[385]

[Vol . 4. No. 49. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 13, 1896. No. 49.


CHAILL E PARAS.

Bha duin’ -uasal uair agabhail an rathaid air muin eich, agus air dha tighn gu cnocan beag gorm a bhan sin, chunnaic e duine a ruamhar, agus a h-uile buille bheireadh e, theireadh e, “O! ’Adhaimh!” Stàd an duin-uasal an t-each, agus ag eigheach air fear an ruamhair dhfheòraich e dheth carson a bha eg aithris ainm Adhaimh cho tric air an dòigh ud. “Mata, ler cead,” ars an duine, “mur bitheadh Adhamh, cha bhiodh agamsa no aig aon eile dheshliochd ri obair a dheanamh idir; nan robh e fhéin us Eubh air an aire thoirt air an gnothuch, cha bhiodh aig neach sam bith ri aran làitheil a chosnadh le falus a ghnùise, mar a tha mise deanamh.” “Gle mhath,” ars an duin-uasal; “taghail as tigh agamsam màireach.” Rinn an duine sin, agus chaidh a thoirt gu seòmar eireachdail, riomhach, a bha fosgladh a mach ri gàradh anns an robh gach craobh us meas a bàillidhe na chéile a fàs. Dhfheòraich an duin uasal dheth am bu mhath leis a bhi fuireachna leithid sid a dhàite. Thuirt mac Adhaimh gum beadh gu dearbh. “Ma ta,” ars an duin-uasal ris, “faodaidh tu fuireach ann, ’s cha bhi dith no deireas ort. Gheobh thu do bhraiceist, do dhinneir, ’s do shuipeir de gach biadh as fhearr, agus gu riaghailteach gach latha, agus faodaidh tu na thogras tu dhe deùine chur seachad anns a ghàradh. Ach thoir an aire gu bheil mi toirt so uile dhuit air chumha, agusse sin nach seall thu fon truinnsear ghlas a tha air a bheul-fodha air meadhon a bhùird.” Chuir so aoibhneas mor air an duine; bha esmaoineachadh nach robh duine riamh cho fortanach ris, agus thuirt e ris fhéin nach robh cùram gun sealladh e fodhn truinnsear ghlas. Ach an ceann seachdain no dha thòisich an truinnsear ri dragh mor a chur air. Cha burrainn dha dheanamh a mach gu de bha fodha. Dhfhaoide gu robh néamhuid luachmhor ann, agus dhfhaoide nach robh sian ann. Aon lathan uair nach robh duine timchioll, thuirt e ris fhéin gun toireadh e sùil fon truinnsearcha bhiodh cron sam bith anncha bhiodh fhios aig duine gun drinn e e; thog e, uime sin, oir an truinnseir agus feuch! ruith luchag bheag a mach fodha, ’s thug i mach an dorus oirre. Ghrad leig en truinnsear air ais mar a bha e, ach bha an cron deante. An lar na mhàireach thainig an duin-uasal far an robh e. “Bi falbh!” ars esan, “ ’s thoir an ruamhar ort, agus na abairO! Adhaimh!’ am feasda tuilleadh, oir rinn thu fhéin an ceart ni a rinn e, —àite-còmhnuidh alluinn a chall le easumhlachd.”


Na Chunna misna Chuala mi.

LE CATO.

Na biodh eagal ort. Chan eil mi dol a thoirt ort éisdeachd ris gach ni a chunnasa chuala mi on rugadh mi. (Ged nach fhaca mi fior mhoran chuala mi gu leòr.) Chan eil mi ach a dol a dhinnse dhuit mu na thachair rium air an t-seachdain sa chaidh an uair a chaidh mi dhionnsuidh na h-Aimhne Tuatha, gu coinneamh naDistrict Lodge.Chaidh àireamh mhath ainmeachadh gus a dhol ann onLodgeagainne, achnuair thainig an latha, bhan seann radh air a choilionadh, “Tha moran air an gairm, ach beagan air an taghadh.” Ach dhfhalbh am beagan air an turus. Tham feur gann mun àm son bhliadhna, agus uime sin, mun dfhàg sinn Baddeck, bha mòd againn feuch càiten deanamaid a cheud stad; dhfheumamaid stad aig acheud airtesam faigheamaid feur ra cheannach. Le cuideachadh àireamh de mhuinntir a bhaile, dhaontaich sinn gun stadamaid aig àite Mhr. ’Ic Amhlaidh, aig ceann a bheighe, agus fhuair sinn ena dhuine anabarrach còir agus caoimhneil. Chuir sinn an oidhche seachad còmhla ris, agussa mhaduinn dhfhalbh sinn air ar turus. Bha gach ni ag amharc gu math anns an dùthaich troimhn deachaidh sinn. Cha robh choltas air an spréidh gu robh dad a ghainne feòir no fodair orra. Ach chunna sinn aon each ri taobh an rathaid nach robh cho fortanach sin. Shaoileadh tu gum be fear de dhainmhidhean caola na h-Eiphit. Coma co-dhiu, rainig sinn an Gut-a- deas, far an robh deagh shealladh againn air Beighe St. Anns; ach cha robh ach gle bheag eòlais againn air an liuthad rudhas còbh air an robh againn ri dhol seachad. Chaidh sinn thairis air aon leth-dusan Amhuinn a Tuath mun drainig sinn an Amhuinn a Tuath fhéin. Chaidh sinn seachad air moran de chnocan de stuth bàn, agus bha bharail fhéin aig gach neach a thaobh ciod an stuth a bhannta. Thuirt aon gur e marbal a bhann, thuirt aon eile salann, agus bu mhath leamsa thoirt orm fhéin gur e siùcar geal a bhann. Ach nuair a thainig sinn faisg orra, ’se bhann plaister. Aig àite ris an canar Rudhan Rothaich, bha sinn an sealladh na h-Aimhne Tuath, agus cha robh teagamh sam bith againn nach robh i tuath, moran na bfhaide tuath na dhiarramaid i bhi. Cha bfhada gus an drug sinn air cuideachd de ghilleans de nigheanan a dol dhan choinneamh. Is fior thoigh leam fhin miongan bòidheach, ach bòidheachsgan robh iad so, ’s en ni bu bhòidhche leamsa aig an àm, aphoits an coire a bhasa chuideachd. ’S fhad on chuala mi gum ben dòigh a busa air cridhe duine ruigheachd, a bhiathadh gu math, agus aig a cheart àm bha mifaireachadh annam fhin gu robh an sean-fhacal sin gle fhirinneach.

(Ri leantuinn.)


Tha an t Onarach Daibhidh Mac Keen, a cur suas taighe dha fhéin faisg air Halifax, a tha dol a chosg coig mile fichead dolair.



[386]

[Vol . 4. No. 49. p. 2]

SEAN-FHOCAIL.

BITHIDH DUIL RI FEAR FEACHD, ACH CHA BHI DUIL RI FEAR LIC.

Bha Beatha aGhaidheil an Albainn, amhor chuid de eachdraidh, air a cuairteachadh le cunnairt air gach taobh, agus bha i neo-chinnteach thar tomhais; ach eadhon am measg nam pobull is siothchailes is teuruinte crannchur, than fhirinn làn dearbhta nacheil dol as on Bhàs. Is moch ann an eachdraidh an t-saoghail a thainig abhinn a mach,— “Is duslach thu, agus gu duslach pillidh tu;” agus an cualas riamh iomradh air Lagh a fhuair umhlachd cho iomlan? Bhiodh e faoin a radh, agus cha bhiodh e fior, gun robh no gu bheil ar Sluagh ann an doigh shonruichte acreidsinn ann an neo-chinnteachd Beatha agus ann an cinnteachd Bàis. Is firinn so a tha aig gach Sluagh, co-dhiu tha iad eolach no aineolach, ciùin no borb, saor no daor. Ach am measg nan Gaidheal, saoilidh mi gum faighear, ann an co-cheangal ris aghreim a rinn an fhirinn so air an inntinnean, doigh-chainnt, buaidhean, ’us cleachduinean a tha airidh air an rannsachadh.

Tha na samhlaidhean anns abheil cinnteachd aBhàis air a chur far comhair anns na Sean-fhocail Ghaidhealach ann an dlù cho-chordadh ri caithe-beatha an t-Sluaigh. Than Sgriobtur ag iomradh airan tigh a dhorduicheadh do na h-uile bheò,” —airan-iochdmhorachd na h-uaighe.” Tham Bard Romanach asamhlachadh aBhàis ri Maor amhuidh a bhuaileas gun letheachas aig talla an righ, ’s aig bothan an diol-deirce; agus gheibhear an smuain cheudna aig Rob Donn, ged nach cuale riamh iomradh air Horace:

“ ’S i mo bharail gur fior sud,
Gur àrds gur iosal do shealladh;
Thug thu Pelham á mòrachd,
S fhuair thu Eoghans aPholladh.”

Tha priomh Bhard Shasuinn a seinn munTir bho nach till fear-turuis a chaoidh.” Ach gheibhear samhlaidhean dealaichte uapa so anns na Sean-fhocail Ghaidhealach. Bha ar n-Aithrichean acreidsinn gun robh crannchur gach neach air a shonruchadh ro-laimh le comhairle ghlicàmus àite aBhais cho maith ris gach ceum da Bheatha: “Is eigin dol far am bin fhòid;” “Bheir foid a Bhreiths a Bhàis duine á àit’ ’s á eign.” Chunnaic sinn roimhe so an dearbhadh laidir a tha againn anns na sean-fhocail air cho duilichs a bha lòn fhaotainnn ar tìr. Ach gheibhteadh buaidh air an Acras ged nach faighteadh air a Bhàs: “Cinnidh mac amhi-altruim, ach cha chinn e on aog.” Bha ar cladaichean o shean cho doirbhs a tha iad an diugh, ach cha robh ar bàtan cho comasach no ar Maraichean cho seòlta. Ged nach robh, “Bithidh dùil ri fear fairge, ach cha bhi dùil ri fear reilige.” Ben coimhearsnaich naimhdean a bu chunnartaiche dar n-Aithrichean na eadhon an t-Acras no Mhuir. Gidheadh, “Is cruaidh an cath as nach tig aon fhear;” “Bithidh dùil ri fear feachd, ach cha bhi dùil ri fear lìc.”

Dhearbamaid á daoine a bha air an iunnsachadh on òige ri cogadhs ri cruadal; a bha anns gach ceum dam beatha buailteach do chunnairt maras monaidh, gum biodh iad caoin-shuarach mum beatha, ’s gum faighteadh iad, ’n an cainnt cho maithsn an gniomh, acur an ceill lughad an eagail roimhnnamhaid dheireannach.” Chan ann mar so a bha. Dhearbh iad, gun teagamh, gu minic agus air iomadh doigh, gun sealladh iad airRigh nan uamhas” ’s an aodann gun tiomachadh. Theagaisg iad, le radh, le rann, le sgeul, ’s le eisempleir, gum bu chòir do neach, ann an aobhar freagarrach, —a chum còir a sheasamh, onoir a dhion, ’s dilseachd a dhearbhadh, —eadhon a bheatha chur ann an neo-shuim. Ach chan fhaighear iad, mar a gheibhear iomadh sluagh eile, alabhairt air aBhàs ann an cainnt eutroim no shuaraich. Dhoibh-san, os cionn mhorain, bham Bàsn ani uamhasach,” cia air bith mar thigeadh e. Saoilidh mi gun dearbh ar n-Eachdraidhs ar litreachas anns gach linn gur rian so airson an robh ar n-Aithrichean comharraichte am measg nam pobull. Feudaidh e bhi gum be creidimh mearachdach ar sinnsearan roinn den aobhar. Chaneil teagamh nacheil saobh-chreideamh ar latha fein, a lean ruinn o chéin, abeathachadh na buaidh so. Aidichear air gach laimh gu bheil gnè na tire cumhachdach gu bhi gintinn spiorad urramachus nadar sòluimte anns an t-sluagh. Ach minich e mar thoilicheas tu, chaneil teagamh nacheil an t-urrams an t-uamhas leis an labhair ar sluagh mun Bhàs agus mu na Mairbh cho comharraichtes gu bheil e cur dreach air ar litreachas.

Thug mi fanear cheana na focail anns an labhair sinn gu cumanta mu na maribh; “Am fear nach maireann,” &c . Ach chan e na focail a mhain, ach an guths an t-suil a tha dearbhadh doimhneachd na faireachduin leis an labhair an Gaidheal mucharaida dhfhalbh.” Gheibhear an rian ceudnan ar Sean-fhocail. “Tha e nis air foid na firinn;” “Tha e nis air slighe na firinn.” Theirteadh, “An oidhche roimhn bhàs, bu choir do dhuine athais a thilgeadh;” agus chan fhuilingear olc a labhairt mu na mairbh. “Moladh mairbh,” “Na abair ach math mu na mairbh;” “Uir, ùir air beul Orain mun labhair a tuillidh comhraidh.” Gus an la diugh, cha toirear iomradh air failinn ann an neach nacheil a lathair gun a radh, “Chan ann ri churn a dhèigh e.”

Ach chan e so a mhain. Saoilidh mi gum feudar a radh le firinn gu bheil inntinn Gaidheil Bhreatuinn thar cheann, agabhail tlachd ann an smuaintean dubhach, cianail. Ma dhfhaodte nach dearbh Eachdraidh gur feart so a tha dual do na Gaidheil mar Shluagh; ach tha mi meas gur feart e a tha ro chomharraichte ann an litreachas nan Gaidheal anns na rioghachdan so. O chionn iomadh ceud bliadhna bha iad air an taobh lag, agus feudaidh e bhi gur e so is aobhar don chuis. O chionn beagan bhliadhnachan chualas duinne cho geur chuiseachs a bhan ar measgDisraeliann an seorsa de fheal-a- dhà, atoirt seachad mar aobhar airson neo-thoileachas nan Eirionnach, gu bheil an dachaidh a chois aChuain. Cia air bith an t-aobhar, chaneil teagamh nach ann air taobh dorcha na sgeithe is miann leis aGhaidheal sealltainn. Tha e neo-thoilichte le cùisean mar tha iad; agus feudaidh sinn a radh, ann an tomhas co-dhiu, gu bheil aobhar aige; co-dhiu dhaidicheas sinn no nach aidich gu bheil egnathachadh meadhonan freagarrachus dichioll cothromach airson a channchuir a dheanamh nas fearr. Gheibh sinn ar Baird an comhnuidh acaoidh na tìm a dhfhalbh; gu minic ag iarraidh o uachdarains o chumhachdan nithean nach toir uachdarain no cumhachdan fon ghrein dhoibh ach iad fein. ChomharraichMathew Arnoldam feart so gu soilleir ann am Bardachd Ghaidhealach Bhreatuinn, agus lorgaich e mach abhuaidh a



[387]

[Vol . 4. No. 49. p. 3]

thaig na Baird Uelseach gu sonruichte thairis air Bardachd Shaauinn anns acheum so.

N ar litreachas fein, tha bhuaidh ro chomharraichte. Gheibhears na Sean-fhocail am feart so gu cumanta. “Chan fhacas riamh muirn mhor nach robhn a deigh dubh-bhròn;” “Is beag tha eadar do ghals do ghaire;” “Thig maith á mulad.” Bha tlachd ar Sluaigh ann an comunn a cheile do-innseadh; ach bha gum beigin dealachadh an comhnuidh fa chomhair an inntinn: “Is maith ma mhaireas;” “Is iomadh muthadh a thig air an oidhche fhada gheamhraidh;” “Ge cruaidh sgarachdainn, cha aobh dithis gun dealachadh;” “Is deireadh gach comuinn sgaoileadh.” Thugadh seachad uairus uair mar dhearbhadh gur e Mac Mhuirich a sgriobhOiseanan rann ainmeil

Caithear oidhche ann am mln dhàn
Faighear gairdeachass a bhròn.”

Co-dhius e MacMhuirich no MacFhinn, no cia be sgriobh an rann, bu Bhard e bha fior eolach air inntinn aGhaidheil. Tha sgeul abhròin taitneach dar cluasan; agus is ann le fior thoilinntinn a dhiomras seann daoine an diugh airOisean an déigh na Féinne.” ’S ann mar is mo gheibh sinn den fheart cheudna ann an searmoin is mo a dhrùigheas i oirnn. ’S e puirt thiamhaidh is taitniche leinn. Thasgal na pioba cianail, ’s i an t-inneal-ciuil is roghnaiche leinn. ’S ann tuirseach, trom, a tha mhor chuid dar fuinn. ’S ann muladach a tha, mar is trice, cainnt ar n-orain, co-dhiuseagal, eudach no gaolan steigh. Tha mhor chuid der Seana Bhardachd, agus gu h-araid a chuid is cumhachdaiche dhi, acaoidh nan tréun a dhfhalbh. Ma bheir thu naCumhachanáSàr obair nam Bard Gaidhealach,” bheir thu roinn mhor leat; agus is ann acaoidh a tha chuid mhor de no dhfhagas tu. Agus nach ann a’ “cumhadhni-eigin a tha gach Sgonn-bhard a ghleusas a ribheidn ar latha fein? Ma their sinn gur e cumhaus cumhachd an aon fhocal, nach feud sinn a radh gun tug ar daoine barrachd geill do chomhairle Sholaimh na thug riamh e fein: “Is fearr dol do thigh abhròin na do thigh na cuirme.”

Bhiodh e duilich a chreidsinn, an aghaidh a leithid so de fhianuis, gum bu daoine cruaidh-chridheach, fuilteach, no naimhdeil ar n-Aithrichean. ’S e spiorad blàth, caomh, truacanta a nochdas ar litreachas. Ach ma tha bhuaidh calg dhireach an aghaidh dioghaltachdus mi-ruin, tha i air an laimh eile ann an dlù dhaimh ris na feartan is airde s is cliuitiche a bhuineas don duine. Tha mòrachd dlu-cheangailte ri irisleachd. Their an Sean-fhocal, “ ’S in dias is àirde is ìsle chromas a ceann;” agus chan ann mu mhuinntir àrd ann an inbhe a mhain a than Sean-fhocal fior. Co-dhiu lorgaicheas sinn beatha nan daoine a bairde buaidhean air abheil iomradh againn, na co-dhiu rannsuicheas sinn gu cridhe na cuise fein, gheibh sinn an comhnuidh mòrachd, irisleachd, ’us stòldachd asiubhal lamh air laimh. Cia mar bhiodh an t-atharrach fior? Air do chuairteachadh le diomhaireachd air gach taobh; —an talamh fo dchasan; na speuran os do chionn; dinntinn do-rannsuichte fein; do bheathaa tuss a crioch; t-aite anns achruthachadh anns abheil do chrannchur; —is ceistean iad so a dhfheoraicheas gach neach air an do bhuilicheadh a bheag de thuigse gu tric dheth fein. Feudaidh e bhi creidsinn gu bheil na ceistean do-fhuasgailte, ach cha chum so e gun an cur. Gheibh e mach gu bheil coslas foilleil; nacheil nithean mar a chithear iad; gu bheil fianuis na sùl mealltach; gum feumar amharc an cridhe nithean cho maith ri cridhe an duine mun ruigear air firinn. Gheibh thu a leithid so de neach afeoraich, ann an spiorad tur-dhealaichte on spiorad anns an dfheoraich Pilat o shean, “Ciod e firinn,” no, “Abheil e comasach do dhuine ruigheachd air firinn.”

Is cnuic iad so a tha gun teagamh fada uainn; ach is cnuic iad a mheall, len guirmead, na h-inntinnean a bu mhisneachailes a bu tréine den chinne-dhaonna anns gach linn. Than cunntas a tha againn air fein-fhiosrachadh nan gaisgeach so ro luachmhor dhuinn, —co-dhiu thuit iad anns an direadh, mar thachair don mhoran: no co-dhiu rainig iad aon de na mullaichean far am faicear seallaidheans an cluinnear guthan nach tuig an Saoghal, ’s a sheall iad, le suil na h-iolaire, air firinn aghaidh ri aghaidh, —ni a be cu bhrionn glòrmhor aon do dhà. Chaneil neach a dhimich air an t-slighe so, co-dhiu a dhfhailnich e air an turus, no rainig e, le mor shaothair, a cheann-uighe, nach robh na birisles na bu stòlda, co-dhiu bha no nach robh e na bu ghlice. Ma ruigeas tu inbheachdGaisgeachDhughaill Buchannain, sgun seall thu air an t-Saoghals air a luchd-aiteachaidh mar sheall eean, saoilidh mi nach e aighir no sùgradh is trice bhitheas air daire:

Mar tholman ùire faic an Saoghal
Us daoinmar sheangain air mun cuairt;

A nulls a nall guu fhois gun tàmh,
Acruinneachadh ás gach àit don cist’,
Gu lionmhor marcachd thae achéil’,
S atrod gu géur mu bhioran brìst. ’”

Nacheil e fior, ann an tomhas mor, mu na daoine a bairde buaidhean, a bfharsuinge eolas, ’s a bu doimhne fiosrachadh, gun robh an beatha foluichte on t-Saoghal? Chunnacas, ma dhfhaodte, uair no dha, ann an Eachdraidh an t-Saoghail, leithid priomh Bhard Shasuinn, aon a dhfhaodteadh a ghabhail mar mhac-samhuil air inntinn an duine, anns gach linn, anns gach cearn, ’s anns gach gléus; ach gu bhi gabhail fior righrean achinne-dhaonna thar cheann, ’s ann aonaranach a bham beatha, agus is ann cianail a bhan smuain. Gun toibheum nach faodteadh a radh mun timchioll ged bha iad anns an t-Saoghal, nach bairidh an Saoghal orra, agus nach bann den t-Saoghal iad. Tha ar Bardachd fein ag innseadh dhuinn gun do chaith Oscar òg an oidhche mun do chuir echeud bhlàr, a reir cleachduin aShluaigh, ann an co-luadar diomhair ri spioraid Aithrichean. Acharaid, bha creidimh ar Sinn-searan diomhain, meallta; ach, anns acheum so, bhan cleachduin ionmholta. Cha robh gairdean Oscair na bu laige an lar- na-mhaireach; agus bha mhisneach na bairdes inntinn na bu shoileire, na ged chuireadh e seachad an oidhche ann an cuideachd fhaoin non a chodal. Feudaidh thu bhi cinnteach, air meud do neirt no air airde do bhuaidhean, nach dean thusa gniomh a choisneas urram dhuit do bheatha no cliu bhuan an deigh do bhàis, gun iomadh oidhchechur seachad ann an co-luadar diomhair ri dSpiorad fein.

(Ri leantuinn.)


Acur glais air an stàbull an déis na h-eich a ghoìd.

Acur suas inisg, agus a bun aig abhaile.



[388]

[Vol . 4. No. 49. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IUN 13, 1896.

Tha àireamh mhor de luchd-gabhail aphaipeir nach do phàigh fhathast airson na bliadhnatha nise beul ri bhi mach, agus bu mhath leinn iad a chur an airgeid air adhart ugainn gun an còrr dàil a dheanamh. Tha sinn feumach air airgead, agus cha n urrainn dhuinn an gnothuch a dheanamh as aonais.

Tha còrr us muillein gu leth punnd Sasunnach de dhairgead-urrais air beatha Humbert, righ na h-Eadailte, barrachdsa thair beatha duine sam bith eile air an t-saoghal. Bha muillein punnd Sasunnach air beatha Alasdair III., Sàr Ruisia, agus tha sia cend gu leth mile punnd air beatha Prionnsa Wales,

Bha Ard-sheanadh Eaglais na h-Alba, agus Ard-sheanadh na h-Eaglais Shaoir, le chéile air am fosgladh ann an Dun-eideann air an aonamh latha fichead dhen Mhàigh. Cha robh ni ùr no neo-àbhaisteach mu fhosgladh aon seach aon dhiubh, ach gun do dhaobharaicheadh beagan ùprait timchioll a charbaid anns an robh Morair Tweeddale, fear-ionaid na ban-righ, a gabhail a thuruis gu seanadh na h-Eaglais Stéidhichte, le fear de na h-eich a bhanns a charbad a thuiteam marbh. Bhan t-Urr. Dr. Scott air a thaghadh gu bhi na cheann-suidhe air seanadh na h-Eaglais Stéidhichte, agus an t-Urr. Dr. Miller gu bhina cheann-suidhe air seanadh na h-Eaglais Shaoir.

Chaidh boirionnach dom bainm Mrs. Dyer a chrochadh ann an Lunnainn Di-ciaduinn sa chaidh. Fhuaireadh ciontach i de mhort phàisdean a bha igabhail a stigh air son an àrach. Thatar a deanamh a mach gun do chuir i as do na ficheadan dhiubh, ach chaidh a dhearbhadh gu soilleir gun do mhort i moran. An deigh a diteadh thug i ionnsuidh uair us uair air crioch a chur oirre fhéin, ach fhuaireadh a cumail uaithe, agus lean an lagh a chùrsa

Tha na fiosan mu dheireadh thainig a St. Louis ag innse gu robh còrr us tri mile tigh air a chur as a chéile no air a mhilleadh leis an stoirm a bhann air an t-seachdamh latha fichead dhen Mhàigh. Than call air a mheas aig da mhuillein air fhichead dolair. Ach bu shuarach sin mur robh na h-uiread air am marbhadh.

Tha sinn fadan comain nan cairdean a tha o àm gu àm acur phaipearan-naigheachd ugainn, ’nuair shaoileas iad a bhios naigheachdan annta bu mhath leinn fhaotainn. Cha leig sinn a leas duine ainmeachadh, ach tha sinn a toirt taing dhaibh uile, s an dòchas nach sguir iadgan cur gar n-ionnsuidh.

Dhfheòraich duine aig nach robh moran modha ri sheachnadh, uair de bhoirionnach aosda, car son nach do phòs i. Fhreagair ise, “Se bu choireach nach do phòs mise nach robh mi cho soirbh mo thoileachadhsa bha do bhean-sa.”


Litir.

A MHIC-TALLA NAN CREAG: —A charaid ghasda, Gheibh thu an so deich tasdain a chums gum bi do thaghal gach seachdainga chumail suas, gam ionnsuidh féin agus gu mo charaid, a reir an sgriobhadh-seòlaidh a tha leis a so. “Bliadhna eile fhathast.” Is mi do charaid,

A. B.
Port Hawkesbury,Maigh 30, ’96.


Ailleagan na luathadh, luathragan achlachain.

Ainmeachas air buachaill, agusga toirt uaithe feasgar.

Air a mhàgan roimh na casan.


Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhen t-seòrsa sin a dhith orr taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aiges tha iad math.


STOR UR TAILLEARACHD.
ri bhi air a
fosgladh air an 10 la, ann an
STORW . E. PETERS.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MAC COINNICH & CO.
Sidni, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE



[389]

[Vol . 4. No. 49. p. 5]

NAIDHEACHDAN

Tha a h-uile duine chi sinn agearain air cho fuarsa than t-side fuireach, ach chan eil againn ach cur suas leatha mar is fhearr is urrainn duinn.

Chaidh paidhir de dhaimh bhiadhte a thoirt gu Sidni Tuath a Margaree air an t-seachdain so, agus thomhais iad ochd ceud deug air fhichead.

Bhan sgadan cho pailt mu chladach Shediac, N. B., air an t-seachdain sa chaidhs gu robh na tuathanaichga tharruinn air falbh air son leasachadh a dheanamh dheth.

Chaidh coignear bhoirionnach, ban-tiallearan, ghlacadh an Ottawa airson bhigoid bathair a bùitheansa bhaile. Fhuaireadh mu fhiach seachd ceud dolair de bhathar anns na taighean aca.

Tha Ard-sheanadh Eaglais Chéireach Chanada an dràsda cruinn ann an Lunnainn, Ont. Bha acheud choinneamh aca Di-ciaduin. Bha an t-Urr. Dr. Gordon, á Halifax, air a thaghadh gu bhina cheann-suidhe.

Thacircusri bhi ann an Sidni air an 22 latha dhen mhios so. Cha mhor nach eil am baile air a chòmhdach le paipearan ag innse mu dheibhinn. Ma tha na tha na paipearan so ag radh fiorsecircusda-rireadh a bhios ann.

Chaidh fear Robert Burns a mharbhadh ann am muillean-sabhaidh am Bridgewater, N. S., Di-luain sa chaidh, le te dhe na h-innealan leis an robh eg obair a bhristeadh agus mirean dhi a bhualadh air mu choinneamh a chridhe. Dhfhag e bean us triùir chloinne.

Tha Meinn Victoriana tàmh on thainig an samhradh, leis an uisge bhi bristeadh a stigh innte. Tha iad ag radh gu bheil i gu bhi air a h-oibreachadh gu math an deigh so. Thatar a faighinn phioban-taomaidh air a son a chumas an t-uisge mach. Tha sinn an dòchas gu bheil so fior.

Thainig bàs cianail air nighin òg air an t-seachdain sa chaidh ann an Torbay, Newfoundland. Bha i acruinneachadh dhitheanan ris achladach far an robh e àirde mhòr os ceann an uisge. Air dhi a dhol tuilleadh us faisg air bile nan creagan a ruigheachd air na ditheanan, chaill i a greim agus thuit i leis a cheig. Chaidh a marbhadh air ball.

S e Di-màirt sa tighinn lathan Ainmeachaidh, agus chan eil teagamh nach bi e gu math stoirmeil ann an iomadh àite, ach tha sinn an dòchas nach bi e mar sin an taobh so. Faodar a radh gur en rumas an t-uisge-beathas coireach ri moran dhen troimhe-chéile bhios aig coinneamhan mora dhen t-seòrsa, agus bu chòir do gach pairtidh feuchainn ri chumail fo ghlais. Mar a thuirt duine ruinn an la roimhe, “thapoliticsdona gu leòr, ach than dunaich orranuair a bhios an t-ol nam measg.”

Chaochail ban Innseanach, bantrach Phadruig Sayeres, ann an Caughnawaga, an Ontario, air a cheud latha dhen mhios so. Than treubh dam buineadh ag radh gu robh i ceud us schd bliadhndeug a dhaois. Bhr meas mor oirre anns an treubh. Dhfhag i moran de dhoghaigheans de dhiar-oghaichean, ach chan eil beo de cloinn ach aon nighean. Chaochail a fear o chionn ochd miosan deuga aig aois ceithir fichead bliadhnasa dha dheug. Bha a falt cho dubh, a fiaclan cho slàn, ’s a tùrsa h-aithne aice lathabàis cho mathsa bha iad latha riamh.

S iad na naigheachdan as pailte aig an àm sopolitics ,agus o nach eil MAC-TALLA air taobh seach taobh, cha bhi egabhail moran gnothuich riutha. Chan eil e sàbhailte dha bhig radh moran, neo bidh cuideigin ag radh gu bheil aomadh aige ris an darra taobh no ris an taobh eile. Tha Tupper aig an àm so ann an Ontario, acur an ceill a bheachdan mu ciod bu chòir don t-sluagh a dheanamh a thaobh riaghladh na dùthcha: tha Lauriersa mhor-roinn sin cuideachd acur a bheachdan fhéin an céill. Than cath mar sin adol air adhart anns gach cearna den dùthaich. Chan eil a nise ach mu dheich latha gus am bi cùisean air an cur an darra taobh, agus feumaidh iad oibreachadh gu cruaidh.


BAIS.

Air cùl Amhuinn Hume, an siorrachd Victoria, air an 2rra latha dhen mhios so, Coinneach Mac Asguill, mac do Mhurchadh Mac Asguill, deich bliadhna fichead a dhaois. Bha e na dhuine air an robh deagh chliù, agus gle mheasail aig na h-eòlaich uile. Cha robh e pòsda ach mu dha bhliadhna, agus tha co-fhaireachdainn aig na coimhearsnaich uile ri bhantraich, agus riathair a bha fuireach còmhla ris.


Iadsan a Phaigh.

Tearlach R. MacLeoid, Glace Bay
Seonaid A. Cheanadach, Valley Mills.
Aonghas MacAmhlaidh, Gut-a- Tuath, $3 .00
A. Bain, Port Hawkesbury.
Domhnull Caimbeul (eilder) Baddeck Mhor.
Aonghas Smith, Tarbert , $3 . 00
Ruairi Mac Neill, Glace Bay. 2. 00
Iain Mac-a- Phi, Seana Bhridgeport.
Iaìn I. Mac Neill, Reserve Mines.
Iain Moireastan, Gut-a- Deas.
An t-Urr. Coinneach Mac Coinnich, Narrows Bheaga.
Calum I. MacLeoid, Beinn Chain, 50c
D. M. Caimbeul, Dunbheagain, Ont.
Dr. Mac Dhiarmaid, Maxville , Ont.
Eoghan Mac Eoghain, Maxville , Ont.
N. A. Donhnullach, Bute , Mont.
An t-Oilear J. D Prince, New York.
Bean DhomhnuillIc Fhionghain, Mooreton , N. D.
Seònaid Chaimbeul, Vancouver , B. C.
A. R. Mac Leoid, Stirling, Alba.
Alasdair Sutharlan, Garadh Edein, N. S.
Alasdair Camaran, Lochabar, N. S.
Iain Mac Fhionghain, Murray Har So., P. E. I
A. D. Mac Leoid, Charlottetown , P. E. I.


Air deireadh a rug i an t-oighre.


IUN, 1896.

1 Di-luain. Blar Dhrum colg 1679.
2 Di-màirt. (3) Breith T. àigIc Leòid, ’12
3 Di-ciaduin. Bàs Dhùghaill Buchanain 1768
4 Dior-daoin. (3) An Cairteal mu dheireadh 3.49, mad.
5 Di-haoine
6 Di-sathairne. (7) Bàs Raibeart Brus, 1329.
7 DI-DONAICH. I. Di-donaich na Trianaid.
8 Di-luain. Eaglais na h-Alba, 1696
9 Di-màirt. An Fheill Chaluim.
10 Di-ciaduin. Blar Ghlinn-seile.
11 Dior-daoin. An Solus Ur, 4.29.mad.
12 Di-haoine. Bas Righ Seumas III. 1488.
13 Di-sathairne
14 DI-DONAICH. II. Di-donaich na Trianaid.
15 Di-luain. Breith DhomhnuillIcCoinich 1783.
16 Di-màirt
17 Di-ciaduin. Blar Raon-Ruairidh, 1689.
18 Dior-daoin. Blar Waterloo, 1815.
19 Di-haoine. (18) A cheud Chairteal, 7.27, mad.
20 Di-sathairne. An fheill Fhaolain.
21 DI-DONAICH. III. Di-donaich na Trianaid.
22 Di-luain. (21) La as fhaidesa bhliadhna
23 Di-màirt. Bas Mhorair Chaimbeil, 1861.
24 Di-ciaduin. An fheill Eathain.
25 Dior-daoin. Blar Allt a’ -Bhonnaich, 1314.
26 Di-haoine. (25) An Solus lán, 2.41. mad.
27 Di-sathairne. Murt Chawnpore, 1857.
28 DI-DONAICH. IV Donaich na Trianaid.
29 Di-luain. Féill Pheadair us Phoil.
30 Di-màirt. Bàs Marcuis Earaghaidheal, 1685


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.

Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25

Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.

IAIN A. MacCOINNICH & CO.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC:
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96



[390]

[Vol . 4. No. 49. p. 6]

Na Seann Ghaidheil,

Sgriobh Seorus Buchanan Eachdraidh na h-Alba ann an Laidinn agus tha e labhairt innte mu thimchioll acheud luchd-aitich a ghabh comhnuidh annam Breatunn. Bi a bharail san gum be an t-aon sluagh a bha chomhnuidh anns na tiribh ris an abrar a nis an Fhraing, an Spainn agus aGhearmailt no an Ollaind, gun do labhair iad an aon chànain, agus gum be an t-ainm leis an robh iad aithnichte do na Romanaich Galli no Celtae. Bha iad roinntenam fineachan nonan treubhan eadar-dhealaichte o cheile anns an doigh labhairt, ged a bha an aon chanain aca thaobh duchais. A reir beachd Sheoruis Bhuchanain is ann o oirthir thuath na Frainge ris an abairteadh Armorica a thainig a cheud luchdaitich do cheann deas Bhreatuinn; thainig na ceud dhaoine as an Spainn do Eirinn; agus thainig a cheud sluagh do cheann tuath Bhreatuinn as aGhearmailt no Lochluinn. Ach ged a thainig iad a nall as na tiribh so fa leth gidheadh labhair iad an aon chanain Ghaidhealach le beagan dealachaidh a thaobh gum be an aon sluagh a bha a chomhnuidh air tir-mor na Roinn-Eorpa aig an am so. Thachair na nithean so a reir coslais fada mun do thog an sluagh sin an ceann on dthainig na Sasonnaich, na Lochlunnaich agus Gearmailtich an la an diugh. Theirteadh na seann Bhreatunnaich ris an t-sluagh a thainig a nall o Armorica as an Fhraing; biad so sinnsearan nam fineachan a tha chomhnuidh ann an Duthaich Wales, agus labhair iad cainnt a labhrar anns an tir sin air an la an diugh. Theirteadh na Caledonich no na Pictich mar ainm ris an fheadhainn a thainig gu ceann tuath Bhreatuinn agus labhair iad Gailig cosmhuil ris aGhailig a labhrar an diugh ann an Albainn. Agus theirteadh Scoti mar ainm ris an t-sluagh a thainig as an Spainn do Eirinn agus labhair iad Gailig cosmhuil ris aGhailig Eirionnaich. Chaidh dream araidh dhiubh so a nunn a Eirinn do Earraghael agus ghabh iad comhnuidh am measg an luchd-aitich a bha an sin o chian. Bann diu so a bha an teaghlach rioghail a thainig gu bhi rìoghachadh os ceann Albainn gu leirnuair a chuireadh an rioghachd fo aon riaghladh.

Tha Buchanan mar an ceudna ag radh gun dthugadh Caledonaich mar ainm air an t-sluagh a bha ann a Albainn a chionn gun robh iad a chomhnuidh ann an tir a bha lan de choille challdainn; gum be Dun-challdainn no Dun chailleann ceann-bhaile na rioghachd aca agus gun dfhuair e an t-ainm so on aobhar cheudna. A reir sin tha an t-ainm Caledonaich acialluchadh Calldainnich. Mar so chi sin gun robh Seorus Buchanan acreidsinn gum bu Ghaidhil na Picti, agus gun robh iad fein agus na Scoti cairdeach da cheile. Tha e anochdadh gun robh Bede dhen bheachd cheudnanuair a tha e ag radh gun dthug na Picti do na Scoti pairt den tir aca fein anns an earrainn sin a bha air bheag sluaigh no falamh. Tha e ag radh mar an ceudna roimh theachd nan Sasonnach gun robh ach beag an aon chanain air a labhairt le uile luchd-aitich an eilein Bhreatunnaich.

D. B. B.


ELIAH.

(Air a leantuinn.)

Cosmhuil ri Samuel a chaidh roimhe tha ath-leasachadh mor aige ri dheanamh. Tha cath cruaidh, deuchainneach aige ra chur: tha stris spairn nach faoin afeitheamh air. Tha feum aiganam air neartus treubhantasus mor-ghaisge. ’Na aonar gun chuideachd laidir no mheamnach, no aghartach air a chùl, tha aige ri seasamh suas as leth urraim an àrd-righ a tha nis air a dhi-chuimhneachadh gu mor le luchd-tuinidh na tire. Ceart mar nach do dhiobair Dia mhuinntir féin aig àm air bith, ceart mar shin eghairdean cumhachdach a mach as leth ainmus aoraidh fein aig iomadh am an uair a bha beachdan mearachdach agabhail freumhs afàs làidir suas, ’s a bha fior-àilleachd us iomlanachd a mhorachd us ionracais féin ach beag air an dubhadh as ann an duibhre dhùldaidh thiugh an aineolaìs agus an iodhal aoraidh, tha edol a dh-oibreicheadh a mach aig an àm so atharrachadh mor am measg nan Eabhruidheach agus air sgath nan daoine direach a tha air am fògradh bhon dachaidhean. Tham fàidh Eliah sgiobalta, mileanta, ’s easguidh adol an coinneamh Ahaib. Mun tig an latha mor air Sliabh Chairmeil anns an téid faoineisus amaideachd nan daoine tha sleuchdadh do Bhaal a dhearbhadh gu soilleir ann an lathair an t-sluaigh, than Tighearnacur teachdaireachd a dh-ionnsuidh an righ amaideach agus ag innseadh dha nach sil dealt air talamh agus nach tuit uisge air na h-achaidhean re bliadhna no dha. Crionaidh mar so gach lusus preasus cinneas as eugmhais taiseachaidh us ùrachaidh an uisge; tiormaichear suas na sruthan tormanach, fuaimneach, agus bithidh goinne lòin us uisges an tir. Mar thachras gu minic ann an dòighean cumantan t-saoghail, coisnidh droch-dheanadasus mibheus aon neach mor thriobhaidus amhluadhus àmhghar dhaibhsan a tha ann an dlùth-dhàimh ris, ged dh-fhaodas iad féin a bhi gu tur neo-lochdach, neo-chronail, agus neo-choireach; mar dh-fhàgas gu minic comhluadar aimhreiteach us mi-stuama neach imcheistus masladhus tuireadh ann an cridheachan a chàirdean, is ann air a mhodh cheudnachuir gràdh Ahaib do iodhalan balbha nan Sidonach, do Bhaalus do Astaroth bruaillean us buaireas air an t-sluagh gu h-iomlan. An deigh do Ahab agus da dhaoine bhi gu trom air an smachdachadh air sgàth an easurraim agus an tàmailt a chàruich iad air ainmus feartan Iehobhah, bha Eliah aig iarrtus an Ti ghlòirmhoir dan robh edeanamh seirbhis, atréigsinn an ionaid iomallaich uaignich anns an dfholuich e e féin bho ghnùiss bho chorruich an righ bhuirb, aineasaich. Tha Eliahg a nochdadh féin a rithist le cridhe gaisgeil, calma, don righ. Than rùn a bha aig Dia ann an aogas na talmhainn a dheanamh tartmhor agus tioram, criochnaichtes riaraichte. Le mor chaoimhneasus tairiseachd tha edol a thogail a làimhe den chinneach bhochd so, ’s adol a chur pailteis a rithist anns na sruthan agus anns na h-achaidhean. Tha Eliah afaotuinn an òrduigh so, —Falbh, nochd thu féin do Ahab, agus bheir mise uisge air aghaidh na talmhainn. Ach mun téid an rùn so choilionadh, tha gniomh treubhach mortha euchd cunnartach aig Eliah an Iisbhitheach ra dheanamh. Tha geillt us uamhas ann an cridhe Ahaib, ged a tha eg oidheirpeachadh air sgàile tharruing air, agus tha e ealamh gu stiùradh an fhàidh, an duine molach, aigeannach, a leantuinn. Is ann air Slìabh Charmeil a tha fàidhean Bhaail agus fàidhean nan doireus fàidh aonaranach àrd-chridheach an Dia mhòir richéilechòmhlachadh. Ged nacheil caraid cumhachdachd maille ris; ged dh-fheumas e cogadh a dheanamh an aghaidh feachd an nàmhaid a tha



[391]

[Vol . 4. No. 49. p. 7]

araon mor ann an àireamh agus fuileachdach; gidheadh chaneil a threòirga thréigsinn, cha-neil a chridhefannachadh no ameatachadh. Tha onair Iehobhah ann an earbsa ris, agus carson a bhitheadh eagal air? An trath tha teanntachd chruaidh ag éiridh, agus tha amannan dorcha duaichni ann, tha Dia daonnan adeasachadh nach airson a chùis féin a dhion, agus abuileachadh comaisus cumhachdus treòir anabarrach air.

CONA.


OIDHCHE FHLIUCH. —Bha duin-uasal o chionn ghoirid agabhail a dhinneir ann an tigh caraid, agus am feadhsa bha iad aice thòisich stoirm mhor uisge. Dhfhuirich an t-aoidh cho fadsa burrainn da feuch an tigeadh turadh, achs ann a bhan t-uisge sior dhol na bu mhiosa. Chuir fear an taighe impidh air fuireach gu maduinn, agus o nach robh choltas air gun rachadh an t-side na bfhearr dhaontaich e sin a dheanamh. Ach an ceann beagan mhionaideam dhionndrain iad e, ’s cha robh fhios càit an dthug e air. Cha robh sgeul shios no shuas air. An ceann leth-uair a thim, thainig e stighs e bog fliuch. “An ainm an àidh,” arsa fear an taighe, “càit an robh thu?” “Bha mi,” ars esans ega chrathadh fhéin, “aig an tigh; chaidh mi a dhinnse do mmhnaoi nach burrainn domh dhol dhachaidh gu maduinn leis cho fliuchs a bha i.”


Adol an sineads am miosad.

Adol eadar thus do chadal.

Ag itheadh na cruaiche fon t-sioman.

Adeanamh teadhair de ròineig.

Adeanamh balg ri gréin.

Ataomadh na mara le cliabh.

Adeanamh math an aghaidh an uile.

Aghnè a bhioss amhàthair, is gnàth leis a bhiths an nighinn.

Ah-uile rud ach an rudbu chòir.

Aidhear fidhleir dhuibh an Taoibh-tuath.

A nàdur fhein atighinns achoileach.

Aphoit atilgeadh air achoire gu bheil a mhàs dubh.

Atilgeadh sin uat mar gun tilgeadh buachar.

Adhaircean fada air achrodh a bhios anns acheò.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


G H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha thanar beachd.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[392]

[Vol . 4. No. 49. p. 8]

An t-Ailleagan.

O soiridh slàn don Ailleagan
Bhan so mnn tràth son ;
Gun dlot thu dhionnsuidh màirnean mi,
S mi cràiteàch as do dheigh:
Mas teachdairtha bhon bhàs thu,
S nach slànaich mi gun léigh,
Gun tug mi gaol bho mchridhe do
Dhòg-nighinn nan rosg réidh.

Bho dhfhalbh thun mun tràth so uainn
Tha mi fodh chràdhs fodh leòn;
S en gaol a thug min céud dhut
A dhrùidh air mfhuils air mfheòil;
Ach chì min diugh nach dthàinig thu,
S air nàile cha bichòir,
Tha mosna tròm an uaignidheas
Asmuain air bean do neòil.

Och! tha mo smuaintean cairiseach
Bho dhealaich sinn Di-luain,
Gheug ùr nan glaca mìn-bhasach,
A leannain chaoimh gun ghruaim;
Ma tha buaidh mun t-sùgradh ort,
S nach lùb thu le meud stuaim,
S e dghaol a leasaich miomguin dhomh,
S a chuir an giorrad muair.

S echuir, an uair, an taice rium
Gun dghlac thu cleachdadh ùr;
Gun drinn thu gniomh nach bàbhaist dhùt,
Mo ghràdh-sachur air chùl.
Cha daithnich mi riamh fàiling ort,
Bho chàirich mi ort miùl,—
Gu h-uasal, banail, bàiraigeach,
Gu tairis, càirdeil, ciùin.

S mìn, tairis, ciùin a labhradh tu,
Gheug ùr nach maìln a dchéill,
Air Machthir no air Gáidhealtachd
S tearc samhail bean do bheus,
Chan ionghnadh cliùbhi fuaighte riut,
S gun dfhuaradh thu gun bheud,
S tushiol na fala connspuillich
Le suaineas ceann an fhéidh.

S mìn, soitheamh, sèimhidh, suaimhneasach
An rìbhinn uasal òg,
Gur lionmhor cìs a bhuannaich thu
Nach dfhuaradh riamh cho mòr.
Do dhà ghruaidh dhearg cho taitneach
Do shlios mar shneachdan lòin,
Do shùilean mealla, mìogach,
Mar ghrian air tionntadh neòìl.


Muile nam Mor-Bheann.

Am Muile nan craobh thamhaighdean bhanail,
Dan dthug mi mo ghaols mi faoin ambharail,
S ma chaidh e fo sgaoils nach faod mifaighinn
Gun taobh mi caileagan Chòmhaill.

SEISD.—
On tha mi gun sunnd; ’s is dùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shuil ri sugradh tuile:
Cha teid mi le muirn gu cuirt nan cruinneag
S mo run am Muile nam mor-bheann,

Tha maise as uaisle, suairceas as ceanal,
Adireadh a suas an gruaidh mo leannain;
Ma bheir thu dhomh fuath, ’s nach buan do ghealladh
Ni uaigh as anart mo chomhdach.

Tha maise no dha riaireamh fhathast
Air bean achuil bhain, nam blath-shul Meallach;
Ma bheir thu do lamh, gum fas mi fallain,
S bu shlainte mhaireann do phog dhomh.

Do shlios mar an fhaoileann, taobh na mara,
Do ghruaidh mar an caorann, sgoiltair mheangan;
Suil ghorm is glan aoidh, fo chaoin-rosg thana:
S tun oigh a mhealladh gach oigear.

Tha smuaine no dha an tràth-sair maire;
Chan innis michach ceann-fath mo ghalair;
Ged laidheas mi trath, cha tamh dhomh cadal,
S do gradh ga msgaradh an comhnuidh.

Gur maththig an gùn on bhùth don ainnir,
S an fhasan is uiren cuirt nan Gallaibh;
Troidh ghloin am broig ùir— ’s i duintle barr-iall
Nach lub air faiche am feoirnein.

Do chul mar an lionn a mhile camag,
Nach greannach fo chir, as siod’ ’g a cheangal:
Do dheud mar na disnean, dionach, daingean:
Beul binn, a ghabhail nan oran.

S esgar mi o mchiall ro mhiad do cheanail,
S on chaidh thu don t-sliabh, nach bfhiach leat mfharaid:
S e taogas as t-fhiamhchuir pian amcharamh,
S cha mhiann a bhagam air storas.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B

titleIssue 49
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 49. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page