[Vol . 4. No. 35. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 7, 1896. No. 35.
Priceville, an Ontario.
Tha mhiann orm aig an àm so tòiseachadh air eachdraidh an àite so a sgriobhadh. Cha’n eil mi ’g radh gu’n teid agam air a dheanamh gle mhath, ach coma co dhiu, ni mi cho math ’s is aithne dhomh. Tha mu leth-cheud bliadhna bho’n chaidh a choimhearsnachd so a shuidheachadh, agus ’s beag a tha dh’ fhios aig òigridh an latha ’n diugh air gach cruadal troimh ’n deachaidh an aithrichean an deigh dhaibh tigh’n á stigh do’n choille mhòir. Bha aca ri cur suas le iomadh ni air nach eil eòlas sam bith aig àl an àm a tha làthair, fuachd us acras us iomadh ana-cothrom eile. Cha robh taighean aca ach bothain bheaga logaichean ’s na tuill ’s na sgaran air an stopadh le còinnich. Dh’ fheumadh iad am biadh a bha iad ag itheadh a ghiùlan air am muin deich mile. Cha bu ghnothuch mòr sam bith le duine ceud punnd flùir, tuagh, agus moran de nithean beaga eile a ghiulan mar eallach. Mhaireadh poca flùir agus pùnnd ti do dh’ aon duine fad mios. Cha robh feòil no im no ùbhlan ann, ach b’e ’m biadh am bitheantas sgonn de bhonnach mòr a dheasaicheadh duine e-fhéin an deigh ’obair-latha. B’e ’n dòigh bhruich a bhiodhteadh a’ gabhail do’n bhonnach sin a chur fo’n luathainn dheirg anns an t-simileir no anns an stòbh, àgus a chòmhdach thairis le griosaich, agus gu dearbh ’se bhiodh blasda tigh’n as. B’ aithne dhomh fear Donnacha Moireastan (tha e beò fhathast) a ghiùlan da bhuiseal de chriothnachd fichead mile dh’ astar, agus a chuir e an latha sin féin! Bha timchioll a bhaile bhig so an toiseach air a chuartachadh le daoine dubha. Bhiodh iadsan ann sna h-amannan ud a’ giùlan an an cuid uallach air mullach an cinn. Bha iad glé leisg, oir chleachd iad a bhi ’nan tràillean an tùs an òige, agus ’nuair a fhuair iad a bhi ’nam maighstirean orra féin, bha iad an dùil nach bu chòir dhaibh car obrach a dheanamh idir. Cha’n eil aon duine dubh ri fhaicinn ’sna criochan an diugh. Tha roinn mhòr de Ghàidheil ri fhaotainn ’san àite. Thainig pàirt dhiubh direach as an t-Seann Dùthaich, agus thòisich iad air a choille mhòr a chur bun os ceann, obair air an robh iad glé aineolach, ach cha d’ thug iad fad oirre ’nuair a bha iad suas rithe cho math ri daoin’ eile. Chruinnich iad ’nam badanan comhladh an sid ’s an so, agus gheobhair an sliochd mar sin an diugh. Ghabh na h-Eirionnaich an dòigh cheudna. Bha e ’na chleachdadh aig daoine ’san àm ud, ’nuair bhiodh cuideachd mhor cruinn, —aig togail no aig Bee-logaidh, mar a’ theireadh iad—uisge beatha bhi aca; bha iad a’ smaoineachadh gu robh e cheart cho feumail dhaibh ri ’n dinneir, agus b’ fhearr le cuid tigh’n as aonais am bidh na tigh’n gearr air dram fhaotainn. Ach chaidh na cleachdaidhean sin as, agus cha ’n eil boinne dhe ’n stuth ’ga òl aig obair de sheòrsa sam bith a nis. Bha aig daoine an toiseach ri dhol astar mor gu muilinn; bhiodh iad a’ dol cho math ri deich mìle fichead. Bhiodh iad a’ dol ann ’sa gheamhradh le daimh, agus dh’ feumadh iad luchd mòr feòir a thoirt leotha, oir bhiodh iad mar bu trice air falbh fad seachdain. Bhiodh am muileann cho trang, ’s an t-uisge cho gann ’sa gheamhradh, ’s nach b’ ann air chabhaig a gheobhadh duine a chuid gràin a bhleith. ’S iomadh fuachd us acras a dh’ fhuilig daoine a’ dol air ais ’s air adhart air na turasan so. Cha’n eil moran ri fhaotainn an diugh de na daoine còire ghiùlan fuachd us cruas an latha ’san àite so air tùs. Tha iadsan a bha ’nan cloinn bhig an uair sin a nise air fàs nan seann daoine liatha.
(Ri leantuinn.)
21, 2, ’96. I. M’ D.
Ceann nathrach us earball péucaig air an earrach.
BLIADHNA LEUM. —Cha ’n fhaicear an naodhamh latha fichead ann am mios Febuaraidh tuilleadh gu ceann ochd bliadhna. Tha bliadhna-leum, no bliadhna anns am bi latha chòrr, ann aig ceann gach ceithir bliadhna, ’se sin gach bliadhna a ghabhas a h-àireamh roinn ’na cheithir earannan gun chòrr fhàgail; mar tha a bliadhna so fhéin, gabhaidh a h-àireamh, 1896, a roinn na cheithir earannan, 474 anns gach earann. Ach aig ceann gach ceud bliadhna feumaidh gu’n gabh àireamh na bliadhna roinn ’na cheithir cheud earann mu’m bi latha bharrachd innte. Cha ghabh àireamh na bliadhna 1900, an ath bhliadhna anns ’m bu chòir latha bharrachd a bhi, roinn na cheithir cheud earann, agus uime sin cha bhi innte ach an aon àireamh lathaichean ’sa bhios anns na bliadhnaichean eile. Duine a rugadh air an naodhamh latha fichead de’n mhios a dh’ fhalbh, cha’n urrainn dha co-ainm a latha bhreith a chumail gus an tig a bliadhna 1904.
Air a cheud latha dhe’n bhliadhna so b’e ’n àireamh shaighdearan a bha ’n armailtean cogaidh an t-saoghail air fada, ceithir muillein da cheud us naodh mile (4,209,000.) Bho’n bhliadhna 1850, chosgadh tri cheud muillein pùnnd Sasunnach ann an cogadh, agus a cheithir uiread sin ann an cumail suas armailtean gu bhi deiseil air son cogaidh.
Na’n rachadh saoibhreas an t-saoghail so a roinn air sluagh an t-saoghail, agus uiread us uiread a thoirt do gach neach, thatar a deanamh a mach gu’m biodh mu thri fichead pùnnd Sasunnach, no faisg air tri cheud dolair a dh’ airgead na dùthcha so, ann mu choinneamh gach duine, bean, us pàisde.
Ceann mor air duine glic, ’s ceann-circ’ air amadan.
Ceann mor us amhach chaol, aogas an droeh ghamhna.
[Vol . 4. No. 35. p. 2]
BEAN A’ MHISGEAR.
CAIB. VII.
“Agus dh’ éirich e, agus chaidh e dh’ ionnsuidh ’athar,” LU. xv. 20.
Anns an fhacal chualas bualadh aig an dorus. ’S ann a ghabh Seònaid bhochd clisgeadh; oir shaoil i gur e fear de na misgearan truaillidh a bha ’fuireach ’sa choimhearsnachd a bh’ ann. Co ’bh’ ann ach lighiche a thàinig air òrdugh nan càirdean, a dh’ fhaicinn na caileig a bha tinn, feuch an robh e sàbhailte a toirt air falbh. An uair a sheall e oirre thuirt e nach robh ni cearr oirre ach na fhuair i do shàruchadh ag altrumas, agus an uair a rachadh i ’dh’ àite fallainn nach biodh cnead oirre.
Air an fheasgar ud fhéin thugadh air falbh iad fhéin agus am beagan innsridh a bh’ anns an taigh. Bha iad mar gum biodh iad air saoghal ùr an uair a shocraich iad ’san àite-chòmhnuidh ur. Bha glaine, is farrsuineachd is fallaineachd aca, agus bha na coimhearsnaich, cho fad ’sa b’aithne dhaibh modhail, measail, cliùiteach.
Thòisich a’ chaileag a bha tinn ri tighinn air a h-aghaidh agus ann am beagan sheachduinnean bha i cho tapaidh cha mhòr, ’sa bha i riamh. Fo stiùireadh chàirdean thàinig dithis nigheann òga a dh’ fhuireach do ’n t-seòmar a b’ fhearr. Beag ’s mar a bha an t-suim a bha iad a pàigheadh ’san t-seachduin bu mhòr an cuideachadh e. Eadar màl an t-seòmair agus na bha i fhéin a deanamh a dh’ fhuaghal ’sa dh’ fhighe, chum Seònaid fhéin ’sa chlann gu dòigheil gu ceann na bliadhna.
Ré na h-ùine a bha Seumas anns a’ phrìosan, bha ’aire gu math tric air a tionndadh a dh’ionnsuidh na dòigh anns an do chlaon e air falbh. Bha fhios aige gu robh e aon uair a’ sealbhachadh sonais a bha ro luachmhor, agus gur ann trid cul-shleamhnuchaidh a chaill e ’n sonas so. Bha e ’ga shàmhlachadh fhéin ris a’ mhac stròdhail, agus thug so misneach dha gu pilltinn a dh’ ionnsuidh ’Athar.
Shuidhich e ’inntinn air pilltinn gun dàil. Iomadh uair roimhe sid, an uair bhiodh a chogais ’ga dhìteadh gu trom, theireadh e ris fhéin, “Tha’n t-àm agam grad chùl a chur ris a’ chùrsa sgriosail a tha mi ’leantuinn;” mar gu ’n canadh e, “Eiridh mi agus théid mi ’dh’ ionnsuidh m’ athar.” Ach mar a thachair a dh’ iomadh neach a bhàrr air, ged a bha e bruidhinn air pilltinn, agus a’ smaointean air pilltinn, bha e sìor ghabhail roimhe.
Ri linn dha tuiteam air falbh, agus a cheud ghràdh a thréigsinn, cha d’ thàinig ni ’na rathad bu mhò a rinn a dh’fheum dha na bhith air a thilgeadh am prìosan. B’ ann ’s a’ phriosan a thàinig e d’ a ionnsuidh féin. Chunnaic e gu ’n do chaill e an t-sìth cogais a bh’ aige aon uair, agus gu ’n do choisinn e diombadh, agus eadhon corruich, Dhé; agus mar an ceudna, gu ’n d’ thug e masladh air fhéin ’s air na bhuineadh dha. Thug so air a bhith brònach gu leòr.
Mu ’n d’ fhàg e ’m priosan, shuidhich e ’inntinn air an rioghachd fhàgail. Dh’ innis e so do aon de na càirdean dìleas a bh’aige anns a’ bhaile, latha no dha mu ’n d’fhuair e mach as a’ phrìosan, agus thug an caraid so dha beagan airgid a chum am faradh a phàigheadh. So cuid de’n chòmhradh a bh’ eatorra.—
“Mìle taing dhuit, a dheagh charaid, air son do chaoimhneis. Tha mise a’ fàgail na rìoghachd, suidhichte le cuideachadh an Tighearna gu ’n cuir mi cùl gu buileach ris na nithean toirmisgte sin a thug a dh’ ionnsuidh na truaighe mi. Tha fhios agam gu ’n do mhath Dia cionta mo lochd, agus tha earbsa agam ann gu ’n ulluich e gach ni feumail air mo shon fhéin, agus air son mo theaghlaich. Ma bhios mi beò, slàn gu ceann bliadhna, agus gu faigh mi obair, tha dòchas agam gu ’n tig mi aon uair eile do ’n bhaile so fhathast. Ach aig an Tighearna tha fios ciod a thachras dhomh. Thoir thusa, a dheadh charaid, oidhirp, maille ri càirdean eile a tha truasail, air a’ bheag no mhòr de chuideachadh a deanamh le mo mhnaoi bhochd, agus le m’ phàisdean. Tha ’n staid anns an d’ fhàg mi iad a’ trom-leònadh mo chridhe. Air son na ’s urrainn domhsa a dheanamh air an son, faodar a ràdh gur dilleachdain iad.”
“A Sheumais, faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi gu ’n dean mi gach ni ’nam chomas a chum Seonaid agus a’ chlann a chumail suas, agus tha mi ’n dòchas nach fhada gus am bi thu fhéin comasach air cuideachadh a dheanamh leò.”
Cha bu luaithe a fhuair Seumas bochd a mach as a’ phrìosan na thug e ’aghaidh air Sasunn. Ann am baile-mòr àraidh an Sasunn bha seann fhear-eòlais dha a bha gu math air a dhòigh, agus bha dòchas aige gu faodadh an duine so stiùireadh a thoirt da air far am faigheadh e obair. Bha ’n cridhe air chrith aige gu faodadh an naigheachd, gu robh e anns a’ phrìosan, a bhith roimhe ann an Sasunn; oir bha fhios aige gu robh i anns na paipeirean naigheachd. Coma co dhiu, ràinig e, agus le cuideachadh a sheann fhir-eòlais, fhuair e obair an ceann latha no dhà maille ri saoir-gheala eile a bha gu trang a’ cur suas aitreamh cho mòr ’s a bh’ anns a’ bhaile. Anns an àite so bha saorsa aige nach robh aige iomadh bliadhna roimhe sin. Cha bhlaiseadh e air deur de ’n deoch-làidir, o’n is i a bha na meadhon air an truaighe chur air. Bha companaich ùr’ aige, agus ged a bha cuid diubh baoghalta gu leòr, cha robh buaidh uilc aca thairis air mar a bh’ aig na seana chompanaich. Rud eile, bha maighstir na h-oibre ’na dhuine a bha ’feuchainn ris an luchd-oibre a chumail o gach olc do’n robh iad buailteach. O’n a bha Seumas na choigreach anns an àite nochd e caoimhneas mòr dha. Mar so fhuair e air aghaidh anabarrach math fad na bliadhna. Chuir e h-uile sgillin a choisinn e, ach na b’ éiginn da phàigheadh air son a bhidh is ’aodaich, air chùl a làimhe, agus an ceann na bliadhna ghabh e taigh beag, comhfhurtail, agus chuir e beagan innsridh ann. Dh’ innis e do ’n mhaighstir gu robh bean is clann aige ann an Alba, agus gu robh toil aige dhol ’g an iarraidh. Thug am maighstir cead dha a bhith seachduinn air falbh, agus ged a bha ’n obair trang ghleidheadh ’aite dha gus an deachaidh e air ais; oir dhearbh e gu ’m bu deagh fhear ceairrde e.
Fad na bliadhna a bha e’ n Sasunn cha do chuir e sgrìob litreach gu neach a dh’ fhàg e ’na dhéigh ach aon litir a chuir e thun a charaid a thug dha cuideachadh gus an rioghachd fhàgail. Dh’ innis e dha charaid gu ’n d’ fhuair e obair, agus gu robh dùil aige nam biodh e beò pilltinn cho luath ’s a b’ urrainn da a dh’ iarraidh na mnà agus na cloinne. Dh’ earb is dh’ àithn e ri charaid gun guth no iomradh a thoirt ri duine beò mu ’thimchioll, ach aon litir a chur uige a dh’innseadh ciamar a bha ’bhean ’sa chlann a’ tighinn troimh ’n t-saoghal. Rinn a charaid mar a dh’ iarradh air. Cha robh fhios aig duine eile co
[Vol . 4. No. 35. p. 3]
dhiu bha Seumas beò no marbh.
Anamoch air feasgar Diluain beagan roimh cheann na bliadhna an déigh dha an rìoghachd fhàgail, thàing Seumas air ais, agus ghabh e dìreach gu taigh a charaid. Bha ’charaid anabarrach toilichte ’fhaicinn aon uair eile, gu sònraichte o’n a bha e ann an deagh choltas. Dh’ aithnicheadh duine beachdaidh sam bith air gu’n do thréig e na cleachdaidhean, agus an comunn truaillidh a bha e ’leantuinn mu’n do chuireadh do’n phrìosan e. Dh’ innis e d’a charaid mar a dh’ éirich dha fad na bliadhna; agus gur h-ann air thòir na mnà ’s na cloinne a thàinig e.
Air an fheasgar ud fhéin, ged a bha ’n t-anamoch ann dh’ fhalbh e fhéin agus a charaid far an robh a bhean. An uair a bhuail iad aig an dorus, ghabh i ioghnadh ciod e chuir daoine rathad an taighe aig uair cho anamoch. Ach an uair a dh’ fhosgail i ’n dorus, agus a chunnaic i co bh’ aice, —oir ghrad dh’ aithnich i e ann an solus cheann na staidhre—chuir i a da làimh mu ’amhaich, agus phòg i e. Cho luath ’s a chaidh e steach do’n t-seòmar, dh’ fheòraich e mu’n chloinn. Ged a bha iad nan laidhe ùine roimhe sin, dhùisg a h-uile bruidhinn a bh’ ann iad, agus rinn iad foghail gu leòr ri ’n athair.
Mu’n do ghabh iad mu thàmh, shuidhich iad gu’n deanadh iad an imrich an ceann dà latha. O nach robh e aon chuid feumail no buannachdail an t-innsreadh a thoirt gu ruige Sasunn, dh’ fhàgadh e air cùram aon de na càirdean a ghabh os laimh a reic. Mar so, ghrad fhuair iad deas, agus dh’ fhàg iad am baile anamoch Diciadain. Bha iad aig an dachaidh ùir beagan roimh mheadhon là Dirdaoin. Dh’ fhalbh a banacharaid chaomh, a bha, le a cuid ’s le a comhairle, a’ toirt cuideachaidh agus misnich do Sheònaid, agus d’ a teaglach lag, fad na bliadhna roimhe sid, maille riu a chum am faicinn air dòigh anns an àite ùr. An uair a ràinig iad an taigh, agus a chunnaic iad cho òrdail ’s a bha gach ni romhpa cha robh fhios aca ciod a theireadh iad. Labhair Seumas agus thuirt e:—
“Lubaibh uile bhur glùinean maille riumsa, agus thugamaid taing do Dhia air son a thròcair agus iarramaid a chòmhnadh agus a neart o là gu la re ar cuairt anns an fhasach.”
Rinn iad so, agus gu cinnteach bu chiatach an sealladh e. B’fhearr gu faicte a leithid de shealladh ni bu trice.
Labhair Seumas a rithist, agus thuirt e:— “A Sheonaid, dh’fhaoidte bean a’ mhisgear a ràdh riutsa fad nan trì bliadhna mu dheireadh a bha mise an Alba. Ach an là a thug am breitheamh binn a mach nam aghaidh, agus a dh’ òrdaich e mo sparradh ’s a’ phrìosan, dh’ fhosgladh mo shùilean. Thàinig mi do m’ ionnsuidh fhìn mar a thàinig am Mac Stròdhail anns an fhàsach. Dh’ éirich mi, agus chaidh mi dh’ ionnsuidh m’ Athar. ’Na ghràdh neo-chrìochnach, agus na mhòr thròcair gabh e da ionnsuidh mi mar mhac. An uair a thàinig mi do’n bhaile so, dh’ fhosgail e dorus dhomh, agus fhuair mi obair anns an robh deagh thuarasdal agam. Cha robh mi uair an uaireadair o m’ obair le tinneas, no le aobhar sam bith eile o’n a thainig mi ’n so. Tha màl an taighe pàighte; tha ’n t-innsreadh pàighte. Seall, a Sheònaid, air innsreadh an t-seòmair a’s fhearr; cheannaich mi e leis na b’ àbhaist dhomh a bhith ’cur ann an òl, agus ann an tombaca eadar da cheann na bliadhna, agus ann an nithean gun fheum eile a bhithinn a’ ceannach an uair a bhithinn air mhisg. Mar bu trice, bha mi deanamh dlùth air deich tasdain ’san t-seachduin a bharrachd air tuarasdal riaghailteach na seachduin. A Sheònaid, cha’n urrainn duine ’s a’ bhaile so a ràdh ruit gur tu bean a’ mhisgeir nis mò. Fo laimh Dhé rinn thu fhéin, tha mi ’creidsinn, mòran a bharrachd a chum toirt orm sgur de’n olc na tha thu ’n dùil. A h-uile latha riamh nochd thu foighidinn agus caoimhneas a chuir mòran ioghnaidh orm. An uair a sparradh am prìosan mi cha do nochd thu coimhicheas dhomh mar a dh’ fhaodadh tu dheanamh. A h-uile latha ’s oidhche o’n a thòisich mi ri cùl-shleamhnachadh tha mi creidsinn gu robh thu ’tagradh as mo leth. Fhad ’s is urrainn mi car a dheanamh oibrichidh mi a chum thu fhéin agus a’ chlann a chumail anns an dòigh anns an còir dhuibh a bhith. Tha còrr is bliadhna o’n a sguir mi dhol a mach na m’ neart fhéin, agus tha mi gabhail beachd air gu bheil an Tighearna a’ toirt neirt is treòir dhomh o là gu là. Le a chuideachadh fhéin tha mi ’n dòchas gu’n téid mi mach ’na neart a h-uile là ri m’ bheò.”
Cha bhiodh e chum mòran feuma dhuinn na briathran a labhair Seònaid agus a banacharaid aithris an so. Fòghnaidh dhuinn a ràdh gu robh an cridheachan air an lìonadh le gàirdeachas, agus gu’n do chuir iad am faireachdainnean an géill ann an cainnt ghlic mar a b’ àbhaist daibh.
An ceann beagain làithean, an uair a fhuaradh gach mi an òrdugh, phill a’ bhean chòir, chneasda, a rinn na h-uiread air son Seònaid agus na cloinne, dhachaidh a dh’ Alba. Thug an naigheachd a bh’ aice air an atharrachadh a thàinig air Seumas mòr thoileachadh do gach neach le ’m bu toil e.
A thaobh Sheumas agus a theaghlaich, fòghnaidh a radh gu’n d’ fhuair iad air an aghaidh gu math. A réir choltais nach d’ fhuaradh a mach riamh mar a thachair do Sheumas fhéin an Alba. Bha e fhéin agus Seònaid beò gus an d’ ràinig iad aois mhòr. Fhuair iad tuilleadh teaghlaich an Sasunn. A réir mar a chuala sinn, phòs cuid dhiubh, agus chaidh cuid eile dhiubh do na rioghachdan thall, far am bheil iad, tha sinn an dòchas a’ gluasad ann an gliocas, agus a’ caitheamh am beatha gu measarra, gu cothromach, agus gu diadhaidh.
IAIN
(A’ Chrioch.)
Ann an Saxony cha ’n fhaod duine gabhail air fhéin crudha chur air each gus an deigh dha sgil a bhi air fheuchainn ’s air a dhearbhadh. Tha sgoil mhor ann am baile Dresden anns a bheil daoine as gach cearna dhe’n t-saoghal ag ionnsachadh na ceairde. ’N uair a bhios iad ullamh ionnsachaidh, cha’n e mhàin gu’n teid aca air eich a chruidheadh ach tha iad sgileil air euslaintean nan each a leigheas.
Nach lionmhor iad a tha cumail a mach gu ’n d’ thug iad làn-mhathanas do ’n mhuintir a rinn olc orra, ach aig a’ cheart àm a their nach urrainn iad an t-olc a rinneadh orra ’dhi-chuimhneachadh. Mar a thuirt neach àraidh roimhe, tha iad coltach ri neach, an dèigh dha an seòmar a sguabadh, a dh’ fhàg an sguabadh na thorr air cùl an doruis an àite ’chur a mach as an taigh. An uair a bheir sinn mathahas do neach sam bith le ’r beul cuimhnicheamaid gu ’n toir sinn o ar cridhe e mar an ceudna.
[Vol . 4. No. 35. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, AM MART 7, 1896.
Tha Breatuinn a dol a neartachadh a h-arm-cogaidh ’sa gearasdanan, gus a bhi deiseil air son cogaidh uair sam bith a thig e. Tha i dol a chosg ceithir muillein deug pùnnd Sasunnach ris. Tha còrr us da fhichead soitheach eogaidh ùr ri bhi air an togail, agus tha ochd ceud gu leth mile pùnnd ri bhi air a chosg air Gibraltar.
Tha na Stàitean an dràsda a’ togail aimhreit ris an Spàinn. Tha iad a’ cur rompa amharc air ceannaircich Chuba o so a mach mar luchd-cogaidh ’s cha’n ann mar luchd-ceannairc. Tha iad le so mar gu’m biodh ’gan cur air an aon bhonn ris na Spainnich fhéin, agus tha na Spàinnich ’ga ghabhail gu dona ’san t-sròin. Cha’n eil na Stàitean an deigh so a dheanamh fhathast, ach tha e aca air an t-slighe troimh ’n phàrlamaid. Ma’s e ’s gu’n dean iad na tha iad a’ cur rompa, bidh e gu math teth eadar iad féin ’san Spàinn. Cha’n eilan Spàinn idir cho fad-fhulangach ri Breatuinn, agus ma leanas na Stàitean rompa beagan na’s fhaide, cha mhair an t-sith. Tha e ro choltach nach eil na daoine aig a bheil riaghladh nan Stàitean nan làimh aig an àm so air an fheadhain a’s glice. Tha iad tuilleadh us deigheil air a bhi gabhail gnothuich ri nithean nach buin dhaibh, agus mar sin a dùsgadh suas fearg agus gamhlas dhùthchannan eile, a bha roimhe sitheil agus càirdeil riutha.
Tha Pàrlamaid Ottawa a nise aig an obair air son an deachaidh a gairm, —a réiteach chùisean a thaobh sgoilean Mhanitoba. Thòisich an deasbud mu’n “bhill” Di-màirt. Labhair Sir Tearlach Tupper agus feadhain eile air a thaobh, agus Mr. Laurier agus feadhainn eile ’na aghaidh. Tha iad ag obair air na h-uile latha bhuaithe sin. Cha’n eil teagamh nach cuir iad an darna taobh e air an t-seachdain s’a tighinn.
Chaidh murt grànda a dheanamh ann an Tomatin, faisg air bail’ Inbhirnis, an Alba, air a choigeamh latha deug dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Bha triùir dhaoine, luchd-oibreach, ann an tigh leotha fhéin, dithis Ghàidheal agus Eirionnach. A reir sgeòil, ghabh an t-Eirionnach, do ’m ainm Powell, an daorach, agus chaidh e stigh do ’n rùm anns am biodh an dithis eile a cadal. Dh’ fheuch iadsan ri chur a mach, ach san t-sabaid a bh’ aca, thug Powell a mach sgian, agus stob e fear dhiubh anns an druim leatha, coig no sia dh’ uairean, ’ga cur dh’ an sgamhan aige, agus ’ga lot cho dona ’s gu ’n do chaochal e le call fala an la- ’r-na mhàireach. Chaidh am fear eile ’ga theasraiginn, agus chaidh e fhein a stobadh, ach fhuair e as gun moran leònaidh a bhi air a dheanamh air. Chaidh Powell a thoirt do ’n phrìosan a dh’ Inbhirnis. ’Se Mac-an-Tòisich a bh’ anns an fhear a chaidh a mhurt agus Mac-Ille-Mhaoil anns an fhear eile. Bha Mac-an-Tòisich leth-cheud bliadhna ’sa sia a dh’ aois; bhuineadh e do shiorramachd Pheart. Buinidh Powell do bhaile Bhelfast. Cha’n eìl e ach mu dha bhliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois.
Bha stoirm mhor shneachda agus uisge ann am Maine toiseach na seachdain so. Bha na ròidean air an dùnadh suas, agus bha maille mhor air a chur air luchd-siubhail. Ann an àiteachan, cha d’ fhuair an carbad iaruinn a dhol thairis air an rathad eadar Di-sathairne ’s Di-ciaduin. Chaidh ochd drochaidean deuga a sguabadh air falbh bhar aon amhuinn leis an tuil a bha innte. Ann am baile Lowell, bha da mhile dheug duine air an cumail ’nan tàmh leis na tuiltean a bha anns na h-aimhnichean.
Air an dorus air an tig amhrus a steach, theid gràdh a mach.
Aig bainnsean ’s aig tòrraidhean, aithnichear càirdean ur eòlaich.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air
Tha stoc math de speuclairean ’s do ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 35. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha iad ag radh gu bheil an t-Ard Riaghladair, Iarla Obaraidhean agus a bhean a dol a thoirt sgriob do Cheap Breatunn air an t-samhradh s’a tighinn. Tha Sir Tearlach Tupper agus a bhean a’ dol a chur seachad pàirt dhe’n bhliadhna so ann an Ceap Breatunn cuideachd.
Tha fios á Guysboro ag innse gu’n deachaidh còignear chloinne troimh ’n deigh anns an acarsaid sin Di-sathairne s’a chaidh, agus gu robh iad anns an uisge faisg air uair gu leth mu’n d’ fhuaireadh an toirt as. Bha cuid dhiubh gle faisg air a bhi air am meileachndh, agus ’s ann air eigin a fhuaireadh an toirt uige.
Tha daoine ann an Sidni Tuath an deigh soitheach-iasgaich a cheannach ann an Yarmouth, agus a dol ’ga h-uidheamachadh gus a cur ris an iasgach a mach as a phort aca fhéin. Tha’n acarsaid so faisg gu leòr air na h-aiteachan iasgaich, agus ’s ann a tha e iongantach nach do thòisicheadh air an obair o chionn fhada.
Tha a’ ghriùthrach gu math pailt san dùthaich an dràsda. Tha i ann an Sidni, an Sidni Tuath, ’s ann an iomadh àite eile. Mu’n cuairt an so cha’n eil i gle dhona, ach tha e coltach gu bheil i dona gu leor an àiteachan eile air an eilean. Aig Beinn a’ Mharbail, chaochail ceathar leatha o chionn ghoirid, triòir dhiubh sin a thainig gu aois, agus aon neach òg.
Chaidh each le Coinneach Mac Coinnich, ’sa bhaile so, a bhàthadh an acarsaid Sidni a Tuath Di-sathairne s’a chaidh. Bha e aig dithis dhaoine, fear Lewis a mhuinntir Phictou, agus fear Doull a mhuinntir Sidni, a’ gabhail na deighe, agus bhrist i fodha. Chailleadh an t-sleighe ’s an acfhuinn còmhla ris. Chaidh eich eile an sàs anns an deigh an latha sin cuideachd, ach fhuaireadh an toirt as sàbhailte.
Chaidh gille òg do’m b’ ainm Gilleasbuig Mac Gilleain, a mhuinntir Rathad a Dhléirich a mharbhadh air doigh gle chianail o chionn che’ -la-deug. Bha e air mir anns an t-sabhal a’ cur sios feòir, agus nuair a bha e tearnadh a nuas chaidh meòirean na forca air doigh-eigin an sàs ann, a dol troimh ’n sgamhan aige. Fhuaireadh e mar sin air an ùrlar-bhualaidh. Chaidh lighiche a thoirt g’a ionnsuidh, ach cha ghabhadh stad cur air sileadh na fala, agus chaochail e.
Tha anSt . Pierre,soitheach-smùide a b’ àbhaist a bhi ruith eadar Halifax us Newfoundland, agus a taghall an so, air a call. Chaidh a h-uidheamachadh ann a’ Halifax air a gheamhradh so air son a dhol a dh’ iasgach nan ròn ann an Columbia Bhreatunnach, agus dh’ fhalbh i mu mheadhon a mhios s’a chaidh, agus luchd guail innte. Cha robh i ach ceithir latha air a turus ’nuair a chaidh i bho fheum, agus chaidh an sgioba air bòrd soitheach a thachair orra, ’sa thug iad gu Gibraltar. Bha deich mile fichead dolari de dh’ airgead-urrais oirre.
Tha ’n t-side a fuireach anabarrach blàth. Tha ’n t-àm dhe’n bhliadhna anns ’m bu chòir do’n fhuachd tighinn, air a dhol seachad, agus faodaidh sinn a radh nach robh fuachd a b’ fhiach ann fhathast. Faodridh side dhoirbh gu leòr tighinn mu’n teid an t-earrach seachad, ach cha’n urrainn e bhi cho guineach ’sa bhiodh e ’sa gheamhradh. Tha blàth anns a ghréin a nis a chumas an reothadh gu math fodha. Shil moran uisge air an t-seachdain so, tha ’n sneachda ’san deigh a’ falbh, agus tha na roidean air fàs gle dhona. Tha daoine air sgur a ghabhail na deighe, ach ann am fior chorra àite.
Thainig fear Cailein Mac Rath, a mhuinntir Beinn a Mharbail, ri bheatha fhéin Di-luain s’a chaidh. Dh’ éirich e o ’dhinneir aig meadhon-latha agus thuirt e ri theaghlach gu robh e dol dh’ an Obair Aoil, a tha mu mhile dh’astar bho’n tigh aige. An àite sin a dheanamh, ’s ann a chaidh e mach dh’ an t-sabhal agus chroch e e-fhéin. Chaidh a chlann a mach an ceann treis a dh’ ùine, agus fhuair iad a chorp marbh an crochadh ri sail. Bha Mac Rath na dhuine còir, dichiollach, onarach, agus gle mheasail aig na caimhearsnaich; agus chuir a bhàs le a làimh fhein duilichinn orra uile. Bu cheaird dha an tàillearachd. Thatar ag radh gu robh e car air bheag mhisnich agus car cearr na inntinn o chionn ghoirid, ach cha do smaoinich duine gu’n tigheadh e gu bhi cho dona ’s gu’n cuireadh e crioch air fhéin.
Iadsan a Phaigh.
Domhnull Mac-a- Phearsain, Providence , R. I
C. B. Nic Asguill. Boston , Mass.
Iain Mac Ille-mhaoil, Chicago , Ills., $2 .00.
Aonghas Mac Leoid, Hilton , Manitoba.
I. Ceanadach, Loch na h-Aimhne Deas, N. S
An t-Urr. R. Mac Coinnich, Airsaig, N. S
Iain I. Sutharlan, Kenowgare , N. S.
Domhnull Caimbeal, Kinross , P. E. I.
Iain Caimbeal, Beinn ’Ic Mhannain, P. E. I.
Aonghas Bruce, Grandview , P. E. I.
An t-Urr. D. B. Mac Leoid. Orwell , P. E. I.
J. J. Mac Rath, Baile-Mhàtuinn, Ont.
D. K. Mac Gilleain, Berwich , Ont.
D. W. Mac Gillebhràth, Dalkeith , Ont.
Domhnall Mac Mhuirich, Flesherton , Ont.
Tormaid Mac Leoid, Steòrnabhaigh, Que.
Niall Mac Iomhair, McLeod ’s Crossing, Que.
Calum Buchanan, Kaurihohori , N. Zealand.
Uisdean K. Dunhullach, Point Tupper, C. B
Cairistina Mhoireastan, Sidni,
An t-Urr. Iain Friseal, Cladach a Tuath.
A. D. Mac Diarmaid, Stirling ,
Alasdair Caimbeal, M.P. P., Strath-lathairn
Gilleasbuig Mac-a Phiocair. Catalone .
Tormaid Mac Asguill, Framboise .
Lachuinn Domhnullach, Gut Mhira.
A. N. Domhnullach, Enon , ( $2 .00)
Mairi I. Nic-a- Phiocair, Enon
D. Mac-a- Ghobha, Gut-a- Deas, ( $3 .00)
D. R. Domhnullach, Barrachois, 25c
A. R. Domhnullaeh, Woodbrin , 25c
Alasdair Mac Amhlaidh, Milton , 25c
Aonghas Mac Leoid, Rona , P. E. I. 25c
Floiri Mhartuinn, Brooklyn , P. E. I. 25c
BAS.
Aig Loch Lomond, air Di-màirt an 25mh la de Februaraidh, Seònaid nighean ghràdhach Mhurachaidh ’Ic Cuthais, fichead bliadhna agus da mhios a dh’ aois. Bha i measail aig na h-uile air son a beusan ’sa deagh ghiulan. Chaochail Eilidh a piuthar ’sa comhaoise, direach tir seachdainean roimhe sin. Tha co-fhulangas aig na coimhearsnaich uile ri Mr. Mac Cuthais ’na thrioblaid.
AM MART, 1896.
1 Di-Domhnaich. II D-idonaich ’sa Charghus
2 Di-luain
3 Di-mairt
4 Di-ciaduin. A Ghrian ag eiridh 6.36.
5 Dior-daoin. A Ghrian a’ laidhe 5.48.
6 Di-haoine. An Cairteal mu dheireadh dhe’n t-Solus, 7.15, mad.
7 Di-sathairne
8 Di-Domhnaich. III Di-donaich ’sa Charghus
9 Di-luain. Seid Lucknow, 1858.
10 Di-màirt
11 Di-ciaduin
12 Dior-daoin
13 Di-haoine
14 Di-sathairne. An Solus Ur, 6.34, mad
15 Di-Domhnaich. IV Di-donaich ’sa Charghus
16 Di-luain
17 Di-màirt
18 Di-ciaduin
19 Dior-daoin
20 Di-haoine. A cheud la dhe’n earrach.
21 Di-sathairne. Blar Alexandria, 1801.
22 Di-Domhnaich. V Di-donaich ’sa Charghus.
23 Di-luain. (22) A cheud Chairteal de’n t-Solus, 7.43 mad.
24 Di-màirt
25 Dii-ciaduin
26 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh 5.55.
27 Di-haoine. A Ghrian a’ laidhe 6.17.
28 Di-sathairne
29 Di-donaich. Di-donaich nam Pailm.
30 Di-luain. (29) a Ghealach làn, 1.08, mad.
31 Di-màirt
Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 4. No. 35. p. 6]
DONULL NAN ORD.
Is ann bho Mhac-Iain-Stiùbhairt na h-Apunn a thàrmaich teaghlach Ionar-na-h- Aighle. B’e Alastair, mac do Ailein an treis Mac-Iain Stiùbhairt, an ceud fhear dhiubh. Phòs e Mhairghiread nighean do Dhonull nan Lochan am Mùideart. Cha robh aca ach aon urra chloinne—Dònull, agus thàinig esan a stigh an àite ’athar. A reir coltais is ann an Eilein-Stalcaire bha Alastair a’ tuineachadh. Moch madainn shamhruidh dh’ éirich e ’s chaidh e do Eilein-nan-Gall—eilein beag a tha làmh ri Eilein-Stalcaire. Thug e leis an tuagh-Abrach ’na làimh, ball-airm a bu tric a bh’ aig na Gàidheil ’s an àm ud. Rinn e sineadh air lianaig ghuirm ’s leig e thuagh air làr. Bha e fhéin agus Fear Dhun-Staibhinnis a mach air a chéile agus ’s dualach gu’m facas e ’san eilein: thàinig Cailein Uaine, bràthair Fhir Dhun-Staibhinnis, le daoine ’s bàta a ghabhail fàth air. Thàinig iad air gun fhios dha. An uair a thainig e am fradharc Alastair ghabh e air gur h-ann a thagairt càirdeis air a thàinig e; ach, an uair a thuig e nach robh e air fhaicill, thug e sùil air an tuaigh a bha làmh ris an fhear eile air an làr, agus mu ’n d’ fhuair e dol air a thapadh rug e oirre ’na làimh—bha fhios gu math aige mur biodh e ealamh, gu ’m biodh daor an ceannach aige air a thurus, agus thuirt e, “Is math an tuagh so, ’Alastair, ’nam biodh a leòir samhuich innte?” Thuig e gu robh mhath ciod a bh’ air aire Chailein Uaine, agus gun tuilleadh éisdeachd, rug e air an tuaigh; ach thàinig na daoine aig cailein agus chur iad as da. Cha robh Donull a mhac ach ’na mhaotharan air a’ chìch: bha e air bhanaltrumas aig Mòraig, bean Rob a’ Pheitidh, gobhainn Mhùideart. Cha d’ fhoghainn le Cailein Uaine bàs Alastair a bhi air a lamhan: chuir e roimhe cur as do’n phàiste—bha fhios aige nach biodh a’ chùis gun aichmheil. Ach cha deachaidh an gnothuch air mhìthapadh do mhuime Dhònuill; thrus i leatha e, agus thug i Mùideart oirre leis, gun umhail de dhuine no de bheothach. Dh’innis i do’n ghobhain mar a dh’ èirich, agus ’s e bh’ann gu’n d’aontaich iad an leanabh a thogail ’us àrach agus urra chloinne dhaibh fhein a dhianamh dh’e, gun innse do choimhearsnach no do dhuine eile, gus an tigeadh e gu inbheachd.
Is ann mar so a bha: chaidh Dònull a thogail us àrach an teaghlach Rob a’ Pheitidh. An uair a thainig e gu gnè spionnaidh, bu tric leis lamh-chuideachaidh a thoirt do ’n ghobhain ’s a’ chèardaich. Bha e làidir, gramail; agus ciod sa bith ris an cuirteadh e cha chuireadh e cualag air, cha chuireadh ’s gun fhios aige nach b’ ann leis a’ ghobhain a bha e. Latha de na làithean, an uair a bha e mu ochd bliadhn’ diag a’ dh-aois, thuìt da a bhi s’ a’ cheardaich. Dh’ iarr an gobhain air an t-ord mor a thogail a bhualadh a mach tinne mhoir iarann. B’ ord dà-laimhe e do neach sa bith, ’s cha b’ ion do ghlas-ghiullan dol ’n a dhàil air atharrachadh, ach rug Dònull air ’n a leth-laimh agus dh’ oibrich e leis ’s cha bu luaithid anail e; agus cha ’n e sin a mhàin ach rug e air fear eile ’s an làimh eile ’s dh’ oibrich e leo le buille mu seach, gus an do chuir e fhéin ’s a ghoistidh a mach an tinne. A ghoistidh còir. Rob a’ Pheitidh, cha do ghabh e dad air; ach an uair a chaidh e stigh ’s a fhuair e cothrom air Mòraig dh’ innis e dh’ i mu Dhònull. Is e bh’ ann, a mhic chridhe, gu’n do chuir a’ chàraid chòir, cheanalta, rompa gu ’n innseadh iad do Dhònull mar a bha ’chùis, co b’ é, agus co leis am bu leis e. A leth taobh chuireadh fios air Dhònull, agus dh innis iad an dìol déisneach a rinneadh air ’athair agus an caol-thiarnadh a bh’ aige fhein. Bhuin an sgial so gu guineach, goirt ris; rug a ghoistidh eadar a ghlacaibh air: “A dhalta chridhe,” os esan, “b’ eudar do d’ oilein ’s do d’ ionnsachadh a bhi gus a nis an ceilt; ach tha dòchus agam nach dian thu dìmeas air d’ fhuil, agus gum bi cuimhne agad air cruadal nan daoine bho ’n d’ thàinig thu.” An sin thug an gobhain da claidheamh, a rinn e a roghainn òrduigh, de smior an iaruinn agus na cruadhach air a shàr fhadhairt, ag guidhe gu’m biodh e ’n a ìmpidh air a thoirt sàbhailt as gach cruadal, agus a theasraiginn bho gach gàbhadh us cunnart. Ghlac Dònull an claidheamh le faoilte gu fearghleus; ’s cha do leig e le bharr-dheis laidhe fo mheirg ’s an truaill. Chuir e roimhe an aicheamhail a thoirt a mach; ach mu’n gabhadh e dad os làimh leig e chùis am mèinn a mhuime. Chomhairlich ise dha dol gu bràthair a mhàthar Dònull òg nan Lochan. Ghabh bràthair a mhàthar ris le mùirn ’s le fàilte, agus thairg e cuideachadh us còmhnadh dha na ’n dianadh daoine, moidhein, us airgiod e, gus a chuid fearainn a ghleidheadh air ais dha—chaill e e an uair a thuigeadh nach bu bheò esan—an t-oighre.
An uair a thill Dònull do’n Apuinn, agus a dh’ innseadh mar a dh’ éirich dha, thugadh a dh-aon fhacal ‘Dònull-nan-òrd’ air. Cha robh Nàdur lombais mu a gibhtean da; bha e giar-fhaclach fileanta, làidir, iasgaidh, clis. Rinn na feartan inntinn us cuirp so e ’n a roghadh ’s taghadh a’ chinn-fheadhna. Bu chulaidh-eagail do luchd-dòbheairt e; agus cha b’ fhada gus an d’ fhuair naimhdean a chinnidh ’s a chàirdean fios-faireachdainn air sin. B’e ’n ciad ghnìomh a rinn e cur as do Chailein Uaine. (Is fear do dhaoine Dhònuill-nan-òrd a chuir as do Chailein Uaine ’s e a’ snàmh thair Liobhunn. “Is glan an fhuil a thug thu do bhric Lìobhunn,” osa fear de dhaoine Chailein ’s e ’faicinn na saighde air chrathadh ’n a uchd. ‘Bu ghloine na sin,’ osa fear de dhaoine Dhònuill, “an fhuil a thug thusa do phartain Eilein-nan Gall. ”) Cha d’ fhoghain leis sin; cha do sguir e gus an do chuir e gu buil naoinear de thigh Dhunstaibhinnis.
Cha b’ fhada gus an d’ thàinig gnìomhran Dhònuill gu cluasan Mhic-Cailein, agus dh’ fhiach e ri ’chur fo chis, ach dh’ fhairtlich air: fhuair Dònull a mach gu ’n robh e ag caitheamh foille air, agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ thug e taobh Loch-Odha air ’s gu ’n do thog e creach bho ’n tuath sin. Tha ceithreamh òrain fhathast air chuimhne mu’n turus so:—
“Dònull-nan-òrd, dalt’ a’ ghobhain,
Ailleagan nan lùireach leobhar,
Thog creach bho thaobh Loch-Odha,
Nach dian Mac-Cailein a toghadh,
No ’mhac, no iar-ogh’, no ogha.”
Chuir dianadas Dhònuill corruich nach bu bheag air Mac-Cailein, agus chuir e roimhe a chuid daoine a thogail agus greim a dheanamh air leis an laimh làidir. Ach chaidh e rithist gu ’smaointean mu’n chuis agus chunnaic e aige fhein nach biodh e sàmhach dha—bha cinneadh a mhàthar, na Mùideartaich agus na Camronaich, ro lionar làidir, agus ’s e rinn e moidhein a chur air Mac-Iain-Stiùbhairt dh’ fhiach an d’ thugadh e air Donull sith a dhianamh agus a’ chreach a chur air a h-ais. Chuir esan agus cinn-fheadhna eile an cinn ri chéile, agus mhaoidh iad air mur dianadh e dìoladh-fiach agus sith, nach tairneadh iad claidheamh ’n a aobhar ach gu’n leigeadh iad eadar e fhein ’s Mac-Cailein. Cha robh deaghaidh aig
[Vol . 4. No. 35. p. 7]
Dònull air cur a mach air a chàirdean, agus smaoinich e gu’n d’ rinn e gu leòir a dhiol bàs ’athar, agus ’s e rinn e gun fhiamh gun eagal, gun duine ach e fhein ’s a ghille, dol gu Mac-Cailein a shocrachadh na cùise. Thachair Mac-Cailein orra goirid bho ’n chaisteal, agus ma ’s fhior is i so an fhàilte chuir Dònull air—
“A Mhic-Cailein ghrìomaich, ghlais,
Is beag an tlachd a th’ agad dhìom;
’S ’n uair a thilleas mi air m’ ais,
Ma is mò a th’ agam dhìot.”
Chaidh iad air surd còrdaidh; agus eadar fal-a- dhà ’s a rìreamh is coltach nach robh a’ ghlas-ghuib air Dònull; bu mhò us mòr le Mac-Cailein a lachanaich—fàgail a lean cian ri ’iarmad, agus dh’ iarr e air sealltainn air creig àraid a tha ’m braigh Aird’ -Chonghlais—creig a tha gu math coltach ri ceann duine ’s a bhial fosgailte. Dh’ fharraid e an sin d’e an robh fhios aige c’ ainm a bh’ oirre. Thuirt Dònull nach robh. “Is sid agad ma ta,” osa Mac-Cailein, “an Gàire Gnàda.” Thuig Dònull co air a bha e ’tighinn, agus an tionndadh na boise, thuirt e—
“Gàire Gnàda ’s ainm do ’n chreig,
Us fanaidh i mar a ghnàth;
Gheobh thu leithid agad fhein,
Ma sheallas tu ’n eudann do mhnà,”
Is iad na cùmhnanntan a chuir Mac-Cailein mu choinneamh creach a thogail á Mùideart agus té eile á Atholl: bha e ’n duil mar so gu ’n cuirteadh as da gun làmh a bhi aige fhein ’n a bheatha. Dh’ aontaich Dònull ri so, agus thug e Mùideart air. Dh’ innis e do bhràthair a mhàthar an t-slighe air an robh e agus chuir e a chomhairle ris. Thuirt bràthair a mhàthar ris gu’n robh daoine ’s a choimhearsnachd a bu bheag air, agus na ’n togradh e gu’m faodadh e an creach a thogail; agus an uair a thigeadh a’ chùis gu chluasan-sa gu’n cuireadh e an tòir air, air sgath sgoinne, ach nach biodh an ro-chabhag air. Is ann mar so a bha. Chaidh e an sin do Atholl ’s rinn e an cleas ciadna. Thill e rithist gu MacCailein ’s rinn iad an réit.
Bha Dònull a’ tilleadh dhachaidh á Siorrachd Shriobhla far an robh e air cheann cobhartaich air choirigin, agus thaghail e an tigh ’san robh bainis gu bhi an oidhche sin. Cha d’ rinneadh biadhtachd a b’ fhiach riutha; agus ’s e bh’ ann gu ’n deachaidh iad an dàil biadh na bainse a’ chuid nach d’ ich iad mhìll iad, agus thug iad ris a’ bhruthach. Shin iad air Dòuull ’s cha b’ fhada gus an robh iad suas ris. Ghlaodh fear de na daoine riutha a’ fanaid orra air son na dh’ òl iad de ’n andbhruich.
“Stiubhartaich bhuidhe nan tapan,
A bheireadh glag air a’ chàl.”
Thug fear de dhaoine Dhònuill tionndadh air fhein, ’s tàirnear e an t-saighead ’s e freagairt—
“Ma tha ’n tapan againn mar dhùthchas,
Is dù dhuinn gu’n tarruinn sinn taifeid.”
Chuir e an t-saighead romh a chridhe, agus ’s e bh’ ann gu’n deachaidh iad uile an dàil a chéile, ’s thuit mòran diubh air gach taobh.
Bha Dònull pòsta dà uair. Ris a’ bhiad mhnaoi, nighean do Iain Stiubhart am Bun-Raineach bhe ceathrar mhac aige—Alastair a dh’ eug gun phòsadh, Dunnchaidh a thàinig a stigh ’n a àite fhein, Ailein bho ’n d’ thàinig Tigh Bhaile- ’Chaolais, agus Iain ris an abairteadh Iain Dubh Mac Dhònuill, aig an fhear so bha Leitir-Shiùna.
—DONULL ’sa Ghaidheal.
Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 35. p. 8]
AN TUIL.
LEIS AN URR. D. MAC GILLEAIN.
Tha ghrian anns na h-ardaibh ag éiridh gun ghruaim,
’S an saoghal bu shàmhach a’ dùsgadh á ’shuain;
Tha ceòlraidh na coille a’ gleusa’ ’n cruit-chiùil,
’Cur fàilt’ air a’ mhadainn le aighear ’s le sunnd.
Tha maise a’ chéitein air réidhlean nam beann,
Air coille nam badan, ’s air lagan nan gleann;
Sgaoil samhradh na maise a bhrat air gach taobh.
’S air aghaidh a chruinne tha gean agus aoidh.
Tha choille a’ lùbadh fo dhrùchd a’ mhìos Mhàigh,
Barr-guc air gach fiùran, ’s gur cùbhraidh am fàil’;
’S am barra nan ògan tha còisridh nam fonn,
Le ’n ribheidean ceòlmhor ’s le ’n òrain nach trom.
Tha canach air mòintich, tha neòinean air blàr,
Tha fiùrain is ògain gu nòsar a’ fàs;
Tha fochann air còmhnard ’tha lòdail gun dith,
Le ’phailteas ’cur sòlais is dòchais ’s a’ chrìdh’.
Tha ’n ceannaich’ r’ a cheannachd, tha ’n treabhaich’ ri stà,
Tha ùpraid is iomairt gun tilleadh ’s gach àit;
Tha ’m buachaill’ gu h-aotrom ri aodann nan càrn,
Ag iomain nnn caorach, ’chruidh-laoigh, is an àil.
A mach feadh nam bruachag is cluaintean an fheòir,
A’ mireadh ’s a’ ruagadh, gun ghruaman na ’n còir,
Tha ’n comunn is beadraich’, clann bheaga mo ghaoil,
Gun chùram ’s gun eagal, ri cleasachd neo-chlaoin.
Cia nise am bagradh a ’chuireadh oirnn sgàth,
’Thuirt gun robh ’m Britheamh gu ’r milleadh gun bhàigh—
E sgeadaicht’ le corruich ’s le torran nan spéur,
’Chur an t-saoghail am mugha, a chruthaich e fhèin?
Faoin-sgeul gun fhirinn, gu cinnteach, a bh’ ann,
A’ chuireadh an ìre an dìle bhith teann!
Tha gach nì mar bu ghnàth air gach làimh agus àird,
Bho ’n chaidil ar sinsnear, tha gach nì mar a bha.
’S e Noah bha baoghalta ’shaothraich cho dian,
A’ sgaoileadh an fhaoin-sgeoil nach fhaod a bhith fìor;
A sgap a chuid stòrais, gun sòradh, gun stà,
Air obair na gòraich—bu neònach sud dha.
Cha chualas mac-samhuil na naigheachd ud riamh;
’S ciod thuige a ghabhamaid gealtachd no fiamh?
An t-slige ’s a’ chuach, mu ’n cuairt iad fo stràc,
Gum b’ fhada sud uainne, gach smuairean is pràmh!
Ach ciod so a’ ghruamaich a chuartaich a’ ghrian?
Is ciod so a’ chuairt-ghaoth tha sguabadh nan nial?
“ ’S e torman a’ chaochain o’n aonach a th’ ann—
’S e anail na gaoithe o chaoin-shlios nam beann.”
Tha clanna an aighir an talla a’ cheòil,
Gun chùram, gun eagal, ri beadradh mu ’n bhòrd;
Tha ’chuirm air a sgaoileadh, is aoibh air gach gnùis,
’S chaidh cùram an t-saoghail a thaobh is air chùl.
Tha ’phìob is an fhidheal gu fileant’ ri ceòl,
Tha ’n t-organ ’s a’ chlàrsach gu làbhar ’n an còir;
Tha ’n t-òran ’s an dàn ann, tha àbhachd is mùirn,
Tha ’n cupa fo stràc ann, feala-dhà agus sunnd.
(Ri leantuinn.)
B’ e sin an reul ’san oidhche dhoilleir.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
NIALL DOMHNULLACH
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
title | Issue 35 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 35. %p |
parent text | Volume 4 |