[Vol . 4. No. 48. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 6, 1896. No. 48.
Naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd.
Tha e gu tric a’ tachairt an uair nach bi fhios aig daoine ciod a their iad, gu ’n tòisich iad ri bruidhinn air an t-sìde. An uair a thachras duine ruinn air an rathad mhòr air nach bi sinn eòloch, their sinn ris, gu bheil an latha fliuch, no fuar, no blath, no briagha, direach a reir mar a thachras do ’n chùis a bhith. Cha fhreagradh e dhuinn labhairt ri daoine air nach ’eil sinn eòlach, ann an dòigh sam bith eile. Ghabhadh daoine gu h-olc e, nan cuireadh a h-aon dhinn ceisd orra mu thimchioll cia as a thàinig iad, no c’ àit an robh iad a’ dol, no ciod a bha iad a’ dol a dheanamh ann; ach is ann is math leotha an latha a mholadh dhaibh. Ged a bhiodh fhios aca fhein air an t-seòrsa latha ’th ’ann cho math ruinne, mar a dh’ fhaodas fios a bhith aca, is e sinn a mholadh an latha, dhaibh mòran a’s fhearrr leotha na sinn a ghabhail seachad orra, mar gu ’n gabhamaid seachad air each no air mart.
A nis, o nach ’eil fhios agamsa gu ro mhath ciod eile a their mi anns an àm so, bheir seachad gearr-chunntas air an t-sìde a bha againn anns a’ Ghàidhealtachd o thoiseach na bliadhna.
Bha an t-sìde a bha againn o ’n Bhliadhn’ ùir gus a so anabarrach neo-chumanta. An uair a sgrìobh mi mu ’n t-sìde, mu thoiseach an earraich, dh’ ainmich mi nach robh ach gann làn an dùirn de shneachda ri’ fhaicinn air na beanntan a’s àirde a th’ ann an Eileanan na Gàidhealtachd. B’ ann aig toiseach a’ Mhàirt a thàinig a’ cheud shìde fuar oirnn, agus cha b’ urrainn duinn mòran gearain a dheanamh air na bha dh’ fhuachd ann fad a’ mhios. Bha smùid mhath air a’ ghaoith mar bu trice, agus bha uisge agus flithne gu leòr againn fad a’ mhìos. Ach cha robh stoirm idir againn. Is gann gu robh latha ann ris am faodadh duine faoileach, no gearran, no sguabag, a ràdh. Faodaidh mi a ràdh gu robh corr is trì mìosan againn de shìde fliuch, gun bhith fuar. Mar bu trice, b’ ann o an iar ’s o an iar-dheas n bha’ ghaoth. Tha e anabarrach iongantach ri aithris, nach robh de ghaoith a tuath againn o bhliadhn’ ùir na dheanadh aon seachdain. An uair a bhiodh greis de shìde fliuch ann, thionndadh a’ ghaoth suas ris an tuath; ach ann am beagan uairean thilleadh i thun an iar, no thun an deas.
Fhuair daoine aig an robh talamh làidir ri threabhadh aimsir mhath gus an treabhadh a dheanamh, eadar toiseach na bliadhna agus toiseach a’ Mhàirt. Ach fad a’ Mhàirt, agus fad a’ cheud dà sheachdain de dh’ Aprail, is gann gu’m b’ urrainn daoine car treabhaidh a dheanamh aig cho fliuch ’s a bha an talamh. Bha am buntata ni b’ fhaide gun chur na bha e bliadhna sam bith o ’n is cuimhne le daoine. Tha mòran dhaoine gun bhith ullamh de chur an t-sìl fhathast.
Ach ged a tha ’churachd fadalach, tha ’n cinneas glé bhras. Tha am fochann a’ tighinn troimh an talamh ni ’s tràithe na chunnaic duine riamh e, o ’n is cuimhne leinn. Tha h-uile coltas gu’m bi bliadhna phailt ann.
Cha do sguir am feur a dh’ fhàs am bliadhna. Cha robh againn ach oidhche no dhà de reothadh o thoiseach a’ gheamhraidh.
An àm breith nan uan bha am pailteas feòir aig na caoraich, agus sìde bog, blàth, cho math ’s a dh’ iarradh duine sam bith.
Aig a’ Bhealltainn ùir, thàinig turadh sèimh is teas mòr oirnn, a mhair còig latha deug. Bhrùchd feur is fochann am mach anabarrach math. Tha na h-achaidhean cho gorm ’s cho comhdaichte le mìn-fheur dlùth ’s a b’ àbhaist daibh a bhith mu Fheill-Sheathain.
Dh’ ainmich mi mar tha, nach robh seachdain de ghaoith a tuath againn. Cha mhò na sin a bha aon latha de ghaoith an ear againn o thoiseach na bliadhna.
O chionn da latha bhrist air an t-sìde. Tha i fuar ga leòr an diugh fhein; oir chunnaic sinn fras chlachan meallain. Ach tha na làithean fuara so nàdarra gu leòr. So na làithean fuara ris an canadh na seann daoine ri mo cheud chuimhne, “Glaisean cumhach na Bealltainn.” Thig iad a h-uile bliadhna a’ cheart cho cinnteach ’s a thig an samhradh fhein.
Faodar ainmeachadh gu robh an t-sìde a bha againn o thoiseach an t-samhraidh gus o chionn dà latha, ni bu teoithe na bha toiseach samhraidh o chionn tri fichead bliadhna. Bha i cho toith fad latha no dha ’s nach b’ urrainn do dhaoine a’ bheag a dh’ obair a dheanamh, ach moch is anamoch.
Tha coltas gu’m bi na prìsean meadhonach math. Bidh Feill Phort-righ ann seachdain o’n diugh. Tha na drobhairean beaga a’ dol mu ’n cuairt nam bailtean a’ ceannach ghamhna.
O’n a tha dùil agam sgriobhadh a d’ onnsuidh an ùine gun bhith fada cha ’n abair mi an corr an dràsta. Tha mi annabarrach trang aig sgrìobhadh ’s aig leughadh aig an àm so. Cho luath ’s a gheibh mi beagan as mo dhrip, feumaidh mi litrichean a sgrìobhadh gu caomh-chàirdean a th’ agam an Eilean a’ Phrionnsa, agus anns a’ Cheap. Tha mi cuimhneach’adh orra gu tric, ged nach ’eil mi sgrìobhadh uca ach glé ainneamh. Abair thusa so riutha. Is mi do charaid.
19, 5, ’96. IAIN.
A fair gu beag ’s abair gu math.
Abair sin an uair a chaitheas tu cruach-mhonadh comhladh ris.
A’ bhò a’s caoile ’s a’ bhuaile, is i a’s àirde geum.
A’ bhliadhna a’s gainne min, dean fuinne mhòr ainneamh.
[Vol . 4. No. 48. p. 2]
COMHRADH.
EADAR MURACHADH BAN AOUS COINNEACH CIOBAIR.
COIN. —Failte na maidne dhuit, a’ Mhurachaidh, tha dochas agam gu ’m bheil thu gu surdail, sunndach an diugh, agus nach do chum gleadhraich nan gillean, agus meilich nan caorach agus nan uan gun chadal thu, oir cha bu beag an odhail a bha an raoir ’s a Ghoirtean-Fhraoich leo sin gu leir. Cha do leig iad dhomh fein suil a dhunadh re na h-oidnche.
MUR. —Ma ta, a’ Choinnich, chual mi gun teagamh meilich nan cacrach agus nan uan, ach is e sin an ceol a’s binne ’n am chluasaibh-sa ris an comas domh eisdeachd. Tha mi ’tuigsinn gu ’n robh cruinneachadh chaorach agad an de.
COIN. —Bha, bha, oir ’s e so an t-am anns am b’ abhaist dhuinn a bhi ’casgadh nan uan, agus thugadh dhachaidh iad maraon, chum dealachadh a chur eadar na h-uain agus am maithrichean mar a rinneadh air an fheasgair an de, agus cluinnear iad far nach fhaicear iad a’ caoidh gu goirt air son an dealachaidh.
MUR. —Ochan! is math, eolach air an obair mi, a’ Choinnich, agus de gach fuaim agus tuireadh, cha ’n ’eil caoidh idir ann ni ’s nadurra na caoidh nan uan an uair a dhealaichear iad o ’m maithrichibh; gidheadh, feumar sin a dheanamh. Tha duil agam gu ’m faigh thu deagh fheill agus phris air son nan caorach agus na h-olainn am bliadhna, ged nach ’eil iad idir co ard ’s a bha iad an uiridh.
COIN. —Cha ’n ’eil an olann co ro ard ’s a bha i air a’ bhliadhna a chaidh seachad, agus tha na caoraich eadar crun agus ochd sgillinn Sasunnach an ceann sios, agus is mor sin.
MUR. —Ni e suim mhaith airgid ann an stoc a’ Ghoirtein-Fraoich, ach cha ’n ’eil comas air, agus bithidh duil ni ’s fearr ris a’ bhliadhna chum teachd. Mar a thubhairt an sean-fhocal, “Thigeamaid beo an dochas ro mhaith.”
COIN. —Cha ’n ’eil fios agam, a’ Mhurachaidh, oir tha mo choguis ag innseadh dhomh, gu ’m bheil na prisean tuilleadh ’s ard mar a ta, oir gun teagamh, cha ’n fhiach punnd muilt-fheoil darna leth na pris a dh’ iarrar air a shon, agus is beag a’ chuairt ann an teaghlaich.
MUR. —Is ann agam tha fios air mo chosdas, a’ Choinnich, oir cha ’n ’eil mi a’ cumail ach neoni de mheanbh-chrodh, a cheann nach ’eil an t-aite againn co freagarrach air son chaorach ris a’ Ghoirtean-Fhraoich.
COIN. —Fagaidh sin ni ’s buailtich thu do ’n cheannachd, agus is lom an ni teangadh na meidh, a’ Mhurachaidh.
MUR. —Tha i ann sin gle lom, ach cha ’n fhaigh neach sam bith na h-uile nithe mar bu mhaith leis. Bhiodh e uime sin, ’n a ni taitneach na ’m biodh na h-uile fear lan riaraichte le chrannchur fein.
COIN. —Gle cheart, a Mhurachaidh, ’s e dleasnas nan uile a bhi toilichte le ’n staid fein, gu sonraichte ma bhios cuisean ag eirigh gu ceart leo, agus an spreidh aca a’ cinneachadh mar bu mhaith leo.
MUR. —Direach sin, a’ Choinnich, an uair nach laidh droch shuil orra, agus nach gnathaichear cleas, no giseag chum cur as doibh, no dochunn sam bith a dheanamh orra.
COIN. —Seadh, seadh, tha mi ga d’ thuigsinn, a Mhurachaidh, oir tha thu a’ deanamh fochaid orm a nis, air son na thubhairt mi riut a cheana mu na geasan agus cleasan a rinneadh le droch shluagh anns gach linn chum cuid an coimhearsnaich a mhilleadh agus a sgrios. Ach thubhairt mi sin, agus their mi fathast e; cha ’n ’eil feum an fhirinn a chealachadh air chor sam bith.
MUR. —Tha fios agam gu ’m bheil thusa a’ toirt lan chreideas do na nithibh faoin sin uile, a’ Choinnich, agus air duit eolas a bhi agad orra, feumaidh tu cuid diubh a leigeadh ris domh a reir mar is cuimhne leat.
COIN. —Is minic a chual mi m’ athair agus mo shean-athair a’ labhairt air an t-seol air an robh muinntir anns na seann linntibh a’ toirt lan-chreideas do nithibh dhe ’n t-seorsa sin. Bha iad a’ toirt geill do bhuidseachd, dubh-chleasachd, druidheachd, geasadaireachd, fiosachd, agus nithe de ’n ghne sin; agus cha ’n ’eil teagamh sam bith nach robh mor-chumhachd aig na sithichibh, oir bha iad lionmhor anns gach sgireachd, far am faicear gu ruig an la ’n diugh na ficheadan de na tolmanaibh uaine sin, anns an robh iad a’ gabhail comhnuidh.
MUR. —Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil tolmanan uaine ri ’m faicinn anns gach aite, agus mar an ceudna tolmanan dubh, agus tolmanan de gach meud, cumadh, agus gne, ach ciod dheth sin, a Choinnich, cha d’ fhag sin iad ’n an ionadaibh-comhnuidh do na sithichibh ged a theirear “sitheana” gu ’n teagamh riutha.
COIN. —An creid thu so, a’ Mhurachaidh, bha mo sheanair air oidhche araidh, a’ dol seachad air an t-Sithean-Mhor ’s a’ Ghleanndubh agus chual e ceol agus dannsa ’s a’ chnoc, agus chunnaic e le ’shuilibh boisgean soluis mar ann an seomar arsuing ann an cridhe a’ chnuic, agus stad’ e a dh’ eisdeachd ris a’ cheol agus an aighear.
MUR. —Tha eagal orm, a’ Choinnich, gu ’n robh boinnean beag ann an suil do sheanair air an oidhche sin, ach biodh sin mar a dh’ fheudas, ciod tuilleadh a th’ agad ri radh mu ’n timchioll?
COIN. —Cha ’n ’eil a’ bheag de dhroch ni agam ri aithris mu ’n timchioll idir, a’ Mhurachaidh, oir bha iad riamh neo-lochdach mar cuirteadh fearg orra, oir ’s e Daoine-sithe a bha mar ainm orra, agus bha iad anabarrach cairdeil riusan a bhiodh caoimhneil riu, ach mur biodh, dheanadh iad gun teagamh droch cleasan air an luchd-saruchaidh, agus ghoideadh iad na leanaban aca air falbh, gu sonraichte mar biodh na leanabana sin air am baisteadh. Bha iad, mar an ceudna, ro dheigheil air mnathaibh oga a ghlacadh, agus air an toirt air falbh leo, chum banaltran a dheanamh dhiubh do ’n chloinn bhig aca fein anns na sitheanaibh aca. Dhunadh iad a stigh iad ’n an seomraichibh uaigneach fein, far an gleidhteadh iad ficheadan bliadhna gun aois a bhi luidhe orra idir. Feudaidh e bhith gu ’m fagadh iad seana chailleachan anns na teaghlaichibh sin as an goideadh iad na mnathan oga, agus cha robh na cuisean sin idir taitneach do na companaich aca.
MUR. —Cha ’n ’eil iognadh orm ged nach biodh, a’ Choinnich, oir cha robh an iomlaid a rinn iad idir taitneach. B’ fhearr leat fein cur suas le Seonaid choir ged nach biodh i co airidh ’s a ta i air do dheagh-ghean, na gu ’n tugteadh air falbh i, agus cailleach ghreannach, ghlas fhagail ’s a’ Ghoirtean-fraoich ’na h-aite. Ach innis domh, a’ Choinnich, o’n tha eolas agad orra, ciod bu
[Vol . 4. No. 48. p. 3]
choslas do na sithichibh sin, agus ciod a’ ghne sgeudachaidh a bha iad a’ cur umpa fein?
COIN. —Bha ionadan-comhnuidh ro mhaiseach aca, seomraichean aluinn a bha mor, farsuing, ard, agus air an lionadh leis gach greadhnachas. Chumadh iad cuirtean anns na luchairtibh riomhach aca, agus rachadh iad cuideachd ’n am buidhnibh sgiamhach. Air amannaibh bheireadh iad na raointean orra ’n an comhlahnaibh mora, a’ marcachd oir steud-eachaibh sneachd-gheala! Bha iad air an sgeudachadh ann an trusganaibh soilleir uaine, a bha sgiamhach thar tomhais, agus bha iad uile ’g an nochdadh fein anns an aon ghne eididh aluinn sin, a bha dealrach mar sholus na greine. Mar bri trice mu mheadhon oidhche, bha iad a’ fantuinn a stigh ’n an seomraichibh uaigneach fein a’ cluicheadh agus a’ dannsadh gu am brisidh na faire, agus an sin bhiodh tosd agus samhchar ann gus an tigeadh an ath oidhche. Ach cha chualas riamh ceol co binn ’s a bha air a sheinn leo nan aoidheachd fein. Agus mar a thubhairt mi cheana, chual mo sheanair an ceol sin anns an t-Sithean-Mhor ’n am dha air oidhche araidh a bhi ’gabhail na slighe seachad air.
MUR. —Tha thu a’ cur iongantais orm, a Choinnich, agus ma ’s maith mo bharail, is e an ath ni a chluinneas mi o d’ bhilibh gu ’m fac thu le d’ shuilibh fein na daoine-sithe sin, agus gu ’n cual thu le d’ chluasaibh fein am binn-cheol leis an do chuir iad air chrith na glas-chnocan sin anns an robh iad ri ruiteireachd co mor.
COIN—Comadh leat-sa, a’ Mhurachaidh, tha thusa mar a bha thu riamh, a’ deanamh fochaid orm-sa, ag radh rium gu ’m faicinn le mo chluasaibh sud agus so. Ciod leis am facinn ach le mo shuilibh, agus leis an cluinninn ach le mo chluaoaibh? Ach so agad e, a’ charaid ionmhuinn, chunnaic agus chual muinntir na nithe so, a bha ’n an la ’s ’n an linn fein ceart co firinneach, creideasach ri Murachadh Ban no ri Coinneach Ciobair, agus e’ ar son, uime sin, a bheireamaid mi-chliu no smal orra-san a bha co glic, ceart, treibhdhireach ’n an giulan fein ri neach sam bith ’s an linn a tha lathair? Na deanamaid tais orrasan a dh’ fhalbh?
MUR. —Ud! Ud! a’ Choinnich, na gabh co bras ’s an t-sroin e, oir cha chuir mise smal no mi-chliu air athair, no seannair, no air neach sam bith, do bhrigh gu ’m bheil cead aig na h-uile teachd beo ’n am barail fein; ach an deigh sin, cha’n ’eil mi ’faicinn gu ’m bheil reuson, no tuigse, no taisbean, a’ toirt an dearbhaidh a’s lugha, gu ’m bhesl, ann am firinn, steigh sam bith air son nan nithe sin d’ am bheil thusa ag aomadh, agus a’ toirt lan-chreideis. Do ’m thaobh fein dheth, cha d’ thug, agus cha toir mi geill dhoibh, agus cha mhor a bheir, ann an soilleireachd nan linn a ta lathair.
COIN. —Air do shocair ort,’ a Mhurachaidh air do shocair ort, agus na bi gu tur bras agus ceannlaidir, oir thi mi ’s a’ bharail gu’ m bheil an Fhirinn fein a’ leigeadh ris duinn gu ’n robh muinntir ann o shean aig an robh cumhachd de ’n ghne so, agus a nochd e gu soilleir, agus gu follaiseach
MUR. —Is maith a tha mi ga d’ thughsinn, a Choinnich, agus s taitneach gu ’m bheil thusa a’ rannsachadh nan S r obtuir gu bhi ’faicinn nan nithe a chuireadh an ceill annta mu’n luchd-fiosachd, na daoine-glice, na druidhean, na speuradairean, agus iadsan aig an robh leannan-sithe, agus an leithidibh sin; ach faic, agus tuig so, fhir mo chridhe, cha ’n ’eil mise a’ creidsinn gu ’m bheil Focal na Firinn a’ cur an ceill ann an aite sam bith gu ’n robh a leithid do chumhachd air a thoirt leis an Ti a’s Airde do mhac an duine, chum nithe de ’n ghne sin a dheanamh.
COIN. —Is iongantach leam do bhriathra a chluinntinn, a Mhurachaidh. Nach ’eil thu ’faicinn ciod a rinn na druidhean ’s an Eiphit, agus ciod a rinn a’ bhean aig an robh an leannan-sith ann an Endor? Nach ’eil thu a’ creidsinn gu ’n do thog i Samuel o na marbhaibh an uair a thubhairt Saul rithe, Dean fiosachd dhomh-sa, guidheam ort, leis an leannan-shith, agus tog suas dhomh esan a dh’ ammicheas mi dhuit!
MUR. —Ochan! a’ Choinnich, is mise nach ’eil a’ creidsinn gu ’n do thog an droch bhean sin Samuel riamh o staid nam marbh, ni mo tha mi’ creidsinn so, gu ’n do cheaduich an Cruithear do ’n droch spiorad e fein a nochdadh am an riochd Shamueil, chum peanas a thoirt air Saul a bha ’n a shamhladh air Satan. Cha ’n ’eil e iongantach gu ’n nochdadh Satan e fein ann an riochd Shamueil, an uair a cheaduicheadh dha “e fein a chur ann an cruth aingil soillse.” Na biodh, uime sin duil agadsa gu ’n do cheaduicheadh riamh do droch-dhaoinibh trioblaid a chur air fois nan naomh, no an tabhairt air ais do ’n t-saoghal so á saoghal nan spiorad air iarrtas Shatain, athair nam breug.
COIN. —Ubh! Ubh! a’ Mhurachaidh, is leoir na nithe sin chum ceann duine a chuir ’n a bhreislich, cha ’n ’eil mi fein ’gan tuigsinn; tha iad tuilleadh ’s domhain agus diomhair air mo shon-sa; ach chi mi ciod a their an seann Mhinistear coir againn, Maighstir Seumas m’an timchioll, agus taoghlaidh mi air gun dail a dh-fhaicinn ciod a their esan mu na nithibh sin.
MUR. —Ro cheart, a’ Choinnich, ro cheart, agus aig an am leigidh sinn leis na sithichibh cadal a dheanamh, ach aig uair eigin eile, ma chaomhnar sinn, bithidh tuilleadh comhraidh againn mu na cleachdannaibh eugsamhla sin a bha air an coimhead le ’r luchd-duthcha fein anns na linntibh a dh’ fhalbh.
ALASDAIR RUADH, sa Gaidheal.
DEAGH BHARGAN. —Aig coinneamh Stuamachd a bha ann a bail’ àraidh, labhair fear obrach agus rinn e òraid ghasda. Bha paidhir de brògan briagh ùr uime. Ars esan: “Mu sheachdain an deigh dhomh sgur dhe’n òl, bha mi muigh agus thachair caraid orm. ‘ ’S math am paidhir bhròg a th’ agad,’ ars asan. ‘ ’Seadh, gu dearbh,’ arsa mi-fhin, ‘agus cha’n eil fhios ’am an creid thu mi, ach ’s e ’n t-òsdair a thug dhomh iad.’ ‘Bha sin gle chaoimhneil dha, ars esan. ‘Bha,’ arsa mi fhin, ‘ach bha bhargan eadruinn. Bha esan ri chuid deoch a chumail aige fhéin, is mise ri m’ chuid airgeid a chumail agam fhin. Cheannaich an t-airgead sin na brògan dhomh. Fhuair mi chuid a b’ fhearr dhe’n bhargan, agus tha mi dol a leantuinn ris. ’”
Bha Eireannach uair air a chur airjury ,agus ’nuair a thainig e dhachaidh bha ’bhean a faoighneachd dheth ciamar a chòrd e ris. “Cha’n eil meas sam bith agam air,” arsa Pat, “an uair nach eil ’sa chàs ach aon Eireannach, tha e soirbh gu leòr a dheanamh a mach co tha ceart; ach tha ’n dòlas air ’nuair a tha Eireannach air gach taobh!”
[Vol . 4. No. 48. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IUN 6, 1896.
Tha fios air tighinn air an t-seachdain so, gu bheil luchd-àiteachaidh eilean Chrete air ar-am-mach a dheanamh an aghaidh nan Turcach, agus gu bheil na saighdearan Turcach a’ murt ’sa marbhadh nan Criosduidhean. Tha ’n t-eilean sin fo uachdaranachd na Tuirce o’n bhliadhna 1840, agus cuide ris gach àit eile tha fo cheannsal dhi, tha e a’ fulang gu goirt. Rinn an sluagh ceannairc mhor ’sa bhliadhna 1878, cho mor ’s gu’m b’ fheudar do’n t-Sultan tomhas de fhéin-riaghladh a thoirt daibh. Ach air an turus so, o’n thòisich na Turcaich fhéin, tha iad a cur rompa gu’n saor iad iad-féin gu buileach as an làmhan. Tha ’n Sultan a cur àireamh mhor ’de shighdearan dh’ an eilean air son cur as do’n cheannairc. Tha Breatuinn, a’ Ghréig, agus rioghachdan eile a cur shoithichean cogaidh dh’ ionnsuidh an eilean air son ceartas fhaicinn aig an cuid iochdaran féin a tha còmhnuidh ann. Tha cuid a deanamh dheth gu bheil iad a’ faicinn anns a cheannairc so an ni a tha ’dol a dh’ aobharachadh a chogaidh mhoir anns an Airde ’n Ear ris an robh dùil aig an t-saoghal o chionn àireamh bhliadhnaichean.
A chòir fhein do na h-uile fear.
A’ chuileag a dh’ éireas as an òtraich, is i a’s mò a ni srann.
A’ chungaldh-leighis a’s goirte, is i gu tric a’s fhearr a leighiseas.
Sgeul A Tigh-oil.
Chaidh duin’ òg a stigh do thigh-òil ann am baile beag, agus dh’ iarr e deach de stuth làidir. “Cha’n fhaigh,” arsa fear an taigh-òil, “tha tuilleadh ’sa chòir agad cheana. Bha ’n dearg chaothach ort leis an daoraich aon uair ’s cha reic mise boinne tuilleadh riut.” Chaidh an duin’ òg a leth-taobh a dheanamh rùm do dhithis dhaoin eile, na b’ òige na e-fhéin, a thainig a stigh ’s air ’n do chuir fear am taighe fàilte chridheil, a feòrach ciod a bha dhith orra. Sheas e an sin gu dannara gus ’n do dh’ òl gach fear a ghlaine, agus an sin choisich e null far an robh fear an taighe, agus thuirt e— “Sia bliadhna air ais, sheas mise ’cheud uair far am bheil na daoin’ òg ud ’nan seasamh an dràsda. Bha mi an uair sin ’nam dhuine air an robh choltas deanamh gu math a’ tigh’n troimh ’n t-saoghal. An diugh, cha’n eil annam ach duine truagh caillte eadar chorp us inntinn. Bhuair thusa mi dh’ ionnsaidh an òil. Anns a cheart sheòmar so dh’ ionnsuich mi an cleachdadh a tha ’n deigh mo sgrios. A nise, thoir dhomh glaine no dha eile agus bidh t-obair criochnaichte; bidh mise criochnaichte. Cha’n fhada gus am bi mi as an rathad; cha’n eil dòchas dhomh ann. Ach gabhaidh iadsan sàbhaladh; faodaidh iadsan a bhi ’nan daoine fhathast. Na reic deoch-làidir riutha-san. Reic riumsa i, agus leig leam bàsachadh, agus bidh an saoghal cuibhteas mi; ach air sgàth gach ni a tha math, na reic an còrr riutha-san.” Dh’ éisd am fear eile ris, ’s e air chrith ’s cho bàn ris an anart. Thilg e uaith ’n t-searrag as an robh e toirt na dibhe, ’s ars esan, “Gu’n cuidicheadh Dia leam, ’s e sid am boinne mu dheireadh a reiceas mise ri m’ bheò!”
Bha aireamh de mhnathan uasal a’ gabhail sgriob aon latha blath agus thachair iad air duine bhochd a bha tarruinn uisge a tobar-tàirne agus e gun bhoineid air a cheann. Thuirt aon de na mnathan ris, “A dhuine bhochd! Mur faigh thu boineid ni a’ ghrian coire do d’ eanchainn.” “Nan robh eanchainn agam” ars esan “an saoil thu gu’m bithinn aig obair de ’n t-seorsa so?”
A’ bualadh na tarraing air a ceann.
A’ chiad bhliadhna, bliadhna nam pòg, ’s an dara bliadhna, bliadhna nan dòrn.
STOR UR TAILLEARACHD.
ri bhi air a
fosgladh air an 10 la, ann an
STORW . E. PETERS.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MAC COINNICH & CO.
Sidni, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
[Vol . 4. No. 48. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Rinn stoirm na seachdain s’a chaidh call mor air na h-iasgairean air taobh a deas an eilean, gu h-àraidh orra-san a bha ’glacadh nan giomach. Bha moran de na trapichean air an tilgeadh air tir, agus ann an caochladh àitean b’ fheudar do na factoridhean a bhi ’nan tamh dha no tri lathaichean, le cion ’s nach robh doigh air na giomaich a ghlacadh.
Theich cléireach, a bha ’g obair ann am banca am Montreal, as an duthaich o chionn treis a dh’ ùine, a’ giulan leis sporan math de dh’ airgead muinntir eile. Chuireadh as a dheigh, agus rugadh air anns an Fhraing; chaidh a thoirt air ais gu Montreal an la roimhe far am bheil aige ri cùirt a sheasamh. Tha e gle dhoirbh ’san latha ’n diugh do dhuine ciontach teicheadh far nach beir ceartas air, ma theid an lagh idir an tòir air.
Tha an rionnach gle phailt mu chladaichean Nobha Scotia, agus rionnach math cuideachd. Thatar an deigh moran a ghlacadh. Tha na soithichean Geancach ’ga leantuinn gach taobh an téid e, a dol cho faisg air tir ’sa leigeas an lagh leotha, agus air uairean na’s fhaisge. Chaidh aon soitheach a ghlacadh an taobh a stigh de’n tri mile air an t-seachdain s’a chaidh: chaidh a toirt a stigh do Halifax far am bi i gus am pàigh an sgiobair càin air son e bhi bristeadh an lagha.
Thainig corp Ailein Mhoireastan, a mhuinntir Beinn a Mharbail, dhachaidh áGreat Falls, Montana,air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh e mach dh’ an àite sin o chionn da bhliadhna. Fhuair e goirteachadh mu mheadhon a mhios a dh’ fhalbh a thug a bhàs an ceann beagan lathaichean. Bha e da fhichead bliadhna ’sa naodh a dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us sianar mhac. Bha fear de mhic air falbh còmhla ris, agus thainig e dhachaidh le ’chorp, gus a chur fho’n fhòd am measg a chàirdean.
Chaidh còrr us seachd ceud a mharbhadh ann an St. Louis ’s anns an dùthaich mu’n cuairt air, an Stàit Missouri, leis an stoirm a bha ann air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig an stoirm le luaths anabarrach, cho luath ’s nach robh ùine aig feadhain a bha air na stràidean teicheadh do na taighean, ach bha iad air an sguabadh as an seasamh. Rinneadh sgrios uamhasach air a bhaile; agus b’ iomadh sealladh cianail a chunnacan ’nuair a bha ’n stoirm seachad ’sa thòisich iadsan a bha beò ri sireadh an càirdean am measg nam marbh, pàrantan a faotainn an cloinne, ’s clann a faotainn am pàrantan. Ann an aon chearna dhe’n bhaile bha ospidal anns an robh mu cheithir cheud gu leth de dhaoine tinne; ’nuir thàinig an stoirm, theich iadsan aig an robh ’n comas a mach, ach bha chuid mhor dhiubh gun chomas gluasad, agus chaidh am marbhadh le tuiteam an taighe. Ann am baile eile chaidh taigh-sgoile a leagail, agus bha còrr us leth-cheud de na sgoilearan air am marbhadh. ’Si so stoirm cho caillte ’sa bha riamh ri cuimhne dhaoine ann an America.
Chaidh an sgeul mu’n cuairt air an t-seachdain s’a chaidh gu’n deachaidh fear Blakely a robaigeadh ann am Parrsboro, N. S. An deigh dha fios a chuir dh’ ionnsuidh nam bancaichean anns an robh a chuid airgeid, ’s ùpraid mhor a dheanamh uime, fhuair e an t-airgead ’s na paipearan gu sàbhailte fo linigeadh a chòta, far ’n do dh’ fhuaigh e-fhéin iad air son tearuinteachd, agus dhi-chumhnich e gu’n do chuir e ann iad.
Thug duin’ òg do’n ainm Anslem Mac Ille-mhaoil, a tha fuireach faisg air Hillsboro, an Eilean a Phrionnsa, ionnsuidh air tigh’n ri bheatha fhéin a sheachdain gus an diugh. Chaidh a phiuthar a mach dh’ an bhàthaich agus fhuair i e ’n crochadh ri te de na sailthean. Ghearr i-fhéin agus nighean eile bha còmhla rithe an rop, chuir iad na shineadh air an ùrlar e, agus chuir iad fios air dotair. Bha e fada gun fhios aca co-dhiu bha e beò no marbh, ach mu dheireadh thainig e uige, agus tha choltas air a nise gu’n teid e am feabhas. Tha iad a deanamh mach gu’n do ghabh e puinnsean mu’n d’ thug e ’n ionnsuidh air e-fhéin a chrochadh. Bha e ann an droch shlàinte fad an earraich, agus theagamh gur e sin a thug air feuchainn ri cur as da fhéin.
Thachair ni uamhasach ann an Ruisia air an t-seachdain s’a chaidh an co-cheangal ris a chridhealas a bhatar a deanamh an deigh crùnadh an Iompaire. Is abhaist aig crunadh nan Iompairean a bhi deanamh cuirm mhor do na daoine bochda, agus lan chead a bhi aig na h-uile air an leòr, de bhiadh ’s de dheoch a ghabhail gu saor agus an nasgaidh. Bha a chuirm sin air a deanamh air an turus so Di-satharna s’a chaidh, air còmhnard Chodnysky, a mach á baile Mhoscow. Bha sluagh gun àireamh cruinn: thatar a’ meas nach robh na bu lugha na còig ceud mile ann air fad. Thòisich iad air dòmhlachadh timchioll air na bùithean anns an robh ’m biadh ’ga riarachadh, agus ann an ùine ghoirid, bha àireamh cheudan air am prannadh gu bàs. Cha robh maoir gu leòr a làthair gus an cumail air ais no rian a chumail orra, agus mar sin rinneadh an call. Ths iadsan a bha láthair an deigh do’n arm an sluagh a chur m’a sgaoil ag radh gu’m bu shealladh oillteil a bhi faicinn nan corp, daoine ’s mnathan ’s clann, air am prannadh ’s air an stampadh fo na casan gus nach aithn-cheadh eadhon an càirdean iad. Tha na maoir ag radh gu’n d’ fhuair iad còrr us aona ceud deug corp air an làraich, ach tha feadhain eile ag radh gu robh moran de na cuirp air an toirt air falbh le ’n càirdean, agus nach b’ urrainn àireamh nan marbh a bhi bheag na bu lugha na sia ceud deug. Tha an t-Iompaire a’ deanamh na’s urrainn da a’ cuideachadh an t-sluaigh bhochd a chaill an càirdean. Dh’ òrduich e mile rouble ( $790 ) a thoirt do gach teaghlach a chaill duine; tha mar an ceudna an riaghladh a pàigheadh gach cosguis mu adhlacadh nam marbh, agus tha teann òrdugh aig na dotairean anns na taighean-eiridinn gach dichioll a dheanamh air iadsan a bha air an leònadh a leigheas.
IUN, 1896.
1 Di-luain. Blar Dhrum colg 1679.
2 Di-màirt. (3) Breith T. àig ’Ic Leòid, ’12
3 Di-ciaduin. Bàs Dhùghaill Buchanain 1768
4 Dior-daoin. (3) An Cairteal mu dheireadh 3.49, mad.
5 Di-haoine
6 Di-sathairne. (7) Bàs Raibeart Brus, 1329.
7 DI-DONAICH. I. Di-donaich na Trianaid.
8 Di-luain. Eaglais na h-Alba, 1696
9 Di-màirt. An Fheill Chaluim.
10 Di-ciaduin. Blar Ghlinn-seile.
11 Dior-daoin. An Solus Ur, 4.29. mad.
12 Di-haoine. Bas Righ Seumas III. 1488.
13 Di-sathairne
14 DI-DONAICH. II. Di-donaich na Trianaid.
15 Di-luain. Breith Dhomhnuill ’IcCoinich 1783.
16 Di-màirt
17 Di-ciaduin. Blar Raon-Ruairidh, 1689.
18 Dior-daoin. Blar Waterloo, 1815.
19 Di-haoine. (18) A cheud Chairteal, 7.27, mad.
20 Di-sathairne. An fheill Fhaolain.
21 DI-DONAICH. III. Di-donaich na Trianaid.
22 Di-luain. (21) La a’s fhaide ’sa bhliadhna
23 Di-màirt. Bas Mhorair Chaimbeil, 1861.
24 Di-ciaduin. An fheill Eathain.
25 Dior-daoin. Blar Allt a’ Bhonnaich, 1314.
26 Di-haoine. (25) An Solus lán, 2.41. mad.
27 Di-sathairne. Murt Chawnpore, 1857.
28 DI-DONAICH. IV Di-donaich na Trianaid.
29 Di-luain. Féill Pheadair us Phoil.
30 Di-màirt. Bàs Marcuis Earaghaidheal, 1685
Bathar Tioram.
AIG
IAIN A. MacCOINNICH & CO.
FIACH $15 ,000.
ri bhi air a chreic a mach anabarrach saor
Caileagu o 3½c. suas
Anart Buidhe 3c suas
Anart Geal 4c suas
Leintean Geala air 59c. suas
Taghil a stigh agus
GHEIBH THU BARGAN.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96
[Vol . 4. No. 48. p. 6]
ELIAH.
(Air a leantuinn.)
Bha cridheachan an t-sluaigh cheana aontaobhach, fuar, agus caoin-shuarach: bha briathran am beòil miodalach, agus smuaintean diomhair an cridhe neo-gheamhnuidh; agus air an aobhar sin, bha e furasda do’n Bhan-righ Iesebel a run ’sa h-iarrtuis féin a ghabhail agus a nochdadh. Ach cha ghiulan an Tighearna daonnan le easumhlachd ’us aingidheachd na rioghachd sin anns an robh ainm ’us onair ’us glòir an Ti Naomha aithnichte ’s measail o aimsir fad air chùl. Faodaidh a’ bean iodhail aoraidh naimhdeil sin, Iesebel, agus iadsan a bha co lag-chridheach agus co bheag muinghin ann an Dia agus co bheag meas air ’onair, air ainm ionmholta ’s air reachdan—faodaidh iadsan agartas an coguisean féin a chiùineachadh agus a mharbhadh leis an dòchas nach toir Dia Iacoib fainear, agus gum faigh iad iomadh la grianach sùgrach a chaitheamh ann an anamiannan ’us ann an an-tograidh an cridheachan féin, gidheadh cha-n ’eil na làithean lionmhor no fada air falbh, anns am mothuich iad-san gu goirt gu bheil an Tighearna Dia uile-chumhachdach—gun choimeas idir dha; gu bheil e ro-eudmhor mu dheibhinn na h-onair agus an urraim a bhuineas dhasan agus dhasan a mhàin gu dligheach, oir is Esan àrd-chruithfhear na talmhainn, agus nach toir e air chòr air bith a ghlòir féin do neach eile. Ann an tùs Cinneadalachd nan Eabhruidheach dh-oibrich e oibrean iongantach agus miorbhuileach ann an tir na h-Eiphit, agus chriothnaich gach fine a chuala an sgeul le oillt. Eirichidh an Tighearna ann an ùine ghearr ann an glòir a mhòrachd, agus islichear sealladh uaibhreach nan daoine mora, agus leagar sios àrdan nan daoine suarach, agus bithidh an Tighearna ’n a aonar air àrdachadh anns an la sin ann an rioghachd Israeil agus an sealladh Ahaib ’sa mhnaoi Isebel. B’e Maois, òglach féin, am meadhon trid an do chuir an Tighearna na gniomharan iomraiteach ud an gniomh an t;ath bha e ’toirt fuasglaidh do shliochd Iacoib as an teanntachd mhaslach truagh anns an robh iad re bliadhnachan co lionmhor. Aig an àm so, mar an ceudna, am feadh a tha e ’dol a ghabhail dioghaltais air sluagh us ceannardan seachranach, mi-naomha Israeil mar bu ghnàth leis, tha e roghnachadh neach curanta, gaisgeil, meamnach, neo-sgàthach airson a thoil oirdheirc féin a chur an céill. Is e an dream foghainteach, eudmhor so, Eliah an Iishbitheach, a bha de luchd-àiteachaidh Ghilead. Is esan aig an robh ionad còmhnuidh air taobh thall Iordain ann an cearnan iomallach na tire, ’thainig a dh-ionnsuidh an t-sluaigh uile ’s a thubhairt: “Cia fhad a bhitheas sibh ’san iomchomhairle eadar dha bharail. Ma ’s e ’n Tighearna a’s Dia ann leanaibh E, ach ma ’s e Baal leanaibh esan.
Is e seirbhis chruaidh, chudthromach, mata a tha aig Eliah r’a dheanamh. Tha aoradh Bhaal a’ buadhachadh ann an Israeil. Tha uachdarain ’us iochdarain le aon chridhe ’toirt ùmhlachd do’n dia a rinn iad dhoibh féin, do’n dia nach bacadh iad bho bhi leantuinn amaideachd us ruidhtearachd air bith. Tha Bhan-righ choimheach a’ toirt aoidheachd do na fàidhean a tha toirt aire do chreidimh Bhaail. Tha i eadhon ’g am beathachadh aig a bòrd féin. Is e da rireadh àm oillteil agus bagrach a tha ann. Cha chluinnear guth cronachaidh am measg an t-sluaigh gu léir. Tha iad balbh ’us tosdach. Tha geillt us uamhunn a lionadh an cridheachan. Tha naimhdeas nimheil, guineach air a thaisbeanadh an aghaidh nan daoine umhail còire aig am bheil fathast gràdh do Dhia an aithrichean, agus a tha air an cràdh gu géir do bhrigh gu bheil suidheachadh na dùthcha ’s àbhaistean an t-sluaigh co fiar, co claon ’s co amaideach. Tha ’n iarmad beag a tha fathast cuimhneachail air ainm ’s air onoir an Dia Iehobhah ’g am folach féin ann an còsaibh nan creag ’s air feadh chreachainn nam beann, oir tha uachdarain na dùthcha fuileachdach, iargalta ’s alluidh. Cha-n ’eil neach ann a’ seasamh suas gu duineil ’us gu neo-sgàthach airson glòir ’us urraim an Tighearna. Gidheadh an uair a tha e ’roghnachadh an àm a tha taitneach ’us freagarrach na shealladh féin, tha duine cumhachdail misneachdail—laoch treun, aghartach, ag éirigh suas. Tha duine molach, comhdaichte le falluinn, agus crioslaichte le crios leathair m’ a leasraidh, a’ tighinn as an dùthaich gharbh a tha air taobh thall Iordain. Cosmhuil ri Melchisedec, air am bheil iomradh aithghearr air a dheanamh, tha luchd-daimh us sinnsearachd Eliah air an cumail am folach oirnn. Gu h-obann tha e bristeadh a stigh anns an eachdruidh mar reul dealrach ann an tiugh dhorchadas, mar ghath soluis us eòlais am measg aineolais us aingidheachd.
CONA.
(Ri leantuinn,)
BHA I ANN. —B’ abhaist do Righ àraidh a ràdh nach do thachair riamh olc sam bith anns an t-saoghal gun bhean a bhi aig a bhun. Bha e ’dol mu’n cuairt a lùchairt aon latha agus chunnaic e bannal dhaoine a’ giùlan duine eile eatorra. Dh’ fharraid an Righ ciod e a dh’ éirich do’n duine bhochd, agus fhuair e mach gu’n do thuit e bhar fàraidh, agus gu’n robh aon de lurgainnean air a brisdeadh. “Càit am beil a’ bhean?” ars an Righ. “Cha-n ’eil bean ann idir,” fhreagair aon de na h-ard-uaislean. “Tha mise cinnteach gu’m beil,” ars an Righ. Dh’ fhoighnich iad ris an duine bhochd e-fein, agus is ann a bha a’ chùis direach mar a thuirt an Righ. Bha an duine ag amharc air mnaoi a bha ’dol seachad, chaill e a ghréim air an fhàradh agus thuit e gus an làr.
Tha fathunn a dol mu’n cuairt ann am Breatuinn gu bheil Prionnsa Wales anabarrach trom-inntineach riamh o’n chaochail Eanruig Prionnsa Bhattenburg. ’S e ’s aobhar dha sin fiosachd a rinneadh dha beagan bhliadhnaichean air ais. Chaidh e-fhéin ’s Prionnsa Bhattenburg gu bana-cheàrd uair air son i dh’ innse am fortain dhaibh. Dh’ innis i dha-san nach biodh e ’m feasda ’na righ air Breatuinn, agus do Bhattenburg gu’m faigheadh e bàs ann an dùthaich theth mu mheadhon an t-saoghail. Thainig cuid Bhattenburg dhe’n fhiosachd fior; chaochail e air cladach Africa, agus tha ’n t-eagal air Prionnsa Wales gu’n tig a chuid-san dhe n fhiosachd fior mar an ceudna.
Fhuaireadh clàrsaichean ann an cuid de na h-àiteachan-adhlacaidh anns an Eiphit còmhla ris namummies .Ann am feadhain dhiubh bha na teudan slàn, agus dheanadh iad fuaim binn an deigh dhaibh a bhi ’nan laidhe balbh, sàmhach, o chionn tri mile bliadhna.
Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhe’n t-seòrsa sin a dhith ort taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aige ’s tha iad math.
[Vol . 4. No. 48. p. 7]
Litir a Lunnainn.
A DHEAGH CHARAID: —Chithear ann an Irisleabhar na Gaidhlige iomradh mu’n Ghaidhlig anns na sgoilibh Eirionnach. Anns a’ bhliadhna 1895 bha i air a teagasg ann an tir fichead agus tri sgoil; bha 1185 sgoilear air an ceasnachadh agus thàinig 757 diubh troimhe gu soirbheachail. Tha luchd-riaghlaidh nan sgoilean a’ pàidheadh 161 fhear-teagaisg aig am beil teisteanas airson na Gàidhlig, agus tha na h-àireamhan a’ meudachadh gach bliadhna. Bha latha eile ann, ’nuair a thairg na Sasunnaich a’ cheart duais airson ceann Mhaighstir-sgoil Eironnaich agus a thairg iad airson ceann mhadaidh-allaidh. O chionn còig bliadhna diag, cha robh sgoil ri faighinn feadh Eirinn gu léir, anns an robh facal Gàidhlig air a theagasg, ach mu ’n àm sin chaidh Comunn Gàidhlig a’ steidheachadh le fir-teagaisg nan sgoilean, agus thòisich iad air gluasad a dheanamh a thaobh na Gàidhlig. Rinn iad sior ghluasad agus chuir iad impidh agus dragh air luchd-riaghlaidh nan sgoilean gus an d’ fhuair iad beagan leasachaidh; lean iad air so a dheanamh bliadhna an deidh bliadhna, gus an latha an diugh, agus tha a’ bhuil ann. Tha mi an dòchas gu’n toir na Gàidheil Canadach a chùis fainear. Tha na Sagartan agus na Maighstirean-sgoil ’nan càirdean dìleas do ’n Ghàidhlig ann an Eirinn, ach anns a’ Ghàidhealtachd is iad na Ministirean agus na Maighstirean-sgoil a’ cheart fheadhainn a tha direach ’na h-aghaidh. Tha cuid-eiginn a’ foighneachd an robh na Gàidheil riamh air deireadh ann an nì sam bith? Tha mi gle dhuilich a ràdh gu’m beil na Gàidheil Albannach gle fhada air deireadh anns a’ ghnothach so, oir cha robh ann an Albainn an uiridh ach mu thri cheud sgoilear air an ceasnachadh anns a’ Ghaidhlig. Tha a’ choire aig na Gàidheil iad féin oir an àite bhi gabhail a’ ghnothaich os làmh gu sùrdail mar bu chòir dhaibh a dheanamh, is ann a tha iad ’ga fhàgail do dhaoine a tha coma ma bhitheas a’ Ghàidhlig beò no ma gheibh i bàs. Tha na h-Eirionnaich da-rireadh; tha iad a’ deanamh na h-oibre iad féin agus bithidh soirbheachadh leo. Buaidh agus piseach leibh agus leis an aon Phaipeir-Naigheachd Gàidhlig a tha anns an t-saoghal.
Is mi ur caraid dileas,
LAMH LAIDIR.
Lunnainn 18, 5, 96.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha tha ’nar beachd
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard-chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 48. p. 8]
Mairi Ghaidhealach.
LE RAIBEART BURNS.
Gach sliabh, gach bruach ’s gach sruth mu’n cuairt
Do’n Chaisteal aig Montgomerie,
Biodh uaine dreach gach craoibh ’s gach preas,
’S fuiricheadh glan gach brùn a th’ ann.
Oir ’s ann a sgaoileas samhradh caoin,
Air tùs a thrusgan àillidh,
’S gur mall e triall, bho’n ’s ann a ghabh
Mi soraidh le mo Mhàiri.
Feadh beithe ùir is cùbhraidh flùir
’S gach tom fo bhlath ’s fo dhuilleach
Gu’n ghlais mi i, fo sgàil nan craobh,
Le aoibhneas ri mo bhoilleach.
Thairis sgiathaich aimhlein tim
Le uairean òir gun àireamh,
Oir cheart cho dian ri beatha ’s grian
Bha dhòmhsa comunn Máiri.
Le comunn tlàth gu’n dhealaich sinn,
’S chuir pòg air bòidean seula;
’S a’ gealltuinn coinneachadh gu tric
Shrac sinn ar glac bho chéile.
Ach meilich bàs an cridhe blàth,
’S a Chéitein reòth mo dhithein;
’S gur gorm na pluic, ’s tha talamh fuar
Fo ’m bheil mo ghaol ’na sineadh.
Na bilibh ruiteach ’s bàn a nis
A phòg mi tric le aoibhneas
’S chrion an t-sùil a lasadh ciùin
A’ sealltuinn orm le aoibhneas;
’Sa’ dol ’na smùir a shéimh na h-ùir,
Tha ’n cridh’ bha ormsa gràdhach,
Ach mairidh spéis mo chridhe beò
’S mo ghaol do Mhàiri Ghàidh’leach.
—Edar. le MURCHADH MAC RATH.
CUMHA MHIC CRIOMAIN.
[Tha sinn a’ clò-bhualadh a’ chumha so air iarrtus aon de ’r luchd-leughaidh. Bha e anns a’ phaipeir roimhe, ach o nach eil e ro fhada, cha dean e cron a chur ann an uair darra. ]
Dh’ iadh ceò nan stùc mu eud ann Chuilinn,
Us sheinn ’bhean-shìth a torm an mulaid,
Gorm shùilean ciùin ’san Dùn a sileadh,
O’n thriall thu uainn ’s nach till thu tuille.
Cha till, cha till, cha till Mac Criomain,
An cogadh no sìth cha till e tuille;
Le airgiod no nì cha till Mac Criomain,
Cha till e gu bràth gu là na cruinne.
Tha osag nam beann gu fann ag imeachd,
Gach sruthan ’s gach allt gu mall le bruthach;
Tha ealtainn nan speur feadh gheugan dubhach,
A’ caoidh gu ’n d’ fhalbh ’s nach till thu tuillle.
Tha’n fhairge fa-dheòigh làn bròn ’us mulaid,
Tha ’m bàta fo sheòl, ach dhiùlt i siubhal;
Tha gàirich nan tonn le fuaim neo-shubhach,
Ag radh gun d’ fhalbh ’s nach till thu tuille.
Cha chluinnear do cheòl ’san Dùn mu fheasgar
’S mac-talla nam mùr le mùirn ’ga fhreagairt;
Gach fleasgach ’us òigh gun cheòl, gun bheadradh,
O’n thriall thu uainn ’s nach till thu tuille.
LAOIDH.
Bho Ghreenland, tìr nam fuar-bheann,
Thar chuan-o India chéin,
Bho Africa le ’fhuarain
A’ cluich gu luath ’s a’ ghréin,
Bho iomadh abhainn aosda,
Bho raointean mheas is chrann,
Cluinn éigheach air son saorsa
Bho thruaigh ’s bho dhaorsa theann.
Thar Innsean àigh ged shiùbhlas
An oiteag chùbhraidh chaoin,
’S gach sìon ’ni tlachd do ’n t-sùil annt’,
’S gun ghràin, gun diù, ach daoin’;
Is dìomhain pailteas fialaidh
Mòr mhaitheas Dhia gach taobh,
Tha cinnich d’ an cuid ìomhaigh
A’ sléuchdadh sìos gu baoth.
O, sinne ’tha fo ’n t-Soisgeul
A’ mealtain soills’ na Gréin’,
Nach tog sinn neòil na h-oidhche
’S na duibhr’ o chinnich bhréun?
O lìonadh fuaim na Slàinte
Gach ceàrn o chuan gu cuan,
’S an dùisg gach tìr gu h-aghmhor
Ri ainm ’s ri gràdh an Uaìn!
Togaibh an sgèul, a ghaoithean,
’S a thonnan aoghach, mòr,
Bho thràigh gu tràigh ga sgaoileadh
Mar aon chuan baoisgeach glòir’,
’S an aidich saoghal saorta
Uan caomhail Chalbharì,
Mar Shlàn’ghear, mar Fhear-saoraidh,
Mar Chruithear naomh, ’s mar Rìgh.
Dh’ fhalbh an t-Urr. I. F. Forbes air a thurus da’n t-Seann Dùthaich ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Bha dùil aige bhi seoladh á Halifax Dior-daoin. Tha dùil aige cuairt a chur air feadh na h-Alba agus an sin air tir-mor na Roinn-Eòrpa.
AN CRANN TARA
(Am Fiery Cross. )
PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a’ chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
title | Issue 48 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 48. %p |
parent text | Volume 4 |