[265]

[Vol . 4. No. 34. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 29, 1896. No. 34.


Litir a Alba.

MO BHALACH GASDA: —Anns an litir a sgrìobh mi thugad mu Nollaig thug mi gearr-iomradh air mar a tha daoine òga an lathan diugh cho spaideils cho mòr asda fhéin. Thuirt mi gun tugainn iomradh anns an ath litir air cuid eile den atharrachadh a thàinig air a Ghàidhealtachd o chionn fhichead bliadhna. Ach cha do chum mi ri mfhacal. A dhinnseadh na firinn dut cha robh e furasda dhomh cumail ri mfhacal; oir chuir an tuairsgeul cogaidh a bhanns an t-saoghal air an àm a h-uile naigheachd eile as maire. Dhéirich so don chuid as de shluagh na rioghachd. Chuireadh e ioghnadh ort an spiorad cogaidh a dhuisg anns gach duine, ach duine ainneamh. Nam béiginn e, rachadh mòran de bhodaich mar a tha mi fhéin a chogadh an aghaidh nan Geancach agus nan Gearmailteach. Ach is cinnteach gur beag a dheanamaid an uair a sheasamaid ri aghaidh batail an coimhes ri daoine òga, treuna, làidir, ionnsaichte mar a tha saighddearan na rioghachd. Ach dheanamaid ar dìchioll. “Cha dean an duine lag ach a dhìchioll.” “Is fhearr dìchioll an duine laig na neo-shunnd an duine làidir.”

Feumaidh mi nis beagan a sgrìobhadh mun atharrachadh a thàinig air an duthaich, mar a gheall mi.

Thogadh mòran de dheagh thaighean air feadh gach cearn den Ghàidhealtachd o chionn da fhichead bliadhna. Ach is a thogadh de thaighean matha a chionn chòig bliadhna deug na thogadh ann an còig bliadhna fichead roimhe sin. Mar is trice, is e taighean geala a tha daoinetogail o chionn deich no dusan bliadhna. Tha iad acur stuadhannan orra, agus tha iad air an tubhadh le sgliat, no le paipear-tearra(felt) ,no le sinc. Tha na ballachan air an deagh thogail le cloichs le aol, ach tha am balla-muigh air a dheanamh dìonach, daingean le sement. Tha am balla stigh an darra cuid air aoladh gu snasail, ar neò air a lìnigeadh le giubhas. Gheibhear giubhas dhachaidh as aGhalldachd air a shàbhadh, air a locradh, agus air a ghròbadh, mòran nis saoire na dheanteadh anns an duthaich e, ged a gheibhteadh na làileathan agus na plancannan gun sgillinn. Mar is trice, tha coig seomsaichean anns gach taigha tri gu h-ìosalsa dhà gu h-àrd.

Mun tig coig bliadhna deug on diugh chan eil mi creidsinn gum bi teine ri fhaicinn air meadhon urlair ann an Alba. Ann an iomadh àite tha amhòine air fàs gann. Tha na bogaichean a bha faisg air làimh air ruith a mach gu buileach. Tha mòran de dhaoine òga na duthchadh an aghaidh seasamh ann am poll-mònadh. Cha toir fear seachad latha buain mhònadh a nis, mur faigh e da thastan, no ma dhfhaoidte leth-chrun, agus dheadh bhiadh. Am fear aig nacheil each is cairt dha fhein, feumaidh e crunsan latha a thoirt a dhfhear a théid le each is cairt a tharruinn na mònadh dhà. O chionn beagan bhliadhnaichean tha daoine a faicinn gur e an gual as saoire dhaibh na mhòine. Gheibhear deadh ghual ann an àite sam bith, ach àite ainneamh, air son còig taisdain deug an tunna. Ach cha fhreagair an gual do neach aig am bheil an teine air meadhoin an urlair, oir chaneil deathach aghuail fallain.

Is ainneamh àite anns am faicear crann-treabhaidh fiodha. Tha cuimhne agamsa an uair nach robh crann-treabhaidh iarruinn aig fear sam bithsan duthaich ach fear-baile. Anns an àm sin bhiodh saoir na duthchadh glé thrang fad agheamhraidhs an earraich adeanamh chrann is chliathan. Ach an diugh, chan e mhàin gu bheil crann-iaruinn aig gach fear, ach tha cliath iaruinn aige mar an ceudna.

Than duthaich air fàs anabarrach Gallda. Ann an cuid de nithean chan fheàirrd an duthaich sin dad. Cha mhisde an duthaich na taighean a dhfhàs Gallda; ach chan fheairrde i dad na bheiln ar measg de bhiadh Gallda, ’s de dhaodach Gallda, ’s de dhfhasanan Gallda, ’s de chainnt Ghallda, ’s de bheachdan Gallda. Tha na bheil de ghnothaichean Galldan ar measg an deis atharrachadh mòr a thoirt air nàdur dhaoine. Mar is Gallda a tha daoine afàss ann is lugha a nochdas iad de chaoimhneas do na daoine a tha bochd feumach anns an duthaich. “Ma bhios mi beò gus am faigh mi bàs,” mar a thuirt am fear roimhe, cluinnidh tu uam gun mòran dàlach.

Is mi do charaid,
BODACHAN AGHARAIDH
Taobh an Locha.


Gheibh ar leughadairean anns an àireamh so da litir ghasda as a Ghàidhealtachd; aon bhoIaina toirt dhuinn naigheachdan na seann dùthcha, agus aon bhoBhodachan aGhàraidh,” a toirt cunntas air an liuthad atharrachadh a thainig air aGhàidhealtachd on thainig Gàidheil na duthcha so air imrich. Tha sinn cinnteach gum bi ar leughadairean uile glé thaingeil dhanfhodachanchòir air son a litir, agus gu bheil iad an dòchas gun cuir e nall tuilleadh dhiubh ag innse mu chor na duthcha, agus an t-sluaigh. Ged a tha dàimh mhor aig sliochd nan Gàidheal anns an duthaich so ri tir an athraichean, mar bu duals mar bu chòir, chan eil a chuid mhor dhiubh ach gle aineolach air cor na duthcha aig an àm so, agus uime sin bidh gach fiosrachadh a gheibh iad air an dòigh so gle thaitneach leotha.


Reicidh D. J. Domhnullach, na thair fhàgail den bhathar thioram, ’s de na soithichean, cho saorsa ghabhas deanamh. Taghail aige.



[266]

[Vol . 4. No. 34. p. 2]

BEAN AMHISGEAR.

CAIB. V.

Oir thig am misgeir agus an geocaire gu bochdainn. ”—

Gnath. 23. 21.

Aird-fheasgair an r na mhàireach, thàinig am maor-sìthe mar a gheall e. Fhuair e Seònaid bhochdna suidhe ri taobh an teines i gu trom, tùrsach. Shaoileadh e gu robh i còig bliadhna ni bu shinne na bha i an latha roimhe sin. An uair a dhéirich ibhreith air làimh air bhaceum trom, agus bha dath abhàis air a h-aghaidh. Dhfheuch e ri comhfhurtachd, agus misneach a thoirt dhi mar a bfhearr a burrainn da; ach cha robh sin furasdadheanamh. Dhinnis e dhi gu faigheadh i don phrìosan a dhfhaicinn Sheumais, nan togradh i dol ann air an fheasgar ud fhéin.

Gun dàil sam bith rinn i deas air son falbh. Dhfhàg ichlann air cùram a bana-choimhearsnaich gus an tilleadh i. Chuireadh i truas air duinebhithga faicinn acoiseachd na sràide leis an staide anns an robh i. Bha inn dùil gu robh a h-uile neach a thachradh rithe ag amharc sios oirre. Ar leatha gu robh i cluinntinn cuid ag ràdh. “Nach fhaic sibh bean Sheumais bhàin afalbh don phrìosan a dhamharc airse ann an sàs air son droch-bheairt? Chunnaic sinne uair is bu mhoiteil as i. Bha dùil aice nach robh fear eile cho math ris rifhaotainn ann an ceithir ranna ruadhan t-saoghail. Mur toir so oirre a beachd atharrachadh is neònach e.”

An uair a ràinig im prìosan thugadh a steach i don chùil anns an robh Seumas. Acheud shùil a thug i air cha daithnich i e. Thugadh dheth am falt briagh, bàn, air an robh leithid de mheas aige, agus an fheusag. Bha e còmhdaichte le éideadh aphrìosain, agus e na shuidhecìreadh chalcais. Ghrad dhaithnich esan ise; ach cha burrainn aon seach aon facal a labhairt fad mionaid no dha. Mu dheireadh labhair Seumas mar so:—

A Sheònaid, a ghràidh nam ban, nach ann agad a than deagh nàdur an uair a thàinig thu idirg am amharc-sa! Nam biodh cho beag de mheas agad ormsasa thagamsa orm fhìn cha bhruidhneadh tu rium air an t-sràid. Bha meas agam riamh ort on a chuir mi eòlas ort. Bha ioghnadh orm iomadh latha gu robh thu cho ciùin, foighidneach rium an uair a bhithinn anamoch gun dol dhachaidh, agus mi air mhisg. Och, Och, is midhfhaodadh a ràdh mar a thuirt am fear roimhe—‘ ’Sen stòp a rinn mo bhristeadh, ’sen t-òl a dhfhàg gun mheas mi.’ Bfhada misen aghaidh luchd an òil latha ga robh mi. Bha min dùil an uair sin nach burrainn gum bithinn fhìnn am mhisgear gu bràth. Tha eagal orm gu robh mi air mo lìonadh le féin-fhìreantachd, agus le féin-spéis: —da cheap-tuislidh ro mhòr. Ach, a Sheònaid, feumaidh mi innseadh dhuit gu bheil mi acreidsinn nam briathran a labhair mo sheanair am éisdeachd an uair a bha min am bhalach beag. Bha mo sheanair, tha micreidsinn, ’n a dhuine diadhaidh. Bha e anabarrach fada an aghaidh luchd-an-òil. Thuirt e gur i an smugaid a chuir an droch-spiorad as a bheul a chuir abheirm ris acheud uisge-beatha. Biomadh latha a rinn mi ceòl-spòrs de bhriathran an t-seann duine chòir. Ach tha mi-fhìnn am cheol-spòrs an diugh, agusn am chuis-thruais. Agus a Sheònaid, is cuimhne leatsa gun do gheall mise dhuit sgur den òls den ghòraiche; ach an uair a théid duine a chur an aghaidh buairidhna neart fhéin faodaidh e bhith cinnteach gun tuit e. Tha mise afaicinn gu soilleir nacheil ann ach amaideas mòr do neach sam bith a bhith cur earbsana neart fhéin.”

Ma ta, Sheumais,” arsa Seònaid, “thàinig, miseg ad amharc, chan ann a chum teannadh ri do ruith sios, oir tha mifaicinn gu bheil thu fada gu leòr shios mar tha, ach a chum misneach a thoirt dhuit. Dhfhàg thu mise agus do chlann bheag fo mhasladh; ach ma bhios tu glic, eadhon a nis, faodaidh gum bi gnothaichean ceart gu leòr fhathast. Mar a than fhìrinn ag ràdh, ‘Le shlighibh féin lìonar esan a thionndaidheas air aisna chridhe.’ Is duilich leam, a Sheumais, thu bhith anns achùil bhig, chumain so. Nan robh comas agamsa air dfhuasgladh cha bhiodh tu oidhche eile anns an àite so; ach feumaidh tu cur le cùisean mar a thig iad. ‘Ge be ni a shiol-chuireas duine, an ni ceudna buainidh e.’ Feumaidh cùisean a bhith mar so; ach gun tuilleadh dàlach thoir thu fhéin suas gu buileach, eadar chorp agus anam, do Dhia. Na biodh eagal sam bith ort nach gabh Dia riut. Cha téid Dia an cois fhacail gu bràth.”

Ach am feadhsa bha i toirt nan comhairlean so air, agus iomadh comhairle mhath eile, bha fear-coimhid aphrìosain agabhail fadachd nach robh an còmhradh a a bheatorratighinn gu crìch, agus thuirt e gu feumadh iad aig an àm dealachadh.

Dhfhàg iad slàn aig a chéile mar nach biodh iad gus a chéilefhaicin a chaoidh. Thill Seònaid dhachaidh mòran ni bu toilichte na bha i an uair a dhfhàlbh i; oir thuig i gu robh Seumas air a thoirt gu bhithfaicinn gun do pheacaich e gu h-antromaichte ann am fianuis Dhé. Bha fhios aice gum ben t-eòlas so air a staid thruaigh fhéin aon de na ceuman leis am bheil am peacach air a thoirt a dhionnsuidh Dhe.

Le cuideachadh chàirdean agus luchd-eòlais fhuair i na dhfhoghainn di fhéins don chloinn fad na h-ùine a bha Seumas anns aphriosan. Bha araon i fhéin agus cuid eile de na càirdean an dòchas gu faigheadh e steach don obair anns an robh e roimhe, agus on a bha h-uile coltas gun tugadh en aire dha fhéin ni bfhearr na rinn e riamh, bha iad an dùil nach biodh éis air fhéin no air a theaghlach fhadsa bhiodh a shlàinte aige.

Ach an latha bha dùil ris dhachaidh cha dthàinig e. An uair a rinneadh forais air a shon anns gach àite anns an saoilte anns am faighte iomradh air, cha robh sgeul rifhaotainn air. Cha robh fhios co dhiu bha e beò no marbh. Bha achuid bu mhò de na càirdean ag ràdh gu robh iadsan cinnteach gur ann thuige sid a thigeadh achùis air a cheann mu dheireadh. Cha robh Seònaid ag ràdh a bheag. Ach an còrr uair a labhradh i mun chùis theireadh i gu robh dòchas aice gu faiceadh i fhathast ena dhuine measarra, modhail, deanadach.

CAIB. VI.

Chaidh lathan déigh latha seachad, agus cha chualas guth no iomradh air Seumas. Béiginn do Sheònaid bhochd air acheann mu dheireadh dùil thairis a thoirt dheth.

Cha deanadh i fhéinsa ceathrar phàisdean feum as aonais bìdh, agus aodaich, agus blàthais. Cho maths gu robhna càirdean agus an luchd-eòlaisagus feumar aideachadh gu robh iad glé chaoimhneil rithebha fhios aice nach robh iad comasach air i fhéins a chlann a chumail



[267]

[Vol . 4. No. 34. p. 3]

suas.

An ceann ùine ghoirid béiginn di an taigh fhàgail agus aon seòmar beag, mi-chomhfhurtail a geabhail ann an àite ìosal, iomallach den bhaile. Cha robh i fada anns an àite so an uair a thòisich an aon bu shinne a bhaicecaileag bhòidheach, ghlanri seargs ri dol as. Bichaileag so an aon chuideachadh a bhaice. Bann le fuaghal, ’s le fighe air bhioran a bha ifeuchainn ri i fhéins a chlann a chumail beò. Bhiodh achaileag so adol air thursan beaga dhi, agus ag altrumas an aoin a bòige an uair a bhiodh i fhéin afuaghal, ’s a fighe. Mu dheireadh bhrist air slàinte na caileig gu buileach. Cha burrainn i fhein abheag sam bith a dheanamh ach an aire a thoirt air achloinn gus an rachadh iad a laidhes an oidhche. Shuidheadh in uair sin aig an fhuaghal, no aig an fhighe gus am biodh e suas ri tri uaireans a mhaduinn. ’Se bhann gun do thòisich a slàinte fhéin ri géilleadh mun dthug i fa near e.

Am measg a càirdean bha aon bhean chòir a bha glé iochdmhor, truasail, ri creutairean bochda mar a bha Seònaid, agus a pàisdean. Air latha àraidh tàinig i far an robh Seònaid afuireach. ’Sann a ghabh i uamhas an uair a chunnaic in staid anns an robh i fhéins na pàisdean. Bhan euslainte, ’s am bròn, ’s am bristeadh-cridhe, an déigh Seònaid bhochd a chnàmh cho mòrs ged a bhiodh i leth-bhliadhna ann an tinneas. Bhachaileag bhòidheach, ghlan, a babhaist dhi fhaicinn gu h-ùrail beothail, sunndach, ’na sìneadhsan leabaidh, ’s dath a bhàis air a gnùis. Cha robh ach gann na dhathadh an luch de theines an t-simileir. Cha robh an dreach fhéin air a chuid a bha slàn den chloinn. Cha burrainn abhean chòir so facal a ràdh gus an robh i tiotadhna suidhes an t-seòmar; oir thàinig mar gum biodh, meallna h-amhaich. Mu dheireadh, an déigh dhi feòraich mun chaileag a bhanns an leabaidh, ’s mu nithean eile a bhuinneadh do shuidheachadh an teaghlaich, thubhairt i:—

A sheònaid bhochd, ’s ann agam a than truas riut, fhéins ris na pàisdean laga thair am fàgail agad. Chan eilnam chomas-sa mòran cuideachaidh a dheanamh leat. Ach ni mi nis urrainn mi a chum thu fhéins na truaghainn bheaga so a thoirt troimhn t-saoghal gu comhfhurtail, ma chaomhnas an Freasdal sinn taobh air thaobh. Gabh misneach, agus feuch ri do chridhe chumail suas cho mathsa dhfhaodas tu. Gus a so chum an Ti a tha riaghladh, agus dom buin na h-uile nithean, suas thu fhéins na bhuineadh dhuit. Tha iomadh a h-aon air feadh an t-saoghail cho mi-fhortanach riutsa. Feumaidh iad a bhith beò ged a tha iad ann an éis. Earb thusa thu féin agus do chlann ri freasdal an athair a ta air nèamh. Tha fios agamsa gu bheil thusa, anns an t-seadh as àirde na do leanabh dha. Nis, thoir fa near an gradh a thagad fhéin do na leanaban beaga thagad an so, agus cuimhnich gu bheil e sgriobhta ann an iomadh àites aBhìobull gu bheil gràdh Dhé da chloinn, agus a chùram ùmpa, mòran nis mo nas urrainn sinne ghabhail a steach. Mu thimchioll an duine thruaigh a thug le amaideas fhéin masladh is trioblaid, is bròn, air fheins air a theaghlach, chan eil feum a bhithg ràdh a bheag. Aig an fhreasdal tha fios càit am bheil e, no am faic thusa no mise sealladh dheth gu bràth. Thug mise iomadh comhairle air ged nach do ghabh e iad. Ma tha e beò tha e far nach ruig mo chomhairle-sa, no do chomhairle-sa air; ach ruigidh cumhachd agus gràs-bacaidh Dhé air. Air an aobhar sin, biomaid le chéile atagradh ri Dia gach latha air a shon.

Ach, a Sheònaid, chan fhaod thusa fuireach nis faidesan àite bhochd so. Araon ann an seadh aimsireil, agus spioradail, tha cunnart mòr ann dhuit fheins do na pàisdean a bhith fuireach an so. Tha barrachd chairdean agad fhéins aig do theaghlach na tha thun dùil. Chuir na càirdean so airgiod cruinn agus ghabh iad taigh anns am bheil tri seòmraichean air do shon gu ceann bliadhna. On a chuala iad gun dthug an éiss an éiginn ort rud den innsreadh a bfhearr a bhagad a reic, chuir iad innsreadh anns an t-seòmar as fhearr. Ni an citsin, agus achlòsaid a chùis math gu leòr dhuit fhéins don chloinn, agus faodaidh tu duine no dithis a bhith agads an t-seòmar eile.”

Bha Seònaid ag éisdeachd fad na h-uine a bha a bhanacharaid alabhairt. Mu dheireadh, cha burrainn di cumaìl oirre fhéin gun teannadh ri gul. Thug so faothachadh dhi. An sin thubhairt i:—

Gun teagamh sam bith tha làimh an Fhreasdal anns an obair a ghabh na càirdean os làimh a dheanamh air mo shon-sas air son mo chloinne. Tha mi toirt taing dhasan a chuirnan cridheachan oidhirp a thoirt air mo thoirt as an àite thruagh so, agus mar an ceudna dhaibhsan a nochd a leithid de mhòr chaoimhneas dhomh. O chionn làithean air ais, bha mi gu tric air mo lionadh le cùram agus le iomaguin mu thimchioll nam pàisdean bochda, neo-chiontach a thagam. Tha min dùil gu bheil mifuireachs an earrann as aingidhe den bhaile. Cha do shaoil mi idir gu robh e comasach gum biodh a chainnt eagallach, agus na gnìomharran aingidh tha dol air adhart anns an àite so adol air adhart ann an àite air talamh nam beò. Mar a than fhìrinn ag ràdh, agus mar a tha fios agamsa air mo chosg, “Truaillidh droch comhluadar deagh bheusan.” Mar a dhfhaodas neach sam bith a thuigsinn, tha e glé chruaidh le màthair dealachadh ri aon decloinn; ach is iomadh uair a thuirt mise rium fhìn gum bfhearr leam, nam be toil an Fhreasdail e, iad a bhith air an gairm air falbh nam pàisdean beaga mun truaill am peacadh gnìomh iad, na iad a bhithtighinn beò anns an dòigh ghràineil, aingidh anns am bheil am beag, cho math ris amhòr atighinn beòs an àite chianail so. Chum geallaidhean an Tighearna minntinn suas gu h-iongantach gus an nis. An diugh fhéin thàinig an gealladh so gu làidir fa chomhair minntinn:—

Chan fhàg agus cha tréig mim feasd thu.”

Agus nach mi dhfhaodas a ràdh gun cùm an Tighearna righealladh?”


Tha ceudsa h-aon deug air fhichead de luchd-lagha anns a Phàrlamaid Bhreatunnach, agus ceudsa còig de luchd-fearainn. Tha da fhicheadsa h-aon de mhic no de bhràithrean mhorairean ann, naoidh deug air fhichead de dhOifigich airm, air muirs air tir, a h-aon deug air fhichead de luchd-phaipearan-naigheachd, a h-aon deug de lighichean, deich oilearan, coig deug de thuathanaich, agus a dha dheug de luchd-oibreach.



[268]

[Vol . 4. No. 34. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, FEBRUARAIDH 29, 1896.

A Loch Lomond.

Tha na càirdean ag iarraidh oirnn iomradh a thoirt air cor nan Gàidheal anns gach àitesam bheil an còmhnuidh. Cha do sgriobh duine mu thimchioll an àite so, far am bheil dluth air sia fichead teaghlach a thàinig a mach às na h-Earadh, agus à Uidhist-a- chinn-a- Tuath anns na bliadhnaichean 1828, 1842, agus 1843. ’S e sin a tha toirt ormsa an litir bheag so a chur ugaibh.

Chan eil tinneas agus bàs adearmad an àite so nas na àiteile, ag innse dhuinn nach eil an so àite-còmhnuidh seasmhach againn, agus sinn a chur ar taigh an ordugh, oir gu cinnteach gheibh sinn bàs. Chaidh bean Phàdruig Dhùghlaich a bhualadh le pairileis an la roimhe agus ideilbh ann an taigh coimhearsnaich. Tha sinn taingeil gu bheil i nise nas fhearr. Chaochail Eilidh, nighean òg chliùiteach le Murchadh Mac Cuthais, air a cheathramh latha den earrach, aig aois bliadhnair fhichead agus naodh miosan. ’S i chaitheamh a thug am mach i, an tinneas a tha glé choitchionn anns an dùthaich. Tha piuthar dhi, Seònaid, an te eile dhe natwins, glé iosal leis an tinneas cheudna. Tha e glé dhèuehainneach air an teaghlach. Dhéug am mathair chaomh dlùth air ceithir bliadhna air ais. Chaochail mar an ceudna air an ochdamh latha den mhios so, Gilleasbuig, Mac NéillIc Cuthais, ann am Boston, far an robh e féin agus an teaghlach a còmhnuidh dlùth air còig bliadhna. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh le Niall a mhac agus adhlacadh. Bha ena dhuine còir sìobhalta aig an robh meas nan uile bha eòlach air. Bha e tri fichead bliadhna a dhaois. Dhfhag e bean, ceathrar nighean, triùir ghillean a caoidh athair agus còmpanach a bha dìleas agus dleasanach.

Se piuthar-athar do Mhac-Ille-Mhaoil a tha sgriobhadh ugaibh á Eileanan na Boille (E. P. I. ), agus a companach achàraid as sinne a tha anns an àite so. Tha iad còmhladh a nise o chionn còrr us tri fichead bliadhna, agus tha iad le chéile gu slàn tapaidh fhathast.

UIDHISTEACH.


O chionn faisg air bliadhna chaidh gille dubh a mharbhadh le nìghinn òig ann am baile Washington. Bha e goid ubhlan á gàradh a h-athar agus loisg i urchair air, a chuir crioch air air a bhad. ’S ann an la roimhe thugadh gu cuirt i agus fhuair i as le càin coig ceud dolair a phàigheadh agus a dhol dan phriosan fad thri uairean. Nach càms nach dìreach an lagh! Tha beathan duine dhuigh bhochd anabarrach saor anns na Stàitean.


Sean Fhacail.

Gléus ur air seana mhaide.

Glòir mhòr aig collainn bhig.

Glac am méirleach mun glac e thu.

Glas air an tigh an deigh na gadachd.

Glac thusa foighidinn, us glacaidh tu iasg.

Gug, gug,’ arsachubhag, latha buidhe Bealltainn.

Gob a chalmain-chàthaidh, bidh tu slàn mum pòs thu.

Iasad a chaibe gun a chursan talamh.

Im ri ìm cha bhiadhs chan amhlann e.

Be sin a bhi cur na caora air theadhair làimh ri tigh a mhéirlich.

Batas treise nan cuaille, gilles uaisle na mhaighstir.


Bha coinneamh aig a Chomunn Chaledòineach oidhche Dior-daoin. Bha àireamh de bhuil ura air an taghadh, agus bha gnothuichean eile a thaobh math achomuinn air an cur air dòigh. Bha Iain Siosal a làthair, agus thug e dhaibh dha no tri chuairtean gasda air a phiob. Bidh an ath choinneamh aig a chomunn air an Dior-daoin mu dheireadh dhen Mhàrt.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[269]

[Vol . 4. No. 34. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha Mr. Daibhidh Mac Keen, a bha àireamh bhliadhnaicheanna fhear-pàrlamaid don t-siorrachd so, a nise air a ghairm don t-Seanadh.

aige gheobh sinn an leabhar-òrain don ainmCo-chruinneachadh Ghlinn-a- bhàird?” Bheir sinn air a shonOrain Iain Luim,” no 35c a dhairgead.

Chaidh seachd ficheadsa h-ochd de na h-iasgairean a bhair cabhlach iasgaich Ghloucester a bhàthadh an uiridh. Bha àireamh mhor dhuibh sin a mhuinntir Cheap Breatunn, Nova Scotia, us Eilean aPhrionnsa.

Bha stoirmeannan gàbhaidh air a Mhuir Dhuibh air an t-seachdain so. Chaidh seachd soithichean smùide agus ochd deug de shoithichean seòlaidh a chur dhan ghrùnnd. Tha iad a deanamh a mach gun deachaidh còrr us ceud duine a bhàthadh.

Tha Seanalair Middleton, a bhana cheannard air arm Chanadanuair a bha cheannaircsan Iar-Thuath, a nisena fhear-gleidhidh an t-suaicheantais rioghail, ann an Tur Lunnainn. Tha e ri bhi faighinn ceithir mile punnd sa bhliadhna mar thuarasdal, agus dachaidh shaor anns an Tùr.

Bha reis each air an acarsaid so Di-sathairne sa chaidh. Cha robh an deigh glé mhath leis na bhoirre de shneachda, agus mar sin cha robh e comasach do na h-eich an luaths a nochdadh. Choisinn each Challaghan, ’sa bhaile so, a cheud duais, agus láir Phower, ’sanReservean darna duais. Bha sluagh mor cruinng an amharc.

Thatar a lodadh guail ann an Louisburg a chuid as dhen ùine, agus tha cuid de na mèinnean ri roinn mhath de dhobair. Tha iad an dùil gum bi a bhliadhna so gu math nas fhearr anns na mèinnean na bha bhliadhnan uiridh. Tha acarsaid Louisburg fosgailte fad agheamhraidh, ’nuair tha gach acarsaid eilesan dùthaich dùinte.

Phàigh Stàit Maine an uiridh coig ceud deug us deich dolair fhichead air son marbhadh mhathan us mhadadh-alluidh. ’Se aon mhadadh-alluidh a chaidh a mharbhadh, agus be a cheud fhear o chionn iomadh bliadhna, ach bha tri cheudsa còig de mhathain air am marbhadh. Bha coig dolair an ceann air a phàigheadh air son cur as daibh.

Chaidh clag Louisburg a reic an la roimhe, agus tha e gu bhi air a thoirt gu Montreal. Bha e fad àireamh bhliadhnaichean ann an te de dheaglaisean Halifax, far an deachaidh a thoirt direach à Louisburg an deigh am baile bhi air a thoirt bho na Frangaich. Tha an clag a nise, ma dhfhaodar, a radh, air a sheann eòlas a measg nam Frangach. ’Se phris a chaidh a phàigheadh air, ceud dolair.

Thatar a nisen deigh amhrus mor a leagail air fear eile air son mort Anna Kempton, aigBear River, N. S.Dhfhàg Innseanach, don ainm Eòseph Pictou, an t-àite tràthsa mhaduinn a cheart latha a fhuaireadh an nighean bhochd marbhsan tigh. Bha eg radh gu robh edol a dhobair dhan choille àireamh mhiltean air falbh, ach an àite sins ann a chaidh e gu ruige Yarmouth, agus ann an sin chuir e seachad an ùine bhuaithe sin na thàmh. Tha iomadh ni air tighn am follais a tha cur amhruis air, agus tha cuid dhen bharail gur h-e tha cionntach agus nach e Wheeler.

Thainig an soitheach-smùide Strathcarron a stigh do Louisburg a sheachdain gus an Di-ciaduin sa chaidh. Bha i luchdaichte le ceithir mile tunna siùcair à Java, agus bha i seachdain no dha air deireadh, agus air ruith a mach à gual. An uair a bha i tìghn a stigh bhuail i air sgeir air taobh an ear na h-acarsaid, agus chaidh beagan millidh a dheanamh oirre. Cha robh fear-iùil air bòrd aice gus an deigh dhi bualadh, agus an deigh dhi fear a ghabhail air bòrd bhuail i air an sgeir a rithist, ach cha drinneadh uiread millidh oirre air an turus sin. Bha tri fichead tunna sa coig deug dhen t-siùcar air a mhilleadh.

A sheachdain gus an Di-ciaduinsa chaidh, chaidh fear Iain A. Strathy, a mharbhadh air starsach a thaighe féin le fear don ainm Brennan. Thainig Brennan dhionnsuidh an tighe aige, agus bha sabaid aca mun dorus, Strathy a feuchainn ri chur a mach as an tigh, agusse chrioch a thainig air a ghnothuch, gun do loisg Brennan air an fhear eile le daga, ’ga mharbhadh air a bhad. Bha Brennan o chionn faisg air da bhliadhna dealaichte o bhean, ’s cha robh fhios aige càiten robh i. Bha e dhen bharail gu robh fhios aig Strathy, agus chaidh e ga ionnsaidh a dhfheòrach dheth. Chan innseadh Strathy dha, aguss ann mu sin a chaidh iad bhar a chéille. Thug an duine truagh e féin suas do na maoir gun dáil. Thachair so ann am Barrie, an Ontario.

Thachair sgiorradh uamhasach ann am Viedendrop baile beag anns an Transvaal, a sheachdain gus an Di-ciaduin sa chaidh. Bha ochd carbadan luchdaichte ledynamitenan seasamh air an rathad-iaruinn, agus spraidh iad. Cha robh tigh am faisg leth-mhile mun cuairt nach deach a leagail gu làr, agus an taobh a stigh de chairteal na h-uarach chaidh da fhichead corp a thoirt as na droighnichean. Chaidh mu cheud a mharbhadh air fad, agus còrr us da cheud a leònadh. Cha mhor gun dfhàgadh losan glainne slàn anns abhaile. Bha moran sluaigh air am fàgail gun dachaidh. Chaidh leth muillein dolair a chur cruinn air son iad sin a chuideachadh. Tha iad adeanamh a mach gur h-e dhaobharraich an spraidheadh fear de na nàisinnich, a bha aineolach air an stuth, feuchainn ri fear de na soithichean anns an robh e fhosgladh.


FEBRUARAIDH, 1896.

1 Di-sathairne. (2) Blar Inbher-Lochaidh, 1645.
2 Di-Domhnaich. IV Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
3 Di-luain
4 Di-màirt. Rugadh Robert Peel, 1788.
5 Di-ciaduin. An cairteal mu dheireadh dhen t-solus, 8.24, feasgar.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine. A Ghrian ag eiridh, 7.17.
8 Di-sathairne. A Ghrian alaidhe 5.11.
9 Di-Domhnaich. V. Domhnaich an deigh an Taisbeanaidh.
10 Di-luain
11 Di-mairt. Fad an latha, 10u. 7m.
12 Di-ciaduin
13 Dior-daoin. Murt Ghlinn Comhain, 1692
14 Di-haoine. (13) An Solus Ur, 11.59, maduinn.
15 Di-sathairne
16 Di-Domhnaich. Di-Domhnaich na h-Inid.
17 Di-luain. A Ghrian ag éiridh 7.02.
18 Di-màirt. A Ghrian ag eiridh 7.00.
19 Di-ciaduin. I latha dhen Charghus.
20 Dior-daoin. (21) Bas an III. Uilleam.
21. Di-haoine A cheud chairteal dhen t-solus, 5.01, feasgar.
22 Di-sathairne
23 Di-Domhnaich. I. Di-Domhnaichsa Charghus.
24 Di-luain
25 Di-màirt
26 Di-ciaduin. A ghrian ag eiridh 6.47.
27 Dior-daoin. A ghrian alaidhe 5.41.
28 Di-haoine. An Solus lan, 3.47, feasgar.
29 Di-sathairne. Fad an iatha, 11u. 1m.


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[270]

[Vol . 4. No. 34. p. 6]

NA H-UBHLAN.

Bha duine ann aon uair aig an robh aon mhac, agus mar is tric a thachair, bha am mac so afaotainn barrachd de thoil fhéin na bu chòir dha. Thòisich e an uair a bha e eadar còig deug agus fichead bliadhna ri bhithleantuinn cuideachd ghillean òga a bhbhair dhroch oilein. Thugathair an aire mar a bha, agus gu tric labhair e ris gu ciùin, sìobhalta, agus dhinnis e dha gu robh e anabarrach cunnartach dha a bhithcumail cuideachd ri gillean gòrach, gun mheas, gun mhodh. Dhinnis e dha iomadh naigheachd air mar a bha gillean agus nigheannan òga gu tric ag ionnsachadh an uilc o dhroch companaich. Dhéisdeadh a mhac gu foighidneach ri naigheachdan den t-seòrsa so, ach bha e sior leantuinn air a bhith cumail cuideachd nan droch companach a h-uile cothrom a gheibheadh e. Cha robh so uile gun fhios da athair; agus rud nach bioghnadh bha cradh mòr airinntinn air a shon.

Latha de na làithean, thu e leis a mhac do sheòmar beag cùil a bhanns an taigh, agusna làthair chuir e da ùbhal dheug a bha ùr abuich, agus fallainn, ann am bocsa beag, agus an teis-meadhon nan ùbhlbn matha so chuir e ubhal a bhair teannadh ri grodadh, agus dhùinn em bocsa gu cùramach. An uair a dhfheòraich a mhac dheth ciod bu chiall den rud a rinn e, thuirt e. “A mhic dean thusa foighidinn, agus gheibh thu fios air an aobhar air son an drinn mi so ri ùine.

Cha robh air so ach so fhein. Chaidh gnothaichean air an aghaidh mar a bàbhaist daibh. A reir choltais dhichuimhnicheadh gu robh na h-ùbhlan anns abhocsa. Uair is uair chuimhnich an gille òg gun do chuireadh ann iad, ach an corr smaointean cha déirichna chridhe mun timchioll.

Air latha àraidh thuirtathair ris, “ ’S fhearr dhuit am bocsa anns an do chuir sinn na h-ùbhlan a thoirt do mionnsuidh feuch am faic sinn cia mar a tha iad.”

Thugadh am bocsa làthair, agus dhfhosgladh e; ach ma dhfhosgail, bha h-uile te de na h-ùbhlan a bha ùrabuich, agus fallainn, an latha chuireadhs abhocsa iad, air grodadhs air a dhol o fheum. “Nach iongantach a mhic mar a chaidh na h-ùbhlan matha chuir mi anns abhocsa so o fheum ann an ùine cho goirid!” “Ma ta, athair, chaneil ena ioghnadh sam bith leamsa. Nach do chuir sibh fhéin ùbhal ghrod nan teis-meadhon an lathachuir sibh anns abhocsa iad? Nan do chuir sibh na h-ùbhlan matha anns abhocsa leò fhein cha beagal daibh. Ghrod an aon ubhal ghrod a h-uile te de chàch. Nach noònach nach tug sibh fein so fa near?”

A mhic, tha mi toilichte gun tug thu fhein fa near an t-aobhar air son an deachaidh na h-ùbhlan matha o fheum. Ach bha toil agam dinntinn-sa tharruinn a dhionnsuidh achunnairt leis am bheil thu air do chuairteachadh o latha gu latha. Nis, ma chuir an aoa ubhal neò-fhallainn a chuir misabhocsa, an da ubhal dheug eile a bha fallainn, o fheum ann an ùine cho goirid, nach cuireadh da ubhal dheug neò-fhallainn, aon ubhal fhallainn o fheum ann an ùine mòran ni bu ghiorra? Tha thu fhéin atuigsinn so gu math. Tha cheart uibhir de bhuaidh aig na droch companaich thairis ortsas a bhiodh aig da ùbhal dheug neò-fhallainn thairis air aon ùbhal fhallainn. Ma leanas tu an comunn truaillidh a tha thug iarraidh a bhith leantuinn, an ùine gun bhith fada, bidh tu gun fheum, gun mheas, gun chiataidh, gun tlachd. Nach tric a dhinnis mi dhuit gun truail droch comhluadar deagh bheusan. Cuimhnich air na h-ùbhlan.”


Naigheachdan as aGhaidhealtachd.

Tha sìde anabarrach math againn o chionn corr is mios. A reir beachd nan seann daoine is ann a than t-sìde tuilleadh is math. Chan fhaca sinn abheag de shneachda o thoiseach amhios mheadhonich agheamhraidh. Fhuair sinn gaoth is uisge gu leòr, ach cha dthainig stoirm mhòr o mheadhon agheamhraidh. On a thàinig abhliadhnùr is gann gu robh latha fuar againn. Bha na làithean mu dheireadh den gheamhradh anabarrach, blàth. On a thàinig an t-earrach a steach (a sheachdain gus an diugh) bhan t-side gle bhlàth. Mar is trice is ann on deass on iar-dheas a thaghaoth, agus tha na gaothan so blàth an comhniudh. Ach is cinnteach gu tig fodha so mun teirig an t-earrach. Bha daoine o chionn fadagabhail beachd gur i abhliadhna anns an tigeadh aghaillionn na h-àm fhéin abhliadhna a bfhearr. Ged a than t-sìde mhath gu math, agusna toileachadh mòr fhads a mhaireas i, is e i thighinnna h-àm fhein is fhearr.

Chaneil làn an dùirn de shneachda rifhaicinn air abheag de na beantan as àirdes aGhaidhealtachd. Than Cuilithionn, abheinn as àirdesan Eilean Sgiathanach, cho glan o shneachdas a bàbhaist di a bhith ann an ceud mhìos an t-samhraidh.

Ged a than t-side gu math cha drinn daoine abheag a dhobair tuathanachais fhathast, mur tug iad greisean air feamanadh. Ann an iomadh àite den Eilean Fhada fhuair iad cuid mhath de dhfheamainn, agus tha pìosan mòra aca air a thodhar air son buntatas arbhair.

Cha drinneadh abheag de threabhadh fhathast, ach na chaidh eilbheadh air son tuirneip is buntata. Tha e car tràth air son teannadh ri treabhadh talmhainne laig. Tha na tuathanaich mhòra ag obair air treabhadh aghlais, agus than t-àm aca.

Tha stoc na dùthchadh aseasamh ris gu math. Tha biadh gu leòr aig caoraich am beinns am baile. Mur tig fior dhroch shìde mun teirig an t-earrach bidh am fodar pailt gu leòr.

Tha am biadh cho saors a bha e an uiridh, agus foghnaidh sin. Tha so gu mòr ann am fàbhar nan daoine bochda a dhfheumas a bhithceannach na mine, mar a dhfheumas an àireamh as de shluagh na duthchadh a dheanamh anns na bliadhnachan so.

Chaneil abheag de naigheachdan annasach againn ri innseadh aig an àm so. Is math an naigheachd a bhith gun naigheachd. Cha ruig sinn a leas guth a thoirt air na bagraidhean cogaidh a tha sinn acluinntinn, oir tha na paipearan-naigheachd cho lionmhor anns gach àites gu bheil fios aig sluagh gach dùthchadh air mar a tha cùisean, ged nach tugamaid iomradh air. Faodar a ràdh gu bheil spiorad beothail, treun achogaidh anns na Gàidheil mar a bhannta riamh. Rachadh iad don arm gu toileach nan saoileadh iad gu robh an rioghachd ann an cunnart. Tha acheart spiorad ri fhaotainn anns na Goill. An àm a bhith bruidhinn air achogadh, chan aithnichear co dhiubh a tha daoinenan Goill nonan Gàidheil; ’nanLiberalsnonanTories .Is ann mar so bu chòir don chùis a bhith an comhnuidh.

IAIN



[271]

[Vol . 4. No. 34. p. 7]

Beathan Tuathanaich.

Tha aon ni gu mòr am fàbhar an tuathanaich; ’se sin gu bheil an obair aige nas fallaine na obair sam bith eile. Tha iadsan a chuir beachd air a chùis ag innse dhuinn gu bheil da fhichead tuathanach as acheud a ruigheachd aois tri fichead bliadhnasa deich. Chan eil a measg cheannaichean ach coig deug air fhichead as a cheud, a measg shaighdearan tri deug air fhichead as a cheud, agus a measg luchd-lagha us leighichean naodh air fhichead as a cheud, a ruigheachd na h-aoise sin. Tha nas lugha de dhiomguinn an co cheangal ri obair an tuathanaich na tha ri obair no ceaird sam bith eile, agussin iomguinn a tha giorrachadh saoghail dhaoine, ’s chan in obair. Gun teagamh sam bith, tha aige ri obrachadh gu cruaidh, agus tha a theachd-an-tir ann an tomhas mor air a chumail air ais le droch shide, le biastagan a bhios a nuilleadh a bharra, agus le ais-innleachdan dhroch luchd-malairt; ach thoir fa-near an ceannaiche, am bancair, am fear-teagaisg, no am pears eaglais, agus chi thu gu bheil achuid mhor dhiubh asaoithreachadh gu cruaidh, agus gu bheil an iomguins an cùram féin aca. Tha àireamh bheag anns gach ceaird, aig nach eil ach beagan obrach ri dheanamh agus a tha faotainn pàighidh mor, achsann gle bheag a than àireamh. Tha na ceannaicheans na bancairean gu tric abristeadh. ’Se àireamh bheag as acheud dhiubh a tha seasamh an casan fad am beatha. Tha moran aig fear-teagaisg na sgoile, agus aig aphears’ -eaglais ri ghiulan nach tig am feasda chur dragh air an tuathanach. ’S iad na tuathanaich, aig am bheil fearainn shaor, agus a tha pàigheadh an cuid fhiachan, na daoine as neo-eiseamailiche, agus as fhearr dheth a thair uachdar an domhain. Nam faiceadh na gillean òga tha fàs suas an diugh, nithean direach mar a tha iad, bhiodh a chuid mhor dhiubh gle thoileach tòiseachadh le beagan air mir fhearainn, agus an criochan a mheudachadh a reirs mar a bhiodh iad afaotainn air adhart. Cha chòir don mhac a bhin dùil gur coltach dha bhi cho math air a dhòigh, ’sa cheud dol a mach, ’sa thaathair an deigh dha bhi saoithreachadh uile làitheana bheatha. Than duthaich a toirt bàrr air abhaile a thaobh slàinte, “uisge glan us àile,” ceòl ian, measan cùbhraidh, agus biadh fallain; agus ma than tuathanach saor o fhiachan, tha cogais ghlan aige, agus tha ecur seachad a shaoghail nas sona agus nas sùnndaiche na tha fear a tha leantuinn ceaird sam bith eile.


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[272]

[Vol . 4. No. 34. p. 8]

ORAN

LE UILLEAM ROS NACH EIL IDIRNA LEABHAR.

S tu Mhòrag rinn mo bhuaireadh,
Bhon chunna mi Di-luain thu;
Tha maigne leat a gluasad,
Cha tàmh e mar bi buaidh leis,
S mar géill thu bidh mi truagh dheth.

LUINNEAG.
S i luaidh mo chadail Morag,
Mo ghaols mo chagar Morag,
Gum bait leam agam Morag,
S bu taitneach leam do chomhradh,

A Mhorag ghrinn nan dlùth-cheum,
Nan còtaicheans nan gùintean,
S nan ribeanan bhon bhùtha;
Mar drinn mi mearachd cùnntais,
Bu ro-mhathn céile Diùchd thu.

Geds lionar te a chi
Chan eil iad uilem pris riut.
S tu Bhenus measg nam miltean,
S e t-eugas thug mo chlith bhuam
S a dhfhag an diugh làn dith mi

Gods iomadh ceum a bha mi
Chan fhacas te thug bàrr ort,
Do phearsa tha ro dhàicheil,
Do bheusan tha gun fhàillinn,
S tun fheinics measg an àil so.

S tun reul a measg nan òighean,
Do mhaise rinn mo leònadh,
Do ghruaidh dhfhag fann na ròsan,
Do dheud dhfhag glas an neoinin,
Cha leir dhomh smal ad bhòidhchead.

Gur tric mi air mo ghluasad
S mi cuimhneachadh nan uairean
A bha mi leat an uaigneas
S a ruith le ceuman luatha,
S nach till iad tuille nuadh oirnn.

Nuair bhios mi ann am ònar
Nam chadal ann am sheòmar
S mi bruadar air do bhòidhchead,
Sin duisgidh mi le sòlas
An dùil gum bi sinn còmhla.

Tillidh an t-uisg ri sléibhtean,
Bidh sneachda dubh air gheugan,
Mun caochail air mo spéis dhuit:
S tu mannsachds mo dheo-gréine
S cha dibeir minam chéil thu.

Do shaighdean rinn mo leònadh
S a chuir mi uil á òrdugh,
Cha bhi mi tuill an sòlas
Mur failtich thu le pòig mi,
S do làmh agealltainn còir dhomh.

Nis chuala tu mar tha mi,
Gu bheil mo chridhen gràdh ort;
O cuimhnich air do nàdar
Is tionndaidh ann am blàths rium,
S na faic a chaoidhnam thràill mi.

Si luaidh mo chadail Morag,
Mo ghaols mo chagar Morag,
Gu mbait leam agam Morag
S bu taitneach leam do bhomhradh.

BHO ALASDAIR AN RIDGE.


Iarr gach ni air Camaronach, ach na iarr ìm air.


Far an Robh min Raoir.

Chaneil fios aig duinair thalamh,
Far an robh min raoir;
Cha robh leam ach Mairi Ailein,
Far an robh min raoir;
Fhuair mi gealladh bho mo chaileig
Beul nach canadh foill
Ann an gleannan caoin abharraich,
Far an robh min raoir.

Bha na h-eoin aseinn le caithream
Far an robh min raoir:
Iad adannsair bharr nam meangan
Far an robh min raoir;
Faile cubhradh driuchdus meala
Dheth gach badsa choill;
Cha robh smuid no stur abhaile
Far an robh min raoir.

Cha robh feum air grein no geallaich
Far an robh min raoir;
Barr nan craobh asgaoileadh tharainn
Far an robh min raoir;
Le mo ghaol as caoile mala
Dhfhan mi seal den oidhch
Measg nan neoinean boidheach, geala
Far an robh min raoir.

Cha robh smaoin air maoin no fearann
Far an robh min raoir;
Cha robh stor no or air maire
Far an robh min raoir;
Cha robh luchairt riamh air thalamh
Ann an dreachs an loinn,
Air am fagainn sgail abharraich
Far an robh min raoir.

Bidh micuimhneachadh ri mmhaireann
Far an robh min raoir;
S air an oigh on dfhuair mi gealladh
Far an robh min raoir;
Gus an cairear misan anart
Cha tig smal no foill
Air mo ghradh do Mhairi Ailein
S far an robh min raoir.

NIALL MAC LEOID.


Tha Dr. Jamieson, am fear a chaidh air ceann feachd don Transvaal a chogadh an aghaidh riaghladh na duthcha sin, a nise ann an Lunnainn far am bheil aige ri cuirt a sheasamh air son a chuid oibreach. Tha ceithir duine deug eile còmhla ris air an coireachadh air son a dhol a chogadh ri duthaich a bha aig sith ri Breatuinn. Tha iad a mach fad che’ -la-deug air urras, da mhile punnd am fear.

ACHOISIR-CHIUIL. —Gheobhar aon phàirt den Choisir air son ainm agus dolair aon fhear-gabhail ur a chur a dhionnsaidh a MHAC-TALLA, agus na tri pàirtean air son da ainm ur agus da dholair. Tha àireamh mhath an deigh am faotainn mar tha, agus tha sinn ag earbsa gun coisinn mòran eile iad an uine gun bhi fada.


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE

titleIssue 34
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 34. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page