[297]

[Vol . 4. No. 38. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 28, 1896. No. 38.


Litir a Lunnainn.

A DHEAGH CHARAID: —Nuair a leugh mi ann am MAC-TALLA an t-iomradh mu dheidhinn nan sgoilean ann an Nobha Scotia, is ann a bha minntinn trom, muladach, a smuaineachadh nach robh aon fhacal Gàidhlig air a theagasg annta. Chan eil e furasda chreidsinn gum beil na Gàidheil riaraichte a bhi faicinn an clann afàs suas mar Shasunnaich agus an inntinnean air an lionadh anns na sgoilibh, le droch bharailibh Sasunnach. Tha mi gle thoilichte a ràdh gum beiltear adeanamh gluasad mu dheireadh maraon anns à Ghàidhealtachd agus ann an Sasunn airson Comuinn no Co-cheangal Gàidhlig a chur air chois. Am Priomh chomunn gu bhi anns aGhàidhealtachd agus meuran anns gach àite feadh an t-saoghail far am bi feadhainn aig am beil aGhàidhlig. Tha leithid so de chomunn aig na h-Eirionnaich a cheana, ged a bhuineadh duinne an toiseach a ghabhail anns achùis. Is mor am beud gum beil eadar-dhealachadh cho mòr eadar ar dòighean sgriobhaidh; oir nam burrainn duinn dol còmhla anns an aon chomunn, cha bhitheadh uile chumhachd Shasuinn comasach air aGhàilig a chumail as na sgoilibh aon latha eile. Bàbhuist do na Sasunnaich oidheirp a dheanamh air cànain gach cinneach eile a chur as, agus an cànain féin a churna h-àite. A nis, bu chòir do gach Gàidheal deanamh direach mar sin airson a chainnt féin, agus ann an car ùine gheibheadh aGhàidhlig am meas agus an inbhe a bu chòir di fhaighinn. Cha-n urrainn domh a thuigsinn car son a tha mo luchd-dùthcha ionmhuinn cho toigheach air sodalachd nan Sasunnach. Shaoileadh neach gun do rugadh sinn a chums gum bitheamaidnar tràillean daibh. Is i mo bheachd-sa gum beil sinne cho math ri cinneach sam bith air thalamh, agus mar sin, chan eil aobhar ann gun cuireadh sinn ar cànain mhilis, bhinn cheòlmhor air chùl, a chionn nach toigh leis na Sasunnaich i. Tha mise gu math eòlach air na Sasunnaich agus tha mi làn chinnteach, nach faigh sinn ceartas uapa cho fada agus a bhitheas sinn eagalach gealtach. Cha tug iad riamh agus cha dthoir iad gu bràth, rud sam bith air sgàth acheartais, ach ma sheasas sinn dànanan aghaigh, agus ma chuireas sinn dragh orra mar a rinn abhantrach liosda air abhreitheamh (LUCAS XVIII) gheibh sinn na nithe a tha dhìth oirnn. Tha min dòchas gum faic mi fathasd iomradh ann am MAC-TALLA gum beil gluasad ann an Antigonish a thaobh sa Gàidhlig a leigeil a stigh do na sgoilibh agus gum beil ar caraid ionmhuinn, urramachAonghusaig a cheann. Co dhiubh, cho fada agus a bhitheas MAC-TALLA maille rinn, faodaidh sinn a ràdh,

Mhair i fòs
S cha dteid a glòir air chall,
A dhaindeoin ghò
Us mi-run mòr nan Gall.”

Le ceud mile beannachd. Is mi ur caraid dìleas,
LAMH LAIDIR.
Lunnainn, 14, 3, ’96.


TURUS A MHARAICHE.

LE EOBHAN MAC LAOMAINN, M.A. ,D. D.

CAIB VIII.

Dhfheòraich Criosduidh de Thuigse an robh dad de dheòlas aig air Deadh Choltas, agus fhreagair esan, “ ’Se Babilonianach a thann, agus bhuinneadh Oighreachd Fearann Clachach dha; bha eagal air gun cailleadh e a chuid gu léir nam bitheadh Babilon air a losgadh suas, uime sin reic en oighreachd, agus ghiulain e leis an t-airgiod. Air dha iomradh a chluinntinn mun t-saoghail ùrthog e air gu dol ann, ach cha robh seirbheis Emanuel taitneach leis. Bha gradh aige dha ainm Maraiche, ach cha robh urnuigh, moladh, agus irisleachd anam tlachdmhor leis. AigRiarachadh saoghaltaphòs e bana-charaid dhan Ridire Iudasa labhair gu cothromach uime ris a Phrionnsa Dhubh, agus fhuair e bhi na sgiobair airSeann FheòlmhoireachdCha robh e dad ni bfhearr na Spuinneadar. Iadsan aig am bheil ainm an Tighearna, agus a philleas a thaobh, fasaidh iad deich uairean nis nan clann uile, na iadsan nach drinn aideachadh riamh. “Ach ciod a dhéirich don sgioba?” dh-feòrich Criosduidh. “Ghradhaich iad tuarasdal na h-eucoir, agus chaidh iad a dhith, mat a theid gach neach nach dean aithreachas tràthail.” “Carson a dhiùlt iad tròcair a chaidh thairgse dhaibh?” “Do bhrigh gun robh iad uamhreach agus air at suas; dhall am peacadh an sùilean agus cha ghabhadh iad slàinte mar gheibhtbho Imanuel. “Tha aon ni fathasd agam ri fheòracharsa Criosduidh, “mhothaich mi Teachdairean dol gu caisteal aPhrionnsa Dhuibha dhinnse dha mu thimchiollSeann Fheolmhoireachd,” gidheadh cha dthainig chum a cuideachaidh. An innis thu dhomh car son?” “Nach eil fios agad,” fhreagair Tuigse. “nuair nach urrainn Sàtan tuille buannachd a dheanamh as a thràillean, tha e cur cùl riutha, agus a leigeil daibh dol a dhith. Ach bidh air dfhaicill, oir cosmhuil ri athair tha e dol mun cuairt mar Leòmhann bheuchdach a sireadh co dhfhaodas e sgrios. Is lionmhoire iadsan a tha leinn na iadsan a tha leosan,” Dhealaich iad.

Tha aig sluagh nan Stàitean Aonaichte ri ceann-suidhe a thaghadh air an fhoghar sa tighinn, agus tha iad a cheanag obair gu trang asireadh a mach dhaoine a ruitheas air son na dreuchd. Chan e gu bheil daoine tha toileach ruith gann idir, oir tha aon leth-dusan dhiubh anns gach páirtibh, achs i cheist mhor m fear as treise dhiubh. Chan eil Cleveland a dol a ruith idir.



[298]

[Vol . 4. No. 38. p. 2]

AIR AN DUIRTICH.

(An Gaidheal, 1874.)

Bha toil mhor agam o chionn iomadh latha dol a dh-ionnsuidh na Duirtich. Cha robh iongantas ann. Rugadh as thogadh mi an sealladh na creige. Chiteadh asgeir o dhachaidh mòige, cruinn, maol, asnàmh gu socrach air uchd achuain mhoir an uair a bhiodh an aimsir siochail; ach“ ’n uair dheireadh gaillionn a chuan ard,” bu ghreadhnach agus buamhasach an sealladh a bhig amharc air na tonnan buaireasach asior shlachdraich air achreig, ’sa sior thilgeadh an onfha fein ceudan troidh do na speuran. Bi asgeir aonarach dhubh, ud, sia mile deug a machsa chuan, an aon bhòcan air son smachd a chumail air cloinn bhig anns achearnsan do thogadh mi. Cha robh taibhse, no manadh, no glaistig, no ban-shith, roimhn robh a leithid de dheagal againn. Mur gabhadh tu do bhiadh an uair a dhiarrteadh ort, rachadh fhagail air an Duirtich; ni sam bith a bhiodh a dhìth ort, mur biodh toil a thoirt dhuirt, bha e air sn Duirtich; agus mur deanadh tu gu h-ealamh gach car a bhiodh airiarradh ort, rachadh do chur air an Duirtich. Tha e duilich leam a chreidsinn gun robh asgeirna culaidh-uamhais ni bu mho don t-seoladair a bu ghealtaichesa Chabhlach Bhreatunnach, na bha i dhomh fein cuig-bliadhna-fichead roimhe so. Gun teagamh, an inntinn an t-seoladair, bhan Duirteach co-cheangailte rioidhchean dorcha, luingeasg am briseadh, mnathann am bantraichean, ’s clannnan dìlleachdain; agus dhomhsa cha dhùisgeadh i ach cuimhneachain air brochain fhuar, leasain gun ionnsachadh, ’s laoighsa ghart: ach, a charaid, ’s beag t-eòlas air nadur nan òg, ma their thu gu bheil coguis chiùrrte agus gu sònruichte broinn fhalamhn a ni faoin, soirbh a ghiulan do aois naoi bliadhna de bhalach na chorp shlàinte. Bho chionn beagan bhliadhnaichean chaidh tigh-soluis ceutach a thogail air an sgeir, agus bhaso aobhar eile air son dol a chur eolais ni bu dluithe air mo sheana bhana-charaid (no bhan-nàmhaid). Cha luaithechaidh iomradh air an turus cuain so, no rinneadh suas a thiota da chuideachd. Chaidh da bhirlinn chomasach a chur nan uidheam; agus bha sinn a feitheamh, le uiread foighidinnsa dhfhaodamaid, ri latha freagarrach air son na slighe.

Mochsa mhaduinn air an t-seathamh-latha-deug de mhios deireannach an t-samhraidh a chaidh seachadthog sinn na siùil bhaidealach, bharra-gheal ri croinn fhada fhulangach, fhiughaidhna Maighdinn Orasaichsa bana-chompanaich ann am Port-na-feamanta. “Bha soirbheas beag, lom againn mar a thaghamaid fein.” Bha sinn earbsach as ar teomachd fein, ’s gu h-araid as aMhaighdinn,

Nach eil bàtan taobh so Chluaidh
A bheir a fuaradh thar a sroin.”

Bha sinnsa Mhaighdinn seachdnar a chuideachd, a rugadhsa dharaicheadhs an aon sgireachd. Chaidh seisear dhinn iunnsachadhsan aon sgoil; ’sian aon t-slat a smachdaich sinn. Bhan t-seachdamh air an t-saoghal ginealach roimh chach, ach, mo bheannachd air, be roghas tagha an fhir-thuruise, air muir no air tir; oir,

Ged nach dean e fidhleireachd,
Sgriobhaidh e as leughaidh,
S air mfhacal, ni e searmoin dhuit,
Nach talaicheadh neach fon ghrein oirr’ .”

Bha sinn nar cuideachd cho sunndach, thuigseach, ’s a gheibhteadh air latha samhraidh; air coinneachadh aon uair eileaig an tighdhurachadhsa neartachadh eolas as tlachd air n-òige. Chaidh, gun teagamh, gach aon againn roimhamhuinn theinntichfein, agus bu shona esan, ma bha e ann, a fhuair an amhuinn air a teasachadh ni bu mho le ordugh an Righ na ledheanadas fein; ach an deigh gach dathadh a rinneadh oirnn, bha sinn fhathasd an treun air neirt, le ar misneach laidir, cridheachan blath, agus sinn gaolach mu chomunn a chéile air dhoigh nach faighear, saoilidh mi, ach an eileana beaga na Gàidhealtachd a mhain. Rugadhs thogadh sinn taobh na mara; bu choingeis leis gach fear againn stiuir, ramh, no taoman; ’s gheibhteadhn ar cuideachd sgeul, iorram, no searmoin. Feudar a bhi cinnteach gur iomadh cuimhneachan a chaidh a dhusgadh, naigheachd a chaidh innseadh, oran a chaidh a sheinn, ceist a chaidh a chursa fhreagairt; ’s gur iomadh focal maith Gàidhlig a chaidh a sgoltadh, re nan tri uairean a thug aMhaighdeanna gearradh a h-astair feadh thonn, gun churam,” o chladach bearnach Cholasa gus an Duirteach.

Bha uiread othailnar measg a ruigheachd na sgeires ged abhitheamaid adol a thoirt a mach baile-daighnich. Bha stri co bu luaithebhitheadh air tir. Chaidh ar beathadheanamh gu cridheil le fir an tigh-sholuis; ’s bu mhor ar moit an uair a dhinnis iad dhuinn gum bu sinn acheud chuideachd, a mach o luchd riaghlaidhs luchd-freasdail, a chaidh a dhaon ghnothuch gam faicinn on a thogadh an tigh. Chaidh an t-slige mun cuairt, ’s ol air slàinte na Duirtichsa luchd-àiteachaidh.

Tha chreag da cheuds da fhichead troidh air fad, deichs sia fichead troidh a leud, ’sag eiridh á doimhneachd achuain mu dheich troidhean fichead os cionn airde a mhuirlain. Chan eil tanalach abriseadh cumhachd na fairge mun cuairt di, ach a mhain tri sgeirean beaga air an taobh an Iar a chithear ri isle-mhara. Chan eil sgeir air an deach togail a dheanamh ceithir thimchioll Bhreatuinn air an dfhairicheadh buille na fairge cho trom. Leis gach asaig a burrainn innleachd as airgiod a chur an comas luchd-togail an tighe, cha dfhuair iad air tir air asgeir a cheud bhliadhna a thoisich an togail ach seachd latha fichead, ochd latha deug thar fhichead an ath bhliadhna, tri fichead an treas bliadhna, agus mu thri fichead gach bliadhnana dheigh sin. Chithear a chreag air a treabhadhs air a sgolbadh, geds cruaidh a gné, le cumhachd na fairgedearbhadh laidir air cho deanachdachsa tha buille na tuinne a tha briseadh oirre.

Is e tigh-soluis na Duirtich am fear mu dheireadh a chuireadh suas anns an t-sreath a thacoinneachadh luingeis a thig on chuan air iar-bhord na h-Alba. Maol-Chinntire, Port na h-aibhne, Duirteach, Sgeir mhor nan ròn, Ceann deas Bharra, Haoisgear, Ceann tuath Leoghais, —gach aon o oidhche gu oidhche atilgeadh a mach don chuan a sholus dealrach fein an coinneamh amharaiche, acur failte air do dh-Albainn, ’sga threorachadh air a shlighe. Tha solus an Duirtich mu sheachd fichead troidh air airde; solus làidir, seasmhach (mar their na maraichean,) adearrsadh geal ris an airden-iar, an airde-deas, ’s an airde- ’n-ear; ach dearg ris an airde-tuath. Anns abhliadhna 1867 thoisich an t-ullachadh air son na togalach. Anns an ath bhliadhna chladhaicheadh steidh an tighe. Bha chlachaireachd criochnaichte ann an tri bliadhna eile,



[299]

[Vol . 4. No. 38. p. 3]

agus ann an geamhradh 1872 bhan solus laiste, gun sgiorradh gun dochann air neach den luchd-obair.

Ciosnaichear Nadur le geilleadh dhi,” —is fior an radh so; agus bfharsuing, geur-sheallach inntinn an fhir a chuir an fhirinn an cainnt. Chaneil e farasda dearbhadh is laidire fhaotainn air aghnath-fhocal na gheibhear abeachdachadh air tigh-soluis na Duirtich. Is e crioch araid tigh-soluis, an solus is neartmhoire anns an togail is tearuinte. Is iomadh lagh Naduir air am feumar a bhi mion-eolach, agus dam feumar geilleadh mun toirear a chrioch so gu deagh bhuil. ’S ann air a gluinean a thug esan buaidh a dhealbhs a chriochnaich tigh-soluis na Duirtich. Tha steidh an tighe domhains achreig. Chaidh gach clachs an togail a chladhach, a thomhas, a chuimseachadh, ’s oibreachadh an Eilean-Earraid an iochdar Mhuile, far a bheil a nis dachaidh luchd coimheads luchd freasdail an tighe. Se mile deug air falbh on chreig, chaidh gach clach a chothromachadh, gach aon air son a h-aite fein. Chan eil seol no innleachd a fhuaireadh a mach nach robh air a chleachdadh a chum na clachan a cheangal ri chéile air an doigh a bu laidires a bu diongmhalta. Bha gach aon air an eagadhs air an ealpadhna chéiles air an tàthadh leis a ghlaodh a bu teinne greim; air chors gu bheil an tur ard a nis cho laidirs cho seasmhachs ged a baon chlach e o mhullach gu bonn. Agus than t-eolass an t-seoltachd cheudna air an cleachdadh, ’s neo-ar-thaing cho buadhmhor, air son neart as tearuinteachd an t-soluis.

Adireadh gu mullach an tighe, tha os cionn deich troidhe fichead dan t-slighe air faradh prais a tha sinte ri cliathaich an tuir, agus, gun teagamh, is feairde duine suil as lamh as cas chinnteach a bhi aige mun teid es an fhàradh. ’N a deigh so than tur fosgailte, ’s than direadh air an taobh a stigh le seachd staidhicheangach te mu dheich no dusan troidh air airde. Tha chuid fhosgailte den tigh air a roinnn a sheachd urlair; ’s gach aon air a chur air leth air son a ghnothuich fein. Seomraichean cadail as suidhe don luchd-faire; aitean-tasgaidh air son gach goireas a bhitheas feumail do na daoine, ’s gach ni a bhitheas a dhith air son an tigh a chumail laiste agus glan; —gheibhear so anns na urlair is isle. Os an cionn sud tha clag trom a bhithear aseirm ri am ceò, ’s a chumar abualadh le bhi niss a risg a thoinneamh mar nithear air uaireadair; glaineachan as innleachdan air son a bhig innseadh teas na side, luathas na gaoithe, ruith na tim, ’s a leithide sin. Am mulladh an tighe tha seomar an t-soluis, agus is leoir a radh nacheil innleachd no seol air an dfhuair luchd-eolais greim gus an latha a chaidh an solus a lasadh, nacheil cuideachadh is urrainn curam a dheanamh le eolas on am sin, nacheil air an cleachdadh air son cumhachd agus cinnteachd an t-soluis a mheudachadh. Le mor-chaoimhneas threoraich am fear-faire sinn troimhn tigh, agus le mor-thoinnisg chomharraich e mach gach aite gach innleachd a bhann.

Bho mhullach an tighe than sealladh mun cuairt farsuing, greadhnach ach neo-chumanda. Chithear Tirithe, “tir iosal an eornaasgaoileadh a mach ris an iar-thuath; ’s an ear-thuath chithear I-Chaluim-Chille, sgarte oMhuile nan craobhle caolas mu mhile air leud, ’s asealltuinn mar chunnaic Calum-Cille fein en uair bha eseoladh seachad air an Duirtich tri cheud deug bliadhna roimhe so, ’n a dhachaidh thearuinte don t-soisgeulach ann an linntibh borb, ’s cho iosals nach faicteadh Eirinn thar achnuic a bairde dheth; airn ear fearann Cholasa a luidhe iosal fo bheanntan riabhach Dhiùra, ’sIle ghlas an fheoira teicheadh air falbh a dh-ionnsaidh na h-airde deas. An cuan mor fosgailte on airde- ’n-iar, lethuinn air an la ud, aglasadh gu seimh mun sgeir a bha rifaicinn fothainn corrach, dubh, le birlinn air acair air gach taobh dhi. Ag eisdeachd ri osna throm na fairge air achreig, shaoileamaid gu robh an cuan mor, mar ghaisgeach treun, aleigeadh a sgios, ’s acruinneachadh tuilleadh neart a chum a bhi ag urachadh a chath ris asgeir, a thòisich air amhadainnair an do chruinnicheadh na h-uisgeachan a ta fuidh neamh a dh-aon aite, ’s an do leigeadh ris an tir thioram.” Cia mor an leir-sgrios a rinneadh on sguabadh an ar-fhaich son toiseach, cia lionmhor beatha a chaidh a chall, cridhe a chaidh a bhriseadh, ’s teaghlach a chaidh an culaidh-bhroin, bithidh fios a mhainan uair a bheir an fhairge uaipe na mairbh a bhitheas innte.”

Beigin tearnadh. Sgriobh sinn ar nainm, mar is gnath le luchd-tathaich, ann an leabhar a thair a ghleidheadh air son aghnothuich so. Sgaoil sinn beagan mhionaidean air asgeirgach aon titheach air son cuimhneachan a bhi dhachaidh leismir den chreig, bàirneach, duileasg, ni eigin a ghabhadh toirt air falbh; agus chruinnich sinn a ris a dh-fhagail beannachd chairdeil aig na fir chaoimhneil, thuigseach a thagleidheadh an tighe, ’s a dh-oldeoch an doruis.” Bhan t-am achreagfhagail. Bhan t-slighe buan; cha robh a ghaoth ach lag, agus na bhann cho direachn ar n-aghaidhs a burrainn di seideadh.

Bhan tilleadh fadalach; ach bha chuideachd sunndach. Thuit dalla-bhrat na h-oidhche oirnns sinn fathasd moran mhiltean o cheann ar turais. Dhealaich sinn feins ar bana chompanach. Dheirich aghaoth; dhfhas aMhaighdeann, a bha cho morasda re an las an fheasgair, sunndach, curaideach; ’s thug min aire gun dfhuiling i don fhairgemholach, cheannaghlasa beul a phogadh gu trics an dorcha. Ged nachsgoilteadh i cuinnlean caol coirce le fheobhass a dhfhalbhadh i,” cha robh i fadag ar giulan gus achaladh,

A tha crom mar bhogha air ghleus,
A tha seimh mar uchd ghaoil.”

Cha robh ar bana-chompanach fadan ar deigh. Chaidh aglaine uair eile mun cuairt: agus sgaoil a chuideachd; —am fear a bu ghlicen ar measg ameas gu robh an la air a dheagh chaitheamh, ’s am fear a boige dearbhta nach di-chuimhnich en turas fhads a ghleidheas cuimhne a h-aihe am measg buaidheaninntinn.

D. MK.


Buinidh am bonn airgeid as sine thair an t-saoghal do na Sineich. Tha àireamh de na buinn sin rim faotainn, agus tha iad atomhas o aona phunnd gu coig puinnd am fear. Tha na buinn a thaca ann an Sinasan Corea an diugh a cheart cho trom sin. ’N uair a theid duine don bhaile cheannach bathair, feumaidh e paidhir dhamh a thoirt leis gus an t-airgead a ghiulan, agus am bathar a gheobh e air son an lòid sin, theid aige air a thoirt dhachaidhna laimh.

Cha dean aon chirein duine slàn, ’s cha dean aon sàth duine reamhar.



[300]

[Vol . 4. No. 38. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, AM MART 28, 1896.

Tha Pàrlamaid Chanada ri bhi air a sgaoileadh air acheathramh latha fichead dhen ath mhios; than Riaghladh an deigh a dheanamh a mach gu bheil i abasachadh air an latha sin. Tha gach pàrlamaid air a taghadh air san còig bliadhna, agus bidh na còig bliadhna aice so a mach an uair sin. Bidh aig an dùthaich uime sin ri pàrlamaid ùr a thaghadh tràthsan t-samhradh. Thatar ag obair air abhill a thaobh sgoilean Mhanitoba fhathast, ach tha coinneamh aig teachdairean on da riaghladh ann aWinnipeg anns na lathaichean so, agus tha dòchas aca gun gabh a chùis réiteach air dhòigh a chòrdas ris gach taobh.

Tha paipearan naigheachd a thainig as a Ghàidhealtachd air an t-seachdain so, ag innse gu bheil iadsan a tha ann an ùghdarass na h-Earadh a bruidhinn air tri cheud tigh croiteir a losgadh. Tha iad air son so a dheanamh a chionn nach eil na taighean fallain, agus gu bheil fiabhrus gu tric a bristeadh a mach am measg an t-sluaigh a tha còmhnuidh annta. Tha iad aig an àm cheudna a cur rompa iarraidh air riaghladh na rioghachd cuideachadh a dheanamh leis an t-sluagh ann an togail thaighean ùra. Tha cuid de na paipearean gu fadan aghaidh losgadh nan taighean. Tha iad ag radh gum biodh ena ghniomh ro bhorb, agus gu robh tuilleadh sa chòir den obair sin air a dheanamh anns na h-Earradhs ann an ceranan eile den Ghàidhealtachdsan àm a dhfhalbh. Nan robh na croitearan air ceartas fhaotainn, cha bhiodh iad an diugh an taing an riaghlaidh air son taighean ùra chur suas; cha mhò bhiodh iad acòmhnuidh anns an t-seòrsa thaighean anns am bheil iad. Ach cha dfhuair iad ceartas, agus tha bhuil sin orra. A chuid sin dhiubh nach deach fhògradh as an dùthaich chaidh an cur do gach mir bu mhiosa dhen fhearann, far nach gabhadh caoraich no féidh beathachadh. ’S e sin is coireach iad a bhin diugh anns abhochduinnsam bheil iad, agus ma than riaghladh air son an toirt as a bhochduinn, ’s fhearr dhaibh fearann a thoirt dhaibh is urrainn daibh obrachadh, agus air am bi e comasach dhaibh am beòlaind a dheanamh.


Gaidheil Ghlinn-Garaidh.

A CHARAID: —Tha mi ann a so a curg ad ionnsuidh àireamh na fineachan Gàidhealach uile ach glè bheag, a tha ann an Glann-a- garradh an Ontario, gun tri bailtean a tha ann a chunntas idir, Baile Alexandria, Maxville, agus Lancastir. Aiream gach fine air leth mar a leanas: —Clann Domhnuill 632; Clann Mhic Ille Mhaoil, 122; Clann Mhic Leòid, 116; Clann Ghill-innean, 99; Clann Mhic Rath, 96; Clann Chaimbeil, 73; Clann Chamshron, 68; Clann Uaraig, 55; Frisealaich, 54; Clann Mhic Cuthaig, 49; Clann Fhionghain, 47; Clann Mhic Ille-Bhràth, 39; Clann Ghriogair, 38; Clann Chrimein, 67; Robarstanaich, 32; Rothaich, 31; Moireastanaich, 30; Clann Artair, 29; Clann-a- Leise, 29; Clann a Phi, 28; Deuirich, 28; Clann a Phearsain, 25; Feargastanich, 25; Siosalaich, 24; Clann Mhic Neachtain, 23; Clann Mhic Labhrainn, 19; Clann Mhàrtinn, 18; Iasgairich, 18; Clann Mhic Coinnich, 18; Clann-an-t- Saoir, 17; Clann Mhic Aoidh, 15; Catanaich, 13; Clann-a- Mhaighstir, 11; Clann Mhic Cormaig, 10; Clann Mhic Suain, 9; Clann Mhic Ascuill, 6; Clann Neill, 5; Clann Mhic Cullach, 5; Clann Mhic Cuinn. 3.

Bha aimsir gle fhuar agus fhiadhaich le cur sneachda agus cathadh bho thoiseach a mhiossa chaidh gu a so fathasd. Le cho fuarsa tha an t-side fuireach chan fhaigh muinntir siùcar na coille a dheanamh cho tràthsas minic a rinneadh e. Tha gach ni gle phailt agus saor ann an so, ach feur agus fodar. Bha feur ga reic dusan dolair an tunna fad a gheamhraidh, ach tha e beagan nas saoire bho chionn seachdain air ais.

Beannachd leat an la a chis nach fhaic.

Do charaid,
Fear Naidheachd.
An Mart, 20mh la 1894.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC:
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B



[301]

[Vol . 4. No. 38. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha stoirm mhor shneachda ann an Ontario deireadh na seachdain sa chaidh. Cha do ruith an carbad-iaruinn eadar Toronto us Ottawa fad cheithir latha leis na bha de shneachda air an rathad.

Chaidh tighna theine ann an Danville, an Cuibeic, oidhche Shathurna sa chaidh, agus chaidh triùir chloinne a losgadh. Bha tri teaghlaichean afuireachsan tigh, agus bhuineadh dithis den chloinn do aon duine. Bha iad eadar deich us dusan bliadhna dhaois.

Tha na mèinneadairean anns naJogginsan deigh a dhol a dhobair. Bha iadnan tàmh o chionn faisg air tri miosan, agus tha iad a nise gu ire bhig agabhail leis na ceart thuarasdail a bha luchd-seilbh na mèinne atairgse dhaibhnuair a sguir iad a dhobair. ’S ann gle ainneamh a tha sgur a dhobair mar sid adeanamh feum.

Tha fear Hiram H. Moireastan, a mhuinntir Nobha Scotia, an sàs ann am Boston air son a bhean féin a mhurt. Dhaidich e an deigh a ghlacadh gun do chuir e crioch oirre, ’s gur en dòigh a ghabh e dhi a tachdadh lelamhan. Tha e suas ri tri fichead bliadhna dhaois. Tha e coltach nach robh e féinsa bhean réidh ri chéile o chionn treis a dhùine.

Chaidh gille beag a ghlacadh ann am Boston an la roimhe, a dhaidich gun do chuir e teine ri naodh taighean anns abhaile an taobh a stigh de sheachdain. Tha eg radh nach eil toil sam bith aige cron a dheanamh, ach gun tig crith air aig uairean agus gu feum e teine lasadh. Na teintean a las esa bhaile, fhuaireadh an cur as mun drinneadh milleadh sam bith leotha.

Tha eaglais ùr Chaitliceach ri bhi air a cur suas ann am Mabou air an t-samhradh sotighinn. Tha i gu bhi ceud us da throidh dheug a dhfhad, leth-cheud troidhsa sia a leud, agus bidh a chrois air bàrr an stiopuill seachd fichead troidhsa sia deug on làr. ’N uair a bhios i ullamh, bidh i air aon de na h-eaglaisean as mothas as briagha air an eilean.

Chaidh tri duine deug a mharbhadh ann am mèinn ghuail ann an Dubois, am Pennsylvania, ’sa mhaduinn Di-luain sa chaidh. Spraidh gas a bhair cruinneachadh far an robh iad acladhach a ghuail, agus chaidh aona chuid an marbhadh no am mùchadh. Bha ceathrar eile anns amèhinn aig an àm, ach bha iad sin astar math on àite anns an deachaidh am companaich a mharbhadh, agus fhuair iad as lem beatha.

Tha Sina an deigh ceithir fichead mile gunna a cheannach ann am Bavaria air son a cuid shaighdearan armachadh. ’Se dolair am fear a phàigh i orra. Tha eagal oirnnnuair a theid a cuid shaighdearan a chogadh leotha, gu faigh iad a mach gun do chosg iad barrachdsa bfhiach iad. Cha mhor a ni iad an taca ris na h-innealan-sgrios leis am bheil saighdearan dhùthchannan eile air an armachadh.

Thàinig bàs gle aithghearr air an Dotair Mac-a- Phearsain, ann an Sidni Tuathsa mhaduinn Di-luain aa chaidh. ’Se cansair anns am amhaich a thug a bhàs, agus bha e aig obair gu beagan uairean mun dthainig a chrioch. Bha ena dhuine air an robh meas mor aig gach aon a fhuair eòlas air. Rugadh e air am Amhuinn a Deas, an Antigonish, ’sa bhliadhna 1847. Bha e mar sin da fhichead bliadhnasa naodh a dhaois. Chaidh a thiodhlacadh Di-ciaduin.

Tha làn dhùil aig daoine gum bin obair anns na mèinnean guail air an t-samhradh sa tighinn gu math nas fhearr na bha i air an t-samhradh a dhfhalbh. Tha luchd-seilbh nam mèinnean an deigh roinn mhor ghuail a reic cheana. Reic iad eadar leth-cheud us tri fichead mile tunna ri rathad-iaruinn ann am Maine, far nach do reic iad tunna an uiridh, agus tha iad am barail gu reic iad barrachdsa babhaist daibh ann an Cuibeics am Montreal. Ni sin timeannan gu math nas fhearr an Ceap Breatunn na bha iad an uiridh.

Oidhche Di-mairt sa chaidh, chaidh seana bhoirionnach, bean AlasdairIc-an-Tòisich alosgadh gu bàs ann am baile Phictou. Bha i fheinsa fear-pòsda afuireach ann an tigh an teis-meadhon a bhaile. Thatar adeanamh a mach gun do ghabh a h-aodach teine, ’s i timchioll air an stòbh, agus mun dfhuair a fear eigheach air son cuideachaidh gu robh i air a losgadh gu bàs. Bha a corp air a losgadh gu dona. Bha i gle fhaisg air tri fichead bliadhnasa deich a dhaois. Tha Mac-an-Tòisich féin nas sine na sin agusna dhuine gle lapach.

Fhuaireadh nighean dom bainm Anna Nic Grath marbh ann an tigh am Philadelphia feasgar Di-luain. Rinn na lighichean a mach gu robh i marbh ceithir uairean fichead mun dfhuaireadh i; agus nach bu bhàs nàdurra a thainig oirre idir. Bha i cumail taighe comhla ri fear Langdon, agus tha esan air a ghlacadh. Chan innis luchd acheartais car son a ghlac iad e, achs i bharail a tha measg dhaoine gur ann a chionn gu bheil amhrus aca gu robh làmh aigena beatha. Tha Langdon na dhuine mor am measg luchd-airgeid a bhaile. Tha e na cheann-suidhe air cuideachd aig abheil moran de mhèinnean-guail na Stàite fon làimh.

Thaìnig seòladair Gearmailteach air tir ann am Parsborro, N. S., as t-samhradh sa chaidh, agus ghabh e air fhéin gum bu duin’ -uasal e, ’s gu robh suim mhor airgeid a tighinnga ionnsuidh cho luathsa chuireadh e fios dhachaidh a dhinnse càiten robh e. Fhuair e biadh us deoch us aodach air chreideas fad thri no cethir a mhiosan, achnuair nach dthainig an t-airgead, chuireadh an greim e, agus chuir e stigh tri miosansa phriosan. An deigh dha faotainn ma sgaoil, chaidh e gu Amherst, ach an oidhche roimhe chaidh e as an t-sealladh, a toirt leis leth-cheud dolair de dhairgead bean an tigh-òsda, agus còt-uachdair le fear de na bòrdairean. Cha chualas guth air uaithe sin, ’s chan eil fhios càiten dthug e air.


AM MART, 1896.

1 DI-DONAICH. II Di-donaichsa Charghus
2 Di-luain. Breith Pap Leo XIII, 1810
3 Di-mairt
4 Di-ciaduin. A Ghrian ag eiridh 6.36.
5 Dior-daoin. A Ghrian alaidhe 5.49.
6 Di-haoine. An Cairteal mu dheireadh dhen t-Solus, 7.15, mad.
7 Di-sathairne
8 DI-DONAICH. III Di-donaichsa Charghus
9 Di-luain. Seisd Lucknow, 1858.
10 Di-mairt. A Ghrian ag éiridh 6.25.
11 Di-ciaduin. A Ghrian alaidhe 5.57.
12 Dior-daoin
13 Di-haoine. An cogadh Ruiseanach, 1854
14 Di-sathairne. An Solus Ur, 6.34, mad
15 DI-DONAICH. IV Di-donaichsa Charghus
16 Di-luain
17 Di-màirt. La Fheill Padruig
18 Di-ciaduin. Breth Ban-Phrionnsa Louise 1848.
19 Dior-daoin
20 Di-haoine. A cheud la dhen earrach.
21 Di-sathairne. Blar Alexandria, 1801.
22 DI-DONAICH. V Di-donaichsa Charghus.
23 Di-luain. (22) A cheud Chairteal den t-Solus, 7.43 mad.
24 Di-màirt
25 Di-ciaduin. La Fheill Muire.
26 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh 5.55.
27 Di-haoine. Bàs an VI Seumas, 1625.
28 Di-sathairne. A Ghrian alaidhe 6.18.
29 DI-DONAICH. Di-donaich nam Pailm.
30 Di-luain. Ghlacadh Paris, 1813.
31 Di-màirt. (29) a Ghealach làn, 1.08, md


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[302]

[Vol . 4. No. 38. p. 6]

Mar a Sguir Deorsa dhen Ol.

Cha do phòs Deòrsa Mac-Thòmais riamh, agus cha bu chuimhne le duine gun dthug e riamh ionnsuidh air pòsadh. Cha do chuir an gaol deagh air a chridhenuair a bha e òg, agus a nisenuair a bha ena leth sheann duine, cha bu choltach gun tòisicheadh e ri bhualadh. Cha do chum smaointean air caileig o bhiadh no o chadal e latha no oidhche on rugadh e, agus uime sin aig àm ar sgeòil, bha e nadhuine saor.” Nam feòraichte dhe fhéin car son a bha chùis mar sin, ’se theireadh e,— “Nach ann ort a than t-iongantas aon duine glic a bhisan t-saoghal! Tha gu leòr de dhamadanan ann ged dach rachainn-sanan ceann. Tha thusa smaoineachadh nach eil cridhagam idir. ’S ann agam a tha, ach tha ceann agam cuideachd, agus than darra cuid a cumail rian air a chuid eile. Tha miseg ràdh riut,” theireadh e, “nach eil e nàdarra do dhuine bhi cho deigheil air aon chaileigs nach fhaic e maise no beus an sam bith eile. ’S en duine coilionta am fear sin aig am bheil cridhe cho farsuinns gun gabh e stigh iad uile, ’s gum bi e cho gaolach air an darra sa bhios e air an eile!”

Bha Deòrsa féin cho faisg air a bhina dhuine coilionta anns an dòigh so, sa ghabhadh faotainn eadar da cheann na duthcha. Bha e caoimhneil ris na h-uile, agus bha na h-uile measail air. Ruitheadh a chlann bheag na choinneamh ge be àitem faiceadh iad e, agus iad cinnteach gum faigheadh iad milseanan uaithe. Ach tha smùdan féin á ceann gach fòid, agus tha choire fhéin air an duines fhearr a rugadh. Feumar aideachadh gu robh Deòrsa car trom air an òl. Fad na seachdain cha ghabhadh e dheth ach beagan; cha do chum an deoch o obair riamh e. Ach cho cinnteachsa thigeadh oidhche Shathurna rachadh Deòrsa dhaleabaidhse gle fhaisg air air a bhi air an daoraich. Bha e fuireach còmhla ri mhàthair agus bu mhac e a thaghte á ceud mur biodh an aon choire. Babhaist da mhàthair gach feasgar Di-sathurna làn soithich de bhainne goirt a chur am preasa nan soithichean, gus nan eireadh Deòrsa air feadh na h-oidhche lan pathaidh, gum faigheadh e rud a chaisgeadhiota.

Aon oidhche Shathurna, an deigh do Dheòrsa bhi mar a babhaist acumail mòd ri Mac-an-Tòisich, rainig en tighse gu math fad air adhart. Fhuair a mhàthair toirt air a dhol a laidhe, agus an ùine ghoirid bha e na shuain chadail. Mu mheadhon oidhche dhùisg e, agusamhach mar gum biodh amhunn theinnteach. Dhéirich e, agus thug en cidsinn air, far an robh a mhàthairna cadal, dhfheuch am faigheadh e a chuach anns an robh am bainne goirt. Bha a cheann air aimhreit, agus cha robh ball-àirneis anns an rùm anns nach do bhuail e. Dhùisg an starbraich a rinn e a mhàthair, agus dhfheòraich i an e bhann agus ciod a bha eg iarraidh. Fhreagair Deòrsa gu robh am pathadh air, agus gu robh e air son lan a bheòil dhen bhainne ghoirt fhaotainn. “Ma ta,” arsa mhàthair, “on tha thu air do chois, feuch an seid thu an teine.” “Ni mi sin,” arsa Deòrsa, agus cha bfhada gus an robh e seideadh leuile neart. Ach air do shùilean a mhàthar a bhi nise air fas cleachdte ris an dorchadas, thug i fa-near gur h-ann a bha e air a ghlùinean ri taobh a phreasa, agus a séideadh trosg mòr a bhan crochadh ris a bhalla. Bha seòrsa de dhearrsadh bhar craicionn an truisg, agus shaoil le Deòrsa gum ben teine bhann. “Gu de tha thu deanamh an sin?” ars ise. “Tha miséideadh an teine,” ars esan. “A bhumalair ghràinde,” ars ise, “ ’se than sin an trosg a fhuair mise air son dinneir na Sabaid.” “Ma ta,” arsa Deòrsa, “tha misen deigh mo cheann a sgàineadh ris, agus chan urrainn domh an teine shéideadh a nise. Biodh aige gu maduinn;” agus dhéirich e na sheasamhs rùraich e measg nan soithichean gus an dfhuair e, mar a shaoil leis, achuach anns an robhm bainne. Chuir e air a cheann i, dhòl e gach boinne a bhinnte, agus thug en leabaidh air.

Bha an tigh sàmhach car treis, achnuair a bhan t-seana bhean a tuiteamna cadal, chuali gearain anns an rùmsan robh Deòrsa. Dheubh i ris an robh dad cearr air, ach cha dfhuair i freagairt. An sin las i coinneal agus chaidh i far an robh e. Bha e an singa shuaineadh feinsan aodach, agus e cho bàn ris an anart. “Gu de tha cur ort?” arsa mhàthair. “O tha mi tinn, tinn,” arsa Deòrsa. “Tha mo stamag air a dhol air aimhreit. ’S fhearr dhuibh cuman fhaighinn; tha eagal orm gu feum mi diobhairt.” Fhuaireadh an cuman agus thòisich Deòrsa air cur a mach. “Gun cuidich am freasdal sinn.” arsa mhàthair, “bhrist thu cuisle; chan eil thu cur a mach ni ach fuil! O gu ni mi? Gu ni mi?”

N uair a chunnaic Deòrsan fhuil, dhfhàs e moran na bu mhiosa. “ ’S fhearr dhuibh a dhol a dhiarraidh an dotair, a mhàthair,” “tha eagal orm gu bheil mi dol a bhàsachadh.” “Theid,” ars a mhàthair, “agus a dhiarraidh a mhinisteir cuideachd, oir cha robh thu idir na do ghille cho maths bu chòir dhuit. ’S cinnteach gur h-e breitheanas a thainig ort air son do chuid òil, agus ma theid thu nas fhearr, tha min dòchas gun toir so leasan dhuit.” “Bheir e sin,” arsa Deòrsa; “Ma gheobh mise thairis air so, chan òl mi deur tuilleadh.” “An geall thu sin?” arsa mhàthair. “Geallaidh gu deimhin,” arsa Deòrsa, “ach falbhaibh a dhiarraidh an dotair an dràsta neo cha bhi mi ann gus gealladh no rud sam bith eile dheanamh.”

Dhfhalbh a mhàthairs chuir i cleòca ma ceann gus a dhol a dhiarr an dotair. Dhfhosgail i dorus a phreasa gus an iuchair a thoirt leatha. “A Dheòrsa! ars ise, “gu bha thu deanamh anns aphreasa?” “Cha drinn mise dadsa phreasa,” arsa Deòrsa, “ach gun do dhòl mi deoch bhainne. “Deoch bhainnes droch uair!” arsa mhàthair. “Tham bainne gun bheanalt dhasa mhis far an dfhàg mi e! ’se rud a dhòl thu an fhuil a bha misegleidheadh air son nam maragan dubha?” “Gu de thuirt sibh?” arsa Deòrsaseg éiridh na shuidhe, “Mas e sin a rinn mi, cha do bhrist mi cuisle idir, agus chan eil mi cho teann air a bhassa bha min dùil,” agus an àite bhi gearansag ochanaichsann a thòisich e ri gàireachdaich. “Cuiribh dhibh an cleòca, a mhàthair.” ars esan, “cha chuir sinn dragh air an dotair an nochd, no air a Mhinisteir nas . Tha mi slàn fallain an nise.” “Ach do ghealladh a thaobh sgur dhen ol,” arsamhathair. “O,” arsa Deòrsa, “rinn min gealladh sinnuair a bha min dùil gu robh mi bàsachadh.” “Rinn, aguss ann mar sin bu chòir dhuit seasamh ris,” arsa mhàthair, “a chionn gu bheil fhios agad an nise ciod an staid inntinn anns am bi thunuair a thig am bàs ort, agus tha fhios nach eil ni as cinntiche na gun tig e uair-eigin.” “Tha sin ceart, a mhàthair,” arsa Deòrsa, “glé cheart; agus so dhuibh mo làimh air, nach òl mi boinne tuille dheth fhads is beò mi. Chan eil teagamh agam nach deachaidh so chur orm mar rabhadh air son mo dhroch chaithe-beatha: gabhaidh mis e mar sin, agus o so a mach, bidh mi cuibhteas an t-òl.” Agus sheas Deòrsa còir ri fhacal gus an lathan diugh. —Eadar on Bheurla.



[303]

[Vol . 4. No. 38. p. 7]

Thuit seana bhean a bha faisg air ceud bliadhna dhaois sios staidhir uair, ach cha drinneadh dochann sam bith oirre. “O,” ars ise, “nach bu bhochd an gnothuch dhòmhsa nam bithinn air mo chas no mo làmh a bhristeadh, ’s gum bithinn nam chrioplach rim bheò.”

Tha iadsan aigm bu chòir fhios a bhi ag ràdh gur ann mar is sinen t-uisge-beathas fhearr a bhios e. Bha dithis Eirionnach uair ag òl cuideachd, agus thòisich fear dhiubh air moladh an uisge-bheatha. “ ’S gasdan t-uisge-beatha sin,” ars esan richompanach. “Bheil fhios agad de cho seansa tha e?” “Cha”, ’n eil,” ars am fear eile, ’se cur crioch air a chuid mu dheireadh dhe, “ach tha dearbh fhios agam agam gu bheil e cho seansa bhitheas e.”

Tha luchd-àireamh ag innse gu bheil ann am Breatuinn, deich mile ceann cruidh, da mhuillein dheug air fhichead caora, agus ceithir muillein muc. Tha da mhuillein each aig na tuathanaich leotha fhéin, agus tha aireamh mhòr a bharrachd air sin aig na h-uaislean air nach dthugadh cunntas. Thatar a meas gur fiach na tha de dheichs de chrodhs de chaoraich anns an dùthaich air fad da cheud gu leth muillein pùnnd Sasunnach. ( £250 ,000,000.)

Than speuradair ainmeil, Sir Robert Ball, ag ranh ged dhfhàgadh peileir gunna an talamhse siubhal còig ceud miles an uair, gun toireadh e ceithir muilleins coig ceud mile bliadhna aruigheachd na as fhaisge oirnn de na rionnagan suidhichte. Agus tha eg radh gu bheil cuid dhiubh cho uamhasach fada uainns gun toireadh am peileir ceudna còig ceud muillein bliadhna air an t-sligheg an ionnsuidh. Chan fhaicear iad so leis an t-suil luim idir.

Cogadh a bhann roimhe seo, chaidh piobaire a ghlacadh leis an nàmhaid. “O! mo bheatha,” arsesan, “cha robh micogadh idir; cha do thilg mi saigheads cha do tharruinn mi claidheamh; cha drinn mi dad idir ach aphiob seo a sheinn: ’s cinnteach a dhaoine nach marbh sibh mi. Leigaibh as mi ler cead.” “Cha leig,” arsna saighdearan neo-chàirdeal, “cuiridh sinn crioch air do bheatha, achionn gun do sheinn thu air aphiob. ’S dòcha nach robh thu acogadh, ach bha thu atogail inntinn ar nàimhdeann ar n-aghaidh agus leis aphiob bha thug am brosnuchadh gu mire-chatha.” G. G.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[304]

[Vol . 4. No. 38. p. 8]

A Ghrian.

Tha a ghrian don t-saoghal nadurrach, mar a ta spiorad na beatha do mhac an duine. Is e a teas a tha a toirt fas do luighibh na macharach; agus nuair a sgaoileas i caoimhneileachd na maidne mun cuairt di, bithidh gach creutair, beathail le a làthaireachdsuilbhir aig hearach le a tiodhlacaibh. Le a teas éiridh miltean de chuileagaibh sgiathach gu beatha. Clisgidh na h-eòin as an codal, agus dòirtidh iad a mach an ceileirean sunndach ann an co-sheirm chiùil nuair a mhothaicheas iad a blàths. Le mèilich bheir na treudan buidheachas airson teachd na maidne ciùine, agus innsidh am buar len àrd-gheumnaich an taingeileachd. Aithrisidh na gleanntan an ceòl ceudna, agus freagraidh na cnuic don fhonn. Bheir teas na gréine air gach luigh tha air aghaidh na talmhainn fàs gu h-ùrar agus gorm, còmhdaichidh e na craobhan le duilleachd, a mhachair le arbhar agus meas, na sléibhtean le buar agus treudaibh, agus cridhe an duine le gàirdeachas agus taingeileachd. A réir cunntais nam feallasanach agus daoine foghluimte tha a ghrian deich ceud mìle uair nis na an talamh, agus ceithir ficheads a deich muilliona de mhìltibh air astar uaith. Nuair tha i fada gu deas tha an la goirid, agus an aimsir fuar againns an eilean so; ach an uair tha i pilltinn gu tuath tha ar a fàs fada, agus tha blàths au t-samhraidh ag ath-ùrachadh gach luigh mhaoth a shearg, agus gach craobh a lòm gaoth reòtaidh a gheamhraidh. Smuainichidh sluagh neo-fhoghluimte gu bheil a ghrian ag éiridhs an aird an ear agus a dol fodhas an aird an iar, do bhrigh nach eil iad a tuigsinn gu bheil an talamh a tionndadh mun cuairt, no a cur car dheth air a roth aon uairs na ceithir uairibh fichead, agus le so a nochdadh na grèine do shùilean an duine mar gum biodh i ag éiridhs an aird an ear agus a luidhes an aird an iar gach uair a ta an talamh a cur car dheth air an dòigh so. Tha cuid de na reultaibh tha sgeadachadh aghaidh nèimh le sgèimh ghrìnn mòran nis na an saoghal so, agus tha daoine foghluimte am barail gu bheil cuid diubh air an àiteachadh le creutairibh tuigseach cosmhuil ruinn fein. Tha oibre Dhé ro-lìonmhor agus iongantach. Chan urrainn do chreutair cruchaichte an tuigsinn no an àireamh. Tha an cunntas os cionn gach ni air an urrainn da smuaineachodh, agus tha an gliocas a dhealbh, agus an cumhachd a tag an cumail suas, ro-iongantach thar eòlas chloinn nan daoine. Nuair a dhamhairc Daibhidh air oibribh mòra agus glòirmhor an Tighearna, thubhairt e, “Cuiridh na neamha an céill glòir Dhé, agus nochdaidh na speura gniomh a làimh. Tha a deanamh sgéil do agus oidhche a foillseachadh eolais a dhoidhche. Chan eil cainnt, chan eil briathra anns nach cluinnear an guth. Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a mach, agus am focail gu iomall an domhain. Don ghréin chuir e pàilliun annta; agus tha i mar fhear nuadh-pòsda a teachd a mach a sheòmar; ni i gàirdeachas mar ghaisgeach a ruith a shlighe. Tha dol a mach o chrìch nan speur, agus a cuairt gu ruig an crìochaibh; agus chaneil ni air bith a dhfholaichear o a teas.” Tha am bàrd againn fhein, Oisean, a labhairt mar so mun ghréin:—

An dfhàg thu gorm-astar nan speur?
A mhic gun bheud, as or bhuiciabh!
Tha dorsa na h-oidhche dhuit réidh,
Agus pàilliun do chlossan iar!
Thig na stuaidh mun cuairt gu mall,
Achoimhead fir os gloine snuaidh;
A togail fo eagal an ceann,
Ri dfhaicinn cho àillibhn ad shuain,
Theich iadsa gu tuar od thaobh;
Gabhsa cadal ann ad chòs,
A Ghrian! is till o dchlos le aoibhneas.


Deiseachan Deante, Aodaichean dhe gach seòrsa, Leintenn, Adan agus Brogan Fhirionnach aig D. J. Domhnullach. An aon stòrsa bhaile nach eil a cumail dad ach Còmhdach Fhirionnach. ’S còir dhuit taghal a stigh.


Chan eil air a bhiadh mhaith ach fheuchainn.

Is fada bu choir dol a dhamharc fear nach fhaigheadh bean.

Na h-aimhnichean a traoghadhs na caochanan ag at.

Cha tig an cota glas cho maith do na h-uile fear.

Is uaisle toll na tuthag achs fhearr tuthag na toll.

Feumaidh burn a bhi far am bathar gamhuinn


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE

titleIssue 38
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 38. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page