[25]

[Vol . 4. No. 4. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 3, 1895. No. 4.


AN CRANNCHUR.

(Air a leantuinn.)

Ciod e aobhar an gaireachdaich?” arsa Daidh Sulair ris fhein; “am bheil suil aca gum buidhinn iad uile?” agus car tiota dheirich seorsa de amharusn a inntinn mu a shoirbheachadh fein. Thainig fallus fuar air asmaointeachadh nan cailleadh e; ach thilg e dheth gach teagamh agus sheas e a dh-fheitheamh na crich. Cha dfheum e feitheamh fada. Thainig balachan beag a stigh le cuirneachadh air a shuilean agus aon da lamhan ceangailte air a chulaobh; chuir e a lamh lom ann an bocsa, thug emach cairt agus shin e don chleireach i, a leugh a mach air aireamh; an sin thog balachan air taobh eile an tighe cairt as a bhocsa fein agus shin e i do chleireach eile, a ghlaodh a mach, “FalamhRinneadh so fichead uair, gus mu dheireadh, an dthainig da chiad gu leth punnd Sasunnach air fear eigin. Thog iad iolach ardn uair a chual iad so; ghlac a chairdean air lamh an duine fortanach air an dthainig an da chiad gu leth, ach sheap an dream aig an robh an cairteanFalamh,” as an rathad.

Falamh, falamh, falamh falamh; is i mo bharail gu bheil iad ach beag uile falamh,” arsa Daidh ris fein; “chaneil so idir mar a shaoil mi; ciod a dheanainn nan tuiteadh do mchairt fein a bhi falamh. Tha an t-am agam a bhi agluasad a choir an doruis.”

Falamh, falamh, falamh, leth-chiad uair eile as deigh a cheile, agus asin, coig ciad punnd Sasunnach do chuideigin. “Falbh,” arsa Daidh, “is fhiach sin rud-eigin, ach is suarach e lamh ris na tha suil agamsafhaighinn. Ciod sud a chuala mi? ’S e sin an t-aireamh aig achairt sgamsa; a dhaoin’ -uaisle, mas e ur toil e; is mise77’” — “Falamharsan cleireach, agus thuit Daidh Sulair bochd air a bheuls air a shroin, mar gun cuirteadh urchair ann. Shaoil iad uile gun robh e glan mharbh, ach cha robh. Fhuair iad a mach caite an robh an duine bochd a comhnuidh; agus, a thaobh gun robh e astar air falbh, thairg duin’ -uasal a bhalathair a charbad fein gu caoimhneil chum Daidh bochd a ghiulan dachaidh. Chuir lad anns acharbad es dhfhalbh iah leis.

Bha Peigi fad uair an uaireadair afreiceadan aig an uinneig. A chum is gun rachaidh aice na bfhearr air orduighean Dhaidh a chur an gniomh, fhuair i cuideachadh aon de na coimhearsnaich, chruinnich i gach stob airneis a bhas an tigh ann an aon seomar-mullaich, agus bha inisn a suidhe gu foighidinneach afeitheamh acharbaid. Mu dheireadh, an uair nach mor nach robh i air toirt thairis, faicidh i an carbad atighinn man cuairt an oisinn? A suas chaidh an uinneag ann an tiota, agus a sios chaidh an airneis car ar char air an t-sraid gu h-iosal. Cathraichean, buird, sgathain, poitean, clobhachans gach ni air an ruigeadh lamh, a sios chaidh iad, muin air mhuin, ’n am mirean air achabhsair. Bha seana bhodach adol seachad aig an am, ’s dhamhairc e suas dhfheuch ciod a bu chiall don fhrois eagalaich, ach bhuail gob a bhuilg-sheididh anns an t-suil e, agus am feadh a bha en a laidhe asporathail thainig ultach de shoithichean creathanuas air a chaol-druim nach mor nach do bhrist a chnaimh-droma. Ruith marsanda a mach as a bhuth air taobh eile na sraides e cumail a suas a lamhans asmeideadh ri Peigi sgur dan obair sgriosaich, ach fhuair e strabhaileadh de chuinneig anns an smig a chuir car dheth anns an eabar. Leum am ministeir, duine mor, sultmhor, ’s edol seachad, a nall a chur casg air abhristeadh uamhasach, ’n uair thainig gùn drogaid leis achaillich a nuas thar a chinn, ’s ghrad thug echasan as le naire. Fad na h-uine so, agus ann am meadhon na h-aimhreite bha Daidh Sulair, agus enis air tighinn gumhothachadh, ’n a sheasamh anns acharbad aglaodhaich airdechinns asmeideadh ri Peigi a stad; ach shaoil ise gur ann a bha e ri iolachsg a brosnachadh; chuir i roimhpe nach biodh stob a stigh mam biodh uine aig Daidh air bhinios an staidhir; agus gus an do leum estigh mar dhuine air achuthachs an do rug e air chaol da dhuirn oirre, cha do thuig i ciod a bha e aciallachadh. Mu dheireadh dhinnis en fhirinn bhronach dhi, ’s shuidh iad le cheile a chaoidh an leir-sgrios a thug an goraich a nuas orra.

Am feadh a bha iad mar so atuireadhs abron an cor bochd, thainig an duine caoimhneil, cneasda sin, Seumas Mor, a stighg am misneachadh. Cha dthuirt e idir riutha mar a theireadh cuid a dhaoine, “Nach dthuirt mi ribh; cha ghabhadh sibh mo chomhairle.” Cha dthuirt e ni da leithid, achn uair a chunnaic e mar bha cuisean, dhfhalbh e gun fhacal a radh, chuir e tional beag air chois, agus ann an latha no dha thruis e mu thuaiream da fhichead punnd Sasunnach a chuir Daidh Sulair gu comhfhurtachail air a chasan a rithisd. Is ann mar so a bu choir do dheadh choimhearsnaich deanamh ra cheile. Cha do chuir Daidh Sulair agus Peigi a bhean sgillinn gu brath tuille ann an crannchur. —Mur do shiubhail iad uaith sin tha iad beo fhathast.

Eadar le I. B. O.


Aodaichean deante, Adan, Curraichdean, Brògan, Flùr, Min, Ti, Siùcar, agus ioma seòrsa eile aig D. J. Domhnullach, math agus saor. Taghail aige.


Is fhearr làn an dùirn de cheaird na làn an dùirn de dhor.



[26]

[Vol . 4. No. 4. p. 2]

EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH.

(Air a leantuinn.)

AN an déigh abhlàir chuale gun robh cuid de na daoine buailte fathast beò, a dhaindeoin gach leòin agus ana-cothruim a fhuair iad, ’n an sìneadh a muigh air an raon fon uisge throm a thuit feadh na h-oidhche. Chuireadh cuid den arm-dhearg a mach o Inbhernis a chum cur as doibh so; agus ma bhan t-òrdugh sgreamhail, chaidh a churan gnìomh air mhodh cho gràineil. Air an m màireach chuireadh cuideachdan a mach air feadh na dùthcha a rannsachadh gach tighe anns an saoileadh iad an gabhadh na daoine leòinte fasgadh. Fhuaradh àireamh mhòr dhiubh; mhortadh iad uile ach fear no dhà a fhuair as le bàighealachd aoin de na h-oifigich. Bha duine measail, nach buineadh do thaobh seach taobh, a chunnaic a dhà-dheug agus trì-fichead air an cur gu bàs mar so air an treas an déigh abhlàir.

Cha robhan so ach faoineachd ann an coimeas ri uamhais eile a chuireadh ann an gniomh. Dlùth don bhlàr-chath, bha bothan chaorach far an diarr cuid de na daoine leòinte fasgadh; fhuair an t-arm-dearg a mach iad; dhùin iad an dorus, agus chuir iad ra theine e; ionnas gun do loisgeadh, chan e a mhàin na bha dhaoine leòintann, ach mar an ceudna cuid de mhuinntir iochdmhor a thàinig a fhreasdal doibh. An déigh do na h-uile-bhéistean gràineil a rinn so an t-àitfhàgail, fhuaras le muinntir na dùthcha -fhichead corp anns abhothan thruagh so, ann an cor nach urrainn cainnt a churan céìll. Cha-n ainmich sinn ach aon sgeul eile. Fhuaras naoi Oifigich dheug ann an coille acall fala, ghiùlaineadh iad dlùth do thigh Chùil-fhodair, ach cha robh achridhe fasgadh tighethoirt doibh, no idir an creuchdan a cheangal suas. Bha aon fhear-muinntir bochds an tigh mhòr so, a ghabh de mhisnich beagan bìdh a thoirt doibh, ged a bha en cunnart dìoladh gu trom air a shon. Fhuaradh iad so a mach air an treas leis an arm-dhearg, cheangladh iad gu cruaidh teann, thilgeadh iad air muin a chéile ann an cairt; chuireadh a mach iad ri aodann balla àird, ’us mu-m burrainn doibh aon ùrnuigh ghoirid a chur suas, loisgeadh orra le sreath de shaighdeirean a sheas mar uidh dheich troidhean doibh, agusan earalas gu-m biodh an deò ann an aon diubh, dhiarradh air na saighdeirean iad a chur as doibh le èarr an gunnachan. Ach cha-n urrainn duinn an casgradh oillteil so a leantuinn nas faide.

Bha iomadh tein’ -éibhnis ann an Sasunn, agus ann an cuid de dhAlbainnn uair a chualas mar a thachair air monadh Chùil-fhodair. Cha robh urram a burrainn uachdarain na rìoghachd a chur air Diùc Uìlleam nach drinn iad. Shocraich iad -fhichead mìle Punnd Sasunnach airan comhair na bliadhna fhads a bu bheò e; agus do réir gach cunntas fhuair e na h-uiread mheas air son achuid a bfhèarrfhaotainn de Thèarlach Stiùbhard, agus a fhuair Wellington ainmeil air son buadhachadh an aghaidh an duine urramaich sin a thug oidhirp air an Roinn-Eòrp uile a chur fo dhaorsa. Tha so aleigeadh ris an t-eagal a chuir còig mìle Gàidheal air rìoghachd mhòr Bhreatuinn.

Am feadhs a bhan t-arm a bhuadhaich asealbhachadh gach molaidh, urraim, agus duais a than saoghal do ghnàth ullamh air a bhuileachadh orra-san leis an soirbhich, béigin do Thèarlach bochd teicheadh, mar am fiadh a leònar, do dhuaigneas nam beann, agus do dhubhar na coille, ’g a dhì-fholach féins na bha a làthair da dhaoine, on fhaghaid choimhich a bhanis air an tòir.

AM PRIONNSAIR ALLABAN.

Tha ar cinn fon choille,
S éigin beanntanus gleanntanthoirt oirnn;
Sinn gun sùgradh gun mhacnus,
Gun éisdeachd ri binneas no ceòl;
Air bheag bìdh no teine,
Air na stùcaibh air an luidheadh an ceò;
Mar chomhachaig eile,
Ag éisdeachd ri deireas gach .”

An déigh Blàr Chùil-fhodair a chur, thug amheud de na Gàidheils a thàinig beò as an àrfhaich, orra do na monaidhnean a bàirde agus a bu chreagaiche a bha ra fhaotainns an dùthaich: far an dfhuair mòran diubh bàs le call fala agus acras. Cha robh a h-aonn am measg a dhfhuiling allabanbu truaighe na Tèarlach féin. Ràinig e tigh Ghoirtleig, mun anmoch, maille ri beagan chàirdean a lean ris. Ann an so, choinnich e Mac Shimidh na h-Airde, a bha fo uamhas mòrn uair a chuale mar a chaidh don latha. ’An déigh an comhairla chur ra chéile, cho-aontaich iad nach robh son a àite tèaruinte don Phrionnsa fuireach ann, agus gun tàmh a ghabhail, le cridhe goirt, thug e féins abhuidheann bheag a bha maille ris orra gu Inbhergharaidh, Caisteal MhicIc Alastair. Cha robhs an tigh sos an àm, ach aon fhear-muinntir, agus bha an tigh gun bhiadh gun èarnais. Luidh am Prionnsair an oidhche sinn a aodach féin air lom an ùrlair. Fhuaradh air an m maireach bradan as aGharaidh a dhith iad le mòr chìocras ged nach robh aca leis ach deoch as an tobar. Air an m màireach dhfhàg iad an t-àite so, agus thug iad Arasaig orra, dlùth don àites an dthàinig e an toiseach air tìr. Sgap achuid eile de na Gàidheil, agus dhiarr gach fear tèaruinteachd dha féin, mar a bfhèarr a dhfhaod e. Dhfhan am Prionnsa ceithir làithean ann an Arasaig, afeitheamh gus an tigeadh Dòmhnull Mac Leòid as an Eilean Sgiathanach, air an do chuireadh fios gu bhin a fhear-iùil da. Mar bham Prionnsa machs amhonadh gun duine leis, chunnaic e seann Ghàidheal adlùthachadh air; chaidh Tèarlachn a choinneamh agus dhfheòraich e dheth am besan Dòmhnull Mac Leòid? Is mi, arsan Gàidheal. Is mise do Phrionnsa, arsa Tèarlach, is mi a chuir fios ort; tha mi ann an airc, agus tha mig a mearbsa féin riut: dean rium mar is àill leat. Air an oidhche sin féin chuir iad fa sgaoil á Loch-nan-uamh ann an ochd ràmhaich fhosgailte; an seann Leòdach air an stiùir, agus am Prionnsan a shuidhe eadar a dhà ghlùn. Bha Dòmhnull eòlach air coslas nan speur; dhfhosgail uinneagan an athair gu gruamach dorcha, agus thuig e gu-n robh stoirmam fagus, ach chuir am Prionnsa roimhe dol airaghaidh. Bha aca feòrlan mine, agus poits abhàta, ach cha robh aca aon chuid teine no connadh.

Ceart mar a thubhairt Mac Leòid, is gann a chuir iad a mach gu fairgen uair a dhéirich an doinionn. Shéid aghaoth gu h-uamhasach agus dhéirich na tonnan gu ro bhuaireasach; agus bhan oidhche cho stoirmeils nach faca Mac Leòid riamh a leithid air a’ [ ? ] sin. A



[27]

[Vol . 4. No. 4. p. 3]

mheudachadh am -shealbh, shil an t-uisge orran a thuiltibh anabarrach, agus bha iad gun phìob-thaosgaidh gun chairt-iùil. Bhan oidhche cho dorcha, ’s nach bfhios do aon neach a bhair bòrd càitan robh iad; agus iad fo eagal gun cailltam bàta, no gu-n rachadh iad gu tìr air an Eilean Sgiathanach, far am biodh e ro chunnartach don Phrionnsa dol, a thaobh an airm a bhanns an Eilean. Fa dheòidh chaidh crìoch air an eagal, shoillsich an latha, agus thuig iad gur ann air còrsa an Eilean Fhadabha iad. Chaidh iad air tìr air Rudha Roisinnis, ceann na h-àird-an-ear de dhEilean Beinne-mhaoil; tharruing iad am bàta air tìr, agus rinn iad deas beagan bìdh leis amhin a bhaca, agus le feòil mairt a ghlac agus a mharbh iad.

Chum a thuigsinn an cunnarts an robh am Prionnsa, is còirinnseadh gu-n robh £30 ,000 (deich-mìle-fichead punnd Sasunnach) de dhairgiod-cinn air a thairgseadh as, leis an rìoghachd: agus bha saighdearan agus soithichean-cogaidh air an càradh anns gach àite far an saoileadh iad am bitheadh e. Bi àithne Dhiùc Uilleam do na daoina bhair a thòir, gun aon phrìosanach a ghlacadh— “Tha sibhg a mthuigsinn,” deir esan.

Cha-neil en ar comas, mion-chunntas a thoirt air gach losgadh agus creachadh a rinneadh air luchd-leanmhuinn Thèarlaich, agus tha e ma dhfhaoidte cho iomchuidh gu-n rachadh an -chuimhneachadh gu tur; cha mhò a tha en ar comas gach caol thèarnadh a dhfhiosraich e féin a churan céill.

Tha e duilich a chreidsinn gach cunnart agus gàbhadh as an dthàinig e, airais agus airadhart, eadar Leòghas agus an t-Eilean Fada, ach cha do chaill e féin air àm sam bith a mhisneach; cha do dhìobair duine riamh e, ris an dearb e e féin; agus ged a bàrd an t-airgiod-cinn a bha as, agus ged a bu bhochd an sluagh a bha en am measg, cha robh a h-aon diubh leis nach bfhèarr am bàsfhulang na a bhrath.

FIONNAGHAL NIC DHOMHNUILL.

Flora Macdonald.

Agus an uair nach robh dol as aige agus e air a chlaoidh gu goirt, dhearb e e féin ri Ainnir uasail, nach faodar ainmeachadh ach leis amheas as àirde. Bi sin Fionnaghal Nic Dhòmhnuill; nighean do Fhear Bhaile-mhuilinn ann an Uist achinn-a- deas; bean uasal òg, àillidh, a bha ainmeil ra linn féin, air son gach beus a bu chliùitiche. Bha oide na mnà uaisle son a cheannard aìr feachd an Rìgh, a thachair a bhin Uist air an àm, agus fhuair ise cead sgrìobhta fo a làimh air a son féin, a gille, agus a searbhanta, ’chum an leigeadh thairis don Eilean Sgiathanach. Ben gille a thug i leatha Niall Mac Eachainn, neach a be seanair an duinainmeil, an t-àrd Cheann-feachd sin, Diùc Tharentum, a choisinn na h-uiread chliu ann an cogadh fo Bhonaparte; agus bin searbhant a thug i leatha, PrionnsTèarlach, ann an éideadh boirionnaich.

Dhfhàg iad Uists an anmoch ann an sgoth bhig; bhan oidhche dorcha, dòbhaidh; mu ghlasadh an , fhuair iad iad féin fa chomhair Rudha Bhatarniss an Eilean Sgiathanach, ach mar a bha iad dlùth do thìr chunnaic iad na saighdearan deargafeitheamh orra air an tràigh. Bha iad mar urchair gunna dhoibh mu-n dthug iad an aire; ach cho luaths a mhothaich iad an cunnart, thill iad a mach gu fairge. Ghlaodh na saighdearan riu iad a thighinn gu tìr no gu-n loisgeadh iad orra, ach cha do ghabh iad suim dam bagradh; loisg an t-arm-dearg orra, agus bha na peileirean afeadail mu-n cuairt doibh; ach dhiomair an sgioba gu tapaidh, agus chaidh iad as achunnart.

Thàinig abhean uasal mhisneachail so, agus a luchd-muinntir air tìr aig Mugstat, ionad-còmhnuidh Shir Alastair, Triath Shléite. Bhafhios aice gu-n robh Sir Alastair on bhaile, agus chuir i fios a dhionnsuidh na Baintighearna gu-n robh iad atighinn. Dhfhàg im Prionnsa fo sgòrr creige, aig achladach, am feadh a ràinig i féin an tigh a dhfhaotainn naidheachd nan crìoch. Bfhortanach gu-n robh i cho faicilleach, oir fhuair i àireamh de dhOifigich an Rìgh a stigh. Chaidh in an làthair, agus labhair i mar nach biodh iomaguin no cùram oirre.

On nach burrainn Baintighearna Chloinn Dòmhnuill am Prionnsa thoirt a dhionnsuidh an tighe, chuir i duinuasal as an robh i làn earbsach, Fear Chinnseburg far an robh e, leis gach goireas a shaoil i a bha feumail; agus thug an duinuasal measail sin leis echum a thighe féin. Be latha na Sàbaid a bhann; agus bha ìoghnadh air muinntir na dùthcha, ’us iad adol dachaidh on t-searmoin, ’n uair a chunnaic iad boirionnach cho ro àrd, agus cho neo-sgiobaltan a coslas, ag imeachd le Cinnseburg. Chuir en aon oidhche so seachad gu cridheil leis an duinuasal shuairce so, a chaidh leiss a mhaduinn maille ri Flòra do Phort-rìgh: far an do dhealaich am Prionnsa riu le chéile, agabhaìl a chead diubh le caomhalachd mhòr, agus na deòir aruith oshùilibh. O Phort-rìgh rinn e air son Eilein Rathasa, far an do ghabh MacIlle Chalum òg gach cùram dheth. An déigh dha latha na dhà a chur seachadan sin, thug e air Srath Mhic Ionmhuinn, gun duine leis ach Calum Mac Leòid; am Prionnsan a ghille-màileid aig Calum, a chums nach cuirtumhail air. As an t-Srath thug e bàta nunn do dhArasaig, agus chaidh e gu tìr aig Loch-Nibheis, an déigh caol thèarnadh o bhàtaichean a bha làn shaighdearan, ach nach dthug sùil orra le gairbhead na sìde. Dhealaich Mac Ionmhuinn an t-Sratha ris aig tigh Fir Bhoradail, agus thill e dhachaidh. Cha luaithe a chuir echas air tìr, na chaidh breith air féin agus air a ghillean leis an arm-dhearg. Chaidh fear de na gillean a sgiùrsadh gu goirt a dhfheuch an aidicheadd e càitan dfhàg iad am Prionnsa; agus mhaoidheadh an ni ceudna dheanamh air Mac Ionmhuinn agus air achuid eile dhiubh; ach bu dìomhain gach bagradh. Chaidh Mac Ionmhuinn an t-Sratha, agus Calum Mac Leòid a ghlacadh agus an cur air bòrd soitheach-cogaidh do Lunnuinn. Ghlacadh mar an ceudna Flòra Nic Dhòmhnuill, agus Fear Chinnseburg, agus chuireadh as an dùthaichn am prìosanaich iad. Cha builear dha leabhar air a shon féin, mu-n cuirteadhan céill gach caol dhol as, a bhaige feadh Arasaig agus Mhùideart, agus an t-ànradh troin dthàinig e acur seachad an latha ann an uaimhean fliucha àitidh, gun leaba, gun bhiadh, gun chòmhdach. Biad na companaich a bhaige air an allaban bhochd so, Fear Ghlinn.aladail agus a bhràthair, mac Fir Bhoradail, agus Camshronach Ghlinne-peighinn: ainmean nach dìchuimhnichear fhads a bhios iomradh air Bliadh-

Air leantuinn air taobh 6.



[28]

[Vol . 4. No. 4. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OGUST 3, 1895.

Comhairle Ghlic.

Chaidh duinòg a bha gun obair o chionn ghoirid gu seann duine air an robh e eòlach air son comhairle. “Bha mi,” ars esan, “anns an àite mu dheireadhsan robh mig obair afaotainn deagh thuarasdal. Ma ghabhas mi an dràsda fasdadh an àite anns nach fhaigh mi ach leth no ma dhfhaoite treas cuid an tuarasdail a bàbhaist dhomh fhaotainn, nach bi mi adeanamh tàire orm fhéin, agus aleigeadh fhaicinn do fheadhain eile, mar gum beadh, nach fhiach mo sheirbheis uireadsa bfhiach i roimhe so?” “Iain,” ars an seann duine, “be mo chomhairle-sa do dhuine sam bith a tha gun obair e ghabhail a cheud obair a thigna rathad ach i bhi onarach. Biodh an obair cruaidh no socair, biodh an tuarasdal beag no mor, gabh an obair a gheobh do làmh ri dheanamh, agus dean i le duile dhichioll. Tha thu moran nas dòcha obair mhath fhaotainnnuair a tha thu cheanag obair na tha thunuair bhios tun ad thàmh aig an tigh. ’N am latha fhéin, bha mi uair nach fhaighinn obair ach a bhi nam phortair ann an tigh-ceannachd air dolarsan latha. Ghabh mi an obair sin: an diugh is leam a chuid mhor dhen tigh sins dhe na thana bhroinn, agus tha mi ariaghladh a ghnothuich gu h-iomlan.” “Acharsan duinòg, “bha sin o chionn leth-cheud bliadhna. Thainig atharrachadh mor air an t-saoghal uaithe sin.” Fhreagair an seann duine, “An rud a bha fior o chionn leth-cheud bliadhna, tha e fior an diugh. Cha bhuinig duine sion air a bhina thàmh a feitheamh ri obair as fhearr na thana thairgse. Gabhadh e a cheud àite gheobh e, agus ma bhios e fhéin ceart, chan eagal nach fhaigh e àites fhearr ri ùine.


An uair a bhatar a cluinntinn mu Mhanitobasan dùthaich so an toiseach, thog dithis Leòdhasach coire orra, agus chaidh iad ann. Cheannaich iad fearann, agus thoisich iad air oibreachadh. Bha iad aon lathagearradh coille, agus air do Thormaid craobh a leagadh, thuit i air muin Mhurchaidh. “O, mhic, a mhic!” arsa Murchadh, “nach robh Manitoba farsuinn gu leor agad gus a chraobh sin a leagail, gun thuga leagail dìreach air mo mhuin-sa?”

Bha sgioba dhaoihe ag obair air rathad mor ann an cearna de Stàit Virginia, o chionn ghoirid, agus thainig iad air cnàmhan duine anns an talamh agus iad air an cuartachadh le cro iaruinn. Chan eil teagamh nach biad cnamhan murtair no meirleich a bha air a chur gu bàs o chionn ceud gu leth, no dhfhaoite da cheud bliadhna. Bha iomadh doigh acasna làithean sin air luchd droch-bheirt a pheanasachadhsa chur gu bàs nach eil air an cleachdadh idir air an lathan diugh.

Bha duine ann an carbad-smuid, an latha roimhe, aig an robh lamhan anabarrach geal, ach bha a shròn dearg. Bha seana bhean an lathair, agus dhamhairc i tamull beag air a lamhan, agus an sin dhfharraid i dheth ciod e a rinn iad cho geal. A nis, shaoil e gun deanadh e fala-dha dhi, agus thuirt e, gun robh egan goileadh gach madainn fad choig mionaidean. Thuig i na bhana inntinn, agus thuirt i gu ciuinIs mòr am beud nach goileadh thu do shròn an àm ceudna.”

Tha lagh aca ann an Norway abacail do dhuine sam bith craobh anns am bi dad a mheudachd a leagadh gun tri craobhan beag a chur faisg air a làraich. Than lagh so a cumail dhaoine o bhi gearradh na coille achnuair a bhios iad fior fheumach air fiodh. ’Sannsa choille a tha moran de shaibhreas na dùthcha sin, agus than lagh so glé fheumail ann a bhi cumail chraobhan òga afàs suas mar a tha na seana chraobhangan gearradh. Mur fàs muinntir na dùthcha so nas cùramaiche mun choille, cha bhi fada gus am feumar lagh éigin mar so a dheanamh air son a dion.


SGEUL EACHUINN.

Bha midol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòrs ga robhchabhag, cha burrainn domh ach stadnuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dhuaireadairean, de dhfhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dhioghnadh orm nach fhaca min stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bhadol seachad, “ tha cumailsan àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor on chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “chan eil ach beagan us seachdain on dhfhosgail e mach. ’S e

RHODES & GANNON

a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhnan t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am baithne dhuibh e?” “S ann dhomh a baithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bhagam air idir.” Cha dfhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s chan abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha miseg ràdh riut, an ath uair a thig mi dhan bhaile, cha bhi mo sporan cho falamhsa bha en oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dhfhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath riumnuair a bha mi déileadh ris roimhe.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.



[29]

[Vol . 4. No. 4. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Dhiùlt bearradair(barber)ann am Boston o chionn ghoirid falt duine dubh a ghearradh: chuir an dulne dubhsan lagh e, agus faodar a pheinisteachadh le cain tri ceeud dolair a chur air no bliadhna priosain a thoirt da.

Fhuair sinn taosg soithich de bhuntàta ùr bho Ailein Mac Leoid, a tha fuireach aig anInternational Pier,air an ochdamh latha deug dhen mhios a chaidh seachad. Tha sinn acreidsinn gnr h-iad a cheud buntàta ùr thainig dhan bhaile am bliadhna. Bha iadnan cuapaich mhatha agus glé bhlasda rin itheadh.

Chaidh fear Ioseph Miller a mhuinntir Arichat a bhàthadh aig an iasgach air an t-samhradh so. Bha e mach aig na bancaichean air soitheach Geancach, agus air dha fhéin s do dhithis no triùir eile bhi ann am bàta beag, thàinig oiteag ghaoithe a chuir am bata thairiss chaidh am bàthadh. Bhuineadh càch do dhùthchannan eile.

Tha na tàillearan ann am Brooklyn, N. Y., air sgur a dhobair, chan eil iad fhéin us iadsan a thag am fasdadh acòrdadh. Chan eil teagamh, mar is tric a thachair, nach eil roinn dhen choire taobh air thaobh. Tha mu mhilé duinena thàmh co-dhiu, agus tha cdoltas air gu feum muinntir Bhrooklyn deanamh as aonais aodaichean ùra gus an togair na tàillearan a dhol a dhobair.

Tham bàrr gu bhi gu math nas fheaar ann am Manitoba agus anns na Stàitean an Iar air an fhoghar so. Ann am Manitoba tha dùil gum bi aca mu choig muillein deug buiseal de chruithneachd a bharrachd air na bhan uiridh ann, agus anns na Stàitean tha dùil gum bi an corn am bliadhna ceud muillein buiseal air toiseach air biiadhna bhann riamh roimhe. Tha e mar sin glé choltach gum bi am biadh saor air a bliadhna tha romhainn.

Chaidh Domhnull A. Mac Néill, duinòg a mhuinntir nan Narrows Mhòra, a mharbhadh le sgiorradh aig anInternational Piera cheir- la-deug gus an diugh. Bha eg obair air lòdadh guail air feadh na h-oidhche agus air dha bhi coiseachd air mullach na laimhrig, thuit e troimh tholl, agus mun drainig en t-uisge bha e marbh. Cha rrbh e aig an obair ach beagan sheachdainean.

Se fear Mac Leòid a bhana fhear-inneil air a charbad-iaruinn a bhuailsa charbad eile aig Craigs Road an Cuibeic air a mhios sa chaidh. Bha e na dhuine aig an robh cliù a bhin còmhnuidh dileas agus earbsachna obair, agus tha e duilich a dheanamh a mach ciamar a leig en carbadna ruith air muin n fhir eile, oir chan eil e fhéin a nis a làthair gus sin innse, chaidh a mharbhadh còmhla ri mòran eile den fheadhain a bha air a charbad mhi-shealbhach sin. Tha cuid a deanamh dheth gu robh e air a bhualadh le pairileis, no dhfhaoite leis a bhàs, air an rathad agus nach robh e mar sin air chomas a dhleasanas a dheanamh.

Tha na tuathanaich air feadh na dùthcha ag obair gu traug air an fheur, agus cuid dhiubh ullamh dheth. Bra e abuich air son a ghearradh am bliadhna moran na bu tràithe na bàbhaist. Tha uisge gu leòr a sileadh an dràsda, agus ged tha e tuilleadh us anmoch air son feum a dheanamh dhan fheur, cuidichidh e leis an arbhars leis a bhuntàta.

Tha fear Iain Robertsonna thàillear ann am Montague an Eilean a Phrionnsa, agus tha e ceud bliadhna dhaois. Rinn e air an t-samhradh so peiteag us triùbhsair a ghearradh us fhuaigheal dha fhèin. Tha tàillear eilesa bhaile cheudna, Alasdair Caimbeal a tha ceithir fichead bliadhnasr ceithir a dhaois. A sheachdain gus an diugh, rugadh nighean òg dha. Tha sinn acreidsinn gur gann baile than Canada aig am bheil da thàillear a dhfhaodar a choimeas ris an dithis so.

Chaidh an sabhal aig an t-sagart air taobh an iar Loch Ainslie a losgadh gu làr air Dior-daoin, an ochdamh latha deug dhen mhios a dhfhalbh. Thòisich an teine ann am barailte anns an robhas acumail luathainn agus bha e cho fad air adhart mun dthugadh fa-near dhas gum bann air éigin a shàbhaileadh an tigh. ’S e sabhal glé mhath a bhann, agus bha luach moran airgid na bhroinn, a rinn an call na bu mhotha. Chaidh muinntir a pharaisde dhobair gun dàil air sabhal ùr a thogail, agus cha bhin ùine fada gus am bi e deas.

Tha seann bhoirionnach dubh a fuireach ann an Kentucky, don ainm Hannah White. Tha i ceud bliadhnasa h ochd deug a dhaois. Tha i ann an deigh shlàinte, agus a deanamh obair an taighe gach latha cho sùrdail ri ogsan dùthaich. Tha ceithir deug de chloinn aice, agus sia ficheadsa ceithir de dhoighaicheans de dhiar-oghaichean. Tha am mac as òige thaice fuireach comhla rithe, ’se na fhior sheann duine. Bha ina tràill gus an robh i seachad air ceithir ficheàd, agus chaidh a reicsa ceannach air rup ceithir uairean.


POSAIDHEAN.

Ann an Sidni air 23mh de Iulaidh, leis an Urr. D. Smith, D. D., Seumas Howard, a mhuinntir Shidni, us Sine Bharry, a mhuinntir Arichat.


BAIS.

Air Beinn nan Sgiathanach, air an treas latha de Iulaidh, Muchadh Mac Leòid, 32 bliadhna dhaois. Bha e tinn fad cheithir miosan, agus dhfhàg e bean us dithis chloinne.

Air Rathad nan Caimbealach, am Baddeck Mhor, air an 22ra latha de Inlaidh Bantrach ThormaidIc Asguill 87 bliadhna dhaois. Chaochail a céile o chionn ochd bliadhna fichead, ’se 70 bliadhna dhaois. Bha ina boirionnach clioiteach, diadhaidh, agus tha i nise air a dhol guduais.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON,
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[30]

[Vol . 4. No. 4. p. 6]

Air leantninn o Taobh 3,

na Thèarlaichs aGhàdhealtachd. Thachair gnothuch mun àm so, a chuidich gu mòr chum an cunnarts na robh an Prionnsa lughdachadh. Bha òganach eireachdail de mhuinntir Dhun-éideann a bhag a fholach ann an Gleann-Moristain, a ruaigeadh leis na saighdearan dearga, agus an uair a thuig e nach robh dol as aige, sheas e gu duineil; thilg na saighdearan air agus thuit e, aglaodhaich le àrd mhisnich, “Mharbh sibhur Prionnsa.” Ann an dùil gu-m faigheadh iad an t-airgiod-cinn a bha air a thairgseadh, bha na saighdearan a leag an t-òganach làn gàirdeachais; bhuin iad an ceann deth, agus tha e air a ràdh gun do thàrr Diùc Chumberland as leisn a charbad do Lunnuinn. Leis aso chaidh mòran de na saighdearan a tharruing as an dùthaich, agus cha robh iad cho tìtheach air tòir aPhrionnsa.

Chaidh Tèarlach do Dhùthaich Mhic Dhòmhnuill-duibh far an do chuir e seachad an ùine air feadh bheanntan fiadhaich na dùthcha sin, le Mac Dhòmhnuill-duibh agus Tighearna Chluainidh, gus an treas--deug de mhìos meadhonach an fhogharaidh, ’n uair a fhuair e fios o Fhear Ghlinn aladail gu-n dthàinig na soithichean a bha ri e féin agus ra chàirdean a ghiùlan don Fhraing. ’N uair a fhuair en sgeul aoibhneach so, thug e féin agus a chàirdean orra gu grad do Mhùideart.

Is furasda smaointeachadh gu-m bu ghoirt a chridhen uair a thàinig e a rìsan sealladh an àite sin far an do thog e ceithir mìosa-deug roimhe sin, a bhratach ri crann. Bha es an àm sin ann an àirda dhòchais, bha fiughair aige ri rìoghachd a shinnsir; agus cha robh ra chluinntinns an àite sin ach iolach shòlais o mhoch-thrà gu feasgar, mar a bha na Fineachan treuna Gàidhealach acruinneachadh le pìobus bratach mun cuairt da. A nis, tha edlùthachadh air an àite cheudnan a fhogarach bochd, a cholann air call a dreach, agusinntinn fo bhuaireas trom. Bha a luchd-comhaideachd air an claoidh le h-ànradh, air call na bhaca den t-saoghal, agus an luchd-millidh anns gach àitair an toir; a h-uile ni acurn a chuimhne gu-n robh gach dòchas agus dùil a dhàraich e riamh a nis air am mùchadh gu bràth.

AM PRIONNSAFAGAIL ALBAINN.

Achs fheudar dhomh-sa nis falbh uaibh,
A Ghàidheala calma mo ghràidh;
Bu mhòr mearbsasur fòghnadh,
Ged a dhfhòghnadh dhuinns an àr;
S iomadh ana-cothrom a choinnich
Sinn, ’s achoinneamhbha gun àgh;
Ach gabhaidh misa nis mo chead dibh
Uine bheag; ach thig mi tràth,”

Ràinig en tràigh, far an do labhair e riu-san a lean e le misnich agus le bàigh mhòir. O shùil gach treun-fhir dhìleis a bhalàthair, bha na deòir atuiteam gu frasach agus cha robh ra chluinntinn ach an osna throm. “Pillidh mi fhathast, mo chàirdean dìleas,” deir Tèarlach, “biodh agaibh-sa deadh mhisneach, théid sinn fhathast don àrfhaich le chéile; ithidh agus òlaidh sinn ann am pàilliunaibh an Rìgh, agus an sin chithear an spéis a thagam-sa do na Gàidheil.” Bha en sin car tamuilln a thosd, agus tharruing e osna thromcha burrainn e cumail na bfhaide air féin; béigin da dheòir tuiteam. Chaidh e féin agus ceud da luchd-leanmhuinn air bòrd na luingeis agus chuir iad air ball fa sgaoil. Sheas iad a mach gu fairge, thàinig an soirbheasn an déigh: sgaoil iad gach seòl ri crann; chunnacas iad mu thrà feasgair a mach eadar Eilean-nam-Mucus Cola; agus mu-n deachaidh aghrian fodha, ghiùlaineadh air falbh an t-aon mu dheireadh de na Stiùbhardaich odhùthaich a shinnsir.


Cheannaich duine-uasal araidh beagan slatan aodaich, aon latha, agus thug e leis gu taillear e, agus dhiarr e air deise a dheanamh dha. Thomhais an taillear an t-aodach gu curamach, agus thuirt e nach robh gu leòir ann airson deise a dheanamh. Chaidh an duine-uasal gu taillear eile, thomhais esan an t-aodach gu curamach, mar a rinn achiad fear, agus an sin thuirt e gun deanadh e an deise. Rinn e sin, agus bha an duine uasal cho toilichte leathas gun do chuir e uime air ball i, agus gun deach e gu taigh achiad taillear, agus gun dthubhairt e ris. “Nach tusa an taillear tapaidh, seall ri so, rinn taillear eile deise air mo shon leis an aodach a thuirt thusa nach deanadh an gnothach.” “Tha sin coltach gu leòirars an taillearach cha-neil mac an duine sin cho mòr ri mo mhac-sa.”

Cha dean fear asporain fhalaimh ach beag farumsan tigh-osna.


Domhnull Greusaiche agus na Minisdirean.

Bho chionn leth cheud bliadhna bhiodh minisdearan Phicto a tighinn an nall do Bhelfast aig am comanachaidh. ’S e Domhnull Domhnullach, Domhnull Greusaiche, an Eilein Phicto a bhiodh a tighinn leotha. Air aon bhliadhna, nuair a bha iad leitheach rathaid, thubhairt Domhnull riutha, Nach h-eil an t-am agaibh na pioban a tharruinn? Thug a h-uile fear aig an robh phiob am mach i agus thoisich e air smuideadh an tombaca. Bha fear no dha anns a bhata nach dug lamh air piob. Carson, arsa Domhnull riutha seo, nacheil sibhse smuideadh cleas chaich. Chan fheil sinne, fhreagair iad, ris a phiob. Chan fheil mi fhein rithe nas mo, arsa Domhnull; ach tha e iomchuidh gum biodh a h-uile duine air fhagail aig saorsa thoile fhein. Bhon tha iadsan ris a phiob gabhadh iad dhi, agus gabhaidh sinne an rud a thaitneas ruinn fhein. Thug Domhnull an sin lamh air botal uisge-bheatha a bha aige ann an oisinn. Thug e drama do na daoine aig nach robh piob, agus cha do rinn e dearmad air fhein. Chuir e an sin am botul seachad.

IAIN AN RUDHA.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.



[31]

[Vol . 4. No. 4. p. 7]

MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de
Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEOESA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & . Co.
Mai 4. ’95:


S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.

Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.

Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.

S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.


CLOIMH.
DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris as airdesa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH.
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
Oifig: Os cionn Stor Harrington
SIDNI. C. B.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland
SIDNI. —C. B



[32]

[Vol . 4. No. 4. p. 8]

CALL GHADHAIG.

LE CALUM DUBH MAC-AN-T- SAOIR.

(Air a leantuinn.)

Nam bu daoin’, a bheireidh dhinn thu,
Bhiodh Cluainidh air thoiseach na strithe;
Cha bfhadabhiodh teiric gun dioladh,
Bhiodh tional air fir na tire,
Le caismeachd ard sgal na pioba
Thoirt taichmheil am mach gu dileas:
Mun tilleadh an cat mors a linn bhiodh
Fuil air an lons feoil ga sioladh.

S cruaidh an sgeul a dhfheumar fhulang
Mun fhear threun bu slar ghlan buille;
Leann dubh air a chloinn a dhfhuirich,
Tharruinn am bas lamh on uilinn,
S leag em flurs an grainne mullich;
Dhfhag sud do bhraithrean gun fhuras,
Mar Oiseinbhaghnath ri tuireadh
N deidh na Feinne, dall air tulich.

Oidagus athir an fheumich,
Dhfhuasgleadh air airichs air eignich!
Nam burrinn mi dheaninn leich dhuit
Ghleidhinn cuach-iocshlaintna Feinndhuit,
Thug Fionn Mac-Cumhil a Eirinn;
S thoginn a rithisd on eug thu,
S maithean ag ol do dheoch-reite

Gu mu slan a thig e dhachidh,
OighrIain oig Mhic-a- Phearsain,
An Caiptinthan arm Chlann-Ailpein;
Ma bheir e an dualchas oathair,
Eighear am mach air thus feachd e.
S bidh muirn ann an duthich nam badan,
Cinnidh fiar aig miad an dealta,
N deidh dorcha na h-oidhchthig maduinn.

Sheid gaoth is sneachd as na speuran
Chuir an taigh-claichas a cheile,
S a chuir a choignearnan eiginn,
Naidheachd as bronach ri h’ -eisdeachd
Bhur faotuinnn ur laighe fo chreuchdibh,
Gun chomas labhirt no sgeula;
Ar dochas gun dfhuair sibh reite
Air sgath na fala chaidhcheusadh.


ORAN GAOIL.

Air Anna Buchanan, le Mr. Seumas Mac Griogair, s a bhladhna 1785.

FONN— “Mairi bhan Og.”

Gur mise bheir gràdh gu bràth don chailin
A dhfhàg misealan amdhéidh;
Tha aice os chàch gach àghs gach barrachd
Mar àilte gealaich measg reul.
S i séamh-osag fhann an t-sàmhraidh chaoimhneil
Bheir gleann is coille fo bhlàth,
S le dui-neoil a gheamhraidhs ànnradh gaillinn
Chan annsa fanail ra sgà.

Tha taghaidh, le fàilt, mar fhàir na maidne;
Mar dhealra deàrrsaidh na gréin’;
Gu bheil thu gu nàrach, màlta, caoimhneil;
Gur àluinn, banail do bheus.
Thàinig gathan o dshùilibh -ghorm, flathail
A dhùisg dhomh farum mo chléibh,
Nuair theannainn riut dlù bu chùbhraidh; tanail
Na ùbhlan abaich air gheig.

Gruaidh dhearg mar an ròs, is pògan meala
Cùl òr-bhuidh, maiseach nan teud;
Beul meachair, ’s a cheòl mar smeòraich coille;
Geal, bòidheach, daingeann do dheud;
Do bhràighe glan caomh mar mhaothan eala
Air caolas mara asnàmh;
Cneas gràdhach, séimh, caoin; is gàirdean canach;
Meòir chaol’, bas gheal, is min làmh.

Calba cruinn, lùthar, ùr-gheal daingeann;
Gur ciùine, farasd do cheum,
Troig chuimir a shiùbhlas dlù air choiseachd;
Cha lùb do chasan am feur.
Do chumadh odbhàrr gu dshàil, gun chron air,
Ach sàr-dheas, cothromach, grinn;
Gu meal thu do shlàintle àghs le onair,
Le dghrádh ge drobh mi gu tinn.

S leat inntinn nam buadhdhfhàs uasal, ceanalt
S gach buaidh tha ceangailt ri mnaoi;
Ge mòrtha de dhuaisl’ ’m fuil sluaigh do shloinne,
Cha truaill thu boinne dhi chaoidh.
Do ghliocas gun bheud; do chéill gun mhearachd;
Is do taithne gach gniomh;
Do thuigse co gheur; do reusan barraicht’,
Gun éis, gun char ann, gun ghiamh.

S beag tùirse no gruaimthan gruaidh na h-ainnir:
Is fuath leat sgainneal is beum;
Is coma leat tuaileas shuas an domhain,
Gach uabhar dona, ’s gach beud.
Chaneil thuad ghaoithein aotrom caileig;
Ciall aosdtha agad le dòig;
Gu h-iriosal, aoidheil, faoilidh, farasd;
Gu gaolach, carthannach, còir.

Gu bheil thu gu cràbhach, gràdhach, cridheil;
Gu bàigheal cinneadail, caoin;
Gur fialaidh de làmh, gur blà do chridhe,
Gur pàirteach bhitheadh mu dmhaoin.
Gun seasadh tu riabh gu fior le dcharaid,
Rud crion chan abair, ’s cha dean;
Gu piseachail, crionta, gniomhach, rathail;
Neo-dhiolt do mhath chur am miad.

Gu bheil thu gu teom air fòghlum banail;
Gu h-òrdail, ealamh, le snàid;
Gun dealbhadh tu còrr na h-eòins na crannaibh
Le seòltachd ainneimh do làmh.
Cha danig riabh ceann air tionnsgna innealt
Nach ionnsaich ise ri luaths;
Gun tàirneadh do làmhan peann le grinneas;
An cainntean thigeadh leat buaidh.

Chaneil, ’ann mo leursainn, air thalamh
Is beusaich’, glaine na thu;
Cha dfhàs i fon ghréin agheug, non gallan
Don géilleadh caileag mo rùin;
S tu féin an lùb àluinn; dhfhàs thu tlachdmhor,
S tun t-àbhal gasdanns achoill,
S tun ròs anns aghàradh, dhfhas thu maiseach;
S tum blàthan, paisgte le sgoinn.

S tu éiteag nan càrn, ’s iad càch na clachan;
S tur sàr-leug thaitneach nam buadh:
S tu fhéinn eala bhàn, ’s iad càch na lachaibh;
S tu sgàthan maiseach gach uaill’;
S tun cruinneachd glan ùr, ’s leat cliù na chinneas;
S tun drùchd a shileas gu caoin:
S tun gallan a lùb fo ù bhlaibh milis,
Is tu na shirinn ri mshaoghl.


DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinnna oifig anns an togalachs a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann aSheerwood.”


I. O. G. T.
Tha coinneamh aigVictory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, am Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.

titleIssue 4
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla IV No. 4. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page