[289]

[Vol . 4. No. 37. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 21, 1896. No. 37.


Litir a Priceville,

FHIR-DEASACAIDH, —Bha fannad mor agam riIain” ’nuair a leubh mi a litir an la roimhe. Carson a thuirt mi gu robh farmad agam ris? A chionn e bhi bruidhinn air iad a bhi treabhadh gu trang an sin air ceud mhios an earraich, ’nuair bha sinne an sog ar feannadh le fuachd, sneachda gur cluasan, agus inneal innse na side cho iseal 30° fo Zero. ’Nam biodhIaincòir againn ann am Priceville a cheud sheachdain dhen Mhàrt, cha bhiodh e gearan cho mòr air a bhlàths. Feumaidh nach cual iad iomradh air zero air a gheamhradh so an Alba. Mar a bhan seann duine a chuala mig radh, “meudal mo dhùthaich; cha robh zero idir innte.” Bha fuachd snabarrach mor againn an so bhon thainig Februaraidh a stigh, agus tha daoine gabhail fadail nach eil am blàths a tighinn, ach an ti a dhfheitheas gu foighidneach gheobh e furtachd. Tha bradh cruidh fuasach gann. Tha mòrangam biathadh le gràn, agus cha mhair na h-aca gle fhada. Thainig isleachadh beag air an t-sneachda o chionn seachdain, ach tha gu leòr agus ra sheachnadh againn dheth fhathast.

Bha mi gle thoilichte fhaicinn anns a MHAC-TALLA cho lionmhorsa bha Clann-Domhnuill ann an Siorramachd Cheap Breatunn. Tha roinn mhor dhiubh anns an aite so mar an ceudna. Ach tha mi duilich gu feum mi innse air an turus so gun deach an aireamh aon na bu lugha na bha e. Air a cheathramh latha fichead de Februaraidh, chaochail Seumas Domhnullach (mac Dhomhnuill Ruaidh) aig aois ceithir fichead bliadhnasa còig. Rugadh esan Eilean Mhuileachsa bhliadhna 1811. Thainig e do Chanadas a bhliadhna 1851, agus shuidhich e an ath bhliadhna an Gleann-eilg, far an robh e air an aon àite gu àm a bhàis. Bfhior Ghàidheal a bhann; ’s e nach cluinneadh duine cur sios air a Ghàilig gun a chronachadh. Bha e faotainn a Mhic-Talla fhadsa burrainn da feum a dheanamh dheth. Bha e na éildearsan Eaglais Chléireach còrr us deich bliadhna fichead. Bha taobh mor aige ri Eaglais na h-Alba, ged chaidh an t-aonadh a dheanamh an so o chionn ochd bliadhna deug. Cha robh duine cloinne aige. Dhfhag e a bheanna h-aonar. Cha bhin ùine fada gus an lean i e. Cha mhor a tha ri fhaotainn a nise de na seann daoine. Tha iad, cha mhòr uile, air a dhol dhachaidh. Chaochail gille òg leis a chaitheamh o chionn ghoirid, mac do Eoghain Mac-a- Phearsain, a thainig a nios a Gleann-Garaidh o chionn fichead bliadhna. Chaidh a thiodhlacadh Dior-daoin sa chaidh.

Bha coinneamh mhor am baile Durham Di-sathairne sa chaidh. Bha daoine mora as a phàrlamaid ann a liubhairt òraideansa cur an céill am beachdan féin air cùisean-riaghlaidh Chanada. Bhan Gàidheal mor Dunnacha C. Friseal, agus feadhainn eile ann as leth Dr. Landerkin, a thana fhear-pàrlamaid air son taobh deas siorramachd Ghrey. Tha triùir a ruith air son na siorramachd so, Dr. Landerkin, Liberal, Dr. Jamieson, Conservative ,agus Uilleam Allan, Patron .Tha Landerkin a stigh o chionn tri bliadhna fichead, agusse mo dhochas fhein gum bi e stigh còig bliadhna eile, oir is seirbhiseach dìleas e.

IAIN MACILLEASBUIG.
Priceville, Mart 7, ’96.


Bha cath mor anns apharlamaid munRemedial Billair an t-seachdain so. Bha an tigh na shuidhe bho fheasgar Di-ciaduin gu maduinn Di-haoine, ’s na fir a gabhail dha chéile cruaidhsa burrainn daibh. Mu leth-uair an déigh siasa mhaduinn Di-haoine chaidh an tigh a roinn, agus fhuaireadh gu robh iadsan a bhag aontachadh leis an Riaghladh anns a chùis ochd duine deug na bu treasa na iadsan a bhanan aghaidh.

Tha Riaghladh Bhreatuinn a cur rompa feachd a chur don t-Soudan an aghaidh nan Arabaeh. Tha na h-Eadailtich o chionn treis a dhùine agabhail seilbh air roinn mhòr den dùthaich sin, a tha deas air an Eipheit, ach air an earrach so dhéirich na h-Arabaichnan aghaidh agus chuir iad an ruaig orra ann am blàr no dha. Tha Morair Salisbury uime sin a dol a chur feachd an aghaidh nan Arabach, air eagal ma gheobh iad an làmh an uachdar air na h-Eadailtich gun tòisich iad ri busteadh a stigh air criochan na h-Eipheit. Ach tha mòran anns an Roinn Eòrpa agus gu h-àraid anns an Fhraing, a tha dhen bharail gu bheil barrachd us sin aig Salisburysan amharc. Tha fearann aig an Fhraing anns an dùthaich sin cuide ri càch, agusse tha iad so ag radh gu bheil eagal air Salisbury gu bheil i dol a dheanamh greim air tuilleadh, agus gu bheil e uime sin, acur shaighdearan dhan dùthaich a chumas na Frangaich cha math ris na h-Arabaich air an criochan féin. Co dhiu tha bharail sin ceart no nach eil, tha gu leòr ann aig a bheil i, agus a tha faicinn anns an ni so an t-sradag ma dhfhaoidte a lasas an cogadh mor air son am bheil an Roinn-Eòrpa air fad ag ullachadh o chionn iomadh bliadhna.

S ann gle ainneamh anns na bliadhnaichean so a chuireas duine gnothnichean air dòigh mu thòrradh féin mun coachail e, mar a rinn fear Seumas Kenyon a chaochail ann aHalifaxsamhaduinn Di-màirt sa chaidh. Bha tinneas amhaich air a bha fhios aigebheireadh a bhàs an ceann ùine ghoirid, agus Di-luain chuir e fios air fear-adhlacaidh, ris air drinn e còrdadh a thaobh a thiodhlacaidh. Chaidh air tiodhlacadh a dheanamh direach a aéia a chòrdaidh sin.



[290]

[Vol . 4. No. 37. p. 2]

COMHRADH.

EADAR MURCHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR.

M. —Am bheil thu an sin, Isiobail, càit am bheil do mhàthair? Tha dùil agam gu bheil sibh gu leir bodhar. Tha neach-eigin abualadh aig an dorus, —grad-fhosglaibh e, oir chan eil mo bhrògan ormsa. Thugadh an dealan bhàrr an dorais, agus ann am priobadh na sùla, sheas duine mòr, sgairteal am meadhon an ùrlair, ach chan fhacas air ball be, do bhrìgh nach do lasadh an lochran. Ach ann am mionaid, chualas guth aithnichte ag ràdh,—

C. —Am bheil sibh uile slàn, fallain, ’s an fhàrdaich so?

M. —Fear aGhoirtein-Fhraoich! Am bheil mo shùileang am mhealladh, —am bheil iad ag innseadh na firinn? An tu a thann da rireadh, a charaid mo ghràidh? Fair do làimh; —fair do dhà làimh, an creid thu mi an uair a deiream gum bheil mi nas toilichte dfhaicinn an sin na fichead Frangach? Ochan! Is tu a tha bog, fliuch, sgìth, acrach, ach tha leigheas ann air na nithibh sin. Thig an nuas, a bhean-an-taighe, agus faic ciod a tha ad chomas a dheanamh ri dcharaid, oir tha feum mòr aige air deagh ghiullachd aig acheart uair so; oir is taitneach an sean-fhocal a deir, “ruigidh ro ghiullachd air an ro ghalair,” agus is maith gun ruig. Ach O! mo dhi-chuimhne! ciamar a dhfhàg thu mo bhan-ghoistidh rùnach, —Seònaid?

C. —Chan fhaca mi bho cheann dheich la i, ach an uair a dhfhalbh mi on taigh, bha i féin agus an òigridh gu gléusta.

M. —O cheann dheich la! Mo chreach, ciod a dhéirich dhuit, agus càit an robh thu, a Choinnich? Ach is luaithe deoch na sgéul, —a bhean-an-taighe, am bheil thu afoighneachd am bheil beul air do charaid ionmhuinn. Thoir a nuas am botull dubhs an t-slige chreachainn, agus cuir car eallamh dhiot.

C. —Chan eil aobhar sam bith air a bhi mar sin acur an taighe bun os ceann, bithidh mi trath nas leoir, oir chan eil aon chuid fuachd no acras orm, gu dearbh chan eil.

M. —So, so, dlùthaich ris aghealbhonn oir is minig a chunnaig sinn nis brisge, sgairteil e. Thig an so leis abhalg-sheid, Isiobail, —suidh a stigh aChoinnich gus am faigh bean-an-tighe atharrachadh eudaich, agus cas-bheart dhuit, agus gach goireas eile a chumas a fuachd a mach.

CCha ruig bean-an-tighe leas trioblaid a chur oirre fein, oir tha mi o bhàrr gu bonn co tioram ri arcan ach mo chasan a mhàin, agus chan eagal daibh car tacain, —ach ciod an ùrachd a gheibhear agad, a Mhurachaidh, agus cia mar tha cùisean adol air an aghaidh anns na cearnaibh so?

M. —Ma ta, a Choinnich, (dlùthaich ris an teine) chan eil naigheachdan idirs na criochaibh so, ach gum bheil Fear Bhaile-Chreagainna sgealbaibh, mar a chuall thu, areir coltais a cheana, agus bheir e creach agus sgrios air moran eile. Bhris e ann an da mhile dheug, agus tha e air aithris gur e leth-chrun as aphùnnd Shasunnach tha e atairgseadh.

C. —Tha mi an dochas a Mhurachaidh, nach eil gnothuch agad ris, agus nach tig e chum calldachd sam bith dhuitsa, no do dtheaghlach.

M. —Tha aobhar taingeileachd agam nach eil aon sgillinn ruadh agam air no aige san orm. Nan tachradh so aig an àm so an uiridh, bhiodh mo chall mor, oir tha cuimhnagad gun do reic mi na muilt ris, còrr is tri cheud dhiubh, ach gu fortanach, dhioc e gach peighinn dan luach dhomh, aguss an àm, cha robh mig a iarraidh, agus cha robh dùil agam ris.

C. —Tha mi anabarrach toilichte da rireadh, ach cha burrainn gnothuichean Fhir-Bhaile-Chreagain idir seasamh a thaobh na doigh air an robh edol air aghaidh. Cha robh nach robh cuideachd agus gleadhraich maille ris, —eich agus carabaid, —agus coigrich adol agus atighinn, an tigh aige an còmhnuidh làn, —an teaghlach aige gach , gu sgiamhach air an éideadh, —agus cosguis do ghnàth an lorgn an nithe sin, nach burrainn Baile-Chreagain a chumail suas, ged a bhiodh e tri uairean saor aige, gun ghuth air màl tròm gach bliadhna.

M. —Tha thu ceart, a Choinnich, aguss ann an diugh tha taing Bhaile-Chreagain aigen a dhòrn, agus faiceadh e ciod a ni a chòisridh a bhag a thaoghal air a shon a nis, an uair a tha a cheann fon uisge. Ni iad gàire fanoid ris, agus their iad nach robh ann ach amadan bochd air son a shaoithreach, agus an diugh chan aithnich iad an duine truagh air an rathad mhor.

C. —Is cianail ra smuaineachadh, a Mhurachaidh, mar a ta an saoghal adol bun os ceann. Is tearc duine ra fhaotainn an diugh anns am feudar dochas a chur. Ri linn nan seanar againn, bha dilseachd, onoir, agus treibh-dhireas, gu coitchionn am measg an t-sluaigh, agus ged a bha iad aineolach ann an seadh, agus ged bha tuasaidean, cogaidhnean, agus còmhstrith am measg nam fineachan, gidheadh bha ionracas, tairiseachd, agus onoirn am measg nach fhaicear an diugh dhaindeoin gach eòlais a tag a chraobh-sgaoileadh, agus gach strith a tag a deanamh am measg eaglaisean, mhinisteirean, agus luchd-teagaisg dheth gach gnè. Mar is a ta eòlas air a chraobh-sgaoileadh tha, gun teagamh, neo-dhilseachd adol am farsuingeachd. Cha robh feum o shean air onoir is ionracas a bhi air an co-dhaingneachadh air dubhs air geal, mar a tachuis an diugh, oir bha iad, an uair sin, air an sgriobhadh air achridhe, ach a nis cha ghléidh cuibhrichean agug cùmhnantan an luchd-lagha muinntir air an t-slighe cheart, oir a dhaindeoin nan nithe sin, leumaidh abheist as air muin na béist as lugha, agus tha gach ni ceart agus cogaiseach nas leòir, ma theid aige air a chasan a thoirt as. Ochan! a charaid, “is cliuitiche an onoir nan t-òr,” ach an diugh is measaile gu mòr an t-òr no gach subhailc, ceartas, tréibhdhireas, agus onoirs an t-saoghal air fad.

M. —Is maith a thubhairt thu, a Choinnich, oir is minic a chuala sinn an sean-fhocal a deir, “Nach fhuiling an onoir clùd,” agus is ro cheart e, oir far am bheil fìor onoir, chan iarr i bhi air a cluthachadh, agus air a còmhdachadh le sgàilibh suarach on taobh a mach, oir seasaidh i gu daingeann a h-òirdheirceas fein. Ach an déigh achòmhraidh so, a dhùisgeadh le fàilneachadh tàmailteach Fhir Bhaile-Chreagain, innis domh, a Choinnich, dùrsgeul fein, agus ciod as aobhar don toilinntinn a thug thu dhuinn an nochd le dlàthaireachd an so, oir tha e cìnnteach nach dràinig thu sinn air anmoch Disathurna, an déigh a bhi deich làithean o ddhachaidh fein, gun aobhar ro àraidh a bhi air a shon.

C. —Tha sin gle chinnteach, a charaid ionmhuinn, ach tha mo sgéul goirid, oir tha mi air an t-slighe dhachaidh á baile mòr Dhunédin, agus cha bheag an naigheachd



[291]

[Vol . 4. No. 37. p. 3]

sin.

M. —Baile Dhunédin! far nach robh thu riamh roimhe, agus dhionnsuidh nach deachaidh tu gun aobhar ro chudthromach. Ciod a thug an car sin thu, a Choinnich? An robh thu an lorg Shir Séumas, mar a bha thu an uair a thug e fein agus thu fein Eirinn oirbh abhliadhna roimhe, agus an uair a chunnaic thu iomadh neach agus ni a chuir iongantas nach bu bheag ort?

C. —Ma ta, a Mhurachaidh, cha robh Sir Seumas maille rium, ach is esan bu choireach air mise a bhi ann. An cual thu idir gum bheil e fein agus an Sasunnach sin a cheannaich oighreachd Choire-na-coille aig lagh mu chriochaibh nan oighreachd aca? Tha guiseid bheag de fhearainn creagachn a laidhe eadar Creag-Ghorrain agus Stachd-na-Iularach nach fhiach sgillinn-Shasunnach mhàils abhliadhna eadar dithis bhràthair, agus tha Sir Seumas adeanamh mach gur leis-san e, agus tha uachdaran Choire-na-coille ceart co dian adeanamh mach gum buin e dhàsan. Mar sin, chuir na fir a mach air a chéile agus o chùirt gu cùirt air beulaobh an t-siorraim, thogadh achùis ma dheireadh gu Dunedin. Shumanadh chan e mhàin mise; ach mar an ceudna sia duine deug eile dhionnsuidh abhaile mhòir sin a thogail fianuis mun chùis, agus than gnothuch fathast co sgaoiltes a bha e riamh. Cha dthugadh breith no binn a mach gus an ruigeadh luchd-tomhais à Dunèdin dhionnsuidh an àite chum na criochan fhaicinn, agus am barail fein a thoirt orra, Cosdaidh an crioman suarach sin na miltean air gach taobh. Is taitneach an gnothuch e air son an luchd-lagha, agus ma theid acasan air, cha leig iad gu h-ealamh as an liontaibh e. Achs e sin a dhiocas na h-uachdarain àrdanach sin air son an uaill agus am morachd-inntinn. Eadar sinn fein, tha eagal orm gun creach e Sir Séumas bochd, ach air son an t-Sasunnaich, tha mi comadh co dhiù, do bhrigh gur e a thòisich air a ghnothuch.

M. —Chual mi gun robh aimhreit eatorra, ach cha robh dùil agam gun ruigeadh e an aìrde sin. Ach a thugadh maille riut don bhaile mhòr?

C. —, ach na daoine as sines an àite, —cuid dhiubh thairis air ceithir fichead, mar a ta seann Domhnull Mac Uilleim Mhic Alasdair, Murachadh Mòr Mac Ghilleaspuig Mhic Shéumais, Alasdair Mac Aonghais Mhic Dhòmhnuill Mhic Mhurachaidh, agus na h-uiread eile. Thugadh air cùirn iad gus dràinig iad Loch-nan-ealadh, agus an sin, fhuair iad air toitich gu Glascho, agus á sin, air an rathad-iaruinn do Dhùnedin; agus Ochan! ben t-each-iaruinn an t-ioghnadh do na bodaich bhochda. Cha bhiodh iad sgìth ag amharc air, agus ag eisdeachd ris a sitrich agus aseideadh! Thàinig mise dhachaidh rathad Pheairt, Dhùn-chaillin, agus Bhaile-chloichridh, agus á sin air an rathad-iaruinn Ghaidhealach gu Inbherneis, agus á sin gu so. Dhfhan mi tri làithean ann an Laganràit, agus air an t-Sàbaid a dhfhalbh chual mi searmoin ro dhrùighteach, bhlasda on Urramach Seumas Friseils an eaglais-sgireachd, far an deachaidh mi maille ri nighean bràthair mathar air an robh mi ag amharc, air di a bhi pùsdas an àite sin.

M.— ’S eadh, ceamar a chòrd Dunedin riut, a Choinnich, agus ciod a chunnaic thu ann?

C. —Am baile as maisiche air an do thilg mi sùil riamh; ach mo leòn, bha an déigh air mo dhruideadh suas ann an Tigh-na-cùirte, agus chan fhac mi idir uiread dhen bhailes bu mhaith leam.

M. —An deachaidh do cheasnachadh gu cruaidh, a Choinnich, agus ciamar a chaidh agad air aBheurla?

C. —A Bheurla! Beurla na dunaich, dhfhéuch iad ris gach innleachd chum mo cheasnachadhs a chanain leibidich sin, ach thug mi an aire orra. Thachair gun cual iad mi alabhairt lide air chor-eigin di, agus ghlaodh bodach mòr, dearg a bhan a shuidhe gu h-àrd rium, agus thubhairt eCome on, now, Kenneth, come on, you have very good English. ”agus ghrad-fhreagair mise, agus thubhairt miNo, no, not a vord English, my lord”—agus air ball rinn achuirt uile glag mor gàire rium; ach comadh co dhiubh, cha striochdainn-sa, no mac màthar as an àite gu bhi air ar ceasnachadhs a Bheurla: uime sin, ghairmeadh a stigh duin’ -uasal cosmhuil ri mìnistear a bhag eadar-theangachadh gach freagraidh a bheireamaid seachad, agus rinn e ghnothuch fein glé fhirinneach gun teagamh.

M. —Direach glan, a Choinnich, ach ciamar bha fios agadsa co dhiùbh a dheadar-theangaich e gu ceart no gu dochaireach, agus gun lide Beurla nam bfhior thu fein, ’n ad cheann?

C. Duin do bheul, a Mhurachaidh, ciod ged a dheanainn mabalaich a labhairts aBhéurla riutsa, an saoil thu gum biodh a dhànadas agam mo ghob fhosgladh an sud? Ochan! cha deanainn idir e.

M. —Ciod, ma ta, a chunnaic thu adol air aghaidh mun cuairt duits achùirt, oir bha gach ni eu-cosmhuil ri cùirt an t-siorraim aig abhaile?

C. —Eu-cosmhuil; Bu mhior-bhuileach an sealladh na breitheamhna fein! Bha triùir bhodachn an suidhe gu h-àrd an sud, le cleocaibh dearga, le guailleachain gheala, agus le gruagan caiseanach, glasa air an cinn, ceart co greannach ris na cearcaibh Frangach. Bha iad sin agabhail aghothuich gle shocaireach. Ach gu h-iosal air am beulaobh bha fir ealanta le cleòcaibh dubha, agus le gruagaibh dhen aon ghnè riu-san a dhainmich mi, atagradh gu cruaidh, agus an impis aon a cheile a bhualaidh, ach cha drinn iad e. Mar sin, bha iad adeasboireachd, ’s asabaid len teangannaibh o mhoch gu dubh. Ach, a Mhurachaidh, thachair ni ro iongantach orm ann an àiteile dhen tigh. Goirid o sheomair na cùirte, bha talla mòr, ard, fad, farsuing, làn dhorsan agus dhealbh, agus iomhaighean dhaoine urramach snaighte as achloich chruaidh, an suds an so. Bha na ficheadan asiubhal air an ais, agus air an aghaidh, —luchd-lagha lem piorbhuicibh bachlagach ann an gairdeanaibh achéile, acas-labhairt, agus a gleadhraichn an gluasad o cheann gu ceann dhen talla. Cha chluinnteadh ach fuaim agus srann-chronan mar sgeap-sheillein ceithir-thimchioll gu leòir chum claisneachd neach a mhilleadh. Ach co a sheas romham fein ach òg uasal ceanalta, agus air da a làmh a chur air mo ghualainn, thubhairt e, —Cia mar a tha thu, a Choinnich, agus ciod i do naigheachd as aGhoirtean-Fhraoich? Spleuch mis an aghaidh air le h-iongantas an toiseach, ach air ball thubhaiat mi, A dhuin’ -uasail cheanalta, tha barrachd eolais agad orm, agus chan fhios domh idir a thalabhairt rium. Chan eil sin gu cron sam bith, a Choinnich, is caraid e, caraid nan Gaidheal gu sònraichte, agus caraid na Gaelic mar an ceudna. Is glan a thug thu dfhianuis an diugh, a Choinnich, tha deagh Ghàelic agad,



[292]

[Vol . 4. No. 37. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, AM MART 21, 1896.

Chan eil na Turcaich uile gu léir nam murtaireans nan daoine fuilteach an-iochdmhor. Ann an Armenia o chionn ghoirid dhfhuiling moran dhiubh am bàs a dion nan Criosduidhean o na saighdearan, agus chuir moran dhiubh am beatha ann an cunnart. ’S olc an duthaich anns nach faighear daoine treuna, cearta, aig am bheil cogais, agus aig am bi truas riuthasan a tha fulang gu h-eucorach.

Mun dfhuair Breatuinn còir air na h-Innsean, thatar adeanamh a mach gu robh muillean corpsa bhliadhna air a ghiulan don chuan leis an amhuinn Ganges. Bhan amhuinn mhor sin air a meas naomha leis na Hinduaich; bim barail nach burrainn do neach bas a bfhearr fhaotainn na bhi air a bhathadh innte, agus bha gach Hinduach cràbhach, aig an robh an comas, air a ghiùlan gubruachan na shean aois, air son bàs fhaotainn na h-uisgeachan.

DUINOG.— “Is teaghlach buan a bhaigur n-athair,” arsa duin-uasal ri bean bhochd a bha thairis air ceithir fichead bliadhnasa deich a dhaois, agus a thuirt ris gu robh bràthair agus piuthar dhith beò a bha àireamh bhliadhnaichean na bu shine na i. “ ’Se,” ars ise, “teaghlach gle bhuan a bhannainn. Bha ochdnar dhinn ann air fad, agus cha do chaochail gin gle òg ach Seumas.” “Agus n aois a ràinig esan?” ars an duin’ -uasal. “Cha robh Seumas,” ars a bhean, “ach tri ficheadsa deichn uair a chaochail e.”

ANN AN COREA. —Ann an Séouil, ceanna-bhaile Chorea, feumaidh gach firioanach an tigh a thoirt air aig dol fodha na gréine. Cho luathsa theid a ghrian fodha, tha clag mor air a bhualadh, agus duine sam bith a gheobhar air an t-sraid an deigh sin, theid a sgiùrsadh air son bristeadh air an lagh; ach faodaidh na boirionnaich a dhol a machsa stigh mar a thogras iad, agus bidh iad a deanamh sin. Chan eil sloinneadh aig boirionnach gus an deigh dhi pòsadh, agus ma ni i dad sam bith as an rathad an deigh sin, ’se a fear-pòsda theid a pheanaisteachadh.

Tha h-uile greim bidh a tha Sultan na Tuirce ag ithe air a dheasachadh le aon duine, agus a luchd-cuideachaidh, agus chan fhaod duine sam bith eile lamh a chur air. Tham biadh air a bhruich ann an soithichean airgeid, agusn uair a bhios e bruich, tha an soitheach air a sheulachadh. Than seula air a bhristeadh le aon de dhàrd-uaislean an t-Sultainna làthair féin, agus tha aige ri làn spàine itheadh as gach soitheach a thig dhionnsuidh a bhùird. Tha so uile air a dheanamh air eagal gun toirear ionnsuidh air an t-Sultain a phuinnseanachadh.

ANNS AN OLLAINT, —Air la-na-Sàbaid, tha chuid as dhen t-sluagh a cosg bhrogan leathrach, ach air an t-seachdain, ’s iad na brogan fiodha as fhearr a fhreagras orra. Tha na Dùitsich cliùiteach air son an glainead. Tha iad o mhoch gu dubh, a sguabadhsa sgùradhsa glanadh. Ach air Di-Sathairne tha latha mor glanaidh aca. Tha gach seomar agus cuil as tigh air a sgùradh, agus gainmheach ghlan air a crathadh air an ùrlar; tha na h-uinneagan, na dorsan, agus gach ni fo dhruim an taighe, na gillean beagas na h-igheanan còmhla ris gach ni eile, air an nighe gu math. Tha uisge air a dhortadh air na starsaicheans air na cabhsairean mu choinneamh an taighe. Tha na claisean-uisge a cur thar am bruachan. Saoilidh duine le sealltuinn troimhn bhaile gu bheil e air sgur a shileadh an deigh uisge trom a bhi ann. Ma theid thu mach air cùl nan taighean, chi thu gu bheil na taighean bainnes na bàthaichean air an glanadh cuideachd. Tha mnathanus nigheanan òga ag obair gu trang asgùradhsa nighe gach poit us coire, gach measair us cuach a tha ri fhaotainn. ’N an rachadh duine mach le brògan leathrach air latha dhen t-seòrsud, bhiodh a chasan bog fliuch an ùine gle ghoirid, agus thigeadh e gu bhi dhen bharail gur iad na brògan fiodha, ged is trom, luideach iad, an caiseart as fhearr a chosg ann an dùthaich anns am bheil an sluagh acur seachad roinn mhor dem beatha anighes a sgùradh.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC:
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[293]

[Vol . 4. No. 37. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Dhfhalbh ceud gu leth teaghlach á Ontario dhan Iar-Thuath Di-màirt sa chaidh. Tha iad adol a thogail fearainn anns an dùthaich ùr.

Tha ospadal ùr ri bhi air a chur suas ann am New Glasgow. Tha e dol chosg mu chòig mile fichead dolair, agus bidh e air ainmeachadh air Morair Obaraiddhean.

Chaidh duine don ainm Holder a mhuinntir Montreal fhaotainn ciontach an la roimhe air son losgadh air fear eile gus a mharbhadh, agus fhuair e ceithir bliadhndeug dhen tigh-obrach.

Chaidh soitheach Breatunnach a smùideadh as a cheile air cladach an iar Africa, agus chaidh còig duine fichead dhe na bha air bòrd a mharbhadh. Bha da thunna dheug de dhfhùdar air bòrd agus chaidh ena theine.

Ann an Charlottetown, tha ochd duine deug anns a phriosan air son a bhi reic deoch-làidir gu mi-laghail. Chan eil còir aig duine air a reic anns abhaile, agus than riaghladh sùidhichte air iadsan a reiceas i, a pheanaisteachadh.

Fhuaireadh corp duine air drochaid a tha air fear de na rathaidean-iaruinn ann an Ontariosa mhaduinn an la roimhe. Chan eil teagamh nach be na carbadan a mharbh e. Bha e mu thrì fichead bliadhnasa deich a dhaois: cha dfhuaireadh a mach fhathast ciod a bainm dha.

Tha Sasunnach don ainm Caiptean Wiggins edol a dhuidheamachadh sgioba air son a dhol a dhiarraidh Nansen. Bha ceann a tuath an t-saoghail air chall air daoine riamh roimhe so. Tha e nisesan ainm gun dfhuair Nansen e, ach ma fhuair tha e coltach gu bheil iad air chall le chéile.

Tha an latha a nise nas fhaide nan oidhche. Thainig a ghrian seachad air a chaich an ; dhéirich i aig seachd mionaidean an deigh a siasa mhaduinn, agus chaidh i fodha aig ochd mionaidean an deigh a sia feasgar. Bha an latha mar sin da mhionaid na bfhaide nan oìdhche.

Fhuaireadh boirionnach marbhna leabaidh ann an Avonport, N. S., ’sa mhaduinn an la roimhe. Bha i air torradh a màthar an latha roimhe sin, agusnuair a chaidh i a chadal, bha ina slàint àbhaistich. Chaidil piuthar dhi còmhla rithe, agus cha dfhuair i mach gun do chaochail i gusn do dhùisg isa mhaduinn.

Chaochail an t-Urr. Iain Dunhnullach, ann an Ceann-Loch, an Leodhas, air a cheathramh latha deug dhen mhios a chaidh seachad. Bha e àireamh bhliadhnaicheanna mhinisteir ann an sgireachd Dhundee, an Eilean aPhrionnsa, agus an deigh sin ann an Cow Bay, ’s an eilean so. Dhfhàg e an co-thional sinsa bhliadhna 1884, agus bha e air a shuidheachadh aig Ceann-Loch air an ath bhliadhna, far an robh e gu àm a bhàis. Tha moran anns an eilean so, agus an Eilean aPhrionnsa a bha gle eòlach, agus bidh iad duilich sgeul a bhàis fhaotainn.

Ghoid duinòg don ainm Granville Roger ann am Boston, àireamh de dhaoimanan luachmhor air bràthair-athar dha, agus theìch e gu Halifax. Rugadh air anns a bhaile sin agus thugadh air ais dhachaidh e farn do sheas e cùirt Di-luainsa chaidh. Dhaidich e a chionta; bha a bhinn ri bhi air a toirt a mach air an .

Tha sinn an comain na feadhnach a chuir a stigh pàigheadh a phaipeir air an t-seachdain so, agus tha sinn an dòchas gu bheil moran eile a tighinn air an sàiltibh. Tha àireamhan den Choisir-Chiùil againn fhathast, a feitheamh orra-san a choisneas iad. Ma choisinn duine sam bith iad nach dfhuair iad fhathast cuireadh e fios ugainn.

Tha ceannairc air bristeadh a mach ann anArmailt na Slàinteanns na Stáitean. Bha roimhe so mac do Sheanalair Booth, Ballington Booth, ’na cheannard air an Armailt anns na Stàitean; ach o chionn ghoirid dhiùlt e bhi umhail do òrduigheanathar, agus chaidh a chur asàite. Tha e dol a chur air chois Armailt ùr dha féin, don tug en t-ainmArmailt Dhé.”

Thainig duinòg a mhuinntir Chuibeic ri bheatha ann am Piermont, N. H., ’sa mhaduinn Di-ciaduinn. Bha e air a bhualadh le tinneasse ag obair anns a bhaile sin, tinneas a chuir as arian e. Chaidh an a bha toirt aire dha a mach a dhiarraidh deoch dha, agusnuair a bha i air falbh, chuir e crioch air fhéin le peilear. Cha robh e ach bliadhnair fhichead a dhaois.

Tha moran de bhailtean anns na Stàitean an deigh riaghailt a dheanamh, a toirmeasg do chlann a tha fo aois chòig bliadhndeug a bhi mach air na sràidean an deigh ochd no naodh uaireansan oidhche. Tha moran an aghaidh na riaghailt sin, ach chan eil teagamh nach bi i feumail ann a bhi cumail na cloinne o bhig ionnsachadh gach olc a chisa chluinneas iad air sràidean nam bailtean mòra.

Mharbh Seumas Gillios, aig Acarsaid Chloinn Fhionghain, nathair mhor dhubh a sheachdain gus an de. Bha iga grianadh fhéin ri taobh fuarain dhionnsaidh an deachaidh Mr. Gillios a thoirt deoch dha each. ’S ann glé ainneamh a nochdas na nathraichean iad féin cho trath sosan earrach, agus tha na h-Innseanaich ag radh gur a fior chomharradh e gu bheil samhradh tràth gu bhi ann.

Tha trioblaid aig naJoggins Minesa rithist. Tha àireamh mhor de na mèinneadairean gun obair o chionn treis a dhùine, agussa mhaduinn an la roimhenuair a bha aon sgioba dhiubh, a fhuair òrdugh a dhol a dhobair, a dol a mach, dhéirich càch orra le maideans le clachaan, agus ghoirtich iad moran dhiubh. Dhùin iad iad féin an sin a stigh ann an talla, agus thug iad dùbhlan do na maoir a chuireadh gan glacadh. Bha iad mar sin fad dha no tri lathaichean, ach an sgeul mu dheireadh a thainig bha choltas air gu robh iad gu striochdadh, ’s gum biodh gach ni cho sitheilsa b àbhaist da an ceann latha no dha.


AM MART, 1896.

1 DI-DONAICH. II Di-donaichsa Charghus
2 Di-luain. Breith Pap Leo XIII, 1810
3 Di-màirt
4 Di-ciaduin. A Ghrian ag eiridh 6.36.
5 Dior-daoin. A Ghrian alaidhe 5.49.
6 Di-haoine. An Cairteal mu dheireadh dhen t-Solus, 7.15, mad.
7 Di-sathairne
8 DI-DONAICH. III Di-donaichsa Charghus
9 Di-luain. Seisd Lucknow, 1858.
10 Di-mairt. A Ghrian ag éiridh 6.25.
11 Di-ciaduin. A Ghrian alaidhe 5.57.
12 Dior-daoin
13 Di-haoine. An cogadh Ruiseanach, 1854
14 Di-sathairne. An Solus Ur, 6.34, mad
15 DI-DONAICH. IV Di-donaichsa Charghus
16 Di-luain
17 Di-màirt. La Fheill Padruig
18 Di-ciaduin. Breth Ban-Phrionnsa Louise 1848.
19 Dior-daoin
20 Di-haoine. A cheud la dhen earrach.
21 Di-sathairne. Blar Alexandria, 1801.
22 DI-DONAICH. V Di-donaichsa Charghus.
23 Di-luain. (22) A cheud Chairteal den t-Solus, 7.43 mad.
24 Di-màirt
25 Di-ciaduin. La Fheill Muire.
26 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh 5.55.
27 Di-haoine. Bàs an VI Seumas, 1625.
28 Di-sathairne. A Ghrian alaidhe 6.18.
29 DI-DONAICH. Di-donaich nam Pailm
30 Di-luain. Ghlacadh Paris, 1813
31 Di-màirt. (29) a Ghealach làn, 1.08 md


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[294]

[Vol . 4. No. 37. p. 6]

AN GEAMHRADH.

Is e so an trath den bhliadhna anns am bheil dubhachas airfhaireachduinn, oir tha nadur gu h-iomlan a caochladh cruth, agus tha na seallaidhean sin aig an robh comas co mor air aighear as gean as toileachas a dhusgadh, agabhail gu luath seachad. Tha gach lus aseargadh agus acrionadh. Tha na craobhan a bha comhdaichte le deise co lurach ùine co fada acrathadh an duilleagan diubh agus acomhdachadh an lair leis na nithean a thug dhoibh boidhichead roimhe. Na sruthain agus na h-aibhnichean a bha le torman ceòlmhor aruith bho na-h- aonaichean agus ann an slighean cam-lubach ag imeachd air feadh nam fonns nan achaidheantha iad anns a gheamhradh a fas mallnan gluasad agus gu minic than reis air a stad gu buileach. Air maghs air achadh chan eil coslas pailteis no toraidh. Than talamh uile mar gum ann fas. Faodar eadhon a shaoilsinn gum bheil nadur fein sprochdach, smalanach an deigh gnuis thaitnich an t-samhraidh agus pailteas mor an fhogharaidh. Anns an t-sealladh so gu leir, anns an atharrachadh mhor a tha teachd agheamhraidh fhuair ag oibreachadh air feadh an t-saoghail, tha samhladh laidir a dhfhaodas gach neach leis an aill a bheachd a steidheachadh air, ra fhaicinn gu soilleir air seann aois, maille ri trioblaid agus deuchainn. Ged than teachdaire neo-bhaigheil agus fuileachdach nach gabh leth-sgeul no diultadh, trang aig gach am den bhliadhna, anns gach ionad agus am measg uile chinnich na talmhainn; ged tham bàs agearradh sios gun acarachd aireamh mhor den t-sluagh anns gach mios; gidheadh is ann an uair a than geamhradh am fagus a tham boidhichead atreigsinn nan achaidhean, guirmead nam blar agabhail seachad, agus duilleagan nan craobh atuiteam chum an lair, is lionmhoire agus is pailtetha na braighdean a tha air an tasgadh ann an cuibhrichean an-iochdmhor abhais. Tha mar gum bann cumhachd dorcha, dubhach ariaghladh na h-aimsir, afalach nan speuran gorma, adeanamh na fairge luasganach, asiubhal troimh na h-achaidhean, aglaodhaich a mach ann an gaoith stoirmeil na h-oidhche, a goids a spionadh air falbh gu h-obann blàth an t-samhraidh bho ghruaidhean an leinibh agus atoirt air seann aois fein criothnachadh; adol adhionnsuidh iomadh aite adhlaicidh agus aroghnachadh iomad uaigh air son nan daoine a tha tuiteam sios fo chorran geur a bhais. Is e Dia a thagabhail a chuairt bhliadhnails a tional suas nan daoinerainig na laithean ann an tir nam beo a bha air an orduchadh doibh. Tha, mar an ceudna, comh-chòrdadh ra fhaicinn eadar an geamhradh a thacriochnachadh na bliadhna agus agiulan sgeimh mar gum bitheadh nadur fein air call a treoirsa treubhantais, agus eadar an duine aosmhor liath a tha ruigheachd ceann a thuruis talmhaidh, a cheann geal le sneachd nam bliadhnachan; oir chunnaic e nisan tri-fichead bliadhna sa deich.” Chan eil aobhar achomh-chordaidh duilichfhaotainn a mach, do bhrigh gu bheil co-ionannachd air a thaisbeanadh ann an iomadh seadh agus fo iomadh dòigh le oibrean a chruthachaidh gu leir. Chi sinn gum bheil an geamhradh a tha sgeadachadh na talmhainn le trusgan sneachdach, reotagiulan samhlaidh laidir air na laithean liatha-reotha thag iadhadh mu chinn mhoranlaithean a tha nochdadh gum bheil an duine fàs abuich air son na h-uaighe, amhuil mar than t-arbhar trom, tha cinntinn anns na h-achaidhean afàs deas air son corran abhuanaiche.

Ach, ged is e dubhachas an nidhfhaodar fhaicinn an toiseach anns a gheamhradh; ged shaoileas sinn nach eil brigh no math no comhfhurtachd idir ceangailte ris, is eiginn gum bheil e comhlionadh aobhair shonruichte, oir tha e air innsidh dhuinngun drinn Dia an geamhradh.” Tha, mar so, raidh dubhach na bliadhna deanamh maithsa cur air aghaidh criche mhoir air chor-eigin; agus tha na trioblaidean aimsireil a tha air an samhlachadh leis agheamhradh a chum buannachd mar an ceudna, dhoibhsan a thag am faireachduinn.

Faiceamaid co annthan stàth so a co-sheasamh. Ged than talamh a reir coslais a gabhail fois anns a gheamhradh; ged tha cinneas marbh, as lusan as craobhan na macharach air stads air crionadh; ged nach eil innealtruidh a nis idir ann, gidheadh than grunnd a trusadh buannachd bho shuainns bho thamh agheamhraidh. Anns a bhliadhnachaidh seachad, chaidh moran de spionnadh an fhearainn a chaitheamhsa chur gu feum, agus air an aobhar so, tha beairteas aghruinnd nis lugha. Nam bitheadh an talamh air oibreachadh gun tamh, ann an uine ghearr cha ghiulaineadh e toradh idir; cha bhitheadh brigh, no dreach, no buannachd ann.

Tha raidh tosdach na bliadhna, mar so, alionadh suas seirbheis fheumail ann am freasdal Dhe. Leis an t-samhchair a tha air a mealtuin, than tir air a h-uidheamachadh air son barr brioghmhor, trom a thoirt seachad a rithist. Eadhon an sneachd a thag amharc co fuar, agus co mi-chaoimhneil, tha esan a gleidheadh uchd nan achaidhean blàth, agus atoirt tearruinteachd bho gach stoirm as gaillionn don bharr a dhfheumas dubhlachd na h-aimsir fhulang. Le tosdachd agheamhraidh tha mar so gniomh feumail as priseil air a dheanamh. An trath a smuainicheas neach aig am bheil tearmunn as seasgaireachd as dion bho fhuachds bho mhi-chaoimhneas na h-aimsir air a liughad creutair diblidh, truagh aig nach eil fardach no doigh air bith trid am faod iad fasgadh fhaotainn bhon ghaillionn, fasaidh a chridhe tais agus seirceil, agus miannuichidh e comhstadh a dheanamh leo, sinidh e mach lamh-chuideachaidh dhoibhnan eiginn. Mar as fuaire than aimsir afas, is ann as blaithebhitheas cridheachan, dhaoine, agus is iarrtasaiche bhitheas iad air cor an comh-chreutairean a tha ann an inbh as isle agus ann an suidheachadh as truaighethoirt fainear. Bithidh co-fhulangas as momha aig an duine shaoibhir ris an duine bhochd, agus bithidh e ealamh gu cobhair a dheanamh airna theanntachd.

Aidichidh sinn nach e ni caomh no tairis no caoimhneil a tha ann an trioblaid leis am faod sinn a bhi air ar feuchainn. Cuiridh deuchainn snuadh eile air aighear, air geans air soirbheachadh; comhdaichidh geamhradh achruaidhchais samhradh ar sonais le dubhachas an aite aoibhneas, agus le mi-ghean an aite subhachais; tiormaichidh reotha cruaidh na trioblaid na sruthain sheimh bhaigheil a babhaist sonas as toileachas co fior a dhortadhn ar cridheachan. Thig teachdaireachd uamhasach a ghairmeas air falbh ball no ceann teaghlaich, a dhiomaineas air falbh gun iochd, gun truacantachd neach dam bu nos le chàirdeas fior chaidreamach cridheachan a luchd-daimh a dheanamh ait, agus lechomh-luadar stuama, beusach mor mheas as urram a chosnadh doibh; agus chan eil iadsan ach tearc nach amhairc air tachartas mar so mar ni bronach agus



[295]

[Vol . 4. No. 37. p. 7]

muladach. Ach tha dearbhaidhean araon laidir as lionmhor againn nach ann gun run suidhichte eigin, tha cupan sonais an t-sluaigh air a mheasgadh co minic le searbhachd agus le doilgheas.

Chan fhaodar aicheadh gum bheil seadh annseadh muladachanns am bheil an geamhradh eadar-dhealaichte gu tur bho na fiosrachaidh bhronach sin a thationndadh soirbheachadh as sonas dhaoine gu bron, gu dubhachas as mi-ghean. Rioghaich, idh an geamhradh thairis air aghaidh-naduir na h-ùine gnathaichte, agus fadheoidh leaghaidh an sneachd agus an reotha air falbh; mosglaidh gach machair, gach craobh as lus ás achodail dhomhainn anns an robh iad, ath-nuaidhichear aghaidh naduir gu buileach, agus toiseachaidh saothair as dichioll le durachd ur, gus am faicear ann an uine ghearr snuadh dreachmhor aoidheil air an talamh. Ach chan ann idir mar so, a than geamhradh a bheir am bas a dh-ionnsuidh duine no teaghlaich. Aon uairs gum bheil an duine air a thasgadh anns an tigh chumhann, agus tosdach aseulachadh a bhilean, chan ath-nuaidhichear a neartsa bheatha le teachd steidhichte earraich no samhraidh. Coidlidh e ann an suainn nach aithnich bruadar no dusgadh. Ni cluarain an raoin sgiamhach uchd na h-uaighe agus seididh fafan an anmuich thairis oirre, ach chan fhairich fear-comhnuidh an tighe gheamhraidh ni air bith de so. Bithidh, fadheoidh, dusgadh ann anns an liobhair gach uaigh na fhuair i fein. Is ann suilbhir agus aoibhneach a bhitheas faireachduinn an duine aig an robh acheann geal le sneachda nam bliadhnachan a bha air an caitheamh ann an eagal agus ann an seirbhis an Tighearna.

CONA


Chaidh pios fearainn a reic ann an Cornhill am baile Lunnainn, o chionn ghoirid, air an dfhuaireadh pris a reir deich muilleinn dolair an t-acaire. Bha coig bùithean mora air.

Bha duine aig cùirt air son a bhi air mhisg agus mi-riaghailteach. “A phriosanaich,” arsam breitheamh, “Am bheil thu ciontach?” “Tha thus air do phaigheadh air son sin fhaotainn a mach,” arsan duine, “agus dean e. Chan fhaigh thu cuideachadh sam bith bhuamsa.”


MacDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[296]

[Vol . 4. No. 37. p. 8]

(Air a leantuinn on 3 taobh.)

agus chaneil thu gu tur a dheasbhuidh na Beurla, ach rinn thu gu maith. Tha aobhur aig Sir Séumas a bhi fad, ’n ad chomain gun teagamh. Tha mise fadn ad chomaine-sa co dhuibh, a dhuin uasail urramaich, agus bu ro thaitneach leam fios fhaotuinn co a thacur an urraim so orm?

M. —Ma ta, bha sin uile gle iongantach gun teagamh, ach ciod bu choltas da? A reir coltais bha e uair eigin ann an caisteal Shir Seumas aig am na seilge far am fac e thu.

C. —Chan aithne dhomh idir mu sin, oir cha chuimhne leam fhaicinn riamh. Is duine ceanalta, foghainteach, treun e, agus mo làmhsnach be na h-uile fear a chuireadh a dhruim ri talamh. Bealanta, deas a labhradh es a Ghaelic, agus Gaelic nas feàrr cha dthainig riamh á ceann duine? Bha fiamh-ghàire air a ghnùis, —daimhealas gun choimeas adeachdadh a ghiùlain! Ochan! beh duin’ -uasal e, ge be co e!

M. —An drinn thu idir a mach e?

C. —Rinn mu dheireadh. Thachair e orm an ath s a cheart àite, agus thòisich e gu caoimhneil air laahairt mu shean-fhoclaibh, agus air foighneachd dhiom an cual mi sud na sos aGhoirtein-Fhraoich?

M. —Ach cia mar a chaidh agad air fhaotuinn a mach e? An dinnis e dhuit?

C. —Cha drinn e idir e; ach bha dorsair an sin le còta fada gòrm, agus breid dearg mu mhuineal, aig na robh Gaelic agus chunnaic e an duinuasal agus mise alabhairt ri chéile. Chuir mi acheist ris, an robh eòlas aig air! Fhreagair e gun robh, agus ochan! an cliu a thug e air! Cha robh deagh bhuaidh fon ghrein a burrainn a bhi air duine nach robh diù-cheangailte ris, agus mu dheireadh thubhairt e gum bu Sgitheanach e de chionn Neachdail, agus gun robh en a Shiorra an taobh deas na h-Alba.

M. —Ach cia mar a baithne dha thusa, a Choinnich, duine nach fhac e riamh roimhe?

C, —Innsidh mi sin dhuit. Bha es achùirt, —chual e mainm, agus màite-còmhnuidhn am dhoibh a bhig am cheasnachadh, agus mar spòrs dha fein rinn e suas rium mar a chuir mi an ceill. Ach mile beandachd air a cheann, agus ms beò mise cuiridh mi thuige fathast am fiadh as fearr ann am frith Shir Seumas, agus sin mas comas domh gach bliadhna.

M. —Tha e anmoch, a Choinnich, rachamaid a nis mun dleasnas fheasgair againn, agus thugamaid ar leapann an oirnnn a thrath le beanachd.

ALASDAIR RUADH,— ’sa Ghaipheal.


Thug min Oidhchen Raoir Sunndach.

Thug min oidhchen raoir sunndach
Beatadh dlùth ris achaladh,
Gus an dràinig min t-àite
Far an dfhàg mi mo leannan,
Fhuair misisi pòste
Ri fear òg aig abhaile,
Le snaim dhainghinn nach fhuasgail,
Dhfhagas truagh mi rim mhaireann.

S truagh nach robh mis mo leannan
Ann an gleannan acheobain.
No an iomall na coille,
Far an goireadh an smeòrach;
Bhiodh mo làmh, a ghaoil, tharad,
S mo cheart airair do phògadh,
S an làmh eil’, a ghaoil, sinnte
Fo dchùl snìomhain donn, bòidheach.

Chiall a mhnathan an t-saoghail,
Cuimnach faodadh tu falbh leam?
Dean deas do chuid aodaich,
S gum faodamaid seòladh.
Gheibh sinn bàtar toirt thairis,
S gillean gradchuireas seòl rith’,
S théid sinn thairis a dhEirinn,
Far nach eubh iad rim beò sinn.

Ach ma chaidh thu, ghaoil thairis,
S nach leannan thu dhòmhsa,
Gun cluinn miga aithris,
Gur neach air deagh dhòigh thu,
Le crodh druimionnus guaillionn
Air da bhuaile mar chòmhla;
Nighean eilegan cuallachd,
Us thusa fuaigheal ad sheòmar.

Mo mhallachd air gach duine,
Rinn ar cumail o chéile;
Tha mim bliadhnas an uiridh
Fo mhulad mu ddhéighinn;
An toll chaidh am chridhe,
Cha dean lighichean feum da,
Gus an téid misan anart,
Us fo sparradh na déile.


BAIS.

Air taobh deasan Eilean Mhòir, air a cheathramh latha dhen Mhàrt, Eachunn I. Mac-Gill-fhinnein, mac do Dhomhnull Mac Gill-fhinnein, seachd bliadhna fichead a dhaois. Chaochail bràthair dha ann am Montana o chionn da bhliadhna. Fhuair iad galair am bàis ann am muillean pronnaidhquartzanns an robh iad ag obairsan dùthaich sin. Bha iad gle mheasasl aig na h-eòlaich uile.

AigMan -o’ -War Point,air an Eilean Mhor, air an naodhamh latha dhen Mhàrt, Peigi Nic Amhlaidh, aois sheachd bliadhndeug, agus air an darra latha deug, Johanna Nic Amhlaidh, aois ochd bliadhna fichead; nigheanan Sheumais Mhic Amhlaidh.


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers; &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE

titleIssue 37
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 37. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page