[337]

[Vol . 4. No. 43. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 2, 1896. No. 43.


A Priceville.

Tha sinn an deigh an geamhradh fhaotainn seachad ged bha e gle dhuilich dhuinn faotainn troimhe gun a dhol air an togail. Ach a chuid nach dfhalbh dhinn tha sinn air ar faotainn beò, slàn fhathast, agus comasach air tri bidh itheadh gach latha, agus ar n-obair a dheanamh gun moran sàrachcidh a dheanamh oirnn féin. Tha sinn trang gu leòr a nis adeanamh deas air son na curachd. Cha deachaidh moran a chur fhathast. Bha side fuasach blath againn o chionn deich latha. Bha tein’ -athair us tàirneanaich ann air an t-seachdain chaidh seachad. Chaidh sabhal mor a losgadh leis an [ ? ] bha faisg air a bhaile so. Bhuineadh an sabhal do fhear Abraham Hooper. Chaidh an gran uile a losgadh. Bha da fhichead ceann cruidh anns an t-sabhal, ach fhuair e mach iad gun dochann sam bith a bhi air a dheanamh orra. Chaidh na h-innealan-tuathanachais a bhaige losgadh air fad. Bha seachd ceud dolar de dhairgead-urrais air, ach cha dean e bhar leth na calldachd a dheanamh suas.

Chaochail sagart sgireachd Phriceville (an t-Athair Maloney) o chionn mios, aig aois naodh bliadhna fichead. Bha e tighinn dhachaidh as an aifhrinn, ’sa dol seachad air baile Mardalenuair a bhuaileadh tinn e air an rathad. Chaidh e stigh do thigh Mr. Fogarty, thilg e e fhein air leabaidh, agus an ceann uair chaochail e. ’Se dhaobharaich a bhàs cuisle a sgàinna chridhe. Bha ena dhuine trom. Bu duine e aig an robh moran foghluim. Cha dfhuair iad fear eile na aite fhathast.

Bha moran tinneis anns an àite so a gheamhraidh, ach tha e dol air ais a nise seach mar a bha e. Tha mifaicinn gu bheil achoille atighn fo bhlàth cheana. Cha chuimhneach leam a faicinn riamh a mach cho tràth so, an fhicheadamh latha de dhApril. Tha cuid ri fàidheadaireachd gun tig reothadh mor, mar thainig an uiridh, a mhilleas na méasan, ach tha mi an dòchas nach bi annta ach fàidhean bréige.

Tha mi faicinn gu bheilBodachan aGháraidhgu beothail fhathast. Cha robh mi féin a smaoineachadh gum burrainn daine sam bith mo Ghàilig a mholadh, ach tha mi faicinn gu bheil esan an duine còir ag radh gu bheil i gu math agam. Tha iad ag radh gur fheairde brà a breacabh gun a bristeadh. Chan eil e tuilleaah is math duine mholadh glé mhòr, ach gu robh math aig Bodachan a Gharaidh, ’s gu ma fada beò e air son Gàilig a sgrìobhadh. Geallaidh mi dha tuilleadh den eachdraidh a thòisich mi air a sgriobhadh, an ùine gun bhi fada.

Gn sgriobh mi a cheud chuid den litir so than t-side air fàs fuar a rithist, ach tha aimsir gle mhath air son obair ann, aimsir a chòrdas ri duines ri ainmhidh. Slan leibh an drasda.

IAIN MACILLEASBUIG.


Tha mi Cinnteach.

Bha duine glic ann aon uair a thubhairt gur ann latha roimhn bhàs bu chòir do dhuine a shàr fhacal a thoirt. Ach tha, agus bha mòran ann a bheireadh an sàr fhacal latha sam bith. Tha iad làn-chinnteach asda fhéin. Ma their iad gun dean iad ni sam bith, tha iad cinnteach gun dean iad e, agus ma their iad nach dean iad ni sam bith, tha iad cinnteach nach dean iad e. Ma ghabhas sinn beachd air, chi sinn gu soilleir gu bheil na h-uile a tha làn-chinnteach asda fhéin mu thimchioll ni sam bith, ann an cunnart anabarrach gun dean iad na ceart nithean a tha iad làn-chinnteach nach dean iad a chaoidh. Bidh na h-ùile a tha làn-chinnteach asda fhàin, mar is trice, as am faireachadh. An saighdear nacheilna fhaireachadh, thig an nàmhaid air gun fhios da; an sgiobair neacheilna fhaireachadh caillidh echùrsa, agus cuiridh e an long air na creagan; am fear aig am bheil suim airgid air a shiubhal, bheir na meirlich uaithe e mur bi ena fhaireachadh; am fear a bhios adol uair is uair don taigh-òsda, agus a tha cinnteach nach fàs e déidheil air an òl, faodar a bhith cinnteach, ma leanas e roimhe, gun teid e bhar a chas an ùine gun bhith fada; agus iadsan uile a tha cinnteach nach eagal dhaibh ged a rachadh iad uair is uair do chuideachd na h-amaideachd agus abhaoth-shùgraidh, fàsaidh iad amaideach agus baoth an ùine gun bhith fada. Dhfhaodamaid iomadh ni eile ainmeachadh mar dhearbhadh air gu bheil na h-uile a tha làn-chinnteach asda fhein an còmhnuidh as am faireachadh, agus mar sin, an cunnart dol cearr. bu chinntiche as fhéin na Peadar, ach a chionn nach robh ena fhaireachadh, dhàicheidh e a mhaighstir. Gabhamaid beachd air Abraham, air Maois, air Iob, air Daibhidh, air Eliah, agus air iomadh duine math eile, agus chi sinn gun do thuislich iad anns na ceart nithean air son an robh iad ainmeil. Uaith so fòghlumadh gach aon dhinn an leasan so, —gur còir dhuinn ar ceart aire a thoirt nach bi sinn cinnteach asainn fhéin ann an ni sam bith.


Di-luain sa chaidh, leig Sir Mac Coinnich dheth a bhina Phriomhair, agus chaidh Sir Tearlach Tupper a ghairm a stighna àite leis an Ard-Riaghladair. Tha Sir Tearlach a nise cur ghnothuichean an òrdugh, agus adeanamh deiseil air son a chath a tha ri bhi air a chur eadar sos an treas latha fichead de dhInn. ’S e an còigeamh Priomhair a bhair Canada, agus dhiubhsan a bhasan dreuchd roimhe, chan eil nn diugh beò ach Bowell a mhàin.



[338]

[Vol . 4. No. 43. p. 2]

GAIDHEIL GHLINNEGARADH AN ONTARIO.

LEIS AN URR. A. M. SINCLAIR.

Anns a bhliadhna 1773 thanig aireamh mhath de theaghlaichean a Gleannagaradh is Cnoideart do dh-America. Shuidhich iad an Gleann na Mòhac am Mor-roinn Nuadh York. Bha Gaidheil a aiteachan eile anns a ghleann thaitneach sin cho math riuthasan. Bha fearann gu leoir acuile, agus a reir coltais cha bhiodh dith no deireas orra. Bha Sir Uilleam Johnson agus a mhac, Sir Iain, gle mhath dhaibh.

Nuair a bhrist na Geangaich am mach nan ceannaircich an aghaidh Bhreatainn sheas Gaidheil na Mòhac gu dileas le Righ Deorsa. Mu thoiseach na bliadhna 1776 dhfhag da cheud diu an aiteachan-comhnuidh agns thug iad Montreal orra gu dhol san arm Bhreatannach. Thill iad mu mheadhon an t-samhruidhsa bhliadhna 1778 le sgriob chabhagaich, agus thug iad leotha am mnathan san clanns gach aon eile a dhfhag iad nan deidh.

Chaidh da reiseamaid a thogail ann an America gu cogadh air taobh Bhreatainn, reiseamaid Ailein Mhic-Gilleain, agus reiseamaid Shir Iain Johnson. Bha roinn mhath de Ghaidheil, cuideachd, ann an Siubhlachain Iain Bhutleir. Nuair a chriochnaich an cogadh sa bhliadhna 1783, ghabh cuid mhor de na Gaidheil fearann ann an Gleannagaradh. Bha coirneal a faotuinn 5,000 acair, caiptin 3,000, agus saighdear cumanta 200 dha fhein agus 200 am fear da mhic. Cha robh cion fearainn orra, nam baithne dhaibh an tuagh a laimhseachadh cho math ris a ghunna-bhiodaig.

Rugadh Sir Uilleam Johnson ann an Eirinn sa bhliadhna 1715. Thanig e do dh-America sa bhliadhna 1738. Bha e na dhuine comasach agus bha moran de chumhachd aige thairis air na Mohàcaich. Bha e anabarrach feumail do Bhreatann anns a chogadh a bha aca an aghaidh nam Frangach. Fhuair e 200,000 acair bhon chrun airson a shaothrach. Chaochail e sa bhliadhna 1774. Rugadh a mhac, Sir Iain, ’sa bhliadhna 1742. Chaill e a h-uile criomag de chuid fearainn airson seasamh le Breatann an aghaidh nan Geangach. Chaochail e an siorramachd Rouville an Cuibeicsa bhliadhna 1830. Bha moran fearainn aige. Bha e-fein agusathair nan seanailearan. Chuir e muileann a suas ann an Gleannagaradh aig BailUilleim, a dhainmich e airson athar. ’Ses dòcha gum be sin a cheud mhuileann a bha ann an Gleannagaradh. Bha Sir Uilleam, mac Shir Iain, na choirneal anns an arm Bhreatannach. Chaidh a mharbhadh a Waterloo. Tha ogha, Sir Uilleam, a comhnuidh an Twickenham, an Sasunn.

Ghabh na Gaidheil tuineachas an Gleannagaradhsa bhliadhna 1784. Fhuair na Caitlicich sagairt, Mr. Ruari Mac-Dhomhnaill, ’sa bhliadhna 1785. Bu mhac e do dh-Fhear Lic an Gleannagaradhsan t-Seann Duthaich. Ann an September 1786 thanig mu choig ceud de luchd-imrich am mach a Cnoideart agus aiteachan eile. Thog iad fearann an Gleannagaradh. Thanig an sagart a bha aca an Cnoideart, Mr. Alasdair Mac-Dhomhnaill, am mach comhla riutha. Rugadh Mr. Alasdair aig Scotas an Cnoideart sa bhliadhna 1750. Chaochail e sa bhliadhna 1803.

Rugadh Mr. Iain Peutan san Eilein Sgitheanachsa bhliadhna 1751. An deidh dha ionnsachadh fhaotuinn sa bhi air a dheanamh na mhinistir thanig e do Charolina Thuathaich. Bha e na mhinistir-airm aig Gaidheil na tire sin nuair a dheirich iad a suas air taobh Bhreatainn. Ghlac na Ceannaircich e, ach an deidh dha bhi greis na chiomach aca fhuair e saor. Thanig e an sin do Halifax ach thug en t-arm air cho luaths a burrainn e. Bha e na mhinistir ann an reiseamaid Ailein Mhic-Gilleain, —na h-Imaircich Rioghail Ghaidhealach. Nuair a ghairmeadh an t-sith thugadh dha 3,000 acairurrads a bha caiptin a faotuinnann an Gleannagaradh. Bha paigheadh caiptin aige san arm. Bha e na mhinistir am Montreal re bliadhna. Ann an May 1787 dhfhag e Montreal, agus chaidh e a chomhnuidh do Bhail’ -Uilleim. Cha robh ministir dhen eaglais Sheanaireach an Canada Uachdraich ach e-fhein. Bhaist e 2,379 leanabh. Chaochail e sa bhliadhna 1815. Dhfhag e sia mic na dheidh, Aonghus, Tormaid, Iain. Seumas, Alasdair, is Domhnall. Bha dithisd diu nam misteirean san Eaglais Shasunnaich, Iain agus Alasdair.

Bha Mr. Iain Peutan agus an t-Easbuig Dhomhnallach nan cairdean matha. Bha iad le cheile san arm, agus faodaidh e a bhith ged a bha iad nan daoine cho tuigseach s bha iad gun robh iad beagan den bheachd gun gabhadh sgireachdan cumail air doigh mar a chumadh Wellington na reiseamaidean aige fo smachd. Co dhiu bha no nach robh, dheirich beagan de dh-aimhreit a suas ann an sgire a Pheutanaich. Dhaontaich a h-uile duine gun rachadh a chuis-chonnsachaidh fhagail gu breth an Easbuig. Chaidh an t-Easbuig air taobh a mhinistir, agus thug e searman don t-sluagh air a bhith umhail don cinn-iuil a rinn sith nam measgs a rinn feum dhaibh fhads bu bheo iad.

Anns a bhliadhna 1791 chaidh da mhor-roinn a dheanamh de Chanada, Canada Iochdrachs Canada Uachdrach. An ath bhliadhna chaidh Canada Uachdrach a roinn na naoi siorramachdan deug; Gleannagaradh, Stormont , Dundas, Grenville, Leeds, Frontenac, Ontario, Addington, Lennox, Prince Edward, Hastings, Northumberland, Durham, York, Lincoln, Norfolk, Suffolk, Essex,agusKent .Bha coir mhath aig siorramachd Ghlinnegaradh air a h-ainm, oir bha moran den t-sluagh a bha innte bho fhearann Mhic Ic-Alasdair. Dhfhag iad na caoraich thall, ’s thanig iad fein an nall. Bu mhath dhaibh gun danig.

Thanig Alasdair Mac-Dhomhnaill, Fear Achadhuaine, am mach do Ghleannagaradhsa bhliadhna 1792. Thanig beagan de luchd-duthcha maille ris. ’Sa bhliadhna 1794 thanig mu dha-fhichead teaghlach a Gleanneilge do Gleannagaradh. Tha e cinnteach gun robh Leodaich nam measg. Thog iad fearann aig Cnoc-na-h- Eaglais.

Thoisicheadh air togail reiseamaid Ghlinnegaradh an Albainnsa bhliadhna 1794. Be Alasdair Mac-Dhomhnaill, triath Ghlinnegaradh, ’bu choirneal oirre. ’S e Mr. Alasdair Mac-Dhomhnaill, sagairt a mhuinntir Ghlinnegaradh, a bha na mheadhan air a cur air chois, aguss ebu shagairt innte. Bha i deas gu dhol air obair mu mheadhan an t-samhraidh 1795. Goirid an deidh sin chaidh i do Ghuernsey, far an dfhuirich i gu toiseach an t-Samhraidh sa bhliadhna 1798. Chaidh i an sin an null do dh-Eirinn a chur casga air aramach a dheirich a suas san duthaich sin. Rinneadh Mac-Mhic-Alasdair na cheannard air cath-bhuidhinn den arm, nobrigade .Chuireadh fear eile mar choirneal os cionn na reiseamaid.



[339]

[Vol . 4. No. 43. p. 3]

Faodar cuid de na h-oifigich ainmeachadh. Be Domhnall Domhnallach an coirneal, Tearlach Mac-Gilleain an fo-choirneal, agus Alasdair Mac Dhomhnaill am maidsear. Biad na caiptinean Domhnall Mac-Dhomhnaill, Raonall Mac-Dhomhnaill, Seumas Mac-Dhomhnaill, Gilleasbuig Mac-Dhomhnaill, Ruari Mac-Dhomhnaill, Gilleasbuig Mac-Lachlain, agus Uisdein Peutan. Chan fheil iomradh sam bith agam air na daoine so, ach nan robh Iain Bàn a bha sa Bheaver beo burrainn da innse co iad. Chuireadh an reiseamaidh mu sgaoil sa bhliadhna 1802.

Ann an samhradh na bliadhna 1802 sheol tri soithichean, làn de luchd-imrich, bho Ghearasdan Ionarlochaidh, agus thanig iad gu Cuibeic. Am measg an luchd-imrich bha moran de na daoine a bha ann an reiseamaid Ghlinnegaradh. Thugadh fearann saor dhaibh so ann an Gleannagaradhda cheud acair do gach fear. ’S en sagairt-reiseamid aca, Mr. Alasdair Mac-Dhomhnaill, a bha na mheadhan air an fhearann so fhaotuinn daibh, agus air an toirt don duthaich. ’S ann daibh bu choir a bhith na chomain, agus bha iad ann a sin. Ged is ann a Gleannagaradh is Cnoideart a bha a chuid mhor de na daoine a thanig do Ghleannagaradhsa bhliadhna 1802, bha roinn mhath dhiu a Gleanneilge, Ceanntaile, ’s aiteachan eile.

Am measg nan ainmeannan-aiteachan an Gleannagaradh tha Lochiall, Eige, Strathghlais, Uibhist, Baile-Mhic-Mhartainn, agus Braidalbainn. Anns a bhliadhna 1852 bhan aireamh a leanas de na fineachan a thair an ainmeachadh an Gleannagaradh, —Clann Domhnaill, 3,228; Clann-Mhic-Gillemhaoil 545; Clann Dughaill, 541; Clann Mhic-Rath, 456; Clann Leoid, 437; na Granndaich, 415; Clann Chamarain, 399; Clann Ghillios, 359; Clann Mhic-Ualraig, 333; Clann Ghillfhinnein, 322; Clann Duibhne no na Caimbalaich, 304; Clann-an-Toisich, 262; Clann Mhic-Gille-bhrath, 243; Clann Fhionghain, 242; Clann Mhuirich, 195; na Frisealaich, 176; Clann-a- Phi, 157; Clann-an-t- Saoir, 140; Clann Ghillandrais no na Rosaich, 139; na Siosalaich, 133; Clann Ghriogair 114; Clann Mhic Fhearghais, 110; Clann Labhrainn, 102; Clann Choinnich, 99; Clann Mhic Gillemhoire, 99; Clann Mhic Cormaig, 83; Clann Mhic-Mhartainn, 72; Clann Mhic-Aoidh, 70; Clann Lachlainn, 68; agus na Catanaich, 50. Tha dorlach math shluaigh ann an Gleannagaradh de dhfhineachan eile, agus de dhfhineachan ainmeil mar a bha Clann Donnachaidh, agus na Rothaich, ach chan fheil aireamh na tha ann diu agam.

S e Aonghus mac Ailein a theirteadh ri athair an t-sagairt a bhan reiseamaid Ghlinnegaradh. A reir coltaiss ann an Lic an Gleannagaradh a bha e comhnuidh. ’Se a rinn e chriomag orain so:—

Tha gillean ogann an Lic;
Is feaird iad aon phocnam measg.
Dhiàrr nighn Alasdair gun fhios
Lit a thoirt do Chalum as.
Ho, ho rathail ho,
Ho, he rathail ho,
Ho, ho rathail ho,
Companas a cheannaiche.

Tha cuid ag radh gun do rugadh Alasdair, mac Aonghuis Mhic Ailein, lamh ri Loch Nis. Tha cuid eile ag radh gun do rugadh e an Innis lagain an Gleannagaradh. Chuir an Gaidheal suairc nach maireann, Cailein Siosal, duilleachan beag do mionnsaidh anns a bheil e toirt iomraidh air sagairtean Strathghlais. Tha e ag radh anns an duilleachan sin gun do rugadh Alasdair an Achadh-na-h- eaglais, an Strathghiais, agus gur h-e Anna Chamaran a bainm da mhathair. Faodaidh e a bhith gun dfhag Aonghus mac Ailein Lic, agus gun deach e a dhfhuireach do Shrathghlais.

Rugadh Alasdair Mac Dhomhnaill, Alasdair mac Aonghuis Mhic Ailein, sa bhliadhna 1787. Fhuair eionnsachadh ann am Pariss a Valladolid. Rinneadh sagairt dethsa bhliadhna 1787. Bha e na shagairt airm an reiseamaid Ghlinnegaradh fhads a chumadh richeile i. Mar a dhainmich mi cheanas e a bha na mheadhan air a cur air chois agus air fearann saor fhaotuinn do na daoine a bha innte. Thanig Mr. Alasdair do Ghleannagaradhsa bhliadhna 1804. Rinneadh easbuig dheth sa bhliadhna 1826. Bha eaglaisean Caitliceach Chanada Uachdraich gu leir foriaghladh. Bha e na dhuine mor, tlachdmhor. Bha sia troighean, agus ceithir oirlich de dh-airde ann agus bha e garbh doreir sin. Dhfhaodadh Domhnall Mhamaidh failtechur air marfirst field marshal of Upper Canadamar a chuir e failte air an Easbuig Fhriseal air sraid Antigonish marfirst marshal of Nova Scotia.Bha ard-chomasan inntinn aig an Easbuig Dhomhnallaeh agus bha e lan de ghliocas. Bha e na Ghaidheal gu chul, dileas da luchd-duthcha agus dileas do Bhreatann. Thug e sgriob do dh-Albainnsa bhliadhna 1839. Chaochail e an Dun-phris mu thoiseach na bliadhna 1840. Thugadh a chorp don duthaich so an 1861. Tha e an tiodhlacadh aig Baile-an-Righ, no Kingston.

Fhads a bhios grian air na speuraibh.
No gealach ag eirigh san oidhche,
No gaoth a seideadhsna h-àirdibh,
Bidh cliu nan Gaidheal air chuimhne.”


Bha Eireannach uair abruidhinn mu mheudachd America agus ars esan, “Tha iad ag radh riumsa gum faodadh tu Sasunn a chuidhleadh troimh America agus nach deanadh i uiread us làrach fhàgail; tha cuaintean uisge ann anns am faodadh tu seann Eirinn a bhàthadh; agus Alba, dhfhaodadh tu an dùthaich sin a thilgeil ann an cùil de dhAmerica, ’s theagamh nach amaiseadh tu gu bràth tuilleadh oirre mur fairicheadh tu fàileadh an uisge-bheatha.”


SGEUL EIREANNACH. —Cheannaich Eireannach uair sia asail air féill; chaidh e mharcachd fir dhiubh agus shaodaich e càch roimhe. Mun dthainig e bhar muin an asail aig a dhachaidh, thòisich e air na h-ainmhidhean a chùnntas, ach cha robh ri fhaicinn ach a còig. “Feumaidh gun do stad am fear eile air an rathad,” arsa Pàruig. Thill e, agus chaidh e sios us suas, a feòrach de gach duine thachradh ris am face asal fuadain, gus an robh am beothach bochd a bha e marcachd air a shàruchadh cho mers gun do dhiùit e dhol ceum na bfhaide, agus bfheudar do Phàruig tighn dheth. Air dha sin a dheanamh thug en aire dhan asal, agus ars esan, “Nach mi-fhin au dearg amadan! A siubhal na dùthcha ag iarraidh an asail, agus mi fad na h-uinega mharcachd!”


Tha tri fichead duinesa tri de shliochd na Ban-righ beò, seachdnar chloinne, tri deug air fhichead de dhoghaichean, agus a tri air fhichead de dhiar-oghaichean.



[340]

[Vol . 4. No. 43. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, MAIGH 2, 1896.

Chuir Coithional Mhira agus Chatalone a stigh air son ceisteir fhaotainn an t-samhraidh so, gus a bhina fhear-cuideachaidh don Urr. Mr. Calder, ach bfheudar an diùltadh a chionn gu bheil iadsan a shearmonaicheas Gàilig ro ghann. Tha cuideigin a sgriobh á Catalone gu fear de phaipearan a bhaile ag ràdh, agus ag radh le firinn, “Nach eil e iongantach cainnt a rinn na h-uiread de mhath anns an t-saoghal, agus a tha fhathast na meadhon air math a dheanamh, agus a tha daonnan air a sireadh, a bhi air a tur dhearmad anns na colaistean, ’nuair a thatar a cosg moran uine a teagasg chànainean eile air nach cuir na foghlumaichean feum am feasda.” ’Se ar barail féin gu bheil e da-rireadh iongantach agus maslach cùisean a bhi mar sin. Thatar a meas gu bheil suas ri ceithir cheud mile de luchd-Gaìlig ann an Canada, moran dhiubh sin nach tuig cainnt sam bith eile, agus chan aithne dhuinn gu bheil a mach air aon cholaiste anns an duthaich air fad anns am faigh foghlumaichean cothrom air a chainnt sin ionnsachadh air dhoighs guu teid aca air an soisgeul a shearmonachadh innte. Gheibh iad eòlas a chur air Greugais, Laidionn, Eabhra, Fraingeis agus cainnt sam bith eile, mar a chi iad féin iomchuidh, ach a Ghàilig, feumaidh iad deanamh leis na dhionnsaich iad on athairs om màthair, airneo deanamh as a h-aonais gu buileach, agus gu tricse sin a tha iad adeanamh. Chan ainneamh leinn fhaicinn daoin òga aig ann bi deagh Ghailig a dol dhan cholaiste, nach urrainn Gailig a shearmonachadhnuair a thig iad as, aguss aithne dhuinn sgireachdan anns am bheil moran de luchd Gailig nach eil a cluinntin facal searmoinnan cainnt féin eadar da cheann na bliadhna. Bu chòir do gach eaglais aig a bheil luchd-leanmhuinn am measg nan Gàidheal, oidhearp làidir a thoirt air teachdairean gu leòr a bhi aice gus teagasg a thoirt dhaibh nan cainnt fèin, ge bi àitem bheil iad.

Chaidh sluagh na Gearmailt àireamh o chionn ghoirid, agus fhuaireadh gu robh leth-cheud mullleinsa dha anns an Iompaireachd air fad. Tha sin ceithir mile deug a bharrrchd air na thanns an Fhraing. Chan eil an ùine fada bhon bhan Fhraing fad air thoiseach air Breatunns air a Ghearmailt ann air aireamh a sluaigh ach tha i a nis air deireadh orra le chèile, agus e sior dhol nas fhaide air deireadh.

A charaid, ma tha deisaodaich a dhith ort, feuch gun teid thu dhan stòr aig D. J. Domhnullach, ’S en aon àites fhearrsa bhaile air son aodaichean deante.


Is ioma dragh a thig air aois.

Is ioma ceann a théidan currag mun tachair sin.

Is ioma cron a bhios air duine bochd.

Is ioma cron a bhios air leanamh gun mhàthair.

Is ioma deadh ghnìomh a dheanteadh mur be a dholaidh.

Is ioma dòigh a thair a mharbhadh, gun a thachdadh le ìm.

Is ioma fàth a thaig an Earrach air a bhi fuar.

Is ioma fear a chaidh a dholaidh, le deadh chùnradh a cheannach.

Is ioma fear a chaidh don choille air son bata dha dhruim fhéin.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, Ottawa, Ont.


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE



[341]

[Vol . 4. No. 43. p. 5]

NAIDHEACHDAN

Tha Mr. Daibhidh Manson ri bhi ann an Talla na Siorrachd an nochd, acluich air a Phiob, agus a dannsan nan dannsan Gaidhealach. Tha e sàr mhath air an da chuid, agus tha sinn an dòchas gun teid moranga éisdeachd.

Bhan dithis ghillean, Gillios agus Mac Neill, a bhrist a stigh do stòr Lawlor ann an Sidni Tuath o chionn da sheachdain, air an toirt gu cùirt air an t seachdain sa chaidh, agus fhuair gach fear aca da bhliadhna dhen tigh-obrach.

Chaidh gille beag a thachdadh le pios tuirneap ann amMoncton , N. B. ,an la roimhe. Bha a mhàthair arùsgadh tuirneip agus thòisich esan air itheadh chrimeagan dhith; shluig e pios a bha ro mhor, agus chaidh a thachdadh leis.

Chaidh seachdnar dhaoine a mharbhadh le spraidheadh ann am mèinn airgeid am Montana air an t-seachdain sa chaidh, agus chaidh sianar eile a leòn. Bhuineadh fear dhiubhsan a mharbhadh, Domhnull Ros, do Seaview, ann an siorrachd Richmond.

Bha a ghaoth a séideadh on àirden iar a cheud chuid dhen t-seachdain so, agus chuir i fuadach math air an deigh mhòir, a bha Di-sathairnes Di-dòmhnaich a stigh am beul na h-acarsaid. Tha sinn an dochas nach cuir i an còrr dragha air an àite so air an t-samhradh so.

Chaidh fear de na seirbheisich aig Morair Obaraidhean a mharbhadh le urchair gunna an la roimhe. Bha e fein us fear eile asealg ian, agus dhfhalbh an urchair as a ghunna a bha aig an fhear eiles chaidh i ann-san. Chaidh a ghiulain don tigh ach mun drainig iad leis bha e marbh.

Ben de a cheud latha dhen t-samhradh, Latha Bealltuinn, agus be latha cho aognaidh fuarsa thainig o chionn da mhios. Bha sneachd us uisgasileadh agus gaoth tuath a séideadh. Bha an latha mu dheireadh dhen earrach a cheart cho fuar, ach cha robh an sneachda sileadh cho mor.

Bha coinneamh aig aChomunn Chaledòineach oidhche Dior-daoin. Bha àireamh mhath de na buill cruinn ged a bhan oidhche glé stoirmeil. Thug Mr. Manson á Haifax dhaibh dha no tri chuairtean air a phiob mhòir, mar is math a theid aige air a dheanamh. Bi an ath choinneamh aig a chomunn oidhche Dior-daoin, an 25 mh latha de dhIun.

Chaidh sianar dhaoine bhàthadh aig Leeds, baile beag ann an Cuibeic air an t-seachdain sa chaidh. Dhfheuch ochdnar dhaoine ri dhol thairis air an amhuinn ann am bàta. Bha tuil mhor anns an amhuinn aig an àm, agusnuair a bham bata mu mheadhon na h-aimhne, thainig an sruth cho láidir airs gun deach e thairis, agus dhen ochddnar cha dfhuair gu tir ach a dithis. Chaidh càch a bhàthadh agus chaidh an cuirp asguabadh thairis air eas Lisander, a tha mu cheud troigh a dhàirde.

Chaidh tigh a bhuineadh do bhantraich, Sine York, a losgadhsa Bhras dOr Bheag air a cheathramh latha deug dhen mhios a dhfhalbh, agus chaill a bhean bhochd na bhaice ris an t-saoghal. Bha i afuireach còmhla ri càirdean ann an Sidni Tuath fad agheamhraidh, agus bha dùil aice dhol a dhfhuireach dha tigh féin an ùine ghoirid. Chan eil teagamh nach e cuid eigin a chuir teine ris.

Chaidh sabhal le Calum H. Mac Leòid, ann am Margaree a Tuath, a losgadh oidhche Dior-daoin, an treas latha fichead dhen mhios a dhfhalbh. Chaidh seachd cinn chruidh a losgadh. Bha tri eich anns a bhàthaich, ach fhuaireadh an toirt a mach sàbhailte. Chaidh an teine fhadadh le feadhainn a bha mun cuairt air fear de na h-eich a bha tinn toiseach na h-oidhche. Bfhiach na chailleadh ceithir cheud dolair.

Chaidh fear Simon Pettipas agus a mhac a bhàthadh ann an Arichat Di-sathairne sa chaidh. Bha iad a mach ag iasgach; dhfhàg iad an tigh mu mheadhon-latha. Chunnacas iad an deigh sin ag obair air cur air dòigh nan lion, agus acur an aghaidh air tir. Fhuaireadh am bàtase air a bheul fodha feasgar, agus an lar na mhàireach fhuaireadh an cuirp air grunnd na h-acarsaid. Cha robh an gille ach ceithir bliadhndeug a dhaois.

Chaochail Deorsa Munro, aigPine Hillfaisg air baile New York air an treas latha fichead de dhApril. Thuit e marbh air an rathadse dol dha chois far an robh saoir ag obair air an tigh aige. ’Se tinneas a chridhe a thug a bhàs. Bha e tri fichead bliadhnasa deich a dhaois. Bha e anabarrach beairteach, agus thug e moran airgeid, $300 ,000 dolair air fad, do Cholaiste Dalhousie ann a Halifax. Rinn e a bheairteas uile air cur a mach leabhraichean.

Tha an t-Urr. M. A. Mac Coinnich, ministeir Ghrand River, agus a bhean, air a dhol air chuairt do dhAlba. Dhfhàg iad Halifax air an 18mh latha de dhApril. Tha iad gu bhi air falbh tri miosan. Tha an t-Urr. I. F. Forbes, ministeir St. Andrews, ’sa bhaile so, adol a ghabhail sgriob don t-Seann Duthaich mar an ceudna. Bidh e falbh mu thoiseach an ath mhìos. Tha sinn an dòchas gum bi turas math aca, agus gun tig iad air ais ann an deagh shlàinte.


BAIS.

Ann an Catalone, air an 18mh latha de dhApril, Domhnull, mac Dhomhnuill Dhomhnullaich nach maireann, tri bliadhna fichead a dhaois. ’Si chaitheamh a thug a bhàs, agus ben treas duine dhen teaghlach a chaochail leatha o chionn da bhliadhna.

Aig Cladach Framboise, air a choigeamh latha fichead de dhApril, Mor, bean AlasdairIc Leòid, an deigh dhi moran fhulang fad a gheamhraidh. Dhfhàg i fear agus teaghlach morna deigh, acaoidh màthair dhileas agus dhleasdanach.


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC:
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[342]

[Vol . 4. No. 43. p. 6]

TURUS A MHARAICHE.

CAIB VIII.

Man dthàinig feasgar an la ud bhaRudha gun Dochasair fhàgail fad air deireadh, agus maile risCarraig nan Al. An sin dhealraich solus na gealaich mar sholus na greine, agus solus na gréine seachd fillte mar sholus seachd laithean. Bhan t-àileadh blàth agus làn de chùbhraidheachd milis, agusnuair bha obair an latha criochnaichte, thionail na maraichean man cuairt air a chrann mhòr, agas labhair iad air dòighean iongantach an Tighearn. Las an cridheachan an taobh stigh dhaibh. Bha gach sealladh agus fuaim a tabhairt dan ionnsuidh smuaintean freagarrach air a mhaitheas. Labhair a ghaoth man ghaoith ud tha seideadh far an àill leatha; tha sinn a cluinntinn a fuaim ach cha n-eil fios againn co as a tha i teachd no càite bheil i dol. Labhair an Cuan Mòr agus farsuing riutha maille ris na tuinn man fhirinteachd sin tha còmhdach suas uile pheacadh agus aingidheachd an anam. Bha na siùil abrùchdadh a mach fuidh na gaothan air an lionadh le maitheas aig a bheil a throcair annsna neamhan shuas agus a dhilseachd ruigheachd gus na neòil.

Bha a bhreitheànais mar an doimhe mhoir, agus na tobraichean cruth an ti sin is e tobair na beatha; agus na sholus san chunnaic iad solusnuair dhéirch Grian na Fiainteachd le slàintena sgiathaibh. Chuimhnich airsan tha ciùineachadh fuaim na fairge agus garbh-thonnan na mara fuaim na mara agus iorghuill dhaoine. Rinn dol a mach agus teachd a stigh an anamsich gàirdeachas, agus thug iad glòir don Dia sin aig am bheil uachdranachd o thuinn gu tuinn, bhon amhainn gu criochaibh na tàlmhuinn. Chunnaic na maraichean a shlighe anns a chuan agus a cheumannan anns na tuiltean mòra. Bha sailean a sheomar air an leaghadh anns na h-uisgeachaibh, adeanamh nan neulnan carbad dha a suibhal air sgiathaibh na gaoithe. Nuair a dhfheòraich neach, cia as a gheibhear gliocas? Their an doimhne chaneil i annam-sa, agus their a mhuir, chaneil i maille riumsa. Agus nuair bha cuimhnem peacaidhean na laidhe trom orra, sheinn iad gu tric: as Dia ann cosmhuil riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air eusaontas iarmaid oighreachd? Cha ghleidh e a chorruich gu siorruidh a chionn gur toigh leis trocair. Pillidh e a ris, gabhaidh e truas dhinn comhdaichidh e ar n-eusaontais, seadh tilgidh tu an uile lochdan ann an doimhneachd na fairge.


Blar Inbhir-Lochaidh.

Do thluaisdar o chill chuimin tar lairc bhurraid 7 astech gu Glén ruaigh 7 tairis an sbethain 7 tarrla pàrtuidh don namhuid dhoibh àn soin 7 do leansad iad 7 do marbhadh anurmhor 7 an droing do chuaidh as diobh tugadar sgeala don champa 7 do bhi anmach dia sathrain ar techt orrtha an tra rangadar ar comhair anamhad. Do chuaidh an sluaigh mic Cailin ar accoimeid 7 do bhi faraire gac sluaigh dhiobh ag lamhach ar achéile ar fedh na haòiche. Do chuaidh mac cailin fein na luing 7 do fhàgaibh tigerna achuidh na mbrec re haghaidh na hiorghaile, acht a bfhior thòse na maidne do coirgheadh na catha aneagar 7 anòrdughadh Dia dòmhnaigh la féile brìde an cét la dearach ano domini 1645. Do cuireadh amach a harm an ri cuidechta 7Magnus mac Giolla dhuibh i chathain rompa, 7 do cuiredh cuideachta eile na naghaidh as arm mic Cailin 7 Giolla asbuig mac Giolla esbuig òig tigerna na mbingingedh tug an da Phàrtuidh troid da cheile nior fada gur brisdedh ar an partuigh sin airm mic cailin gur cuired na corp fein go haimdheònach iad do chuaidh corp anairm trid a cheile dhe sin tugadh anaduansa orrtha 7 do brisedh uile. Do marbhadh ùrmhor an tsluaigh 7 do bàthadh iliomad diobh ar bhun neimheis, do marbhadh tigerna achaidh na mbrec 7 tigherna chàraduil 7 Provisd Chilimuna do ghabhad tigerna Bharrbhric, tigerna òg Charadail, mac Iomhair na Pinginge mòire, do gabhadh an chuid nar marbhadh do chinedh mic Cailin uile an la sin.” —Reliquiae Celticae.

Tha an cunntas so mu dheibhinn Blar Inbhir Lochaidh, air a thoirt oLeabhar Dearg Chlann Raonuill,” a bha air a chlo-bhualadh o chionn ghoirid anns an dara leabhar deReliquiae Celticae. ”Gheibh ar luchd-leughaidh an so sealladh air an dòigh air an robh aGháilig air a sgriobhadh leis na Gàidheil da cheud gu leth bliadhna roimhe so.


Ardsan t-Saoghal.

Tham báta-smuide as àirde thair an t-saoghal ri fhaicinn ann an ceann a deas America. Ann am Peru tha loch ris an canar Titicaca a tha sia fichead us deich mile (130,000) troigh os cionn na fairge, agus air an loch sin tha bàta-smùide a ghiulanas luchd coig ceud gu leth tunna. Chaidh am bàta sin a thogail ann an Dumbarton, an Albainn, a thoirt a mach gu Port Mollendo, air cladach America Deas, agus á sin a ghiùlan na phiosan suas na beanntan Andes dhionnsuidh an locha, astar thri ceud us coig mile fichead, agus an sin chuireadhna chéile a rithist e. Bha e na obair mhor agus dhoirbh so uile dheanamh. ’Se Albannach den ainm Iain Wilson a bhair ceann a ghnothuich bho thoiseach gu deireadh.


On bhliadhna 843 gus a bhlìadhna 1107 bha aGhaìlig air a labhairt feadh na h-Alba air fad. Bha i air a labhairt leis na Righrean agus leis an luchd àiteachaidh gu leir. Bha innleachd, agus ealain, agus litreachas na Gàidhlig air an cumail suas re an ama sin. Achnuair a thàinig an ciad Alasdair gu caithir-rioghal na h-Alba anns a bhliadhna 1107, thòisich e air cur dimeas air cainnt a shinnsear, ach ged a thoisich cha bi a Bheurla bu mhath leis a churna h-aite, oir bi cainnt nan Normanach (seorsa Fraingeis) a bu toigh leis, agus bàbhuist da a radh gum bi an t-aon chànain uasal a bha anns an t-saoghal.

Bha cuideachd bheagnan suidhe mun ghealbhan, ann an seòmar taigh-òsda, aon oidhche, agus dhéirich deasbaireachd eadar dithis dhiubh mu dheidhinn cùis na h-Eaglaise. Mu dheireadh dhfhas achonspaid cho fuaimneachs gun do dhùisg iad mòr a bhana chadal air beulthaobh an teine. Thosich an ra donnalaich uamhasach a dheanamh. Air so dheiriich seann duine agus bhreab e an , ag ràdh aig an àm cheudna, “Bi samhach a bheist! chaneil thu atuigsinn na cùise dad nis fearr na tha iad fein.

Tha iad adeanamh a mach gu bheil muillein de dhaoine dall air an t-saoghalno aon as gach ceithir cheud deug dhen t-sluagh.

Ruig D. J. Domhnullach air Comhdach Fhirionnach.



[343]

[Vol . 4. No. 43. p. 7]

A Cobh nan Eirionnach.

A DHEAGH CHARAID,— ’S fhada on a bha dùil agam sgriobhadh ugad, ach bha gne de dheagal orm nach deanainn an gnothach cho maths bu mhath leam. Ach, mar a tha air a radh, ’s miosa an t-eagal nan cogadh. Tha mi faighinn do phaipeir gasda a chionn treis a dhùine, agus bidh fadachd orm gun tig ceann na seachdain, nuair a bhios dùil agam ri naigheachdan inntinneach, toilichte as a chainain rioghail a chleachd air sinnsir ann an tir nam beanns nan gleanntan.

Chan eil moran naigheachdan agam ri innse dhuit an dràst. Tha biadh spreidhe gu math gann am bliadhna sa cearna sa dhen Eilean, agus than t-earrach gu math fadalach.

Thachair ni nach tachair na h-uile bliadhna faisg air an àite so a chionn ghoirid. Rugadh nighean òg dan ghobha Mac Neill, ’sna cùil, air a 29mh latha de Februaraidh, aig nach bidh latha-breith, gus am bi i ochd bliadhna dhaois.

Saoilidh duine aineolach air reir ainm an àite seo, nach eil ann ach Paddies uile gu lèir, ach chan ann mar sin a tha idir; ’se an thanns luchd-aiteachaidh smior nan Gàidheal, a dhlùth sa dhuachdar.

Bha duine dubh, dham bainm Marshall, ann a seo a chionn goirid, a bha leigeil air a bhi na dheadh dhannsair, agus dhfhaodadh e sin, ach tha sean Ghàidheals an àite seo, dhen ainm Fionnlaidh Domhnulllach, a chuireadh da char dheug dheth fhéin man cuireadh esan aon char.

On is i so achiad ionnsuidh a thug mi air sgriobhadh ugaibh, ’s fhearr dhomh sguir ma fàs mo litir ro fhada, ach on nach robh i math bha mi air son deagh thomhas a thoirt dhuibh. ’S mise do charaid, an la chis nach fhaic,

ALAIDIR CARRACH.


Anns abhliadhna 1695 thug an treas Uilleam Righ Shassuin òrdugh airson màil Easbuigeachd Earraghaidheal agus nan Eileanan a bhi air a thional leis na saighdearan aige, a chums gum bitheadh an t-airgiod aige airson Sgoilean Beurla a thogail, òir chuir e roimhe aGhàidhlig a chur as gu buileach, glan. Is fada on uair ud ach tha aGhailig beò fathast, agus is e dùrachd gach fior Ghaidheil nach faigh i bàs gu bràth. Bann ri linn an Righ so thugadh an t-òrdugh air son Mort Ghlinn Còmhainn.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha thanar beachd.


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[344]

[Vol . 4. No. 43. p. 8]

BOINEIDEAN CORRAOH

DHUINDIAIGH.

AIR FONNThe Bonnets of Bonnie Dundee. ”

Ri sàir Cuigsen Dunéidiunn
Thuirt Cléibhersmar so
Mun dthig crùn an Righnuas
S ioma cnuachd a bhios goirt,
Gach lasccaire treun
Leis an éibhneas glonn-ghniomh
Nis togadh air, ’s leanadh e
Boineid Dhuindiaigh!

FONNLionar mo chopan
Dearr-lionar mo chuach,
Us diolaidear meaehraidh,
A mach biodh mo shluagh;
Ghrad fhosglar an i-Iar-phort,
Us leigoar dhomh triall,—
Tha togail fo bhoineidibh
Corrach Dhùindiagh.

Leum Cléibhersaireach
Agus mharcaich tren t-sràid
Sheinn na cluig air an ais,
Bhuail gach druma le stàirnn;
Arsam Prothaiste còir,
Leigear fòil leis a shrian,
Oirs maith as ar comunn
An Rosad, Dundiagh.”
Lionar mo chopan, &c .

Mar mharcaich le sùrd
Tre na Lùbaith, ’n a still,
Bha gach cailleach atathunn,
S acrathadh a cinn;
S na h-ògana gràsmhor
G amharc blath air an t-sonn,
S aguidhebuaidh-larach,’
Do dhArmunn nan glonn.’

Lion Cuigsiche searbh-ghnùiseach
Margadh-an-fheòir;
Mar dhaoine rin crochadh
Be coltas a phòir,
N uairbha iad acoimhead,
Le goigh, ’us le fiamh,
Am faiceadh iad seolladh
De bhoineid Dhùindiaigh.

Bairm sleagh, ’us bior-feòla
Do na ceosaich on Iar,
Agus corc air bharr bata,
A chasgradh nan cliar;
Ach theich as an rathad,
Le h-athadh fo dhion,
Aig faotainn doibh plathadh
De mhaithibh Dhùindiaigh.

Spuireach gu cois craige sin,
Caisteil nan stuadh,
Thuirt grad ris a Cheann
Coileach sar an Taoibh-tuadh
CanadhMeig,’ ’sa co-bhrathrean,
Diog bhlath’ -coig no sea
A labhras teas graidh
Bhoineid aird-ghuirm Dhuindiaigh.”

Diuc Gordonsin dhiarr,
Cean is triall dhuit a Sheoid?’
An ceum sin a dhfhoilslicheas
Taibhse Mhointrois!
Us cluinnidh bhur Grasan,
Gun dail ormsa sgial;
Nos iosals an arfhaich
Boineid ard-ghorm Dhuindiaigh

Ma tha Moirfhearan pailt,
Ann am magh-thir man Gall.
Gur lionmhor Cinn-chinnidh,
N tir ghlinnich nam beann,
S naoi mile Duinuasal,
Dheireas suas leam gun fhiamh
Us iolach a thogas
Air bhoineid Dhuindiaigh.

Air an sgeithidh tha pràis
Seiche làn chairten tairbh
S an truailletha lamh ri
Tha staillinn gun mherig;
Agus dearsaidh aphràis.
Drillidhn staillinn marghrian
N uairthogar le h-ardan.
Boineid ard-ghorm Dhuindiaigh.

Air falbh thun nan coilltibh,
Nan creag, ’us nam beann;
Ni mo leabas an t-Saobhaidh,
Mun taobh le righ feall.
Gabhaidh oillt, a chealg-chuigsich,
S gearr-mhairiann bhur rian,
Dh fheobh fathast garbh-shealladh
De bhoineid Dhuindiaigh.”

Chrath e rithe nan euchd,
Agus sheid an stoc cruaidh,
Choire-dhruma bhuail bras,
Am marc-shluadhghrad ghluais;
Seach Stiuic Bhaile-raobhaill,
Agus Raon Bhaile-cliar
Gunchailleadh, ’san astar,
Ceol tartrach Dhuindiaigh.


Lachuinn Mac Mhuirich.

Gu fear-deasachaidh Mhic-Talla.

Ceadaich dhomh beagan fhacal a radh mun bhàrd, Lachuinn Mac Mhuirich, a thagabhail còmhnaidh an so. ’Se mo bharail gur math is airidh e air facal molaidh.

Chan eil fios agamsa a bheil no nach eil am bàrd so de shliochd Chlann Mhuirich, a bha leanmhuinn teaghlaich Mhic- ’ic-Ailein, ach ged a bhitheadh agus Mac- ’ic-Ailein fhein agus am bàrd urramach sin Niall Mac Mhuirich, a bhi fhathasd a làthair, tha mi cinnteach nach gabhadh iad tàmailt á bàrdachd Lachuinn. ’S iomadh òran blasda ceòlmhor a rinn e, agus a tha e deanamh. Air eagal gu faod a shaothair a dhol air chall, mar a chaidh roinn de shaothair abhaird a dhainmich mi, ’sann a tha e am bheachd pàirt de na h-orain aige fhaighinn air a clodh-bhualadh, aguss ann nach biodh e mi-iomachaidh leabhar a dheanamh orra. Tha dochas agam gu cuidich am bàrd fhein mi gu sin a dheanamh.

Tha am bàrd gle dheigheil air a bhi an comunn nan caileag aguss tric leis duanag a dheanamh a moladh na te air an gabh e gaol. Tha spéis mhor aige, ’n drasda, do thé nach leig mi leas ainmeachadh. Air dhaibh a bhi comhladh ann an tàigh coimhearsnach an latha roimhe, thanig balach dhan do nochd ise barrachd caoimhneassa chòrd ris a bhàrd. Am feadhsa bha esan ga leòn air taobh eile na cagailt thaisbean e aspéis dhise leis a cheathramh òrain a leanas a sgriobhadhsa thoirt dhi. Tha e sealltuinn gu bheil spiorad na bàrdachd daonnan ga thàladh.

Mo cheist a bhan-scolair bhòidheach,
Aig am biodh an còmhradh caomh.
Beul as binnce on dig oran,
Be mo dheòin a bhi ri taobh.”


Innsidh mi dhuit tuilleadh mun bhàrd fhathasd. Slàn leat an dràsda.

CARAID A BHAIRD.
Loch Gillios, C. B.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.

titleIssue 43
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 43. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page