[Vol . 4. No. 47. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 30, 1896. No. 47.
NA BREUGAN.
Their cuid nach’ eil iad a’ deanamh bréige aig àm sam bith; ach feumaidh iad aideachadh gu bheil iad a’ gabhail tlachd anns a’ bhreig. Falbhaidh iad o thaigh gu taigh, agus o bhaile gu baile a dh’ aithris nam breug a ni càch, agus bheir iad orra fhein a chreidsinn nach ’eil iad a’ deanamh croin sam bith. Ach tha iad gu mòr air am mealladh. “Oir an taobh a muigh tha madraidh, agus luchd-druidheachd agus luchd-striopachais agus luchd-mortaidh, agus luchd-iodhol-aoraidh, agus gach neach a ghradhaicheas agus a ni breug.” Cò iadsan, ma ta, a ghràdhaicheas breug? Tha iadsan a dh’ aithriseas i agus a dh’ éisdeas rithe le tlachd. Dh’ éisd Adhamh agus Eubha le tlachd ris a’ bhreig a dh’ innis an nàmhaid dhaibh, agus an ùine ghearr thionndadh a mach a gàradh Eidin iad.
Chaill iad beannachdan aimsireil agus spioradail air tàilleamh cluas a thoirt do’n cheud bhréig a labhradh air an talamh. Dh’ fhuadaicheadh iad a mach a gàradh Eidin, agus mhallaicheadh an talamh air an sgàth. Ged a bha so ’na chall mòr dhaibh bu shuarach e an coimeas ris na chaill iad gu spioradail. Fhad ’s a ghleidh iad an ceud inbhe bha co-chomunn milis aca ri Dia. Ach an uair a chreid iad a’ bhreug chaill iad an co-chomunn a bh’ aca ris. So mar a thachair, agus mar a thachras do na h-uile a ghràdhaicheas agus a ni breug.
Ach tha e ’na ioghnadh le mòran nach ’eil a’ bhreug a leth cho gràineil ann an sealladh an t-saoghail ’s a tha’ mheirle. Gabhaidh lagh na rìoghachd greim air neach ged nach goideadh e ach fiach sia sgilinn. Ach tha na breugairean a’ faotainn cead an coise mar nach biodh iad ciontach a dh’ olc sam bith. Bu chòir gu’m biodh an lagh a cheart cho fada an aghaidh a’ bhreugaire ’s a tha e an aghaidh a’ ghadaiche, oir is e ’m breugaire a’s cunnartaiche na ’n gadaiche. Theid aig neach air e fhein a dhion o’n ghadaiche; ach cha ’n urrainn duine sam bith e fhein a dhion o’n bhreugaire. Cha toir an gadaiche uainn ach ar maoin; ach bheir am breugaire uainn ar cliù, ni mile uair a’s luachmhoire na ar maoin. B’ iomadh fàidh agus fìrean a fhuair an sàruchadh gu mòr, do bhrìgh gu’n do sheas iad gu dìleas air taobh na fìrinn, agus gu’n do chronaich iad luchd-deanamh an uilc, mar a bha còir aca air a dheanamh.
Bu chòir dhuinn uile ar ceart aire a thoirt nach dean sinn na breugan, agus nach toir sinn cluas no geill dhaibhsan a tha ’g an deanamh ’s ’gan innseadh. Cumamaid an còmhnuidh fa chomhair ar n-inntinn gur ann le cluais agus géill a thoirt do na breugan a thug Adham agus Eubha mallachd orra fhéin agus air an sliochd nan déigh. Ma bheir sinne cluas no geill do chainnt luchd-labhairt nam breug, bheir sinn olc do-labhairt oirnn fhein mar an ceudna. A mach o chumhachd gràis Dhé cha ’n ’eil dòigh air an t-saoghal a’s fhearr air son am breugaire a chur ’na thàmh na gun suim sam bith a chur ’na chainnt.
An uair a sguireas càch dhe ’eisdeachd
Sguiridh fear nam breug a labhairt.
Ach is i a’ chùis a’s bochda gu bheil iad ro lionmhor anns an t-saoghal aig am bheil tlachd ro mhòr do no breugan. Saltraidh iad an fhìrinn anns a’ pholl, ach aithrisidh iad a’ bhreug le gàirdeachas anns gach àite am bi iad.
IAIN.
Teagasg na Gailig.
Tha Seanadh Oil-thigh na h-Eaglais Chléireach ann am Montreal a toirt oidhearp an dràsda air teagasg na Gaidhlig a bhi air a stéidheachadh anns an Oil-thigh. Thatar a’ teagasg na Gàilig ann o chionn shia bliadhn’ deug, rud nach eil air a dheanamh ann an oil-thigh eile an Canada, no an America. ’Se ’n t-Oilear a bh’ aca, an t-Urr. Niall Mac-na-h- Innse, ann an Cornwall, an Ontario, sgoilear Gailig cho math ’sa tha ’n America, agus a tha làn chomasach air deagh theagasg a thoirt do fhòghlumaichean Gàidhealach ann an cainnt am màthar. Bha gach ni mu theagasg na Gàilig roimhe so a cosg da cheud gu leth dolair ’sa bhliadhna, agus bha sin air a thoirt á maoin an Oil-thigh. Tha an Seanadh a nise air son suim airgeid a thional a bhios cho mor ’s gu’n dean an riabh aige suas na bhios a dhith orra gach bliadhna air son an teagasg a chumail air adhart. Tha iad ag iarraidh air a chuid is lugha còig mile dolair a bhi air a chur cruinn, ach tha iad an dòchas gu faigh iad a dha uiread sin. Eadar Ontario, Cuibeic, ’s na Mor-roinnean Iseal, tha mu cheud gu leth coi-thional dhe ’n Eaglais Chléirich a tha cur feum air Gàilig, agus tha moran dhiubh aig an àm so gun mhinisteir. Tha na ministeirean a shearmonaicheas Gàilig gann, agus tha Seanadh an Oilthigh so ri ’m moladh air son na h-oidheirp chliùitich a tha iad a toirt air an àireamh a chur am meud. Tha sinn an dòchas gu’n dean na Gaidheil anns gach cearna de Chanada cuideachadh leotha gu fialuidh; gu’m fosgail iad an cridheachan ’s an sporain do’n deagh aobhar. Ma ni iad sin bi’dh teagasg na Gàilig air a dheanamh cinnteach ann an Oil-thigh Mhontreal, agus ’nuair a bhios sin mar sin, cha’n eil teagamh againn nach lean Oil-thighean eile air a’ luirg. Bu mhath gu’n leanadh.
Ann am Breatuinn, tha càraid a’ dealachadh mu choinneamh gach coig ceud ’s tri fichead us seachd deug a tha posadh. Anns an Fhraing tha càraid a’ dealachadh mu choinneamh gach ceithir fichead ’sa seachd a tha posadh, agus ann am baile mor Pharis, tha càraid as na tri deug a dealachadh. Cha’n eil an ceangal-pòsaidh ach glé shoirbh a bhristeadh anns an Fhraing.
[Vol . 4. No. 47. p. 2]
Mar a dh’ eirich Clann Domhnuill Ile.
[Fhuair mi an sgeula so ann an seann phaipear Gaidhealach agus ma chordas i ribh faodaidh sibh a cuir ann am MAC-TALLA. —Margaree. ]
Mu’n d’ eirich na Domhnullaich bha Ile comhla ris na h-eileanan Gaidhealach eile fo na Lochlunnaich, agus bha an t-eilean so mar chomharra ac’ an uair a bhitheadh iad a’ dol ’s a’ tighinn a Eirinn.
Aig am iomachaidh de’n bhliadhna bha e ’n a chleachdadh aig Righ Lochlunn a bhi tighinn do dh-Ile le a theaghlach air son na seilg. Bha fear anns a chuideachd d’ am b’ ainm Gillebrighde a rinn ni-eigin nach do chord ris an Righ, ’s thug e sparradh dha a lathaireachd fhagal, agus gun e ’ga fhaicinn tuille. Cha robh math do Ghillebrighde dol do Lochlunn. ’Se a bh’ ann gun chuir e fios le aon a bha dol dachaigh a bhean a chuir far an robh e do dh-Ile. ’Se an t-aite anns an d’ rinn e comhnuidh, Uaimh Bhearnasaig— ’se sin an UaMmh hor aig Balsadh.
Thanig a bhean anns a’ bhirlinn aige fhein; agus a chum a toirt sabhailte gu tir rinn e reiteach o’n lan aig beul Chaol Ile an dorus na h-uamha. Mar so fhuair a bhirlinn a stigh; agus chithear na clachan mora gus an latha an diugh, far na chuir Gillebhrighde iad. Mar so fhuair e bhean agus an teaghlach mar a dh’ iarr e, agus bha iad a cur suas anns an uaimh.
Bha an righ a tighinn uair ’sa bhliadhna, mar a b’ abhaist a shealg nam fiadh, ach cha robh Gillebrighde dol ga choir, ’s cha robh an righ a’ cur dragh air. Bha an uine dol seachad agus bha teaghlach Ghillebrighde cinntinn mu ’n cuairt air. Nuair a bha Domhnull a mac a bu shine a bha aige, bliadhna air fhichead a dh’aois thuirt e ris fhein gu’n rachadh e a dh’ fhaicinn ciod a bha muinntir Lochlunn a’ deanamh. Dh’ eirich mang— ’s e sin seachd bliadhnach daimh—air thoiseach orra; agus cha robh aon an sin a bu luthaire no bu treise na dheigh na Domhnull.
Bha a nighean oighre leis an rìgh am measg na cuideachd agus shocraich i a suil agus a cridhe air an oganach. Ach air an latha so cha d’ fhuair i cothrom air conadal a bhi aice leis; ’s cha’n fhac i e tuilleadh air a bhliadhna sin. An ath bhliadhna, ’n uair thanig an Righ, bha Domhnull na’n cuideachd air an darna latha. Thuair nighean an Righ cothrom air labhairt ris feadh an latha, agus thubhaiat i ris e ga thilgeil fhein a leth taobh ’s an fheasgar, gu’n robh toil aice a bhi cainnt ris.
Thachair iad mar a dh’ iarr i, agus dh’ innis i dha gu’n robh i ’n deigh gaol a ghabhail air, ’s nach b’ urrainn di bhi beo as eugais. Fhreagair e nach robh ann ach duine bochd, ’s nach robh comas air a gaol a thionndadh gu feum.
“Cha ’n e cuid a tha dhith ormsa idir,” ars ise, “ ’s e duine tha dhith orm; agus ma bhitheas tusa toileach cur suas leamsa cuiridh mise suas leatsa.”
’S e a bh’ ann, an uair a sgaoil cuirm an Righ ’s an oidhche, gu’n robh a’ nighean air falbh le Domhnull do ’n Uaimh mhoir. An uair a thainig crioch air an fhaoghaid, bha nighean an Righ air chall, ’s cha b’ urrainn daibh a faotainn; agus an uair a thainig a chuideachda rioghail an ath bhliadhna cha ’n fhac iad i, ’s cha mhomha chunnaic iad Domhnull.
Ach air an treas bliadhna, ’n uair a bha’n t-am a dluthachadh air am bu choir do ’n Righ a bhi tighinn, bha a nighean agus Domhnull ag amharc a mach a beul na h uamha ris an airde tuath, dh’ fheuch am faiceadh iad an Righ air a chuan. Cha robh iad moran laithean ag amharc ’nuair a chunnaic iad cabhlach an Righ a’ tighinn.
’S coir innse gu’n robh aig an am so tuilleadh ’s iad fhein ann. Bha naoidhean aca, agus an rud nach deanadh nighean an Righ air a son fhein dheanadh mathair a phaisde air a shonsan. An uair a chunnaic i a h-athair a tighinn thog i leatha am paisde dearg ruisgte agus thug i Port Asgaig oirre, agus gun ach brat fuasgailte air a thilgeil thairis air.
Mu choig slat an ear o far am bheil tigh-osd a Phuirt an duigh tha creag ris an abrar an “Coscheum.” Air a’ chreig so rinn nighean an Righ seasamh; agus an uair a thainig a’ bhirlinn, ciod a bha mu choinneamh an Righ ach a nighean agus ultach ’na broilleach.
“Ciod a th’ agad an sin,” ars’ an Righ.
’S e an fhreagairt a thug i air am brat a thogail far a phaisde agus gne na h-ultaich a leigeil ris. Mhol e eireachdas a phaisde ach “Carson nach eil rud-eigin de chomhdach agad air?” ars’ esan.
“Ma tha e lom ruisgte ’s math an t-aon a tha mothachainn da. Tha e soirbh ni ’s leoir d’ a shean-athair a chomhdach.”
“Ciod e chomhdaicheadh e,” ars an Righ.
“Chomhdaicheadh Eilean iomallach na h-Airde-an-Iar e,” ars’ ise, oir b’ ann mar so bha Ile air ainmeachadh ’n am measg aig an am ud. ’S e a bh’ ann gu’n d’ thug an Righ lamh suas air Ile do’n phaisde; agus ’s ann mar so a thuair Clann Domhnuill a’ cheud choir air Ile, agus chuir iad an coir ris.
NIALL.
ELIAH.
Is e fàidh dileas, duineil a bha ann an Eliah. Bha ’chridhe daonnan làidir, agus bha e eudmhor as leth an Tighearna le dealas gaisgeil, dichiollach. Bu bhrònach ’s bu bhochd am mùthadh a dh-oibrich ginealach no dha ann an Rioghachd Israeil. Am feadh a bha treubhan na tire uile géilleachduinn do Dhaibhidh agus do Sholamh a mhac, b’ fhonnmhor agus bu mhilis togarrach a thogadh an sluagh caithream buidheachais agus molaidh do ’n Tighearna Dia Iehobhah. B’ eudmhor us bu bhlàth miann us faireachduinn an cridheachan an uair a bha iad ag éigheach mar so, “Bha aoibhneas orm an uair a thubhairt iad, “Do thigh an Tighearna théid sinn. Seasaidh ar cosan an taobh a stigh do d’ gheataibh, a Ierusaleim. Tha Ierusalem air a togail mar chaithir, a tha air a coimh-cheangal ri chéile. D’ an teid na treubhan suas, treubhan an Tighearna gu teisteas Israeil, a thoirt buidheachais do ainm an Tighearna.” Bha Rehoboam, mac Sholaimh, uaibhreach, àrdanach, agus amaideach, agus air an aobhar sin roinneadh Rioghachd Israeil na dha bhuidhearm. An deigh do’n cheangal aosmhor onarach a bha g’ an dlùth-nasgadh ri Dia an aithrichean a bhi air a bhristeadh; agus an tràth a bha na deich treubhan air am fàgail g’ an comhairle ’s g’an stiùireadh féin ann an tomhas mor, bu dian ’s bu deifireach an luathas leis an deachaidh iad air seachaean agus leis an do chlaon iad bho theisteas us bho naomh-reachdan an Tighearna.
Ann an làithean an laoich churanta Eliah, bha uachdaranachd nan deich treubhan a bhrist air falbh bho
[Vol . 4. No. 47. p. 3]
thigh Dhaibhidh, ann an làmhan Ahaib. Is e righ anameasarra, fuileachdach, gun cheann, gun tapaidh a bha ann an Ahab. Cha robh e idir eudmhor as leth an Tighearna, ni mo bha e oidheirpeach no aghartach ann an iodhalan agus ann an diathan béige ’ghlanadh air falbh as an tir. Cha do lot ’s cha do chràidh e ’chridhe gu goirt, agus cha robh anam air a luasgadh le sprochd us doilgheas us mighean, o’n nach robh an sluagh, mar bu nòs agus mar bu chubhaidh doibh, a’ sleuchdadh le mor urram us irioslachd do’n Tighearna a bhuin co bàigheil agus co caoimhneil riu anns na làithean a dh’ fhalbh. Dhi-chuimhnich e féin, maille ris a’ mhor-shluagh a bha ’nis, mo thruaighe, ag aideachadh uachdaranachd agus a toirt ùmhlachd dha—dhi-chuimhnich iad le chéile na gniomharan iongantach ’s na nithean mora ’rinn an Tighearna le laimh làidir ’s le gàirdean sinte-mach as an leth. Cha-n fhadadh aithris nan euchdan treubhach a chaidh nochdadh anns na linntean a dh’ fhalbh le lannan ’us clogaidean nan daoine d’ an robh Iehobhah féin ’na cheannard ’s ’na fhear-iùil, taingealachd us gradh ’nan cridheachan. Thug iad spéis a bu mhodha, ’s chuir iad barrachd dochais us muinghin ann an cleachduinnean gràineil us ann an aoradh buaireasach, meallta, faoin nan cinneach a bha tuinneachadh mu ’n timchioll. Tha e air innsidh dhuinn gu ’n d’ rinn “Ahab mac Omri olc ann an sùilibh an Tighearna os-ceann nan uile ’bha roimhe, agus mar gum bu ni faoin dhasan gluasad ann an peacaibh Ieroboaim mhic Nebait, ghabh e ’na mnaoi Iesebel, nighean Etbail righ nan Sidonach, agus chaidh e agus rinn e seirbheis do Bhaal agus shleuchd e dha. Agus chuir e suas altair do Bhaal ann an tigh Bhaal, a thog e ann an Samaria. Agus rinn Ahab doire, agus rinn Ahab ni’s mo bhrosnachadh an Tighearna Dé Israeil gu feirg na uile righrean Israeil a bha roimhe.” Tha ’n cùnntas a tha againn an so air eucoir, anacearts us aingidheachd mhic Omri, righ Israeil, muladach agus uamhasach; gidheadh tha ’ghnàthachadh ’sa chomluadar peacach, cealgach, us gràineil féin a’ dearbhadh gu soilleir gu bheil gach ni tha air aithris mu thimchioll tuille ’s fior. Bha ’n tir ré làithean an righ so làn de dhroch-bheairt innleachdach. Cha robh boltrach cùbhraidh ag éirigh suas gu nèamh do’n Dia a’s Tighearna ann, cha robh luaidh ’ga dheanamh le iolach aoibhneach molaidh air oirdheirceas us glòir us moralachd Iehobhah, ni mo bha anam an t-sluaigh a’ plosgartaich, ag éigheach ris an Tighearna. Thog luchd-leanmhuinn Bhaail—luchd-aoraid nan iodhalan a thainig bho dhuthchannan céin, àitean àrda doibh féin, agus dealbhan agus doireachan air gach cnoc àrd agus fuidh gach craobh uaine. Bha ùghdarcas ro mhor aig Baha-phrionnsa nan Sidonach thairis air an righ; agus le oidheirp ’s le dealas dian a dheanamh, phlanntaich i aoradh us àbhaistean fealltach mealltach am measg a’ phobuill sin a roghnaich an Tigheana dha féin.
CONA.
AIR DO SHOCAIR. —Bha ministeir ann an Alba uair a’ deanamh searmoin, agus air dha a bhi leughadh ann an leabhar nan Salm, thainig e dh’ ionnsuidh na h-earainm a tha ’g radh, “Thubhairt mi ann am chabhaig. Is breugach gach duine.” “Gu dearbh fhéin, a Dhaibhidh,” ars esan, “na’n robh thu fuireach ’san sgire so, dh’fhaodadh tu sin a radh air do shocair.”
BREITH CHRIOSD.
’N uair ’bha uisgeachan Iordain gu comhnard fo phramh,
A’s air sliabh maiseach Shioin ’bha samhchair ’n a tamh,
N uair ’bha buachaillean Bhetle’m a’ faireadh nan treud,
Ri solus nan rionnag ’s gan dion o gach beud.
Feuch, fuaimean neo-thalmhaidh gu h-ard os an ceann,
’Do chual’ iad o chein-astar dorcha nam beann,
A’ dlu’chadh le ceol agus moladh ro bhinn.
Ghrad lionadh an cridh’chan le aoibhneas grinn.
Ach air amharc a suas dhòibh, ghrad chlisg iad gu leir,
Oir, le gathan ur, boillsgeach las gorm-bhrat nan speur;
Dhoirt na Neamhan a mach troimh an geatachan oir,
Sluagh gun aireamh de aingle ’s iad sgeadaicht’ le gloir.
Air carbadan dealrach, ’s sgiathan geal mar an sneachd,
A nuas air an oidhche do thuirlinn am feachd;
Chual’ na Neamhan a b’airde buaidh-chaithream na toirm,
’Nuair a bhuail iad an clarsaichean, ’s ’sheinn iad le foirm:
O ’Shioin, le subhachas tog suas do shuil,
Tha an t am a nis faisg ris am b’ fhad ’bha do dhuil,
Tha Nadur uil’ aoibhneach ’s fiamh-ghair air a gruaidh;
Prionnsa Shaleim tha ’tighinn gu riogh’chadh le buaidh!
Feuch, Trocair, tha ’dortadh á taisg-phraisibh oir,
Do luchd-caoidh sruithean solais, gu fialaidh ’s gu leoir;
Tha i ’ceangal le curam gach ciurradh a’s leon,
A th’ air cridh’chan gun dochas na dream ’ta fo bhron.
A chur misnich ’s na cridh’chan lan geilt tha E ’teach,
A thoirt buaidh air an Diabhull—e fein ’s a chuid feachd:
Theich an duibhre roimh aghaidh reul oirdheirc an la,
Ris tha doireachan Edein gu h-urar fo bhlath!
O ’Shioin, le subhachas tog suas do shuil,
Tha an t-am a nis faisg ris am b’ fhad ’bha do dhuil,
Tha Nadur uil’ aoibhneach ’s flamh-ghair air a gruaidh;
Prionnsa Shaleim tha ’tighinn gu riogh’chadh le buaidh!
Eadar. le MAC-MHARCUIS.
GNOTHUCH UAMHASACH. —Bha duin ann uair, agus ge b’e air bith a thainig eadar e-fhéin ’sa bhean, dh’ fhàg i e, agus chaidh i dhachaidh gu tigh a h-athar. Aon latha thachair caraid air an duine bhochd, agus ars esan ris, “A Sheumais, a dhuine, nach mi tha duilich air do shon. Nach uamhasach au gnothuch dha d’ bhean d’ fhàgail air an dòigh so.” “Ma ta,” arsa Seumas, “faodaidh i deanamh moran na’s miosa na sin mus stad i.” “Gu de bu mhiosa b’ urrainn dhi dheanamh?” dh’ fheòraich a charaid. “Dh’ fhaodadh i tigh’n air ais ’gam ionnsuidh,” arsa Seumas.
’S BEAG AN T-IOGHNADH. —Leugh sinn an la roimhe mu dhuine a bha air a mharbhadh leis an dealanach ’se a dol gu tigh coimhearsnaich a dh’ iarraidh iasad dhe ’n phaipear air, paipear a bu chòir dha fhéin a bhi ’gabhail ’sa pàigheadh. Cha do chuir so iongantas sam bith òirnne; ’s ann a tha ’n t-iongantas ann nach eil an còrr dhe’n t-seòrsa dhaoine ud air am marbhadh leis.
Ciod an ni a’s fhearr is urrainn do dhuine dheanamh na bàsachadh air son a luchd-dùthcha. Tha aon ni, e bhi beò air an son. Sin obair a’s fhaide mhaireas, agus a tha uime sin, na’s doirbhe deanamh agus nn’s uaisle.
[Vol . 4. No. 47. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, MAIGH 30, 1896.
Bha Sàr Ruisia air a chrunadh le mor ghreadhnachas Di-màirt s’a chaidh. Air an oidhche bha baile mor Mhoscow air a shoillseachadh gu h-eireachdail; thatar ag radh nach robh ach gann uinneag ’sa bhaile anns nach robh solus mar urram do’n t-Sàr. Tha an Sàr a reir coltais a’ dol a bhuntuinn ri iochdarain beagan na’s caoimhneile na bha e deanamh roimhe so. Iadsan a tha anns na fiachan air son chisean a chaidh a leagail orra, tha na fiachan air am mathadh dhaibh; tha màl an fhearainn gu bhi air isleachadh gu leth na suime a thatar a pàigheadh an dràsda, agus ri bhi air fhàgail aig a sin fad dheich bliadhna; agus iadsan a tha air fògradh an Siberia, cha’n eil iad ri bhi air am peanaisteachadh cho cruaidh ’sa bh’ air òrduchadh dhaibh.
Litir a Michigan.
A DHEAGH CHARAID: —Tha e toirt toileachadh mor dhomh fhaicinn gu bheil an sloinntear ainmeil, an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair an deigh a pheann a ghabhail ’na laimh a rithist, agus a deanamh duilleagan MHIC-TALLA taitneach le eachdraidhean goirid air cuid de na fineachan Gàidhealach. Tha eagal orm nach i ’n réit a bhios eadar e féin agus Tearlach Friseal Mac-an-Tòisich! Tha ’n duin’ uasal sin a cumail a mach gur e Mac-an-Tòisich ceann-chinnidh Chloinn Chatain, agus tha Mr. Sinclair a reir coltais dhe’n bharail gur e Cluainidh Mac-a- Phearsain is ceann-cinnidh dhaibh.
Fhuair mi àireamh dhe’nTimes ,paipeir-naigheachd Obanach, an la roimhe bhoMr . Henry Whyte( “Fionn”) an Glascho, anns an robh cunntas air a thoirt air coinneamh a bh’ aig Comunn Chloinn Ghilleain anns a’ bhaile sin o chionn ghoirid. Chuir e aoibhneas orm fhaicinn gu bheil an Comunn sin a’ dol a chur Crois Cheilteach suas aig uaigh Lachuinn Mhic Gilleain, bràthair mo mhàthar fhéin. B’ àbhaist dha a bhi sgriobhadh anns an Teachdaire Ghaidhealach, agus ann an Cuairtear nan Gleann, agus a’ cur mar ainm ri chuid sgriobhaidhean Mac-Talla agus Eoghan Og. Tha Lachuinn Mac Gilleain a nise marbh o chionn da fhichead bliadhna ’sa h-ochd, agus ’s ann triomh oidhearpan Mhr. Whyte agus an Oilear J. P. Mac Gilleain, a thainig an Comunn gu cur mu dheibhinn càrn-chuimhne a chur aig ’uaigh.
’N uair a bha mi an Canada an uiridh, thaghail mi ann an sgireachd Ghàidhealach ann am Maree an Ontario, agus cha bu bheag an t-ioghnadh a chuir e orm an àireamh mhòr de Chloinn Fhionghain a thachair orm. Tha à’ Ghàilig aca uile. Thainig an aithrichean a mach á Colla, á Tirithe, ’s á Muile.
Tha mi gle riaraichte le MAC-TALLA; tha e a fàs na’s fhearr fad na h-ùine. ’Nuair a bha mi ’nam bhalachan òg an Glascho, b’ àbhaist dhomh a bhi ceartachadh nam“proofs”do bhrathair-mo-mhàthair, ’nuair a bhiodh a ’sgriobhadh dh’ ionnsuidh a Chuairteir agus phaipearan eile; ach tha tri fichead bliadhna uaithe sin. Cha rachadh agam air sin a dheanamh an diugh. Tha mi nise na’s fhearr air sgriobhadh cànainean na Gearmailte agus na Suaine na tha mi air cainnt mo mhàthar. Ma dh’ fheuchas mi ri beagan Gàilig a sgriobhadh, feumaidh mi Foclair Mhic-Leòid us Dheòra bhi agam ri m’ uillinn!
Tha mi ’n dochas gu faic mi tuilleadh de dh’ eachdraidhean Mhr. Shinclair anns a’ MHAC-TALLA, agus a’ guidhe soirbheachadh math leibh is mi, an la a chi ’s nach fhaic, bhur caraid dileas,
D. T. MAC DHOMHNUILL.
Calumet. Mich.
SEALL A MACH.
Airson
STOR UR TAILLEARACHD.
A tha ri bhi a fosgladh air an ath mhios ann an
STORW . E. PETERS.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
[Vol . 4. No. 47. p. 5]
NAIDHEACHDAN
Chaidh dithis dhaoine a ghlacadh anns na Stàitean a dh’ aidich gu’n do chuir iad teine ri tri fichead tigh, a losgadh mu fhiach da mhuillein dolair.
Chaidh soitheach a bhristeadh faisg air Kennington Cove ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Fhuair an sgioba iad féin a shàbhaladh, ach chaidh an soitheach a chall. Bha an soitheach air a turus á Lochluinn.
Bha cheud Dinneir aig a Chomunn Chaledòineach oidhche Di-luain. Bha àireamh mhath aice agus chuir iad oidhche chridheil, shunndach seachad cuideachd. Gu robh buaidh us piseach air a’ Chomunn!
Tha nise ceithir bliadhna o’n thainig am MAC-TALLA mach an toiseach. Thainig a cheud àireamh a mach air an ochdamh latha fichead dhe’n Mhaigh, 1892. Leis an àireamh so bidh da cheud us còig aireamh dheth air tigh’n a mach.
Bha stoirm uamhasach ann an St. Louis an Stàit Missouri Di-ciaduin. Bhuailcycloneam baile agus ann am beagan mhionaidean chuir e earann mhor dhe’n bhaile as a chéile. Tha tar a’ deanamh a mach gu’n deachaidh còrr us da cheud duine a mharbhadh, agus cha’n eil rian air a chall a rinneadh a bharrachd air sin.
Bha teintean a deanamh sgrios mor air coille ann an Nobha Scotia mu’n d’ thainig an t-uisge. Bha ’n turadh air leantuinn cho fada ’s gu robh gach ni air fàs cho tioram ’s gu’n deanadh sradag glé bheag teine fhadadh. Ach gu fortanach thainig an t-uisge, a chuir as na teintean, agus a tha toirt fàs air an fheur ’s air gach ni a chuireadh.
Chaidh fear Padruig Blakery, seann duine beairteach ann am Parsborro, N. S., a robaigeadh oidhche Di-màirt s’a chaidh. Bha e air rùm a ghabhail ann an tigh-òsda ’sa bhaile, agus bha còig ceud dolair de dh’ airgead aige ann am màileid, comhla ri pasgan de phaipearan a bha sealltuinn gu robh aona mile deug dolair aige anns a bhanca. Chaidh an t-iomlan a ghoid as a mhàileid air feadh na h-oidhche. Chuir e fios dh’ ionnsuidh a’ bhanca gun a t-airgead a phàigheadh, agus tha e deanamh uile dhichioll air an robair a ghlacadh, ach gu ruige so cha d’ fhuair e sgeul air.
Cha’n eil a bheag de naigheachdan ri fhaotainn aig an àm so, achpolitics ,agus o nach eil MAC-TALLA ’gabhail gnothuch ri taobh seach taobh, cha bai e toirt moran iomraidh orra. Chuir na Tuppers cuairt air an eilean, air an t-seachdain so a labhairt anns na bailtean; an deigh sin labhair iad an Antigonish, agus an sin chaidh iad a dh’ Eilean a’ Phrionnsa. Tha ’n taobh eile ag obair a cheart cho cruaidh ann an àiteachan eile. Tha iadsan a’ bruidhinn air cuireadh a thoirt do Mhr. Laurier sgriob a thoirt a nuas dh’a na Mor-roinnean Iseal co-dhiu thig e gus nach tig. ’Nan tigeadh bhiodh cothrom aig an luchd-taghaidh air da thaobh na cùise bhi air a mhineachadh dhaibh leis an da cheannard.
Tha am MAC-TALLA an dràsda dol uair ’san t-seachdain do Ghàradh Edein, agus a faotainn aoidheachd bho dhuine còir d’an ainm Alasdair Sutharlan. Tha moran a’ deanamh a mach gu’m b’i a’ Ghàilig a chainnt a bha ’n Garadh Edein air tùs, agus tha sinn toilichte fhaicinn gu bheil i ann fhathast. Tha sinn an dòchas nach tig air ar caraid an Gàradh fhàgail air chabhaig, agus gu’m bi e gabhail gu caoimhneil ris a’ MHAC-TALLA gu ceann iomadh latha ’s bhliadhna.
Chaidh soitheach á Norway a bhristeadh air na creagan aig Eilean Phòil oidhche Dì-màirt s’a chaidh, agus chaidh an sgiobair agus ceathrar eile a bhàthadh. Cha robh air an t-soitheach ach coignear eile agus chaidh iad sin a shàbhaladh. Bha dùil aca gu robh iad air a dhol seachad air an eilean ’nuair a chunnaic iad na creagan rompa. Dh’ fheuch iad an uair sin rì cùrsa ’n t-soithich atharrachadh, ach bha iad tuilleadh us anmoch. Chaidh ì as a chéile cha mhor cho luath ’sa bhuail i. Bha ceò dùmhail ann agus a mhuir gle gharbh. Bha mac dh’ an sgiobair air fear dhiubhsan a chailleadh còmhla ris fhéin. Bha iad le chéile aig an Stiùir ’nuair a chaidh an soitheach fodha.
Thachair sgiorradh eagallach ann am baile Victòria, an Columbia Bhreatunnach Di-màirt. Bha carbad stràide, air an robh còrr us sia fichead a gabhail an turuis, a’ dol a mach as a’ bhaile a dh’ fhaicinn cluich-airm a bha gu bhi faisg air Esquimalt. Bha aig a charbad ri dhol thairis air drochaid Point Ellice agus ’nuair a bha e mu mheadhon na drochaid, bhrist i fodha agus thuit an carbad ’s na bh’ ann dh’ an amhuinn, agus thatar a’ deanamh a mach gu robh còrr ’s dárna leth na bha ann air am bàthadh. Shàbhail cuid dhiubhsan a bha air taobh a muigh a charbaid iad féin le snàmh, ach bha moran de chàch air an goirteachadh anns an tuiteam, agus cha robh cothrom snàmh air fhàgail aca. Bha an drochaid gle àrd os ceann an uisge far ’n do bhrist i, agus chaidh an carbad gu grunnd na h-aimhne, far am bheil an t-uisge mu coig troighean fichead a dhoimhnead. Bha àireamh de na cuirp air an giùlan a mach dh’ an acarsaid le sruth na h-aimhne. Bha moran sluaigh air an drochaid ’nuair a bhrist i, agus tha cuid dhe’n bheachd nach b’ urrainn àireamh na thuit dh’ an amhuinn air fad a bhi na bu lugha na da choud, agus nach d’ fhuaireadh an dàrna leth a shàbhaladh. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn, batar an deigh tri fichead corp ’sa dha fhaotainn.
BAIS.
Air taobh an iar Loch Ainslie, air an aonamh latha fichead dhe’n mhios, Ceit Marcella, nighean Eoghain us Anna Ghillios, an Gleann nan Sgiathanach, ochd msosan a dh’ aois.
AN CRANN TARA
(Am Fiery Cross. )
PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 51 Sparks, St.. Ottawa, Ont.
MAIGH, 1896.
1 Di-haoine. A Bhealltuinn.
2 Di-sathairne. Fhuaireadh Jamaica, 1494.
3 DI-DONAICH. IV Donaich an deigh Caisge
4 Di-luain. An cairteal mu dheir. 11.11, m.
5 Di-mairt. Bàs a bàird Mhic Dhunleibhe 1873
6 Di-ciaduin. Ghlacadh Cuibeic, 1776.
7 Dior-daoin. A Ghrian ag eiridh, 4.46.
8 Di-haoine. A Ghrian a’ laidhe 7.7.
9 Di-sathairne
10 DI-DONAICH. Di-donaich na h-athchuinge.
11 Di-luain
12 Di-màirt. An Solus Ur. 3.33 feasgar.
13 Di-ciaduin. Bàs Dhonnachaidh Bhàin,1812
14 Dior-daoin. Dior-daoine naomh.
15 Di-haoine
16 Di-sathairne. An fheill Bhrannain.
17 DI-DONAICH. An fheill Chatain.
18 Di-luain. An Eaglais Shaor, 1843.
19 Di-màirt. Fosg. Sgoil Chill-Ribhinn 1411
20 Di-ciaduin. Bàs Cholumbuis, 1506.
21 Dior-daoin. Ceannairc ’sna h-Innsean, ’57
22 Di-haoine. 20) A cheud Chairteal, 27, mad
23 Di-sathairne
24 DI-DONAICH. Di-donaich na Cuingis.
25 Di-luain. A Ghrian ag èiridh, 4.28.
26 Di-màirt. An Solus Lan, 5.43. feasgar.
27 Di-ciaduin. A Ghrian a laidhe, 7.28.
28 Di-daoin. Comunn Gal’ach Lunnain 1778
29 Di-haoine. Aiseag an II. Righ Tearl. 1660
30 Di-sathairne. Bas an Easbig Leslie, 1596.
31 DI-DONAICH. Di-donaich na Trianaid.
Bathar Tioram.
AIG
IAIN A. MacCOINNICH & CO.
FIACH $15 ,00
ri bhi air a chreic a mach anabarrach saor
Caileagu o 3½c. suas
Anart Buidhe 3c suas
Anart Geal 4c suas
Leintean Geala air 59c. suas
Taghil a stigh agus
GHEIBH THU BARGAN.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96
[Vol . 4. No. 47. p. 6]
NA BANCAICHEAN-CAOMHNAIDH.
Bu choir do gach duine a dh’ fheumas, le fallus a ghruaidh, a theachd-an-tir fein a chosnadh, beagan a chur mu seach air son an latha fhluich—la a dh’ fheudas teachd air na h-uile an uair a’s lugha a shaoileas iad. ìs e an secl a’s fearr chum so a dheanamh, beagan a chur, air a lughad, anns an Ionad-mhalairt, no ’s a’ Bhanc-caomhnaidh, far an tog e riadh, agus far an gleidhear cruinn r’a cheile e. Anns an aite sin tha e an comhnuidh tearuinte, agus deas gu lamh a chur air ri h-uchd feuma. An toiseach, ma ta, dean dichioll air co beag ri bonn-cruin a chur r’a cheile; thoir an tigh-malairt ort leis, agus gheibh thu an sin leabhran anns an sgriobhar sios am bonn-cruin agad ri d’ chreideas, agus anns am bheil comas agad tuilleadh a chur an uair a chosnas tu e. Uime sin, dean dichioll air neoni a chur gu riaghailteach a’ d’ leabhran gach mios, no gach seachduin, ged nach biodh, ann ach sgillinn Shasunnach. Cha tuig neach sam bith gus am feuch se e, cia co furast ’s a ta e airgiod a dheanamh air an doigh so, agus tha fios aig na h-uile nach furast a dheanamh air dhoigh eile. An uair a thoisicheas duine air neoni beag a ghleidheadh mar so, tha toil-inntinn aige ann a bhi ’faicinn gu’m bheil a chuid airgid a’ fas mor gu’n fhios gu ’n aire dha, agus ni e strith chum a mheudachadh. Cuiridh e a nis, le lan chridhe, anns an leabhran, an tasdan a rachadh roimh sin le gleadhraich ’s an stop. Tha ’n cleachda taitneach so a’ teagasg do na h-uile a bhi curamach, measorra, agus stuama. Cuiridh iad cul ris gach milleadh, ana-measarrachd, agus caitheamh, agus uile laithean am beatha bithidh iad taingeil air son a’ chaochlaidh a rinneadh air an giulan, agus air an droch-cleachdannaibh. Gu robh iad lionmhor am measg ar luchd-leughaidh a smuainicheas air so agus a bheir iomadh beannachd dha-san a chomhairlch dhaibh a’ cheud sgillinn a chur ’n an leabhranaibh-malairt.
Cha ’n urrainn neach a thuigsinn an toiseach ciod a’ bhuannachd a ta ann do theaghlach sam bith, an uair a bhios ceannard an teaghlaich sin curamach agus glic ann a bhi ’gleidheadh, agus a’ cur mu seach neoni beag an tras’ ’s a ris air son an ama ri teachd. Is cruaidh agus is duilich an obair do chosnach bochd airgiod a dheanamh, ach tha e moran ni ’s dorra dha an t-airgiod sin a ghleidheadh an deigh dha a dheanamh. Uime sin, ’s e gliocas gach neach aig am bheil a’ bheag no mhor an ceann na seachduin mar thuarasdal air son a shaoithreach, earrann bheag deth a chur ’s a’ Bhanc-caomhnaidh, agus gun fhios gun aire dha, fasaidh e mor. Cha do ghabh neach aithreachas riamh air son gu’n d’ rinn e so. Tha iomadh bliadhna o’n thoisich na Bancaichean-caomhnaidh sin, agus is mor am beannachd a bhuilich iad air an rioghachd air fad. Tuigear so ni ’s fearr le aon eiseimpleir a thoirt air a’ chuis.
Bha bean-phosda og, thapaidh anns an Eilean Sgiathanach a chaill a companach, agus a dh’ fhagadh le triuir nighean, a bha ’s an am gle og. An uair a thoisich gorta mhor ’s an Eilean sin, mar a ta cuimhne aig moran fathast, bha a’ bhean so air a saruchadh gle chruaidh a thaobh gainne an teachd-an-tir. Runaich i air la de na laithibh, air sgireachd a breith fhagail, agus air Baile-cinn na Siorramachd a thoirt oirre, far an robh duil aice ri cosnadh eigin fhaotainn chum i fein agus a caileagan beaga a chumail beo. Rainig i agus ghabh i bothan tighe o thuathanach am fochair a’ bhaile. Bha’n og-bhean so riamh deanadach, dichiollach, agus glic. Cha robh la ’s a’ bhliadhna nach robh i’ faotuinn oibre mu’n tuathanachas, a’ deanamh gach ni a thigeadh ’n a caradh air na h-achaibh, agus a’ faotuinn duaise bheag, chinnteach air son a saoithreach. An deigh dhi a bhi samhradh no dha a’ cur seachad a h-uine air an doigh so thainig i stigh do’n bhaile air feasgar araidh, o cheann a nis dluth air fichead bliadhna, agus ghairm i airsan a ta ’sgriobhadh so sios, beagan an deigh dha teachd do’n aite, do bhrigh gu’n robh eolas aic’ air roimh sin ’s an Eilean Sgiathanach.
“An ’tu so ’Mhairearad, tha mi ro thoilichte t-fhaicinn; agus cia mar tha thu fein agus do phaisdean?”
“Tha sinn uile slan, fallain, gun fhath gearain, ach ciamar tha sibhse? Is mor mo sholas gu’n d’ thainig sibh a dh-ionnsuidh a’ bhaile so. Ochan! Ochan! is mi tha toilichte an diugh.”
An deigh do Mhairearad a h-eachdraidh a chur an ceill gu mion, poncail ann am fior Ghailig, thubhairt i;—
“Tha gnothuch beag agam ribh agus tha mi’n dochas gun dean sibh e. So agaibh coig puinnd Shasunnach a chuir mi r’ a cheile o’n thainig mi do’n aite so, agus gleidhidh sibh dhomhsa iad air eagal gu’n caill mi iad.”
“Tha mi ro thoilichte gu’n deachaidh a’ chuis co math leat a Mhairearad, oir is fhada ’bhiodh tu ’s an Eilean Sgiathanach mu’n sgriobadh tu na h-uiread r’ a cheile; ach cha ghabh mise an t-airgiod agad idir, agus cha ghleidh mi dhuit e air an doigh sin; ach ma thogras tu cuiridh mi e gu buil n’ is fear dhuit, agus gu buil a bhios chum beagan buannachd dhuit, aig an am cheudna.”
“Ciod e sin?” Bha duil agam gu’m biodh e chum feuma dhuibh fein, agus is i ur beatha a ghabhail, a chionn gu ’m bithinn gle chinnteach as an uair a dh’ fheudadh feum a bhi agam air.”
“Cha ghabh mi idir e, a Mhairearad, air an doigh sin, ach cuiridh mi e a’ d’ ainm fein ’s a Bhanc-caomhnaidh; gheibh mi leabhar beag air a shon anns an sgriobhar sios e, a ghleidheas mi dhuit, agus togaidh e riadh dhuit an sin.”
“Banc-caomhnaidh! Cha ’n ’eil agam idir air na bancaichean sin. Tha eagal orm nach ’eil iad cinnteach, agus b’ fhearr leam gu mor ’n ur laimh fein e.”
“Gabh thusa mo chomhairle-sa, a Mhairearad, agus theid mi fein an urras air nach eagal da. Ach tha urras ni’s fearr agad na mise. Tha Bhanrigh mhaith againn fein an urras air, agus ciod tuilleadh a dh’ iarradh tu? Tha na bancaichean sin a’ cur an airgid aca air son tearuinteachd ann an sporan mor na rioghachd, agus gus am brisear an crun Breatunnach, cha’n eagal doibh.”
“O, ma ta, tha mi ’g iarraidh maitheanais, ’s ann agaibh fein is fearr tha fios; so agaibh an t-airgiod le beannachd, agus is iomadh fallus cruaidh, goirt a thug e air mo mhalaidh mu ’n do chuireadh r’a cheile e.”
“A nis, a Mhairearad, an uair bhios bonn-cruin, no leth-chruin, no sgillinn-Shasunnach agad, gabhaidh am banc e, seasaidh e an sin ri d’ chreideas, togaidh e riadh an ceann na bliadhna dhuit agus bithidh e an comhnuidh a’ fas mor.”
“Mo bheannachd agaibh, ach c’uin, no ciamar a gheibhear a mach e a ris?”
“Gheibhear a mach e air la sam bith. Gheibhear e gu leir eadar chalp’ agus
[Vol . 4. No. 47. p. 7]
riadh, no gheibhear co beag ris an tastan as aig an aon am, uair sam bith a dh’iarrar e.”
“Nach e tha goireasach, freagarrach, doigheil! ’S i Bhanrigh fein, —gu robh i air a beannachadh! —a dheanadh an gnothuch gu ceart; oir tha mi cinnteach nach deanadh Banc Phort-righ againne sin; ’s e nach deanadh. Cha ghabhadh e suim co beag. Ach feumaidh mi a bhi ’falbh. Mile beannachd, —mile taing, —slan leibh.”
A nis, ciod a dh’ eirich do’n bhan-Sgiathanach so, agus d’a gnothuichibh anns a’ Bhanc-caomhnaidh? Bha i’ tighinn an tras’ ’s a’ ris le beagan air son a leabhrain fein, agus bha i a’ gabhail tlachd ann, nach robh aice an toiseach. Mu dheireadh dh’fhag i an duthaich agus an tuathanachas, agus ghabh i aite beag freagarrach ’s a’ bhaile. Thoisich i air nithe beaga a reiceadh; mar a ta aran, im, caise, uibhean, coinnlean, biorana-fadaidh, soda, siopunn, agus an leithide sin. Bha i curamach mu cheartas a dheanamh ri ’cuid cloinne. Thug i sgriobhadh, leughadh, agus sgoil-fhuaigheil do na h-igheanaibh aice. Dh’ fhas iad suas ’n an caileagaibh tapaidh, dreachail; phos iad agus tha iad a nis ’n an tighibh fein. Tha Mairearad choir fein ’n a boirionnach laidir tapaidh, sgairteil fathast, a’ cumail a’ bhuth bhig aice mar a b’ abhaist, agus gun a bhi idir dearmadach air a leabhar beag fein, anns am bheil a nis a cuid airgid air meudachadh gu gle dhluth air da cheud punnd Sasunnach!
Leanadh gach bean agus bantrach, gach oigfhear agus aosda, gach cosnach agus ceannard teaghlaich eiseimpleir na ban-Sgiathanaich dhichiollaich agus ghlic so; agus an uair a dh’ innsear doibh ciamar a thainig i air a h-adhart, chi iad, agus tuigidh iad fein, nach biodh, feudaidh e ’bhi, aon sgillinn ruadh aice an diugh, na’n diultadh i ’s an am sin comhairle a caraid a ghabhail; agus na’m fagadh i mar a bha i a’ bagairt, na coig puinnd Shasunnach aice ann an seotal na ciste an aite an cur a stigh do’n Ionad-Mhalairt sin, far an d’ fhas iad uidh air ’n-uidh co mor ann an aireamh ’s a tha iad a nis.
ALASDAIR RUADH.
Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhe’n t-seòrsa sin a dhith ort taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aige ’s tha iad math.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
G H. GUZZWELL
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha tha ’nar beachd
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 47. p. 8]
MEIRLEACH NAM MARAG.
[FHIR -DHEASACHAIDH: —Is fada bho’n a chuir thu fios a mach feuch am b’ urrainn de h-àon dha d’ luchd-leughaidh an t-òran a leanas a chuir gad’ ionnsaidh. Chuirinn-sa ugad e roimhe so mu’r biodh gu’n robh an leabhar anns an robh e air chéilidh. —DOMHUL, MARGARI, Am Màigh, 1896. ]
Thug biast de mheirleach soitheach ime ’s an robh da fhichead pùnnd, crog làn de mheasan-gréidhte, ùbhlan, geir agus maragan a seilear na te a tha ’seinn an òrain so.
FONN, —Briogais Mhic Ruaridh.
Am faca sibh idir, no’n cuala sibh,
Co am fear gioballach, suarach sin,
A ghoid mo chuid ine ’s mo mharagan mine,
’S gach ubhal is iomall a fhuaradh leis.
Bha Iain na chadal gun smuairean air aigne,
’Nuair thanig fear bradach na cluainteireachd;
’S bha mise ri thaobh ’s mì gun eagal gun smaointinn
Gu ’n tigeadh droch dhaoine thoirt bhuam mo chuid.
Bha ’n oidhche car dorcha, ’s bha fuaim aig an t-soirbheas;
’Se sin chuir go falbh am fear luath-chasach;
A stigh chaidh e ’n t-seillear, cho aotram ri eireag,
Is thug e mo gheir air a chruachan leis.
Na h-ubhlan grinn, àluinn a dh’ fhàs ann am ghàradh,
Na phòcannan sparr e gu suaicheanta;
Bha ’n trusdar gun nàire ’g an itheadh gu làidir,
Mar thorc ri buntàta bha fhuaim orra.
Nach tug e bho sgéith leis na marsan math, gréidhte,
A bhruich mi ’sa ghléidh mi le uaill asda!
’S na maragan briagha ’bu chosdail ri ’n deanamh,
Tha aige ’ga bhiathadh; —gur truagh mi dheth.
An crog bha ’cur thairis le im an deagh bhainne,
Thug meirleach nam marag air chluasan leis;
’S e fhéin a bha subhach a’ direadh a’ bhruthaich,
’S am blaths a’ cur rughaidh ’s na gruaidhean aig!
Gur truagh ’bhi gun annlan am meadhon a gheamhraidh,
Le gadaiche sanntach, neo thruacanta;
’S cha ’n fhaigh mi r’ an ceannach na nithean bu mhath leam,
Ged rachainn do ’n bhaile ’s an luach agam.
’Na ’n robh mise làmh riut ’nuair bhà thu ’g ar fàgail.
Bhiodh maide bhuntàta ’toirt chnuachdan ort:
Ged bhristinn do chlaigeann bu shuarach sin agam;
’S ann thoill thu do spadadh gun truacantachd.
Gur truagh nach do ghabh thu le Aonghas na mara,
Nan d’ fhuair e ’nad’ charaibh, bhiodh namhas ann;
Bhiodh fiaclan do chàirein ’g am pronnadh fo ’shàiltean,
’S cha ’n fhaicte ri ’d là ’dol air ghluasad thu.
Co’ dh’ iarraidh bhi d’ bhrògan, a ghlutaire ghòraich,
’S gach duine dha ’n eòl thu ’gad fhuathachadh?
’S gur mise tha cìnteach nach socrach dheth d’ inntinn,
’S do chogais ag ìnnse do dhuaise dhuit.
’Nuair bhios tu le cabhaig ag itheadh nam marag,
Cha ’n ioghnadh leam aileag gle chruaidh ’thigh’nn ort,
Ma ni iad do thachadh, gur daor dhuit do thapadh.
An oidhch’ thug thu leat ann an uaignis iad.
’S ann leamsa bu taitueach gu ’n rachadh do ghlacadh,
’S do sgiursadh gu sgaiteach mar thuarasdal;
Bu ghlanadh do ’n àite nan cuirte le bàirlinn,
A’ chomhnadh ’an Asia thuathaich thu.
Mur treig thu do dhòighean, cho chinnteach ’s is beò thu,
Gheibh ’n ceartas a chrògan ort uair-eigin;
Is cuirear air falbh thu gu aite nan garbhchlach
Gu obair chruaidh mharbhtach gun fhuarachadh.
Dean aithreachas tràthail, ’s cuir thugam-sa pàidheadh;
Mur cuir theid thu ’dh àite na truaighe bhuainn,
Le Iudas, do bhràthais, a ghoid as a mháileid,
’Nuair ’spionas am bàs dheth na chluasaig thu.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN“EUREKA”air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha FactoridhEurekaair aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aig Cross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
title | Issue 47 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 47. %p |
parent text | Volume 4 |