[353]

[Vol . 4. No. 45. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 16, 1896. No. 45.


Fionnghal Nic Dhomhnuill.

(Flora Mac Donald. )

Tha baile Inbhirnis a dol a chur suas càrn-chuimhne don mhnaoi-uasail threun so, a ghleidh a bheatha do Phrionnsa Tearlach. ’Se tha gu bhi ann dealbh Fionnghal fhéin air cloich no air miotailt. Ach tha aon choire air an dealbh a thagh luchd-riaghlaidh abhaile agusse sin gu bheil i air a casan rùisgte. Tha e gle mhi-choltach gum biodh nighean òg de theaghlach uasal mar a bha Fionghall air a casan rùisgte. Fhuair Prionnsa Tearlach as le bhi air a chòmhdach mar nighinn Eireannach den ainm Betty Burke, mar shearbhanta to Fhionnghal. Tha e air a chur sios ann an eachdraidh gu robh brògan Betty, ’nuair a bha iad afògail Chinnseborg, ’san Eilean Sgiathanach, air fás cho donas gun dthug Sir Alasdair Domhnullach paidhir ùr dhi. Bha so gle fhaisg air crioch an turuis, agus ma bha stocainnean us brògan aig an t-searbhanta, tha e car neònach a bhi tarruinn dealbh a bana-mhaighstir gun cuid seach cuid a bhi air a casan. Ged a tha Fionnghal am bitheanta afaotinn a chliù uile air son beatha prionnsa ghleidhead dha, chan fhaodar a dhi-chuimhneachadh nach biodh e comasach dha teicheadh air chor sam bith mar biodh a h-oide, Caiptean Domhnullach, Arnadail. Bha esanna cheannard air buidheann shaighdearan a bha air an cur a dhUidhist a chinn a deas air son am Prionnsa ghlacadh, ach le impidh a bhi air a chur air lebhean-chinnidh, Baintighearna Mairearad Dhomhnullach, dhaontaich e cead a thoirt da dhalta Fionnghal falbh leis a Phrionnsa feuch am burrainn di a thoirt as achunnart anns an robh e. Thug e cead-siubhail sgriobhte do Fhionnghal, da searbhanta Betty Burke, agus do fhear Niall Mac Eachuinn; agus gus a chùis a dheanamh cinnteach rinn e mach gur ann a bha Fionnghal adol dhachaidh gu a màthair, agus thug e litir dhi air chors nan rachadh a glacadh leis na saighdearan air an t-slighe gum biodh iad air an cur as am faireachadh. Bha an litir mar a leanas:— “Tha micur do nighinn dhachaidh ugad, oir tha fhios agam gum bi eagal oirre a thaobh na saighdearan a bhisan dùthaich so. Tha nighean còmhla rithe den ainm Betty Burke, ban Eireannach, agus tha i ag innse dhomh gu bheil i gle mhath air sniomh; ma chòrdas a h-obair riut, faodaidh tu a cumail gus an cuir i crioch air an lion dhuit. Tha Niall Mac Eachuinn afalbh cuide riutha gus an aire thoirt dhaibh.”


Am Freasdal.

Chaneil latha den bliadhna anns nacheil làmh an Tighearnag oibreachadh mar is àill leis-san a chum math. Chi sinn a chumhachd gach uair a dhamhairceas sinn a mach air an dorus, agus gach uair a bheir sinn ceum air a mhachair. ’S math tha fhios againn gur i làmhsan a thadeanamh gach ni, a réir mar a ta a ghliocas ag òrduchadh.

Tha so atighinn a stigh oirnn gu soilleir aig an tràth so den bhliadhna, am feadhs a ta an talamh mar gum bann adùsgadh, agus afàs beò o na mairbh. Bhan Geamhradh glé chruaidh neart den uair, —bha na speuran dorcha, agus an latha goirid. Cha robh tairbhes an talamh, oir bha e glaiste leis an reothadh, mar gum bann le geimhlean iaruinn. ’S ciatach a bhith afaicinn gun tainig àm fuasglaidh. Than latha asìneadh, ’s na speuran afàs soilleir, gorm, ’s tha fhios againn gun tig cinneas air an fhearann a rìs, mar a bàbhaist anns na bliadhnachan roimhe so.

Thugaibh an aire gur e freasdal a Chruithfhir a ta adeanamh so uile. Ciod a burrainn dhuinne a dheanamh air ar son féin? Tha fhios agam glé mhath gu bheil an cinne-daoine làn innleachdan. Théid againn air longan mòra chur air sàile, agus siubhal thar a chuain a dhiarraidh bathair ás gach tir fon ghréin. Is urrainn dhuinn rathad a dheanamh a dhiarunn, agus cudthrom mòr a shlaodadh o cheann gu ceann den rìoghachd, le innealan a ta air an oibreachadh le teines le uisge. Ach càite bheil am fear a bheir air aon fheoirnein feòir cinntinn, ach mar is àill leis an Tighearna? Chaneil a leithid ann. Feudaidh sinn an talamh a thionndadh, agus an sìol a chur, ach is e an t-Uile-chumhachdach a bheir air cinntinn. Ge mòr an obair a ni sinn, cha mhò is urrainn dhuinn le ar gliocas féin, aon dias arbhair a dheanamh, nas urrainn dhuinn reult ùr a chruthachadh anns na speuran, no stad a chur fad uair an uaireadair ann an cuairt na gréine. Beachdaicheamaid air so, agus chan urrainn dhuinn gun fhaicinn gur ann le freasdal an Ti as àirde tha sinn atighinn beò gach latha. Tha sinn ag oibreachadh an fhearainn a nis, do bhrìghs gur e so an t-àm iomchuidh air a shon. Than t-earrach againn, ’s tha e ceart gun gnàthaich sinn na meadhonan air son lòn a thionals an fhogharadh. Ach biodh ar n-earbsas an Tighearna, oir is esan a mhàin a bheir air ar saothair tighinn gu buannachd. Tha a ghealladh-san againn agus tha sinn acur earbsa ann. Bheir Esan air an fheur fàs don spréidh, rud nach urrainn dhuinn a dheanamh le uile neart ar làmh, ’s le uile ghliocas ar cinn.

Chi mi an treabhaichedol a mach lechuid each air son a bhith an greim. Chan fheud e maile a dheanamh tuille, oir am fear nach cuirs an Earrach, cha bhuain es an Fhogharadh. ’S ciatach leam fàile na h-ùire, ’s i air a tionndadh leis achrann. ’S comharadh e gu bheil beatha atighinn as ùr don t-saoghal. Faic mar a ta eunlaith nan speur ational as gach cearn, ’s iad aleantuinn nan seisreach. “Amhaircibh air eunlaith an athair: oir cha chuir iad sì[ ? ] agus cha bhuain iad, agus cha choinnich iad ann an saifhlean, gidheadh tha bhur n-Athair néamhaidh- s[ ? ] beathachadh. Nach fearr si[ ? ] mòr na iadsan?”



[354]

[Vol . 4. No. 45. p. 2]

AM NA GORTA.

Chan eil fhios aig earann mhòr de shluagh an t-saoghail cia mar a tha mòran eile den co-chreutairean atighinn beò. Tha so fìornar latha-ne, ged a tha daoine ro eòlach air a cheile, ann an coimeas ri mar a bha iad o shean. Tha mòran agearain air bochdainn an crannchuir, ged nacheil a bheag a dhaobhar gearain aca an coimeas ris na daoine a bhann ri ar ceud chuimhne. Bha Gaidhealtachd na h-Alba, gus an do thòisich na bàtaichean-smùide ri seòladh mun cuairt nan Eileanan Gaidhealach, ann an tomhas mòr air a fàgail a leith-oir; agus an uair a bhiodh ni sam bith gann a bhiodh feumail do dhaoine, cha robh aca ach cur suas le cùisean mar a bfhearr a dhfhaodadh iad.

Is iomadh uair a thachair bliadhna ghann, ghortach ri daoine bochdasan àm a dhfhalbh. Tha cuimhne aig gu leòr de na than diugh beò air bliadhnachan a bha anabarrach cruaidh air iomadh teaghlach bochd anns aGhaidhealtachd. Cha dean sinn mearachd sam bith an uair a their sinn gu robh na miltean air thuar a dhol bàs le cion abhìdh. Bha am biadh gann, agus ged a thachradh beagan stuic a bith aig duine bochd, chan fhaigheadh e neach a bheireadh aon chuid airgiod mo biadh dha air son abheathaich a bfhearr a bhiodh aige. Is ann on a ghais am buntata a thachair na nithean air am bheil sinn ag iomradh.

O nach robh biadh rifhaotainn air son airgid, no air son luach, dhfheumadh daoine bochda gach oidhirp a burrainn daibh a thoirt air iad fhein a chumail beò. Mar bu trice bha am biadh afàs gann anns an earrach. Is minic a beiginn do iomadh duine bochd an sìol a bha en dùil a chur anns an talamh a bhaige air a threabhadh, a chruadhachadh anns aphoit air feasgar Disathuirne, agus a bhleith air abhrathainn a chum e fhein agus a theaghlach a chumail beò gu Diluain. Bfhearr le mòran so a dheanamh na dhol a dhiarraidhs a bhleid bìdh air amhuinntir aig an robh am pailteas. Achuid den t-sluagh bhochd a bha dlùth air achladach rachadh iad don tràigh far am faigheadh iad faochagan is bàirnich is partain is duileasg is slòcan. Ged a bebhochdain a thug orra so a dheanamh, bha e chum math mór don slàinte a bhithtighinn beò car ùine air na gheibheadh iad anns an tràigh. Is minic a bha an éis agus an eiginnn am meadhon air mòran math a dheanamh do iomadh neach. Bhiodh clann bheag, acruinneachadh nam brisgein air feadh an treabhaidh, agusgan itheadh an deigh an ròstadh anns an teine. Bhiodh fir mhòra, làidir afalbh gu lochannan feuch am faigheadh iad bric, an uair a bhiodh e ni bfheumaile dhaibh gu mòr, nam faodadh iad e, a bhithtreabhadh agus aruamhar. Mar a tha am facal ag ràdh, “Cha ghabh abhrù an urra ris an righ.” Ciod sam bith mar a bhiodh obair eile dhfheumtadh an t-acras a chumail air falbh air a h-uile cor.

Baithne dhuinn teaghlaichean a bhiodh gle thoilichte nam faigheadh iad aon bhiadhsan latha. Amhaduinn nach biodh dùil aca ri greim a chuireadh bhar na ciallaidh iad, dhfhanadh iad anns an leabaidh gu déigh mheadhon-latha. Nach bu mhuladach suidheachadh na màthair aig am biodh clann bheag, lag, a dhiarradhs a ghabhadh am biadh, agus gun aon ghràine mine an taobh a staigh den dorus aice! Bha iomadh mathairs an t-suidheachadh bhochd sosan àm a dhfhalbh. Is minic a chuala sinn an tàladh a bhaig màthair dhen t-seòrsa so air a sheinn, agus gu cinnteach is cruaidh an cridhe air nach tigeadh tioma ri bhithg a éisdeachd. Bheir na facail a thair chuimhne againn beachd seachad air suidheachadh truagh an teaghlaich ud, agus iomadh teaghlaich eile:—

Caidil a leanabain,
Chaneil min agamsa,
Caidil a leanabain,
M poca nom balgan;
Caidil a leanabain,
Chaneil min agamsa.

Tàing don Ti a tha riaghladh nan uile nithean gu ro mhath, chaidh an t-àm gortach ud seachad. Ged a tha mòran agearain air abhiadhs air an aodachs air na taighean a thaca, tha iad mòran nis fhearr dheth air a h-uile dòigh na bha daoine da fhichead bliadhna roimhn diugh. ’S an àm ud dhfhaodadh earann de shluagh na rìoghachd a bhithn impis bàs fhaotainn leis aghorta mun cluinnte ann an earann eile gu robh éis sam bith orra. Cha robh abheag sam bith de shuim aig muinntir nam paipeirean-naigheschdga ghabhail de chor an t-sluaigh anns aGhaidhealtachd. Cha robh na paipeirean-naigheachd fhein rim faicinn ann an taighs aGhaidhealtachd, ach ann an taigh duine chothromaich. Agus cha bu tric le duine sam bith abheag de naigheachdan a chur a dhionnsuidh nam paipeirean-naigheachdsam àm ud. Chan ionnans mar a tha chùis an duigh. Chaneil ni a thachras eadar da cheann na dùthchadh nach bi air a chur anns na paipeirean, air achuid as fhaide, an taobh a staigh de cheann na seachduin. Tha suimga ghabhail den duine bhochd. Than dùthaich mòran nis saoibhire nis na bha i da fhichead bliadhna roimhn diugh. Agus ged nach urrainn sinn a ràdh gu bheil daoine nis truacantasan àm so na bha iad anns an àm a dhfhalbh, feumaidh sinn aideachadh gu bheilear agabhail barrachd sùim de shuidheachadh an duine bhochdsan àm so na bhatar agabhailsan àm a dhfhalbh. Mureil pailteas bìdh anns na h-àiteachan a tha iomallach, tha pailteas ann an àiteachan eile; agus ann an ùine ro ghoirid gheibh gach neach na nithean a bhios a dhith air a nasgaidh, no air son pàighidh. Ann an iomadh seadh tha suidheachadh dhaoine mòran nis fhearr na bha e ri ar ceud-chuimhne.

Nis, ged a tha an sluagh an cumantas mòran nis comhfhurtaile anns gach dòigh na bha an sluagh anns na bliadhnachan a dhfhalbh, tha aobhar eagail nacheil iad idir cho taingeils bu chòir dhaibh a bhith. Tha e gu tric atachairt nach iad a mhuinntir is aig am bheil de shochairean is a tha nochdadh de spiorad na tàingealachd. Is e am bochd is taingeile nam beairteach. Ach bu chòir don bheairteach a bhith ni bu tàingeile nam bochd. An uair a tha am pailteas de gach ni feumail aig daoine tha iad anabarrach buailteach air a bith chuimhneachadh gur ann on Tighearna tham pailteas atighinn.

An uair a tha sinn air ar cuartachadh le mòran de shochairean aimsireil agus spioradail bu choir dhuinn, araon a bhith tàingeil do Dhia air an son, agus mar an ceudna feum math a dheanamh dhiubh. Iadsan uile a fhuair mòran iarrar mòran orra.

IAIN.



[355]

[Vol . 4. No. 45. p. 3]

IAIN MAC CODRUM.

Bha Iain Mac Codrumna dhuine a bha neo-chumanta deagh-fhaclach, geur-chainnteach a bharr air a bhithna bhard comharraichte. Tha mi creidsinn gum bheil moran de a bhearradaireachd air chuimhne ann an Uibhist-mu-thuathduthaich a bhreith is araich.

Bha locha air taobh an iar Uibhist-mu-thuath ris an cainte Loch-Thasduinn, agus thug am Bailidh fa near gum bu choir a leigeadh a chums gum biodh am fearann maith a bha mun cuairt dha air a thioramachadh. Air la araidh thugadh gairm do mhuinntir nam bailtean mun cuairt gu dhol ga leigeadh. Anns an am a bhan sin bhacairdeas is comunn is gaolis co-oibreachadh am measg nan Gaidheal, agus thainig gach fear le a spaid air a ghualainn. ’S cha robh iad fada traghadh an locha. Ach fada no goirid ga robh iad ris bha iad gu bhith ullamh dheth mun dthainig Iain Mac Codrum. Bha e, mar an ceudna, na chleachdadh an Uibhists an am a bhan sonuair a bhiodh fir abhaile cothladh ri garadh no ri traghadh locha gum biodh beagan òil acanuair a rachad crioch air obair an latha. ’Nisnuair a bha Loch Thasduinn air a leigeadh shuidh na fir gu leir air blianaig bhoidhich, chomhnaird, ghlais a leigeadh an sgios agus a dhol an drama. Chuireadh Iain air cheann na cuideachd agus thug am fear a bha riarachadh an drama dha a cheud ghloines thubhairt e, “So a nis Iain, gloine de bhurn Loch-Thasduinn, ’s feumaidh tu rann a dheanamh o bha thu cho fada gun tighinn.” Rug Iaìn air aghloine agus dhfheuch e gu grinn an stuth a bhinnte, agus thubhairt e:—

Gum beannaicheadh Dia burn Loch-Thasduinn,
Mas math aileadhs fhearr a bhlas;
Ma bha e mar so gu leir
Bu mhor am beud a leigeadh as!

Bha e fheins feadhainn eile adol a Glasachu le bata beag agus thachair dhaibh a bhith ri port an aiteiginn am Muile. Thainig aon de na Muilich thun abhatas dhfhaighnich e dhIain co bairdesabhata, ’s fhreagair Iain gun robh an crann. “ ’S e tha mi ciallachadh,” arsam Muileach, “Cos fear-riaghlaidh air abhata? “Tha an stiuir,” arsIain. “Co as,” arsam Muileach,” “a thug sibh an t-iomradh?” “As ar gairdeinibharsIain. “ ’Se tha mi ciallachadh,” arsam Muileach, “an ann o thuath a thainig sibh?” “Pairt o thuaths pairt o thighearnan,” arsIain. Cha robh aig aMhuileach ach falbh ni bu mhiosa na thainig e.


AN CAT FIADHAICH.

Than Cat Fiadhaich ri fhaotainn ann an dùthchannansa bheil coilltean agus beanntanan. Tha e tighn beò air eòin, maighich, rodain, agus luchainn agus bidh e gu tric a deanamh sgrios mor am measg chearc us uan. Tha e moran nas motha nan cat cumanta. Rugadh air feadhainn ann an America a thomhais eadar an t-sron us bàrr an earbaill còrr us coig troighean. Thafhionntach bog agus min, air dath buidhe ghlas; tha earball fada, garbh; agus is e aon de na beothaichean as gairges as millteach de na beothaichean-fiadhaich air fad. Tha fear a bhasiubhal ann an te de na Staitean an Iar ag innse na sgeul a leanas mu aon a thachair ris fhein:—

Bha mi a falbh le each us carbad air rathad còmhnard aon latha teth anns an Og-mhios. Mu dheich slatan romham chunnaic mi cat fiadhaich agus tri piseagan atighn as a choille, adol thairis air an rathadsadol dhan choille air an taobh eile. Bha mi ag radh rium fhin gum bu laghach am peata a dheanadh te de na piseagan, agus ag guidhe gu robh te dhiubh agam. ’Nuair a rainig mi an t-àitesan robh iad bha aon de na piseagan aig beul na coille beagan throighean uam, agus air leam gun cuala mi an seann chat agluasad gu fàillidh a stighsa choille. Thug mi leum as acharbad, rug mi air a phiseig, thilg mi dhan charbad i, ’s dhfalbh mi. ’N uair a rug mi oirre thoisich i air miagails air sgriachail, agus lean i air, agusnuair a bha mise toirt ordugh dhan each falbh chuala mi dranndan uamhasach agus starbraich anns achoille. Bha fhios agam gu robh an seann chat atighinn, agus an ath mhionaid bha i air meadhon an rathaid mhòir. Bha suileannan teine, an fhionntach na seasamh air a duim, agus drein uamhasach oirre. Chunnaic i mise greasad air falbh agus thug i leum as mo dheigh, agus bha i tighn suas rium cho luaths gun robh mi cinnteach gum beireadh i orm, agus leis an eagal a bhageam roimpe, thilg mi aphiseag a mach agus chuip mi an t-each, a bha cheana deanamh a dhichill, agus dhfhalbh e cho luathsa ghabhadh deanamh. Stad an seann chat car tiotaidh a dhfhaicinn gu robh a phiseag sàbhailte, agus an sin thog i rithe as mo dheigh mar nach biodh i toilichte gun dochann orm. N uair a chunna mi i air mo chulaobh, ’s gann gu robh mi tarruinn manalach leis an eagal. Ach mu dheireadh thug sgriachail na piseig oirre stad, agus thill i. ’N uair a leig an t-eagal leam sealltuinn afr ais, bha ina seasamh air an rathad, a phiseag aice na beul, agus isealltuinnna mdheigh mar gum biodh i eadar dha chomhairle co-dhiu bheireadh i roid eilas mo dheigh no nach toireadh. Ghreas mi an t-each air adhart, ach cha robh migam fhaireachadh fhéin tearuinte gus an robh mi àireamh mhiltean air falbh. Rinn mi suas minntinn nach cuirinn dragh air piseagan cait fhiadhaich am feasda tuilleadh, agus gun toirinn an aire air mo ghnothuch fhéin.”


Ann an ceann an Iar Astralia, chan eil ach da fhichead sa coig de bhoirionnaich mu choinneamh gach ceud firionnach. Sin àite anns am biodh e doirbh dhuine bean fhaotainn.

Nach minic a chunnaic sinn fear adol bhar a chas an àm dha bhith ruith timchioll an oisinn? Air a cheart dhòigh is minic a thachair gun do thuit duines an àms an dthainig atharrachadh air a chrannchur. Nach minic a chuala sinn gun do thòisich muinntir ris an òl an uair a thàinig trioblaid agus bròn don teaghlaichean.

Cha chòir dìmeas a bhith air duine air son a làmhan a bhith cruaidh, dubh le obair. Ach is còir dimeas a bhith air na seotairean aig am bheil na làmhan mìne, geala, am feadh a tha iad atighinn beo air saothair na muinntir aig am bheil na làmhan cruaidhe, dubha.

Mar is trice is e am fear as eutruime sporran is lugha aig am bheil de chùram de chuid airgid.

Mar is trice is e am fear a thann an daorsa as fhearr gu cumail a mach gu bheil e sealbhachadh mòr-shaorsa.



[356]

[Vol . 4. No. 45. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, MAIGH 16, 1896.

Tha MAC-TALLA nise dlùthachadh air ceann na ceathramh bliadhna deaois. Tha romhainn aig toiseach na còigeamh bliadhna, toiseach Iulaidh sa tighinn, am paipear a mheudachadh, agus tha sinn an dòchas gun dean gach aon der leughadairean gach cuideachadh is urrainn daibh a dheanamh leinn. Tha moran dhiubhsan a bàbhaist a bhi sgriobhadh litrichean, naigheachdan, sgeulachdan, us nithean taitneach eilugainn, an dràsda gabhail aghnothuich air an socair; chan eil sinn a cluinntinn bho chuid dhiubh ach gle ainneamh, ach tha fhios againn gu bheil an dùrachd dhuinn cho mathsa bhai riamh, agus tha sinn acreidsinn gum bi ar leughadairean acluinntinn uapa gu riaghailteach air an t-samhradh so. Bidh sin na chuideachadh mor leinn. Tha dòigh eile ann air cuideachadh leinn, agusse sin gach aon a bhi pàigheadh na pris bhliadhnail cho luathsa bhiosnan comas. Tha moran ann a tha deanamh sin: cho cinnteachsa bhios a bhliadhna air sonn do phaigh iad a mach, bidh an dolair a stigh air son bliadhneile. ’Siad sin cùl-taic a phaipear, agus nn robh an àireamh na bu mho na tha i, bhiodh MAC-TALLA air a mheudachadh o chionn fhada. Ach tha moran eilann nach eil cho math sin idir. Leigidh iad le bliadhna, ’s da bhliadhnas tri bliadhna dhol seachad gun uiread us fios a chur ugainn am bheil iad beò no marbh no am bheil no nach eilnam beachd am paipear a phàigheadh. Cha chreid sinn gur a spiocaireachd no ni sam bith dhen t-seorsa sin a tha tighn riutha, ach cion toirt fa-near. Chan eil iad a tuigsinn gu bheil iad acur call sam bith oirnn, a chionn, chan eil iad asmuaineachadh mun chùis idir. Ach nam biodh iadnar n-àite-ne fad mios chitheadh iad cho doirbhsa tha e dhuinn an gnothuch a dheanamh air tàilleabh an cuid dearmaid féin. Tha sinn an dòchas gum bi iad sin nas fhearr an deigh so na bha iad, agus ma bhitheas geallaidh sinnem MAC-TALLA a dheanamh cho mathsa bhiosnar comas. Tha moran eile nach eil agabhail a MHAC-TALLA idir. Molaidh iad e, agus their iad gum bu chòir a chumail suas ach chan eil iad fhéinga ghabhail noga chuideachadh air dòigh sam bith. Bfhior thoigh leinn àireamh mhor de luchd-gabhail ùr fhaotainn air an t-samhradh so, agus tha sinn ag earbsa as an luchd-gabhail a thagainn cheana gun dean iad an uile dhichioll air toirt air feadhainn eile curga iarraidh. Deanadh gach aon a dhleasanas féin an toiseach agus an sin cuireadh e impidh air muinntir eile. Ma ni iad sin cha chùram nach soirbhich le MAC-TALLA, agus an Gàidheal a tha dileas da chànain nach eil aguidhe sin.

Chaidh Caiptean Myers, a mhuinntir Eilean aPhrionnsa a mharbhadh adhol troimh rathad-uisge St. Peters, a sheachdain gus an Dior-daoin sa chaidh. Bha e cromanh thairis air cliathach an t-soithich agus bhuail a cheann ri maide a bhan taobh an rathaid. Chaidh slige chinn aige a bhristeadh, agus bha e marbh air ball.

Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhen t-seòrsa sin a dhith ort taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aiges tha iad math.


SEALL A MACH.
Airson
STOR UR TAILLEARACHD,
a tha ri bhi air a fogsladh air an ath mhios ann an
STORW . E. PETERS


NIALL DOMHNULLACH,
Ceannaiche.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c . &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE



[357]

[Vol . 4. No. 45. p. 5]

NAIDHEACHDAN

Tham flùr fichead sent am barailte nas daoire air an t-seachdain so na bha e air an t-seachdain sa chaidh.

Chaochail Bantrach Phadruig Vigneau ann am Petit-de-Grat, Di-dòmhnaich sa chaidh, an deigh aois ceud bliadhnasa seachd a ruigheachd.

Tha an t-side fuireach fuar, agus tha tiormachd anabarrach ann. Cha do shil ach gle bheag uisge o chionn còrr us mios, agus tha fàs an fheòir tric fhad air ais.

Than deigh mhor timchioll air Newfoundland fhathast, agus acumail shoithichean air ais gu mornan turus. Chan eil teagamh nach en deigh a bhi cho faisg air laimh a tha fàgail an àite so cho fuar.

Ghoirtich fear Padruig Dugas ann an Arichat, a chas o chionn ghoirid le urchair a dhfhalbh á gunna air. Bha i air a milleadh cho donas gum bfheudar a gearradh dheth agus chaochail e toiseach na seachdain so an deigh pian mor fhulang leatha.

Tha sinn acluinntinn bho chuid de luchd-gabhail aMHAC-TALLA nach eil iadga fhaighinn cho riaghailteachs bu chòir dhaibh. Chan eil fhios againne ciod a tha cearr, ach ni sinn ar dichioll air fhaotainn a mach. Neach sam bith a chailleas àireamhan dhen phaipear, leigeadh e fios ugainn, agus ma bhios iad againn theid an cur ga ionnsaidh.

Bha coinneamh aigConservativesna siorrachd so Di-màirt sa chaidh, agus roghnaich iad Sir Tearlach Tupper agus Eachunn F. Dùghlach gu ruith air son a bhi nan luchd-pàrlamaid re nan còig bliadhna tha tighinn. Bha coinneamh aig naLiberalsDior-daoin, agus roghnaich iad an Dotair Kendall agus Ioseph Mac-a- Phearsain gu ruithnan aghaidh.

Chan eil gnothuichean ach gle fhad air ais anns achuid so den eilean. Chan eil ach beagan obrachga dheanamh anns na mèinnean, agus tha sin acumail abhaile air ais. Tha airgead gle ghann. Tha laimhrig a ghuail na tàmh cho fad so, ach tha sinn acluinntinn gu bheil dùil aca bhi luchdachadh guail aice an ùine gun bhi fada. Bha dùil aig a Chuideachd an gual a chur a mach uile aig aWhitney Pieragus ann an Louisburg, ach a réir coltais, tha iad a dol a chur a mach pàirt dheth ann an Sidni.

Chaidh dithis dhaoinòga a bhàthadh ann an acarsaid Sidni Tuath a sheachdain gus an Dior-daoin sa chaidh. Bu sheòladairean iad a bhair soitheach-seolaidh Frangach a bha stigh, agus chaidh iad féin agus fear eile dhen sgioba am mach le bàta beag siùil. Chaidh am bàta thairis. Ghreimich iadnan triùir air abhàta agus chum iad an uachdar car treis ach thug an dithis so suas mun dràinig cuideachadh, agus chaidh am bàthadh. Bha corp fir dhiubh air fhaotainn air uachdar an uisge, ach cha dfhuaireadh corp air fhir eile fhathast. Cha robh fear dhiubh ach naodh bliadhndeug a dhaois, agus am fear eile da bhliadhnair fhichead.

Chaidh ionnsuidh a thoirt o chionn ghoirid air muinntir baile St. Malo ann an Cuibeic a phuinnseanachadh. Chuir cuìd-eigin tòrr de Pharis Green ann an tobar as am biodh an sluagh atarruinn uisge. Ach gu fortanach fhuaireadh am mach gu robhm puinnsean air a chur ann mun deachaidh an t-uisge a chur gu feum.

Bha nighean òg ann an Iberville an Cuibeic adol dhachaidh á factoridh anns an robh ig obair oidhche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh, agus air dhi a bhi dol seachad air drochaid, chuir i dhith a h-adsa brogan, ’s leum i dhan amhuinn. Bhan struth gle chas anns an amhuinn agus chaidh a bàthadh. Chan eil fhios gu de thug oirre crioch a chur oirre féin.

Tha fear Uilleam Mac Coinnich afuireach air Binn-nan-Gearrloch a bhios ceud bliadhnasa deich a dhaois ann an Iulaidh sa tighinn. Thainig e mach á Gearrloch o chionn còrr us leth-cheud bliadhna, agus thog e fearann air a bheil e fuireach fhathast. Tha e slán fallain, agus comasach air beagan obrach a dheanamh. Cha do chleachd e speuclairean riamh. O chionn chòig bliadhna choisich e aon latha seachd mile air aiss air adhart dhan eaglais, agus as t-samhradh sa chaidh choisich e choimhead air nighinn dha a tha fuireach da mhile bhon àìt aige fhéin.

Chaidh fear Eachunn D. Dùghlach a mhuinntirChristmas Islanda bhàthadh eadar sin us Baddeck, air Di-luain an t-seachdamh latha fichead de dhApril. Chaidh e null do Bhaddeck a dhiarraidh dotair do choimhearsnach dha a bha tinn, agus dhfhàs an latha gle stoirmeil, cho stoirmeils nach robh dùil gun toireadh e ionnsuidh air tighn dhachaidh idir. Ach thug e an ionnsuidh, agus chaill e a bheatha. Tha e coltach gu robh e feuchainn ris a bhàta thoirt mun cuairtnuair a thainig oiteag làidir air, agus air dha an seòl a lasachadh, rug tonn air agus mar sin chuireadh am bàta thairis. Bha daoinega fhaicinn bhar cladach Washabuckt. Bha e na dheagh mharaiche, cho mathsa bhasan sgireachd. Bha e da fhichead bliadhnasa tri a dhaois, agus dhfhàg e bantrach agus ceathrar chloinne.


BAIS.

Ann am Malagawatch, air an 16mh latha de dhApril, Flòiri Nic Coinnich, ceithir fichead bliadhna sa còig a dhaois.

Aig Forks Shidni, air an 9mh latha den Mhàigh, Cairistiona, bantrach Dhomhnuill Mhic Fhionghain tri fichead bliadhnasa coig deug a dhaois.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont.


MAIGH, 1896.

1 Di-haoine. A Bhealltuinn.
2 Di-sathairne. Fhuaireadh Jamaica. 1494.
3 DI-DONAICH. IV Donaich an deigh Caisge
4 Di-luain. An cairteal mu dheir. 11.11, m.
5 Di-mairt. Bàs a bàird Mhic Dhunleibhe 1873
6 Di-ciaduin. Ghlacadh Cuibeic, 1776.
7 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh, 4.46.
8 Di-haoine. A Ghrian alaidhe 7.7.
9 Di-sathairne
10 DI-DONAICH. Di-donaich na h-athchuinge.
11 Di-luain
12 Di-màirt. An Solus Ur. 3.33 feasgar.
13 Di-ciaduin. Bàs Dhonnachaidh Bhàin, 1812
14 Dior-daoin. Dior-daoine naomh.
15 Di-haoine
16 Di-sathairne. An fheill Bhrannain.
17 DI-DONAICH. An fheill Chatain.
18 Di-luain. An Eaglais Shaor, 1843.
19 Di-màirt. Fosg. Sgoil Chill-Ribhinn 1411
20 Di-ciaduin. Bàs Cholumbuis, 1506.
21 Dior-daoin. Ceannaircsna h-Innsean, ’57
22 Di-haoine. 20) A cheud Chairteal, 27, mad
23 Di-sathairne
24 DI-DONAICH. Di-donaich na Cuingis.
25 Di-luain. A Ghrian ag èiridh, 4.28.
26 Di-màirt. An Solus Lan, 5.43. feasgar.
27 Di-ciaduin. A Ghrian a laidhe, 7.28.
28 Di-daoin. Comunn Galach Lunnain 1778
29 Di-haoine. Aiseag an II. Righ Tearl. 1660
30 Di-sathairne. Bas an Easbig Leslie, 1596.
31 DI-DONAICH. Di-donaich na Trianaid.


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas cungaidhean air son leigheas agus neartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.



[358]

[Vol . 4. No. 45. p. 6]

TURUS FHINN DO LOCHLANN.

(Air a leantuinn.)

Dhfhalbh iad gun dàil le Fionn a suas don Ghleann, far an robh an glas afuireachd. Cha deachaidh iad ro fhada leis anns aghleann an uair a chualiad donnalaich achoin a tighinn. Thug iad sùil, agus nuair a chunnaic iad e thubhairt iad richeile gun robh an t-àm aca-san a bhi teicheadh. Ghrad thill iad air an ais, agus dhfhàg iad Fionn fo mheachainn achoin.

Nis ben aon chuid de Fhionn fuireachd agus teicheadh. Nan teicheadh e, bhitheadh e air a chur gu bàs, agus nam fuireachadh e, cha bhitheadh e ach air a chur gu bàs, agus bha cho math leis tuiteam leis achù agus tuiteam le naimhdean. Agus le sin dhfhuirich e.

Bhan glas atighinn le chraos fosgailte, agus a theanga mach air leth taobh a chraois. Bha gach smut a chuireadh e as a shròin, alosgadh tri mile roimhe agus air gach taobh dhe. Bha Fionnga chràthadh le teas analach a choin agus chunnaic e gu soilleir nach bfhadaburrain e seasamh ris. Smaointich en seo ma bha féuman slabhruidh Bhrain, gun robh an t-am a bhiga tarruing. Chuir e a làmhna phoca, agus an uair a bhan an dluth-astarda thug emach i, agus chrath e ris i. Ghrad-sheas an agus thòisich e air bogadh earbaill. Thàinig e an sin air aghaidh far an robh Fionn, agus dhimlich e gach créuchd a bhair o mhullach a chinn gu bonn a choise, gus an do leigheis e le theanga na loisg e leanail. Mu dheireadh spàrr Fionn slabhraidh Bhrain mu amhaich achoin ghlais, agus theirinn e staigh an gleann agus an air lomhainn aige.

An iochdar aghlinne bha seann bhodach agus seann chailleach afuireachd a bàbhaist a bhi biadhadh achoin ghlais. Bhachailleach aig an dorus, agus nuair a chunnaic i Fionn atighinn leis achu leum i staigh aglaodhaich agus abualadh a bas. Dhfheòraich am bodach dhi gu chunnaic i no gudhfhairich. Thubhairt i gum fac i ni mòr, duine cho mòr agus cho briaghsa chunnaic i riamh ateàrnadh a staigh an gleann us an glas air lomhainn aige. “Ged bhitheadh sluagh Lochlainn agus Eirionn cruinn,” arsam bodach, “cha bhitheadh duinenan measg uila burrainn sin a dheanamh ach Fionn, Righ na Féinne, agus slabhraidh òir Bhrain aige.” “Ged be sin fein e,” fhreagair achailleach, “tha e tighinn.” “Chan fhada gu uair fhios,” arsam bodachus e léum a mach.

Ghabh e air aghaidhan coinneamh Fhinn, agus ann am beagan briathrar chuir iad failtair a chéile. Dhinnis Fionn da bho thoiseach gu deireadh, an t-aobhar mun robh en siod. An sin dhiarr am bodach air dol a staigh gus an leigeadh e dheth a sgios, agus gus am faigheadh e biadh us deoch.

Chàidh e staigh, Dhinnis am bodach don chaillich an sgeul a dhinnis Fionn da. Agus an uair a chualachailleach an sgeul, chòrd e rithe cho math, agus gun dthubhairt i ri Fionn, gum be a lan-bheatha fuireachd anns an taigh aice-se gu ceann las bliadhna. Ghabh Fionn ris achuireadh gu toileach, agus dhfhuirich en sin.

An ceann laus bliadhna chaidh achailleach a mach, agus sheas i air cnoc làimh ris an taigh. Bha i greis asealltainn air gach ni a chitheadh i, agus éisdeachd ris gach sian a chluinneadh i. Mu dheireadh thug i suìl a sios ris achladach, agus chunnsic i sluagh anabarrach mòr nan seasamh air Tràigh Mhòir Lochlainn.

Ghrad-ruith i staigh abualadh a bas agus ag éigheachd a creach, agus a shùil cho mòr ri guit leis an eagal. Léum am bodach air achois, agus dhfheòraich e dhi gu a chunnaic i. Thubhairt i gum faci ni nach fhaci riamh roimha leithid. “Tha sluagh gun àireamh air an Tràigh Mhòir sin shìos, agus tha aon fhear claon ruadh ann, agus chan eil mi smuainteachadh gum beil a chéile-còmhraig an nochd fo na rionnagaibh.” “Oh!” thubhairt Fionnus eleum air a chois, “sin agad cuideachdan mo ghràidh! Leig a mach minan coinneamh.

Dhfhalbh Fionn leis achu ghlas a sios a dhionnsaidh na tràghad, agus an uair a chunnaic a chuid daoine tighinn beò slàngan ionnsaidh, thog iad iolach mhòr ghàirdeachais a chualas ann an ceithir chearnaibh Lochlainn. An sin chuir iad féin agus an Righ saoghalta fàilte chairdeil air a chéile. Agus ma bhan fhàilt eadar iadsan agus Fionn càirdeil cha bu lugha na sin a bhan fhàilt eadar Bran agus an glas càirdeil, oir be so a bhràthair a thugadh maille ris as achaisteal.

An sin thug iad dioghaill air na Lochlannaich a chionn mar a bha iadsan dol a dheanamh air Fionn. Thòsich iad ann an dara ceann Lochlainn, agus cha do stad iad gus an deachaidh iad a mach air acheann eile.

An deigh dhaibh Lochlann a chur fo chis thill iad dachaidh, agus an uair a ràinig iad Talla Fhinn rinn iad cuilm mhòr, ghreadhnach, aighearach a bha laus bliadhna air chumail.


Ann an Sina, ma gheibh duine bàs am feadh a tha en sàs air son murt, tha sin air a ghabhail mar chomharradh cinnteach gu robh e ciontach. Shiubhail esan, ach feumaidh cuideigin fulang air son a chionta, agus theid a mhac as sine a chur dhan phriosan. Mur eil mac aige, an sin bheir an lagh lamh airathair no air a bhràthair, agus theid fear aca sgiursadh. Tha an t-olc anns an teaghlach, agus feumaidh cuid-eigin dioladh air a shon.

Anns an Eadailte tha bristeadh air gealladh-pòsaidh air a mheas na ni gle dhonra. Mas in nighean a theid an cois a facail, theirear mar fhar-ainma chomhachagrithe, agus bidh i air a seachnadh leis na daoin ògas fhearrs an àite, aguss ann gle ainneamh a theid aice air deagh phòsadh adheanamh.

S em paipear-naigheachd as fhearr a tha pàigheadh air an t-saoghal, anWorld ,a tha air a chur a mach am baile New York. Air a bhliadhna sa dhfhalbh, an deigh gach cosgais a bha timchioll air a bhi pàidhte, bha gle fhaisg air da cheud deug mile dolair ( $1200 .000) air fhàgail aig luchd-seilbh a phaipeir.

Is iomadh ni a dhfhaodas tighinn ann an rathad duine ris nach bi sùil sam bith aigena òige. An uair a bhios an cruaidh-fhortan ag iathadh mun cuairt do dhuine, feumaidh e cur suas le iomadh èis, agus le iomadh companach-leapadh air nach robh aithne no eòlas aige ann an tùs a làithean.

Gabh an cothrom fhads a gheibh thu e. Caoinich am feur an uair a bhios an turadh ann. Dean maorach an uair a bhios an tràigh ann. Thaàm fhein air son a h-uile ni fon ghrein.

Ma bhios ni sam bith ann a chuireas smal air daodach, seachainn e; agus seachainn mar an ceudna gach ni a bheir mi-chliu air dainm.



[359]

[Vol . 4. No. 45. p. 7]

Thug sinn iomradh air an t-seachdain sa chaidh air a ghreadhnachas leis am bheil Sàr Ruisia ri bhi air a chrùnadh, agus a chosguis a tha gu bhina lorg. Faodaidh sinn a radh an so nach robh an t-Iompaire a than dràsda air a Ghearmailt air a chrunadh idir, agusses aobhar dha sin gum bfhearr leis greadhnachas neo-sheadhail a chrùnaidh a sheachnadh agus an t-airgead a rachadh a chosg timchioll air a ghleidheadh dhan duthaich. Tha daoine ag amharc air an Iompaire mar dhuine nach eil cho fior ghlics bu chòir do fhear-riaghlaidh Iompaireachd a bhith, ach anns an ni so, nochd e gu bheil beagan de ghliocas a sheanamhar aige.

Thatar abruidhinn air Reiseamaid Shaor-thoileach Ghàidhealach a thogail ann an Dun-Eideann air an t-samhradh so. Tha muinntir abhaile dhen bharail gum bu chòir do cheanna-bhaile na h-Alba réiseamaid a chumail suas de shaighdearan a bhiodh air an còmhdach anns an t-seann deise Ghàidhealaich. Bha réiseamaid de ghillean an fhéillidh anns a bhaile gus o chionn choig deug no fhichead bliadhna; chaidh a cur ma sgaoil an uair sin, agus tha iad adol a thoirt ionnsuidh am bliadhna air ùr a churna h-àite. Buaidh leis na seòid!

Bhuinneadh am bata a bhios ban-righ Victoria a giùlan, do righ Tearlach II, agus tha e air a dheanamh air meur dhen chraoibh dharaich annsn do dhfhalaich enuair a bha salghdearan Chromwell an tòir air. Tha a bhan righ an deigh a chur mar cheann air a bhata, iodhal aoraidh beag a chaidh a chur uice as na h-Innsean.

Tha cuid-eigin an deigh a dheanamh suas gu bheil gillean-posta Lunnainn eatorra air fad acoiseachd còrr us da fhichead us ochd mile de mhiltean gach latha, no astar a dha fhaides ged a rachadh duine ceithir-thimchioll an t-saoghail.

Anns a bhliadhna 1770, bha sia fichead coire ann air son am faodte duine chur gu bas fo lagh Bhreatuinn, agus bha ena ni cumanta da fhichead us leth-cheud duine bhi air a dhiteadh gu bàs aig an aon chuirt.

Tha eich fhiadhaich air fàs cho lionmhor ann an Queensland, an Astralia, ’s gu bheileasgan tilgeadh air son an àireamh a chur an lughad.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


G H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha thanar beachd.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[360]

[Vol . 4. No. 45. p. 8]

AISLING MARI.

Rugadh Iain Lowe, ughdar an orain so, an Galloways bhliadhna 1750. Chaochail e a faisg air Fredericksburg sna Stàitean sa bhliadhna 1798. Bha Alasdair Muilleir, an fear a chaidh a bhathadh na dhoctair. Bha e a dol a phosadh Mari. Bha Lowe na fhear-teagaisg an taigh a h-athar nuair a chaidh a leannan a bhàthadh. ’S es dòcha mar sin gun deach an t-oran a dheanamh mun bhliadhna 1770. Chaidh a thionndadh gu Gaidhlig uair no dha. Tha e air a thabhairt seachad mar so ann an leabhar sgriobhte a tha agam:—

Nuair dheirich gealach gheal nan tràth
Air creachainn arda bheanntan Dhi,
S a sgaoil im mach a solus aigh,
Ni dealradh anns gach ait am bi,
An sin ghabh Mari sios gu tamh,
S a h-airair Sàndi fad o thir,
Is chual i fann-ghuth ciuin ag radh,
A Mhari leig am bron sin dhiot.

On adhart thog i suas a ceann
A shealltainn co bhiodh ann is i,
S co chunnaic i ach og a graidh,
S a chruth air fàs gu h-uaine li.
O, Mhari luaidh, gur fuar a tha
Min grunnd a chuains mo chàil gun chli;
Gur fada bhuait min suain a bhàis,
S a Mhari, leig am bron sin dhiot.

Tri oidhche dhuinnsa choimh-lion la,
Bu truagh ar càradhs sinn ri stri
Ag iarraidhn iubhrach chumail slàn
A streup ri spairns ri ardan shian.
Nuair lion gach uamhas sinn roimhn bhas,
Mo chridhbha lan le gradh dhuit-fhin.—
Than fhairgaig foiss tha misaig tamh,
S a Mhari, leig am bron sin dhiot.

O, deasaich ort, a sheud mo ghraidh,
S nach fadan dailsan tachair sinn,
An ionad eibhinn ciuin as fhearr,
S cha sgar am bàs gu brath bhuait mi.
Nuair ghairm an coileach dhfhalbh an sgail,
S gun dfhag sud Mari brònach, tinn,
Ach chualin spiorad ciuin ag radh,
A Mhari, leig am bron sin dhiot.

Chuireadh an t-oran so am mach san Teachdaire Ghaidhelach, an September 1829. Chan fheil am fear a chuir a dhionnsaidh an Teachdaire e a toirt deainm ach da litir, C. S. So mair a tha C. S. a toirt duinn a cheud cheathraimh:—

Nuair dheirich gealach gheal nan tràth
Os cionn nam beann as airdthas tir;
S a thaom on ear a solus fann.
A nochdadh chrann, is aird gach ni;
Leig Mari sios i-fein chum pramh,
S a beachd air Sàndi fad o thir:
Nuair chuali guth gu ciuin ag radh,
A Mhari, leig am bron sin diot.

Than t-oran so agam air dhoigh eile, ach chan fheil e gu muthadh cait an dfhuair mi e.

Bhan re air eirigh suas os cionn
Gach beinnis stùic a bairde chit’,
S a tilgeadh sios air tur is craoibh
A soluis aoibh bho gnuis ghil mhin,
An uair laigh Mari sios gu tamh,
A smuain mo gradhs e fad o thir
N sin chuali fann-ghuth ciuin ag radh,
A Mhari, leig am bron sin dhiot.

On adhart thog iceann gu foil
A dhfheoraich co bha labhairt ri;
S air chrith na lathr bha og a graidh.
A ghruaidh glas-bhànsa shuil gun li.
O Mhari ghaoil, is fuar mo chré,
Fo thonnaibh beucach, ’s e gun chli;
Is fada bhuait min suain a bhàis,
Sa Mhari, leig am bron sin dhiot.

Tri làithean cruaidh’ ’s tri oidhchean buan
Bha sinn le buaireas stuadh gar claoidh,
S a stri rir long a chumail suas,
Ach bfhaoin ar cruadal dhuinns ar stri.
S an am sam buamhasaichar càs
Lan-liont le gradh dhuit bha mo chridh’;
Than stoirm air sgur, ’s tha misaig tamh,
S a Mhari, leig am bron sin dhiot.

Dean deas, gun dail, a sheud mo ghraidh,
Oir tachraìdh sinn air traigh na sith’;
Far am bi gradh gun bhron, gun chradh,
S cha sgar am bas o cheile sinn.
Aig gairm a choilich dhfhalbh an sgàil,
Sa nis a gradh chan fhaiceadh i;
Ach chualin spiorad caoin ag radh,
A Mhari leig am bron sin dhiot.

Their cuid nach h-eil sin dhiot ceart, gur h-e sin diot bu choir a bhi ann. Cuireadh iad sin ann mas e as freagarraiche. Tha fios agam gun stad am facal dhiot ann an sgornan morain. Chan fhaigh iad e a freagairt ann am fuaim do dhi, sinn, is sith. Gheibh na h-Earraghaidhealaich lan cheart e. Freagairidh a cheud leth de gach ceathramh, ’s e sin cho fadsa tha fuaim nam facal a dol, sluaghs am bith. Gu fortanach than leth mu dheireadh agam air dhoigh eile. Rinneadh an leth so airson nan Abrachs nan Tuathach.

Bhan re &c
An uair laigh Mari sios gu tamh.
Sa smuain mu gradh air cuan nan sian.—
N sin chuali fann-ghuth ciuin ag radh,
A Mhari, leig am bron sin diot,

On adhart &c .
A Mhari ghaoil, is fuar mo chré,
Sintfo na beuc-thuinns gairge fiamh,
Is fada bhuait min suain a bhais,
Sa Mhari, leig am bron sin diot.

Tri laithean cruaidh &c .
S an amsam buamhasaich ar càs,
Mo chridhle gradh bha dhuit-sa liont’;
Than cuan fo fheith, ’s tha misaig tamh,
Sa Mhari, leig am bron sin diot.

Dean deas gun dail &c .
Aig glaodh a choilich dhfhalbh an sgail.
An ait a graidh bhan oidhche chiar,
Ach chualin spiorad ciuin ag radh,
A Mhari, leig am bron sin diot.

, a ghealach. Aoibh, taitneach no aoibheil. Cré, corp.

A. M. S.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B

titleIssue 45
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 45. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page