[321]

[Vol . 4. No. 41. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 18, 1896. No. 41.


Litir a Alba,

MO BHALACH GASDA: —Chaneil facal den MHAC-TALLA as cùramaiche a tha mileughadh na ainmeannan na muinntir a phàigh. Bu gle thoigh leam mòran ainmeannan fhaicinn a bharrachd air na bheil mifaicinn. Ged nacheil eòlas sam bith agam air amhuinntir a phàigh, gidheadh tha meas mòr agam orra, do bhrìgh gu bheil iad anochdadh gu bheil iad deònach aGhàilig a chumail suas. Nan robh mise dlùth dhaibh, bheirinn dhaibh crathad hde mspòig glé thoileach. Agus nan tachradh iad rium aig an taigh-òsda dhòlainn an deoch-slàinte. An uair a thachras na Gáidheil richeile ann an duthaich chéin, bidh iad caoimhneil richéile mar bu chòir dhaibh.

Ged nacheil àireamh na muinntir a tha gabhail aMHIC-TALLA cho mòrs bu chòir dhi bhith, tha aon ni a thatoirt toileachaidh dhomh dha thaobh, agus is e sin, gu bheil cuidga ghabhail as gach cearn den t-saoghal. Mur do mheall mo bharail mi thig so a chum do mhath an ùine gun bhith fada. Ged a tha am MAC-TALLA gu bhith ceithir bliadhna dhaois, tha mòran de dheadh Gháidheil nach cuala guth no iomradh riamh fhathast air. Ma ni iadsan a fhuair eòlas air an dleasdanas, innsidh iad do an càirdean mudheidhinn.

Thug e mòr thoileachadh dhomh a bhithfaicinn gu bheil a dhà de phàipearan naigheachd Inbhirnisga mholadh gu mòr, agus a comhairleachadh do dhaoine cuideachadh a thoirt dha.

Tha ni eile air am feum mi iomradh a thabhairt agus is e sin, gu bheil mifaicinn ainmeannan mhnathan còire ann am measg ainmeannan an luchd-gabhail. Tha thu suas am bruthach, a laochain, ma sheasas na mnathan air do thaobh. Nan rachainn fhein sgrìob do dhAmerica, tha fhios agam gu faighinn aoidheachd gu caoimhneil, toileach, ann an tigh sam bith de na mnathan còire, cneasda a thaceannach agus apàigheadh aMHIC-TALLA.

Tha min dòchas gu lean I. McD. a Prinsbhill, an Ontario, air sgrìobhadh mu eachdraidh an àite anns am bheil e. Ma tha toileachadh agaibhse ann a bhithcluinntinn mu chor na seann dùthchadh, tha acheart uibhir de thoileachadh againne ann a bhithcluinntinn mu chor nan Gàidheal ann an America. Is math a théid aig I. McD. air Gàilig a sgrìobhadh. Bfhearr leam gu rachadh aig Gàidheil na Gàidhealtachd air a sgrìobhadh a leith cho math ris. Tha micreidsinn gu bheil fear is fear ann an iomadh cearn den t-saoghal a sgriobhas deadh Ghàilig, agus tha mi an dòchas gun toir iad dhuinn sgeul an dràstas a rithist mu thimchioll nan dùthchannan anns am bheil iad agabhail comhnuidh.

Is e an diugh latha na gugaireachd. Dhfheuch aon no dithis de na coimhearsnaich ri mo chur air ghugaireachd, ach dhfhairlich orra. Mar a thuirt an t-seana bho, “Tha mi tuilleadh is seansan adhairc air son a leithid.” Ged a chuirteadh air ghugaireachd mi cha ghabhainn gu h-olc e. Is iomadh fear cho math rium a chuireadh air ghugaireachd. Baithne dhomh duine laghach a chuireadh astar mor air falbh latha na gugaireachd. Thug tuathanach a bhanns an àite litir dha gus a toirt do thuathanach eile a bha mu cheithir mile air falbh. An uair a rainig e taigh an tuathanaich sos a thug e seachad an litir, chuireadh a steach do sheomar e, agus thugadh dha làn glaine de dheadh uisge-beatha, agus aran is càise. An ùine gun bhith fada thàinig an tuathanach a steach don seòmar far an robh e, agus litirna làimh. “Chaneil an ni a thainig thu adhiarraidh agam, ach theid thu leis an litir so far am bheil mo charaid, Seumas Og,” arsesan. “Tha min dochas gu faigh thu do ghnothuch an sin.”

Dhfhalbh Domhull gu sunndach. Ged a bha taigh Sheumais Oig tri mile uaithe cha robh e fadag a ruithinn; oir chur an dram spreochainn na chasan. An uair a ràinig e Seumas Ogs a thug e seachad an litir, fhuair e biadh is dram. Mun do tharr an greim mu dheireadh a bhith shios aige, dhiarradh air falbh le litir a dhionnsuidh amhaighstir-sgoile. An uair a ràinig e am maighstir-sgoile, dhinnis am maighstir-sgoile dha, gur ann air ghugaireachd a chuireadh e. Bha Domhull bochd car air a thàmailteachadh, ach cha do leig e mòran air. “Mar a chò, chaidhidh,” arsa Domhull. “Is iomadh latha nach drinn mi cho math dheth. Fhuair mi dheadh bhiadh, agus dheadh dhram. Chana e h-uile fear a tha cho math dheth air latha fuar earraich.”

An ceann latha ràinig teachdaire Domhull le punnd thombaca a chuir an triuir thuathanach eatorra da ionnsuidh.

An uair a fhuair e an tombaca thuirt e, “Bfhearr leam gun cuireadh iad air ghugaireachd mi uairsan ràidhe.”

Is mi do charaid,
BODACHAN AGHARAIDH
TAOBH AN LOCHA.


Sean Fhacail.

Am fear as treas’ ’an uachdar, ’s am fear as luaithair thoiseach.

Am fear a thanns achùil biodh a shùil air an teine.

Am fear a theid a dhiarraidh an iasaid theid e dhiarraidh abhròin.

Am fear a theid a ghnà mach lelion, gheabh e iasg uair-eigin.

Am fear a theid a mach air na h-uaislean, is duine truagham measg chàich e.

Am fear a theid don bhaile mhor gun ghnothuch, bheir e gnothuch as.

Am fear a thig gun chuireadh, suidhidh e gun iarraidh.



[322]

[Vol . 4. No. 41. p. 2]

LOCH-NAN-GARR.

(Le Lord Byron.)

A mshealladh a chòmhnaird, a liosan nan ròsan!
Nur measg-sa biodh mùirnean na sògh a shaogl;
Thoir dhòmhsa na stùcan fon t-sneachda leshròlaibh
An comhnuidhthag altrumas saorsa is gaoil!
Seadh, Albainn mo chridhe, ’s ro ionmhuinn do bheannta!
Mun cinn gheal’, O chithinn, na dùilean ri àr;
An àit srùlag uillt chithinn miren Eas steallmhoir
Tha mise an geall air gleann donn Loch-nan-Garr.

Ah! ’n sud bha mo cheuman amòige gu tlachdmhor;
Bi bhoineid an ad leam, bem breacan mo chleòc;
Mo chuimhnair cinn-fheadhna a dheug bha micleachdadh,
S mimànran troimh ghlacaig na coille gach ;
S chan iarrainn dol dhachaidh gun ciaradh am feasgar
S gun seargadh a mhaisroimh na reultaibh gu h-àrd;
Oir sholairinn sùnnt am beul-aithris na h-eachdraidh
A gheibhteadh o nàistnich ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr.

A thaibhsean nan marbh! nach cual miur guthan
Asiubhal troimhn t-soirbheas air anail na h-oidhch’ ?”
Os cinntgum bheil éibhneas air anam achuraidh
Ri turus trè ghleann féin air sgiathaibh na gaoith.
Mun cuairt Loch-nan-Gàrrn uair a dhùmhlaicheas gaillionn
S an Geamhradh áchathair fhuair reòitacur fàilt,
Tha neula acuartachadh Chruthan mo shìnnsear
Thachòmhuidh an sìontaibh ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr.

Am fac sibhn ur n-aisling, ged bha sibh co treubhach,
Gun robh e an dàn nach biodh éifeachdn ur strì?”
Ah! ’m be bhur dàn aig Cuilfhodair gun eugadh?
Cha déirich leibh buaidh, ’s ann a thuit sibhs an fhrìth;
Gidheadh, bha sibh sona! clos talmhaidh an eugaidh
Gur càradh ler treubhaibh an uamhaibh Bhramàir;
Aphìobaireachd fuaimneach, do nualan aphìobair’ ,—
Sgeulur gnìomhair mactalla ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr.

Chaidh bliadhnachan seach,’ Loch-nan-Gàrr, on a dhfhàg mi;
Ni bliadhnachan tàr as mum faic mi thu ris;
Sgiol Nàdur de dchinneass de phlùraichean tàillthu,
Gidheadhs tu as feàrr leam na còmhnaird réidhmhìn
O Shasuinn! do mhaise tha coitchinn, neo-ghreadhnach
Do aon a thriall suas air na beanntaibh gum bàrr;
O nach robh misair sgòrr fhiadhaich nan aonach!
An glòir chais neo-aobhaich ghlinn duinn Loch-nan-Gàrr.

Ead. le NIALL MAC NEILL.


AONACHD ACHINNE-DHAONNA.

Gheobh sinn barant laidir gu cho-dhunadh gur aon sliochd an cinne-daonna, ma bheachdaicheas sinn air an atharrachadh a thig air creutairean eile ann an cursa aimsir, agus anns na duthchanan fa leth anns am faighear iad. Ma chi sinn an neo-choltaichead is eadar bheathach a tha gun cheist ateachd air tus bhon aon fhreumh, nach faod sinn a cho-dhunadh gu bheil an ni ceudna fior mun duine? Chaneil moran ann a chuireas an teagamh gun dthainig gach seorsa chalman a tha againn bhon aon phaidhir air tus, —tha daoine foghluimte ag innseadh dhuinn gur e an calman gorm a gheobh sinn fiadhaich anns na creagan is sine dan treubh, —agus nach lionmhor seorsa a tha againn de gach cruth agus dath; a ris, tha iad ag innseadh dhuinn gu bheil gach gne chon, bhon fhear is a nuas gus am measan is leibidiche a dhfhalbh riabh aig sàil ceaird, ateachd gu leir an toiseach bho aon phaidhir. Ma tha so fior, agus chaneil an teagamh is lugha ra churs achuis, nacheil e a cheart cho coltach gu bheil an duine mar an ceudna atighinn bho aon stoc? Am measg gach eadar-dhealachaidh a fhuair sinn eadar duine agus duine chaneil bealach a choir cho farsaings a tha eadar cuid de na creutairean a dhainmich mi. A ris, an uair a chi sinn an caochladh mor a ni mùthadh cor, suidheachaidh agus aite-tuinich anns na creutairean sin, tha an co-dhunadh ceudnag a sparradh fein oirnngu bheil na ceart aobharan sin atogail gach eugsamhlachd a chi sinn ann an cumadh agus ann an coltas ar co-dhaoine, caite air bith am faighear iad.

Tha steidh eile againn air son na barailgur aon an cinne-daonnaanns na h-eachdraidhnean a gheobhar air an sineadh a nuas le beul-aithris o linn gu linn, am measg uile fhineachan na talmhainn. Chan e gu bheil am beul-aithris so air sheol sam bith airidh air gun tugamaid geill dha gu saoroir is iomadh sgeul neonach agus faoin a tha am measg dhaoine aineolach mu chiad thoiseach achinne-dhaonnaach is e a tha gu h-araidh luach-mhor dhuinne, an aon-sgeulachd leis a bheil iad gu leir acur an ceill nan aon bheachdan mun doigh anns an do chruthaicheadh an duine, agus an co-chordadh a tha eadar iad mu chiad eachdraidh achinne-dhaonnaco-chordadh nach burrainn a bhin am measg nam biodh a phriomh athair fein aig gach gineal fa leth. Anns na h-eachdraìdhnean neo-sgriobhte so aca, gheobh sinn cunntas mu chruthachadh an duine; mu Ghàradh Edein; mu bhuaireadh agus mu thuiteam an duine; mu neo-chiontachd, mu shonas, agus mu chor an duine air tùs, agus mar gheill e do chomhairle na mnatha; agus, mu thuil Noah. Chi sinn aimsir air a roinnn a seachdainean anns gach cearn dan t-saoghal, agus ìobairtean air an tairgseadh am measg uile shloigh achruthachaidh.

Tha fhathast tuilleadh fhianuisean againn ri thoirt air an aghaidh as leth an tagraidh a tha sinn adeanamh air son aonachd achinne-dhaonna; agus is e aon diubh sin, an taisbeanadh a tha againn ann an cor-inntinn agus bheusan agus aignidhean dhaoine de gach dath agus de gach gineal. Am feadh a chi sinn moran eadar-dhealachaidh ann an suidheachadh-inntinn threubhan fa leth, chi sinn aig acheart àm gu bheiln am measg moran chomharan anns a bheil iad coltach ra cheile: leig sinn fhaicinn cheana cuid de dh-aobharan an eadar-dhealachaidh. Tha an duine anns gach ionad atighinn a dh-ionnsaidh an t-saoghail lag agus neo-chomasach air deanamh air a shon fein; agus ma dhfhagarinntinn gun fhoghlum gun oileanachadh fàsaidh e suasn a chreutair borb agus aineolach. Air an lamh eile, chi sinn gu bheil e air a chruthachadh le comsan aige air gliocasfhoghlum, agus buaidhean air an suidheachadhn a inntinn, aig a bheil cumhachd fas agus dol am feobhas agus am farsaingeachd. Is i so an fhianuis a tha air a togail leis namissionariesagus le luchd-turais do gach cearn. An uair is isle an duine, agus an uair is truaillidhe a chor, tha fhathast freumh bheag de eolas agus de thogradh ann an geall air rud-eigin os cionn cor nan ainmhidhean a tha man cuairt aìrdeigh air ni-eigin is airde nan suidheachadh truagh anns a bheil e gu nadurra. An uair a theid cothroman air e fein a leasachadh a chur ma choinneimh, a reir mar ghabhas e riutha agus a chuireas e an cleachdamh iad, eiridh e suas ann an gliocas; theid a chor dìblidh, bochd air chul, agus theid e air aghaidh gu inbh is airde. Agus a bheil e fior, ma ta, nan tugteadh a nall aon de na daoine borba, aineolach sin an uair a tha en a leanabh, agus gach cothrom a thoirt a tha aig clann na duthcha so, a bheil sinn a



[323]

[Vol . 4. No. 41. p. 3]

creidsinn gun nochdadh e acheart tapachd ann an togail foghluim agus gun ruigeadh e air urad aghartachd ann an eolas agus ann an gliocas ri aon againn fein? Is duilich acheist so a fhreagairt. Nan tugteadh e far am faiceadh e moran dan ghrainealachd agus dan droch eisimpleir a chuireadh moran de mhuinntir na tire so muchoinneimh, cha chuirinn geall nach ann a rachadh an duine bochd air aisn a bheusan, mar thigeadh e air aghaidh ann an sgoil agus ann an eolas. Tha cuimhne agam air duine bhi ag innseadh dhomh uair, gun do ghabh e uibhean chearc, agus gun do chuir e ann an nead feannaig iad, aig acheart am atoirt air falbh uibhean na feannaig. An uair a thainig an gur a mach, thog e leis na h-iseanan á nead na feannaig, agus chuir e ri circ iad. Bha e ag radh, an uair a chinn iad suas, gun robh de nadur na feannaig anntagu sonraichte anns na coilich— ’s nach robh an leithid ann an darna taobh na duthcha; chuireadh iad na sùilean as ah-uile coileach a bhiodh air an fhaiche, latha cath nan coileach! Is gann a chreid mi an duine coir; agus cha mhò a theirinn gun cuireadh e nadur, no foghlum, no oilean aBhreatunnaich ann an leanabh Africanach, ged rachadh a thogail a nall agus a chur ann an nead maighstir-sgoil no ministeir anns an duthaich so; oir, ged nach àicheidhinn gum faodar iomadh aonfhaighinn am measg nan daoine dubha a bhiodh a cheart cho comasach air sgoil a thogail rinn fein, chaneil mi ameas gu bheil an coimeas idir ceart no freagarrach eadar ginealach a tha ann an dorchadas agus ann an aineolas fad choig mile bliadhna, agus muinntir mar tha sinne ann, a tha fad linntean asealbhachadh airde mheadhon latha gach eolais aimsireil agus spioradail. Ma tha buaidh aig eolas agus fiosrachadh, agus cor agus suidheachadh an duine air dealbh agus cruth achuirp cho math ri buaidhean na h-inntinn, cha bann beatha aon duine a bu choir suil a bhi againn ris an aghartachd sin a chuireadh an t-Africanach bochd, ge be air bith cothroman a bheirteadh dha, air an aon ruith ruinne, a tha ag òl a stigh eolais agus gliocais as na ciada tobar o chionn iomadh linn.


Sgeulachd mu Chaisteal Loch-nan-eala.

Bha àm ann roimhe so, ’nuair bha seann chaisteal Loch-nan-ealaan làmhan Shir Donnachaidh Chaimbeil, agus bha seirbheiseach dìleas aige ris an abradh iad Calum. Rugadh an duine soan Leideag, far am beil an taigh-òsd an dràsd, agusnuair a bha e mu dhà bhliadhna dhaois, chaidh a mhàthair a mach latha bhan sud don chruach mhoine. Thug i leatham pàisdean, agus dhfhág i an àite dluth air làimh e, far an do shaoil i gum bitheadh e tearuinte gu leoir, ach cha robh e cho tearuintesa bha sùil aice. Cha robh abhean fad ag obair nuair a mhothaich i seòrsa dorchadais atighinn air an àite, agus chuali aig acheart àm srannraich ard sgiathan. Mun deach urrad uinesa tha e gabhail ra innseadh seachad, theirinn ìolaire mhor agus thug i an leanabh leatha. ’Sann an sin a bhan tuireadh! Chuir abhean na pàisdeanan a bha mun cuairt oirre aig an àm a dhiarraidh cuideachaidh gun mhoille, ’s ruith i fhein dhachaidh, a dhinnseadh mar a thachair. ’N uair a bha i a falbh, choinnich i a bràthair, agus bràthair a h-athar, dhan daithris i an sgeul bronach. Chunnaic iad an iolaire a fàs nas lugha agus nas lugha a h-uile mionaid leis cho luathsa bha i ag éiridh, agus mu dheireadh, dhfhalbh i null air amhuir rathad na h-Apuinn. Air sin fhaicinn, ruith iad sios dhionnsuidh an aiseig air ball, agus mar bha bata ann deas gu seòladh leum iad a staigh innte, agus beagan ghillean eile a chruinnich le glaodh na mna a cluinntinn. Cho luathsa thàinig am bata dhionnsuidh an rudha than sud, chunnacas an iolaire teirinn a rithist faisg air caisteal Loch-nan-eala. Ged bha sin fadas bhuapa, cha robh iad fadaga ruigsinn, oir bha sgàirt math gaoithe ann aig an àm. Cho luathsa fhuair iad a staigh aig Port-an-duine, ruith fear dhiùbh suas don fheoran fa chomhair achaisteil far an dfhuair e an leanabh òg gu slàn tearuinte.

An déigh don leanabh fàs mòr chaidh e mar sheirbhiseach do Loch-nan-eala, agus bho na chunnaic an duinuasal sin cho dileassa bha e anns gach cùìs, rinn ena ghlocoman e dha fein. La dhe na laithean thàinig càirdean aChaimbeulaich aig an robh ard-ghille crosda, dranndanach, mòr, as an Taobh Tuath, a choimhead air. Cha robh iad fadasa chaisteal nuair a dhéirich aobhar aimhreit eadar an ard-ghille so agus aon de Chloinn Chaimbeul. Thainig an droch cordadh gu bhi dùrachdachs gun robh feum aig Loch-nan-eala féin a dhol eatorra, agus ma chaidh, theab gun do chuireadh as da leis achoigreach mhòr às an Taobh Tuath, gus an dthug e buille dha leis an do bhàsaich e. Nuair a thuig ceann-cinnidh an duine a bha air a mharbhadh cionnas a chaidh air, dhfhalbh ena chabhaig mhoir da thir fhein. Cha robh e fada air falbh gus am facas, la bhan sud, a bhirlinn a tighinn air ais leis, le cobhar geal fo a toiseach, agus amhuir bhoa deireadh mar chathadh sneachd air aghaidh an loch. Bha cuideachd lìonmhor ann fo làn armachd, a thainig comhla ris, a ghabhail dioghaltais airson aghille a chaidh a mharbhadh, no Loch-nan-eala fein a chur gu bàs nam bitheadh sin nan comas. Nuaìr a chunnaic Calum co bhann, agus achabhag a bhair abhata, thuig e aobhar an tighin, agus dhiarr e air acheann-cinnidhfhalluinn ùr bhriagha thoirt dha, air chors gun rachadh e féin a mach agus gum marbhadh iad esanna àite. Ach bha Loch-nan-eala na dhuine cothromach, caoimhneil, agus chan eisdeadh e ri leithid; a bharrachd air sin, bha gràdh aige do Chalum bhochd. Mar sin chaidh e staighan toll beag dorchasachreig air a bheil earrann dhen chaisteil air a thogail, agus la tha ainmichte mar an leabaidh fhalach gu ruig an la an diugh. Mhair e ann fad moran sheachdainean, agus thug Calum dileas biadh agus deoch dha an sin tri uairean a u-uile la. Mu dheireadh thall, thainig Calum agus dhinnis e dha mar bha eagal air an fhine uile roimhn choigreach chumhachdaich a bhasachaisteal, agus mar nach bitheadh sith don duthaich fhad’ ’sa bha an Caimbealach beò. Thubhairt Calum a nis gun robh feum aigefhalluinn ùr a thoirt dha agus gum bàsaicheadh ena àite, agus cha robh e ag iarraidh rud sam bith airson na seirbhis so ach gun cumadh a cheann-cinnidh a bhean agus a phaisdeanan gu math fhadsa bhitheadh feum aca air cuideachadh.

Bho nach gabhadh Calum diùlltadh, thug Loch-nan-ealafhalluinn dha mu dheireadh thall an deigh deasboireachd fhada, agus chaidh Calum a mach a shiubhal air an fheòran fa chomhair achaisteil. Cho luathsa chunnaic am fear faire bhon Taobh Tuath e, shaoil e gur en Caimbeulach a bhann, agus thilg e e le saighead a chaidh troimh a cridhe. Nuair a thainig beul na h-oidhche, chunnacas siùil gheala na birlinn air an sgaoileadh ris aghaoith a rithist oir cha robh toil aig achoigreach fuireach tuillidhsa chaisteal an deigh, mar a shaoil leis an Caimbeulach a mharbhadh. Mar so thugadh sith air ais don dùthaich troimh dhillseachd Chaluim. Nuair a thog a chairdean a chorp, fhuair iad a mach gun deach a mharbhadhsan dearbh àites an do leig an iolaire air làrna leanabh e.

CREAG-AN-FHITHICH.



[324]

[Vol . 4. No. 41. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, APRIL 18, 1896.

Bha a Phàrlamaidna suidhe agus ag obair air anRemedial Billair an t-seachdain sa chaidh, bho thri uairean feasgar Di-luain gu meadhon-oidhche Di-sathurna, sia fichead uairsa naodh air fad. Chan eil cùnntas air pàrlamaid sam bith eile bhina suidhe ùine cho fada. Air an t-seachdain so, bha ina suidhe bho fheasgar Di-luain gu maduinn Dior-daoin. Chaidh an uair sin am Bill a leigeadh seachad, oir leis an ùine bhi fás goirid, agus moran connsachaidhga dheanamh mu thimchioll a bhill, cha ghabhadh crioch cur air an turus so. Feumaidh aphàrlamaid sgaoileadh air acheathramh latha fichead, ach dhfhaoidte gun sgaoil i latha no dha roimhe sin.

Tha ceannairc air bristeadh a mach am measg nam Matabeles an ceann a deas Africa. Buinidh an dùthaich anns am bhéil iad do Bhreatuinn. Air an t-seachdain sa chaidh thug buidheann mhor dhiubh garg ionnsuidh air feachd Breatunnach anns nach robh ach gann seachd fichead, ’g an cuartachadh gu h-iomlan. Chog na Breatunnaich gu treun agus ghearr iad rathad trompa, a marbhadh mu cheud gu leth dhiubh. Bha coignear de na Breatunnaich air am marbhadh agus sia deug air an leòn. Bha na daoine dubha air an deagh armachadh. Tha acheannaircnam measg a sior sgaoileadh, agus tha e coltach gum bi iad gle dhraghail do na daoine geala a chuid as fhearr dhen t-samhradh.

Tha na Stàitean a nise dol a dhamharc air ceannaircich Chuba mar luchd-cogaidh, mar sing an cur air an aon bhonn ris na Spàinnich fhéin. Tha iad mar an ceudnadol a dhiarraidh air an Spàinn an saorsa thoirt do na Cubaich, agus an t-eilean fhàgail aca fhéin. Cha chòrd sin ach gu h-olc ris na Spàinnich, ach chan urrainn daibh moran a dheanamh. Chan eil ach an droch choltas air gun teid aca air an t-eilean a chisneachadh. Tha an aimsir fhliuch a nis air tòiseachadh, agus cha seas an cuid shaighdearan ann an Cuba idir.

Chan eil Breatuinn afaotainn air adhartsan t-Soudan cho maths bu mhath leatha. Than t-slighe fada agus doirbh a h-imeachd, agus tha an teas acur grabadh mor air na saighdearan, moran dhiubh a toirt suas le tinneas air a thàileabh. Tha an cogadh gu bhi anabarrach cosgail. Thatar an dùil an drásda nach deanar spàirn mhor sam bith gus a chur air adhart gus an tig am foghar, ’nuair a bhios a chuid as miosa dhen teas seachad, agus a bhios e nas usa do na saighdearan an gnothuch a dheanamh.

Tha treubh Innseanach (nasix nations) anns an Iar Thuath ag iarraidh air Riaghladh Chanada réiseamaid a thogail anns nach bi duine ach muinntir na treibhe. Cha chuala sinn co-dhiu tha no nach eil an riaghladh a dol a dheanamh sin, ach ma ni bidh aig Canada ni nach robh aig dùthaich an America riamh, Reiseamaid Innseanach. Chan eil teagamhnan gabhadh earbsa cur annta, nach biodh iadnan deagh luchd-cogaidh.

Tha muinntir nan Stàitean aa deigh moran airgeid a chur cruinn air son cuideachadh leis na h-Armenianaich, ach chan eil guth no iomradh aca air ceartas fhaicinn aig na daoine dubha a thatar a sgrios nam measg fein. Ach dhfhaoite gun gabh na Turcaich truas riuthas gun cuir iad a nall cuideachadh.

Tha iad a deanamh a mach gu bheil sia muilleinean deug air fhichead de làmhannan air an cosg ann am Breatuinn na h-uile bliadhna, fiach fichead muillein dolair. Tha a chuid mhor dhuibh air an cosg le boirionnaich. Tha aon chuideachd a tha deanamh lamhannan a toirt a bheag no mhor a dhobair do dheich mile duine. Ann am baile Worcester leis fhéin, tha streath de dhfhactoridhean anns am beilteargan deanamh, a tha faisg air coig mile dhfhad.


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE



[325]

[Vol . 4. No. 41. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha an t-Urr. H. S. Smith, a bha roimhe so asaoithreachadh ann an Springhill ri bhi air a phòsadh ris an Eaglais Bhaisteachsa bhaile so Di-màirt sa tighinn.

Thainig a cheud soitheach a stigh do Phort Hawkesbury Di-luain sa cdaidh le luchd bathair á Halifax. Tha an caolas cuibhteas deigh o chionn còrr us da sheachdain.

Shearmonaich an t-Urr. Dr. Murray a shearmon mu dheireadh ann an Sidni Tuath la na Sàbaid sa chaidh. Tha e dol a dhfhágail abhailesa dol a dheanamh a dhachaidh an deigh so ann anNew Glasgow.

Bha Brennan, am fear a mhort am bancair Strathy ann amBarrie , Ontario,toiseach an earraich, air fheuchainn aig cùirt an la roimhe, agus fhualreadh ciontach e. Tha e ri bhi air a chrochadh aia an naodhamh latha fichead dhen Mhligh.

Chaidh acheud luchd soithich de rionnach an earraich so a stigh a New York air an t-seachdain sa chaidh. Chaidh an t-iasg a reic air da fhichead sentsa còig (45c) am fear, a phris a bàirde fhuaireadh air rionnach anns na Stàitean riamh.

Tha Mr. A. G. Mac Gilleain an deighaite-suidhe ann an Comhairle a bhaile a leigeadh bhuaithe. Tha dithis adol a dhfheuchainn ri faotainn a stighna àite, Mr . Walter Croweagus Mr. Cailean Mac Fhionghain. Than taghadh ri bhi ann air an naodhamh latha deug dhen Mhàigh.

Tha àireamh mhor de mhuinntir na dùthcha so a falbh do na Stàitean, mar is abhaist a h-uile toiseach samhraidh. Di-màirt sa chaidh, chaidh còrr us ceud thairis air Caolas Chanso, ’s iad uile air an t-slighe gu tri nan Geancach. Ach chan eil an tir sin idir cho math a thaobh cosnaidhsa bha i o chionn coig no sia bhiadhnaichean.

Anns a bhliadhna 1885, ’nuair a bha ceannairc Louis Riel air a cur fodha anns an Iar Thuath, theich treubh de dhInnseanaich (na Crees) a bhasa cheannairc leis, thairis air a chrich a tha eadar Canada agus na Stàitean agus rinn iad an dachaidh ann am Montana. Tha Riaghladair na stàite sin a nise deònach a bhi cuibhteas iad, ged nach eil olc sam bith aige ri chur as an leth, agus aontaichidh riaghladh Chanada rin tilleadh air ais dhan dùthaich féin ma tha iad deònach tighinn. Tha coig ceud ann dhiubh air fad.

Di-sathairne sa chaidh, bha àireamh mhor dhaoine ag obair air marbhadh ròn air an deigh air cladach Newfoundland. Thainig a ghaoth mun cuairt agus bhan deigh air a séideadh a mach, ’s chaidh coignear dhaoine a ghiùlan air falbh air pios dhi. Bha fear diubh sin air a mhealachadh gu bàs, chaidh dithis a shàbhaladh le soitheach-smùide a thainig an rathad, agus thatar a deanamh a mach gu robh an dithis eile air am bàthadh. Bha moran eile air an giulan air falbh, ach fhuair iad gu tir mun deachaidh an deigh ach astar beag bho thir.

Bha stoirm fhiadhaich ann an Deniver, an Colorado, toiseach na seachdain so. Shil moran uisge, agus bha e eadar troigh us tri troighean a dhoimhnead air an talamh iseal. Ann an cearnan eile dhen staitse sneachda bha tuitean. Ann an aon àite bha na carbaid-iaruinn air an séideadh bhar nanrailsagus air an tilgeil an clais an rathaid. Agus ann an àit eile thuit frasan de pholl dhubh agus dearg a chòmhdaich na taighean.

Thainig fear Iain Mehlman a bha fuireach faisg air Liverpool ri bheatha féin a sheachdain gus an Di-màirt sa chaidh. Bha e air tighn dhachaidh á Gloucester, far an robh e fuireach àireamh bhliadhnaichean, air son a shlàinte. Thainig a mhac á Gloucester gus a thoirt air falbh a rithist, ach cha robh toil aige sin a dheanamh, agus chuir e crioch air fhéin le peilear. Dhfhàg e roinn mhath airgeid, agus taighean ann an Gloucester.

Chaidh duine dom bainm Ioseph Stevenson, agus gille dom bainm Rob Carson, aois dha bhliadhn deug, a mharbhadh leis a charbad-iaruinn faisg air baileSt . John, N. B. ,Di-sathairne sa chaidh. Bha iad fhéin us fear eile ann an carbad còmhdaichte a dol dhan bhaile a reic bainne, agus air dhaibh a bhi dol tarsuinn air an rathad-iaruinn, thainig an carbad orra gun fhios daibh. Chaidh an treas fear a leònadh, ach chan eil e coltach gun toir e bhàs.


BAIS.

Ann an Coxheath air a cheud latha de dhApril, Niall Mac Phàrlain, 84 bliadhna dhaois. Rugadh esan Eilean Sgiathanach, agus thainig e mach dhan dùthaich sosa bhliadhna 1830. Bha e còmhnuidh air an Amhuinn Mheadhonaich fad dha fhichead bliadhna.

Ann an Sidni, Di-màirt, an 14mh latha de dhApril, Fionnladh Mac Aonghais, 79 bliadhna dhaois. Rugadh e anns na h-Earadh, agus thainig e machnuair a bha e gle òg. Bha eg obair anns a Mhèinn-a- Tuath da fhichead bliadhna. Bha ena dhuine còir, siobhalta, air an robh meas aig na h-eòlaich uile.

Ann am Mira air an 8mh latha de dhApril, Aonghas Mac Cuthais. Bhuineadh an duinòg so do Rathad Chatalone, agus air dha bhi tinn thainig e dhamharc achàirdean ann am Mira, an dùil gu rachadh ena bfhearr leobair fhàgail. Achs ann a chaidh e na bu mhiosa, agus chaochail e. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh, agus bha e air a thiodhlacadh Di-sathairne. Bha ena ghille measail, agus tha co-fhulangas aig na h-eolaich uile ri phàrantan.

Aig taobh an iarLeitches Creek,air an 11mh latha den mhios so, Eòin Mac Illemhaoil (macIlleasbuig bhàin) ceithir bliadhna fichead a dhaois, —R. I. P.


Am fear a thug buaidh air féin, thug e buaidh air nàmhaid.


APRIL, 1896.

1 Di-ciaduin. La Fhéill Bride (La gnothuch na cuthaige).
2 Dior-daoin
3 Di-haoine. Di-haoine na Ceusda.
4 Di-sathairne. An Crtl mu dheir. 8.10 feasg.
5 DI-DONAICH. Di-donaich Caisge.
6 Di-luain. Sith nan Staitean, 1865.
7 Di-mairt. Fhuaireadh Canada, 1499.
8 Di-ciaduin. Breith Righ Lochlann, 1818.
9 Dior-daoin. Di-cheannadh Morair Sim, 1747.
10 Di-haoine
11 Di-sathairne. Chrùnadh Uilleam us Mairi, 1689.
12 DI-DONAICH. A Mhion-chaisg.
13 Di-luain. An Solus Ur. 0.9. maduinn.
14 Di-màirt. Bas Sheòrsaidh Ghrannd, 1835
15 Di-ciaduin. Ceitein na h-òinnsich.
16 Dior-daoin. Blar Chuil-fhodair, 1746.
17 Di-haoine. An Fheill Donnain.
18 Di-sathairne. An Fheill Mholis.
19 DI-DONAICH. II. Di-donaich an deigh Caisge.
20 Di-luain. A cheud chairteal, 6.33, fessg.
21 Di-màirt. Coinneamh Ghlinn Eillge 1653
22 Di-ciaduin. Breth Sheus Ghreumaich 1765
23 Dior-daoin. Crùnadh an II Tearlaich 1661
24 Di-haoine
25 Di-sathairne. Crùnadh Ceann-mor, 1057.
26 DI-DONAICH. III. Di-donaichdeigh Càisge.
27 Di-luain. An Solus Lan, 9.33, mad.
28 Di-màirt. (27) Bas an III. Alasdair, Righ Alba, 1124.
29 Di-ciaduin
30 Di-daoin. Blar Fontenoi, 1745.


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[326]

[Vol . 4. No. 41. p. 6]

TAIGHEAN BHAN ANN AN INDIA.

(Le Miss Rainy.)

Chàne gnothuch nam banna-mhaighstirean-sgoil Sananach tathaich ann an seòmraichean nam fear ann an tighean a mhuinntir an àite; agus air an aobhar sin, chan urrainn domh abheag a ràdh timchioll orra. Tha air a ràdhs achoitchionnas gum bheil iad air am fùirneiscachadh nas fearr na feadhainn nam ban; agus anns abheagan diubh a chunnaic mise, bha e coltach gun robh so fior. Achse mo bheschd, eadhon ann an teaghlaichean a tha ann an cothrom maith, gnm bheil araon fir agus mnathan toilichte le tighean anns am bheil nas lugha a dhfhùirneis nashaoilamaid. Tha seòmraichean nam ban co-dhiù, fadal o bhi aoibhei, oir tha iad aona chuid fìor fhalamh agus lom, no lan de nithean nach fiù cosmhuil ri seomar dhraighneichean. Tha dealbhan neo-ealantà crochta air na ballachan, le dall-uinneagan no budhailtean, tha air a ràdh a tha air son lòchrain, ach glé thric chithear annta ìomhaigh ghreannach no faoin-chruth air-eigin. Air uairean chithear leaba no dhà, air uairean eile ciste no bocsa; agus fodhpa no air an cùlthaobh so, tha trealaich gun fheum air a thilgeadh. Tha luchd-tathaich tric asuidhe air aon de na leapaichean, air cathair no air stol: ach ni na mnathan Innseanabh féin guradan no crùban air an làr agus seallaidh iad gle mhi-fhoiseiln an suidhe air caithrichean anns na taighean-coinneimh. Tha suidheachan, cosmhuil ri greallaig, an crochadh o mhullach a stigh an taighe tric ram faicinn. Ach be sealladh ro thearc bòrd fhaicinn ann an aon de na tighean bhan anns an do thathaich mise. Bha lìn an damhain-allaidh lionmhor annta, oir tha e mi-shealbhach damhan-allaidh a mharbhadh. Cha mhaith leotha cuileag de ghnès am bith a mharbhadh, ach theagamh nach eil iadn an dragh do mhnathan India; agus anns an tir theth feumar gach dìchioll a dheanamh gu cur às doibh. Ann a bhitathaich thighean bhan, tha ena ni deuchainneach nacheil fhios aig neach de fheudas e thoirt dhachaidh leis.

Tha min duil gum bheil deadh bhuaidh aig cuairtean ar ban-teachdairean air na tighean bhan, ged nach gabh iad tric gnothuch ri nithean a bhuineas do bhanas-tighe. Ann an aon tigh bhan t-ùrlar gu cabhagach air a nigheadh, oir chualas gun robh sinne anns achoimhearsnachd, agus mar a ràinig sinn fhuair sinn e fliuch. Ann an àireamh de na tighean anns an do rinn fòghlum adhartas, agus gu h-àraid far an robh firionnaich an tighe ameasgachadh leis an t-sluagh nach buin don àite, tha oidhirp shònruichte air a toirt gubhideanamh nithean comhfhurtachail agus speisealta. Bha aig achuid mhòr de mhnathan-uaisle Mhadrais buill a dhairneis Shasunnaichn an seòmraichean. Ann an Calcutta, thathaich mi ann an aon tigh mòr, maiseach; bha na seòmraichean iochdarach air an cur air leth air son nan daoin’ -uaisle, agus bha na seòmraichean uachdarach, a bha ro eireachdail, air an cur air leth air son bean an tighe. Bha aice so seòmar-cuideachd air fhùirneiseachadh gu snasmhor le inneal-ciùil agus mar sin sios, agus na h-uinneagan ag amharc thar preasarnaich bhòidhich rathad abhaile mhòir. Bhan seòmar-cadail agus an seomar-cloinne dìreach loinneil. Ben t-aon chamadhs a chranchur aice so, gum bfheudar di fuireachn a h-earrain féin den tigh.

Bha aon ni nach dthàinig am fradharc cho mòr agus a shaoil mi anns na tighean Hindùach; ged a tha micreidsinn gun robh elaithir ann an oisean dorcha air chor-eigin. ’S e sin an seomar a tha air a chur air leth do dhia an teaghlaich, far am bheil(pujah)aoradh air a dheanamh às an leth ah-uile latha le sagart an teaghlaich. Chaneil idir aca an dleasnas ris an abair sinn aoradh teaghlaich. Chunnaic mi seana bhean-uasal ghràdhach Bhengalaich, a réir coslais nacheil fada o rìoghachd Dhé, agus a bha air tùs air atarrainn gus achreideamh Chriosdaidh lebhitoirt fainear gun robh againn aleithid de ni agus a bhi ag ùrnuigh comhla, no mar a theirear ùrnuigh aonaichte. Rinn so greim air a h-inntinn mar ni a bha ro thaitneach, agus mar ni air nach cual i iomradh riamh roimhe.

Tha ann an cuid de dhoighean dealachadh iongantach eadar buill fa leth de theaghlach Hinduach, atoiseachadh leis an deallachadh eadar na mnathan agus na fir, agus afilleadh a steach ann bhiadhan, aoradh agus mar sin sios. Cho fada agus as aithne dhomhsa, a mach o amanan àraid mar a tha na firionnaich aig cuirm comhla ann an aon earrainn den tigh, agus na boirionnaich comhla aig cuirm ann an earrann eile deth, chan eil dad de nàdur cuirm comh-chomunnaich aca mar a than ar measg-ne. Chan fheud am fear itheadh comhla ra mhnaoi, ach tha i afrithealadh dha, agus tha i agabhail den chòrr a dhfhàgas esannog a chomh-roinn uirre féin agus air a cloinn. Agus a dhaindeòin so uile, tha seadhan ann, anns am bheil an teaghlach cho dlùth cheangailte ra chéile gus nacheil gach pearsa air leth cunntasach air a shon féin no air a son féin, agus cha mhò tha saorsa no roghainn aca dealaichte o aon a chéil.

Chaneil am fear aròghnachadh a mhnatha féin no a cheird féin noàite-còmhnaidh féin. Tha so uile air a dheanamh air a shon leis an teaghlach. Tha gu tric cosnadh nam ball as òiges an teaghlach air a churs an aon sporran gubhi air a fhrithealadh a mach le ceann an teaghlaich. Agus ma chuireas sinn ris a so, an creideas a thaca gum bheil gach ceum is gnìomh dam beatha òrduichte le Dàn do atharraichte(inexorable Fate) ’s en t-ioghnadh nacheil an coguis agus an saor-thoil gu h-iomlan air am mùchadh. Tha glé thric mòran sluaigh ann an teaghlach Hindùach. Thas achoitchionnas atamh fo chromadh an aon tighe ram pàrantan na mic phòsda, oghachan a thàinig gam meudachd, mic bhràithrean, agus feadhainn eile a thann an tomhas mòr no beag an crochadh air ceann an teaghlaich. Chaneil ceanns am bith air a dheanamh ri nigheanan an tighe. Feumaidh iad cho luath agus a cheadaicheas achùis e, a bhi air an cur air cùram màthar-céile; ach ma thig aon diubh gu mi-fhortanach gu bhin a bantraich mum pòs i, tre bhàs abhalachain eadar i féin agus esan an robh am pòs-ghealladh, is ionann sin agus bàs gach dòchais a thaice anns an t-saoghal so, no ann an saoghal eile. O so a mach, tha i beòn a h-aonar ann an tigh a h-athar, agus a h-uile neach ameas gum bheil mallachdn a luidhe uirre, agus cha chòir di seudans am bith a chur uirre, agus cha chòir bi a chaitheadh ach Sari garbh, gun dath. Is còir di trasgadh deuchainneach fhulang a nis agus a rithist; is còir a cumail fad na làimhe uait, air eagal gun tuit a faileas air neach as fortanaiche na i fein; is còir dibhinr ban-sguidealair an teaghlaich. Achn a uairean, than creutair a bha air tùs air a chruthachadh ann an ìomhaigh Dhé, atoirt buaidh air iarrtasan creud dhiabhluidh den t-seòrsa so, ach co-dhiù, cha



[327]

[Vol . 4. No. 41. p. 7]

téid fìrinnean aBhìobuill a steach do na h-ionadan-còmhnaidh tiamhaidh so, gun ni-eigin de chomhfhurtachd fhágailn an lorg. Gidheadh, a dhaindeoin gach aotromachadh air an doilgheasan, tha crannchur nam bantrach beaga so ro mhuladach agus tha na buairidhean dam bheil iad buailteach ro eagalach.

Cha mhòr nacheil e cinnteach gum bi bantraichean aig iomadh aois anns an tigh; oir de bhoirionnaich India than sèathamh pearsan a bantraich. Tha rud-eigin de mheas air achuid diubh aig am bheil mic; agus ma tha màthair fhir an tighe beò, feudaidh i, ged a tha in a bantraich an teaghlach gu léir a riaghladh. Chunnaic mi féin daoine tuigseach, saor-inntinneach, a dhaidich nach robh en an an comas ath leasachadh teaghlaich a ghiùlan a mach, do bhrìghnach leigeadh am màthair leotha.” Tha aig màithrichean den ghnè so fuath nimheil do sholus agus do eòlas. Tha riaghladh thighean bhan gu h-iomlan air fhàgailn am mèinn, oir tha na mnàthan òga uile, acatha iad pòsda, ’n am bantraichean non an caileagan gun phòsadh, fo smàig aig na màithrichean so.

Is iomadh aon de na seana bhantraichean, eadhon ann an teaghlach a thann an cothrom maith, air am bheil ceal duaichnidh agus tuar sgreataidh. Tha an Sari geal, salach, an t-aon trusgan a thaca, air a thilgeil timchioll orra ann an dòigh cho mi-chùramach, gus am bheil an ceann lomairte, no an seann fhalt liath air fhàgail ris, agus mar so dealachadh mòr air a nochdadh eadar iad féin agus na h-òg-mhnathan bòidheach, air an éideadh gu lurach, le an seudan, agus le am falt dubh dualach, agus le maise chiùin mhealltach anns gach ceum dan gluasad. Gidheadh, biad na gnùisean a bu dubhaiche a chunnaic mi ann an India, gnùisean cuid de na mnathan òga so, agus shaoileadh tu gun robh iadn an rìomhadh agusn an seudan asealtainn na bu ro mhuladaiche. Thaghoimh ro gheur a thannn an cridhe nam bantraichean òga so, abriseadh a mach air uairean, ach so chan fhaic amhuinntir nacheil atathaich tric orra. Chaneil càradh nam bantrach aig am bheil mic cho truagh. Ach tha aon bhròn, a rèir coslais, nach gabh leigheasbròn màthar a chaill a h-aon mhac.

(Ri leantuinn.)


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[328]

[Vol . 4. No. 41. p. 8]

TUIREADH SEANN FHLEASGACH.

SEISD.

Tionndaidh nis is eisd,
Tionndaidh, tionndaidh, ’s gabh gu feum,
S na dean-sa mar a rinn mi fein,
Thoir te a measg nan caileagan.

S tha mlsen so an diugh leam fhein,
Gun agam ni a ni dhomh feum;
Gun mhart, gun each, gun bheathach spreidh,
Gun chesrc, gun gheadh, gun tunnagan.

Sanauir a bha mi a m ghillog,
Bha caoraich agams crodh gu leor;
Co theireadh rium an sin rim bheo,
Gum faicinn la cho uireasach.

Mo mhallachd air an fhear gu brath
Nach tagh a bheannuair bhios e traight’,
Gun fheithidh gus on tig an lan
No bithidh e baithte le cunnartan.

S beag a shaoil min laithean moig,
Gum bithinn-se gun neart gun treoir:
Gun bhean, gun mhac, gun neach am choir
A bheireadh dhomhsa comh-fhurtachd.

Sa bhothan bhochdan so leam fhein,
Am dhragh do chach, ’s mi fein gun fheum;
Gach la a dol nis dluithe don eug,
S gun neach nam dheigh len dhuilich mi.

IsIllean caoinichibh am feur,
Am feadhs a bhitheas a ghrian adears’,
Oir thig an aois an uine ghearr,
S bfhearr leibh gun robh bean agaibh.

Chan ioghnaciod a dheireadh dhomhs’,
S an car a thoirt a te le mdheoin;
Oir dhfhag mi nighean steidheil choir,
An toir air storas amaideach.

Chaill min storas, chaill min treud,
Cha dfhuair min te bha mi an deigh;
S an te a gheibhinn, ’s thug dhomh speis,
Tug mi le eucoir car aiste.

Tha isen diugh co mathsa miann,
Tha aice fear is iomadh ceud;
Tha misen sonam bhodach liath,
Thug iomadh bliadhna fo airsneal.

Is dhinnis mis e nis mar bha,
So gabhaibh rabhadh uamsa tra;
S mas toigh leat te, thoir dhi do lamh,
Is gu brath na bi na dBhaitchelear.

J. C.


RONA CHOMHRAIG.

(BHONA BAEURLA.)

AIR FONN: —“Just before the battle, mother. ”

A mhathair ghaoil ro àm na còmhraig,
Tha mo smuaintean ort-samhàin;
Air an fhaiche an latha
As ar neascaraid aig laimh.
Companaich dhaimheil tha mun cuairt dhomh,
Le gradh Dhé as fàrdaich làn,
S fhios aca gur h-iomagaisgeach
Bhios an ath-lath’ ’n glaic a Bhais!

LUINNEAG.
Soraidh leat a nis a mhathair,
Siubhlaidh mi gu blar nam beum;
Ach na di-chuimhnich gu brath mi
Ma bhios maireamh aig anEug!

S fada leam gach lathamhathair,
Gus gu faic mi ghraidh thu-fhéin;
Ach gu bràth chan fhàg mi bhratach,
S pilleadh dhachaidh dheasbhuidheuchd.
An luchd-brath a ta mun cuairt duibh,
Smòr an lochd iad ann ar càs
Mheall ar gaisgeich anns gach baiteal,
Lebhi caidreamhach rir nàmh!

Soraidh leat a nis a mhathair, &c .

Eisd! is cluinn an triumbaid cheolmhor
Tha gar seòladh dhionnsaidhchath;
Teasraig sinneDhé na glòrach,
Buanaich dhuinn ar còr as ceart.
Cluinn a nise guth na Saorsa
Air a ghaoth a tighnn le seisd;
Mar a buanaich sinn mar brataich,
Gheibh sinn bàs gach neachsan t-sreup!

Soraidh leat a nis a mhathair, &c .

FILIDH NAM BEANN.


LAOIDH.

Mo Dhia is mAthair, mo chuairt
S an fhàsach, fado mdhachaidh shuas,
O cuir am chrìdha ràdh gach uair,
Do thoil biodh déant.”

Ged leanadh duibhres bròn mo chéum,
Na cluinnteadh gearan as mo bhéul;
Ach abram mar thuirt Iosa fhéin,
Do thoil biodh dèant’ .”

Mas àill leat, ann an riaghladh caomh,
Gach nithoirt uam don dthug mi gaol,
Bheir mise dhuit gach le maont’;
Do thoil biodh déant’ ,”

Ged bhithinn ann am bròn ro ghéur,
Acaoidh nan càirdean caomha thréig,
Le ùmhlachd theirinn riut gach ,
Do thoil biodh déant’ .”

Ged sheargainn beag air bheag gach ,
Le trioblaid is le iomadh cràdh,
O Athair, dhfhéuchainn ri bhithg ràdh,
Do thoil biodh déant’ .”

Ma bhios do Spiorad saor atàmh
Am chridhe lapach, fann, do ghnàth,
Mun chòrr dèan thusa mar is àill
Do thoil biodh déant’ .”

Dean nuadh mo thoil o gu ;
Dean strìochdte mi, ’s glan uam gun dàil
Gach ni a chumadh mi o ràdh,
Do thoil biodh déant’ .”

An uair a chriochnaichear mo chuairt,
S a sguireas bròn is trioblaid chruaidh,
N sin seinnidh mis an tìr bhith-bhuain,
Do thoil biodh déant’ .”


S anabarrach fuar an dùthaich Siberia. An deigh teas an t-samhraidh than reothadh anns an talamh leth-cheud òirleachsa sia a dhoimhnead. Tha cuirp dhaoine a tha anns an ùir o chionn ceud gu leth bliadhna gu tric air an togails gun an t-atharrachadh is lugha air tighn orra on latha chuireadh ann iad.


Ruig D. J. Domhnullach air son Comhdach Fhirionnach.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B

titleIssue 41
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 41. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page