[361]

[Vol . 4. No. 46. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 23, 1896. No. 46.


Seumas Fawcett.

Tha beathan duine so a nochdadh gu soilleir gur-a mor na theid aig duinair a dheanamh ma bhios an toil aige, a dhaindeoin cho doirbhsa bhitheas an ni sin a chuir e roimhe a thoirt gu crich. Chaidh aige air faotainn a stigh don Pharlamaid Bhreatunnach, agus fhuair e aon de na dreuchdan bu chudthromaichesan rioghachd, agus e aig acheart àm dall.

Nuair a bha e fhathastna ghille, rinn e suasinntinn gum biodh e lath-eiginna bhall de Thigh nan Islean, agus bha gach ni a bha e deanamh air a dheanamh le sinsan amharc aige. Bha e direach an deigh a chùrsa ann an collaiste Chambridge a chriochnachadh, aig aois choig bliadhna fichead, ’nuair a chaidh e aon latha mach a shealg còmhla ri àthairs ri sgioba de chàirdean ann an ceann a deas Shasuinn. Ann an dol troimh phàirce a bhan sin, chaidh an duinòg beagan air thoiseach air càch, agus beagan an deigh sin loisgathair, aig nach robh ach droch fhradharc, urchair air ian a bha direach an rathad a bha mhac. Chaidh a chuid bu mhò dhen urchair anns an ian, ach chaidh da ghràinein air seacharan agus chaidh iad an sùilean a mhic, a deanamh toll cruinn troimh gach sùilsan speuclair aige, agusga dhalladh ri bheò. An ceann dheich mhionaidean, tha e-fhéin ag innse dhuinn, bha e air inntinn a dheanamh gun leanadh e roimhe mar a rùnaich e oòige. Dall, bochd, agus gun eòlas sam bith aig an t-saoghal air, chuir e roimhe gum faigheadh e do Thigh nan Islean, agus an ceann sheachd bliadhna aig aois da bhliadhndeug air fhichead, fhuair e a rùn agus ghabh eàite suidhesa phàrlamaid. ’Nuair nach robh e ach da fhichead bliadhnasa sia a dhaois, dhéirich e gu bhina Ard-Phost-mhaighstir na rioghachd. A bharrachd air an onair sin choisinn e cliù mor mar ùghdar, agus mar fhear-teagaisg ann an aon de àrd oilthighean Shasuinn. Ged-a bha aige ribheatha chur seachad ann an tiugh dhorchadas, bha e daonnan aoibheil, toilichte. Bha e adeanamh feum iomchuidh de nithean matha na beatha so. Bha e gle mheasail air ceòl, agus rachadh aige air iomadh seòrsa cleas a chluich. Bfhior thoigh leis a bhig iomradh, agus bhiodh e eadhon a sceiteadh air an deigh, agus greim aige air an darra ceann de mhaide a bhiodh an laimh fir eile. ’Na dhreuchd mar Ard-Phost-mhaighstir, bha ena dhuine cumhachdach. Rinn e iomadh riaghailt mhath inntreachadh, agus gu h-àraidh an lagh leis an robh na bancaichean-cùmhnaidh air an cur air chois. Chaochail e leis an amhaich-ghoirtsa bhliadhna 1884.


Naigheachdan a New Zealand.

Thainig bàs cràiteach air bean ann am Mangawai, sgire faisg air Waipu, o chionn ghoirid, bantrach Ghilleasbuig Stiubhairt. Chaidh a losgadh cho donas nach robh i beò ach beagan uairean de thim. Bha i muigh acoiseachd eadar tomannan garbha de luachair a tha fàssan talamh. Bha am feur na theine agus ghreimich an lasair air a cuid aodaich. Ged a thug i gach oidhearp air an teine chur as, bha a h-aodach uile air a losgadh gucrios. Choisich i air eigin don tigh-bhainne agus shuath i (uachdar) ris achuid a bha loisgte; chaidh in deigh sin a stigh don tigh, agus thug i an leabaidh oirre. Thuit na h-ìnean bhar meòirean a casan. Chaill i faireachdain a bodhaig, agus cha deanadh leigh feum dhi. Cha do labhair i ach da fhacal mun do chaochail i. Bha i mu thri fichead bliadhnasa deich a dhaois. Chaochail a companach bliadhna roimpe, agus thiodhlaiceadh e air an aon latha dhen bhliadhna. ’S e bainm dhi Peigi Ros. Bha a cuideachd afuireach air slios na h-Acarsaide Mòire, an Ceap Breatunn. Bha ina boirionnach còir, measail.

Bha teas agus tiormachd mhor anns an earainn so den dùthaich air an t-samhradh sa chaidh. (Than samhradh againnenuair a than geamhradh agaibh-se.) Bha còrr us tri miosan gun bhoinne uisge thuiteam as an speur. Bhan talamh mar gum biodh e air a bhruich mar chlachan-creadha, am feur loisgte agus cho tiorams gun deanadh sradag theine a lasadh mar fhùdar. Thòisich teintean mora ann an iomadh àite, agus leis an tiormachd bha an teine gabhail roimhe, agus asgrios leudan mòra de choille, taighean-còmhnuidh agus liosan mheas-chraobh, asguabadh roimhe gach ni a thigeadhna rathad. Bha treud mor de chaoraichs de spréidh agabhail fasgaidh anns achoille, asireadh luibhean us ghnothuichean ri ithe; chuartaich an teine iadsa choille, cha robh dòigh acair teicheadh, agus chaidh an losgadh còmhla ris gach ni eile. Bha an teine na bu mhiosa ann am meadhon na dùthcha far an robh moran de dhfhearann fo choille. Tha an talamh a nise cho loisgtes nach fhàs feur no ni eile gun fras a chur. Agus chan eil teagamh agam nach feum cuid de dhaoine bochda cuideachadh fhaotainn air son siol-cur a cheannach.

IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z., April 15.


Tha sinn fadan comain na feadhnach a chuir ugainn pàigheadh a phaipeir na seachdain, agus tha sinn an dòchas gun dean moran eile an ni ceudna air an ath sheachdain, ’s air gach seachdain a thigna deigh. Tha cosgais mhor ann an cur a mach paipeir. Tha sinn toilichte bhicur fàilte air àireamh de luchd-gabhail ùr a chuir an ainmean ugainn o chionn ghoirid; tha sinn an dòchas gun taitinn am MAC-TALLA ruitha, agus gun toir iad moran eile gu eòlas a chur air.



[362]

[Vol . 4. No. 46. p. 2]

COMHRADH

EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR.

MUR. —Is minic a chualsinn, a Choinnich, “Nach tig an cota glas co maith do na h-uile fear,” ach gun teagamh sam bith is maith than cota glas atighinn dhuit-sa, fhir mo chridhe, agus gu mo slan a bhitheas tu ga chaitheadh. Ach ciod i do naidheachd, agus ciamar tha Seonaid choir, agus an teaghlach gu leir on chunnaic mi mu dheireadh thu? Is mi tha toilichte dfhaicinn. Dean suidhe an sin, agus cluinneamaid gach ùrachd a tha agad ri aithris.

COIN. —Ma ta, a Mhurachaidh, far greim air do laimh, agus innis domh do chor, agus cor gach sean agus ogn ad fhardaich. Cha bheag mo sholas tachairt riut an duigh, a charaid ionmhuinn, agus mar an ceudna co traths an la. Mureil cabhag ort, cuiridh sinn beagan uairean uine seachad cuideachd, a chum gun tig sinn air na cuisean a thachair air feadh an t-saoghail on chunnaic sinn a cheile roimhe, agus tha nis iomadh seachdain o sin.

MUR. —Mo lamh sa dhuit, a Coinnich, gun suidh mise gu socaireach fhads a thogaireas tu, chum gach ur-sgeul a chluinntinn, agus comhradh taitneach a bhi againn mu na nithibh a bha agus a bhitheas. Ach, acharaid, cha laidh mo shuil air do chota glas, oir is maith e. Chaneil teagamh agam nach i obair Seonaid choir than sin, agus is tlachd mhor a dhfhag i e; agus rinn an taillear, ge be co e, a chuid fein den ghnothuch gu snasmhor, ceanalta.

COIN. —Tha thu gle cheart, a Mhurachaidh, oir roghnaich Seonaid na h-urad de rusgaibh nan caorach a bhagam air an Leitear-Bhuidhe, chum an trusgan so a dheanamh do charaid araidh dan ainm Murachadh Ban. Lelamhaibh fein chard, agus cho-thlam, agus shniomh i e. An sin, thug i do Dhomhnull Breabadair e, a ris chuireadh air abhord-luaidhe e, gus an drinneadh e co tiugh ri cluais laoigh. An deigh sin ghearradhn a dha leth e, agus leis an darna leth rinn Fionnladh Tailleir suas e mar a tha thug a fhaicinn, agus than leth eile aig Seonaid anns achiste dheirg, agus á sin cha tig e gus an teid Murachadh Ban ga iarraidh.

MUR. —Direach, glan, ceart, a Choinnich, tha Murachadh Ban fada fada an comain Seonaid, tha gun teagamh; chaneil fios co a dheanadh a leithid ach i fein; ach tha i tuilleadhs ceanalta, coir, air an doigh sin, agus bu dual athar agus mathar dhi sin, mar is maith tha fios agamsa. Tha ise adearbhadh an t-sean-fhocail a deir, “Gum bheil gride nan sinnsear anns an t-sliochd.”

COIN. —Cha tig e dhomh-sa gunaideachadh gu saor a Mhurachaidh, gur gleusda, tapaidh, dileas, agus glic abhean Seonad. Tha i dleasnachail da companach agus da cloinn, cairdeil don bhochd, suairce ris na h-uile, agus air gach seoln a deagh bhean-tighe. Nam biodh i a chaochladh sin, bhriseadh i mo chridhe, oir is minic a chual thuGun ceannsaich gach fear an droch bhean, ach esan aig am bheil i.”

MUR. —Ro fhirinneach, a Choinnich, ach chaomhain am Freasdal thusa o gach trioblaid agus briseadh-cridhe air an doigh sin; agus tha fios aig an t-saoghal gur i Seonaid a rinn duine dhiot, a Choinnich. Mun do phos thu, tha cuimhnagad fein, mach robh annad ach sliomair mor de bhalach luidseach, neo-chuimir, agus slaodachn ad sgeudachadh. Seadh, a charaid, tha deagh fhios agad nach robh anns an am sin aite sam bith cho taitneach leat, agus anns am bu trice am bitheadh tu, na tigh-osda Dhonnachaidh Thailleir. Ochan is iomadh sgillinn gheal agus ruadh a dhfhag thus an tigh sin; agus is iomadh la agus oidhche a chuir thu seachad ann, air bheag buannachd do dchorp no do danam. Ach air sin gu leir chuir Seonaid grad chrioch, agus cha bannn a thrath. Is cianail rismuaineachadh air a liuthad teaghlachs a tha air an creachadh le amaideachd ceannard an teaghlaich anns an tigh-osda. Tha e ciontach de pheacadh a tan a mhathair-aobhair do gach peacadh. Tha e amilleadh a chliu agus a chodach, acur as don chloinn aige leis an ocras, agusg an sgeudachadh le luideagaibh suarach agus salach. Tha etoirt air falbh gach sithe agus suaimhneiss an t-saoghal a ta lathair, aguss an t-saoghal a ta ri teachd, agusg a sgriosadh fein, leshuilibh fosgailte, eadar anam agus chorp.

COIN. —Ma ta, a Mhurachaidh, chaneil duil agam nach deanadh tu ablach mhaith de ministeir, oir cha bfhearr na sin a burrainn seann Mhaighstir Domhnull againn fein a chur a mach as achupaid aige. Gidheadh, feumaidh mi aideachadh le taingeileachd, gum bheil Seonaid bhochd airidh air gach cliu a tha thu acaradh air a ceann. Cuin a thig thu don Ghoirtean-Fraoich a dh-fhaotuinn do chota-glais oir cha chuir Seonaidn ad ionnsaidh e gus an teid thu ga iarraidh? Thig, a charaid, ann an uine ghoirid le run gu fantuinn maille ruinn re dha na tri oidhchean, agus gabhaidh Fionnladh Tailleir do thomhas, agus ni e do chota gu freagarrach dhuit mum fag thu an tigh againn.

MUR. —Tha mi fada, fadan ad chomain, aChoinnich choir, agus tha mi moran nis mo na sin an comain Seonaid air son a cumhneachain agus a caoimhneis do mthaobhsa. Bheir mi oidhirp air dol a shealltuinn ort an uair a bhios comas agam, agus air fuireach maille riut fhads a cheadaicheas mo ghnothuichean domh sin a dheanamh; agus cuiridh mi litir don Ghoirtean-Fraoich la no dha mun ruig mi, a dh-innseadh an ama air am feud duil a bhi agad rium.

COIN. —Mo bheannachd agad, a Mhurachaidh, bheir an naidheachd sin solas nach beag do Sheonaid, an uair a dhinnseas mise sin dhi; ach na cuir dail ro fadas aghnothuch air eagal gum bi sinn acall ar foighidinn.

MUR. —Ach a nis, a Choinnich, air duinn na cotaichean glasa, agus an turas dan Ghoirtean-Fraoich a chur air doigh, cluinneamaid mas e do thoil e, ciamar tha do mhaighstir mor, Sir Seumas, agus ciamar tha an spreidh Eireannach, atighinn air an adhairts an duthaich so, a tha gu tur coimheach dhoibh, agus air iomadh seol nis gairbhagus nis creagaiche na bha na machraichean comhnardagus reidh air an daraicheadh og iad, ann an seann Innis-Fail?

COIN. —Direachan eatorras, mar a bham baile am Baideanach.” Tha Sir Seumas fein gu slan, fallain, ach chaneil aon chuid an crodh no na caoraich atighinn air an aghaidh mar bu mhaith leinn. Chaill sinn na h-uiread de na caoraich le gne thuaineal a thainign an ceann; agus than crodh afuireach caol, seargta, agus neo-bheothail. Chaneil iad idirg am faicinn fein aig abhaile; agus nan tugadh an diugh dhachaidh an dhfhagadh Sir Seumas an tuathn am fearainn fein, agus cha



[363]

[Vol . 4. No. 46. p. 3]

ghabhadh e gnothuch ri sgriob dhethn a laimh fein; is e nach gabhadh.

MUR. —Tha mi ga ddheagh chreidsinn, a Choinnich, agus on toiseach cha robh achaochladh barail agam; oir, chan fhaca mi riamh uachdaran asoirbheachadh an uair a ghabhadh e am fearann aigen a laimh fein. Chaneil e ceart sin a dheanamh, agus chaneil, cha robh, agus cha bhi beannachdn a lorg. Ach is iad na laghanna seilge sin a chuir eadar Sir Ssumas agus an tuath agus bfhearr da gu mor an diugh nam biodh e air lan-chead a thoirt doibh air gach gearr agus cearc fhraoich, gach fiadh agus earb air an oighreachd a smaladh as, na dealachadh ri deagh thuath mar a rinn e.

COIN. —Ro cheart, oir is fhad on chual sinn gunteagaisg cleachd agus fein-fhiosrachadh na h-amadain,” agus theagaisg iad gu dileas Sir Seumas, ge be co dan aidicheadh se e. Gu cinnteach fhuair e a chorragan a losgadh, agus bithidh tacan maith mun slanaichear iad, oir bha na leoin guineach agus searbh.

MURCha robh ni sam bith co taitneach mun ghnothuch gu leir ris an toilinntinn a thug do thuras Eireannach dhuit fein, a Choinnich, an uair a chual agus a chunnaic thu iomadh ni a thug lasgan gaire ort, ged nach dfhuair mise cothrom ort fathast chum a bheag de na nithibh sin a chlunntinn. Ach is e nis an t-am, agus socraich thu fein re sealain gus an aithris thu dhomh beagan tuilleadh dhen tapachd a dhfhiosraich thu.

COIN. —Ni mise mo dhichioll, ma ta, air sin a dheanamh. Bha mi aon la air feill, agus co a bha ri mthaobh ach saighdear a bhuineadh don aite sin. Bha en a sheasamh agus a cas-labhairt, gus an robh e air achuairteachadh mu dheireadh leis na ficheadaibh sluaigh a bhag amharc air an aid aige le toll peileir innte. “Seallaibh air an toll so,” arsesan, “agus tha sibhfaicinn nam biodh in a h-aid le crun iosal, chaidh am peileir troimhn cheann agam.”

MUR. —Is maith a thubhairt an saighdear bochd, ach ciod tuilleadh?

COIN. —Air la eile, bha duine beag, luideagachn a sheasamh goirid uam, agus dhluthaich coimhearsnach dha fein ris a thubhairtCha deachaidh thu do bhaile Chorc an diugh, a Phat,” “Ochan! cha deachaidh, a ghraidh-geal mo chridhe, oir dhinnis duin’ -uasal domh gun robh dubhradh gu bhi air aghealaich an so an nochd, agus dhfhuirich mi gus am faicinn e.”

MUR. —Mo bheannachd air Pat bochd! bha duil aige nach robh gealach idir ann an Corc, mar a bha far an robh e, agus dhfhan e gu glic gus am faiceadh e an dubhradh. Ach am bheil cuimhagad air dad tuille.

COIN. —Air la araidh bha Eireannach agabhail na slighe an deigh lorg mhor mhaide a ghearradh á coille oig a bha ri taobh an rathaid. Chomhlaich an t-uachdaran e anns an eudann agus thubhairt e ris, “Fhir gun naire, innis domh air ball, cait an do ghearr thu an lorg sin, oir is maith achraobh a mhill thu? Cait an do ghearr thu e?” Thionndaidh Pat a ghnuis ris an duin’ -uasal, agus acur a chorraig ri barr amhaide, thubhairt e, “ghearr mi direach tarsuing an sin e.”

MUR. —Cha robh an duin’ -uasal air a dheanamh abheag nibu ghlice leis na ceistibh a chuir e ris abhalach bhochd. Ach chaneil sin co maith ri Eireannach a chunnaic miseg iarraidh oibre air tuathanach a bha goirid o Ghlaschu. Sheas an duine bochd ri taobh an tuathanaich, a thubhairt ris— “Cha ruig thu leas, a bhalaich, cha ruig thu leas a bhicur draghorm-sa, oir fhuair an dithis mu dheireadh a bha agam as an duthaich agadsa bas air mo laimh, agus beiginn domh an cur fon talamh air mo chosdas fein, agus cha bhi gnothuch agam ri anam tuille as an tir sin, uime sin, bi falbh ma ta.” “Ochan! a dhuin’ -uasail, chan eagal domh-sa, gu firinneach, chan eagal domh-sa, oir gu cinnteach gheibh mi teisteanas o gach maighstir aig an robh mi riamh nach dfhuair mi bàs aig aon diubh. Is mi nach dfhuair, agus feudaidh sibh mo chreidsinn a dhuin’ -uasail urramaich.”

COIN. —Cha drinn an tuathanach gu ceart mur dthug e obair don duine bhochd an deigh gach dichill a rinn e gu dhearbhadh gun robh e beo. Gun teagamh is ro iongantach freagairtean nan Eireannach air amannaibh. Chualmi mu dhithis shaighdear a bha ann roime so aig an robh mor-speis da cheile. Bhan t-aonn a Albannach, agus an t-aon eilen Eireannach. Mun deachaidh iad sios don chath, rinn iad cordadh ra cheile nan rachadh a h-aon diubh a leonadh gun cuidicheadh an t-aon eile leis. Thachair e ann am blar fuilteach gmn do leonadh an t-Albannach le peileir air an leis, agus ghrad ghlaodh e richaraid Eireannach air son cuideachaidh. Thog Pat suas air a ghuaillibh e, agus dfhalbh e leis chum an leigh. An uair a bha e air an t-slighe sguab peileir eile an ceann dhen Albannach bhochd, gun fhios, gun aire da chompanach. Chunnaic an leigh an t-Eireannach agiulan na closaich gun cheann, agus thubhairt e ris, “Cait am bheil thudol le sin, a Phat?” “Cait am bheil midol? Co a chual riamh a leithid, cait ach chum an leigh, gus an leighisear an duine truagh a leonadh co searbh?” “Ach, acharaid,” deir am fear eile, “am bheil thufaicinn gum bheil thugiulan closaich gun cheann?” “Ochan! mo thruaigh an gnothuch cianail! tha mifaicinn sin a nis, ach smuainich air na breugaibh eagallach a labhair an droch-fhear rium; oir co cinnteach ris abhas, dhinnis e dhomhsa gur ann a leonadh e le peileir ann an lag na sleisde.”

MUR. —Is e fior Eireannach a bhas an fhear sin gun teagamh, a Choinnich, an uair a bha e an duil gun robh comas aig fear gun cheann labhairt ris, agus na breugan a chur an ceill da. Ach chuala mise mu Eireannach eile a bha cheart co iongantach ris rn t-saighdear sin, agus innsidh mi dhuit ma thimchioll.

COIN. —Tha sin ceart, a Mhurachaidh; ach rach air daghaidh, agus cluinneamaid ciod a thachair.

MUR. —Bha Eireannach bochd, luideagach aon la ag imeachd air a shocair, agus agabhail an rathaid-mhoir afeadaireachd dha fein. Ghrad chomhlaich e tarbh mor, fiadhaich, aig an robh suilean alasadh mar theine leis achuthach a bha air. Ann am priobadh na sula, leum e air an duine thruagh, thog e suas air adhaircibh e, agus le aon bhras-upag, thilg se e thar garadh-cloiche a bha ri taobh an rathaid. Air don Eireannach bhochd eirigh air a chosaibh mar a bfhearr a burrainn e thilg e suil air an ainmhidh fheargach agus chunnaic se e leshroin air an lar, asgriobadh agus areubadh suas na talmhainn lechois thoisich, mar is cleachd le bruits an staid sin a dheanamh. Rinn Pat bochd snodh-gaire, ’n am da a bhicrathadh a chuid luideag, agus ationndaidh ris an tarbh, thubhairt e,

(Air a leantuinn air taobh 7.)



[364]

[Vol . 4. No. 46. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, MAIGH 23, 1896.

Than cath eadar an da phàirtidh air son riaghladh na dùthcha a dol air adhart, agus afàs nas teotha gach latha. Tha gach taobh acur rompa gun toir iad buaidh, ach cha bhi fhios co aca tha ceart gus an treas latha fichead dhen ath mhios. Chan eil teagamh nach e so taghadh as iomraitiche a bhann o chionn fhada. Bu chòir do gach duine aig a bheil guth ann an taghadh fir pàrlamaid e féin a dheanamh eòlach air na ceistean cudthromach a tha cur dealachadh eadar an da phàirtidh, agus an sin a bhot a thoirt don taobh a shaoileas e bhios ceart. Tha eagal oirnn gu bheil tuilleadhsa chòir den luchd-taghaidh anns gach cearna de Chanada nach eil arannsachadh nan nithean so mar bu chòir dhaibh, agus a tha uime sin car dall a thaobh ciod is còir dhaibh a dheanamh. Cha bu chòir sin a bhi mar sin idir. Bu chòir do gach aon a bhi eòlach air gach oùis a tha faotainn aire nam pàirtidhean, agus an sin rachadh aige air breith cheart agus chothromach a thoirt orra.

Tha e coltach gu bheil na Spàinnichnan éigin ann an Cuba le cion airgeid. Than t-airgead a than lamhan cheannardan an airm gu teirgainn agus cha n fhaigh iad dad air chreideas, oir ri linn a chogaidh mu dheireadh a bhacan Cuba (bha iomadh ceannairc anns an eilean roimhe so) fhuair iad moran bidh us aodaich us nithean eile air chreideas nach do pháigh iad fhathast. Tha aon fhear-reic chungaidhean-leighis aig a bheil deich mile fichead dolair orra, agus cha toir fiach sgillinn dhaibh gus am pàigh iad e. Tha na saighdearan mar an ceudna afàs mi-thoilichte; oir cha dfhuair iad an tuarasdal o chionn tri miosan. Tha cuid dhuibh acreic an cuid fùdair us luaidhe ri càirdean nan ceannairceach, agus mar sin a neartachadh an naimhdean. Tha e gle choltach nach urrainn don chogadh-mairsinn moran nas fhaide, agus bu mhath an gnothuch nan tigeadh crioch air air dòigh-eigin.

Cha robh ach aon bhoirionnach ann am priosan an Stàit Mhichigan am bliadhna, agus leig Riaghladair na Stàite ma sgaoil i. Bha i an sàs air son a triùir chloinne féin a phuinnseanachadh, agus cha do thoill i mathanas a thort dhi. Ann an Canada, chan eil cumhachd aig aon sam bith murtair no meairleach no fear droch-bheairt a leigeil ma sgaoil ach aig an Ard-riaghladair a mhàin. Chan eil an cumhachd sin air a thoirt do Riaghladairean nam mor-roinnean, agus chan eil e iomchuidh gu m bitheadh. ’Nuair a tha lagh agus ceartas afaotainn duine no bean ciontach, agus a toirt a mach binn, cha bu chòir e bhi idir soirbh a bhinn sin atharrachadh.

Tha Ban-Iompaire Japan an deigh sgur a chosg deise na dùthcha aice féin, agus tha i nisecosg ghùintean mar a thair an cosg le mnathan na h-Eòrpa. Tha i ag radh gur h-iad na gùintean sinna barailse an t-aodach bhoirionnach as briagha thair an t-saoghal.


Litir Bheag Mhath.

NO CHARAID GASDA: —Tha mi cur gad ionnsuidh paigheadh do phaipeir air son bliadhneile, dolair bho Eoghan Mac Eoghain, agus dolair bhuam fhéin. Chan eil fhios agam cuin a bha bhliadhna bha pàidhtagainn a mach. Bu chòir dhuit dòigh-eigin a dheanamh air am biodh fios aig gach aon de luchd-gabhail a phaipeir cuin a bhiodh an t-àm aca pàigheadh. Tha mi gle thoilichte gu bheil a dol agad air am MAC-TALLA chumail suas, agus gu bheil thu dolga mheudachadh. ’S iomadh Gàidheal nach leughadh Gàilig mun dthainig MAC-TALLA a leughas i gu math an diugh. Is mise do charaid dileas.

DOMHNULL MAC DHIARMAID,
Maxville , Ont., 13, 5, ’96.


SEALL A MACH.
Air son
STOR UR TAILLEARACHD,
a tha ri bhi air a fogsladh air an ath mhios ann an
STORW . E. PETERS.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE



[365]

[Vol . 4. No. 46. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh gille dom bainm Iain L. Steel a ghoirteachadh gu dona ann an Seana Bhridgeport a sheachdain gus an Dior-daoin sa chaidh. Chaidh a bhruthadh eadar da bhocsa guail, agus chaidh cnaimh na h-amhaich aige bhristeadh, agus a dhruim a ghoirteachadh.

Shil frasan briagha uisge air an t-seachdain so. Bha stoirm thàirneanach ann Di-luain agus thuit deàrsach a rinn feum mor dhan talamh an deigh na tionrmachd. On bhrist air an tiormachd, bidh dòchas againn gum bi uisge gu leòr asileadh an deigh so, agus gu faigh gach ni a theid a chur cothrom air fàs.

Tha Di-luain ri bhi air a chumail mar latha-breith na Ban-righ. ’Se màireach co-ainm a latha-breith, ach thatar a meas iomchuidh latha dden t-seachdain a chur air leth. Bidh na bùitheans na taighean-gnothuich air an dùnadh, agus gheobh na cléirichs gach duineile cothrom air latha-féille a bhi aca.

Tha Dinneir gu bhi aig aChomunn Chaledòineach feasgar Di-luain sa tighinn ann an Tigh-Osda Shidni, aig seachd uairean. Tha dùil ris a chuid as motha de bhuill a Chomuinn a bhi aig an dinneir, agus àireamh de dhaoidhean còmhla riutha. ’Si so acheud dhinneir a bhaig a Chomunn on chuireadh air chois e.

Cha dfhuaireadh corp fear de na daoinòga a chaidh bhàthadh ann an Sidni Tuath air an t-seachdain sa chaidh fhathast. Tha moran dhen bharail gu bheil sgiobair an t-soithich air an robh e coma dhiubh gheobhair e no nach fhaigh. Chaidh am fear eile a thiodhlacadh anns a Chladh Chaitliceach an Sidni Tuath.

Tha Sàcramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh ann an eaglais St. Andrews am màireach. Bha na seirbheisean àbhaisteach ann na seachdain. Bha an t-Urr. Mr. Forbes air a chuideachadh Dior-daoin leis an Urr. Uilleam Grannd, á Port Morien, agus na lathaichean eile leis an Urr. Alasdair Ros, ministeir Hogomah.

Bha an stoirm a bhann Di-luain gle throm timchioll air Sidni Tuath. Bhuail an dealanach faisg air dithis no triùir de dhaoine a bhag obair air laimhrig a ghuail, agus bha fear dhiubh air a lagachadh cho mor leiss gum bfheudar a chuideachadh dhachaidh. Bhuail an dealanach soitheach a bhas an acarsaid, agus chuir e fear de na croinn aicena spealgan.

Chaidh gille òg don ainm Uilleam Smith, aois shia bliadhndeug, a ghlacadh air an t-seachdain sa chaidh air son a bhi goid nithean as an Tigh-òsda. Fhuaireadh moran de na ghoid e air a shuibhal agus anns an tighsan robh e fuireach, agus bha iuchraichean aige a dhfhosgladh cha mhòr gach dorus anns an tigh-òsda. Chaidh a thoirt gu cùirt Di-satharna, agus thug am Breitheamh Dodd dha da bhliadhna gu leth dhen tigh-obrach.

Sealladh iadsan aig a bheil cloimh ri reic, a mach airson Sanas bho H. D. Mac Illemhaoil, an Nyanza. Tha e acreic aodaichean nanEureka Mills,aodaichean cho mathsa than Canada, agus agabhail cloimhe nan coinneamh. Reic e an uiridh fiach ceithir cheud deug dolair air son clolmh, a bharrachd air na reic e air son airgeid. Tuilleadh anns an ath àireamh.

Tha cuidh de na mèinnean ag obair gu trang a nise. Tha dùil aig Cuideachd a Ghuail ochd ceud mile tunna a chur a mach re nan còig miosan a tha tighinn. Tha mèinn Ghowrie am Port Morien gun a bhi deanamh moran, agus tha Mèinn Victoriana tàmh on thainig an samhradh le uisge bhi tighn a stigh oirre. Fhuaireadh piob-thaomaidh ùr gus an t-uisge thoirt aisde, ach cha dean en gnothuch idir. Tha sona chall mor dhaibhsan a than earbsa ris a mhèinn air son am beòlaind.

Cha robh Newfoundland o chionn iomadh bliadhna air a chuartachadh leis an deigh mhòir cho fadasa bha e air abhliadhna so. Bha acarsaid St. Johns dùinte fad thri seachdainean, agus cha burrainn soitheach falbh no tighinn. Cha dfhalbh an deigh o bheul na h-acarsaid gu meadhon na seachdain sa chaidh. An duine ni innleachd air an deigh mhor a chumail air falbh, cuiridh e comain mhor air muiuntir Newfoundland agus na dùthcha so. Ach tha eagal oirnn gum bi treis mun tig e.

Thainig Sir Tearlach Tupper, agss a mhac Sir Tearlach Hibbert Tupper, do Cheap Breatunn Dior-daoin. Rainig iad Sidni tràthsa mhaduinn, agus labhair iad le chéile ann an Talla na Siorrachd aig leth-uair an deigh a tri. ’San oidhche chaidh iad a mach do Glace Bay, agus labhair iad an sin. Dhfhalbh iad á Sidni a rithistsa mhaduinn an . Cha bhi e comasach do Shir Tearlach a bheag a dhùine a chur seachad anns an t-siorrachd so roimh lathan taghaidh, oir tha aige ri labhairt ann an iomadh àit eile.

Thug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh air fear Uilleam Mac Coinnich a bha fuireach air Beinn-nan-Gearrloch, agus a bha faisg air ceud bliadhnasa deich a dhaois. Faodaidh sinn a radh gu robhn t-iomradh a thug sinne air a thoirt an toiseach ann am fear de phaipearan New Glasgow, agus an deigh sin chaidh a chur ann an àireamh a phaipearan eile, ’s am MAC-TALLA measg chàich. Ma tha Mr. Mac Coinnich beò thug sinn sgeul a bhais dar luchd-leughaidh air a mhios mu dheireadh dhen bhliadhna dhfhalbh.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont.


MAIGH, 1896.

1 Di-haoine. A Bhealltuinn.
2 Di-sathairne. Fhuaireadh Jamaica. 1494.
3 DI-DONAICH. IV Donaich an deigh Caisge
4 Di-luain. An cairteal mu dheir. 11.11, m.
5 Di-mairt. Bàs a bàird Mhic Dhunleibhe 1873
6 Di-ciaduin. Ghlacadh Cuibeic, 1776.
7 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh, 4.46.
8 Di-haoine. A Ghrian alaidhe 7.7.
9 Di-sathairne
10 DI-DONAICH. Di-donaich na h-athchuinge.
11 Di-luain
12 Di-màirt. An Solus Ur. 3.33 feasgar.
13 Di-ciaduin. Bàs Dhonnachaidh Bhàin, 1812
14 Dior-daoin. Dior-daoine naomh.
15 Di-haoine
16 Di-sathairne. An fheill Bhrannain.
17 DI-DONAICH. An fheill Chatain.
18 Di-luain. An Eaglais Shaor, 1843.
19 Di-màirt. Fosg. Sgoil Chill-Ribhinn 1411
20 Di-ciaduin. Bàs Cholumbuis, 1506.
21 Dior-daoin. Ceannaircsna h-Innsean, ’57
22 Di-haoine. 20) A cheud Chairteal, 27, mad
23 Di-sathairne
24 DI-DONAICH. Di-donaich na Cuingis.
25 Di-luain. A Ghrian ag èiridh, 4.28.
26 Di-màirt. An Solus Lan, 5.43. feasgar.
27 Di-ciaduin. A Ghrian a laidhe, 7.28.
28 Di-daoin. Comunn Galach Lunnain 1778
29 Di-haoine. Aiseag an II. Righ Tearl. 1660
30 Di-sathairne. Bas an Easbig Leslie, 1596.
31 DI-DONAICH. Di-donaich na Trianaid.


Leabhraichean
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96



[366]

[Vol . 4. No. 46. p. 6]

FACAL MUN GHAILIG.

Far abheil fior Ghaidheal chan e idir eun is isle thas an ealtuinn, chan e meanglan is mi-thorraiche thas a gheig. Ach far a bheil Gaidheal a tha ceiltinn a dhaimhs a tha feuchainn a thoirt a chreidsinn air daoine gu bheil e gle ghallda, chaneil ann ach creutair bochd asalacha nids an deachaidh arach, agus a di-moladh na carraig as an deachaidh a shnaidheadh. Chuala mi cuid den t-seorsa ud ag radh:— “Ciod e feum a bhi cumail suas na Gaidhligtha i dol bas co-dhiubhagus ged a bhiodh i beo re tamuill ciod e feum a tha innte gu faighinn air aghaidhs an t-saoghal?” Faodaidh e bhi gu bheil aGhaidhlig a basachadh ach ma tha, tha i gabhail a h-uine. Thoisich i ris an deo a thilgeil (mas fhior do luchd na Beurla) ann an Albainn ann an laithean Chaluim aChinn-mhoiragus cha be sin an degidheadh tha i beo fathast. Faodaidh e bhi gu bheil canainean eile ann is fearr a phaidheas, leis a mon dean daoine dhairgiod. Ach an e airgiod crioch araid an duine? Na nithean is maisiche tha ann cha ghabh iad reic no ceannach, tha iad thar luach, solus na greine, ditheana na macharach, failidhean cubhraidh an t-samhraidh, torman nan allt, am bheil na nithean udnan neoni a chionn nach urrainn duinn a bhig an reicsg an ceannach, mar gun ceannaicheadh tu each, no damh, no poca cloimhe? Tha na nithean ud mar ola chubhraidh air a dortadh a mach, cha ghabh a luach a bhi air a thomhas ann am puinnd Shasunnach; agus air acheart doigh tha luach agus mais agus brigh ann ar canain mhathaireal— ’na litreachas, ’na beul aithris, ’na sean-fhocail, ’na h-eachdraidh, ’na ceol a tha eadar-dhealaichte bho shalachar an t-saoghail soagus cha dubhairt mi nacheil luach saoghalta ann an eolas air aGhaidhlig cuideachd. Cha chreid mi nach biodh e na bhuannachd do iomadh aon aig a bheil an comhnuidh an an tir nam beannministearan, doctairean, luchd-lagha, maighistearan-sgoile— ’nam biodh comas labhairt aca gu h-ealanta, agus gu gleusda anns achainnt a ruigeas cridhe gach Gaidheil air thoiseach air gach cainnt eile.


Am measg nan uaislean ann an Japan, chan eil e air a mheas ceart no dòigheil each a ghluasad nas luaithe na coiseachdnuair a bhithearga mharcachd.


Uinneagan Fosgailte.

Nach muladach an ni a bhi còmhnuidh ann an tigh gun uinneig, mar a tha moran dhen t-sluagh bhochd ann an dùthchannan na h-àirden ear. Feumaidh an solus, an t-àileadh, agus gach sealladh air na tha mach tighn uca troimhn dorus. ’N uair a dhùinear an dorus tha an tigh dorcha. Faodaidh neach suidhe stigh, agus an deigh sin moran fhaicinn agus ionnsachadh troimh na h-uinneagan fosggailte. Bidh sinn gu tric acluinntinn iomradh air dorsan fosgailtesg an samhlachadh ri cothroman a bhios againn air math a dheanamh. Smaoinicheamaid mar an ceudna air uinneagan fosgailte a leigeas a stigh solus agus eòlas. Chan eil e daonnannar comas a dhol a mach a chur an gniomh na bu mhath leinn, achs ainneamh an t-àm nach urrainn duinn sùil a thoirt a mach agus nithean fhaicinn. An sin faodaidh sinn a bhi beachd-smaoineachadh air na chunnaic sinn, agus a bhi ullamh gu dhol a machnuair a thig an t-àm. Tha leobhraichean dhen t-seòrsa cheartnan uinneagan fosgailte dhuinn. Tha iad anochdadh dhuinn na tha dheasbhuidh air muinntir eile, agus aleigeil a stigh gathan iongantach de dheòlas ioma-seòrsach. Tha leobhraichean matha afosgladh ar n-uinneagan ri néamh, agus asuidheachadh ar n-aignidhean air na nithean a tha shuas. Biodh ar n-uinneagan fosgailte, agus na deanamaid dearmad air amharc trompa. Thig eòlas air nithean on taobh a mach ugainn an toiseach, agus an sin faodaidh an dorus fosgladh, agus théid àithne dhuinn ni-eigin a dheanamh.


Dughlas.

Ann am blàr Otterburn, ’sa bhliadhna 1388, bhan t-Iarla Dùghlasach air a leònadh, agusnuair a fhuaireadhna ehineadh e chaidh fheòrach dheth ciamar a bha dol dha. “Taing do Dhia,” ars esan, “tha mi faotainn a bhàis mar a fhuair a chuid bu mhò dhe mathraichean, chan ann air mo leabaidh, ach air an àrfhaich. Tha tri nithean a tha mig àithne dhuibh a dheanamhdiolaibh mo bhàs, oir chan eil dòchas sam bith agam gum bi mi beò; togaibh suas mo bhratach, oir tham flath a bhaga giùlan air tuiteam; agus leanaibh air éigheachDùghlas! Dughlas!’ a chums nach bi fios aig caraid no idir aig nàmhaid gun do mharbhadh mi. Nan robh fhios agam gum biodh na nithean so air an deanamh, gheobhainn bàs gu toileach, oir chuala mi o chian fàisneachd a bhag radh gun toireadh duine marbh a mach buaidh-làraich, agus tha mig earbsa ri Dia gur-a misen duine marbh sin.” Rinneadh mar a dhàithn e, agus thug anduine marbhbuaidh, oir cha do chaill na h-Albannaich anns abhlàr ach mu tri cheud duine, agus chaill na Sasunnaich ochd ceud deug.


SLUAGH SIAM. —Tha teachdaire a tha o chionn àireamh bhliadhnaichean ann an Siam asgriobhadh mar a leanas a thaobh an t-sluaigh. ’Nuair a thainig sinn don dùthaich an toiseach cha robh bean no nighean anns a cheud comasach air leughadh, ged a bha na gillean a faotainn teagaisg ann an leughadhs an sgriobhadh o na sagairt anns na teampuill. Aon latha thainig caileag bheag, mu dha bhliadhndeug a dhaois, dhan bhàt againn a dhamharc air na coigrich, agus air dhuinn fheòrach dhi an rachadh aice air leughadh, cha dthuirt i gun rachadh no nach rachadh, ach sheall i oirnn le ioghnadh ag radh, “ ’Se nighean a thannamsa!” mar gum bu chòir dhuinn a bhi na bu tùraile na gun cuìreamaid a leithid a cheist oirre.

Anns aGhearmailtnuair a gheobhair duine ciontach de bhì gabhail air a bhean, leigear leis a dhol guobair gach latha mar a bàbhaist da, achs ibhean a gheobh an tuarasdal, agus théid a dhùnadh a stighsa phriosan bho oidhche Di-satharna gu maduinn Di-luain. Leanair air a pheanaisteachadh mar sin fad dheich seachdainean.

Thoir a cheartas fhein do gach neach. Na dean iasg den dara neach agus feòil den neach eile. Thoiràite fhein do gach neach. Ma ni thu so cha chum thu comunn ris a h-uile neach. Chan urrainn thu comunn a chumail ris an olc agus ris amhath.

Chaneil feum sam bith teannadh ri comhairle a thoirt air daoine anns nacheil reusan. Chaneil iad ann an staid inntinn anns an tuig iad reusonachdh.

Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhen t-seòrsa sin a dhith ort taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aiges tha iad math.



[367]

[Vol . 4. No. 46. p. 7]

(Air a leantuinn o thaobh 3.)

A bheist ghrannda, chrosda, mur faicinn thu astriochdadh, asgriobadh, agus adeanamh mor-umhlachd air an doìgh sin, air monoir gun saoilinn gun robh thu ann an da-rireadh, an uair a thilg thu mi thairis air agharadh.”

COIN. —Nach be am blaomasdar guncheill e, le bhìn duill gun robh an tarbh adeanamh umhlachd dha, an uair a bha en a chas-fheirg, asgriobadh suas an rathad-mhoir. Bu mhaith dha nach deachaidh es an am a dheanamh suas na reite ris an ainmhidh fheargach, oir bu ro chinteach gun tilgeadh se e an dara uair thar mullach agharaidh, mur deanadh e na bu mhiosa air.

MUR. —Moran taing dhuit, a Choinnich, is neonach, ach is taitneach do sgeulan Eireannach, agus tha mi an dochas nach do theirig iad uile fhathast, agus gum bheil la maith eile ateachd. Ach ciod an carbad a chaidh seachad le leithid de ghleadhraich? Seall a mach agus faic.

COIN. —A Mhurachaidh, ’s e carbad Shir Seumas a thann. Chan fhacmi riamh nis fearr. Stadaidh iad aig an Tigh-gheal a bheathachadh nan each. Gheibh mise dhachaidh maille riu, agus caomhnaidh sin iomadh ceum coiseachd dhomh. Greas ort don Ghoirtean-Fraoich, a charaid ionmhuinn, agus altaichidh Seonaid do bheatha. Gabh mo leisgeul air son a bhidealachadh riut co cabhagach, ach comhlaichidh sinn an ath-ghoirid. Slan leat! le moran bheannachd dhoibh-asn gu leir aig abhaile. Slan leat!

ALASDAIR RUADH.


Ann am Breatuinn tha aig pàrantan ri ainmean an cloinne a chur air leobhar-cuimhne na sgireachd anns am bi iad an taobh a stigh de shia seachdainean an deigh am breith, agus mur dean iad sin, cuirear càin orra. ’Nuair a rugadh Diùc Dhùn-Eideann, darra mac na ban-righ, cha do chuireadh ainm air an leobhar ann an àm, agus bfheudar dha mhàthair càin seachd tasdain us sia sgillinn a phàigheadh. Feumaidh a bhan-righ cumail ris an lagh cho math ri muinntir eile.

Ged bha Morair Wolsley anabarrachd fortanachs ged a bha buaidh mhor leis, ’s gann gu robh e ann am blàr riamh gun a bhi air a leònadh.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


G H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha thanar beachd


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[368]

[Vol . 4. No. 46. p. 8]

ORAN NAM FINEACHAN

A FHUAIR AM FEARANN AIR AIS ON RIGH, SABHLIADHNA 1782.

(Le Donnacha Ban.)

AIR FONN— “An am dol sios bhi deonach.

Tha sgeul ùr an tràth sos dùthaich,
S chuir e sunnt ro mhòr oirnn;
Gun dfhuair ar càirdean, mar a bàbhaist,
Bhinan àite còmhnaidh:
Gach fearann àr-bhacaichta bhann,
O linn a Chàmpbha gòrach,
Rinn na h-aithrichean a chall;
Ach fhuair a chlann an còir air.

S mòr an sonas anns an rìoghachd,
Rìoghalachd na h-òigridh,
A gluais gu feum, ri guaillibh chéile,
S iad gu léir cho deònach;
Cinn-fheadhna threun, len daoine féin,
Gach réiseamaid an òrdugh,
Le cliù gun chéilg, ’s le dùrachd dearbht’,
Ben rùn bhin seirbheis Dheòrsa.

Na laoich ghasta dhéirich leat,
Do dhfhior fhuil cheart Chlann-Dòmhnuill,
S lìonmhor gaisgeach treubhach, tapaidh,
A thàina machgan còmhnadh:
Bha buaidh as feart, nan ruag, ’s nam feachd,
Na dhualchas acon seòrsa;
Dol suas gu bras, le luathas nan cas,
S an cruaidh-lann ghlasnan dòrnaibh.

S lìonmhor lasgair thig on Apuinn,
Pìobach, bratach, sròlach,
Fir chalma ghasta, as armnan glaic,
Cho acuineachs bu chòir dhaibh;
Bhiodh luaidh a mach le fuaim nan snap,
Abualadh chlach ri òrdaibh,
Aig sluagh lem fasan cruadal ceart,
S a fhuair a chleachdadh òg dhaibh.

S sunntach, meamnach, treubhach, ainmeidh,
Cam-Shronaich o Lòchaidh
Fir threun gun chealg, lem beus bhi garg,
S iad-féin a dhearbh gu leòir dheth;
Bhiodh gleus an armnan éibhlean dearg,
S lann gheur gun chearb ga chòir sin,
Bhiodh reubail marbh an déigh an sealg,
Nuair dhéireadh fearg nan òigear.

S lìonmhor curaidh thig á Dhrumain,
Feumail ullamh, òrdail,
Eadar muilleann Uisge-Thurraid,
Agus mullach Mòr-bheinn;
Leis nach duilich dol an cunnart,
Tìr as muir a sheòladh:
S fhuair iad urram bualadh bhuillean,
Anns na h-uile còmhdhail.

Tha sàr cheann-feachd is làidir taic,
A thig on Chaisteal-Leòdach,
Le pàirtidh cheart, ’s iad àrd nam beachd,
A dhfhàs gu reachdmhor, fòghluimt,.
Than lebhi paillt a dhéireadh leat,
Gu feum do neart a chòmhnadh;
S bhiodh pìob an gleus as ceann an fhéigh,
Le crann as bréid an t-sròl ris.

Thig on Mhor-fhaich còmhlain bhorb,
A théid le foirm an òrdugh,
Gu dàna, colgail làn air storbadh,
S arda stoirm an t-seòrsud;
Dol luathnan éideadh, cruaidh ram feuchainn,
Ciall da réir an cémhnaidh;
Aig sluagh nach géill, tha buaidhnan déigh
S an uaisle fòin ga chòmhdach.’

Thig laoich bharraicht á Cinn-alla,’
S àrd an airair mòrchuis,
Air mheud na carraid, beus nam fear ud,
Gleusdachd far an còir dhaibh;
An cliù bhaig sinnsireachd nan gallan
Cha chaillear ram beò e,
Daoine rìoghail, dìleas, daingeann,
Fìornan gealladh-còmhraidh.

Thig Clann-Ghriogair le sàr mhisnich,
Anns amheasm bu chòir dhaibh,
Gu prìseil, àghor, lìonor, làidir,
Rìoghail, stàtail, pròiseil;
Chaidh riamhs gach àite diansna bhàraibh
S gnìomh an laimh a chòmhdach;
S iad árdsachùirt len ainm as ùr,
Ged thugadh dhiùn Gleann-freòin e.

Thig o Chluainidh sàr dhaoin’ -uaisle,
Thàirngeas suas gu seòlta,
S fad on chualas gum ben dualchas,
Buidhinn buaidh achòmhraig;
Teines luaidhe, ’s lamhan luatha.
Far an gluais iad còmhladh,
Ruith na ruaig air an luchd-fuathadh,
S an cur uatha brònach.

Thig o Shrùthan na fir ùra,
Làidir, lùghor, eòlach,
S on -ghiùbhsaich thèid gu siùbhlach,
Ann an tùs na dòrainn:
Luaidh as fudar chur na smùidean,
As fuil na brùchd adòrtadh,
Claidhean-cùil a bhigan rùsgadh,
S ruith gu dlùsan tòireachd.

Thig na Cananaichnan deannaibh,
S iad ational còmhla,
Théid ceartsa-chabhaig, ’s neart dan caraid,
An dream is fearail dòchas:
Ge be theannadh riu le falachd,
Bhiodh am baraìl gòrach.
S mairg rin tachradh an am gaisgidh,
Aghaidh neart nan còmhlan.

S éìdeadh arraiceach treud na h-Alba,
Dhéireadh sealbh gu leòir dhaibh,
Gum feud iad falbh gu saor fon armaibh,
As eudach ball-bhreac, bòidheach:
On thraogh gach fearg, a thaobh gach cealg,
Sean argamaid a thòisich,
Tha gaol ga dhearbhndhs feudar earbs’,
Adeagh luchd-leanmhainn Dheòrsa.

S mòr an onoir thaigan rìgh,
Rinn dìllsean da luchd-fògraidh,
Thug dhaibh arìs, gach àite prìseil,
Anns gach tìr tha meòlas,
A bhaig an sinnsireachd fo chìsean,
A chaidh gan dìth le fòineart;
S math an dùrachd thaig gach dùthaich,
Atoirt cliù da mhòrachd!

Na cinn chéilles fearr fon ghréin,
Len inntinn fèin a thòisich,
Ri gniomh an fheum a luaigh gu léir,
S a chuir an céill gun sòradh,
Le flathan féille, a labhair reusan
A ghleidheadh stèidh na còrach;
Fhuair gach òighre an ni, ’san staoile.
An soibhreas, ’san cuid stòrais.

Thàinig còir, as dhfhalbh an eu-còir,
As leum ar crìdhle sòlas,
Tha uaislean treunsan uair so féin,
Gu h-uallach, eutrom, ceòlmhor:
Than tuath ri sèideadh suas tein’ -éibhinn
Air na sléibhtean mòra:
So abhliadhna chrùn an réite,
Sin an sgeul tha còmhdaicht’,


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B

titleIssue 46
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 46. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page