamhail, gur cridheachan dhaoine dhannlann air pheabars air fhìon-géur, lòn-bìdh bu mhilse leis a gheobhadh e; agus cuideachd, gun robh a shannt air ròic a bhi aige air a chridhe-san. Gun tuilleadh seanchuis, ghlais e Iains an t-sheòmar agus dhfhalbh e dhiarraidh famhair eile bha fuireachsa choillidh chiadna gu bhi comaith ris.

An uair a bha esan air falbh, ghoir gach ceàrna den chaisteal le sgriachail, as gearan, as glaodhaich a bha oillteil; agus an uair a thainig balbhadh air sin, chual Iain guth cianail a toirt na caismeachd seo dha fhein:—

Teich, a choigrich thréin gun dàil
Bidh am Buamasdair mu dbhàs,
Bheir e leis an t-athach breun
Beist is ascaoinna e fhein.
Theid do riasladh cian gu goirt
Do chur gu bas gun iochd, gun toirt.
Fàg, a choicrich threin, an dun
S cobhartach thu, laoich, don tnuth.

Theab an sanais seo cridhe Iain a chur ás a chochull. Thug e leum thun na h-uinneige, ’s faicear an da ghòsganach ud atighin an achlaisean a cheile. Bhan uinneag dìreach os cionn geataichean achaisteil. “Nise,” arsIain, “chan eil ann domh ach bàs no beatha cia dhiubh.

Thuit gun robh theadhairsan t-sheomar agus chuir Iain mialaire agus lub-ruith air ceann gach teadhrach. An uair a bha na famhairean atighinn roimh na comhlaichean-iaruinn thilg Iain na teadhraichean thar an cìnn agus cheangail e iad gu gramail ris an spàr. An sin tharrainn as tharrainn e leuile neart gus an robh iad an ìmpis a bhi tachdte. An uair a chunnaic e gun robh iad le cheile dubh-ghormsan aodunn, ’s gun chaill iad an clìth, tharrainn e chlaidheamh ás an truaill, agus theirinn e air an teadhair, agus sgud e na cìnn de na famhairean: mar seo theasraig e e fhein bhon bhas a bha iadsan ag cum-



[263]

[Vol . 4. No. 33. p. 7]

adh ris.

An sin ruraich Iain builisgean aBhuamastair, agus fhuair e pacan-iuchraichean annta, agus ghabh e air ais don chaisteal. Cha dfhàg e cuil no cial gun siubhal gu mean, agus fhuair ann triuir bhaintighearnan an crochadh air fhalts iad an ìmbis fannachadh. Dhinnis iad dha fàth am pianaidhmharbh na famhairean na daoine aca, agus bhon nach itheadh iadsan am feòilse fannachadh am bàs a shonruicheadh dhaibh.

A bhaintighearnan,” arsIainchuir mise ás don uilebheist agus don daoidh a bhràthair; agus an eirig gach droch-dhìol as doruinn a dhfhuilig sìbhse, bheir mi dhuibh an caisteal seo agus gach ulaidh a thànn.” An sin liubhar e gu suairce dhaibh iuchraichean achaisteil, agus thriall e air a thurus do Chuimridh.

Eadar. le ABRACH.


Chan eil teagamh nach i co-fhlaitheachd Andorra an dùthaich as lugha thair an t-saoghal. Tha i suidhichte ann an gleann mor a tha measg mam Pyrenees, beanntan a tha eadar an Fhraing agus an Spàinn. ’Nam biodh na tha innte dhfearann uile air a chur ann an cumadh ceithir-chearnach, cha bhiodh e ach mu thri mile deug a dhfhads a leud. Ach tha an dùthaich bheag soga riaghladh féin, agus than riaghladair a tha thairis oirre afaotainn tri pùinnd Shasunnachsa bhliadhna (mu $15 ) mar thuarasdal air son a sheirbheis.

Tha caraid anns na Staitean asgriobhadh thugainn gu bheil e dol a chur bliadhna dhen MHAC-TALLA a dhionnsuidh sgoilear ann an te de sgoilean an Eilein Sgiathanaich, mar dhuais air son a thapachd mar sgoilear Gàilig. ’S aithne dhuinn feadhainn eile tha cur a MHAC-TALLA gu cairdean òga air son gun ionnsaich iad a Ghàilig a leughadh. Agus air leinn gur math an gniomh a tha iad adeanamh. Ma dhfhàsas an òigridh suas agus meas aca air a Ghàilig, chan eagal gun teid i bàs.

Tha Sir Beniamin Richardson, aon de na lighichean as ainmeile tham Breatuinn, ag radh gur e àireamh bhliadhnaichean mac an duine ceud bliadhnasa deich, agus nan toireadh daoine an aire dhaibh féin gun ruigeadh seachdnar as an deichnear dhiubh an aois mhòr sin.


Caradh Uaireadairean
Glanadh $0 .50
Mainspring .60
An da chuid 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich
Baddeck, C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[264]

[Vol . 4. No. 33. p. 8]

Oran do na Fasain.

(BhonArd Albannach,” 1876.)

URLAR.

Tha solus aig Miss Laing
Anns na seomraichibh,
Maighdeanan ro ghrinn
Aice comhnuidh annt’,
Cnap an cul a cinn,
Cnot uime de shiod’,
Fasanthug in tir so
S cha bhoidheach e.
S mor gum bfhearr achir,
S car uimpe de stiom,
Currachd air an cinn,
S e bu bhoidhche leam.
S ann is coltach sibh,
Ri maighdeanan Libht
H-uile te ri stri
Co is leomaiche:
Seacaidean dhen t-sioda
Mar chomhdach orr’,
Gini air a pris
Mun cuirear i uimp’;
Creachaidh iad an tir so
Len goraiche.
Comhairlbheirinn fhin
Air na h-oganaich,
Gun iad a bhi stri
Ris an t-seorsud dhiu,
S goirt a bhios an cinn,
Mur faigh iad an ti,
Bfhearr a bhis a chill
Na bhi posda riu.

SIUBHAL.

Na maighdeanan luideach,
Len trusganaibh neonach,
Se fasan gun tlachd
A tha acag an comhdach.
Bidhtunicmun cruachain
As bearnaichean suas asd’,
Com eilas air fhuaigheal
Tha fuathasach neonach
Len caiseartelastic ,
Astroiceadhs a srachadh;
S ann dhfheumas iadcarpet
Bhi aca fom brogaibh.
Ma fhliuchar an casan
Bidh cnatan gu leoir orr’,
Cos urrainn an cumail,
S iad uile cho proiseil?
Chaneil stath a bhig innseadh
Mar dhfhag iad an tir so;
Lem fasain ro riomhach,
Gun dmhill iad a storas,
An t-aodachs an eaiseart
A chleachd sinn or n-oige,
Chan fhuiling iad gas dheth
Ach fasain ro neonach,
Than inntinn air ghluasad
A mach thar uan cuantan,
Gu Galldachds an uair,
Far am buanaich iad storas.
S ann a sheolas iad thairis
Far robh Fionn o chionn tamuill,
A dheilean na meala;
Se fearann na h-oige,
Far an cnuasaich iad barrachd
Sa mhaireas rim beo dhaibh.
Gheibh iad uachdarain fearainn,
Chumas suas iad rim maireann,
G am bi spreidh agus earras;
Sud barail nan leomg.

URLAR.

Tha maighdeanans an tir so
Tha morchuiseach,
Thadeserta dhith
Air gu leoir aca,
S rud anns am bi brigh
Bhios aca le ti;
Chan fheum fhear gun ni
A bhin toir orra.
Cha dean biadh na tir
Nis dhaibh dad de bhrigh;
Caillidh iad an cli
Ma bhios eornaca.
Chan eirich iad trath,
Cha tig e rin cail;
Fuireach anns a bhlaths
Sud a chordadh riuth’.
S mor an t-aobhar thruais
Mar tha cuid den t-sluagh
Nis air cinntinn suas
Ann astrodhalachd.
Fasainbhas an Fhraing
Air tighinn a nall,
Bidhsoireeanns an am
Air gach comhdhail ac’.
Cha dean brochan meig
Feum an aite ti,
S mor an t-aobhar spid
A the dholas e.
Bfhearr dhaibh brochan cail
Ghabhails amhios Mhairt,
Se bheireadh dhaibh slaint
Fad am beo-laithean;
Dhfhagadh fallain fuasgailteach
Ogail iad;
Fulangach air fuachd,
Muigh an am na buan’,
Ged bhiodh sneachda suas
Mu na dornaibh ac.’
Sin agad abhuaidh
A bha air an t-sluagh
On a chuin iad suas,
Cha robh prois annta.

AN CRUNLUATH.

Clainn-nighean anns an fhearann so
S ben t-amadan gun eolas,
A theannadh riu ri leannanachd.
No mhealladh gin den t-seorsa.
Than inntinnean cho farralach
S nach urrainn sibhg an anacladh,
Bidh fuaimn an drium gun charachadh
A gearain air an comhdach.
Chan eirich iad ach ain-deonach
Mur cuirear ti an tarruinn dhaibh,
A thogas fuachd na maidne dhiubh
Mun ceangail iad an cota,
Gun cum iad cnamhan-tealaich riut
Ag innseadh marthan aim-beartas,
S a mheuds a thorra dhanshocair
Le ghainneads a than storas.
Ged leanainn air an ealainn dhaibh,
Fhads bhithinn air an talamh so,
Chan innsinn trian den aimbeartas
Than ceangal ris a phor ud!

DOMHNULL MAC RUARIDH.


Reicidh D. J. Domhnullach, na thair fhàgail den bhathar thioram, ’s de na soithichean, cho saorsa ghabhas deanamh. Taghail aige.


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad ile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE

titleIssue 33
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 33. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page