[305]

[Vol . 4. No. 39. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 4, 1896. No. 39.


Litir a Alba.

Bodachan aghàraidh
Cho friogadachs cho friogadach;
Bodachan aghàraidh
Cho friogadachs a bha e riamh.

MO BHALACH GASDAIs math as aithne dhomhsaIain,” agus gu cinnteach rinn mi gàire no dha an uair a leugh mi an litir anns an dinnis e mu na tubaistean a dheirich dha an uair a bha e ann an taigh an duinuasail air a dhinneir. Baithne, dhomhIainon a bha ena ghille òg. Bha e na dhlùth chompanach dhomh. Mar bu trice bhitheamaid reidh gu leòr, ach is minic a thàinig facail eadrainn. Cha bann aon uair no da uair a thug mi deadh chaineadh dha ann an clàr an aodainn ach cha ghabhadh e gu h-olc ni sam bith a theirinn ris. Bha làn fhios aige gum bu toigh leam e; agus air an aobhar sin dheisdeadh e rium gu ciùin, foighidneach.

An uair a leugh mi an litir, chuir mi romham gu rachainn far an robh e agus gu feòraichinn deth car son a sgrìobh e an litir; oir bha fhios agam gu robh e nib fhearr modh agus tùr na gun deanadh e na nithean a dhainmich e.

Coma co dhiubh, ràinig mi. Chuir e fàilte orm gu cridheil mar bu ghnàth leis. Thug mi am mach aphiob as mo phocaid agus las mi i. Gabhaidh esan ceòthan den phiob an dràstasa rithist, agus an uair a chunnaic e milasadh na pìoba, thug e làmh air aphìob aige fhein, agus lion e i de thombaca pronn, bàn, car coltach ri bàrr abhrisgein. Am bheil fhios agad air so? Cha chuirinn-sa suas aon latha leis an t-seòrsa tombaca ud. Bu cheart cho math leam teannadh ri smocadh càth mhòr an sgiollaidh ri bhithga smocadh. Be aon ùnnsa a cheannaich mi riamh dheth, agus loisg e mo theangadh. Ach is e so an tombaca a bhios na h-uaislean asmocadh.

Coma leat! Thòisich mi fhèin isIainri bruidhinn a nulls a nall mu chaochladh nithean.

Arsa mise ris, “Ciod a thug ort an litir ud a sgrìobhadh thun aMHIC-TALLA? Nach tu a bha as do chiall an uair a sgriobh thu a leithid de litir? Nach bu ghòrach an gnothach dhut fhein teannadh ri innseadh do luchd leughaidh aMHIC-TALLA, mar a dheirich dhut? Am bheil fhios agad gu bheil am MAC-TALLA aìr a leughadh air feadh ceithir Ranna, Ruadha an t-Saoghail? Is iomadh latha a throid mi riut; ach cha do shaoil mi riamh gu robh thu cho gòrachs gun innseadh tu do shluagh an t-saoghail a h-uile tubaist a dheirich dhut. Am bheil cuimhne agad air an t-sean-fhacal a thag radhIs fhada bhios fear on taigh mun toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.”

BhaIaingreisna thàmh. Mu dheireadh fhreagair e, agus thuirt e,— “Ma ta, ’charaid, ma chuir an litir ioghnadh ort-sa, chuir i acheart uidhir a dhioghnadh orm-sa. Tha còrr is fichead bliadhna on a sgriobhadh an litir a dhionnsaidh paipear-naigheachd a bhann an Inbhirnis, dom bainm An t-Ard-Albannach. Ged is e misesgriobh an litir, cha bann domh a dheirich na tubaistean idir. Dheirich iad do dhuine laghach air an robh mi eòlach. Chaidh e far an robh mi, agus dhiarr e orm an litir a sgriobhadh air a shon. An uair a bha i sgriobhte, cha robh edeònach ainm a chur rithe. A nis, mar a tha fhios agad fhein, cha ghabh na pàipearan litir no naigheachd sam bith, mur bi ainm an duine a sgriobh i aig bonn an sgriobhaidh, no an duilleig eile, far am faic an deasaiche e. An deigh dhomhsa greis mhath den oidhche chur seachad asgriobhadh na litreach, thuirt mi rium fhein, gum bfhearr dhomh mainm a chur rithe. Ach nam be an diugh an de dhomh, is dòcha nach do chuir mi mainm rithe fhathast. “Mar a chò chaidhidh.” Cha robh uiread is cuimhne agam gun do sgriobh mi riamh i, gus an do leugh mi mainm fhein aig a bonn. Sin agad an tul-fhirinn air a h-innseadh dhuit, a charaid.

Ach cia mar a fhuair am MAC-TALLLA greim air an litir.” arsa mise.

Chaneil fhios agamsa.” arsIain.” “Tha iomadh ni air aithris anns na paipearan a chuireadh ioghnadh air duine sain bith. Tha sùilean is cluasan air luchd nam pàipearan a tha iongantach. Cha chreid mi nacheil iad, mar as trice cho math claisneachd ris an fhear a chluinneadh am feur afàs.”

Tha deasaichean nam paipearan an comhnuidh deònach greimfhaotainn air gach naigheachd a shaoileas iad a chòrdas ris an luchd-leughaidh,” arsa mise.

Tha mise coma ged a bhiodh daoinefaotainn beum dhomh fhads a bhios minntinn fhein ag innseadh dhomh gu bheil mifeuchainn rìs an ni a tha ceart a dheanamh. Is ann a chum toileachadh agus fiosrachadh a thoirt do dhaoine eile a tha misgriobhadh. Ach tha fhios agam nach urrainn mi a h-uile duine a thoileachadh. Chan urrainn an a tha uile-ghlic agus uile-fhiosrach a h-uile neach a thoileachadh. An rud nach urrainn Esan a dheanamh, cha ruig mise, no mo leithid, a leas feuchainn ris. Sin agad mar a tha mise ag amharc air cùisean, ars’ “Iain.”

Tha thu ceart gu leòr, a charaid,” arsa mise. “Is e comharradh an dearg amadain teannadh ri toileachadh nan uile. Ma bhios tu fheins do chògais réida richéile faodaidh tu a bhith coma ged a bhiodh earrann mhòr de shluagh na dùthchadh diámbach dhiot.”

Sin agad mar a bheadrainn. Sgriobhaidh mi thugad fhathast mun mun teirig ri t-earrach.

Is mi dfhìor charaid.
BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh an Locha, Latha Fheill Pàdraig.



[306]

[Vol . 4. No. 39. p. 2]

NA SITHICHEAN.

Feudaidh sinn ainmeachadh gu robh ar n-athraichean gu mor air an toirt gu bhi geilleadh do shaobh-chrabhadh. Bhiodh iad gu tric (nam beachd fein) a faicinn nan cnoc fosgailte air feadh na h-oidhche, agus ceol, danns, agus fleaghdol air adhart a stigh.

A reir a chunntais tha againn air puirt nan daoine sith (bhon tha mi duilich innseadh dhuibh nach do chuir iad uiread de urram ormsas gun cuala mi riamh iad) tha e coltach gu robh uiread de bhuaidh-tharruing anns a cheol acas a bha an ceoldruidheachd eileinMuir-Meadhon-tiremun do labhairHomerann an eachdraidhUllisseis.”

Tha beulaithris ag innseadh dhuinn gun deach muinntir iomadh uair a steach don bhruth agus mar sin gun do chompairtich iad ann an aghmhorachd nan cnoc. Tha e coltach gu robh neach a gheibheadh a steach a call achuimhne air gach caraid agus uile nithean talmhaidhmar a thuirt am bard

Mi mar neach don bhruth a thàradh
Chomuin danns nan sithich airsidh
Nithean talmhaidh thigeadh sgail orr
S mile la mar mhionaid leis.

Than seanachas a leanas a toirt beachd dhuinn air cho goirid sa dhfhairicheadh muinntir Celidh a bhruth. Bha dithis bhraithreandol dhachaidh le soitheach uisge-beatha air muin an dara fir. Chunnaic iad am bruth fosgailte agus a cluintinn a chiuil cha ghabhadh fear an uisge-bheathabhi air a chumail gun dol a steach. Bha e dannsan sin leMacnabraichair a mhuin gus an robh a bhrathair dol seachad air a chnoc bliadhna an deigh sin, agus bhan dorus fosgailt (mar a dhfhag e iad bliadhna roimh sina danns agus aceol). Ghrad leum e steach agus thug e spionadh air a bhrathair amach. “Gu ma h-olc dhutars esan— “carson nach do leig thu dhomh aon ruidhle adheanamh.”

Bhiodh na sithichean mar an ceudnatogail chloinne bho mathraichibh agus a cur spioradan nan aiteaig am biodh ciocras agus call neochumanta don bhiadh, gidheadh gun phiseach sam bith faicsinneach orra gu corporra.

Bha bean ann bho chionn aireamh mhaith bhliadhnachan agus bha làn amharus aice gur e spiorad den t-seors ud a bha aice an àite a leanabh fein. Chaidh i shealltuinn air seann duine glic a bha sa bhaile airson comhairle fhaotainn: “Rach dhachaidh,” ars am bodach, “ agus dean cruathachadh eorna ann am poit air an teine agus a h-uile tionndadh a ni thu air dean tuathal e gus an dean thu bonnach dheth agus an sin cuiridh tu leac na muilne ris ga bhruich, gabh a ris do chathair, suidh ann, agus ith an t-aran le do chulthaobh ris an teine.” Bha an leanabh a faicinn so uile aguss ann a chuala bhean a naoidhean ag radh air dhi bhi direach air sgur a dhitheadh a bhonnaich. “Bha mise 750 bliadhna ann an creagan Dhonnachaidh mhic Thormaid agus leithid deasachaidh na h-oidhche nochd chan fhaca mi!” Thug na briathran so dearbhadh dhi gum beduine-sitha bha ig altrum. Thilg i don amhainn e, agus nuair a rainig i an tigh bha leanabh fein aice.

Chuala mi aon seanachas a tha toirt fios dhuinn gu robh iad (na sithichean) a dol an dail dibhe. Se so e. Bha bean araidh an comhnuidh a toirt iasad de choire mor a bha aice do na sithichean a bha tamh ann sa choimhearsnachd airson a bhi bruich am bidh. Bha te de namaighdeanan-sith” ’tighinn air toir a choire h-uile feasgar agus bhabhean ga thoirt dhi, aig an am cheudna ag canntuinn ris a bhoirionnach-sith— “Dleasaidh coire cnamhs a chur slàn gu teach.” Thigeadh i leis a choire gach oidhche ach troimh am leisg aon latha cha do ghabh a bhean an rann, agus cha do chuireadh dachaidh an coire. Sgiurs fear-an-tighe i don bhruth air toir a choire agus nuair a rainig i steach cha robh ann ach da bhodach agus dubh ceangailte. Ars an dara bodach ris an fhear eile nuair a chunnaic iad i falbh leis a choire (gun focal a labhart)—

A bhean uds a bhean bhalbh
Thaing thugainn à tir na marbh
Thug i leathan coire na cruth
Fuasgail an dubhs leig an dearg
Stig iad an inntagus mharbh.

Bhiodh mar an ceudna banachaigean a doirteadh bainne air na cnuic-shith gus nach marbhadh iad an crodh leis an t-saighead-shith. ’Sann uaine bhiodh an t-aodrch aca an còmhnuidh, ach ghabhadh iad olcas nuair a chuireadh duine sam bith culaidh uaine no ghorm air. Tha na Gaidheil a cumail a mach gur e dath aodach nan sithich bhi air aodach Dhundee a dh-aobhraich gun do chaill iad blar Choille Chragaidh. —FEAR NAN SGEUL, ’saHighland News.


Ceart mar a bAbhaist.

Tha mi creidsinn, tha eg radh, gum bheil moran Ghaidheil anns an duthaich so a dh’ ’fhag Albainnnan oige a chuala iomradh air an Urramach, Maighstir Lachlunn MacCoinnich, ministeir Lochcarroin, ann an Siorramachd Rois. Chaneil fhoisged nacheil a gle choltachnach fhaod neach no dha a bhi fhathast beo ann an Canada a chunnaic ena laithibh aosda, agus a dhamhairc air a ghnuis, ’n uair a bhitheadh i a dealradh le eud durachdach anns a chrannaigs e cur an ceill firinn ghlan an Fhocail. Tha e air innseadh gun do shearmonaich e aon uair air a pheacadh mor sin, a bhig innseadh bhreug. Thug e comhairlean da luchd eisdeachd a dian-sparradh orra an fhirinn innseadhs na h-uile cuis, ’s air gach doigh oir ben dleasdanas sin a dheanadh; be an ni a bfhearr a dhiongadhs an t-saoghal so, agus a bfhearr a sheasadh ri aghaidh siorruidheachd. Bha na briathran a buntuinn ri cogais aon duine a bha lathair a bha smuaineachadh air iomadh breug a dhinnis ena la, ’s a bha den bharail nach robh e comasach do dhuine faotainn troimhn t-saoghal gun breug bheag, gheal an drasds a rithist. A thuilleadh air a sin, cha robh e faicinn moran cron anns na breugan beaga sin. Ach chaidh e far an robh Mr. Lachlunn a dhfheorachadh dheth mun chuis. Besmugalaira bhann; ’s e sin ri radh, bhiodh e ri grudaireachd gu tric, agus mar sin gu tric an cunnart oifigeich na rioghachd a bhitheadh daonan air toir luchd-briseadh an lagh. Arsesan ri Mr. Lachlunn, “Am bitheadh e cearr dhomh an gaidsir a chur bharr a lorg le breug bheagn am bitheadh e air toir bracha?” Cha burrainn Mr. Lachlunn cead a thoirt dha eadhon sin a dheanadh, agus thug e comhairle chruaidh dha cumail ris an fhirinns gun eireadh gu maith leis. Cha robh e fadan deigh so gus an robh ansmugalairair a chuir air fhacal. Air an ath sheachduinn thainig an gaidsir air a chuairt, ’s thubhairt e ris an duine mar a babhaist, “Am bheil a bheag de dhuisge-beatha no braich agad an diugh?” Chuimhnich an



[307]

[Vol . 4. No. 39. p. 3]

duine briathran a mhinisteir, agus fhreagair e gun dail, ach le teagamhna chridhe, “Tha tri baraillean uisge-beatha agam air uir tharruing, ’s tha iad air am folach ann an aitechaidhdheanadh air an son fo mo leabaidh. Ma dhfheuchas tu fein ann an sin gheibh thu iad.” “A shloighteire,” arsan gaidsir, “ ’n ann a deanadh amadain dhiom a tha thu? nam biodh uisge-beatha agad am folach, ’s tu an neach mu dheireadh a dheanadh casaid.” Le sin dhfhalbh e, agusn uair a bha e cho fad air falbhs nach cluinneadh e guth, agusn uair a bha uine aig ansmugalaircoir anail a tharrainn, ghlaodh a mach, “O, Mhaighstir Lachluinn, Maighstir Lachluinn! Bha thu ceart mar a babhaist!” —Scottish Canadian.


AN T-EASBUIG SELWYN.

(Air a leantuinn:)

Bha ecumail sgoile anKohimarima,” faisg air àite-còmhnuidh an easbuig, air son foghlum a thoirt do chloinn dhubha a bha e toirt as na h-eileanan. Bha iad air an cur dhachaidh dhan àiteachan féin gach geamhradh; bhan dùthaich so tuilleadh us fuar dhaibh. Bhiodh iad ann mu leth-cheud an àireamh. Aon uair thainig da phàisde òg nighinn am measg chàch. Cha robh tuilleadhsa chòir dhen aodach orra, agus chaidh an t-easbuig a dhobair agus rinn e éideadh dhaibh de chuibhrig uachdrach a leapa féin. Bha ena thàillear math, ’s ghearr e an t-aodachs dhfhuaigh e h-uile grein dheth. Rinn e so air bòrd an t-soithich, “Croisa bha aige air son a chlann dhubh a thoirt air aiss air adhart dhan sgoil as na h-eileanan. Anns a bhliadhna 1867, bha an sgoil so air a cur gu eilean Norfolk; bhan aimsir an sin ni bu fhreagarraiche do na gillean a bha tighinn á àiteachan tetha. Chaidh easbuig eile den ainm Patterson a thaghadh air son nan eileanan, agus bha eilean Norfolk na àite còmhnuidh aige. Chaidh esan a mharbhadh beagan an deigh sin. Bhan t-easbuig Selwyn a rithist an Auckland. An deigh sin chaidh a ghairm gu Sasuinn, ach an toiseach dhiùlt e muighsa mach sin a dheanamh. Bha a chridhe an New Zealand far an robh efaicinn moran obrach fhathast ri dheanamh, agus far an robh a chòmhnuidh fad chòig bliadhna fichead. Chaidh an sin òrduchadh gu Lichfield, far an robh mèinnean agus obair iaruinn, agus moran de shluagh bochd. Bha Selwyn na fhear-teagaisg nach cùmhnadh e féin, agus a bha làn iarrtach air math a dheanamh. Sheas e treis mhath an aghaidh dhol air ais gu Sasuinn, ach mu dheireadh thug e aonta. Thuirt e gu feumadh esan a bhi umhail cho math ri duine sam bith eile. Bha e fo riaghladh Ard-easbug Canterbury, agus na ban-righ, s bedhleasanas a bhi umhail dhaibh. Chaidh e dhachaidh anns abhliadhna 1868. Bha mi féin am baile mor Auckland an latha dhfhalbh e. Bha sluagh mor cruinn air an laimhrig air son soraidh a thoirt da. Bha carbad greadhnach air ullachadh air son a ghiùlan dhionnsuidh an t-soithich smùide, ach cha rachadh e ann idir. Ghabh e carbad beag, ceithir-chuidhleach, a bhuineadh do thé de na bùithean agus a thainigsan rathad aig an àm. Cha robh mor-chuis idir ann. Bha glaodh cridheil air a dheanamh ris air an laimhrig le iomadh neach a bha glé mhuladachga fhaicinn a falbh. Bha an t-easbuig uair adol a shearmonachadh ann na eaglais anns sn robh e mar chleachdadh gu feumadh gach duine pàigheadh aig an dorus mum faigheadh e stigh. Thug e so fa-near, agus cha do chòrd e ris idir. Bha moran de shluagh bochd a chuala cliù air an easbuig, air tional, nach burrainn pàigheadh, agus a bha uime sin air an dùnadh a mach. Achnuair a thainig àm an t-searmoin, chaidh an t-easbuig a mach don sgàth-thigh, agus as a sin shearmonaich e dhaibhsan a bha mach aig an aon amsa shearmonaich e dhaibhsan a bha stigh. Cha robh riaghailt sam bith a dolga chumail o shearmonachadh do na bochdan cho math ris na beairtich. Chuala mi féin e teagasg aon uair agus gu dearbh bha e comasach, agus bu taitneach a bhiga éisdeachd. Bha so aig àm fosglaidh eaglais ùr a chaidh a thogail aig an Thames, far an robh méinnean òir air an ùr fhosgladh, mu leth-cheud mile bho bhaile Auckland. Ghabh e mar cheann-teagaisg, Col. II. 3; “Anns am bheil uile ionmhasan agus eòlas folaichte.” Labhair e air na briathranIonmhasan Folaichte.” Bha air abhliadhna sin bochduinn mhòr ann am baile Auckland, aguss ann a dol na bu mhiosa bha i, gus an deachaidh na mèinnean òir so fhosgladh. Thug sin fuasgladh mor do mhuinntir a bhaile sins na dùthcha mun cuairt. Labhair an t-easbuig ag radh nach robh ionmhasan folaichte air an toirt ris cearta còmhla, ach bho àm gu àm mar a chitheadh Dia iomchuidh sin a dheanamh. Cha dthainig e idir thairis air an òr, ach dhaithnicheadh duine sam bith gur h-en t-òr a bha e ciallachadh. A rithist thug e iomradh air daoine mar a nochdas cuid dhuibh deagh bhuadhan a tha annta a lion beagan us beagan mar a chuirear eòlas orra. Rinn en t-searmoin a cho-dhrùnadh le iomradh a thoirt air na Maories. Ged a chaidh iad iomrall, thachair cuid dhiubh ris anns an dfhuair eionmhrsan.” Bhiodh na Maories gu tric air aire. Thug an cor bristeadh-cridhe mor dha. Ged tha seachd bliadhna fichead on chuala mi an searmon ud aig an Thames the cuimhne agam air na cinn a bhaige gus an lathan diugh, agus bithidh fhads is beò mi. Bha e ainmeil air son a chinn-theagaisg. Bhiodh iad cho freagarrach air an ams air an àite. An àm a chogaidh shearmonaich e gu tric ochd uaireansan latha, agus ceann-teagaisg ùr agus freagarrach aige gach uair. Be fear de dhaoine ainmeil a linns a latha, agus tha ainm cùbhraidh ann an iomadh àite. Chaochail esa bhliadhna 1879, aig aois tri fichead bliadhnasa naodh. Bha moran tuilleadh agam ri innse mu dheibhinn, ach than eachdraidh nis air a leantuinn cho fadas gun toir mi gu crich i. Is mi ur fior charaid.

IAIN ROTHACH.


AM FAIGH A GHAIDHLIG BAS?” —Chaneil e gle choltach aig an am so, ’n uair a tha co minic oidheirp dhurachdach air a dheanadh air a sgath. Aon do na gaisgeich as foghaintiche air a taobh, ’n ar laithne, is e Mr. Mac Bheathain ann an Ionarnais. Tha e an deigh obair mhor a choimhlionadh air a son, lebhicur a mach Foclair Gaidhlig a tha neo-chumanta ionnsaichte, agus a tha tabhairt dhuinn mor-eolas air freumhan, agus tobraichean ar cainnt ghaolaich. Chan eil duine am measg Ghaidheil an la diugh a tha air a mheas cho comasach ri Mr. Mac Bheathain air son saothair den t-seorsa so agus than leabhar a reir na h-uile iomradh, airidh air cliu ionmholta. Is cinnteach gum bi reic math air an leabhair luachmhor so, ’s gum bi feum math air a dheanadh dhi leosan a cheannaicheas i.



[308]

[Vol . 4. No. 39. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, APRIL 4, 1896.

Tha cheannairc a sior dhol air adhart ann an Cuba. Tha an t-eilean bòidheach iin, eilean a tha gu nàdurra cho torachs cho beairteach ri àite sam bith air an t-saoghal, an imis a bhi air a dheanamh na fhàsach. Tha na ceannaircich, a reir gach sgeòil, a faotainn a chuid is fhearr dhen t-strith; tha iad acur nan Spàinnteach gu mor nan éigin. Tha an Spàinn gu trom ann am fiachan, agus chan urrainn di mar sin a neart bu mhath leatha chur an aghaidh nan Cubach Mu tig car eilesa chùis an ùine ghoirid. Chan eil ni as coltaiche na gum bi Cuba air a chall don Spàin, ’s air a chur suas mar dhuthaich dhhéin.

Bi ainmean na feadhnach a phàigh am paipear air a mhios sodhfhalbh anns an ath àireamh. Bu chòir iad a bhisan àireamh so fhein, ach rinn sinn dearmad orra gus an robh e tuilleadh us anmoch. Ma chuir neach sam bith pàigheadh ugainn agus nach dthug sinn creideas dha air a shon, cuireadh e fios ugainn agus ni sinn sin a chur ceart mas urrainn duinn.

Thuirt am Morair Tagraidh ann am Pàrlamaid Bhreatuinn an la roimhe nach robh soirbheachadh mor sam bith leis na croitearan a chuidich an Riaghladh gus a dhol a mach dhan Iar-Thuath. ’S ann gle ainneamh a shoirbhichas sluagh a gheobh cuideachadh anns an dòigh sin. Gheobh iad air adhart nas fhear ann an duthaich ùir ma bhios aca ri earbsa asda fein.

EACHDRAIDH NAM FRISEALACH. —Chuir caraid ugainn caibideil no dha dhen leabhar so, a tha nise beul ri bhi mach. Bu mhath leinn an clo-bhualadh, ach cha cheadaich meud a phaipear sin a dheanamh. Than eachdraidh air a sgriobhadh le Alasdair Mac Coinnich, ann an Inbhirnis, a tha cheana ainmeil mar Fhear-eachdraidh nam fineachan Gàidhealach. Sgriobh e roimhe so eachdraidh Cloinn Choinnich, Cloinn Dònuill agus àireamh de na fineachan eile. Chan eil teagamh nach bi na Frisealaich anns gach cearna dhen t-saoghal toilichte an eachdraidh fhaotainn, agus gun nochd iad an comain don ughdar le bhiga ceannach.

Tha Ruisia bho chionn àireamh bhliadhnaichean ag obair air deanamh rathad-iaruinn troimh Siberia. ’Nuair a bhios e ullamh, theid aice air eadar leth-cheud us ceud gu leth muillein buiseal cruithneachd a reic ri duthchannan eile a h-uile bliadhna. Tha mòran de dhfhearann Ruisia anabarrach math air son togail cruithneachd. Tha an cruithneachd gle shaors na bliadhnaichean so, achnuair a thòisicheas Russia air cur dhan mhargadh, fàsaidh e mòran nas saoire.

Tha àireamh mhor de mhuinntir Shiria suidhichte ann anQuincey , Mass.Is iochdrain iad do Shultan na Tuirce, agus fhuair iad òrdugh uaithe o chionn ghoirid a dhol dhachaidh gus a dhol dhan arm aige. Cha robh toil aca sin a dheanamh, agus uime sin, tha iad adol a sgur a bhiga aideachadh mar uachdaran, agus tha iad gu bhi o so a mach nan iochdarain do na Stàitean.

Chaochail Beniamin Franklin ann am Philadelphia o chionn còrr us ceud bliadhna. Rinn e tiomnadh mun do chaochail e, agus am measg nithean eile, dhfhàg e mile dolair aig baile Bhoston. Bhan t-airgead ri fhàgail air riabh gu ceann ceud bliadhna, agus anns an uine sin dhfhàs an aon mhile gu bhina cheud us aona mile deug.

A dhaindeoin gach cosgais a tha air Breatuinn air a bhliadhna so, a dhaindeoin gach soitheach-cogaidh us eile a tha i togail, theid aice air coig muilleinean fichead a chur a phaigheadh na h-ainbhfheich. Chan eil duthaich air an t-saoghal an diugh aig am bheil uiread teach-a- steach ri Breatuinn.


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE



[309]

[Vol . 4. No. 39. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Rinneadh còrr us da mhile pòsadh ann an Nobha Scotia an uiridh.

Bha nighean bheag, Nic Gilleain, ann am Baoghasdal, còmhla ri cloinn eile acluich le sleighe bheag an latha roimhe, agus air dòigh-eigin chaidh bior-fuilt an sàsna cois, agus thug e a bàs.

Bha muinntir Louisburg ataghadh fear-comhairle Di-sathairne sa chaidh. Fhuair Le Vatte a stigh le seachd fichead bhòtsa dha dheug, sia deug a bharrachd air na fhuair OToole, a bha ruithna aghaidh.

Tha carbad-iaruinn an drasda ruith eadar Sidni agus Sidni a Tuath da uairsan latha. Leanaidh e air ruith gus an tòisich am bàt-aiseig, agus tha e ri bhi ruith mar sin gach geamhradh an deigh so fhadsa bhios an acarsaid dùinte.

Tha duiue beairteach ann am Montreal, Uilleam C. Domhnullach, an deigh leth muillein dolair a thoirt do Oil-thigh McGill. Thug e roimhe so da mhuillein dolair don Oil-thigh cheudna. Rinn Mr. Domhnullach a shaoibhreas air an tombaca.

Thuit fear Tomas Hinch eadar da charbad-iaruinn ann a Halifax, Dior-daoin air an t-seachdainsa chaidh. Chaidh a dha chois agus te dhe lamhan a chur dheth, agus bha a chorp air a dhroch shracadh. Chaochail e an ceann da uair anns an ospadal.

Bha da stoirm shneachda ann air an t-seachdain so, Di-màirt agus Di-haoine. Thuit cnap math sneachda Di-màirt; ach dhfhalbh a chuid bu mho dheth mun dthainig an stoirm an de. Chan eil sinn buileach cuibhteas an geamhardh fhathast.

Tha moran de na paipearan-naigheachd a deanamh a mach gum bithear ataghadh Parlamaid ùr ann an Canada toiseach an ògmhios (Iun). Chan eil sin ach da mhios air falbh, agus chan fhada gus am feum iadsan a tha gu bhisan t-stri a bhidolnan uidheam.

Chaidh tòrradh thairis air an deigh eadar an t-Eilean Mors am Bras dOr Beag aon latha air an t-seachdain sa chaidh, agus da fhichead each us sleighe ann. An lar- na-mhaireach bha an t-uisge fosgailte far an deach iad thairis. Bha an deigh air falbh gu buileach.

Tha duine ann am baile Halifax an dràsda a choisich a h-uile ceum thairis eadar an Cuan Ciùin agus an Atlantic, astar ceithir mile de mhiltean. Thug e nall botull beag lan de shàl as a Chuan Chiùin agus an la roimhe dhòirt e anns an Atlantic e, mar gum beadh a’ “pòsadh nan uisgeachan.”

Fhuaireadh Còirneal Amyot, aon de na fir-pàrlamaid a bhaig Cuibeic ann an Ottawa, marbhna leabaidh am baile Chuibeic, ’sa mhaduinn Di-luain sa chaidh. Bha e leth-cheud bliadhnasa tri a dhaois. Bha ena fhear-parlamaid o chionn chòig bliadhndeug. Bu Chonservative e, agus bha eleantuinn gu dlùth ri Sir Iain Dòmhnullachnuair a bha e beò.

Tha fios á St. Johns, Newfoundland, ag radh gu bheil e coltach gur i bhliadhna so bliadhna cho fad air ais a thaobh iasgach nan rònsa bhaca o chionn fhada. Mun àm son uiridh bha tri cheud gu leth mile ròn air an glacadh, ach am bliadhna cha do ghlacadh ceud mile fhathast. Tha iomadh sgiorradh a tachairt do na soithichean. Chaidh ceithir no còig dhiubh a chall, agus tha feadhainn eile air an droch mhilleadh.

Chaidh fear Tearlach Boudrot, a bha na mheat air an t-soitheachPatriot ,a bhàthadh faisg air beul acarsaid Halifax Di-sathairne sa chaidh. Chaidh a thilgeadh thar bòrd le te de da slatan. Rinneadh gach dichioll air a shàbhaladh. Chaidh ròp a thilgeadh ga ionnsuidh, agus fhuair e greim air, achnuair a bhatarga tharruinn a stigh chaill e ghreim agus chaidh e fodha. Bha e tri fichead bliadhnasa ceithir a dhaois. Bha e pòsda, agus dhfhàg e teaghlach.

Chaidh Domhnull Caimbeal, bràthair don Urr. Calum Caimbeal, ministeir Strath-Alba, a mharbhadh le beum-sleibhe ann an Oregon, air an ochdamh latha dhen Mhàrt. Bha e aig an àmna leabaidh an tigh caraide dha, D. G. Domhnullach. Bha an tigh air a chur as a chéile, agus chaidh esan a mharbhadh, agus mar an ceudna nighean do Mhr. Domhnullach, a bha aig an àm abeothachadh an teinesa chidsinn. Thachair so mu leth-uair an deigh seachdsa mhaduinn la na Sàbaid. Fhuair a chuid eile dhen teaghlach as lem beatha. Bha an tigh air a thogail aig bonn bruthaich nach robh ro àrd, ach a bha gle chas. Thainig Mr. Caimbeal dhan bhaile oidhche Shathurna a choimhead an Domhnullaichsa theaghlaich, agus mar sin chaill e a bheatha. Tha sgeul a bhàis na bhuille chruaidh dha chàirdean, gu h-àraidh dha mhàthair, a tha fuireach air a Chladach a Tuath, ’san eilean so, agus a tha nisena seann aois.


BAIS.

Air taobh deas Amhuinn Mhira, air an treas latha dhen Mhàrt, Mairi Dhomhnullach, ceithir bliadhna fichead a dhaois.

Air Taobh Tuath an Eilein Mhoir, an tigh a peathar, air an naodhamh latha deug dhen Mhàrt, Iseabail Chaimbeul.

Aig Kerrowgare, am Pictou, Domhnull A., mac do Iain I. Sutharlan, tri bliadhna fichead a dhaois.

Ann am Mabou, air an fhicheadamh latha dhen Mhàrt, Iain Mac Raing, (mac Dhonnachaidh), da fhichead bliadhnasa tri a dhaois. Bha ena dhuine air an robh deagh chliù, agus gle mheasail aig gach duine bha eòlach air. —R. I. P.


POSAIDHEAN.

Ann am Malagawatch, an 25 latha dhen Mhárt, leis an Urr. Alasdair Ros, M. A., Niall I. Gillios, Orangedale, us Caorstaidh, nighean DhomhnuillIc Griogair, Malagawatch.


Deiseachan Deante, Aodaichean dhe gach seòrsa, Leintenn, Adan agus Brogan Fhirionnach aig D. J. Domhnullach. An aon stòrsa bhaile nach eil a cumail dad ach Còmhdach Fhirionnach. ’S còir dhuit taghal a stigh.

APRIL, 1896.

1 Di-ciaduin. La Fhéill Bride (La gnothuch na cuthaige).
2 Dior-daoin
3 Di-haoine. Di-haoine na Ceusda.
4 Di-sathairne. An Crtl mu dheir. 8.10 feasg.
5 DI-DONAICH. Di-donaich Caisge.
6 Di-luain. Sith nan Staitean, 1865.
7 Di-mairt. Fhuaireadh Canada, 1499.
8 Di-ciaduin. Breith Righ Lochlann 1818.
9 Dior-daoin. Di-cheannadh Morair Sim, 1747.
10 Di-haoine
11 Di-sathairne. Chrùnadh Uilleam us Mairi 1689.
12 DI-DONAICH. A Mhion-chaisg.
13 Di-luain. An Solus Ur. 0.9. maduinn.
14 Di-màirt. Bas Sheòrsaidh Ghrannd, 1835
15 Di-ciaduin. Ceitein na h-òinnsich.
16 Dior-daoin. Blar Chuil-fhodair, 1746.
17 Di-haoine. An Fheill Donnain.
18 Di-sathairne. An Fheill Mholis.
19 DI-DONAICH. II. Di-donaich an deigh Caisge.
20 Di-luain. A cheud chairteal, 6.33, fessg.
21 Di-màirt. Coinneamh Ghlinn Eillge 1653
22 Di-ciaduin. Breth Sheus Ghreumaich 1765
23 Dior-daoin. Crùnadh an II Tearlaich 1661
24 Di-haoine
25 Di-sathairne. Crùnadh Ceann-mor, 1057.
26 DI-DONAICH. III. Di-donaichdeigh Càisge.
27 Di-luain. An Solus Lan, 9.33, mad.
28 Di-màirt. (27) Bas an III. Alasdair, Righ Alba, 1124.
29 Di-ciaduin
30 Di-daoin. Blar Fontenoi, 1745.


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[310]

[Vol . 4. No. 39. p. 6]

CEOL NAN GAIDHEAL.

FHIR MO CHRIDHE, —Tha na gillean-truisirnis cho lìonmhor, falbhanach, ’s nach eil annas agam dhuit an turus seo. Mun gann a dhaithrisear sgial-ùr, gheobhar air ais ás aGhalldach e air na carbaid thoites each, naeige de chlòth-dubh Chille-Math-Chùc; a bhuidheachas sin daibhsan, na gillean ceanalta, agus don dealan a tha nis, ach beag anns gach baile. Mur teid mi chromadh airabhalg-thionail,” ma ta, chan eil fhios agam ciod a thairgeas mi dhut. Nam biodh tu làmh-rium ghabhainn port-a- bial dhut, bhon

Is tric a bha sinn, fhir mo chridhe,
Gun phìob gun fhidhill adannsa.”

Cleas ioma rud eile, tha na puirt adol air chall. Gheobhar, gun teagamh, mòran diubh an leabhraichean-ciùil, agus sin gu tric fo ainm Gallda. Ach càite bheil na facail a tha na camagan dubh ud ariochdachadh? Is cullaidh-ioghnaidh nach beag gun leigteadh aog fuinn agus puirt a bha flaithins an daoine bho linn gu linn ag éisdeachds ag cluith mu seach air achlàrsaichs air aphìob, gun urads lorg am buinn fhàgail. Is ann de bhuaidhean achiùil, mar is math tha fios agad, an ìnntinn a chur ionnans thairis am plathainn éibhneis. As aogais nam facal a tha eriochdachadh, chan eil ann ge , ach faileaschan eil an inntinn, ach mar gum beadh, an nial-cadail; ach cho luathsa dhaithrisear nachois na briathran, mosglaidh i ás a ceal, thig i ga h-ionnsaidh fhein, agus, nageal-fhaireachadh, blaisidh i gu riochdail air cupan milis a h-àidh.

Is fior-thaitneach an rud an ceòl. Agus co a bfhearr a thuig sin na ar sinnsirean. Eadar a bhreithsa bhas, cha robh rud ris an cuireadh an Seann-Ghàidheal a làmh, aig abhaile no bhuaithe, ag cuallach na spréidhe no ag àiteach an fhuinn, nach robh fonn no port freagarrach aige muchoinneamh. Mas ann ag altrum an naoidhein mhaoths an uchd, nach robh an Tàladh mùirneach aig abhanaltruim, a chur gean as cadail air. Anns abhuailidh ableoghan na spréidhe, nach cluinnteadhGaol-ant-aghanair bilean gach banaraich. Aig abhrathainn, no cur àird air calanas, am biodh bean gun a Cronan fhéin. Latha-breith an oighre, nach rachadh aPhìob ath-ghléusadh a chluith cuairte air an Fhàilte chridheil, chùirteil an lathair an fhlath. Mas ann ag cruinneachadh nan daoine, nach robh an Co-thional gu chur suascuimhneachan air buaidh-làraich, no ma dhfhaoite, air éucoir a rinneadh uair-eigin air achinneadh. Mas ann air astar mara no tire, a chumail an còrach riutha no thoirt a mach na h-aichmhealach, nach robh an Iorram non Spaidsearachd ann a bheothachadh neart agus spéirid nan alt lùthmhor. Mas ann ri uchd an nàmhaid, nach robh am Brosnachadh caithreamach, sùrdail ann, a dhùsgadh cuimhne air cruadal nan daoine bhon dthàinig iad. An tigh na féille, nach robh na puirt ruithleumach, mhireagach dhannsa ann, a dhfhuadach smuaireins a dhaltrum càirdeis. Agus an uair bu bhàs don triath, nach robh an cumha tiamhaidh ga chur suasabrùchdadh á grùnnd achridhegach beag as mòr, sean as òg ag caoidh a chùil-thaice.

An uair a chluinneas an Gàidheal, ’s e air aineol, ceòl na pìoba, ciod a tha toirt air a chridhe éirigh ris? An e binnead achiùil? Is gann gur h-é, bìnn, leadarras mar a tha e ach gum beil e dùsgadh suas dha seann chuimhneachain air an àm a bha e an tir nam beanns nan gaisgeach. Thachridhe ablàthachadh ris acheòl agus le h-ath-ghuth ga fhreagradh:—

“ ’Se siod am fonn a chuala mi
An uair a bha mi òg.”

ThaAn uair a bha e ògga h-ùrachadh na chuimhne. Chì e, mar gum bann an sgàthan, Tir-nam-Beann. Chì e ìomhaidh a leannain dhan do gheall e bhi tairisa phiuthar-chridhe nach do thuig e riamh a gaol daa bhràithreana chompanaicha dhìlsean, ’s a chàirdeanan fhàrdachs an do rugadh egach béinn, as gleann, as coire, as coille, ’s ionad a baithne dha, ’s gach ni a bha anntachì e sin uiles athair, ’s en dùil gum beil e faireachadh anail bhlàth a mhàthairs i ga thaladh gu beadarrach, mùirneach na h-uchd mar a bàbhaist! Creid mi, fhir mo chridhe, is culaidh e ga chumail bho dhroch-stil.

Chan eil féums an iomchoire; ach nach saoileadh tu gum bu chòir an t-sheinn a theagasg don òigridh anns gach sgoils aGhàidhealtachd? Nach tog thu do ghuth na h-aobhar? Chan eil teagamh agam nach toirear feairt ort. Tha fhios agam gum beil daoine còire air feadh na duthcha a bheir a chreidsinn air sluagh baoghalta nach eils na puirt ach faoineis, rudan air bheag brìghs gur còir an grad-leigeadh air dìo-chuimhne. Faodaidh iad a bhi ceart; ach air mo shonsa dheth, cha léur dhomh coire no dolaidh sam bith annta, ma ghabhar le cuibheas diubh, agus sinn an àm fhein.

Dhfhaoiteadh cùnntas gun àirimh a chur fhathast cruinn de na puirt, nan rachteadh seòlta mun cuairt don chùis. Tha moran an comas nanComunn,” nam biodh an toils an dùrachd aca; agus gun dol fada bhon taigh, tha bean chòirs abhaile seo, ’s nan rachadh i ceart air ghléus, chuireadh as chumadh igun phiob gun fhidhill” “achléir fhéin ge siantan còta,” air an ùrlar bhoLuain gu Sathurna. Gun tuilleadh cagnaidh ma ta, chuir mi-fhìnam ònrachd còrr as ceithir fichead diubh cruinn; ’s chan ob mi an toirt seachad a nasgaidh do dhuine sa bith a shaoileas mi an ni féum dhiubh.

Bheir mi nise, le dchead cuairt dhut.—

TALADH.

Ba-, mo leanabh,
Ba-, ba-;
Ba-, mo leanabh,
Ba-, ba ;
, hi-, hill-ù, hill-arum
Gun till iad fallain,
Na dhfhalbh air sàil’.
Ba-, &c ,

Gur h-ioma cruaidh fhortan
Than lorg nam màthr;
S gum beil mo chuid-sa
A nochd nam làimh:
An àite bhi mùirneach,
Sùnntach, aighearach,
S ann tha mi nam laidhe
Fo phràmh, fo phrámh.
Ba-, &c ,


LUINNEAG.

hòileagan, ,
, maghan;
hòileagan, ,
, maghan;
hòileagan, ,
, maghan;
Mo chrodh-laoidh as aighean,
Air gach taobh den abhainn.

Mfhéudail den chrodh,
Gur h-iGhuaill-fhionn;
Cha biCheannfhionn,
bu shuaraich.
Beannachd banaraich
As buachaill
Cha bhiodh tu duilich
A chuallach.
, &c .

Is math a baithne
Dhomh do mhàthair,
Nighean Glasaig
Ogha Blàraig.



[311]

[Vol . 4. No. 39. p. 7]

Is a lìonadh
An stòp cairt domh,
S cha bhiodh air
Mo mhùirnein fàillinn.
, &c .


DANNSA ACHLAIDHIMH.

Gille-Callum, pheighinn,
Gille-Callum, bonn-a- sia.
Gille-Callum, pheighinn,
Gille-Callum, bonn-a- sia.
Gheobhainn bean air da pheighinn,
Gheobhainn bean air da pheighinn,
Gheobhainn bean air da pheighinn,
S taghas rogha air bonn-a- sia!

Rug an luchag uan boirionn,
Thug i dhachaidh cual chonnaidh,
Miasmhine, cliabh sallainn,
Gille-Callum, bonn-a- sia! &c ., &c .


RUIDHLEADH NA COILICH-DHUBHA.

Ruidhleadh na coilich-dhubha,
S dhannsadh na tunnagan.
Ruidhleadh na coilich-dhubha,
S dhannsadh na tunnagan,
Ruidhleadh na coilich-dhubha,
Air an tulaich làmh ruinn.

Air an tulaich againn fhìn,
Air an tulaich urad ud.
Air an tuilich againn fhìn,
Air an tulaich làmh ruinn.
O, ruidhleadh, &c .

Tha cuimhne agad air an fhear seo; ach tha eagal orm nach eil e agam ceart, ’s chan eil am piobaire aig an tigh an diugh gum sheòladh.


CUMHA MHIC A AROIS.

Neo Cumha Mhic-an-Tôisich.

Céud nan creach,
Leag iad thu!
Och nan och,
Leag iad thu!
Céud nan creach,
Leag iad thu
M bealach aghàraidh!
Céud nan, &c .

Leag an t-each ceanfhionn thu,
Leag an t-each ceanfhionn thu,
Leag an t-each ceanfhionn thu,
M bealach aghàraidh!
Leag an t-each, &c .

Am fion bha gud bhainis,
Am fion bha gud bhainis,
Am fion bha gud bhainis,
Am fion bha gud bhainis,
Gun dòladh air dfhairise!
Dheagh mhic a Arois.
Céud nan creach, &c .

Ach iseudar sgur. Mun dthuirt am fear nach maireann e, “Dhfhaoiteadh leabhar gàbhaidh a sgrìbheadh mun chùis seo nam biodh duine ann aig am biodh lan-eòlas, pailteas ùine, agus na bu leòir de dhairgiod gus a chur a mach an nasgaidh!” —Dfhaicinn slàn. ABRACH.— ’sa Ghaidheal, 1874.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[312]

[Vol . 4. No. 39. p. 8]

ORAN.

Air an aois agus air faoineachd an t-Saoghail.

LE GILLEASBUIG MAC ILLEOLAIN, AM BROADCOVE.

An so am shineadh air leabaidh iosail,
Mo smaointean diomhair man tìm a thriall,
An tìm a dhaoin bhuainn mar cheò ni sgaoileadh
Le oiteag ghaoithe bhon Aird-an-Iar:
Ged tha an òige ro-lan de dhochas,
Nin aois an còmhnuidh sud fhògairt sios;
Thig iomadh breoitach, thig crithus lòinidh
S ged theid thud chòmhdach, cha dean thu gniomh.

Than aois a táladh gach aona bhuainn
A h-uile tàlaint a fhuair sinn riamh;
Thig iomadh fàillinn a mhilleas slàinte,
Sar cosnadh làthail bidh bhuainn a triall;
Tha am a chùnntais nis teannadh dlù oirnn,
Bidh mid nar dùsgadh, le tùr is ciall
A cumail fhàintean an Ti as àirde,
Sa guidhe fabhornuair thig achrioch.

Tha sannt an t-saoghailsa chinne-daonna,
Go trusadh maoin as gach taobh mun cuairt;
A deanamh stòrass ga thrusadh còmhlath,
S le barrachd dòchaissen còrr thauap’;
Mas ann le dòbheart a thruis thun t-òr sin,
S gun tug thu bheòlaint o dhòiri truagh,—
A sporan mor sins am beil do dhòchas
A dhuine ghòraich, cha bhi e buan!

Cha tugainn béuman do bheartais saoghalt’,
Cha bhi clann daoine as aonais ceart,
Ach malart chòmhnard bhi measg gach seòrsa
Gun dad a rògaireachd bhinam bheachd;
Ma rinn u stòrass gun dfhuair u còr dheth,
Ruig tigh na deòirithan còmhnuidh nairc.
S theid riadh rid chùnntas bhios air a dhùbladh
Nuair theid thu nùll aig a chùirt bhios ceart.

Tha beartas saoghalta mealladh dhaoine
Cuir iomadh smaointan tha faoinnam beachd
Tha aitreamh leòmach, tha sannt is mòrchuis
Is iomadh gòraich tighnn dhaibh fonear:
Nuair thig am bàs ort, na rinn thu tharsuin,
Cha dean e stà dhut mur eil thu ceart;
Cha téid fon fhòid leat na rinn thu stòras
Ach beagan còmhdaich le bòrd is leac.

Bha Solamh rìomhach air cathair rìoghail,
Ledheise shìoda dol sios fo chas;
Bha mèinean òir aigetional stòrais
Bha mèinean òmairs gach seòrsa chlach;
Gach beartas saoghalta ghabhadh faotainn,
Bha nisetaomadh gach dha steach;
Nuair dhfhàs e aosda, gun drinn e faosaid
Nach robhs an t-saoghal ach maoin gun dreach.

Bha iompairuaibhreach ann, fada bhuaithe,
S bha mòran sluaigh aige suas ga feachd;
Gun robh e buadhairsa h-uile tuasaid,
S gun chuir e cuairt air an àird-a- Near:
Cha robhsan t-saoghal de chumhachd dhaoine
Na bheireadh claoidh as, no chuir air ais,—
Chaidh e gu taobh agus ghuil is chaoine
Gun tuilleadh saoghail bhi ann ri ghleachd.

Faodaidh e bhith gun abair an leughadair nach eil rogha bàrdach no ard sgoraileachd air an òran so; achnuar a chluinneas e gum beil an t-ùghdair 91 bliadhna a dhaois, agus nach robh e cleachdadh bhi deanamh òrainna òige, bithidh lethsgeul aig air an t-seann duine chòir a tha mar so acur seachad roinn dhethùine, bhon a chaidh a fhradharc agus a chlaisneachd beagan air ais, agus nach eil e nise cho furasda dha idir conaltradh a bhi aige ris na càirdean agus ris na coimhnearsnaichsa bàbhaist.

CONAL.
Margari, Am Màrt 1896.


ORAN DO SHINE WOODS.

LE SEORAS CAIMBAL.

Chunnaic min òigh as boidhchair thalamh:
Do phòg air bhlas meala, ’chaoin chagair mo chridh’.
Dhuirginn a pòsadh le deòin gach caraid:
Gun or, gun earras, cha ghabhainn ach i.

Tha mi fo ghruaims cha dual dhomh bhi maireann,
Mun sgeula sofhuaras Di-luain thar a Chaoil.’
Gun do chaochail gach ùiss gach suairceas banail,
S gach suaimhneas, carantachd, gean, agus gaol.

Ma thug thu rium cùls gun ddhiult thu mfhuran,
S mi giùlan mulaid le fulangas buan,
Nan deanadh mo shùil an driuchd a chumail,
A rùin, cha chluinnteadh mi tuilleadh ga dluaidh.

Treigidh a ghrian an iarmailt buileach,
Sguiridh na sruthain a ruith chum a chuain,
Mun lughdaich mo speis don gheig as luraich’,
Achs fheudar cur leis, ma thug thu dhomh fuath.

Ach so dhuit mo lamh le cairdeas tairis,
Se blàths a mhaireas ma bhitheas mi beo,
S na cum mis’, a ghraidh, gam chradh nas fhaide,
S do ghràdh gam mhealladhs nach fhaigh mi ort còir.


SGEUL MIODALACH AN DOCHAIS.

Le miodal sgeoil thuirt dòchas.
Gum pilleadh sòlas caomh;—
Ach mosnaich cha dean fòir orm,
Ses dànbhi bròn don ghaol.

A! ceana shiubhail dòchas?
S ann theich e uam gu bràth;
Dhfhalbh bruadair gaoil na h-òige.
S gun dthàirmich bròn na àit.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC:
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aig F. & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B

titleIssue 39
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 39. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page