[Vol . 4. No. 40. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 11, 1896. No. 40.
A Framboise.
Tha blàths is aiteamh againn a nise bho chionn mios agus tha ’n sneachda air falbh cha mhor gu buileach. Cha ’n eil teagamh nach tuit sneachda fhathast romh thoiseach nn t-samhraidh, ach cha seas e fada do theas grian April. Cha d’ thainig dad de’n deigh mhoir mu na cladaichean air an earrach so, ach faodaidh gu leòir tighinn fhathast; is minic a thàinig i air greis de ’n t-samhradh agus a chuir i call air na h-iasgairean agus air luchd-falbh na mara. Agus is cinnteach sinn á side aognaidh, fhuar, fhad ’sa bhios na cnapan mora, fuar, ud ’sa nàbuchd againn. ’S ann leam féin nach bu toil a bhi còmhnuidh far a bheil na cailleachean mora ud a fas. Tha mi ’n dùil nach lugha an t-Esgumo fhéin a bhiodh suas riutha. Mur a tig side dhoirbh fhathast romh bhealltuinn tha mi saoilsinn gu ’m bi pailteas biadh spréidhe againn, ach ma thig bithidh sinn gann gu leòir dheth.
Tha Domhnull A. Mac Gilleathain an deigh còrdadh a dheanamh airson tri taighean còmhnuidh a chur suas air an t-samhradh s’a tighinn, aon do Thormad Mac Asguill, aon do Alasdair M. Mac Leoid, is aon do Iain D. Mac Asguill. Tha Domhnull na shaor math, earbsach, agus ’se sin is aobhar gu bheil a cheud tairgse aige airson togalaichean de’n t-seòrsa so. Tha fear eile againn a tha dileas d’a dhreuchd ann am pearsa Dhomhnuill ’Ic Leòid, a tha ’na fhear-posta eadar Fourchie, an t-àite so agus Grand River. Ruith e ’n t-astar sin gu riaghailteach fad a gheamraidh, ged a bha iomadh latha is oidhche glé dhoirbh aige. Agus an taobh a mach de ’bheachdan ann ampoliticstha mi ’n dùil gur h-e an aon fhear airson na seirbheis.
Is fhada bho nach deachaidh geamhradh thairis anns nach d’ fhuair sinn air a chuid bu lugha bainis no dha gus am bliadhna. Tha e coltach nach d’ fhuair fiù a h-aon de na fearaibh òga de mhisnich na thug gruagach air làimh air beulthaobh ministeir; neo bhiodh mar bu nòs air thoiseach sreang de dh’ eich ’s de shleigheachan àrda, cnotan is dosan de ribinnean ioma-dathach a’ srannraich mu chluasibh nan each a dol tigh a mhinisteir ’sa tighinn bhuaithe. Gun teagamh is mor an cothrom a th’ aig muinntir an latha a th’ ann an duigh seach ri mo cheud chuimhne ri mo latha féin. Cha robh roidean mora na uidheam-giùlan ann ’s an ám ud mar a th’ ann an diugh, agus dh’ fheumadh mar sin dithis sam bith a bhiodh ri pòsadh, agus iadsan a bhiodh na ’n cuideachd falbh d’ an cois astar mhiltean troiomh ’n choille gus an ruigeadh iad a ministeir; fear-na-bainnse air thoiseach agus, “A bheil thu tighinn, a Sheònaid?” aige ’ga fhoighneachd an dràsda ’sa rithist. Agus an deigh a h-uile rud gu leir iad cho sona ’san dòigh ud ’s ged a bhitheadh iad ann a leitheid a charabaid ’sa thàinig le Sir Tearlach á Ottawa.
Ged a bu mhath leam a bhi sgriobhadh ad ionnsuidh na bu trice, thachair dhomh mar a chuala mi a thachair do’n duine bhochd roimhe. ’S e sin “toil gu leòir ach cion comais.” Tha e air a radh gu robh ministeir ann aon uair a’ gabhail an rathaid mhòir agus co a chunnaic e ’n a shineadh an clais an rathaid ach fear de’n choi-thional aige a ghabh de stuth na Tòiseachd tuilleadh ’s na thigeadh ri shlàinte. “Ud, ud, Iain,” ars’ am ministeir, “gu de tha thu ’deanamh ’nad shineadh an sin ’sa pholl. Eirich air do chasan ’s bi dol dhachaidh.” Thug Iain bochd oidhearp air éiridh ach dh’ fhairtlich air. “Ma ta,” arsa esan, “le’r cead a mhinisteir, gabhaidh sibh mo leisgeul. Tha toil agam gu éiridh ach cha ’n eil an comas ann.”
CEANN LIATH.
“Latha nan Amadan,” 1896.
Bha citheachan sneachda ann an cearuan de Stàit Wisconsin air an t-seachdain s’a chaidh, a bha eadar deich us fichead troigh dhoimhnead.
Ged a chaidh agad air aon olc chur a car ùine na thàmh, thoir an aire nach tog e a cheann suas an uair a’s lugha shaoileas tu, agus nach bi thu ’na do thrail aige ni ’s mò na bha thu riamh.
Mar is mò a bhios de mhios aig duine air feìn, ’s ann is lugha bhios aige air daoine eile. Am fear aig am bi meas mòr air fein cha bhi e toilichte mur bi daoine ’g a shior mholadh. Ach cha ’n ’eil rud a’s lugha air na bhi ’cluinntinn a bhith moladh dhaoine eile.
Bha duine a bha ’na bhantraich, agus mac dha a fuireach air aon taobh dhe ’n t-sraid. Air an taobh eile bha bantrach agus a nighean. Phos an duine an nighean, agus phos a mhac a bhantrach. Tha toil aig an duine nis fhaotain a mach co dhiubh a tha esan na athair-ceile dha ’n te a bha na bantraich, no ’n ann a tha ise na mathair-cheile dha-san.
Bha coinneamh ann a Winnipeg air an t-seachdain s’a chaidh aig teachdairean o Ard-Riaghladh Chanada agus Riaghladh Mhanitoba, feuch am b’ urrainn daibh còrdadh a dheanamh a thaobh sgoilean na mòr-roinne sin. Dh’ innis teachdairean an Ard-Riaghlaidh mar bu mhath leothasan gnothuichean a bhi air an ceartachadh, agus dh’ innis Riaghladh Mhanitoba na bha iadsan deònach a dheanamh, ach cha do chòrd an da ni ri chéile, agus b’ fheudar dhaibh dealachadh gun aontachadh ri ni sam bith a dheanadh cùisean na bu réidhe na bha iad roimhe. Cha’n eil teagamh a nise nach bi sgoilean Mhanitoba ’na ceist mhòir eadar an da phàirtidh an àm a bhi taghadh pàrlamaid ùr ’san t-samhradh.
[Vol . 4. No. 40. p. 2]
CLEASACHD NAN GAIDHEAL.
Thàinig caochladh mòr air nàdar agus air àbhaistean na h-òigridh bho ’n is cuimhe leamsa. Tha giullain an là an diugh cho glic ri ’n seanairean agus cho sean ris na cnuic mu’n gann a bhriseas iad air “gàradh-an t-shagairt.” Tha chleasachd iar dol cho mòr á cleachdadh ’s nach fhada ’s aithne do na caileagan fhein uibhir ’s cluith air an “Fhrìdeig.” Cha chluinnear guth a Shamhradh, a Gheamhradh, a dh-Fhoghar, no a dh-Earrach, air Cluith-na-brataich, Tomhas-nam-prop, am Madadh-ruadh, Cisteag-òir a’s cisteag-airgid, Falach-a’ -phutain, Gille-iùnnsachan, Nead-Ghille-brigein, cha chluinn no air Currac Mhaighistir Péursal fhéin! Leig na sean-ghiullain diubh, ach beag, ant òrd, a’ chlach-neart, ar chruinn-léum, an léum-ruith, an cabar, ’s Gille-Callum! Cha ’n bheil cuimhne agam c’ uine chuala mi geall-réise ga chur; ’s nach bheil a bhlàth; an àite a’ ghrama-ruith, an cluinnear ach greim-stamaig; agus na lorg cha ’n fhaicear uibhir “ceann-na-h- òrdaig” de ghlas-ghiullan gun àth-aoil na phluic! Tha chamanachd fhathast ag cumail suas a cinn—tha ’s an dallan-dà; ach tha bhuaidh seo air an “dallan” —am fear air an téid e aon uair gur dùth dha fuireach air!
Tha cuibheas air a’ h-uile rud; ach am beilear an diugh na’s fhéarr na bhàtar bho shean! Am beilear na’s clise ’s na’s eòlaich air ball-airm a laimhseachadh bho ’n a chuireadh air chùl Cluith-na-brataich, a’s Tomhas-nam-prop? Am beilear na’s teòma air seilg, agus na’s fhearr a suas ri àmhuiltean ant shionnaich bho ’n a sguir Cluith a’ mhadaidh ruaidh? An aon fhacal, am beil an Gàidheal na ’s lùthmhoire shiubhal an fhirich, na’s fulangaiche air mì-mhodh, na’s cruadalaich ri uchd gàbhaidh, na’s curantaiche, na ’s dìlse dh’a chompanach, agus na’s fhaide saoghal?
Cha do leig sinne tur fhathast au cabar air ant shlinnein; cha ’n bheil oidhche-sheachdain nach fhaigh sinn a’ Ghlas-mhiar bho ’n phìobaire, sgialaachd bho Eobhan-mòr, agus fios mu ioraltan Mhic-an-tuim bho Dhònull Camron; ach an uair is bàs do dh-Iain mac Ghill-easbaig tha eagal orm nach cluinn sinn gin tuille de na seann òrain.
Ma ghabh na seann-Ghàidheil saothair ri oileineachadh làmh a’s chas, cha d’ rinn iad dearmad air a’ mheomhair. Mar dhearbhadh air sin bheir mi dhut
A’ CHAS-GHOIRT.
Feumaidh ochdnar a bhi ’s a’ chluith. Am fear air an tig “stoc a staigh” ’s e bhios na “bhodach;” agus a’ fiachainn co bhios na bhodach, their an rìgh facal de’n rann a leanas, no dhe ’samhuil, ’s e tomhadh a chorraige ris gach fear fos leth de ’n ochdnar, ’s a’ dol deiseal air a’ chròileagan. Is i seo an rann a bhiodh againn, mar is cuimhne leat, an uair a bhimid ag cluith air an “Fhrìdeig.” Féumaidh am bodach seasamh air bialaobh gach fir de ’nt sheachdnar, agus a dhuan a ghabhail ’s a dhanns a dheanamh. Bidh dochair air an fhear theid lideag am mearachd:—
Imeadan beag, amadan beag,
Gioba gobha, gioba gadha, gioba gall,
Gall-seipein, seipein siùbhlach,
Aon bhogh’ -Ileach, dà mhiar mheadhoim,
Miar Mhic Iain, an ceann ’s a’ chaolan,
Dughall glas, ga leigeil ás,
Taobh na slaite, ìnnse cruitein,
Ainnse meitein, boineid na muice,
Stoc a’s taigh!
RIGH. —Eirich, a bhodaich, ruig an leathraiche, agus faigh iall a theid air do chois ghoirt.
LEATHRAICHE. —Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, c’ àite bheil thu dol?
BODACH. —A dh-iarraidh éille theid air mo chois-ghoirt.
LEATHRAICHE. —Cha ’n fhaigh thu iall bhuamsa gus am faigh thu sgian bho ’n ghobhainn a ghearras i.
GOBHAINN. —Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, c’ àite bheil thu dol?
B. —Gobha, goba bòidheach,
Gobha, gobha briagha,
Gobhainn a bheir sgian domh,
Sgian a bheir mi do n leathraiche,
Leathraiche bheir iall dhomh,
Iall a theid air a’ chois ghoirt!
G. —Cha ’n fhaigh thu sgian bhuamsa mur teid thu thoirt iteig ás a’ chòrr ud shìos a bheir do’n choill thu a thoirt guail leat.
CÒRR. —Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, c’ àite bheil thu dol?
B. —Còrr, còrr bhòidheach,
Còrr, còrr bhriagha,
Còrr a bheir iteag dhomh,
Iteag a bheir mi do ’n choill,
Coill a bheir gual domh,
Gual a bheir, &c .
C. —Cha ’n fhaigh thu iteag bhuamsa mur faigh thu dhomh piseag bho ’n chat ghlas ud thall.
CAT. —Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c .
B. —Cat, cat bòidheach,
Cat, cat briagha,
Cat a bheir piseag dhomh,
Piseag a bheir mi do ’n chòrr,
Còrr a bheir, &c .
C. —Cha ’n fhaigh thu piseag bhuamsa mur fhaigh thu dhomh diaran bainne bho’n mhart mhaol.
MART. —Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c .
B. —Mart, mart bòidheach,
Mart, mart briagha,
Mart a bheir bainne dhomh,
Bainne bheir mi do ’n chat.
Cat a bheir, &c .
M. —Cha ’n fhaigh thu bainne bhuamsa mur faigh thu dhomh sop bho ’n ghille-shabhail.
GILLE-SABHAIL. —Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c .
B. —Gille sabhail bòidheach,
Gille sabhail briagha,
Gille sabhail a bheir sop dhomh,
Sop a bheir mi do ’n mhart,
Mart a bheir, &c .
G. S. —Cha ’n fhaigh thu sop bhuamsa mur faigh thu bonnach dhomh bho ’n bhean-fhuine.
BEAN-FHUINE. —Fàilt ort, ’ille bhig chrùbaich, &c .
B. —Bhean-fhuine bhoidheach,
A bhean-fhuine bhriagha,
A bhean-fhuine bheir bonnach dhomh,
Bonnach a bheir mi ’n ghille-shabhail,
Gille-sabhail a bheir sop dhomh,
Sop a bheir mi do ’n mhart,
Mart a bheir bainne dhomh,
Bainne bheir mi do ’n chat,
Cat a bheir piseag dhomh,
Piseag a bheir mi do ’n chòrr,
Còrr a bheir iteag dhomh,
Iteag a bheir mi do ’n choill,
Coill a bheir gual domh,
[Vol . 4. No. 40. p. 3]
Gual a bheir mi do ’n ghobhainn,
Gobhainn a bheir sgian domh,
Sgian a bheir mi do ’n leathraiche,
Leathraiche bheir iall domh.
Iall a theid air a’ chois-ghoirt!
Fiach a nise an cuir thu fhein càch romh ’n “Isein-chirce” agus romh na “Deich amaill,” air ant sheòl chiadna:
Còig stallain dhiag.
Dhubha, dhubha, dhùghorm;
Le ’n còig earrabuill dhiag,
Dhubha, dhubha, dhùghorm,
Ceithir capaill dhiag,
Dhubha, dhubha, dhùghorm;
Le ’n ceithir searraich dhiag.
Dhubha, dhubha, dhùghorm.
Trì mnathan diag, geala.
Geala, geal-bhreideach.
Dà ghille dhiag, bhreac-luirgneach.
Aon fheadag dhiag, fhad-speireach,
Deich bà ceanfhionna,
Croidhionna, làirceach.
Naoidh tairbh mhaola,
Dhonna, chorc-chluasach.
Ochd cailleachan miogagacha,
Magagacha, màgach.
Seachd gobhair ghiorragacha,
Gharragacha, dhàite.
Sia mucan-biadhta.
Còig fainneachan òir.
Ceithir sraibh-mhuillcinn.
Trì eòin-ghura,
Dà chrann lacha,
’S isein-circe, ’s a chas briste,
’S beairt air a mhuin!
Cuir seachad seo. ’Dé th’ ann an seo? Isein-circe ’s a chas briste, ’s beairt air a mhuin. Cuir seachad seo? Agus mar sin sìos.
Deich amaill a’s deich tuill
Na ’n deich cinn,
Naoidh amaill a’s naoidh tuill
Na ’n naoidh cinn.
Seachd amaill a’s seachd tuill
Na ’n seachd cinn,
Sia amaill a’s sia tuill
Na ’n sia cinn.
Còig amaill a’s còig tuill
Na ’n còig cinn.
Ceithir amrill a’s ceithir tuill
Na ’n ceithir cinn.
Tri amaill a’s tri tuill
Na’n tri cinn.
Dà amall a’s dà tholl,
Na ’n dà cheann.
Amall agus toll na cheann.
Cuir seachad seo. ’D é th’ ann an seo? Dà amall a’s dà tholl na ’n dà cheann, amall agus toll na cheann. Agus mar sin sìos—ABRACH, ’sa Ghaidheal.
Micheil Ionraic.
O chionn còrr us da cheud bliadhna bha anns an Olaint gille beag ris an canadh iad Micheil. Bha a phàrantan bochd, agus b’i ’n toil gu’n ionnsaicheadh e ceaird; ach bha Micheil air inntinn a dheanamh suas gu’m biodh e ’na sheòladair, agus cha deanach ni sam bith eile ’n gnothuch. ’Se bh’ ann gu’n aontaich a phàrantan a dhòigh fhéin a leigeadh leis; agus fhuair ’athair àite dha air bòrd soithich a bha gu seòladh gu Morocco air cladach a tuath Africa. Bhuineadh an soitheach do cheannaiche dha ’m b’ àbhaist a bhi toirt leis aodaich dh’ an dùthaich sin, air son a reic ris na nàisinnidh.
Bhiodh e fhéin a falbh air an t-soitheach, agus mar sin bha làn chothrom aig air fhaotainn a mach ciod bu nàdar dha ’n ghille ùr, agus cha b’ fhada gus an d’ thug e fa-near gu’m bu ghille fiachail e. Cha ’n e mhàin gu robh e ealamh gus a dhleasanas ionnsachadh, ach ni a b’ fhearr gu mor na sin, bu ghille e a dh’ fhaoidte easbsa. Ge b’e ni a bhiodh aige ri dheanamh, dheanadh e e le ’uile dhichioll, co-dhiu bhiodh duine ’ga fhaicinn no nach bitheadh. “So an gille ’tha dhith orm,” ars an ceannaiche; agus bha Micheil a sior dhireadh. Bha a dheanadas, ’fhoighidinn, agus ’onair aithnichte do na h-uile, agus thug iad an cliù sin dha.
Aon latha, mu dheireadh thall, dh’ fhàs an ceannaiche tinn, agus cha robh e comasach dha leis falbh an t-soitheach, a bha luchdaichte agus ullamh gu triall air a turus gu Morocco. Ciod a dheanadh e? Cha b’ aithne dha ach aon neach ris am faodadh e an soitheach ’sa luchd earbsa. Chuir e fios air Micheil, agus thuirt e ris gu feumadh e falbh an àite ’mhaighstir. Bha Micheil òg, agus bha ’n t-uallach mòr, ach b’e ’dhleasanas an ni chaidh iarraidh air a dheanamh agus cha do chuir e cùl ris. Dh’ fhalbh an soitheach agus Micheil ’na seilbh, agus an ceann beagan làithean dh’ fhaoidte fhaicinn air maduinn bhriagha a’ sgaoileadh nan aodaichean anns a mhargadh am baile Morocco.
Bha am baile sin air a riaghladh le righ no ceann-feadhna ris an canadh an sluagh Bey. Bha e ’na dhuine ceannasach, an-iochdmhor agus mor as féin, aig an robh cumhachd gach ni a thogradh e a chur an gniomh ’s cha ’n fhaodadh duine radh gu’m b’ olc. Air a’ cheart mhaduinn so thainig e mach dh’ an mhargadh agus an deigh dha sealltuinn thairis air na h-aodaichean a bh’ air cùram Mhicheil, thagh e pios àraidh a chòrd ris, agus dh’ fheòraich e ’phris. Dh’ innis Mhicheil dha. Thairg am Bey dha leth na suime. “Cha ghabh,” arsa Micheil, “Cha’n eil mi ’g iarraidh air an aodach ach na ’s fhiach e; tha dùil aig mo mhaighstir a’ phris sin fhaotainn air, agus cha ’n eil annamsa ach a sheirbheiesach. Cha ’n eil e comasach dhomh pris na’s lugha ghabhail.” Dh’ at aodann a’ Bhey le feirg; chriothnaich iad-san a bha nan seasamh faisg orra, oir bha fhios aca gu’m bu bhàs cinnteach do neach sam bith cur an aghaidh toil an riaghladair. “Bheir mi dhut gu maduinn am màireach, gus fhios a bhi agad ciod a ni thu,” ars esan, agus choisich e air falbh.
Chuir Micheil uaithe an t-aodach gu sàmhach, agus thòisich e ri frithealadh air an luchd-ceannach. ’N uair a ghuidh iadsan a bha timchioll air striochdadh do’n Bhey, thuirt e, “Tha mi ann an làmhan Dhe. Esan nach bi dileas ann am beagan cha bhi e dileas ann am moran. Ma chailleas mo mhaighstir aon sgilinn le mo choire-sa, cha sheirbheiseach dileas mi.” Thainig am màireach. Thainig am Bey mar a thubhairt e, agus a bharrachd air gach seirbheiseach eile o bha ’ga leantuinn, bha an crochadair. Chuir e a cheart cheist air Micheil ’sa chuir e air an latha roimhe sin, agus thug Micheil a’ cheart fhreagadh dha. “Thoir a bheatha dhiom,” ars an gille treun, “ach gheobh mi bàs le cogais ghlan agus ’nam sheribheiseach dileas do m’ mhaighstir.” B’ uamhasach a mhionaid sin a chuireadh seachad. Bha dùil aig gach aon gu’n cluinneadh iad an t-òrdugh, ‘Buail dheth an ceann,’ a tighinn o bheul a Bhey,
(Air a leantuinn air an 8 taobh.)
[Vol . 4. No. 40. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, APRIL 11, 1896.
Tha tigh na Pàrlamaid ann an Ottawa ’na shuidhe bho fheasgar Di-luain s’a chaidh ag obair air anRemedial Bill.Tha ’n taobh làidir a’ cur rompa ambilla chur troimh ’n phàrlamaid mus sgaoil an tigh air a cheathramh latha fichead, agus air an aobhar sin tha iad a cumail an taighe na shuidhe a dh’ oidhche ’sa latha. Tha ’n taobh eile a cur an aghaidh a bhi air an cumail o thàmh na h-oidhche mar sin, agus a’ cur gach bacail is urrainn daibh orra. Tha ceud us da earrann anns a bhill, agus tha iad fhathast ag obair air a cheathramh earrann. Am fios mu dheireadh a fhuair sinne, cha robh choltas air gu’n éireadh an tigh gu oidhche Shathurna. Gu dearbh ’s beag ar farmad ri fir na pàrlamaid.
Tha na Stàitean a tuiteam gu trom ann am fiachan. Re nan tri miosan a chaidh seachad bha cosguis riaghladh na dùthcha naodh muillein deug dolair ( $19 ,000,000) na bu mhotha na bha ’n teachd-a- steach. Ma leanas iad air an dòigh sin, cha’n fhada gus am bi iad gle dhomhainn ’sna fiachan, ach tha ’n dùthaich beairteach, agus làn chothromach air am pàigheadh uile ma ’s e ’s gu’n cuir iad rompa sin a dheanamh. Tha na Stàitean a cur a mach ann am peinseannan na chumadh suas dùthaich chuimseach eile.
Bha an Ceasnachadh bliadhnail anns an Ard-sgoil Dior-daoin, agus na duaisean àbhaisteach air an toirt seachad.
Litir a New York.
Fhir-dheasachaidh a’ Mhac-Talla:
MO DHEAGH CHARAID, —Tha fhios agam gum bheil sibh an còmhnuidh a’ gabhail mor spéis de nithean a bhuineas do litreachas agus ionnsachadh na Gàilig anns gach cearn. Air an aobhar sin, tha toil agam innse dhuibh nu thimchioll obair a tha àireamh de bhuill Comuinn Ghaidhealaich New York a’ deanamh fad a’ gheamhraidh s’a chaidh. Mar a tha fhios agaibh, tha da chomunn Gàilig ’sa bhaile so; an Comunn Albannach agus an Comunn Eirionnach. ’Nuair a chuir mi eolas air h-aon no dha de bhuill a’ Chomuinn Albannaich, chuir mi fa ’n comhair gu’m biodh e freagarrach comunn beag a chur air bonn air son eolas na ’s fearr fhaotainn air Gàilig na h-Alba agus na h-Eirinn. Mar sin, thug mi cuireadh fialaidh do thri buill de gach comunn coinneamh mhiosail a bhi againn ann am thigh air chor agus gu’n leughadh gach aon againn paipearan air litreachas, dòigh-labhairt, agus eadar-dhealachadh an da chànain.
Tha mi ro-thoilichte innse dhuibh gun do dh’ fhiosraich sinn mor eolas mu thimchioll na seann Ghàilig agus Gàilig an la diugh. Faodaidh moran a’ smaointeachadh, aig nach ’eil fios maith air an canain féin, gu’m bheil atharrachadh mor eadar a’ Ghàilig Eirionnach agus a’ chanain Albannach. Neach ’sam bith aig a bheil fios na h-aon chanain, gu cinnteach chi e nach ’eil an dealachadh ach fior bheag.
Feumaidh mi aideachadh nach robh a’ cheud oidheirp a thug mi air litir Ghàidhealach a’ sgriobhadh gu MAC-TALLA ach gle leibideach; ach fo’n a a thòisich sinn an comunn beag so, gu bhi rannsachadh a mach reachdan an da chànain, fhuair mise agus gach aon eile a tha gabhail pàirt anns’ an deasbaireachd bho mhios gu mios moran foghluim air nithean a tha ro-fheumail dhuinn.
Tha seachd buill ’sa chomunn so mar ainm; Niall Domhnullach, Domhnull MacMhuirich, Domhnull Mac-Rath, Albannaich, agus E. MacChristamhail, Padruic O’Broin, P. MacAoidh, Eirionnaich. Tha mise ’nam fhear-cathrach agus a’ cur an céill a’ chànain Bhreathannaich.
Le mor urram, is mise bhur caraid,
DYNELEY PRINCE.
Ruig D. J. Domhnullach air son Comhdach Fhirionnach.
NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
[Vol . 4. No. 40. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha eaglais mhòr Chaitliceach ri bhi air a togail ann an Charlottetown air a bhliadhna so. Tha i gu bhi da cheud troigh a dh’fhad agus sia fichead troidh a leud. Tha i ri bhi deas ’san fhoghar 1897, agus cosgaidh i còrr us tri fichead mile dolair.
Tha caraid a sgriobh ugainn a Gleann Garaidh, an Ontario, an la roimhe, ag innse gu bheil pailteas sneachda air làr ’sa chearna sin fhathast, agus gu bheil deagh ròidean sleighe aca. Deireadh na seachdain s’a chaidh bha an t-side glé fhuar.
Fhuaireadh fear Seumas Ford agus a bhean marbh ann an suampa faisg air Ottawa aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Cha ’n eil fhios gu de thug am bàs, ach thatar a’ deanamh a mach gur e aona chuid am meileachadh leis an fhuachd a rinneadh neo gur h-e puinnsean air chor-eigin a ghabh iad gun fhios daibh.
Thainig an deigh mhor a stigh do’n acarsaid so oidhche Chiaduinn. Cha robh i stigh a bheag a dh’ ùine roimhe so o chionn tri no ceithir a bhliadhnaichean. Dh’ fhàs an t-side glé fhuar o’n thainig i stigh, agus ’s dualach gum bi e mar sin gus am falbh i. Cha’n urrainn blaths a bhi ann fhad ’sa bhios an deigh mhor air na criochan.
Chaidh da shoitheach a bha ’g iasgach ròn a chall anns a chaolas eadar Newfoundland us Labrador air an t-seachdamh latha deug dhe’n mhàrt. Bha ceud duine air bòrd orra, agus chaidh an toirt dhachaidh le soitheach eile. Bha cuid de na daoine air an reothadh gu dona, agus chaill iad gach ni a bh’ aca air bòrd an t-soithich.
Bhuail an soitheach-seolaidh Glenora air Rudha Eilean na Battaraidh aig beul acarsaid Louisburg oidhche Shathurna s’a chaidh. Bha i air a turus o Halifax agus i luchdaichte le innsridh iasgaich. Dh’ fhag an sgioba i ach an deigh sin chaidh iad oirre rithist agus fo chùram fear de sgiobairean Louisburg thugadh a stigh dh’ an acarsaid i. Bha i gle ao-dionach, agus tha an luchd air a thur mhilleadh.
Thachair ni muladach ann an St. Andrew’s, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha dithis ghllean beaga, fear sia bliadhna dh’ aois agus an fear eile ceithir bliadhna, a cleasachd le piatan laoigh. Cheangail am fear bu shine ròp mu amhach an laoigh, agus an ceann eile cheangail e mu amhach a bhràthar. Thòisich an laogh ri ruith, a’ draghadh a phàisde leis gus an deachaidh a chur á cnàimh na h-amhach, ’s an robh e marbh.
Chaidh balbhan do’m b’ ainm Graham Logan, aois sheachd bliadhna fichead, a mharbhadh leis a charbad iaruinn ann an Truro maduinn na Sabaid s’a chaidh. Tha e coltach nach robh dùil aige gu robh ’n carbad ri tighinn an la ud, agus cha b’ urrainn dha an fhideag a chluinntinn, ’s bha chulaobd ris a charbad aig an àm. Bha an carbad air tigh’n á Halifax, a giùlanmailá Breatuinn a thainig air tir ’sa bhaile sin air feadh na h-oidhche.
Thatar an deigh fhaotainn a mach gu bheil mèinnean oir a tha anabarrach beairteach ann an Alaska. Dh’ fhalbh coig soithichean deuga, agus mile duine air bòrd, á Seattle ann a Washington, air an t-seachdain s’a chaidh a shireadh an fortain san dùthaich sin. Tha iad a deanamh a mach gu bheil moran dhe’n stuth luachmhor air grunnd loch a tha air eilean Sitka, agus tha iad a cur rompa an loch sin a thràghadh.
Bha dùil aig na bàtaichean-aiseig tòiseachadh air ruith toiseach na seachdain s’a tighinn, ach cumaidh an deigh mhòr air ais iad a nise. Tha lochan a Bhras d’ Oir fosgailte agus bátaichean a ruith orra. Thainig a cheud shoitheach troimh rathad-uisge St. Peters air an darra latha mu dheireadh dhe ’n Mhàrt. Na ’m biodh an deigh air fuireach air falbh, bhiodh na bàtaichean a ruith na’s tràithe na bha iad o chionn àireamh bhliadhnaichean.
Thainig fios o dhotair ann a’ Hong Kong air an t-seachdain so ag innse gu bheil a’ phlàigh dhubh air bristeadh a mach anns a bhaile sin, agus a toirt air falbh moran. ’N uair a bhuaileas an tinneas duine, cha mhair e ach dha no tri lathaichean. Tha Hong Kong air cladach Shina, ach tha e o chionn àireamh bhliadhnaichean fo riaghladh Bhreatuinn. Ma gheobh a’ phlàigh a ceann a’ thogail, bidh e gle chunnartach gu sgaoil i a dhùthchannan eile.
Tha ’n Riaghladh a cur rompa sluagh Mhanitoba àireamh an ceann dha no tri sheachdainean. Tha Riaghladh Chanada gach bliadhna a’ pàigheadh suim araidh do Riaghladh gach mor-roinn a reir àireamh an t-sluaigh. ’S ann air son an t-suim sin a bhi ceart a thatar a dol a dh’ àireamh an t-sluaigh ann àm Manitoba. Tha Manitoba na mor-roinn ùr agus tha ’n sluagh a dol an lionmhoireachd moran na’s luaithe na tha iad anns na mor-roinnean eile.
Tha Iompaire no Sàr Ruisia ri bhi air a chrùnadh air an t-siathamh latha fichead dhe’n Mhàigh, ann am baile-mor Mhoscow, far an robh a shinnsirean uile air an crùnadh roimhe. Theid e fhein ’sa Bhan-Iompaire a stigh do’n bhaile air an aonamh latha fichead, agus fàgaidh iad e rithist air an t-seachdamh latha dhe ’n Og-mhios. Cha bhi cùmhnadh air saothair no air cosgais, agus bi an crùnadh air a dheanamh le greadhnachas agus mor-chuis mach fhacas a leithid ’san dùthaich sin riamh.
Tha aimhreit ann an St John an dràsda eadar an luchd-obrach agus muinntir nan soithichean smùide. Tha an luchd-obrach a b’ àbhaist a bhi frithealadh nan soithichean aig na laimhrigean, ’g an luchdachadh ’s gam falamhachadh, a’ diùltadh car obrach a dheanamh gun ceithir dolair ’san latha. Tha cuid de mhuinntir nan soithichean nach cuir suas le sin, agus an la roimhe thug iad làn carbaid de dhaoine à Montreal, a tha ’g obrachadh dhaibh air da dholair ’san latha. Tha buidheann de mhaoir a bhaile comhla riutha aig an obair air eagal gu’n cuirear dragh sam bith orra.
APRIL, 1896.
1 Di-ciaduin. La Fhéill Bride (La gnothuch na cuthaige).
2 Dior-daoin
3 Di-haoine. Di-haoine na Ceusda.
4 Di-sathairne. An Crt’l mu dheir. 8.10 feasg.
5 DI-DONAICH. Di-donaich Caisge.
6 Di-luain. Sith nan Staitean, 1865.
7 Di-màirt. Fhuaireadh Canada, 1499.
8 Di-ciaduin. Breith Righ Lochlann 1818.
9 Dior-daoin. Di-cheannadh Morair Sim, 1747.
10 Di-haoine
11 Di-sathairne. Chrùnadh Uilleam us Mairi 1689.
12 DI-DONAICH. A Mhion-chaisg.
13 Di-luain. An Solus Ur, 0.9. maduinn.
14 Di-màirt. Bas Sheòrsaidh Ghrannd, 1835
15 Di-ciaduin. Ceitein na h-òinnsich.
16 Dior-daoin. Blar Chuil-fhodair, 1746
17 Di-haoine. An Fheill Donnain
18 Di-sathairne. An Fheill Mholis.
19 DI-DONAICH. II. Di-donaich an deigh Caisge.
20 Di-luain. A cheud chairteal 6.33, fessg.
21 Di-màirt. Coinneamh Ghlinn Eillge 1653
22 Di-ciaduin. Breth Sheu’s Ghreumaich 1765
23 Dior-daoin. Crùnadh an II Tearlaich 1661
24 Di-haoine
25 Di-sathairne. Crùnadh Ceann-mor, 1057.
26 DI-DONAICH. III. Di-donaich ’deigh Càisge.
27 Di-luain. An Solus Lan, 9.33, mad.
28 Di-màirt. (27) Bas an III. Alasdair Righ Alba, 1124.
29 Di-ciaduin
30 Dior-daoin. Blar Fontenoi, 1745.
Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 4. No. 40. p. 6]
TAIGHEAN BHAN ANN AN INDIA.
(Le Miss Rainy.)
Chunaic mi o’n taobh a muigh Tighean Bhan(zenanas)comh-cheangailte ri lùchairtean Hinduach no Mohammedanach glé choltach ri prìosain fo ghlais is fo iuchair. Anns na suidheachaidhean so, tha ’Tigh Bhan ’n a thigh le ballachan àrda, gun uinneig, agus le aon dorus cumhann. Dh’ innseadh domh le bana-charaid a bha ’n taobh a stigh Tigh Bhan dhe’n t-seòrsa so, nach faiceadh na mnathan a bha ’stigh ann dad de’n t-saoghal a muigh ach an t-athar; agus gu’m feudadh na fir anns an lùchairt làmh ri so dol g’ am mullach air mharcachd nan toilicheadh iad, oir bha ’n rathad gu dìreadh cho leathan, soirbh—an uair a b’ fheudar do na mnathan ’n an tighean féin staidhir chaol, chumhann a dhìreadh leis gach ceum air leth troigh air airde. Ach cha d’ fhuair mise ’steach do aon de’n t-seòrsa so, agus anns na Tighean Bhan ’s an do thathnich mise, cha robh de bhalla eadar fir is mnathan ach deas-ghnàth is cleacadh—agus cha robh de ghlais no de iuchair r’ am faicinn ach am beachdan eucorach fein. Do mhnaoi a tha ’gosnaich air son saorsa, tha na ballachan so, shaoilinn-se na’s tamailtiche na ballachan cloiche agus aoil.
Tha eadhon dìomhanas féin ’na mhi-shonas do mhnaoi phúrdah. Ann am fìor thigh Hindùach no Mohammedanach cha ’n ’eil aona chuid leabraichean no sgrìobhadh, àbhadh-ciuil, no obair-shnàthaide; cha ’n fheud a’ bhean dol cuairt a mach; tuilidh is tric, cha ’n ’eil gràdh anns an dàimh-phòsaidh; agus tha a creud gun dòchas. ’S i ’n aon toilinntinn a tha aice a clann. Ach nach truagh an fhàrdach anns am bheil iad air an àrach.
Is cuimhne leam beanag bheag deich bliadhna dh’ aois aig an robh seòmar dubhar, dorcha. Bha e gun uinneig, agus bha ’n dorus a’ fosgladh gu cùirt bhig a bha air mullach togail eile, agus o so bha staidheir a’ dol sìos gu cùirt a bu mhò, cuairtichte le tighean àrda, dubha, agus an rathad gu tighinn a mach ás gus an t-sràid troimh chunglach caol, cumhann. Bha cead aig an truaghan bheag a dhol gus a’ chùirt uachdaraich air a coimheadachd le a màthair-chéile. Anns a’ chùirt so bha i ag ràdh a leasain, oir bha ’n seòmar cho dorcha gus nach b’ urrainn di leughadh ann, ach cha ’n fheud i gu bràth dol a sîos an staidheir.
Am feadh is a bha ’n sgoileir beag so a’ leughadh bha i ’sealltainn aoibheil, tuigseach; ach mar a bha sinn a’ bruidhinn r’ a màthair-cheile, thàinig an dreach abhuisteach air a gnùis, agus och, dé ’n sealladh sgìos a bha air an aodann òg ud! Ged a bha a màthair-chéile aineolach, agus cumhann ’n a breithneachadh, bha i a réir coslais caoimhneil gu leòir, agus bha ’bhana-mhaighstir-sgoil Shananach a’ tathaich gu riaghailteach anns an tigh, agus a’ cuideachadh leis a’ chreutair òg so a cianalas a chur di, agus ag innseadh di mu Theachdaire eile a thig a steach ged a bhitheas na dorsan dùinte, agus a labhras sìth ris an neach a tha airsnealach. Ach cia liughad mìle creutair a tha ’caitheadh a beatha gun sòlas air bith de’n t-seòrsa so! Oir air mo shon féin deth, dh’ fhairich mi nam bithinn-se ann an àite na mnatha òige so, bhithinn air bhoil a dhol a sìos an staidheir; ach tha sinn an dòchas nach robh smuain mhearachdach de’n ghnè so ann a cridhe-se.
Ann an cearnan de India tha taobh a stigh nan tighean cho iomadh-lùbach, frògach, gus am feum neach dol a suas iomadh caol-rathad agus seòmar aghaidh gus an tig e gu seòmar leth-oireach, theagamh ag amharc a mach air mullach an tighe, O mhullach còmhnard nan tighean chithear ’n a uairean sealladh glè mhaith. Ann an àite no dhà, dh’ innseadh domh nach feudadh na mnathan ris an robh mi ’labhairt ceum no dhà de ’n staidheir a dhìreadh gu sealladh de ’n t-seòrsa so fhaicinn; ach an tràth chaidh mi féin air mullach tighe, chunnaic mi iomadh boirionnach air mullach nan tighean timchioll oirnn, cuid diubh ri banas-tighe, agus cuid eile diubh ’g an nigheadh féin. Theagamh nach robh annta so ach seana mhnathan, no feadhainn a bhuineadh de chaste ìosal; ach cha d’ fhuair mi mìneachadh riarachail ’s am bith air a’ phuinc so.
An uair a tha cion saorsa phearsanta soilleir r’ a fhaicinn, bha e aig a’ cheart àm soilleir domhsa, gu ’n robh an cion uaigneis a bha draghail domh anns na tighean Eòrpach, r’ a fhaicinn mar an ceudna ann an seòmraichean nam ban Innseanach.
Tha ’chuid mhòr de thighean nàisinn an àite air an togail ceithir-chearnach, le cùirt gun mhullach ’s an teis-meadhoin, agus tha na seòmraichean mu ’n cuairt a’ fosgladh do ’n chùirt so. Ma tha uinneagàn air taobh na sràide de ’n tigh, cha ’n ’eil a’ bheag a dh’ fheum air a chur orra. Ann am Bombay chunnaic mi cuid de sheòmraichean nam ban a bha air taobh na sràide de ’n tigh, ach ’s i ’n riaghailt chumanta iad a bhi ’g amharc ris a’ chùirt mheadhonaich. ’N a uairean tha seòmraichean nam ban mu ’n cuairt air cùirt a’ s fhaide a stigh; ach anns a’ chuid a ’s mò tha iad a’ fosgladh a steach o ’n cheud chùirt, air an taobh thall mu d’ choinneamh mar a théid thu steach do ’n chùirt. ’N a uairean tha iad shuas staidheir, ach ag amharc air a’ chùirt cheudna; agus ’n à uairean tha sgàilean(chicks) ’g ad chumail o amharc sìos. Cò aca ’tha thu shuas an staidheir no shìos an staidheir, tha thu air do thoirt a steach do sheòmar ann an tomhas cosmhuil ri sgàth-thigh—le iomadh fosgladh gus a’ chùirt, agus glé thric théid thu á so gu seòrsa de sgáth-thigh eile a’s fhaide a stigh. A fosgladh o so tha iomadh seòmar beag, dorcha agus tha aon air leth diubh air a thoirt do gach mnaoi phòsda ’s an teaglach. Bha mise ann an aon no dhà diubh s’o an uair a chaidh mi leis na ban-lighichean a shealltainn air a’ mhuinntir thinn; ach mur an robh aon ’n a luidhe tinn, bha mi air mo thoirt do ’n t-seòmar choitchionn, o ’m faicinn gu soilleir, mur bitheadh grabhaidhean ann, a’ chùirt, agus gu minic chithinn fir a’ tighinn a steach do ’n chùirt, no a’ dol o thaobh gu taobh di. Gidheadh aig a’ cheart àm bha mi ’faireachdainn gu ’n robh domhne mhòr eadar na fir agus na mnathan. Chunnaic mi tric bean a’ cur gnùis bhrat oirre féin no a’ teicheadh air falbh mar a thigeadh a fear a làthair. Cha ’n fheud i ’fhaicinn no bruidhinn ris ann an làthair muinntir eile; agus tha cuimhne agam an dragh a bh’ aig caileig bhig phòsda ann an aon tigh o luaimneachd balachain a bha ’n a charaid di, a bha ruith a mach agus a steach, agus a’ h-uile uair a thigeadh e ’stigh, dh’ fheumadh i a h-aodann a chòmhdach.
Is minic a bha coltas an fhìor dhuine chòir air an dearg-shlaoightire. Cha ’n ann ri ’m faicinn is còir daoine a ghabhail idir.
Bidh fuah aigt daoine gu nàdurra do ’n mhuintir do ’n dean iad cron; ach bidh tlachd aca do ’n mhuinntir do ’n dean iad maith.
[Vol . 4. No. 40. p. 7]
MAR A THOISICHEAS AN AIMHREIT. —Tha seann sgriobhadair ag innse mu dhithis bhràithrean a bha aon oidhche ’gabhail stràide cuideachd. Thug fear dhiubh sùil air na speuran os a chionn, agus ars esan, ‘B’ fhearr leam gu robh agam machair uiread ris na speuran.’ Sheall an darra fear os a chionn, agus thuirt e, ‘B’ fhearr leamsa gu robh agam damh mu choinneamh gach rionnag a tha anns na speuran’. Arsa cheud fhear, ‘Ciamar a chumadh tu biadh ri àireamh cho mòr sin?’ Ars an darra fear, ‘Chuirinn iad a dh’ ionaltradh do ’n mhachair agadsa.’ ‘Gun uiread ’s mo cheads’ fhoighneachd!’ ars am fear eile, ‘gun uiread ’s do chead fhaighneachd.’ Thòisich an trod, ’s an sin an t-sabaid, agus b’e chrioch a thainig air a ghnothuch gu’n do mharbhadh fear dhiubh. Nach beag an rud a thogas an aimhreit.
REULADAIR GLIC. —Bha reuladair (no reul-dhruidh) anns an Fhraing ri linn righ Louis XI, agus rinn e fiosachd mu bhàs mnaoi-uasail air an robh gaol aig an righ. Chaochail i mar a thubhairt e agus chuir so a leithid a dh’ fheirg air Louis ’s gu’n do chuir e roimhe an reuladair a chur gu bas. Chuir e fios air, agus thuirt e ris gu crosda, ‘Thusa ’dhuine, a dh’ innseas na h-uile ni roimh ’n àm, innis dhomh cuin a gheobh thu fhéin bàs?’ ‘Gheobh mise bàs,’ ars an reuladair, ‘tri latha roimh ur Mòrachd féin.’ Ghabh an righ a leithid a dh’eagal ’nuair a chual e so ’s gu ’n d’ thug e òrdugh an reuladair a chur ann am fear de na seòmraichean a b’ fhearr ’sa chaisteal, agus deagh aire thoirt dha air eagal gu ’m bristeadh air a shlàinte!
Faodaidh deadh fhradharc a bhith aig duine agus gun e dheanamh moran feuma dheth. Tha dearbhaidhean gu leòr againn gu bheil so mar so. Chi gach duine a ni feum dhe dha shuil, gu leor de nithean iongantach a h-uile taobh a théid e. Ach am fear nach toir an aire do na nithean iongantach a tha cho lionmhor mu ’n cuairt dha, cha ’n eil e ’deanamh a bheag a dh’ ’fheum de ’fhradharc.
Ma chuireas fiosrachadh agus eòlas agus maoin an t-saoghail so aineolas air cul, faodaidh mòrchuis agus uabhar éiridh suas ’na àite. Tha uabhar agus mòrchuis a cheart cho sgriosail do’n anam ris an aineolas fein.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 40. p. 8]
(Air a leantuinn o ’n 3 taobh.)
“Is laoch uasal treun thu,” ars esan. “B’ fhearr leam gu robh do leithid a sheirbheiseach agamsa. Ni mi trusgan rioghail dhe’n aodach so, a ghleidheas mi mar chuimhneachan air do dhilseachd.” Agus thilg a sporan òir air a bhòrd, thog e leis an t-aodach agus dh’ fhalbh e.
Agus an gille òg so a bha firinneach ann am beagan, cha robh e gun a dhuais. Dhirich e anns an t-saoghal, ceum air cheum, gus an d’ fhuair e bhi naadmiral ,agus chuir e blàir as leth a dhùthcha a cheart cho dileas ’s cho treun ’sa reic e aodach a mhaighstir, agus tha ainm MHICHEIL RUYTER, a bha ri ’linn ’s ri ’latha féin iomraiteach air feadh an t-saoghail air fad, air aithris le urram agus blaths-cridhe ann an tir a dhùthchais gus an latha ’n diugh. Agus ma tha aon ni air son am bheil iad ’ga ghràdhachadh na’s mò na chéile, ’s e gu ’n deanadh e an ni bha ceart eadhon ri uchd bàis.
Litir a Cuibeic.
A CHARAID IONMHUINN: —Tha mi meas gur fhiach sibh creideas a thoirt dhuibh air son an oidheirp a tha sibh a toirt air a’ Ghàilig a chumail suas. Tha mi smaoineachadh gu’m bu chòir do luchd na Gàilig gu lèir còmhnadh a dheanamh leibh, oir cò an cinneach nach seas a mach air son an cànain ’s an dùthaich féin; agus an robh na Gàidheil riamh air deireadh ann an ni sam bith? ’N am bharail féin ’sann a bha iad riamh air toiseach air cinnich eile ann an treubhantas, ann an duinealas agus ann an uaisle inntinn. Ach cha chòir dhaibh a bhi air deireadh ann an cumail suas paipeir ’nan cainnt féin.
Ged bhiodh e gle thaitneach leinn sgoil Ghàilig a thoirt do ’n choinn, cha ’n aontaichinn idir ri dhol a chur dragh air luchd-na-Beurla a dh’iarraidh orra sgoil Ghàilig a thoirt dhuinn. Cha dean sinn an gnothuch anns an dùthaich so gun sgoil Bheurla, agus ged a tha cheart uiread còir againn air sgoil Ghàilig ’sa th’ aig na Frangaich air sgoilean nan cainnt féin mar a th’ aca ’sa mhor-roinn so, gidheadh tha iad ’nan uallach ro mhòr dh’ an dùthaich. Saolaidh mi nach eil neach sam bith aig a bheil deagh sgoil Bheurla còmhla ri tàlantan matha nach teid aig air ionnsachadh a Ghàilig a leughadh ’sa sgriobhadh, ma tha Ghàilig air tùs aige féin. ’S mor gu’m b’ fhearr leam féin impidh a chur air luchd-riaghlaidh na dùthcha gun a bhi ann ach aon seòrsa sgoìlean anns nach biodh air a teagasg ach Beurla mhàin. Bhiodh sin a cheart cho feumail ’nar latha-ne ris na h-uile bhi air an teagasg ’nan cànain féin, oir tha uile ghnothuichean na dùthcha air an deanamh anns a’ Bheurla. Faodaidh sinn a Ghàilig a chumail ann an cleachdadh gle mhath le bhi dileas dhi, agus gun a bhi fiachainn ri bhi cho gallda ’s nach dùirig sinn a bruidhinn am fianuis luchd na Beurla. Tha fhios agam nach eil e modhail a bhi bruidhinn cainnt ann an cuideachd nach tuig a’ chuideachd gu léir, ma tha aon chainnt aca gu léir, ach cha mho na sin a tha e duineil do dhuine nàire ghabhail de chainnt a mhàthar. Gu ma fada beò MAC-TALLA chum a’ Ghàilig a ghiulan do gach cearna dhe’n t-saoghal.
Tha sneachda mor aig air a dheanamh anns a’ chearna so de’n dùthaich. Tha e ’cur gun stad o mheadhon-latha Dior-daoin, agus tha da throigh aig air a chur a thuilleadh air na bh’ ann roimhe.
PEUTNAACH.
Milan , Que, April 6, ’96.
Iadsan a Phaigh.
Alasdair Buchanan, Braidalbainn, E. P. I.
Donnacha Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E. P. I.
Aonghas Mac Neacail, Elliots P. O. E. P. I.
I. A. Domhnullach, Amhuinn an t-Sealgair,
Domhnull Domhnullach, Tekoa , Wash.
Alasdair Mac Aoidh, San Francisco, Cala.
Aonghas Mac Aoidh, Providence , R. I.
A. W. Mac-an-Toisich, New York.
Seumas Mac Ille-mhaoil, Cincinnati , Ohio.
Iain Domhnullach, Maplewood , N. H.
Mor Nic Cuithein, Brookline , Mass.
Domhnull Domhnullach, Steornabhaigh, Que.
Iain R. Domhnullach, Whitwick , Que.
Z. Peutan, Crossing Mhic Leoid, (25c.) Que.
Domh. Mac Fhionghain, Earlswood , N. W. T
Iain Mac Gillinnein, Mill Rock, N. Z.
I. R. Mac Coinnich, Skye , Ont.
Iain Grannd, Lagan, Skye , Ont. ( $2 .00. )
Iain Mac-a- Mhaighstir, Skye , Ont. ( $2 .00. )
D. Mac Gillinnein, Port Hood, C. B. ( $3 .00)
Seumas Mac Neill, Amaguadus Pond,
A. R. Camaran, Amaguadus Pond, 25c.
S. A. Camaran, Amaguadus Pond, 25c.
F. J. Mac Neill, Amaguadus Pond, 25c.
Ruairi Mac Neill, Benacadie, Amaguadus Pond, 25c.
Aonghas Mac Leoid, Point Aconi, $2 .00.
Ioseph Domhnullach. French Road, 50c.
Domhnull Mac Philip, Loch Lomond, 50c.
Iain Peutan, Ridge , Mabou.
M. R. Johnstone, Pon Mor.
Iain Morieastan, Framboise .
D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie , 25c.
Ceat C. Dhomhnullach, South Cove.
D. Domhnullach, (Gobha) Amhuinn Dhennis.
Niall Mac Leoid, (Eildeir,) Port Morien.
Domhnull Mac Ille-mhaoil, Glace Bay.
Ceat M. Dhomhnullach, Dunbheagain, $3 .00
Bean Eobhain Reed, Framboise .
Alasdair S. Mac Leoid, Framboise .
Domhnull D. Mac Leoid, Framboise .
Bean Iain ’Ic Dhiarmaid, Stirling .
Seònaid Nic Artair, River Inhabitants.
An t-Onarach Uilleam Ros, Halifax .
Betsidh Nic Neachtain, Amhuinn a Deas Antigonish.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B.
title | Issue 40 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 40. %p |
parent text | Volume 4 |