[345]

[Vol . 4. No. 44. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 9, 1896. No. 44.


Crunadh Sar Ruisia.

Tha Sàr no Iompaire Ruisia ri bhi air a chrùnadh air an t-siathamh latha fichead dhen mhios so. Than crùnadh ri bhi air a dheanamh ann am baile-mor Mhoscow, seann cheanna-bhaile na dùthcha. Air an ochdamh latha deug, giulanaidh sreang riomhach de charbadan-iaruinn an Sàr agus a bhean o St. Petersburg gu Moscow. Tha ceithir cheud mile de dhastar eadar an da bhaile, agus bidh sreath de shaighdearan air gach taobh dhethn rathad fhadsa bhios na carbadan len luchd rioghail adol thairis air. Than rathad-iaruinn air fhastadh aig an Riaghladh (agussen Sàr an Riaghladh ann an Ruisia) fad mios, eadar an t-seachdamh latha fichead de dhAprilsan t-seachdamh latha fichead dhen Mhàigh. Tha chuideachd leis an leis an rathadh ag ràdh nach eil de charbadan aca na ghiùlanadh an fhicheadamh cuid den t-sluagh a bhiodh ag iarraidh gu Moscow aig àm a chrùnaidh, agus mar sin cha toir iad oidhearp sam bith air an sluagh cumanta ghiulan ach mar a fhreagras dhan teaghlach rioghail. Chan eil teagamh nach eil sin a cheart cho math, oir duine sam bith aig nach eil àite-còmhnuidh air fhastadh ann am Moscow, ’s co moth dha fuireach as, oir chan fhaighear tigh no rùm anns abhaile sin nach eil air a ghabhail cheana.

Theid an Sàrsa bhean a stigh do Mhoscow le greadhnachas agus riomhadh mòr air an aonamh latha fichead. ’Se so an sealladh as mo a gheibh an sluagh air dad a bhios timchioll a chrùnaidh, agus bi ena shealladh eireachdail. Tha an Sàr fhéinsa luchd-riaghlaidh an deigh muillein dolair a chosg ag ullachadh air a shon, agus a bharrachd air a sin bidh cosgais mhòr air a dheanamh le pearsachan rioghail agus an luchd-ionaid á dùthchannan eile. Tha iad a deanamh a mach gur fhiach na theid de charbadan, de dheiseachan, ’s de sheudan luachmhor, sios sràidean Mhoscow an la ud fichead muillein dolair. Bidh Li Hung Chang ann, agus e sgeadaichte ann an éideadh-crùnaidh Iompaire Shina, éideadh nach robh riamh roimhe a mach á Sina fhéin. Bidh àireamh de phrionnsachans de righrean beaga á Asia, iochdrain an t-Sàir fhéin, ann, agus ged a than saoghal cha mhor uile aineolach air an leithidin a bhi idir ann, bidh iad air an éideadh ann an cullaidhean nas riomhaiches nas cosgaile na moran de righrean na Roinn-Eòrpa. Chan eil uinneag no dorus no mullach taighe dhem faighear sealladh air a mhor-chuideachd nach eil air fhastadh aig luchd-amhairc, agus sin air màl cho ards nach eil feum a bhiga ainmeachadh, oir cha chreidear e.

Bidh an crunadh air a dheanamh ann an Eaglais a tha anns a Khremlin, seòrsa de dhaighneachd anns am bheil eaglaisean, gearasdanan, agus lùchairtean. Bidh a chathair rioghail air a cur am meadhon na h-eaglais, seachd troighean on ùrlar, agus mu dhusan ceum adireadh ga h-ionnsuidh. Bidh buill an teaghlaich rioghail nan seasamh timchioll. Tha aig an t-Sàr ri e-fhéin achrùnadh. Gabhaidh e an coran maiseach á làimh an easbuig agus cuiridh e air a cheann fhéin e. Tha an crùn rioghail air a roinn na dha earainn, a samhlachadhna h-àirde nears na h-àirde niar de Iompaireachd, air an tàthadh ri chéile le ruby ro-luachmhor, ris am bheil coig daoimeanan air an ceangal ann an cumadh crois. ’S fhiach e muillein dolair. Than t-Slat rioghail mar an ceudna gle luachmhor, oir tha aon de na daoimeanan as mo agus as priseiles an Roinn-Eorpa innte.

An deigh achrùnaidh bidh Moscow air a shoillseachadh fad thri oidhche. Than soillseachadh so ri bhi air a dheanamh ann an tomhas mor leelectricity ,a cheud uair a chaidh a chleachdadh riamh aig crùnadh Ruiseanach. Tha so adol a chosg còrr us muillein dolair don Riaghladh, agus a bharrachd air a sin, bidh moran cosgais air a dheanamh leis a bhailes le sluagh abhaile asoillseachadh an cuid thaighean mar urram don Iompaire. Cha bhi nas lugha na còig cheud mile solus anns a Khremlin leis fhein.

An deigh sin bidh bàl rioghail ann, aig am bheil an Sar, mas fhior, gu bhicur eòlais air gach aon de iochdarain a thogras tighn far am bi e. Bidh aon leth-dusan bàl us cuirm ann an deigh sin, agus air an t-seachdamh no air an ochdamh latha dhen Ogmhios, fàgaidh a chàraid rioghail am baile, agus tillidh iad gu St. Petersburg. Thatar a meas nach bi a chuid sin den cosgais a phaighear a mach as an Ionmhas Rioghail, ’nuair a bhios gach ni seachad, nas lugha na muillein air fhichead dolair.


DHEANADH IAD IOMLAID. —Bha Gaidheal àraidh air bord abhata-smuid atighinn o Abaireadhan gu Lunnain, agus thachair e air Gall seòlta, geur, air an robh e eòlach. Thuirt an Gaidheal ris, “Failte ort a charaid! carson a tha thusa dol do bhaile mor nan Sasunnach? Am bheil inbhe mhath afeitheamh ort an sud?” “Thaars an Gall, “tha midol an sud a chums gum bi mi ann an compàirt le duine aig am beil bùth mhòr.” “Ma ta,” ars an Gàidheal, “feumaidh e bhi gum beil mòran airgid agad.” “Chan eil,” thuirt am fear eile, “Tha pailteas airgid aig an t-Sasunnach a bhitheas na fhear-pàirt agam, ach chan eil agamsa an dràsda ach eòlas math air gach dòigh agus car malairt; co dhiubh fanaidh mi còmhla ris fad choig bliadhna.” “Ciod a thachras an deigh sin?” ars an Gàidheal. “Tachraidh,” fhreagair an Gall, “gum bi an t-eòlas aige-san agus gum bi an t-airgiod agamsa.”



[346]

[Vol . 4. No. 44. p. 2]

CLANN MHUIRICH.

LEIS AN URR. A. M. SINCLAIR.

A reir na h-eachdraidhe a tha Clann-Mhuirich a toirt umpa fein bha Gillecatan Mor na thriath ann an Albainnsa bhliadhna 1075. ’S ann bhuaithe a thanig Clann-Chatain, agus mar so be an triath aig a chinneadh sin. Bha mac aige dom bainm Diarmad, bha mac aig Diarmad dom bainm Gillecatan, agus bha da mhac aig Gillecatan, Diarmad agus Muireach. Fhuair Diarmad bas gun sliochd is thanig a bhrathair a staigh na aite. Be Muireach mar so an coigeamh ceannard aig Clann-Chatain. Bha e na shagairt an Cinn-Ghiubhsaich, agus theirteadh on Laidinn am pearsan ris mar a their cuid an diugh on Bheurla am parsan. Goirid an deidh dha tighinn gu bhi na cheannard air Cloinn-Chatain leig e dheth a bhi gniomhachadh mar shagairt, agus phos e. Bha coig mic aige, Gillecatan, Eoghann Bàn, Niall Crom, Fearchair Riabhach, agus Daibhidh Dubh. Thanig na Gobhaich bho Niall Crom, Clann-Mhic-Gillebhrath bho Fhearchair Riabhach, agus Clann-Daibhidh bho Dhaibhidh Dubh. Bha Fearchair Riabhach a fuireach ann am braighe glinne air chor-eiginn, agus mar sin theirteadh Gille Bhraighe ris. Tha fios agam gu bheil duin’ -uasal measail ann an Liosmor, am Picto, nach creid gun danig Clann-Mhic-Gillebhràth bho Fhearchair Riabhach. Thanig esan codhiu bho Anndra Mor nam madadh-alluidh agus thanig Anndra Mor, no aithrichean, a Muile. Cumadh ena chuimhne nach h- ’eil misag radh gun danig na Brathaich bho Fhearchair Riabhach; ’s e seanachaidhean Chloinn-Mhuirich a tha ga radh. Cho fads is fiosrach dhomhsa thanig iad bho dhuine dom bainm baistidh Gillebhràth.

Be Gillecatan, mac Mhuirich, an siathamh ceannard a bhair Cloinn-Chatain. Bha mac aige ris an abairteadh Dughall Dall. Be Dughall Dall an seachdamh clannard aig Cloinn-Chatain. Bha nighean aige dom bainm Eubha. Phos Aonghus Mac-an-Toisich, ceann-cinnidh Chloinn-an-Toisich, an nighean so agus fhuair e fearann a h-athar leatha. Tha Clann-an-Toisich ag radh gun dfhuair e, chan e a mháin an nighean agus am fearann, ach gun dfhuair e cuideachd a bhith na cheannard no na caiptin air Cloinn-Chatain. Tha Clann-Mhuirich ag radh nach h- ’eil facal firinn a sin; nach dfhuair e a leithid. Baithne dhomh duine tapaidh a chaidh a dheanamh reite eadar fear agus bean a bham badaibh a cheile, ach cha dfhuair e ach droch thaing. Thionndaidh iad le cheile air, agus bfheudar dhachasan thoirt as. Mar sin tha e cho ghlic dhomhsa a chuis chonnsachaidh a tha eadar Clann-an-Toisich agus Clann-Mhuirich a sheachnadh.

A reir na h-eachdraidhe a tha Clann-an-Toisich a toirt duinn mun deidhinn fein thanig iad bho Dhonnachadh, triath Clann-Duibh. Be Sèath, mac Dhonnachaidh so a cheud fhear diu. Theirteadh Sèath Mac-an-Tòisich ris. Bha mac aige dom bainm Seath, bha mac aig Séath dom bainm Fearchair, bha mac aig Fearchair dom bainm Sèath, bha mac aig Sèath dom bainm Fearchair, is bha mac aig Fearchair dom bainm Aonghus. Be Aonghus mar sin an siathamh cean-cinnidh aig Cloinn-an-Toisich. Phos e Eubha, nighean Dhughaill Dhaill, agus fhuair e fearann a h-athar leatha. A reir barail cuid de luchd-eachdraidh thanig Clann-an-Toisich bho Gillecatan Mor. Faodaidh iad so a bhith cearr, ach tha mi gu laidir dhen bheachd gu bheil iad ceart. Chan e Toiseach a bha ann an triath Chloinn Duibh, ach Morair. Tha e duilich, uime sin, a thuigsinn carson a theirteadh mac an tòisich ra mhac. Ach biodh a h-uile duine den bheachd a fhreagaireas dha fein.

Tha Clann-Mhuirich gan ainmeachadh fein air Muireach. Feumaidh sinn mar sin Muireach a ghabhail mar a cheud cheann-cinnidh aca. Ged a thanig na Domhnallaich bho Shomairle Mor mac Ghillebride, chan urrainn sinn a radh gun robh Somhairle na cheann-cinnidh air Clann-Domhnaill. Cha robh a leithid de chinneadh is Clann-Domhnaill ann ri latha Shomhairle. Bha mac aig Muireach ris an abairteadh Eoghann Bàn, agus bhon is ann bhuaithe a thanig Clann-Mhuirich faodaidh sinn a ghabhail mar an darna ceann-cinnidh aca.

2. Bha tri mic aig Eoghann Bàn, Coinneach, Iain, agus Gilliosa. Bhuapa so thanig Sliochd Choinnich, Sliochd Iain, agus Sliochd Ghilliosa.

3. Be Coinneach, mac Eoghainn Bhàin, an treas ceann-cinnidh. A reir Chloinn-Mhuirich, be Coinneach an t-ochdamh ceannard a bhair Cloinn-Chatain. A reir Chloinn-an-Toisich be Aongus, an ceann-cinnidh acasan, an t-ochdamh ceannard. Bha tri mic aig Coinneach, Donnachadh, Lachainn, agus Domhnall.

4. Bha da mhac aig Donnachadh, Domhnall Mor agus Beathan.

5. Bha da mhac aig Domhnall Mor, Domhnall Dall agus Calum Beag.

6. Bha naoi mic aig Domhnall Dall, Domhnall Og, Tomas, Eoghann, Calum, Donnachadh, Beathan Alasdair, Iain, agus Uilleam Og.

7. Bha ceithir mic aig Domhnall Og, Eoghann, Seumas, Pàl, is Uilleam.

8 Bha tri mic aig Eoghann, Anndra, Uilleam, agus Iain, Bha Iain a fuireach ann an Noid.

9. Tha sinn an nis a tighinn gu eachdraidh chinntich. Bha Cluainidh aig Anndra, mac Eoghainn, air mhàl bho Mharcus Hunndaidhsa bhliadhna 1591. Tha e air ainmeachadh an 1603 agus a rithisd an 1648. Bha aon mhac aige, Eoghann. Dheirich Eoghann le Montros agus lean e ris gu dileas. Phos e nighean do Dhonnchadh Foirbheis an Cuilfhodair, agus bha da mhac aige, Anndra agus Donnachadh. Dheug e roimhathair. Thanig am bàs airathair mun bhliadhna 1660.

10. Chaochail Anndra, mac Eoghainn mhic Anndra, gun sliochd mun bhliadhna 1671. Thanig Donnachadh a bhrathair a staigh na aite.

11. Bha Donnachadh pòsda, ach cha robh mac aige. Bha aon nighean aige. Bha i posda ri Gilleasbuig Caimbal. Dhfheuch e anns a bhliadhna 1689 ris an oighreachd a thoirt don Chaimbalach. Agus a bharrachd air a sin dhfheuch e ris a Chaimbalach a dheanamh na cheannard air Cloinn-Mhuirich. ’S math an gnothach nach robh mic aige. Nam biodh iad cho neo-dhileas dan cinneadhsa a bha e fein, cha choisneadh iad moran cliu. Faodaidh e a bhith gun robh Gilleasbuig Caimbal na dhuine gasda, agus gum freagradh e gu math mar cheannard air sliochd Dhiarmaid an tuirc, ach cha fhreagradh e mar cheannard air daoine nach robh defhuil. Airson ceann-cinnidh a dheanamh dheth bu ni sin nach



[347]

[Vol . 4. No. 44. p. 3]

gabhadh deanamh. Tha fios gum faod an lagh ainm duinatharrachadh, mar a rinn e Amor De Cosmos de dhAlasdair Gobha, ach chan urrainn e fuil duinatharrachadh. Mun dthubhairt an sean fhacal, Cha deanar seabhag den chlamhan.

12. Be Iain Mac-Mhuirich, a bha commhuidh ann an Noid, treas mac Eoghainn Chluainidh. Bha ceithir mic aige, Domhnall, Uilleam, Anndra, agus Murchadh. Bha tri mic aig Domhnall, Uilleam, Seumas, agus Iain. Phos Uilleam Iseabal, nighean Lachainn Mhic-an-Toisich an Ceann-an rath-reidh, agus bha ceithir mic aige, Lachainn, Seumas, Anndra, agus Uilleam. An deidh bas Dhonnachaidh thanig Lachainn a staigh na cheann-cinnidh air Cloinn-Mhuirich. Phos e Sine, nighean do Shir Eoghann Lochiall, agus bha seachd mic aige, Eoghann, Iain, Seumas, Ailein, Lachainn, Anndra, is Domhnall.

13. Rugadh Eoghann Chluainidhsa bhliadhna 1706. Phos e, an 1742, Seonaid Fhriseal, nighean Mhic-Shinri. Bha e na oifigeachsan arm Bhreatannach, ach dheirich e le PrionnsTearlach. An deidh latha doruinnehch Chuilfhodair bha a bheatha ann an cunnart mor. Bha e ga fhalach fein mu naoi bliadhna. Chaith e a chuid mhoir den uine so ann an uamha faisg air a shean aite-comhnuidh. Bha 5,000 dollar an tairgse do dhuine sam bith a ghlacadh e. Bha corr is ceud duine ann am Baideanach aig an robh fios gu math far an robh e ga fhalach fein, ach cha robh duine nam measg a bha cho suarachs gum brathadh e e. Cha robh tlachd aig na Gaidheil riamh ann an airgiod-fala. Chaochail Eoghann san Fhranig an 1755. Bha aon mhac aige, Donnachadh.

14. Rugadh Donnachadh Chluainidh ann an àth sa bhliadhna 1750. Cha robh aite-comhnuidh eile aig a mhathair, oir loisg an duin’ -uasal sin, Diuc Uilleam, an taigh aice. Is cha be a cheud duin’ -uasal a chuir taigh ri theine. Bha iad a cur air Néro gun do chuir e teine ris an Roimh, ’s gun robh e cluich air an fhiodhuill nuair a bham baile a losgadh. Phos Donnachadh Catriona nighean Eoghainn an Fhasaidh-Fhearna, agus bha ceithir mic aige, Eoghann, Eoghann Camaran, Gilleasbig, agus Iain. Dheug e sa bhliadhna 1817.

15. Phos Eoghann nighean do dhEanraig Mac-Dhaibhidh. Bha ceithir mic aige, Donnachadh, Eoghann, Seoras, is Albert. Chaochail e an 1885.

16. Bha Donnachadh na oifigeach san Reiseamaid Duibh. Chaochail e gun sliochd an 1886. Thanig Eoghann, a bhrathair, a staigh air Cluainidh na dheidh.

17. Bha Eoghann, tighearna Chluainidh an lathan diugh, greis mhoirsan reiseamaid Chataich. A reir Chloinn-Mhuirichs e Eoghann ceannard Chloinn Chatain, agus an treas ceannard air fhichead. Tha e na Choirneall airm, aguss es dòcha gun aidich Clann-an-Toisich féin nam biodh Clann Chatain a cogadh mar a bha iad uair dhen t-saoghal gun deanadh e ceannard gle mhath dhaibh. Ach an gabhadh iad e mar cheannard? ’S e rud eila than sin.


Bogadh nan Gad.

Tha sean-fhocal anns aGhàidhlig. “Than t-àm a bhi bogadh nan gad,” a tha ciallachadh gur a mithich do neach a bhi afàgail no adol as bhon chuideachd anns am beil e aig an àm. ’S ann mar so a dhèirich an radh sin. Bha boghadair beag ann a bha la de na làitheanna shuidhe ri taobh a theine féin, ’nuair a thàinig feadhainn a staigh a bha a cur rompa gréim a dheanamh air. Shuidh e féinna thosd, ach thòisich a bhean, a bhana mnaoi thuigseach, air coiseachd sios us suas feadh an taighe, agus nuair a thuig i gu cinnteach aobhar thighinn nan aoidhean, thug i buille da fear an taobh a chinn mar nach robh ann ach am buachaille, agus thubhair i tris. “Than t-àm a bhi bogadh nan gad.” Chaidh e mach air ball, agus fhuair ise a bhogha agus a chuid shaighdean a chur a mach roimh an uinneig. Cho luathsa bha e a muigh, fhuair e àite freagarrach dha fhéin anns an seasadh e agus cha dfhuair aon dhenaimhdean as; mharbh e gach aonan dhiubh mar a thainig iad a mach aig an dorus. Rinn e na gaid a bhogadh da-rìreadh.


Tha an sgeulachd bheag a leanas, air a h-aithris ann an Albainn mu ghnoimh fior shuairc agus fhlathail a rinn Righ Rabairt Brus nuair a bha e ann an Eirinn. Bha feachd Sasunnachna aghaidh aig an àm sin, fo churam Sheanalair Edmund Butler. Chog iad ri cheile agus thachair gun do chuir na Sasunnaich an ruaig air na h-Albannaich agus gun robh an toir geur, dian, ’nan deidh. A nis, bha bean agus i torrach, aig aon de na h-Albannaich, agus anns an othail agus an upraid a bha ann, thuit i gus an làr, le laigse agus sgitheas, agus rugadh an leanaban ri taobh an rathaid. Cha robh bean eilena coir gu cuideachadh a thoirt di, agus uime sin bha i air a fàgailna laighe direach far an do thuit i. Bha eagal fuathasach air amhnaoi bhochd oir bha fios gu math aice, gum babhuist do na Sasunnaich gach Albannachfear agus beana thuiteadhnan làmhan a mhortadh. Nuair a ghabh Righ Rabairt seachad chuala e guth na mna bochda agus i acaoineadh, dhfhoighnich e ciod e aobhar a gearain, agus nuair a thuig e cia mar a bha achuis leatha, thuirt an duine flathail sin, “Ann an ainm Dhé fheara! na di-chuimhnicheamaid gun robh mathair aig gach fear dinn fein; seasamaid cath eile air cho mòr agus a dhfhaodas an cunnart a bhi, ach na fàgamaid abhean so gun chomhnadh agus ina h-eiginn.” Chord briathran Bhruis ris na h-Albannaich agus thionndaidh iad an aodanan a dhionnsuidh an naimhdean aon uair eile, agus chuir an Righ iad ann an ordugh-cath gu grad. Nuair a thàinig na Sasunnaich am faadharc agus a chunnaic iad gun robh iadnan seasamh gu dana agus a feitheamh orra, shaoil iad gun dthàinig tuilleadh de na h-Albannaich gus an cuideachadh agus mar sin chaill iad am misneachd. Cha sheasadh iad blar eile agus burrainn do Bhrus abhean agus an leanaban a chur air falbh gu àite tearuinte.


FHUAIR E IAD. —Bha tri fir-turuis asiubhal an rathaid gu Cill-mhic-Iain air maduinn bhriagh samhraidh, agus thachair iad air seann duine air an robh feusag fhada, gheal. A nis mar is abhuist do na Sasunnaich, bha iadnan gillean tapaidhnan inntinn fein, agus shaoil iad gun deanadh iad fala-dha dheth agus mar sin thuirt aon diubh risFailte oirbhathar Abrahaim!’ thuirt an dara fearMaduinn mhath dhutathar Isaaic!” thuirt an treas fearFailte oirbhathar Iacoib!” Ach bha lan eòlas aig an t-seann duine air fir nan bailtean mòra, agus fhreagair e, “Tha sibh ann am mearachd a ghillean! Cha mhi aon chuid Abraham no Isaac no Iacob; ach is mi Saul mac Chis. Chuireadh air falbh mi a dhiarraidh asailean mathar, agus feuch fhuair mi iad mu dheireadh.”



[348]

[Vol . 4. No. 44. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, MAIGH 9, 1896.

Tha iadsan a tha cur rompa bhi air an taghadh mar luchd-pàrlamaidgan cur féin an uidheam air son achath. A réir gach coltais tha e gu bhina chath cruaidh, agus ge be taobh aig am bi a bhuaidh, tha aca ricosnadh. Tha Mr. Taillon, priomhair Chuibeic an deigh a dhreuchd a leigeadh uaithe, ’sa dol dhan t-stri air taobh nanConservatives ,agus tha Sir Oliver Mowat, priomhair Ontario, a dol a dheanamh an ni ceudna air sgàth nanLiberals .Agus chan eil fhios nach lean tuilleadh de phriomhaireans de luchd-dreuchd nam mor-roinnean air an lorg. Tha an da phàirtidh atarruinn nas urrainn iad de na daoine a shaoileas iad a ni cuideachadh leothasa bhiosnan neart dhaibh.

Tha Cuba car mar a bha i o chionn faisg air bliadhna, an cogadh adol air adhart gun fhois, sgeul ùr a tighinn gach seachdain air blàir, ’s air murt, ’s air marbhadhs air losgadh, agus gun fhios chrioch a thig air na nithean sin uile no cuin a thig i. Agus ged tha na ceannaircich a toirt dùlan do arm na Spàinnes gu tric acur an ruaig orra, chan eil greim daingeann aca fein air eadhon aon phort na aon bhaile anns an eilean air fad.

Tha na fiosan mu dheireadh a thainig á ceann a deas Africa ag innse gur e barail cheannardan an airm Bhreatunnaich annsa chearna sin gu bheil ceannairc mam Matabeleach air a chur fodha.

Chan eil cùisean a thaobh an Transvaal air an ceartachadh fhathast, ach chan eil a ro choltach a nise gun éirich cogadh no tuaireap sam bith air a thàilleabh. Chaidh àireamh dhiubh-san a bha le Dr. Jamieson abristeadh a stigh air an Transvaal a ghlacadh le luchd-riaghlaidh na dùthcha sin, agus an toirt gu cùirt. Chaidh ceathrar de na ceannardan a bhorra a dhiteadh gu bás, ach thug Cruger, an Riaghladair, am beatha dhaibh, agus gheibh iad as le càin a phàigheadh. Bha fear Langham, a mhuinntir Bhellville, Ontario, còmhla ri Jamieson, agussi bhinn a thugadh a mach air gum pàigheadh e da mhile pùnnd Sasunnach de chàin, gum biodh e air a phriosanachadh fad da bhliadhna, agus an sin air fhògradh as an dùthaich fad thri bliadhneile. Chan eil teagamh nach eil an t-aithreachas air a nise nach dfhàg e an Transvaal mar a fhuais e i. Tha Dr. Jamieson fhéin ann an Lunnaìnn.

Chan eil cor nan Armenianach bhochda adol dad nas fhearr. An deigh na gorta a thugadh orra le geur-leanmhuinn nan Turcach, tha plàigh air bristradh a machnam measg, agus tha na miltean dhiubh abàsachadh. Tha muinntir dhùthchannan eile a deanamh na dhfhaodas iadg an cuideachadh, achs beag nas urrainn daibh a dheanamh.


Sean Fhacail.

Is ioma fear a chuir garadh mu lios, nach dthug a thoradh as.

Is ioma fear a ghoid caora, nach deachadh leatha air taod do Steòrnabhaigh.

Is ioma fear a tha glé mhòr as a shlabhraidh, ged is e maide-crom a bhaig a sheanair.

Is ioma leannan a thaig an aois.

Is ioma long cho bristethainig gu tìr.

Is ioma mìr a thug thu don bhial a mhol thu.

Is ioma ni a chailleas fear na h-imrich.


Iadsan a Phaigh.

Iain MacIllinnein, Amhuinn Dhennis, $2 .00
Iain Mac Thearlaich, Gut-a- Deas, St. Anns.
Iain Mac-a- Phiocair, Catalone .
An t-Urr. W A. Mac-a- Phearsain, Ingonish
Iain Mac Calamain, Rudha Phrim, E. P. I.
Iain Mac Gilleain, Gleann-a- bhaird, N. S.
Ant-Urr. Seumas Friseal, St . Andrews N. S
E. A. Mac Aonghais, Halifax , N. S.
Seumas Domhnullach, Boston , Mass.
Caitriona Fheargastan, Somerville . Mass.
R. I. Mac Eachuinn, Colorado Springs, Colo.


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE



[349]

[Vol . 4. No. 44. p. 5]

NAIDHEACHDAN

Chaidh an tigh aig Iain Mac Leòid, air Beinn Chàin, faisg air na Narrows Bheaga, a losgadh maduinn na Sabaid sa chaidh.

Tha na paipearan-naigheachd ag innse gu bheil airgead meallta, buinn leth-dolair de chùinneadh Newfoundland air feadh na dùthcha an dràsda. ’S còir do dhaoine bhi air am faiceall rompa.

Tha Casket Antigonish ag radh gu bheil 3,675 duine anns an t-siorrachd sin aig a bheil bhòt. Dhiubh sin is Domhnullaich 635: agus is Siosalaich 278. Tha 549 dhiubh air am bheil ainm Frangach.

Tha Sir Iain Millais, an dealbhadair ainmeil, tha iad ag ràdh, a bàsachadh leis a chansair, a thana amhaich. Thatar ag radh gun do thòisich an euslaint sin air le e bhi tuilleadh us trom air an tombaca.

Cha deachaidh a ghlacadh de ròin timchioll air Newfoundland am bliadhna ach da cheud us seachd mile. Tha sin fad air ais air an uiridh, ach chan eil e cho fad air aissa bhatar an dùil an toiseach. Chaidh cor us tri cheud gu leth mile ròn a ghlacadh an uiridh.

Tha deigh a creic ann an Trinidadsna h-Innsean an Iar, air da shent dheug am punnd. Tha teas mor acas than deigh anabanach gann. Tha deigh gu leòr agus ri sheachnadh asnamh mu chladaichean na dùthcha so, agus cha ghabh i creic air pris sam bith.

Di-sathairne sa chaidh thainig triùir rim beatha féin ann am Boston. Leum boirionnach, aois da fhichead bliadhnasa tri, bhar bord bàta-smuide, agus bhath i i-féin. Chroch seann duine e fein ann an cearn eile dhen bhaile, agus rinn boirionnach òg an ni ceudna ann an ait eìle.

Chaidh triùir a losgadh gu bàs ann am Magpie, an Cuibeic, oidhche Di-luain air an t-seachdain sa chaidh, bean, mac, agus nighean fir Louis Mercier. Bha iadnan cadal aig an àm. Fhuair Mercier fhéin agus nighean eile dha as lem beatha, ach bha iad air an loisgadh gu dona. Thòisich an teine ann am bocsa connaidh a bhair cùl an stòbh.

Bha moran de shide fhliuch aca ann am Manitoba air an earrach so. Ann an àiteachan bha na miltean acaire den fhearann fo uisge, agus anns na bailteans gann a gheibhte na stràidean a choiseachd leis a pholl. Cumaidh a bhuige so a churachd air ais, agus chan eil teagamh mar sin nach bi am barr gle fhad air deireadh air bàrr na bliadhnan uiridh.

Thainig an soitheach-smùid Harlaw a stigh don acarsaid feasgar Di-dònaich, agus thaghail i an Sidni Di-luain. Dhfhalbh isa mhaduinn Di-màirt. ’Se so a cheud turus a rinn i air an t-samhradh. Tha i gu bhi ruith air a cuairt àbhaisteach eadar Halifax us Newfoundland, ataghal am Baddecks anns an da Shidnis an St. Pierre air a falbhsair a tighinn.


Tha iasgairean Mhalagawatch aglacadh mòran sgadain aig an àm so, agus tha iad a faotainn deagh chreic dha. Tha na soithichean a thadol a mach a dhiasgach an truisg ga cheannach air son biathadh. Tha iad gu tric a glacadh eadar trisa ceithir de bharailtean ann an aon lion.

Chaidh soitheach-iasgaich den ainmHarvest Home,a bhristeadh leis an deigh mhoir a mach o chladach Souris, P. E. I., a sheachdain gus an . Bha i á Newfoundland, agus bha sia ceud ròn aice air bòrd. Chaidh an sgioba shàbhaladh, ach chaidh gach ni a bhaca air bòrd an t-soithich a chall.

Chaill fear Robert Caimbeul a chuid an t-saoghal le teine ann an Denver, an Colorado air an t-seachdain sa chaidh, agus thainig an gnothuch cho trom air inntinns gun do chuir e crioch air fhein Dior-daoin. Bfhiach na bhaige ceud mile dolair. Bhuineadh e do aon de na mor-roinnean iseal so.

Chaidh fear Iain Pickering a bhàthadh an acarsaidNew London, E. P. I. ,Di-luainse ag iasgach ghiomach. Chaidh an báta thairis. Fhuaireadh a thoirt as an uisge beò, ach chaochail e an ceann beagan mhionaidean. Chaidh tigh fir Robert Price, ann an Searletown, alosgadh an latha ceudna, agus chaidh a bhean a losgadh gu donasan aodanns na lamhan. Bha a chuid bu mho dhe na bham broinn an taighe air a losgadh.

Dhfhaodadh iadsan a tha measail air ceòl na pioba-moire a bhi làn riaraichte leis a cho-sheirm a bhann an Talla na Siorrachd oidhche Shathurna sa chaidh. Tha Piob. Mhàidsear Mansonna shàr phiobaire, agus tha sinn duilich nach robh tuilleadh de na Gàidheilga éisdeachd, oir chan fhaigh iad cothrom cho math a h-uile latha air inneal-chiùil nam beann a chluinntinn air a gleusadh le laimh cho eòlach. Bha Mr. Manson air éideadh anns an deise Ghàidhealaich.

Bha cùirt aig dithis Fhrangach ann aWoodstock , N. B. ,a sheachdain gus an diugh. Tha fear dhiubh a cur a mach paipear-naigheachd, agus bham fear eile fàgail air gu robh e toirt a chliù dheth anns a phaipear. ’N uair a chaidh na fianuisean uile cheasnachadhsa liubhair na fir-lagha an cuid òraidean, ’si bhreth a thug anjurygum pàigheadh fear a phaipear-naigheachd coig sgillinn deug (25c) dhan fhear eile air son a chliù, agus gun innseadh am breitheamh co aca bu chòir a chosgais a phàigheadh.

Chaidh tigh mor cheithir lobhtachan a sheideadh as a chéile ann an Cincinnati, an Ohio, oidhche Di-luain sa chaidh. Bha an tigh air a dheanamh air clachan-creadha; bha an t-ùrlar air a chumail mar bhùth, agus bha teaghlaichean afuireach anns achuid eile dheth. Bha moran olla(gasoline)anns a bhùth, agusse sin a dhol na theine agus spraidheadh a rinn an tigh a chur as a chéile. Thatar a deanamh a mach gu robh còrr us fichead air am marbhadh, agus a dha no thri uiread sin air an leònadh. Bha moran air an goirteachadh air an t-sràid mu choinneamh an taighe le clachan us maidean atuiteam orra.


MAIGH, 1896.

1 Di-haoine. A Bhealltuinn.
2 Di-sathairne. Fhuaireadh Jamaica, 1494.
3 DI-DONAICH. IV Donaich an deigh Caisge
4 Di-luain. An cairteal mu dheir. 11.11, m.
5 Di-mairt. Bàs a bàird Mhic Dhunleibhe 1873
6 Di-ciaduin. Ghlacadh Cuibeic, 1776.
7 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh, 4.46.
8 Di-haoine. A Ghrian alaidhe 7.7.
9 Di-sathairne
10 DI-DONAICH. Di-donaich na h-athchuinge.
11 Di-luain
12 Di-màirt. An Solus Ur. 3.33 feasgar.
13 Di-ciaduin. Bàs Dhonnachaidh Bhàin,1812
14 Dior-daoin. Dior-daoine naomh.
15 Di-haoine
16 Di-sathairne. An fheill Bhrannain.
17 DI-DONAICH. An fheill Chatain.
18 Di-luain. An Eaglais Shaor, 1843.
19 Di-màirt. Fosg. Sgoil Chill-Ribhinn 1411
20 Di-ciaduin. Bàs Cholumbuis, 1506.
21 Dior-daoin. Ceannaircsna h-Innsean, ’57
22 Di-haoine. 20) A cheud Chairteal, 27, mad
23 Di-sathairne
24 DI-DONAICH. Di-donaich na Cuingis.
25 Di-luain. A Ghrian ag èiridh, 4.28.
26 Di-màirt. An Solus Lan, 5.43. feasgar.
27 Di-ciaduin. A Ghrian a laidhe, 7.28.
28 Di-daoin. Comunn Galach Lunnain 1778
29 Di-haoine. Aiseag an II. Righ Tearl. 1660
30 Di-sathairne. Bas an Easbig Leslie, 1596.
31 DI-DONAICH. Di-donaich na Trianaid.


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.



[350]

[Vol . 4. No. 44. p. 6]

TURUS FHINN DO LOCHLANN.

La bha Fionn agus a chuid daoinanns aBheinn-sheilg mharbh iad dòrlach math fhiadh, agus nuair a bha iad adeanamh deas a dhol dhachaidh, chunnaic iad Gille Mòr a tighinn far an robh iad. Chaidh en coinneamh Fhinn, agus bheannaich e Fionn gu briosglach, brosglach, briathrach, agus bheannaich Fionn e le comain nam briathran ceudna.

Dhfheòraich Fionn de cia as a thàinig e, no gu de bha e ag iarraidh. Fhreagair e Fionn agus thubhairt e. “Is Gille mi a thàinig on ear agus on iar a dhiarraidh maighstir.” Thubhairt Fionn ris, “Tha gilledhith ormsa, agus ma chòrdas sinn, cuiridh mi muinntearas ort. “Gu e do dhuais aig ceann la us bliadhna?” “Cha mhòr sin,” arsan gille. “Cha niarr mi ach gun téid thusa, aig ceann an la agus na bliadhna, air chuireadh, air chuilm, agus air chuid oidhche comhladh riumsa gu pailis Righ Lochlainn, agus chan fhaod thu cu no duine, laogh no leanabh, arm no eascar a thoirt leat ach thu fhéin.” A chur an sgeòil an giorrad, chuir Fionn muinntearas air aghille, agus bha ena sheirbhiseach dìleas gu ceann an la agus na bliadhna.

Air madainn an la mu dheireadh da ùine, dhfheòraich an gille mòr de Fhionn an robh e toilichte lesheirbheis. Thubhairt Fionn ris gun robh, làn toilichte. “Mata,” thubhairt an gille, “tha mi an làn dochas gum faigh mise mo dhuais, agus gum falbh thu leam mar gheall thu.” “Gheibh thu do dhuais, ’us theid mise leat,” arsa Fionn.

An sin chaidh Fionn far an robh a chuid daoine, agus dhinnis e dhaibh gum be sin an la air am feumadh esan falbh a choimhlionadh a gheallaidh don ghille, agus nach robh fhios aige cuin a thilleadh e. “Ach,” arsa Fionn, “mur bi mis air mais fo cheann laus bliadhna, am fear agaibh nach bigeurachadh a chlaidheimh bitheadh elùbadh abhogha airson aon la mòr a bhi agaibh air an Tràigh Mhòiran Lochlann adioladh mo bhàis-sa.” ’Nuair a thubhairt e seo ra chuid daoine, dhfhàg e beannachd aca, agus chaidh e staigh da bhùth.

Bhan t-Amadan aigena shuidhe taobh an teine, agus thubhairt e ris, “A dhuine bhochd, am beil thu duilich misebhi falbh?” Fhreagair an t-Amadan us ecaoineadh, agus thubhairt e gun robh e duilich ebhi falbh anns an dòigh anns an robh efalbh, ach gun tugadh esan comhairl air nan gabhadh e i. “Gabhaidh, a dhuine bhochd,” thubhairt Fionn, “oir is minic a bha comhairle an righ ann an ceann an amadain. Ciod i do chomhairle?” “Tha,” “thubhairt an t-Amadan, “gun toir tha leat slabhraidh Bhrainad phòca, agus cha chùs cha duini, cha laoghs cha leanabh i, agus chan armus chan eascar dhuits i. Ach bheir thu leat i co dhiu” “Bheir a dhuine bhochd,” thubhairt Fionn, us efàgail beannachd aigesa falbh.

Fhuair en Gille Mòr a feitheamh air aig an dorus. Thubhairt an gille ris ma bha e deas gum bitheadh iad a falbh. Thubhairt Fionn gun robh e deas, agus dhiarr e air aghille fhein an céum toisich a ghabhail, a chionn gum be a beolaich air an t-slighe.

Dhfhalbh an gille mòr agus lean Fionn e. Ged bha Fionn luath astarach, cha chuireadh e maidem pairt aghille mhòir air an rathad. Nuair a bhitheadh an gille mòr a dol as an fhradharc air an aon bhealach, cha bhitheadh Fionn ach atighinnam fradharc air an dara bearradh. Agus chum iad anns an t-suidheachadh sin da cheile gus an dràinig iad ceann an turuis.
Chaidh iad a staigh do phalais Righ Lochlainn, agus shuidh Fionn a sios gu sgith, trom, airsneulach. Achan àite cuilm afeitheamh air, bha maithean agus mòr uaislean Righ Lochlainnnan suidhe staigh acur an cinn richeile feuch gu am bàs tamailteach a bheireadh iad da. Theireadh fear crochaidh sinn e, theireadh fear eile, loisgidh sinn e, theireadh an treas fear, bàthaidh sinn e. Mu dheireadh, dheirich fear a bhasachuideachd na sheasamh, agus thubhairt e, nach cuireadh iad gu bás e air aon sam bith de na dòighean a dhainmicheadh le càch. Thionndaidh na daoine a labhair an toiseach ris, agus dhfheòraich iad de gu an dòigh a bhaige-san air Fionn a chur gu bàs, a bha nibu tàmailtiche na aon air bith de na dòighean a dhainmich iadsan Fhreagair e iad agus thubhairt e riùtha, “Theid sinn leis, agus cuiridh sinn suas e don Ghleann Mhòr, agus cha teid e fadair aghaidh an sin an uair a bhitheas e air a chur gu bàs leis achù ghlas. Agus tha fios agaibh-se, agus tha fios agam-sa nacheil bàs eilair an t-saoghal as tamailtiche leis an Fheinn, nan Righ saoghalta thuiteam le madadh coin.” An uair a chual iad breith an duine, bhuail iad am basan agus dhaontaich iad leis abhreith.

(Ri leantuinn.)


Ban-fhaidh Fhrangach.

Tha boirionnach òg ann am Paris an drasda a tha cumail a mach gu bheil an t-aingeal Gabriel a bruidhinn rithe. ’S es ainm dhi Couedon, agus tha i fuireach air sraid Pharadis, comhla rih-athair, seann fhear lagha. Tha i tri bliadhna fichead a dhaois. O chionn da bhliadhna fhuair a h-athair i mar gum beadh ann an laigse na seòmar féin, agus air dhi eiridh dhinnis i dha gun dthainig an t-aingeal Gabriel far an robh i, ’s gun do dhaithn e dhi a bhi i na h-eadar-theangair eadar esans an cinne-daonna. Riamh on uair sin tha i a chuid as mo dhen ùinena leth-chadal agus am feadhsa tha i mar sin, freagraidh i ceist sam bith a chuirear oirre. Tha i ag radh nach eil tuigse sam bith aice air brigh nam focal a tha a tighn as a beul, ach gur h-en t-aingeal Gabriel a tha labhairt. Chaidh na miltean a dhamharc oirre o chionn beagan mhiosan air ais, airson i fiosachd a dheanamh dhaibh, ach cha ghabh i pàigheadh no duais sam bith uapa air son a seirbheis. Am measg chaich chaidh àireamh de luchd nam paipearan naigheachd far an robh i, agus tha iad ag radh gun do dhinnis i dhaibh moran a bha fior mu thimchioll a chuid a chaidh seachad dhem beatha, ach nach innis i dhaibh ach gle bheag a thaobh na cuid sin a tha rompa. Tha i an còmhnuidh abruidhinn mu chogadh, agus ag radh gun deachaidh an Fhraing air seacharan agus gum bi i air a smachdachadh. Tha Breatunn mar an ceudna ri bhi air a h-isleachadh. Tha i afàidheadaireachd gum brist cogadh a mach roimh cheann na bliadhna, ach roimhe sin gum bi righ-chuairt(revolution)anns an Fhraing a chuireas gnothuichean bun as cionn anns an dùthaich sin. Tha a cuid faidheadaireachd an deigh gluasad mor a chur air feadh an t-sluaigh.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, Ottawa, Ont.



[351]

[Vol . 4. No. 44. p. 7]

Bha duine ann uair aig an robh cnapach beag gille, agus bha toil aige a chur a dhionnsachadh rud-eigin. Se rinn e suas gun glaiseadh e ann an rùm e, afàgail aige leabhar diadhaireachd, ubhal, agus bonn sia sgillinn. “Nuair a dhfhosglas min dorus,” ars esan ris féin, “chi mi ciod a bhios am ballach a deanamh. Ma bhios e leughadh an leabhair, ni mi pears-eaglais dheth; ma bhios e ag itheadh na h-ubhail, ni mi tuathanach dheth; agus ma bhios aire air an airgead, ni mi bancair dheth.” Ach nuair a rinn e tilleadh, ’s ann a fhuair en gillena shuidhe air an leabhar, an t-airgeadna phòcaid, agus an ubhal gu bhi as an t-sealladh. “Ni sid an gnothuch,” ars an duine, “ni mi fear-lagha dheth; ’sen aon cheard a fhreagras air.”

Bha figheadair ann uair a bhiodh a dol do Ghlascho a chreic a chuid aodaich uairsa bhliadhna, agus cha robh uair a rachadh e ann nach gabhadh e daorach bheag mun tilleadh e. Aon oidhche fhuaireadh e air an t-slighe dhachaidh, aleigeal analach ri taobh an rathaid, agus a bruidhinn ris fein. “Ah”, ars esans eg amharc os a chionn, “tha da ghealach anns an speur an nochd a rithist. ’Se fior dhroch comharradh a than sin; a h-uile uair a chi mi da ghealach anns an speur, bidh ceann gairt agam an lar- na-mhaireach.

Bha tuathanach beag ann an Obaraidhean a bha annabarrach spiocach. Bha a bheanna boirionach breòite tinn, agus gu tric air an leabaidh, ach bha esan cho cruaidhs nach dùirigeadh e uiread us solus a bhi aice ri taobh na leapa. Aon oidhches i na bu tinne na bàbhaist, thòisich i ri gearan. “O”, ars ise, “nach eil so bochd, ’nuair nach urrain domh solus a bhi agam leis am faic mi mi-fein a bàsachadh!” Leum a fear air a choiss las e coinneal, ’s air dha a cur ri taobh na leapa, thuirt e gu cas, crosda, “So, feùch am bàsaich thu nise!”

Uilleamarsa mhàthair, “gu de dhfhsg do chuid aodaich cho fliuch? An robh thu anns an uisge? “Bha”, ars Uilleam gu treun, “chaidh mi dhan loch a shàbhaladh Thearlaich.” “Mo ghille, treun,” arsa mhàthair, ’n e leum a stighna dheigh a rinn thu?” “Chan e,” ars Uilleam, “ ’sann a leum mi a stigh air thoiseach air; bha mi air son a bhi roimhe.”


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[352]

[Vol . 4. No. 44. p. 8]

BIDH SEUMAS LEAM AN NOCHD.

LE NIALL MAC LEOID.

Rinneadh na rainn so air sgeula brònach mu mhaighdinn òig Ghàidhealaich aig an robh ainm a bhi air leth maiseach. Bha i fhéin agus gille òg tlachdmhor, air an robh gaol mòr aice, adol a phòsadh. Ach dlùth air lathaphòsaidh, thàinig fios air-san dol thairis a dhAmerica, a dhfhaotainn beairteis mhòir a dhfhàg caraid aige. Dhfhalbh e gu sunntach, ann an rùn gum pòsadh iad cho luaths a thilleadh e air ais. Achs e sin nach do thachair! An long air an robh etilleadh chaidh i fodha agus gach neach a bha innte a bhàthadh! ’N uair a fhuair ise an naigheachd so chaidh i ceàrrn a h-inntinn, agus cha dthàinig a ciall riamh air ais! Bhàsaich i beagan ùine an dèigh sin; agus gach aon fheasgar fhads a bha i beò chuireadh i oirre an t-éideadhbu riomhaichebha aice; ruigeadh in cladach, agus shuidheadh i air an tràigh, afeitheamh ri Seumas. An oidhcha bhàsaich i béiginn da càirdean a h-aodach a chur oirre mar a bàbhaist agus theireadh ian ceann gach tiota, “thig enochd! bidh Seumas leam an nochd!”

Thoir dhomh mo chìr, thoir dhomh mo ghùn.
Thoir dhomh mo thrusgan bòidheach ùr
S mifaicinn long air bhàrr nan tonn
S istiùireadh direach air an fhonn.
Bidh misafeitheamh air an tràigh
Gun tig mo ghaol air tir le càch;
Cha ghabh mi biadh, ’s cha dùin mo shùil
Gum faigh mi sealladh air mo rùn:
S bidh Seumas leam an nochd!

Carson, a thonnan beucach borb,
Tha sibh aleum cho àrd le coig
Ag cumail bacaidh air mo ghràdh?
S mi fuarg a fheitheamh air an tràigh!
Tha fuaim bhur guth cho tiamhaidh trom,
Adùsgadh mulaid na mo chom
Eagal gun caill an long a h-iùl,
Lasaidh mi solus air an Dùn,
S bidh Seumas leam an nochd!

Thig, thus’, a ghaoth an iar, gu tlàth
Do chaileig bhochd nach nochd thu bàigh?
Carson a shéideas tu cho cruaidh,
S tucumail Sheumais fada uam?
Tha eòin nan speur air dol gu tàmh
Chan fhaic mi longs cha chluinn mi ràmh,
Us chaill mi sealladh air na siùil;
Ach ged a chaill, cha toir mi dùil:
S bidh Seumas leam an nochd!

Eirich, a ghealach, ’s tog do cheann,
Na laidh cho fadair chùl nam beann;
Us sibhs’, a reultan glan gun smùr,
Bu tric a rinn don mharaich iùl,
Na tigeadh ceò no neulnur còir
A chuireas falach air bhur glòir
Gun tig an longs am bheil mo rùn.
S am faigh iad sealladh air an tùr:
S bidh Seumas leam an nochd!

Thus’, ’fhaoileag bhàn, a shnàmh an cuan,
Am facthu sealladh air mo luaidh?
Dhaithnichinn fhéin emeasg nan ceud,
An t-òigfhear treunbu ghlaine beus;
Thachruths a bhlàth cho beò na muchd,
Dhfhàg sin mo chridhe trom fodh luchd
Ar leam gun cluinn mighuth cho ciùin,
Toirt cuiridh dhomh dol leis an null,
S bidh Seumas leam an nochd!

Thoir dhomh mo chìr, thoir dhomh mo ghùn,
Thoir dhomh mo thrusgan bòidheach ùr,
Feumaidh mi falbh an nochd car tràth,
S e thall ga mfheitheamh air an tràigh,
S mifaicinn lùchairt mhaiseach ghrinn,
Airullachadh dha fhéins dhomh fhìn
Tha ceò atuiteam air mo shùil,
Ach tha micluinntinn fuaim achiùil
S bidh Seumas leam an nochd!


Saoibhreas Daor.

Tha seòrsa saoibhreis ann a tha daor, anabarrach daor, a dhaindeoin am meud— ’se sin an saoibhreas a gheobhair an éiric gach ni a tha mar sholus na beatha dhuinn. Cha chòir do neach sam bith acheud àite a thoirt do shaoibhreas, mar a than sgeul a leanas a mochdadh.

Bha foghlumaiche bochd anns an Roimh uair, a bha gle thapaidh, agus dan robhn dàn, a reir gach coltais, moran math a dheanamh anns an t-saoghal. Air latha àraidh chunnaic e dealbh-snaighte air an robh sgriobhaidhean neònach. Chaidh aig air na sgriobhaidhean sin a leughadh, agus bha iad ag iarraidh air beachd a ghabhail air faileas na h-iomhaigh, agus mar sin chaidh a threòrachadh a stigh gu talla mhor a bha air a lionadh le saoibhreas, airgead, or agus seudan luachmhor. Chruinnich e moran dhiubh cuideachd, agus e aig acheart àm ag innse dha féin gach ni mor agus math a dheanadh e leis an t-saoibhreas a bha mar so air a chur folaimh. Chuireadh e suas caisteal riomhach dha féin, agus ciod eile nach deanadh e. Achnuair a bha e tionndadh gu dhol a mach, chunnaic e aig a chasan clach mhòr uaine, agus chrom e gus a togail, oir bfhiach i pris rioghachd. Ach bha a chlach gu math teann anns an talamh, agus am feadhsa bha esan afeuchainn rifuasgladh, chunnaic e ridire folàn armachd, a bhana sheasamh faisg air, a togail a bhogha agus a tarruinn an t-saigheid. Bhuail an saighead an seud mòr a bha soillseachadh an talla, agus ann am priobadh bha tiugh dhorchadas ann. Dhfheuch am foghlumaiche ri faighinn dhionnsuidh an doruis air an dfhuair e stigh, ach leis an dorchadas cha burrainn da amas air, agus bhàsaich e gu truagh ri taobh an t-saoibhreis a chuir e cruinn.” Nach bu daor a cheannaich e saoibheas, agus nach eil moran ann air an lathan diugh a thaga cheannach a cheart cho daor.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B

titleIssue 44
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 44. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page