[281]

[Vol . 4. No. 36. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 14, 1896. No. 36.


Litir a Amaguadus.

A MHIC-TALLA RUNAICH:— ’S mor an t-urram bu chòir do na Gàidheil a thoirt dhuit airson an oidhearp dhichiollach a thug thu le bhi clo-bhualadh do phaipear gasda ann an cànain cliùiteach ar sinnsir. Faodar a radh gu robh na Gàidheil anns gach cearna dhen t-saoghal an deigh a leigeil á cleachdadhs air diochuimhngu mor le cions nach robhasga teagasg noga sgriobhadh. Ach a nise tha fuaim àluinn do ghuth binn-sa a seinn bho dhorus gu dorusg an dùsgadh suas gu barrachd spéis a thoirt dhi, ’sa cur an co bhonn ri cànainean eile an t-saoghail. Agus ma bhios iad dileas, chan eil teagamh nach bi aGhàilig aon uair eile cho ùrail, beothail, ’sa bha i riamh; agusna linns na latha thug bàrr oirre? Tha mi an dòchas gu bheil thu faighinn cuireadh fialaidh, fada, farsuinn, bho gach cagailte aig am bheil Gàidheil acòmhnuidh, agus gun teid iad an guaillibh a chéile a nochdadh an duinealais agus an diltseachd do chainnt am màthar agus an dùthcha. Tha fhios agam gu bheil feadhainn ann nach eilg ad chuideachadh, agus agabhail mar leisgeul nach urrainn daibh Gàilig e leughadh. Tha so na aideachadh leibideach do neach sam bith a leughas Beurla, a chionn neach a leughas Beurla agus a labhras aGhàilig, tha e comasach air a Ghàilig a leughadh le gle bheag saoithreach, agus mur toir en oidhearp, tha e deanamh dimeas air a chainnt nàdurra a chleachd e air glùn a mhàthar. Tha feadhainn eile ann, ma dhionnsaicheas iad leth-dusan facal de dhablachas Beurla, nach leig a mhoit no a mheud-mhor leotha an cainnt féin a labhairt. ’S ann a tha iadga ruith sios agus a toirt tàire dhi; tha iad air son a bhi gallda, ach mar is trice than da chuid aGhàiligsa Bheurla air chall orra. Chaill iad an cainnt féins cha dfhuair iad cainnt eile. Ma tha gin dhen t-seòrsa sin a tachairt riut, dùin an dorus orras cum a muigh iad. Tha mi toilichte gu bheil agam ri innse dhuibh gun do chuireadh Clas Gàilig air chois anns an àite so a chionn còrr us da mhios, agus gu bheil achuid as de na gillean òga adeanamh an dichill air leughadh agus sgriobhadh Gàilig ionnsachadh. Tha mi curgur n-ionnsaidh airgead agus ainmean cuid de na gillean sin aig am bheil moran tlachd ann a bhi leughadh a MHAC-TALLA, agus a tha air son fhaotainn dhaibh féin. Bidh mi nise co-dhùnadh le mile beannachd us deagh dhurachd do MHAC-TALLA, agus da chàirdean uile. Is mi, an latha chis nach fhaic, ur caraid dileas,

A. S.


Da Am Sonraichte.

Ann am baile beag an Alba uair bha coinneamh stuaime aca. Am feadhsa bha i dol air adhart dhéirich seann duinena sheasamh nach robh gle ainmeil air son a chuid stuaine, agus labhair e riuthasan a bha cruinn. An deigh dha bhi air a chasan dha no tri mhionaidean, thuirt e mar a leanas, “Mo chàirdean, tha direach da àm sònraichte ann anns an òl mise uisge-beatha.” Chuir so mòran de na h-eòlaich gu gàireachdaichs gu spòrs, ach cha do chuir sin athadh sam bith air-san. “ ’S e aon de na h-amannan sinars esan, “nuair a bhios maragan agam air mo dhinneir; agussen t-àm eilenuair nach bi maragan agam.” Ma thuirt en còrr, cha chualas e: rinn an sluagh a leithid a chaithreams gum bfheudar dha suidhe.


Tha luchd-cogaidh ag radh, nan tigeadh aimhreit eadar Breatuinn agus na Stàitean, gum burrainn do Chanada armailt anns am biodh ceud mile duine a thogail. Le armailt cho mor sin, agus Montreal, Toronto, agus St. John air an daighneachadh, cha bu chùram dhi mu choinneamh armailt sam bith a chuireadh na Stàiteanna h-aghaidh.

Tha còrr us leth-chud mile do chloinn ann am baile New York nach eil adol dhan sgoil latha dhen bliadhna. Chan ann a chionns nach eil toil aca dhol ann, ach a chionn nach eil taighean sgoile gu leòr anns abhaile a tha iad mar sin. Tha luchd-riaghlaidh abhaile ag radh nach urrainn dhaibh-san a chùis a leasachadh do bhrigh nach eil an t-airgead aca. Chan eil sin ach bochd do bhaile a tha cho mor agus cho beairteach ri New York.

Chan eil daoine cinnteach fhathast co dhiu tha no nach eil an sgeul fior gun dthàinig Dr. Nansen ceann a tuath an t-saoghail. Tha cuid ann a tha dhen bharail gu bheil e fior, agus cuid eile nach eil. Cha dfhuaireadh sgeul air Nansen fhéin fhathast, agus chan urrainnear a bhi cinnteach gu chaidh aig air a dheanamh.

Chaochail an t-Urramach Seumas Reid, ministeir na h-Eaglais Shaoire ann am Port-righ, air an darra latha deug dhen mhios sa chaidh. Shaothraich e mar mhinistear anns an Eilean Sgiathanach dlùth air leth-cheud bliadhna. Rugadh e ann an Siorramachd Pheart.

Tha còrr us tri fichead milesa deich de dhiasgairean a saoithreachadh gach bliadhna air cuaintean, aimhnichean, agus lochan Chanada. Is fhiach na tha de shoithichean, de bhàtaichean, de lin, ’s de gach ni eile a thas an obair, naodh muillein dolair.

Tha an ti a tadeanamh maith do dhuine eile, adeanamh mar an ceudna maith dha féin, chan e mhàinsan àm a ta ri teachd, achs an àm a ta lathair. Is mòr an duais deagh choguis a bhitoirt fianuis air deagh dheanadas.


Is ann air a shon fhéin a nin cat an crònan.

Is ann a bhios a chòir mar chumar i.



[282]

[Vol . 4. No. 36. p. 2]

ALASDAIR MAC CHOLLA.

Bainmeil an duine so an Gaeltachd Alba lag an robh an saoghal; agus tha sinn a deanamh dheth nach miste ler luchd-duthcha caileiginn a chluinntinn uime. Bhan duinainmeil so de chloinn-Domhnuill Antrim an Eirinn. Bu mhac e do Cholla Ciotach, a ghlacadh ann an Dun-naomhaig an Ile, agus a chuireadh gu bàs an Dunstaidhinis. ’Nuair a rugadh Alasdair, tha beul-aithris, (as nach ion mor earbsa chur,) ag innse mu nithibh iongantach a thachair mu thaighathar, air chors gun do chomhairlich cuid de na càirdean cuir as da, gun tuille dàlach. “Cha dean sibh sin,” a deir a mhuime, aig an robh fiosachd a reir barail nan amanna sin; “bithidh e fhathastna ghaisgeach foghainteach, agus eiridh buaidh leis, gus an sath ebhratach an Gocam-go.” Dhfhàs e suas gu bhina dhuineireachdail, agusna fhear-claidheamh co maithsa bhan Eirinn. Anns abhliadhna 1644 bha buidheann den fheachd rin cur a dh-Eirinn chum còmhnadh le Montròs, as leth an darra Tearlach. ’Nuair a chruinnich Maithean na tìre a shònrachadh co a rachadh air ceann an airm, bha da fhlath uasal Eirionnach aig an robh fiughair ris an urram sin, a thaobh meud an càirdean aig a choinneimh. “Bu choir,” a deir Ceann-mhath na cuideachd, “an t-urram a thoirt don ghairdean is treise an Eirinn, nam biodh fhios co e.” “So e,” deir Alasdair, ’s e tarruing a chlaidheamh, “a dhaindeoin co theireadh e.” “Cait am bheil an t-ath-ghàirdean,” a deir an Ceann-suidhe? “So e,” a deir Alasdair, ’s e tilgeadh a chlaidheamhna laimh chlì. Cha do chuir duine na aghaidh, agus Fhuair Alasdair a bhina Cheann-feadhna air achuideachd. Thàinig Alasdair le cuig ceud deug fear, air tìr air taobh na h-àird an Iarr de dhEarra-Ghàidheal. Tha iomad sgeul beag air aithris man duine so, nach fiach a bhi air innseadh, ach is iomad gniomh euchdach a dhfheudtaithris air, mar tha e againn sios ann an eachdraidh. An deigh dha Caisteal Mhingairidh an Ardnamurchann a ghlacadh, ghabh e suas do Ghleanngaraidh, far an do choinnich na daoine sin agus muinntir Bhàideanach e a bha air an aon taobh ris fein; ghabh iad air an aghaidh gus an dràinig iad Dun-chailleann, far an do choinnich iad Iarla Montròs, a thug do dhAlasdair an t-àite bu tinne air féins an fheachd; agus cha bfhada gus an do dhearbh e gum bairidh air an urram sin e. Bha fuath anabarrach aig Alasdair Mac Cholla, agus aig Clann Domhnuill air teaghlach Earra-Ghàidheal, chan e mhàin a chionn gun robh iad an aghaidh an Righ, ach gun do bhuin iad moran dam fearann o na Domhnullaich, agus chum aicheamhail a thoirt a mach air a shon, dhaom e Montros gus an geamhradh 1645 a chaitheamh ann an duthaich Mhic-Cailein. Dhfhairtlich orra an Caisteal a ghlacadh, ach loisg iad bailInbhear-aora, agus chreach iad an duthaich air fad man cuairt. ’S gann a dhfhàgadh tigh air bonn, ionnas gu bheil ena ghnàth-fhocalsan tir sin gus an la an diugh. “Alasdair Mac Cholla fear tholladhnan taighean,” agus bha na h-uiread eagail roimhe, ’s gu bheil ainm fhathast air a chleachdadh mar bhòchdan gu clann a chumail sàmhach.

Dhearbh Alasdair e féinna dhuine ann an iomad cumasg beag, achse latha Inbhear-lochaidh a tharruing gu mor mheas e. ’Nuair a thàinig e le Montros roin bhlar sin air toir nan Caimbeulach, ’se Iain Lom am bàrd a bfhear-iùil doibh. Air dhoibh tighinn an sealladh nan Caimbeulach, thuirt Alasdair ris aBhard, “Theid thu sios leam a màireach gu cath a thoirt do na Guimhnich.” Be Iain Lom an gealtaire bu mho a bhair an t-saoghal; ach cha robh chridhaige a dhiùltadh. “Ma theid mise sios, agus gun tuit mi, co a dhinnseas sgeul air do ghaisge? ach theirig thusa sios, agus dean mar is gnàth leat, agus seinnidh mise do chliù.” “Ni mi sinarsa Alasdair. Tha fios mar choisinn Montros an la sin, agus mar chaidh an ruaig air na Caimbeulaich. Bha Alasdair Mac Cholla maille ri Montros ann an iomad cath cruaidh, an deigh sin, gu h-àraidh aig Allt-Eirinn, agus Kilswith: agus tha daoine fiosrach ag radh nach robh buaidh le Montros an deigh dha dealachadh ris.

Rinneadh Alasdair sona Ridire air son a rioghalachd do Righ Tearlach. An deigh dha dealachadh ri Montros, leis abheagan Eirionnaich a bha làthair, rinn e air son Chinntire, far an robh fhathast beagan fearainn agus cumhachd aig Cloinn-Domhnuill; agus as am bu reidh dha dol thairis do dhEirinn. A thuilleadh air na h-Eirionnaich a bha leis, bha Mac-Dhùghaill Latharnasa chuid dhaoine, agus muinntir eile a bha fhathast dileas don Righ, a chaidh sios leis a chum comhnadh a dheanamh le Clann-Domhnuill an aghaidh Sliochd Dhiarmaid, a bha miannachadh a chuid fa dheireadh dan oighreachd a bhuntainn uatha.

Tha e air aithris mu Alasdair Mac Cholla, mar bha e air a thurus sios do Cheann-tire gun déirich dha air la araidh, stad e feinsa dhaoine, chum am biadh maidne a ghabhail; am feadhsa bha iadga dheasachadh, shuidh e acur a sgios, air cnocan boidheach uaine, dlùth do mhuillean, air an do shath ebhratach. “Is boidheach an cnocan so,” a deir e, “Cainm a thair?” “Thaars am Muilleir, “Gocam-go,” Gu grad dhéirich Alasdair, “Fàgamaid, Illean an t-àite so,” oir chuimhnich e air faisneachd a mhuime. Ghabh iad air an adhart, agus mar bha iad adol seachad air Caisteal a bha san am sin san Lochan-leathann an sgireachd Ghlasraidh, loisgeadh air, agus thuit am fear a bha ra thaobh. “Is moch,” a deir Alasdair, a loisg achuthag ort,” oir be la Bealltuinn a bhann. “Ceum ris abhruthach, illean,” a deir e, gun tuille suil a thoirt air an fhear a thuit.

Air acheart àm so bhan Triath Earraghaidhealach le arm làidir fon Cheann-fheachd urramach sin Leslie, a fhuair buaidh air Montros aig aig Philip-haugh, agabhail sios do Cheann-tìre, chum am buille deireannach a thoirt do chumhachd Chloinn-Dòmhnuill a bha air taobh an Righ. Bfhurasda do Alasdair am feachd so a ghearradh as ann an Garbhlach Sliabh-gaoil, far an do theab e fairtleachair Leslie a mharc-shluagh a thoirt air an aghaidh: ach on la a shath e a bhratach ann an Gacam-go, cha robh soirbheachadh leis. Air a thurus mu dheas chuir e féinsa dhaoine seachad oidhche ann an garadh Tighearna nan Learg. Bha trupairean Leslie air a thòir, ach bha sgath orra roimhe o nach dthainig an t-arm coise air an aghaidh. Dhfhan iad uime sin air an ais gun dùil gum biodh an t-arm aca air an ath-mhaduinn. Dhfhadaidh Alasdair teinntean mòra timchioll aGhàraidh, mar gum bann chum a dhaoine a bhlathachadh, agus an deigh dha fear fhàgail a chumail an teine suas, agus Piobaire dan aithne seinn fad na h-oidhche, thog e air le dhaoinibh,



[283]

[Vol . 4. No. 36. p. 3]

agus bha e dluth do Chaisteal Dhunabhartaidh man iondrain càch air falbh e. Mo thruaighe! am Piobaire bochd, chuireadh áchomas an cleas ceudna dheanamh, oir thug iad gu neo-iochdmhor dheth na meòir.

Dhfhàg Alasdair tri cheud fear ann an Dunabhartaidh, agus thug e Ile air, agus an deigh dha da cheud eile da chuid daoine fhagail aigathair, Colla Ciotach, ghabh en t-aiseag do dhEirinn, far an do mharbhadh e beagann a dheigh sin, ann an cath a chuir e leosan a dhéirich an aghaidh Iarla Charlingford.

Mar so chaochail an Curaidh treun so. Cha robh duine a thug barr air fo stiuradh fir eile, ach cha do choisinn e cliù leis fein. Bha e iomraideach an dan, agus rinneadh iomad oran molaidh dha an da chuid an Eirinns an Albainn.

Alasdair a laoigh mo chéille,
chunnaic no dhfhàg thun Eirinn;
Dhfhàg thu na mìltean, ’s na ceudan;
S cha dfhàg thu t-aon leithid fhein ann.
Calpa cruinn an t-siubhail eatruim,
Cas chruinneachadh an t-sluaigh ri chéile;
Cha deanar cogadh as t-eugais,
S cha deanar sith gun do reite;
S gar am bi na Guimhnich reidh riut,
Gun robh an Righ mar tha mi fein duit,
&c . &c .

An Teachdaire Gaidhealach.


Ceol na Pioba.

Is ann mar a leanas a tha Gall àraidh a bha air thurus anns aGhàidhealtachd acur an ceil mar dhrùigh ceòl na Pioba air anam nnair a chuala e i am measg nam beann. “Bha sinn acoiseachadh troimh bhealach, fhàsach, bhorb, agus na beanntainn mòra ag éiridh gu cas air gach taobh, agus bha na bruthachan gorma a ruigsinn cho fada agus a burrainn duinn faicinn. Nuair a bha sinn ag amharc air an t-sealladh bhriagh, àillidh, iongantach so, chuala sinn ceòl milis na Pioba mòire o astar fad air falbh, agus thug aghaoth am fuaim ceòlmhor, binn dar n-ionnsuidh. Cha chuala mi roimhe sin, ceòl cho binn, nèamhaidh, agus re tamull beag bha minntinn air a giulan o nithe faicsinneach. Sheall sinn gus an aird on dthàinig e, agus chunnaic sinn duine sgeadaichte anns an éideadh Ghaidhealach a siubhal gu pròiseil air frith-rathad a bhafiaradh a nuas fada fodhainn. Chaidh e as an t-sealladh an tràsd agus a rithist air cùl nan cnoc, ach bha an ceòl aleantuinn fad na h-uine. Chan fhaca mi riamh a leithid de shealladh. Rinn mi tarcuis air aPhiob mhòir roimhe sin, ach bha mi lan chinnteach a nìs gur ann a bha sin a chionns nach do chuala mi riamh i am measg nam beann, no air a làimhseachadh gu ceart. Cha di-chuimhnich mi an latha sin gu bràth; tha e air a dheargadh air minntinn. Is abhuist domh a nis a bhi anabarrach toilichte nuair a chluinneas mi fuaim ceòlmhor na Pioba mòire.”

T.


Ann an Eaglais ann an cearna den t-seann dùthaich, bha duine air latha Sàbaid àraidh ag éisdeachd ri searmon nach robh a deanamh moran drùghaidh air, agus thuit ena chadal. An teis-meadhon na seirbheis, dhùisg e le clisgeadh, chuir e làmh air a cheann, agus fhuair e nach robh còmhdach sam bith air. Asmoineachadh gur ann aig an tighs na leabaidh a bha e dhéibh e mach àrd a chlaiginn, “Càitebheil mo churrachd-oidhche?”


Leabhar Naduir.

Than sean-fhocal ag radh gur em fear as fhaide saoghal as a chi. Is e is mo a chi de làitheans de bhliadhnaichean, gun teagamh sam bith; ach chan eil fhios agam an e as a chi dhe na nithibh a dhfhaodas a bhith mun cuairt da. Chan e h-uile fear don aithne nithean fhaicinn gu ceart. Tha mòran dhaoine air an talamh do nach aithne amharc gu ceart air obair achruthachaidh. Tha leabhar mòr nàduir gach latha sgaoilte fan comhair, ach chan eil iad a gabhail beachd air. Tha iomadh leabhar ann a tha daor richeannach agus duilich rileughadh; agus ged nach biodh a bheag a dheòlas aig duine air na leabhraichean so tha a lethsgeul, ann an tomhas mòr, ri ghabhail. ’S iad na daoine beairteach, fòghluimte, a mhàin a tha comasach air na leabhraichean daora, duilich so a cheannach agus a leughadh. Ach faodaidh a h-uile duine anns am bheil riaghailt de thùr nàduir, mòran fhòghlum o leabhar mòr nàduir. Tha tri duilleagan anns an leabhar sona speuran, an fhairge, agus an talamh. Air na duilleagaibh so tha moran sgriobhtemòran a théid againn air a thuigsinn, agus mòran nach urrainn sinn a thuigsinn ged a bhiodh gach aon dhinn ceudan bliadhna beò. Faodaidh sinn buannachd fhaotainn on chuid nach tuig sinn dheth mar a gheibh sinn on chuid a thuigeas sinn. Tha so iongantach, ach tha e fior gu leòr. Nach mòr a bhuannachd a dhfhaodas sinn fhaighinn air oidhche bhriagha, chiùin gheamhraidh an uair a bhios na rionnagan adealradh os ar cionn, le bhith gabhail beachd orra? Chan urrainn dhuinn a bheag a thuigsinn mun timchioll ach gur pàirt iad a dhobair iongantaich Dhé. Tha sinn air ar lìonadh le ioghnadh aig cho lionmhor, ’s cho maiseachsa tha iad anns na speuraibh. Their sinn ruinn fhein gur anabarrach mòr an cumhachd a thaig an Ti a chruthaich iad, ’s a thag an cumail an cuairt o bhith bualadhna chéiles iad uile an crochadh air neo-ni as ar cionn, agus air gach taobh dhinn.


Tha Iompaire Iapan na cheann air sluagh a rioghachd ann an da sheadh,— ’se an righ ann an gnothuichean aimsireil, agus an àrd-shagart a thaobh nithean spioradal. Tha a theaghlach anns an dreuchd dhùbailte sin o chionn da mhiles coig ceud bliadhna. Is esan a thann an diugh an t-siathamh fichead glùnsa dha dhen teaghlach. Acheud fhear de shinnsirean a fhuair don chathair rioghail, bha e beò ri linn Nebuchadnésar, 660 bliadhna mun do rugadh Criosd. Chan eil urra rioghail eile air an t-saoghal is urrainn e-fhéin a shloinneadh cho fada sin air ais.

DUINE TREUN. —Ann an Ogust, ’sa bhliadhna 1786 chaidh fear Ruairidh Mac Fhionghain, aois cheithir fichead bliadhnasa seachd deug, a bhàthadh eadar an t-Eilean Sgiathanach agus Uidhist. Da fhichead bliadhna roimhe sin, theabas a bhàthadhsa cheart àites ena fhear-iùil air abhàta bha giùlan Phrionnsa Tearlaich. ’N uair a chaidh a thearnadh, bha chàirdean ro thoilichte, achs ann a thuirt esan. “Gu des fhiach mo bheatha-sa? Bu choma leam ged bhithinn fhin us deich mile eile bharrachd orm marbh nam biodh mo Phrionnsa air a chòir fhaighinn.”

Tha briathran coltach ri saighdeancha bu chòir an ti lgeil air thuaiream.



[284]

[Vol . 4. No. 36. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, AM MART 14, 1896.

Tha e doirbh a dheanamh a mach ciamar a tha cùisean adol air adhart ann an Cuba. An darna h-uair thig sgeul gu bheil na Spàinnich asguabadh nan ceannairceach rompa, agus gum bi iad fo chìs aca an ùine ghearr. An uair eile thig sgeul ag innse gu bheil na ceannaircich afaotainn buaidh, gu bheil na Spàinnich a call an dòchais, agus nach bi fada gus an fheudar dhaibh an t-eilean a threigsinn. ’Ses dòcha nach eil an tull-fhìrinn air innse uair seach uair, ach tha e cinnteach gu bheil cogadh cruaidh, fuilteach, adol air adhart, agus gu bheil gach taobh suidhichte air buaidh a thoirt a mach, ma ghabhas e deanamh.

Tha Inbhirnis, ceanna-bhaile na Gàidhealtachd, an deigh drochaid ùr a chur thairis air an Amhuinn Nis; bha i air afosgladh air Di-màirt, an t-siathamh latha fichead den mhios sa chaidh. Tha i air a deanamh air cruaidh, agus chosg i faisg air seachd mile pùnnd. ’S e drochaid fhiodha, a thogadhsa bhliadhna 1808, a bhaca na h-àite roimhe so, agus o chionn àireamh bhliadhnaichean bha i air fàs dona agus air a meas glé chunnartach. ’Sen t-ainm a thngadh air an drochaid ùir, Drochaid Waterloo.

Chaidh tigh mor a losgadh ann an Westville, Mas., Di-ciaduin a bfhiach ceud mile dolair. Bhuineadh e do na Saor Chlachairean. Chan eil fhios ciamar a thòisich an teine.

Bha Dr. Jamieson agus a chuid oifigeach air an toirt gu cùirt ann an Lunnainn Di-màirt. Bha sluagh mòr cruinn, agus nam measg bha mòran de luchd-pàrlamaid agus de dhuaislaan na rioghachd. Tha e air fhàgail air Jamieson gun dthug e fhéins na oifigich eile na daoine a bha còmhla riutha leotha le car, ag radh riutha gur ann an aghaidh fear de chinn-fheadhna nàisinnich na dùthcha a bha iad adol. Thug fear da na trùpairean fianuis a dearbhadh sin. Tha an càs ri bhi air a leantuinn air an ath sheachdain.


Ged nach eil MAC-TALLA ach beag, tha e ri feum mòr ann a bhig ionnsachadh don òigridh aig a bheil Gàilig achainnt sin a leughadh. Cha mhòr gu bheil seachdain adol seachad gun sinn a chluinntinn bho chuid-eigin a dhionnsaich a Ghàilig a leughadh air a thàilleabh. Fhuair sinn an litir a leanas oidhche Dior-daoin.—

FHIR-DEASACHAIDH: —Anns an litir so gheobh sibh dolair air son a phaipeir a tha mi faighinn gu riaghailteach gach seachdain. ’Nuair a thoisich mi air fhaighinn an toiseach, cha rachadh ag am ach air glé bheag dhe a leughadh, ach an diughs gan gu bheil facal ann a dhfhairtlicheas orm. ’S mi nr caraid,”

D. M.


Bha caraid ag radh ruinn o chionn ghoirid gum baithne dha fhéin moran de ghilleans de nigheanan òga nach do smaoinich riamh air ionsuidh a thoirt air Gàilig a leughadh gus an dthàinig am MAC-TALLA mach, a than diugh comasach air a leughadh gu fileanta. Agus chan eil teagamh againn nach eil acheart ni fior uime anns gach àitm bheil e dol air feadh an t-saoghail. Nach mòr agus nach math an obair a tha e deanamh, agus nach bu chòir do gach Gàidheal aig a bheil meas air a chànain dhùthchasach uile dhìchioll a dheanamh air a chumail suas.


Sean Fhacail.

Chan eil eadar an duine glics an t-amadan, ach gun ceil an duine glic a rùn agus gun innis an t-amadan e.

Chan eil eadar an t-amadans an duine glic, ach tairgse mhath a ghabhailn uair a gheobh e i.

Chan eil eadar duines tuilleadh fhaighinn, ach na thaige chaitheamh.

Chan eil easlainte gun iocshlanite, ach chan eil tilleadh air an aog.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC:
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[285]

[Vol . 4. No. 36. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha réis each air an acarsaid Dior-daoin. Cha robh a ruith ach da each, Zulu Chiefagus George. Ruith iad tri uairean agus choisinn George, each Challaghan, a h-uile uair. Bha geall ceud dolair eatorra.

Bho thoiseach a mhios so gu toiseach September, chan faodar maighich a mharbhadh. Duine sam bith a mharbhas ginsan ùine sin, no aig am faighear gin dhiubh, faodar càin chòig dolair a chur air.

Chaidh ròn a thomhais còrr us da cheud pùnnd a mharbhadh an la roimhe air an rathad mhor ann an Siudaig. Chaidh fear eile a mharbhadh air an Eilean Mhor, aig Mill Pond, agus e mu leth-mhile bhon uisge.

Tha muinntir a Bheighe- ’n-Ear ag iarraidh rathad-iaruinn a bhi air a churg an ionnsuidh. Chan eil am Beighe ach mu dha mhile dheug á Sidni, agus cha chosgadh an rathad fior mhoran, ’nan cuireadh an riaghladh roimhe a chur ann.

Bha coinneamh ann an Glace Bay oidhche Di-luain air son cuideachadh a dheanamh leis na h-Armenianaich. Chaidh leth-cheud dolair a chur cruinn air son a churg an ionnsuidh. Thatar a deanamh cruinneachadh airgeid air son an aobhair cheudna ann an Sidni.

Bha fear Seumas Seabury, ann an siorrachd Shelburne, a coiseachd dhachaidh á coinneamh-ùrnaigh oidhche o chionn ghoirid agus ann an tiotadh dhfhàs e dall. Threòraich iadsan a bha còmhla ris dhachaidh e, agus uaithe sin than oidhchesan latha man aon rud dha.

Bha coinneamh Cléire ann an Sidni-a- Tuath Di-màirt, agus àireamh mhath de na ministearan cruinn. Thatar a bruidhinn air sgireachdan a Bhras dOir Bhig agus LeitchesCreek aonadh, agus aon cho-thional a dheanamh dhiubh. Tha a chuis ri bhi air beulaobh na Cléires an fhoghar. Than t-Urr. Dr. Murray a dol a dhfhàgail co-thional Sidni-a- Tuath deireadh an earraich.

Chaidh triùir bhoirionnach a mhurt ann an San Francisco o chionn mios, agus chan eil fhios aige bha làmhnam beatha. Fhuaireadh an mu dheireadh dhiubh marbhsan leabaidhsa mhaduinn Di-màirt sa chaidhs i air a tachdadh le néapaicin-pòca bhì air a chur siosna h-amhaich. Cha deachaidh beantain do ni sam bith a bhasan rùm. Chan eil dòigh aig na maoir air an duine chiontach a lorgachadh a mach. Tha e car coltach ri obairJack the Ripper. ”

Ann am Brockville, an Ontario, bha fear La Ponte air an daoraich oidhche Di-luain sa chaidh, agus fhuair e gunnas thòisich e ri losgadh air gach duine chitheadh e air an t-sràid. Chaidh aon duine a mharbhadh, agus sianar no seachdnar a leònadh, dithis dhiubh cho donas nach bi iad beò. Bha an duine as a cheann agus bha elosgadh cho luathsa burrainn da. Mu dheireadh loisgeadh air fhéin, chaidh an urchair an sàs ann, agus an sin fhuaireadh a thoirt air falbh dhan phriosan.

FORTAIN. —Tha fear Felix Elsliner, ann an Dalhousie, N. B., an deigh fios fhaotainn á Astralia gun do chaochail a bhràthair Deòrsa an sin, agus gun dfhag e dileab da fhichead us tri mile dolair aige. Tha teaghlach ann a Yarmouth aig a bheil sùil ris a chuid as mo de dhoighreachd a tha anns an Ollaint, agus is fhiach da mhuillein dheug dolair.

Dhfhàs an t-side car fuar air an t-seachdain so, a leigeil fhaicinn dhuinn nach eil an geamhradh seachad fhathast. Thuit dòrlach math sneachda oidhche Di-ciaduin, agus deàrrsach mhor uisge Dior-daoin a thug air falbh moran dhen t-sneachda, agus an deigh sin thainig reothadh. Ma thig beagan lathaichean reòta an deigh so, cuiridh iad á cuimhne dhaoine an t-side bhriagha bhann roimhe so. Bha stoirm mhor le cur sneachda air cladach an ear nan Stàitean feasgar D-iciaduin.

Chaochail Caiptean Uilleam Mathanach ann am Provincetown, Mass., Di-dòmhnaich sa chaidh, tri fichead bliadhnasa h-ochd deug a dhaois. Rugadh e an Grand Riversa bhliadhna 1828, agus chaidh e do na Stàiteannuair a bha e naodh bliadhndeug. Bha e na sgiobair air soitheach-iasgaich fad choig bliadhndeug air fhichead. Sguir e an sin a bhi dol thun na mara, agus bha edeanamh gnothuich air tir gu àm a bhàis. Dhfhág e bean, còignear nighean, agus aon mhac. Tha piuthar dha afuireach ann an Auckland, an New Zealand.

Chaidh fear Robert Bell, a mhuinntir Ottawa, a chur don tigh-obrach Di-luain sa chaidh air son e-fheinsa bhean a dheanamh droch dhiol air ogha dhaibh, gille don ainm Percy Short, aois choig bliadhndeug. Tha a bhean ri bhi air a feuchainn fhathast, aguss i pailt as ciontaiche na esan. Chuir iad glas-lamh air a ghille agus cheangail ise e ri seithir air lobhta bheag an taighe far an robh uinneag fhosgailte, agus dhfhàg i e an sin a lathas a dhoidhche fad che’ -la-deug. Bha so am meadhon a gheamhraidh, agus bhan gille bochd air a reothadh cho donas gum bfheudar coig de mheòiream a chasan a ghearradh dheth. Tha Bell tri fichead bliadhnasa coig a dhaois. Tha e faotainn da bhliadhnas da mhios dhen tigh-obrach, aguss math a choisinn e e.

Chaidh boirionnach dom bainm Caitriona Nic Amhlaidh air chall faisg air Baile-nan-Gall toiseach na bliadhna agus cha chualas guth oirre uaithe sin. Bha i fuireach leatha fhéin ann an tigh beag ri taobh rathad aphosta faisg air a bhaile, agus deireadh na bliadhna thainig i gu New Campbellton far an robh càirdean dhi afuireach. Dhfhàg i an t-àite sin latha na BliadhnUire, gu dhol dhachaidh. Chan fhacas tuilleadh i, agus chan eil teagamh nach do chaill i a beatha air an rathad, oir bha aice ri dhol troimh àite fàsail, fiadhaich. Cha dfhuaireadh a mach gu robh i air chall gu ceann mios. Chaidh sealltuinn air a son anns gach àite ach cha dfhuaireadh sgeul oirre fhathast. Thatar a deanamh mach gu bheil a corp fon t-sneachda agus nach fhaighear e gus an tig blaths an t-samhraidh.


AM MART, 1896.

1 DI-DONAICH. II Di-donaichsa Charghus
2 Di-luain. Breith Pap Leo XIII, 1810
3 Di-màirt
4 Di-ciaduin. A Ghrian ag eiridh 6.36.
5 Dior-daoin. A Ghrian alaidhe 5.49.
6 Di-haoine. An Cairteal mu dheireadh dhen t-Solus, 7.15, mad.
7 Di-sathairne
8 DI-DONAICH. III Di-donaichsa Charghus
9 Di-luain. Seisd Lucknow, 1858.
10 Di-màirt. A Ghrian ag éiridh 6.25.
11 Di-ciaduin. A Ghrian alaidhe 5.57.
12 Dior-daoin
13 Di-haoine. An cogadh Ruiseanach, 1854
14 Di-sathairne. An Solus Ur, 6.34, mad
15 DI-DONAICH. IV Di-donaichsa Charghus
16 Di-luain
17 Di-màirt. La Fheill Padruig
18 Di-ciaduin. Breth Ban-Phrionnsa Louise 1848.
19 Dior-daoin
20 Di-haoine. A cheud la dhen earrach.
21 Di-sathairne. Blar Alexandria, 1801.
22 DI-DONAICH. V Di-donaichsa Charghus.
23 Di-luain. (22) A cheud Chairteal dhen t-Solus, 7.43 mad.
24 Di-màirt
25 Di-ciaduin. La Fheill Muire.
26 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh, 5.55.
27 Di-haoine. Bàs an VI Seumas, 1625.
28 Di-sathairne. A Ghrian alaidhe, 6.18.
29 DI-DONAICH. Di-donaich nam Pailm
30 Di-luain. Ghlacadh Paris, 1813
31 Di-màirt. (29) a Ghealach làn, 1.08 md


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[286]

[Vol . 4. No. 36. p. 6]

Dubhradh na Greines na Gealaiche.

Cha chomas duinn ar n-inntinn a shuidheachadh air ni faicsinneach sam bith nas oirdheirce agus nas maisiche na air na soluis sin, a ta air an sgaoileadh a mach air feadh farsuingeachd do-rannsuchaidh na cruitheachd! An comas do ni air bith a bhi nas freagarraiche chum umhlachd a dhusgadh anns achridhe, no chum an inntinn a dheachdadh le smuaintibh diadhaidh, na a bhibeachdachadh le curam air a ghrein, aghealach, agus na reultaibh? Nach do-chur an ceill an aireamh? Nach do-thuigsinn an astar? Nach anabarrach am meud? Nach oirdheirc an soilleireachd? Nach iongantach an luathas leis am bheil iad asiubhaln an cuairtibh? Nach eagnuidh a ta iad air an cothromachadhn an slighibh fein, ás nach comas doibh claonadh leud na roinneig?

Am measg nam buaidhean agus nan atharraichean a chithear air meallaibh soillseach nan speur, tha aon ann air nach tugadh fathast iomradh, agus is e sin an seol air am bheil iad, air amannaibh, air an comhdachadh le duibhre. Cha lionmhor iad nach do ghabh beachd air dubhradh na greine agus na gealaich’, trid an robh an dearrsadh re tamuill air a dhorchadh mar le sgaile doilleir. Air duinn uiread a labhairt cheana mu thimchioll na greine, na gealaich’, agus na talmhainn, tha sinn an duil a nis, gur soirbh an ni toirt air ar luchd-leughaidh a thuigsinn gu soilleir, ciod is aobhar don dubhradh so a dhainmich sinn. Feumar a chuimhneachadh, gidheadh, chum so a thuigsinn gu ceart, gur i aghrian thatoirt soluis don ghealaich, ceart mar a ta i atoirt soluis don talamh, agus do na reultaibh sin eile e thag iadhadh mun cuairt di fein. Is e is aobhar, uime sin, do dhubhradh a bhi air aghealaich, gum bheil an talamh adol direach eadar i agus aghrian, air chor is nach comas do sholus na greine ruigheachd oirre. Agus air don talamh a bhi nas ann am meud naghealach, comhduichidh faileas na talmhainn barrachd na leud na gealaiche, agus air an aobhar sin, feudaidh e bhi gum mair an dubhradh oirre re uine fhada. Chan urrainn dubhradh teachd air aghealaich ach an uair a bhios i lan, do bhrigh, aig am sam bith eile, nacheil an talamh direach eadar i agus aghrian; agus chaneil an talamh mar sin anns acheart shuidheachadh sin gach uair a taghealach lan, oir nam biodh, rachadh dubhradh fhaicinn air aghealaich gach mios dan bhliadhna. Air uairibh cha tuit faileas na talmhainn ach air earrainn bheag dan ghealaich agus chithear an sin i mar gum biodh mir air a ghearradh aisde; ach ann am beagan uine theid an talamh á rathad soluis na greine, agus nochdaidh an sin aghealach i fein lan, cruinn, agus dealrach, mar nach tachradh ni sam bith dhi. Ach air an laimh eile, tha dubhradh ateachd air aghrein, an uair a theid aghealach eadar i agus an talamh, agus mar sin a chumas i solus na greine uainn-ne. Chan urrainn so tachairt ach aig caochladh na gealaiche, do brigh aig uair sam bith eile, nach comas di a bhi direach eadar aghrian agus sinne. Tha etachairt gum bheil agealach, mar is trice, asiubhaln a cuairt an darna cuid beagan nas airde, no beagan nas isle nan talamh, oir mar biodh achuis mar sin, bhiodh dubhradh gach mios air aghealaich an uair a bhiodh i lan, agus dubhradh eile gach mios air aghrein aig caochladh na gealaiche. Air don ghealaich a bhi nas lugha ann an leud naghrian, cha chomas di, air uairibh, aghaidh na greina chomhduchadh gu h-iomlan, agus air an aobhar sin, chan fhaicear den ghrein ach fainne caol, dealrach, da h-oir a mach, nach urrainn aghealach a chomhduchadh. Bha dubhradh mor air aghrein air achuigeamh la deug de cheud mhios an t-Samhradh, 1836; agus bha dubhradh eile oirre dhen ghne cheudna, agus a chunnacass an duthaich so, air a chuigeamh la deug de Mhart na bliadhna 1858: agus bha dubhradh iongantach mor oirre, a chomhduich ach beag a gnuis gu h-iomlan air an naodhamh la deug de cheud mhios an Fhogharaidh 1887.

Tha dubhradh mar an ceudna, ateachd gu tric air gealaichibh Iupiter, agus Shatuirn, a tan a fheum mor don mharaiche, a chionn gur ann le àm dubraidh nan gealaichean sin tha e gu h-innleachdach afaotuinn a mach a shlighe fein air na cuantaibh fada agus farsuing.

Tha e soilleir gur annabarrach achinnteachd leis an dfhuair na reultairean a mach slighean agus cuairtean nan reult, na greine, na gealaich’, agus na talmhainn, do brigh gun innis iad an la, an uair, agus amhionaid anns an tachair dubhradh air bith, ma thogras iad, gu ceann mile bliadhna an deigh so. Gabhadh neach miosachan air son bliadhna sam bith, agus chi e an sin, air an ainmeachadh roimh laimh, gach dubhradh a thachaireas air abhliadhna sin, agus mar an ceudna na h-aitean den talamh anns am faicear iad.

Is lionmhor beachd saobh-crabhach a ghabh na cinnich o shean air dubhradh na greine agus na gealaiche. Bha iad an duil gun robh gach sealladh a chitheadh iad den ghne son a mhanadh air olc, agus ag eirigh o aimhreit eadar na diathan agus cumhachdan an dorchadais. Chan fhaiceadh iad dubhradh air aghrein, no air aghealaich, ach an uair a bhiodh iad, ’n am barail fein, cinnteach gun tigeadh dosgainn eagalaich, eigin orra, agus gum biodh iad air am fiosrachadh le gorta, phlaigh no cogadh! Anns abhliadhna 431 man drugadh ar Slanuighear bha dubhradh iomlan air aghrein, agus smuainich an sluagh gum be sin a baobhar don phlaigh sgriosaich a bhas an am sin ann am baile na h-Aithne! Tha treubhan am measg Innseanach na h-aird-an-ear, a tha adeanamh a mach gum bheil dubhradh na gealaiche air a thoirt mun cuairt le nathair mhoir a ta acur char di air aghaidh na gealaiche, agus tha an sagairtean acur an ceill doibh gum fuadaich iad-san na nathraichean air falbh, agus nach dean iad cron sam bith do chreutair air an talamh. Mar so, tha moran den chinne-daonna air an dalladh len aineolas fein, agus air an truailleadh leis an t-saobh-chrabhadh as miosa. Ach anns gach duthaich Chriosdaidh, tha eolas de gach gne air a chraobh-sgaoileadh am measg an t-sluaigh, agus tha gach fiosrachadh airfhaotuinn a mach mun mhathair-aobhair om bheil caochlaidhean na greine agus na gealaiche, agus nithe eile, ateachd mun cuairt; air chor as nach aobhar eagail nis na seallanna sin anns na speuraibh, a bhabualadh nan Cinneach o shean le h-uamhann co mor!

Chriochnuich sinn a nis gach ni a chuir sinn romhainn a labhairt mu chruinn-mheallaibh soillseach nan speur, agus tha sinn an dochas gum bi nasgriobhadh air na nithibh taitneach so, chum mor-bhuannachd dor luchd-leughaidh uile, agus gun toir e orra a bhi deidheil air tuilleadh agus tuilleadh a rannsachadh a mach a



[287]

[Vol . 4. No. 36. p. 7]

thaobh uile reulta neimh. Tha fios againn nach soirbh an ni fiosrachadh den ghne so a dheanamh soilleir agus so-thuigsinn dhoibhsan nach robh air an cleachdadh ri bhigabhail beachd sam bith air gluasad sholus nan speur, agus air na riaghailtibh leis am bheil iad air an suidheachadhn an cuairtibh eugsamhla! Tha, gidheadh, dochas againn nach bi ar dichioll chum beagan eolais a thoirt mu na cuspairibh oirdheirc so gu h-iomlan diomhain; ach gun duisg na nithe a labhradh a suas iarrtas agus togradh ann an inntinn mhoran.

SGIATHANACH, ’sa Ghaidheal.


An deigh do Uilleam Diùc Normandi na Sasunnaich a cheannsachadh chuir e-fein agus na h-uaislean aige dimeas air aBheurla agus gach ni Sasunnach. Cha robh cànain sam bith air a teagasg ann an sgoilibh no Oil-Thaighean ach Fraingeis no Laidionn mòran lìnntinn an deigh sin. Is mòr an t-atharrachadh a thàinig air a Bheurla o na làithean ud. Cha robh i idir coltach ris achànain a tha air a làbhairts an latha an diugh, gu deireadh linn an treas Iomhair, Righ Shasuinn, agus air an aobhar sin, chan eil seann leabhraichean-sgriobhte rim faighinn anns abheurla mar a gheibhtear anns aGhàidhlig. Ghabhadh e leabhar math mòr gu làn iomradh a thoirt air na h-ainmean a mhàin, de na leabhraichean-sgriobhte Gàidhlig a tha ann an Leabhar-lann nam Fear-tagraidh an Dunéidin, agus ann an taighean nan uaislean feadh na h-Alba; gun a bhi ag ainmeachadh na tha ann an Oil-Thaigh Baile aChliabh no ann an Taigh iongantais Lunnainn.

T.


Bha gille òg ag amharc air uinneag bùth-dhealbh ann am Baile-nan-Gall (an Alba) an latha roimhe. Thàinig fear a bhùth a mach, agus dealbh asailna làimh; nochd e so ris a ghille, agus thuirt e ris, “So do dhealbh a ghille!” “Cha-n e sin mo dhealbh idirars an gille agus e ationndadh na deilbh agus acoimhead air a cùl. “Is e mo bheachd gur e do dhealbh féin a tha ann, oir tha dainm agus ainm dàite-còmhnuidh sgriobhte air acùl.”


Tha againn da chluas ach gun ach aon teanga, uime sin bu choir dhuinn mòran a chluinntinn agus beagan a labhairt.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[288]

[Vol . 4. No. 36. p. 8]

AN TUIL.

(Air a leantuinn.)

Than t-òganach rìomhach, ’s an rìbhinn deas, ùr,
Len càirdeans len dìlsean gu dìleas ran cùl,
Anasgadh am pòsaidh le deòin an luchd-gaoil
Tha aighear is sògh ann, tha sòlas is aoidh.

Ach dhorchaich an latha, than t-athar fo ghruaim,
Tha cuantan abéuchdaich, ’s gur deistneach am fuaim;
Than talamh a clisgeadh, ’s abriosgadh gubhonn,
Bhrùchd an cuan thar achladaich le sadraich a thonn.

Chaidh sgaoileadh gu h-obunns achomunn bha baoth;
Os ìosal an cridhebha mireag rin taobh!
Ri mionaid na h-uaire ghlac uamhunn is fiamh
An saoghal, mo thruaigh a dhfhàs suarach mu Dhia.

Than t-uisge abraonadhs ataomadh gun tàmh,
Than dìle asgaoileadh, asgaoilair gach làimh,
Nuas broilleach gach aonaich is fraoch bheanna cas,
Than dile abrùchdadh gu dùmhails gu bras.

Gur ùrla gach glinne, o fhireach nam beann,
Than dìle air mhire, asireadh gu teann;
Tha caoidhrantha cràiteach gun tàmh a dol suas,
Than saoghal ga bhàthadh, tham bàs atoirt buaidh’.

Tham Bàs ann air mhire, amilleadhs asgath,
A sàthadh gun tiomas gach cridhe a ghath,
Mar iolair an fhàsaich, le àbhachd gun truas
Ag òl a seachd-sàth de bhlàth-fhuil nan uan.

Than dìle asgaoileadh gu h-aognuidhs gu bras:
An dòchas nach faoin e gum faodar dol as!
An òiges an aois tha ri saothair gun stà;
A glacaibh an aoig ud cha saorar gu bràth.

Nach cruaidh i, aghàir ud, than dràst adol suas,
Am bas-bhualadh cràiteachmeasg gàrthaich nan stuadh!
An glaodh is an sgairteachdtha sracadh nan niall,
Gun dòchas gun fhiughair ri furtachd bho Dhia.

An cluinn thu sinn idir, am fidir air càs?
N do dhiùlt thu gu tur sinn, ’n do liubhair gu bàs?
A sruthaibh do chorruich an òl sinn gu sìor?
Do bhagradh, mo thruaigh! ged bu chruaidh e gum bfhìor.

Gur ceart i, ar binne, Os cinnteach gu leòir;
Air Dia rinn sinn dìmeasan dìmeas bu mhò;
Da thoil cha do strìochd sinnmheas fhìrinn mar sgleò;
Be ar Dia ar toil-inntinnar n-iodhal ro mhòr.

Tham firean a chreid thus a chuideachd maraon,
A ghluais ann ad eagal, ’s a sheas air do thaobh,
An tèarmunn na h-àirce, gun sgàth is gun fhiamh
Roimh dhoinionn nan àrd-bheann is ardan nan sian.”

Than dìle asgaoileadh, asgaoileadh gu bras,
Thar broilleach gach aonaich is faoin-bheannacas;
Thar fireach gach monaidh is slinnean nam beann,
Tham bùrlam adòrtadh, adòrtadh na dheann.

Tha na h-eòin bheaga bhòidheach, bu cheòlmhors achoill,
Gun iomradh air òran, fo dhòltrum is oillt;
Than spionnadh gam fàgail, cha dàn doibh bhith buan,
Than nid bheags an àlach asnàmh air a chuan.

Than leòghann a ballaidh, is madadh-allaidh nan càrn,
Tha sionnach an t-saobhaidh, is maoisleach a chàthr,
Tha damh a chinn chabraich is earbag nan tom,
An comunn a chéiledol eug feadh nan tonn.

Os cianail aghàir ud, ’s gach àitagus taobh,
S is cruaidh i an spáirn ud gu tàradh on aog;
Tha gach ainmhidh fo èislean, gach creutair fo ghruaim,
Than t-uisge ag éirigh, ag éirigh na chruaich.

Than tréun a bha gaisgeil, than lag a bha caoin,
Than t-òg a bha sgairteil, an glacaibh an aoig;
Thamhàthairs am macan agreasad gu teann,
Astreapadhs adìreadh gu cìrein nam beann

Bi iomairt achruadail gun bhuaidh leatha bhann;
Than t-uisge abualadh ri cruachan nam beann;
Than tuil air iom-sgaoileadh air raon agus blàr,
Thar àirde gach monaidh thatonnantoirt bàrr.

Than cath air dol seachad, an cath ud bu chruaidh,
Is shìolaidh an éubhaich bu déistneach car uair;
An tuil bhuall a basan le aiteas is fonn,
Ag éubhach buaidh-chaithrin, ’s an talamh fobonn.

Faic toradh apheacaidh, ’s abhreitheanais chruaidh;
Faic caoimhneas is càirdeas an Ard-Righ da shluagh;
An ciontach tha bàiterinn tàir air achòir.
Am fìrean tha sábhailtthug gradh dhi le deòin.

Is faic i an àircair bharra nan sùgh,
Gun chombaist, gun acair, gun acfhuinn, gun siùil,
Agabhail a cùrsa fo stiuradh Mhic Dhé,
Si torrach le dòchas an òg chruinne-ché.


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE

titleIssue 36
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 36. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page