[Vol . 4. No. 42. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 25, 1896. No. 42.
An t-Urr. Tormaid Mac Leoid, Ministeir St. Ann’s.
Bha ainm an duin ainmeil so air a thogail gu diomhain ann am paipearan Cheap Breatunn bho chionn bliadhna no dha. Bha fear fo ’n ainm“Compiler”a’ bha deanamh co-chruinneachadh de sgriobhaidhean nan ceud mhinisteirean a thainig do’n eilean, a toirt aithris air gach cruadal a bha tachairt riutha an cois an obair. ’S ann an sin a chaidh lamh a thoirt air Tormaid; “gu robh e ’na mheadhon air a bhi cumail air ais sgaoileadh an t-soisgeil, agus cuide ri sin ’na mhealltair, le bhi ’gabhail air dreuchd ministeir ’nuair nach robh còir sam bith aig air.” Tha mise nise comasach air innse nach robh Tormaid mar sin idir, ach gu’n deachaidh gach sochair eaglais a bha dhith air a thoirt dha ann an Genesee, aite tha ’n taobh an iar stàit New York. Chaidh so fhaotainn a mach bho chionn beagan mhiosan leis an Onarach Uilleam Ros, ann am baile mor Halifacs, agus càirdean dha ann an stàit New York. Shir iad gu dichiollach ann an iomadh àite gus an d’ fhuair iad a mach an t-àite dh’ ainmich mi. Bha an t-ainm “Tormaid Mac Leoid” air an rolla-sgriobhaidh ann an ceud shuidheachadh. Cléir Genesee. Còmhla ris bha ainm an Urr. Alasdair Dunoon. ’S fada bho chuala sinn gu’m b’e so am fear a chuir urram eaglais air. ’Nuair bha ’n da ainm air am faotainn cuideachd, tha e dearbhte gur h-e Tormaid a bh’ ann. ’S anns an dùthaich so a fhuaireadh a mach na bha ri fhaotainn mu thimchioll Thormaid, agus chaidh a chur gu Uilleam Ros. Bha fhios gu’n robh e sgriob anns na Stàitean na ceud bhliadhnaichean a bha e an St. Ann’s. Tha iomradh air e teisteannas a shealltuinn do chuid de ’chàirdean, agus is cinnteach an ni gu robh a luchd-leanmhuinn uile làn thoilichte leis. Cha robh e fo riaghladh eaglais sam bith, agus uime sin cha robh feum air teisteannas iarraidh air; bha ’n sluagh aige a creidsinn gur e bh’ann duine air an robh eagal Dé, agus nach abradh gu robh e ni sam bith nach robh e. Sgriobh e litir gu Domhnullach na Tòiseachd anns ’a bhliadhna 1843. Bha an litir so ag innse cuid de dhol a mach an deigh dha tighinn do Cheap Breatunn, gu’n d’ thug e tri tursan do na Stàitean far an d’ fhuair e a dhreuchd. ’S ann leis an litir so a fhuaireadh a mach mu dheobhainn. Cha’n ann buileach fo theagasg a thogadh Mr. Ros, ach bha meas mor aig air, agus nuair a tbainig litrichean “Chompiler” a mach chuir e roimhe gu’n deanadh e ’uile dhichioll air a chùis a rannsachadh a mach gu ’cùl. Bha an ni so a’ leantuinn ri Tormoid fada agus a’ cur mi-chliù air, ach ’nuair a thainig gach ni am fallais, thainig e mach air an taobh cheart. Tha sinn uile fada ’n comain Mhr. Rois air son na rinn e ’san aobhar so, agus mar an ceudna do na h-uaislean a rinn cuideachadh leis, Mr. Donnacha Buchanan, amBrooklyn , N. Y. ,agus an t-Urr. J. Wilford Jacks, am baile Romulus, an Stàit New York.
Tha beachd agam air mar a thòisich an seanchas so mu Thormaid, ’se sin nach bu mhinisteir e. Bha cléir de Eaglais na h-Alba anns an eilean aig an àm ’san robh esan air ceann co-thonal St. Ann’s. Bha fhios gu’n do chuir e cùl ris an Eaglais sin ùine fhada roimhe sin, agus bha chléir air son fhaotainn a mach uaithe ciod an seasamha bh’aig anns an Eaglais. Air do’n chléir bhi cruinn am Broad Cove sa bhliadhna 1840, chuir iad litir d’a ionnsuidh, ag àithne dha tigh’n ’nan làthair, agus e shealltuinn dhaibh an dearbhadh-sgriobhte a bh’aige air an dreuchd a bha e tagairt, an taobh a stigh de dha fhichead latha. Cha d’ thug Tormaid feairt sam bith air an litir sin, agus ’nuair nach d’ thug, bha daoine an dùil nach robh freagradh aige dhaibh, agus nach robh teisteannas aige. Mar sin chaidh an sgeul mu’n cuairt, agus bha a chuid mhor de’n t-sluagh a toirt creideas dhi gus an d’ aithris“Compiler”i. Cha robh a chléir cho faiceallach ’s bu chòir dhaibh a bhi anns a’ ghnothuch, ach bha iad an dùil gu robh iad a’ deanamh an dleasanais. Cha’n ann a’ cur coire as an leth a tha mi idir. B’ aithne dhomh iad, agus air cuid dhiubh bha mi glé eòlach. Bha iad ’nan daoine taghte ais an robh eagal Dé, agus dichiollach ann an deanamh math. Tha iad uile fa chomhair Dia nam flathanais, a bheir breith orra a reir an deanadais agus a reir a thoil.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z,, an 18 la dhe’n Mhart, 1896.
Guth a Framboise.
Tha mi toilichte gu bheil an t-side a nis air fàs anabarrach fàbharrach do na tuathanaich, agus a reir coltais gu’m bi pailteas de bhiadh spréidhe aig gach aon aca. Tha ullachadh mor am measg nan iasgairean air an earrach so, gu h-araidh nam measg-san a bhios ris na giomaich. Tha Tigh Ghiomach eile air a chur suas am bliadhna le cuideachd ùr, agus ’se mo ghuidhe féin dhaibh gu’n soirbhich gu math leotha.
Tha mor ionndrain anns an aite so air Calum MacLeoid, a chaochail toiseach a gheamhraidh. Bha e na dhuine onarach, cliùiteach, air an robh meas aig na h-uile chuir eolas air, agus gun teagamh faodaidh mi chantuinn nach d’ fhàg e moran eile anns an àite so a lionas àite mar sheanair anns an eaglais. Tha e gle iongantach leam fein nach do chuir fear de bhràithrean ’s an t-seisean iomradh air a bhàs gu paipear na h-eaglais.
LAMH DHEARG.
16 dhe’n Mhart, 1896.
Tha Sir Robert Ball ag radh nan rachadh fiach teas na gréine a mheas aig coig muillein punnd Sasunnach, gu’m b’ fhiach a chuid sin dhe teas a tha tuiteam air an t-saoghal so againne aon sgillinn.
[Vol . 4. No. 42. p. 2]
NA GALATAICH.
LEIS AN URR. A. M. SINCLAIR.
B’ i an duthaich ris an abair sinn an diugh an Fhraing priomh ionad comhnuidh nan Cealtach. As a sin sgaoil iad do gach cearn.
Anns a bhliadhna 277 roimh theachd Chriosda bha Nicomedes righ Bhitinia a’ cogadh ri ’bhrathair, a bha ag iarraidh a bhi na righ e-fein. Chuir e fios air buidheann de Chealtaich a bha togail chreachan laimh ri Constantinople a dhol a null g’a chuideachadh. Dh’ fhalbh iad gu toilichte. Bha mu fhichead mile fear cogaidh ’nam measg. Bha iad fo dha cheannard, Leonar agus Lutar. Bha tri treubhan ann diu, na Trocmaich, na Tolistoboich, agus na Tectosagaich. Le ’n cuideachadh cheannsaich Nicomedes a bhrathair. Ach bha e moran na b’ fhasa fios a chur air na Cealtaich, na bha e an tilleadh dhachaidh, no an cumail fo smachd. Thoisich iad air siubhal bho aite gu aite ri creach is milleadh mar a bha iad a dol air aghaidh. Cha ’n e a mhain gu ’n dh’ fhas Nicomedes sgìth dhiu, ach thanig iad gu ’bhi ’nan aobhar eagail do gach sluagh an Asia Bhig. Mu dheireadh chuir iad rompa an duthaich gu leir a thoirt fo ’n smachd fhein. Thug Antiochus righ Shiria buaidh orra an aon bhlar; ach ann am blar a chuireadh ’sa bhliadhna 261, R. C., chuir iad an ruaig air ’armailt le ar mor, agus mharbh iad e-fhein. Cha mhor nach robh an toil fhein aca gus an do thachair Atalus, righ Phergamuis orra. Thug an righ so droch laimhseachadh dhaibh ann am blar ’sa bhliadhna 239, R. C. Chaill iad blar eile ’sa bhliadhua 216 R. C. ’S ann ri Prusias righ Bhitinia a bha iad a’ cogadh an uair so. Tha Polibius ag radh gu ’n do sgrios e a chuid mhor de ’n armailt a bha ’cogadh ris, agus gu ’n do mharbh e, cuideachd, na mnathan agus a chlann a bha maille ris an luchd-cogaidh.
Ach ged a chaill na Galataich na tri blair a dh’ ainmichaedh thug iad buaidh ann am ficheadan de bhlair. Bha iad fhathast cho cumhachdach ’sa bha iad riamh. Dh’ fheum iomad baile mor agus rioghachd cain a phaigheadh dhaibh. Ach mu dheireadh tha chairiad ri luchd-cogaidh a bha cho misneachail riubha fhein, agus moran na b’ ionnsaichte. Chaidh armailt laidir Roimheach a staigh do ’n duthaich aca. An deigh da bhlar fhuilteach dh’ fheum iad geilleadh. Thug an ceannard Roimheach, d’ am b’ ainm Manlius, bhuapa moran de ’n cuid beartais. Thug e orra, cuideachd, a ghealltainn gu ’n sguireadh iad de shiubhal ’s de chreachadh ’feadh nan duthchannan mu’n cuairt dhaibh.
Tha Strabo na leabhar cruinn-eolais a toirt an iomraidh a leanas air na Galataich:
“Tha tri treubhan de na Galataich an Asia. Tha iad a labhairt na h-aon chainnte, agus cha ’n ’eil iad air dhoigh air bith dealaichte bho cheile. Tha ard fhear-riaghlaidh os cionn gach treibh. Tha comhairle mhor aca anns a bheil na tri treubhan a cruinneachadh. Tha gach treubh a cur ceud fear-ionaid a dh’ ionasaidh na comhairle so. Tha na Trocmaich a’ fuireach faisg air Pontus agus Capadokia. Tha na Tectosagaich ’an coimhearsnachd Phrigia. Tha na Tolistoboich lamh ris na Bitinianaìch. Tha sia bailtean daingnichte aca. Anns a bhaile a’s momha dhiu so tha teampul aca do mhathair nan De.”
Cha do ghabh ’na Roimhich gnothach ris na Trocmaich. Bha iad taobh thall ’na h-aibhne Halus, agus mar sin fada bhuapa. An deidh a mhillidh a rinn na Ronnhich orra thanig na Tolistoboich, agus na Tectosagaich gu ’bhi fo aon ard fhear-riaghlaidh.
Anns a chogadh mu dheireadh a bha eadar na Roimhich agus Mithridates, righ Phontuis, rinn Deiotar, ard fhear-riaghlaidh nan Tolistoboieach agus nan Tectosagaich cuideachadh mor ri Lucullus agus Pompei, na ceannardan Roimheach. Bha e ’na dhuine tuigseach, comasach, agus measail. ’N uair a bha crioch air a chogadh rinn na Roimhich righ dheth os cionn a dhuthcha fein agus Armenia Bhig. Thachair so mu ’n bhliadhna 62 R. C. Chuir Deiotar fear-riaghlaidh nam Trocmach a cumhachd agus thug e a chuid a bha fotha de Ghalatia gu bhi fo a riaghladh fein. Bha na Galataich uile an nis fo ’n aon fhear-riaghlaidh. Cha robh iad mar so riamh roimhe. Anns a chogadh a bha eadar Caesar agus Pompei sheas Deitar gu duineil air taobh Phompei. Cha b’ iongantach ged a sheas, oir is e Pompei a rinn righ dheth. Nuair a cheannsaich Caesar Pompei, thug e Armenia Bheag bho Dheiotar, ach dh’ fhag e Galatia aige. An deidh bas Chaesair fhuair Deiotar air ais an duthaich a thugadh bhuaithe. Chaochail e sa bhiadhna 40 R. C. Thanig a mhac Deiotar a staigh na ’aite, ach cha d’ fhag na Roimhich aig a mhac ach Galatia. Anns a bhliadhna 36 R. C. rinn Marc Antoni righ de dh-Amintas, agus thug e dha maille ri Galatia Licaonia agus Pamphilia. Chaidh an righ so a mharbhadh ann an cogadh sa bhliadhna 25 R. C. An deidh a bhais ghabh na Roimhich Galatia do ’n ionnsaidh fein agus rinn iad mor-roinn dheth. Chuir so crioch air riaghladh nan Galatach an Asia, ’S e Turcaich—seadh, na Turcaich, an-diadhaidh, an-trocaireach a tha cur as do na h-Armenianich—a tha nan aite an diugh.
Ged a bha na Galataich air an cuartachadh ìeis a h-uile seorsa sluaigh chum iad an cainnt fein air chuimhne re corr is sia ceud bliadhna. A bharrachd air a sin chum iad moran de ’n seann chleachdainnean a suas. Tha Ierome, an cainntear a b’ ionnsaichte de na h-Aithrichean Laidinneach, ag innse dhuinn gu ’n robh iad a labhairt an cainnt dhuth chasaich ri ’latha-san. ’S ann am bliadhna ar Tighearna 420 a chaochail an duine ainmeil so.
Ghabh na Galataich ris an t-soisgeul gu toileach. Shearmonaich an t-abstol Pol ’nam measg. ’S ann g’ an ionnsaidh a sgriobh e an litir a tha ’dol fo ’n ainm Litir an abstoil Phoil a chum nan Galatianach. Bho’n a b’ iad na Roimhich, na Greugaich, na h-Eabhraich, agus na Cealtaich sluagan cho ainmeil ’sa bha ann ri ’n latha bha e iomchaidh gu ’m biodh litrichean bho na h-abstoil air an cur g’ an ionnsaidh uile.
Thigeadh do Ghaidheil an latha an diugh litir an abstoil a chum nan Galtach a leughadh gu curamach, agus an aire a thabhairt nach bi iad-fhein ciontach de na h-uilc bha r’ an cur as an leth-san. Bha moran de nithibh matha annta, ach gun teagamh sam bith bha cnid de nithibh annta a b’ fheaird iad asda.
Faodaidh mi innse dhuit, a MHIC-TALLA, gu’n do sgriobh mi an t-iomradh goirid so air na Galataich nuair a ba mi a cur am mach Cuil na Gaidhlig am Paipeir Phicto. Chi thu gu bheil oir nan duilleagan car prabach. Sin sgadsa obair nan luch. Bha na duilleagan nan laighe re uine mhoir ann an cuil. Fhuair na luchan greim orra, agus co-dhiu bha naimhdeas aco do na Galataich no nach robh, thoisich iad air cagnadh ’s air milleadh nan duilleagan. Cha b’ ionghnadh ged a rinn Fear Strath-Mhathasaidh, agus bard no dha eile aoir do na biastan.
[Vol . 4. No. 42. p. 3]
Aireamh Luchd bruidhinn na Gaidhlig ’an Albainn ’sna bliadhnachan 1881 agus 1891.
SIORRACHDAN. 1881 1891
Abaireadhain 607 1,542
Abaruig, 30 89
Air. 649 1,827
Arcaimh, 36 88
Banbh, 331 639
Bòid, 3,725 3,482
Cataobh, 17,600 14,786
Cill-chuthbairt, 11 69
Cinnchardainn, 15 116
Cinnrois, 10 56
Clacmannan, 95 215
Dumbreatunn, 1,397 3,556
Duneideann, 2,142 6,308
Dumfris, 17 201
Earraghaidheal, 46,503 36,720
Eilginn, 1,059 2,263
Fiofa. 123 726
Forfar, 590 1,462
Gallaobh, 3,422 4,068
Gleanniuich, 47 486
Haddington, 294 515
Inbhirnis, 64,041 44,084
Leanndraic, 10,513 22,887
Narunn, 1,980 2,487
Peairt, 14,505 13,846
Peebles, 3 170
Renfriù, 5,190 8,435
Ros & Cromba, 56,086 37,437
Rocsborgh, 25 77
Seatlainn, 12 67
Selcirc, 11 73
Sruibhliadh, 497 1,842
Wigtown. 28 68
Eilean Rathlin. 200 200
Feumar air a chuid is
lugha 15% a cur ri so a
dheanamh suas airson iadsan 34,755 38,280
nach aidich gu bheil- -- -- -- - --
Gaidhlig aca. 249,127
Air aireamh nach bruidhinn ach Gailiag a mhàin, 43,738
An t-imlan a bha bruidhinn
na Gaidhlig ’a Albainn. 266,549 292,865
Chuireadh na h-àireamhan so ugainn le ar deagh charaid, “Creag-an-Fhithich.” Cha’n eil so a toirt iomradh air na tha bruidhinn na Gàilig ann an Sasuinn, aim an Canada, ann an Astralia, am an New Zealand, agus ann an cearnan eile dhe’n t-saoghal. Tha e deanamh a mach gu bheil mu cheithir cheud mile pearsa aig a bheil Gàilig ann an Canada, agus gu bheil eadar muillein gu leth us da mhuillein ’ga labhairt anns an t-saoghal air fad. Bheir ar leughadairean fa-near gun deachaidh aireamh luchd na Gàilig an Alba còrr us sia mile fichead am meud anns na deich bliadhna, agus cha’n eil teagamh nach d’ fhàs iad air an dòigh cheudna ann an dùthchannan eile. Fhad ’sa leanas iad mar sìn cha ’n eagal gu’n teid a’ Ghàilig bàs.
Sgeul mu Fhaine.
Bha an sgeul iongantach a leanas air a h-innse an toiseach o chionn còrr us ceithir fichead bliadhna. Creididh cuid i, agus cha chreid cuid eile i idir, agus cha ’n urrainn dhuinne a radh m’a timchìoll ach, “ma’s breug uainn i gur breug ugainn i.”
Chuir duin-uasal ann an Sasuinn a sheirbheiseach gu bùth seudair le fáine luachmhor a bha aig. Bha aige an t-seirbheiseach ri dhol thairis air drochaid phlancaichean, agus am feadh ’sa bha e ’deanamh sin thug e ’m fàine as a phòcaid a shealltuinn air, ach gu mi-fhortanach thuit e as a làimh agus chaidh e fodha anns a’ pholl aig bruaich na h-aimhne. Chladhaich e air a shon treis a dh’ ùine, agus ’nuair nach d’ fhuair e e, ghabh e an t-eagal gu’n cuireadh a mhaighstir cruaidh ris, agus ’se rinn e teicheadh. Ghabh e air luing mar sheòladair, agus an deigh dha bhi treis a falbh na mara, shuidhich e ann an America, far an d’rinn e beairteas mor. An ceann àireamh mhor bhliadhnaichean thill e air ais a Shasuinn agus cheannaich e a cheart oighreachd air ’n do chuir e seachad làithean ’òìge ’na sheirbheiseach.
Aon latha bha e fhéin us duin’ eile a’ dol thairis air an drochaid phlancaichean, agus dh’ innis e dha charaid mu chall an fhaine. “Cha mhor nach toirinn mo mhionnan,” ars esan, ’s e stobadh a bhata anns a’ pholl, “gur h-e so an dearbh àite ’s an do thuit e.” ’Nuair a thug e am bata air ais bha am fàine air a bhàrr!
Rothaidheachd.
So foclan ura Gaidhlig airson gach rud a bhuineas do Rothar. Tha e coltach gu’n dean iad moran fheum do ar leughadairean an drasd nuair a tha na rothaidhean cho lionmhor anns gach àite.
Rothar, bicycle , cycle.
Rothaidhe, cycilist .
Rothaidheachd, cycling .
Rothar tri-rothan, tricycle .
Cluas, handle .
Slat, handle -bar,
Muineal, handle -stem.
Gabhal, fork .
Roth, wheel .
Beann, prong of fork.
Fearsad, axle .
Mul, hub .
Ga, spoke .
Ga lair, direct spoke.
Ga imill, tangent spoke.
Fonnsa, rim .
Bolg, air tube.
Bonn, tyre .
Bolg-bhonn, pneumatic tyre.
Bonn cruaidh, solid tyre.
Bonn bog, cushion tyre.
Diallaid, saddle .
Cos diallaide, saddle -pillar.
Luasgan, spring .
Troighthin, pedal .
Guala, crank .
Fiocail, cog of wheel.
Slabhruidh, chain .
Dion lathaighe, mud -guard.
Gràn, ball , balls.
Air ghràn, on ball bearings.
Dealbh, cabhail, frame .
Cnò, nut .
Sgriù, sgriobha, screw .
Tnachair, spanner .
Deocan, valve .
Caipin, cap .
Teannaire, pump .
Teannadh, to pump.
Teann, pumped tight.
Priocadh, puncture .
Slaod, solution .
Cosgaire, brake .
’Se an t-athair Padruig Mac Laghaire a chuir na foclan so le cheile, agus ’s ann as Irisleabhar na Gaidhilige, a fhuair sinn iad.
Chaidh Domhnull Mor gu tigh an uachdarain a phàigheadh a mhàil. ’Nuair a bha e fàgail an taighe mhoir, thainig fras uisge, agus thug an t-uachdaran gu caoimhneil dha sgàilean(umbrella)air son an t-uisge chumail dheth. Dh’ fhalbh Domhnull ’sa cheann moran na b’ àirde na bha e a’ tighinn, oir bha e meas gu’n do chuir an t-uachdaran onair mhor air. Ach cha b’ fhada gus am facas a’ tilleadh e, agus an sgàilean as a chionn mar a bha e falbh. “So,” ars esan, ’se ’ga shineadh air ais dha’n uachdaran, “cha dean e an gnothuch idir. Cha’n eil dorus air an tigh agamsa air an gabh e toirt a stigh, agus b’ fheudar dhomh tilleadh leis.”
[Vol . 4. No. 42. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, APRIL 25, 1896.
Loisg ceannaircich Chuba moran de dh’ fhearainn sicuair o chionn ghoirid. B’ àbhaist do aon fhearann a loisg iad a bhi toirt ceud mile poca siùcair ’sa bhliadhna. Tha iad a’ cur as do na h-innealan ’s do gach ni eile a th’ air an uachdar. Tha iad mar sin a feuchainn ris na’s urrainn daibh de chall a chur air na Spàinnich feuch an urrainn daibh toirt orra toirt suas a dh’ aindeoin.
Tha Ruisia an dràsda a feuchainn ri i fhéin a neartachadh anns an àirde ’n ear. B’ fhior thoigh leatha seilbh a ghabhail air Corea, ach mu’n dean i sin, tha aice ri barrachd ’sa comhairle fhéin a ghabhail. Tha àireamh de shoithichean-cogaidh Breatunnach m’a chladach Chorea mar gu’m biodh dùil aca ri rud-eigin a thachairt nach bi a reir cail an dùthcha féin anns an àirde sin.
Tha ’n Ard-chomharile a chuir Kiaghladh nan Stàitean a dh’ fheuchainn ri cùisean a réiteach eadar Venezuela agus Breatuinn aig an obair fhathast, agus tha e fàs na’s coltaiche gach latha gu’n toir iad a bhreith an aghaidh Bhreatuinn. ’S e sin a’ cheart ni ris an robh dùil riamh o’n chaidh an cur c dh’ obair. Agus ma ’s ann mar sin a ni iad, bi’dh gnothnichean na’s miosa na bha iad riamh. Cha chuir Breatuinn suim sam bith ann am breith na Comhairle, agus ma ni na Stàitean na bha iad a’ cur an céill a’ dheanadh iad, bi’dh ’n aimhreit a tòiseachadh. Ach tha dòchas againn nach tig an da dhùthaich gu cogadh mu’n chùis air chor sam bith, ach gu faigh iad dòigh eigin air gach ni a réiteach gu sitheil.
Caileag Dhileas
Tha sgeula air innse mu nighinn bhig Fhrangach a shàbhail a brathair o mhadaidh-alluidh. ’S ann am fuachd a’ gheamhraidh a bha e, ann an cearn iomallach dhe’n Fhraing, agus bha na madaidh-alluidh mu’n cuairt fad na, h-uine. Aon latha bhrist madadh-alluidh agus a cuileanan a stigh do’n tigh anns an robh a chaileag, a’ faireachadh fàileadh arain a bha i aig an àm a deasachadh. Rinn a chaileag greim air maide agus bha i a’ fuadach a’ mhadaidh mhoir air falbh ’nuair a thug i fa-near na cuileanan a toirt an sàs ’na bràthair. Rug i an sin air a bhalach, chuir i stigh ann am preasa e agus ghlais i an dorus. Thug so cothrom dh’ an mhadadh oirre fein, agus ann an tiotadh bha i air a reubadh as a cheile. Bha a brathair tearuinte anns a phreas agus fhuaireadh e leis na nabuidhean. Bha e beo gus an d’ rainig e seann aois, agus bu mhor an tlachd a bh’ aige ann a bhi smaoineachadh mu phiuthair a bhasaich air sgàth esan a shabhaladh.
APRIL, 1896.
1 Di-ciaduin. La Fhéill Bride (La gnothuch na cuthaige).
2 Dior-daoin
3 Di-haoine. Di-haoine na Ceusda.
4 Di-sathairne. An Crt l mu dheir. 8.10 feasg.
5 DI-DONAICH. Di-donaich Caisge.
6 Di-luain. Sith nan Staitean, 1865.
7 Di-mairt. Fhuaireadh Canada, 1499.
8 Di-ciaduin. Breith Righ Lochlann, 1818.
9 Dior-daoin. Di-cheannadh Morair Sim, 1747.
10 Di-haoine
11 Di-sathairne. Chrùnadh Uilleam us Mairi, 1689.
12 DI-DONAICH. A Mhion-chaisg.
13 Di-luain. An Solus Ur. 0.9. maduinn.
14 Di-màirt. Bas Sheòrsaidh Ghrannd, 1835
15 Di-ciaduin. Ceitein na h-òinnsich.
16 Dior-daoin. Blar Chuil-fhodair, 1746.
17 Di-haoine. An Fheill Donnain.
18 Di-sathairne. An Fheill Mholis.
19 DI-DONAICH. II. Di-donaich an deigh Caisge.
20 Di-luain. A cheud chairteal, 6.33, fessg.
21 Di-màirt. Coinneamh Ghlinn Eillge 1653
22 Di-ciaduin. Breth Sheu’s Ghreumaich 1765
23 Dior-daoin. Crùnadh an II Tearlaich 1661
24 Di-haoine
25 Di-sathairne. Crùnadh Ceann-mor, 1057.
26 DI-DONAICH. III. Di-donaich ’deigh Càisge.
27 Di-luain. An Solus Lan, 9.33, mad.
28 Di-màirt. (27) Bas an III. Alasdair, Righ Alba, 1124.
29 Di-ciaduin
30 Di-daoin. Blar Fontenoi, 1745.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
[Vol . 4. No. 42. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Thig latha breith na ban-righ am bliadhna air la na Sàbaid. Cha’n eil teagamh nach cumar Di-luain ’na àite, anns an dùthaich so co-dhiu.
Bha a Phàrlamaid air a sgaoileadh oidhche Dior-daoin. Tha ’n taghadh gu bhi ann air an treas latha fichead dhe’n Og-mhios(June)agus cruinnichidh a’ Pharlamaid ur mu mheadhon Iulaidh. Tha mar sin ùine gu leòr gu bhi aig an da phàirtidh gus am beachdan a chur an céill do’n luchd-taghaidh.
Phòs càraid aosda ann a’ Halifax air an t-seachdain s’a chaidh. Bha esan tri fichead ’sa dha dheug, agus ise tri fichead ’sa ceithir. Bha iad nam bantraichean le chéile. Bha iad ’nan leannain ’nuair a bha iad òg, ach thainig rud-eigin eatorra agus chaidh gach aon a rathad fhéin, agus a nise ’nuair a tha iad air tigh’n cuideachd, tha na h-oghaichean aca le chéile.
Chaochail fear Alasdair Mac Coinnich aigGranville Ferry, N. S. ,Di-satharna s’a chaidh, an deigh aois ceithir fichead us naodh bliadhn’ deug, agus aona mios deug a ruigheachd. ’N am biodh e beò mios eile, bhiodh e ceud bliadhna.
Dh’ fhalbh an deigh mhor as an acarsaid toiseach na seachdain, ach tha meall mor dhi fhathast faisg air na cladaichean. Thòisich na bàtaichean-aisig air ruith mu mheadhon na seachdain. An raoir thainig i stigh a rithist, agus tha na bàtaichean ’nan támh an diugh.
Tha sgiobair soithich a thainig thar a chuain air an t-seachdain s’a chaidh, ag innse gu ’n do thachair meall mor de chruachan deighe riutha an ear-thuath air Newfoundland. Bha cuid de na cruachan eadar ceud gu leth us da cheud troigh a dh’ àirde os cionn an uisge, agus tha e ’g radh gu bheil e gle chunnartach a bhi seòladh faisg orra.
Bha ceithir duine fichead fo ghlais ’s fo iuchair ann am priosan Halifax oidhche na Sabaid s’a chaidh, air son a bhi air an daoraich air na sraidean. Chaidh ochd deug dhiubh sin a chur a stigh oidhche Shathurna; agus sianar latha na Sàbaid.
Chaidh sàbhaladh gle chaol air Bain-Iarla Obaraidhean, bean an Ard-Riaghladair, Di-ciaduin s’a chaidh. Bha i a mach ann an carbad, agus air dhi a bhi tilleadh dhachaidh air rathad ri taobh na h-aimhne Gatineau, thainig iad gu àite anns an robh uisge na h-aimhne a tigh’n thairis air an rathad. Bha slochd domhain aig a cheart àite sin; thug fear de na h-eich leum-taoibh as, agus chaidh an carbad thairis, ’s thuit a Bhan-Iarla ’sa bana-chompanaich dh’ an uisge. Gu fortanach fhuaireadh an toirt as gun dochann sam bith a dheanamh orra, ach chaidh na h-eich a bhàthadh. Bu phaidhir eireachdail iad de dh’ eich dhonna a thug an t-Iarla dhi o chionn bliadhna no dha mar ghibht.
D. J. DOMHNULLACH,
Tha D. J. Domhnullach. Wentworth Housean drasta a creic Aodaichean Deante, agus tha gach seorsa dheiseachan ri ’m faicinn aige, Brogan Fhirionnach agus Bhoirionnach, Adan ages Curraicean, agus tha e gan reic saor. Seall fhein ’nuair a gheobh thu da Leine air 35c, Deise de ‘sherge’ gorm air $3 .25, Deise bhriagha ‘tweed’ air $5 .00, agus mar sin suas gu $12 .75. ’Si an aon stor a’s fhearr ’sa bhaile air son aodach a cheannach ann.
Tha ’m buntata a reic ann an New York air dolair us cairteal am barailte, agus tha moran dhe nach gabh reic idir ’s thatar ’ga dhortadh dh’ an acarsaid. Tha aon áite ann an New Brunswick, Nashwak, agus tha coig mile barailte aig na tuathanaich anns na seilearan nach fhaigh iad a reic air pris sam bith.
Tha Frangach beairteach de’n ainm Menri an deigh eilean Anticosti a cheannach, agus tha e dol a chur leth-cheud de luchd-àitich air. Tha còrr us da cheud bliadhna bho’n fhuaireadh a mach an t-eilean so, agus cha robhas an dùil gu robh e freagarrach air son àiteach gus a so. Tha feadhainn nach eil a’ creidsinn gu’m bi soribheachadh sam bith leotha-san a tha dol ann an dràsda, ach tha Menri a cur roimhe deuchainn a chur air. Tha Anticosti na eilean mor, agus ma ’s e ’s gu bheil fearann math agus side bhriagha ann, cha’n eil teagamh nach eil e comasach air àireamh mhath slluaigh a bheathachadh.
Tha tuathanaich Mhanitoba ullamh gu tòiseachadh air a churachd, Tha dùil aca cheart uiread fearainn a chur ’sa chuir iad an uiridh, agus bha barrachd fearainn fo bhàrr an uiridh ’sa bh’ ann bliadhna riamh roimhe.
Tha sinn duilich a chluinntinn mu bhás Iain ’Ic Calamain, anGrand River.Chaochail e Di-luain an deigh a bhi tinn a mhàin aon latha. Bha e na dhuine air an robh deagh chliù, agus a bha measail aig na h-uile. Bha e ’na fhear-comhairle d’a sgireachd ann an comhairle siorrachd Richmond riamh o’n chaidh a suidheachadh.
BREITH.
Ann on Sidni, April an 20, bean Sheumais Howard, mac.
POSADH.
Aig Beinn a Mharbail, an 16 mh la dhe’n Mhart, leis an Urr. A. Mac-Ille-mhaoil, Lachuinn I. Mac Fhionghain, Malagawatch, us Eiric Nic Aonghais.
BAIS.
Aig Sidni Forks, air 30mh latha dhe’n Mhàrt, Ceit Nic Culloch, 35 bliadhna dh’ aois.
Ann amBrook Village,air an 13 la de dh’ April, Raonull Mac-a- Mhaighstir (Gobha) 63 bliadhna dh’ aois.
Tha paipear-naigheachd a thainig ugainn an la roimhe ag radh gu bheil a mach ’sa stigh mu fhiach ochd ceud mile punnd Sassunach de òr air fhalach ann am fiaclan sluagh nan eileanan Breatunnach. Tha am paipear ceudna ag radh gu bheil dotair fhiacal a tha deanamh beòlaind chuimseach air a cheaird, gach bliadhna a cur fiach ceud punnd de dh’ òr ann am fiaclan a tha ’m feum an càradh.
Ruig D. J. Domhnullach air son Comhdach Fhirionnach.
[Vol . 4. No. 42. p. 6]
TAIGHEAN BHAN ANN AN INDIA.
(Le Miss Rainy.)
(Air a leantuinn.)
Is minic a bha mo chridhe goirt, agus mi ’g amharc air creutair òg, séamh, a ghabh rium leis gach uile mhodhalachd, le a seudan air fad uirre, a chum onair a chur ormsa, ach le gnùis anns an robh aoibhneas marbh—coslas péin fholaichte, mar gu’m bitheadh i a’ giùlan lot anns nach robh comh-roinn aig neach ’s am bith; eugas màlda, sàraichte, cosmhuil ri aon nach cathachadh an aghaidh an ni ’bha ’n Dàn di, ach nach deanadh gàire gu bràth tuilidh. Bhlais i an t-aon aoibhneas a bhuineas do bhoirionnaich Hindùach. Nam bu mhaireann a balachan, bu leatha féin air fad e—àilleagan a cridhe, a crùn uaille. Gheibheadh e a gaol air fad, agus nan robh e ’lathair gheibheadh ise a ghaol-san, air son a gaoil-se. Oir tha ’n ceangal eadar màthair agus mac ro dhlùth agus tairis; agus ged a dh’ fhàsas e suas, agus a ghluaiseas e do cheann nam fear de ’n tigh, agus a dh’ fhiosraicheas e ’mach, uidh air ’n uidh, gu ’m buin a mhathair do bhuidheann neo-inbheach de ’n t-sluagh, gidheadh a dh’ aindeoin so uile, tha e fo smachd di. Pòsaidh e, ach tha a bhean air cùram a mhàthar, agus bheir a mhàthair an aire gu ’n cum i a bhean-og anns an àite a ’s ìsle. Cosnaidh mac fàbhar a fir da mhnaoi, tha mac ’n a chomharra air deadh-ghean nan diathan—agus feudaidh eadhon bantrach a ceann a thogail an àird anns an t-saoghal am feadh agus a bhitheas a mac beò.
Ach och, dè cho eu-dòchasach is a tha ’m bròn mar a bheirear a mac uaipe! Tha so a’ filleadh ann aonaranachd agus masladh, maille ri faitcheas no uamhann oillteil; oir feudaidh a fear a cur air chùl, mur am bheil mac aice, agus tha e ’sealltainn mar gu ’m bitheadh so uile an Dan di, mar a thugadh a mac aìr falbh. Agus c’ àit’ am bheil am maothran beag a lìon a cridhe le tlachd is le moit? A réir a creud sgreamhail, feudaidh e ’bhi ’tòiseachadh beatha nuaidh le màthair eile, cha ’n ’eil fhios aice c’ àite; theagamh ann an cruth gairisneach air chor-eigin, ach tha i féin agus esan air an dealachadh o chéile gu siorruidh. Dhise cha ’n ’eil taisbeanadh milis de ’n Bhuachaille Mhaith a tha le a ghairdean a’ cuartachadh nan uan; cha ’n ’eil dearbhachd shòlasach aice gu ’m bheil a h-ionmhas air a thasgadh air nèamh; cha ’n ’eil eòlas aice air an dòchas bheannaichte aig am bheil sùil ri ath-aonadh an taobh thall de ’n uaigh: cha ’n aithne di Fear-saoraidh Uile-làthaireach gu cabhair a dheanamh uirre ’n a h-uile thrioblaid.
Ach tha thu ’feòraich, nach ’eil a’ bhan-teachdaire a tha ’thathaich uirre ann an tigh nam Ban ag innseadh di mu na nithean so uile? Tha, agus ged nach deanadh i dad tuilidh ach comhfhurtachd a thoirt dhoibhsan a tha ri bròn, dh’ fheudadh farmad a bhi aig aingean rithe. Ach tha ’leithid a ni ann agus cion creidsinn, trid chraidh spioraid agus trid chruaidh dhaorsa; agus cha ’n ann mar a chluinneas i an toiseach e, a ghabhas màthair a chaill a gineal ris a’ chomhfhurtachd a thairgear di.
Ged a dh’ fhàgas a réir an deas-ghnàthan féin, buntainn ruinne neò-ghlan iad, agus a dh’ fheumas iad iad féin a nigheadh às déigh dhuinne am fàgail, gidheadh tha e miorbhuileach cho furanach, cridheil, agus a bheireas iad air làimh ort. Mar a bheachdaichear air gach ana-cothrom a th’ aca is ann a tha iad anabharrach ionmhuinn. Ghabh aon diubh a leith-sgeul riumsa ag ràdh, “Tha sinn ag ionnsachadh beagan a leughadh, ach cha ’n urrainn duinn fàs ro fhìnealta anns na seòmraichean so.” Bha suidheachadh agus sparraich no fùirneis an t-seòmair gun mhòran snas, ach cha b’ urrainn mi gu ’n a bhi ’moladh cho gnèidheil, ùiseil agus a bha bean an tighe, agus cho fada air dheireadh is a tha sinne anns an uaisleachd nàdurra so. Tha daonnan tiodhlac beag air chor-eigin deas aca air do shon.
Tha gun teagamh cuid de bhoirionnaich nach tig a’ d’ chòir. Chunnaic mi uair no dhà leabhair, no dad air bith a bha thu a’ toirt doibh air a chur air an ùrlar, oir cha ’n fheudadh iad a ghabhail dìreach ás do làimh. Chaidh mi aon uair le ban-léigh a dh’ fhaicinn aoin d’ a ban-eiridinnich uaigneach, bha i air a h-éideadh ann an sari sìoda fìnealta, ach ruith i air falbh gu a chur dhi, agus gu aon cottoin a chur uirre, oir nam beanadh a’ bhan-léigh d’ a sari sìoda dh’fheumadh i a thilgeil ’s a’ chùdainn no ’s an tuban( ’s a’ bhallan) nigheadaireachd. Cha mhòr, anns a’ h-uile tigh bhan anns an do thathaich mi, nach cuala mi leasan air a ràdh, no sgeul air innseadh ás a’ Bhìobull no laoidh air a seinn.
Dh’ fheòraicheadh tric dhiom mu ’n Bhan-righ. An d’ thàinig i uair air bith do ’n bhaile agamsa? Cò ris a bha i cosmhuil? Chuir bliadhna na h-Iubile gun teagamh, cuid de na ceistean so ’n an ceann; agus bha e soilleir gu ’n robh mòr mheas aca air a Bhanrigh. Bha gu tric ceistean air am foighneachd de ’n mhnaoi-uasail a bhitheadh leam mu m’ eachraidh phearsanta féin; agus bh’ agam gu minic ri seasamh air mo shon féin, agus a dhearbhadh gu ’m bi mo chòir, nan toilichinn féin, cuairt a ghabhail feadh an t-saoghail ged nach robh mi pòsda.
Bha iomadh còmhradh taitneach agam ri mnathan purdah mar nach robh a làthair ach aon no dhà dhiubh. Tha cuimhne shònruichte agam air aon bhantrach, boirionnach beairteach, ach air duinn dol a steach d’ a tigh b’ éigin duinn staidheir chorrach a dhìreadh, agus dol troimh sheòmar mòr, falamh, gus fa dheòidh an do ràinig sinn clòsaid far an do shuidh a’ bhantrach agus a bana-mhaighstir-sgoil air an ùrlar, oir thugadh dhomhsa an aon chathair a bha ’stigh. Leughadh i an Tiomnadh Nuadh gu maith, agus bha i a réir coslais ’n a boirionnach cliùiteach, tuigseach. Thachair mi air bantrach eile, agus a réir mo bheachdsa, bha a càradh glè thruagh. Bha mac aice, agus bha i ’n a bana-mhaighstir ’n a tigh féin, oir cha robh a màthair-chéile beò; ach bha a mac a mach fad an latha, agus bha i mar so a’ faireachdainn na h-ùine glè fhadalach. Air domhsa ’chluinntinn gu ’n robh a pàrantan a chòmhnaidh ’s an aon bhaile rithe, dh’fheòraich mi an robh a màthair a’ tighinn a shealltainn uirre uair ’s am bith. “Tha, ach cha ’n fheud i fuireachd fada.” B’ e ’n t-aobhar gu ’m buineadh iad do chaste àraid agus ’se aon d’ an riaghailtean nach feud pàrantan mna pòsda, itheadh no ol na tigh! ’S fheudar gur h-e bannal de màithrichean-cèile a rinn an riaghailt so; ach, ge b’ e air bith mar tha sin, feumar géilleadh do’n reachd so, oir ma bhristear e, caillidh iad caste a’ h-uile aon diubh.
[Vol . 4. No. 42. p. 7]
Tha an Eaglais Shaor a’ saoìthreachadh gu sònruichte am measg nan Hindùach, buidheann a tha ’deanamh suas trì ás a’ h-uile ceithir de shluagh India; ach tha leth-cheud muillion Mohammedanach ann an India, agus tha am mnathan-san air an cumail air leth eadhon na ’s mò na na mnathan Hindùach. Tha ’chuid d’ am mnathan a théid cuairt a mach air an còmhdach na ’s cùramaiche na na boirionnaich Hindùach. Tha iad a’ cur orra faluinn ris an abair iad amboorka—a tha ’g an còmhdach o mhullach an cinn gu bonn an coise, le tuill ann air son nan sùl, ach gun mhuilichinnean idir air. Gidheadh, cha ’n ’eil creud ’s am bith, a tha ’dol na ’s fhaide na Mohammedanachd ann a bhi ’deanamh dìmeis air boirionnaich. Feudar so fhaicinn ’n an cion foghluim, ’n am pòsaidhean òga gun chead na muinntir òig a ghabhail, ann a bhi a’ pòsadh iomadh bean, anns cho soirbh ’s a tha e do ’n fhear an ceangal-pòsaidh a bhristeadh, agus anns an tàir agus anns an ainneart a tha na Mohammedanaich a’ deanamh air boirionnaich.
A thaobh a’ chuid mhòr de na mnathan bochda, a dh’ fheumas a bhi ag obair, tha cothrom aca an anail a tharrainn anns an fhàileadh fhallan, agus cruthachadh maiseach Dhia fhaicinn; ach a dh’ aindeoin so uile tha an crannchur cruaidh. Is iad so luchd-giùlain nan eallach, a bhuineas do ’n ghnè chreutairean a ’s ìsle, aineolach, baoth-chràbhach, a’ caitheadh am beatha ann an eagal agus a’ bàsachadh gun dòchas.
Fhuaireadh an cnap òir bu mho a chunacas riamh, ann an New South Wales ’sa bhliadhna 1872, air an deicheamh latha dhe’n Mhaigh. Thomhais e sia ceud ’s da fhichead punnd, agus chaidh a reic air seachd fichead mile dolair ( $140 ,000). Fhuaireadh e le dithis mhéinneadairean a bha aig a cheart àm a’ tigh’n beò air biadh a fhuair iad air bhaigeireachd.
Thatar a deanamh a mach gu bheil leabhraichean air an cur a mach ann am Breatuinn mar a leanas: —Leabhraichean searmoin, aon ’san latha; leabhraichean sgeòil, coig ’san latha; leabhraichean fòghluim, a dha ’san latha; leabhraichean eallaidh, a dha ’san t-seachdain; leabhraictean eachdraidh, sia ’san t-seachdain; agus leabhraichean lagha, aon gach darna seachdain,
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 42. p. 8]
MAIGHDEAN CHINN LOCH RUIAL.
Air Dhomh bhi la air chuairt am mach
Aig ceann an Loch’, co thachair rium
Ach maighdean og, air tigh’nn do’n tir,
’Thug bliadhn’ de thim an Glasachu.
Gu caoimhneil dh’ fharraid i mu m’ shlàint’,
’S thuirt i gu Gallda, leomach rium,
A bheil mi nise fada o ’nInn ?
Chaidh ’n t-àit socleana eolas orm.
Tha e de dh-astar bhuait, thuirt mi,
Mu thri de mhìltean Sasunnach;
Tha ’n rathad comhnard ’s math d’a reir,
’S cho reidh ri cabhsair Ghlasachu.
Ma bi compareadh ris nastreets
An rathaid lubaich ghrànda sin;
’S e làntrackschairtean agusholes ,
’S cholonesomeri Arabia.
Nach grinn a choill is i fo bhlàth!
Nach binn na h-Eoin tha ’n taice rith’!
’S nach maiseach neoinennan nam blàr
Seach cabhsair clabrach Ghlasachu?
Thagum flowersanns a bhaile mhor
Na ’s fearr na blàth ’san fhearann so;
Chawitheriad rifrostna h-oidhch’,
Isfinegu dearbh an sealladh iad.
Mar thuirt an sean fhacal gu fior,
Chan or gach ni ’tha buidhe-dhearg.
Ge grinn na blàthan ’tha thu ’g radh
Chan fhaigh thu faileadh luibhean dhiu.
’N sin chuir i car mu ’n cuairt gu clis.
Is rinn i beic gu fasanta.
Good -day,thuirt i, I cannot wait,
I must away;tha cabhag orm.
Rinneadh na rannan so le Iain Sinclair, a bha na mhaighstir sgoile an Gleanndaruail.
ORAN
Do’n Onarach Iain Domhnullach ris an abrar “Iain Sandfie d.”
LE MAOILEAS MAC-ILLE-MHAOIL, FINCH, ONTARIO
FONN:— “ ’Nuair thig an samhradh geugach oirnn.”
Togmaid cliu le foirmealachd.
An leòghain mheamnaich mhorghalaich,
Air an staoilear a chluain gheanmhciche;
Se’n darna h-ainm ’s na Domhnullaich,
Am fineadh uasal, ainmheineach,
Fior gharbh bhuilleach, garg, còmhragach,
Cò nis a chuireadh fearg orra?
’Nuair dh’ éireas fearraghleas gleois orra.
Gu ma buan an sgeula sin
’Ga leughadh us ’ga iomrachadh,
Do nàimhdean a bhi géilladh dhuit,
’Stu féin toirt buaidh sgach cùis orra.
Bu mhiann leat còir a stéidheachadh,
’S le eucoireach cha lùbadh tu;
’S gur h-ioma reachd a réitich thu
Tha ’n duigh gu feum na dùthcha so.
Gu ’m b’ òg thu ’n tigh na pàrlamaid,
’S gun sheas thu ’n t-àit gu cliuiteach ann;
Bu dileas dha do chàirdean thu
’Ga ’n dion ’s gach càs gu cùramach.
Ged thiondadh feachd do nàmhaid ort.
’S ged bhiodh a phàirtiadh dùbailte,
Gu’m buinneadh tu buaidh làraich dhiubh,
Dh’aindein àird an ionnsachaidh.
Bu mhùirneach leinn ’s bu sholasach
Do mhòrach a bhi ’g àrdaehadh
’S gun ghainne maoin na storais duit,
Bho ’n ’stu bhiodh deònach pàirteachadh.
’S na faighinn-sa gu ’m òrdagh e
Gun òrduichean fad làithean duit
’S tu thighinn a stigh ’na d’ ghòbharnair
Le deòin us toil na Bàn-righne.
’S fada bho ’ n bu mhainnach leam
An triath àrd chluiteach ainmeachadh,
’S na buaidhean a tha sinte ruit
Gu cur fo chis nan cealgairean.
Gur carraig dhaingeonn chinnteach thu
Nach leigeadh ni le dearmad diot,
’S gu ’n gleidheadh Dia na firinn thu
Do ’n tir so a tha ’n earbsa riut.
’S ioma buaidh tha g’ éiridh
Air an treun-fhear uasal chliùteach so,
Gur ite dhion na sgéithe thu
Nach géilleadh le meath-ionnsuidhean,
Gur lionar cùirt a réitich thu
’Sa chuir thu air ghleus ùrachaidh;
’S gur taitneach leinn an sgeula sin
Thu féin bhi oirnn mar stiùradair.
’S gum beil thu fiallaidh, càirdeil,
Agus bàigheil ’s gum bu dual duit sin.
Tha meas a measg nan Gàidheal ort
Gu bràcha nach dian fuarachadh.
Gur h-ioma bochd a shasaich thu
Do lamh-sa dhianadh fuasgladh orr’;
’S gu cinnteach gheibh thu pàidheadh ann
An la a gharmear suas bhuain thu.
Tha luchd bhriag ri tuarisgeul
’Sa cumail suas ’s na gàiseadan,
Gu’m beil do mheas air fuarachadh
’San tuath a cinntinn gràineach ort.
Ach soillear anns an uair so dhuinn
Nach d’ fhuaireadh riamh a m faillinn thu;
Tha thu ’s gach ceum a’ buaidheachadh
’S tu uachdaran “Ontario.”
’S craobh mhullaich mheurach bhlàthar thu,
Tha toradh gràidh ’na plùranaibh,
Tha ’freumh air bonn nach faillinneach,
Toirt dith fàs us ùralachd;
Ged dh’ éiredh siantan ard-ghaothach
Bho bonn gu bàr cha lub i leis;
Tha Dia ’ga gleidheadh sabhailte
Cha leig le nàmhaid-drughadh oirr’.
’S nan thigeadh stri na euslan ort,
Gu’n éiridh iad gu deònach leat;
Na Gaidheil bidh gu leir agad,
’S gach treubh tha dhe na Domhnullaich.
Ge b’e chuireadh eucair ort,
Na dh’ fhiachadh streup na còmhstri ruit,
’S cinnteach mi gu feumadh e
Bhi ’g iarraidh reite ’s cordadh ruit.
Dh’ éireadh iad gu sundach leat
Cha diùltadh iad an t òrdugh bhuait;
Na Garranaich air thùs agad,
Mar sin ’s na fiùrain Stormontach.
Eiridh iad gun chùntas leat
Gach aon fhuair iùil na eòlas ort,
’S bidh Peutanaich ’sa chùll agad
S na b’urrainn tionndadh comhlath ris.
Chaidh bruitheanaich gu ’n dichioll ruit,
An stri ri spid a dhearbhadh ort.
Tha iad ann am mi-ruin duit
A chionn gach ni tha ’n earbsa riut,
A dh’aindeoin an cuid innleachdan
Cha b’fhirinn bh’aig na cealgairean,
Tha iad a nis fo chis agad
’S iad anns an tir mar allamharaich.
O! cuiribh suas ur n-iaratas
Gu’n dianadh Dia do shabhaladh,
Us t-fhagail moran bhliadhnachan
A’ riaghladh mar a b’ àbhuist duit,
’S ’nuair thig an t-àm dhuit criochnachadh,
Gur ìonad-siorruidh Pàrras duit,
’S gum biodh gach cùis deagh riaraichte,
S do mhac diolladh t-aite dhuinn.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
title | Issue 42 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 42. %p |
parent text | Volume 4 |