[Vol . 4. No. 5. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 10, 1895. No. 5.
NA REULTAN.
Tha réultaireachd ’na h-eòlas a ta air gach seòl òirdhearc agus iomchuidh. Is iongantach a’ chìnnteachd, agus an eagnuidheachd leis am bheil reulta nèimh a’ gluafad ann an gorm-astar nan speur! Trìd ìnnleachd agus foghluim, innsidh na teallsanaich, roimh làimh, gach caochladh a thig air solusaibh nèimh! Innsidh iad gu pongail mu dhùbhradh na gréine agus na gealaich, ìnnsidh iad c’uin a thig gach dùbhradh dhiubh so—cia cho mòr ’sa bhios iad—agus cia fada ’s a mhaireas iad!
Trid an eòlais so, tha daoine fòghluimte a’ faotuinn a mach caochlaidh soluis na gealaich, —riaghailtean nan seòl-mara, —cumadh agus meud na talmhainn, —agus suidheachadh agus farsuingeachd dhùchanna agus rioghachdan an domhain! Trid an eòlais so, mar an ceudna, tha bliadhnaichean air an tomhas, agus teachd gach tràth’ agus aimsir air a chomharrachadh a mach? Trid an eòlais so, tha seòladairean a’ faotuinn a mach nan àitean anns an bheil iad air na cuantaibh mòra agus farsuing, agus a’ stiùradh an slighean gu tèaruinte do dhùchannaibh an céin!
Mu dh’ amhairceas neach, air oidhche chiùin, reòta, gheamhraidh, chì e mu mhile rionnag an crochadh mar lòchranaibh drilinneach os a cheann—chì e iad do gach meud, agus soilleireachd—cuid diubh beag agus fann, agus cuid eile diubh mòr, agus a’ deàrlrachadh le solus soilleir agus seasmhach! Ach ged nach fhaicear ach mu mhile dhiubh so leis an t-sùil luim, chithear le gloineachaibh ìnnleachdach a fhuaradh a mach, mu’n cuairt de cheud mìle, uile còmhlath! Agus cha’n ’eil an àireamh mhòr so an coimeas ris an àireamh a ta air an sgaoileadh air feadh farsuingeachd na cruitheachd, ach mar eitean gaineimh air tràigh na fairge! Tha cuid diubh anabarrach mòr—fichead, leith-cheud, mìle uair mi’s mò na’n talamh air am bheil sinn’ a’ gluasad, agus is gann a gheibhear aon nam measg cho beag ris! Goirear le teallsanaich rionnagan suidhichte dheth gach solus a chithear anns na nèamhaibh, ach cha’n abrar so ris a’ ghréin agus ris a’ ghealaich againne, no ri aireamh bheag de reultaibh agus de ghealachaibh eile, agus de rionnagaibh earbullach, a ta cuairteachadh na gréine. Tha na rionnagan suidhichte aig astar uamhasach, agus do-thuigsinn air falbh uainne; —agus an uair a smuainicheas sinn air am meud, an àireamh, an nàdur, agus an astar—cha chomas dhuinn, an sin, gun smuaineachadh air cumhachd an Ti uile-ghlòrmhoir sin “a sgeadaich na nèamha le a Spiorad.” Chum beachd a thoirt air astar nan rionnag so air falbh, ghabhadh am peileir a’s luaith’ a chaidh riamh a mach á beul gunna, ged a dh’ fhanadh e ’na dheannaibh, còrr agus muillean bliadhna, mu’n ruigeadh e cuid dhiubh! Nach ceart a dh’fheudas daoine a’ cheist a chur, Co a rinn na nithe mora, maiseach, agus miorbhuileach so? Co, ach an Dia sin, “arinn an talamh le ’chumhachd, —a shocruich an saoghal le ’ghlìocas, —agus le ’thuisge a sgaoil a mach na nèamha.”
Tha na reulta so uile air an suidheachadh, mar gu’m b’ann, ’nan teaghlaich air leth, air feadh farsuingeachd na cruitheachd! Tha àireamh shonruichte dhiubh, aig am bheil grian doibh féin, m’a timchioll am bheil iad a’ siubhal, ann an cuairtibh eug-samhla; agus o’m bheil iad a’ faotainn soluis agus teas! Tha àireamh nan grian, ’s nan reull, a ta ’gan cuairteachadh air an dòigh so, cho mòr, a’s nach urrainn teallsanaich le’n uil’ ìnnleachdaibh, a bheag sam bith a dheanamh a mach gu cinnteach mu’n timchioll! Cosmhuil ris gach grian eile, tha a’ ghrian againne ’ga nochdadh fein anns na speuraibh, air a cuairteachadh le a reultaibh fein, ris am bheil i a’ comh-pairteachadh araon soluis agus teas!
Air di a bhi fagus do làimh, an coimeas ri grianaibh eile na cruitheachd, tha sinn ’ga faicinn mòr, cruinn, agus dealrach; am feadh ’sa chi sinn na grianan eile, mar rionnagaibh beaga, drilinneach, a thaobh am mòr-astar air falbh! Ged nach d’ fhuair daoine foghluimte a bheag a mach mu thimchioll nan rionnag suidhichte, agus nan grian do-àireamh, a ta air an suidheachadh mar sheudaibh boillsgeach, anns na speuraibh os ar ceann; gidheadh, fhuair iad a mach mòran de nithibh air mhodh cinnteach, mu thimchioll na gréin’ againn fein, agus an teaghlaich bhig de na reultaibh, a ta ’g iadhadh gu siùbhlach, tosdach, mu’n cuairt di!
Fhuaradh a mach gu’m bheil ochd mhòr agus ceithir bheaga de reultaibh seacharanach, a’ siubhal timchioll na gréine, ann an cuairtibh air leth, agus gu’m bheil gealaichean aig coig de na reultaibh so, a ta ’gan cuairteachadh, ceart mar a tha iad fein a’ cuairteachadh na gréine! Tha gach aon de na cearcallaibh mora so, anns am bheil na reultan a’ siubhal, aig caochladh astair air falbh o’n ghréin; uime sin, tha a’ ghrian air a suidheachadh ann am meadhon a teaghlaich, “Cruinn mar lan sgiath chruaidh nan triath,” far am bheil i a’ tilgeadh a mach a gathanna-soluis air gach aon fa leth d’a reultaibh, agus ’gan ath-nuadhachadh gach là le maise, agus soilleireachd! Tha na reultan air an ainmeachadh mar a leanas, agus anns an òrdugh anns am bheil iad aig astar o’n ghréin: MERCURI, BHENUS, AN TALAMH, MARS, (BHESTA, IUNO, CERES, PALLAS) IUPITER, SATURN, URANUS, agus NEPTUNE.
SGIATHANACH.
Chaochail bean an Urr. T. Dewitt Talmage ann an New York toiseach na seachdain so. Bha i air a tiodhlacadh Di-ciaduin.
[Vol . 4. No. 5. p. 2]
THOGAINN FONN AIR LORG AN FHEIDH.
[Tha so air a thoirt as a Chuairteir, agus tha sinn ’ga chlò-bhualadh ’sa MHAC-TALLA air iarrtus aon d’ar luchd-leughaidh. Cha’n eil cinnt air cò a sgriobh an eachdraidh so air sealg an fhéidh, ach ’si bharail choitchionn a measg sgoilearan Gàilig gu’n d’ thàinig i o pheann an Urr. Tormaid Mac Leoid. D. D. ]
A’ CHEUD EARRANN.
A Chuairteir Rùnaich,
FHUAIR mi ’ur litir, agus bha sodan air mo chridhe ’n uair thuig mi nach do dhì-chuimhnich sibh Ailean-na-Beinne. ’S minic a ghiùlain mi sibh air mo ghuaillibh, ’s a dh’innis mi dhuibh sgeul mu Thìr nam Beann. Tha mi ’nis aosmhor, os ceann ceithir fichead bliadhna; ach tha mo thùr ’s mo thoinisg agam, mo chiall ’s mo mheomhair mar a bha iad riamh; tha da rireadh a’ cholunn air fàs breòite, ach tha ’n inntinn beothail, togarrach agus ait. Cha dìrich mi bruthach ’s cha siubhail mi mòinteach, tha mo cheum goirid, agus is beag a bheir an anail do’n uchd; ach tha mo chridhe fhathast ’s a’ bheinn, agus aisling na h-oidhche ’am measg nan stùcan arda—duisgidh an smior a’m’ chnàmhan aosmhor ’n uair a chluinneas mi “tailmrich dhos, ’us chon, ’us shreang.” ’S minic, ’n uair shuidheas mi ri gréin trà nòin, fo dhubhar a’ bharraich, no a’m shìneadh air na neònainean aillidh, ’thig cuimhne nan làithean a dh’ fhalbh mar aisling na h-òige air m’ anam.
“ ’N sin chì mi ar leam an gadhar
A leanadh mi anmoch ’us moch;
’S na sléibh ’bu mhiann leam ’bhi ’taghal,
’S na creagan a fhreagradh do’n dos.”
Bha mi fhéin còrr agus dà fhichead bliadhn’ a’ m’ fhorsair aig Mac-ic-Alastair, agus bha m’ athair, agus ’athair-san ’n am forsairean maraon, air chor ’s gur dùth dhomh seòrsa de dh’ eòlas a bhi agam air eachdraidh nam fiadh agus faoghaid nam beann. Feuchaidh mi na ceistean a chuir sibh orm ’n ’ur litir a fhreagairt mar is fèarr is urrainn mi.
A thaobh na h-aois’ a ruigeas cuid a dh’fhéidh ’s duilich labhairt gu poncail. ’S i mo bharail fhéin o’n a chuala mi o dhaoine fiosrach mu dhéidhinn so, agus o Mhac- ’ic-Alastair fhéin, a tha eòlach air eachdraidh nam anns gach cèarna de’n t-saoghal, gu-m bheil cuid diubh a’ ruigheachd aois mhòr. Tha làn dearbhadh againn gu-n robh cuid diubh ann an frìth Ghlinne-garadh, a bha ceithir fichead bliadhna, agus os a cheann; agus tha daoine eòlach ag ràdh gu-n ruig iad sè fichead no seachd fichead bliadhna! Anns a’ bhliadhna 1826, bha Mac- ’ic-Alastair le Moraire Dhùn-mhòir a’ sealg air Tòrr-na-corra, agus ghrad leum damh mòr, cròcach a mach as a’ choille. Loisg Mac- ’ic-Alastair air, agus thuit e. ’N uair a ràinig iad e fhuaradh comharra-cluais’ àraidh air. “Thig an so,” arsa Gleanna-garadh ris an fhorsair, “agus innis domh ciod an comharradh cluaise ’th’ air an damh so.’ “S e,” ars’ am forsair, “comharra’ -cluaise Eòghain-mhic-Iain-Oig. B’e Eòghan-mac-Iain-Oig forsair ainmeil a chaochail ceud gu leth bliadhna roi ’n àm sin. Tha cabair an fhéidh so air an gleidheadh ann an teaghlach Mhic- ’ic-Alastair gu ruig an latha’n diugh.
Tha iomadh eachdraidh eile de ’n t-seòrsa cheudna againn ’s cha ’n eil teagamh nach cuala sibh fhéin na sean-fhocail Ghàelic do thaobh so, mu aois an fhéidh:—
Trì aois coin, aois eich;
Trì aois eich, aois duine,
Trì aois duine, aois féidh,
Trì aois féidh, aois fìrein;
Trì aois fìrein, aois craoibh-dharaich.
Sin agaibh-se barail nan daoine ’dh’ fhalbh, agus cha bhreugaichear an sean-fhocal. Tha fios cinnteach gu-n robh aon agh geal ann am fàsach Lochtréig fad chuimhne thrì linntean. Bha uile shealgairean na dùthcha eòlach oirre. Bha i cho geal ris an t-sneachda, ach cho furachail, sheòlta ’s nach d’ fhuaradh riamh urchair oirre; agus tha eachdraidh air damh a’ Mhonaidh-léith ’am Bàideanach air an do loisgeadh leis na sealgairean a b’ fhearr cuimse ’chaidh do’n bheinn, fichead agus fichead uair, agus dh’ fhairtlich orra fuil a tharruing as. Fad leth-cheud bliadhna bha muinntir na dùthcha sin eòlach air; agus ’s iomadh duine tapaidh a chaill cadal na h-oidhche agus craicionn nan cas air a thòir, gus mu dheireadh an do leònadh e le duin’ uasal a Chlann Dòmhnuill; thuit e, ach coma cò dhiubh, dh’ éirich e, agus thàr e as. Deich-bliadhna-fichead ’na dhéigh sin, mharbhadh a’ cheart damh so bràighe Bhàideanach, agus fhuaradh am peileir a chuireadh ann leis an Dòmhnullach deich-bliadhna-fichead roimhe sin ’n a ghualainn! Cha b’ urrainn do dhamh mòr a’ Mhonaidh-léith ’bhi fo sheachd fichead bliadhna dh’aois. B’e an damh a bu truime ’chunnaic mi riamh air a mharbhadh aon a thuit fo làimh Mhic- ’ic-Alastair fhéin, a bha deich-clacha-fichead—ach ’s fiadh maith a thig os ceann sè-clacha-deug.
Tha sibh a’ feòraich mu na coin a b’ àbhaist a bhi aca ri linn m’ òige, a ruagadh nam fiadh, mìolchoin air neo gadhair, oir b’e ’n t-aon seòrs’ iad? Bha na mìol-choin ann ri linn Fhinn Mhic Cumhail, mar thubhairt Oisein:—
“Chluinnteadh fuaim nan arm ’s gach ceum,
Meaghail mhìol-chon ’s cleasachd àrd.”
Tha na coin, no na gadhair-fhiadh so mòr, làidir, anabarrach luath, misneachail. Cha-n ’eil an seòrsa so ’nis furasd’ fhaotainn—ach b’ eireachdail iad ri amharc orra:—
“Sud mar thaghadh Fionn a chù,
Sùil mar àirneig, cluas mar dhuilleig,
Uchd mar ghearran, speir mar chorran,
’S an t-alt-luthaidh fad’ o’n cheann. ’”
Tha fios cinnteach againn gu-m b’ àbhaist doibh le gadhair làidir na féidh a shealg o shean, gun bhogha-saighead no idir acfhuinn theine. —Tha sibh fhéin, a Chuairteir, na’s eòlaiche na mise air eachdraidh na rìoghachd, anns am bheil sinn a’ leughadh gu-n deachaidh Bàn-righ Ealasaid a mach a shealg ’s a’ bhliadhna 1595, ann am frìth fharsuing shuas ’an Sasunn, le mìol-choin, agus gu-n do mharbh iad sè-daimh-dheug, gun saighead, gun urchair. Cha-n ’eil seòrsa madaidh idir ann a’s misneachaile na mìol-chu an fhéidh, de ’n t-seòrsa cheart. Tha ’n seòrsa so ’nis duilich fhaotainn; tha còrr fhear, tha iad ag ràdh, ann an Eirinn agus ’an Sasunn; agus theagamh gu-n bheil air an àm mu thuaiream deich no dusan diubh ann an Albainn. ’S docha gu-m bheil an seorsa ’s fìrinniche ’s a’s féarr dhiubh so a nis r’a fhaotainn ann an Oronsa aig Caiptin Mac-Nèill, oighre og Cholonsa, agus tighearna Ghiogha. ’S e ’s ainmean dhoibh sin Busgar
[Vol . 4. No. 5. p. 3]
agus Bran, da mhìol chu gun coimeas’s an rioghachd.
Cha-n ’eil ’fhios ’am an cuala sibh riamh sgeul a tha air aithris mu dhéidhinn an dà mhadaidh thréin so. “Mu latha Lunasdail, ’s a’ bhliadhna 1835, chaidh uaislean og’ o Cholonsa do cheann-uachdrach Dhiùra, a shealg fhiadh. Bha iad ann seisear shealgairean, sgioba bàta, Donnachadh Mac-Carmaig, am pìobaire, agus Fionnladh mor, am forsair. Ràinig iad Diùra ’s an anmoch, air feasgar àillidh; dhìrich iad a suas uchd na beinne, agus aig bun cas-chreige àird, bha dorus uamha mhòir, dhomhain, far an deach’ iad a stigh a chur seachad na h-oidhche fo fhasgadh. Las iad gealbhan cridheal de chonnadh tioram—sgaoil iad raineach ’us luachair, ’s am fraoch badanach, donn air an do shuidh iad fhad ’s a bha lòn an anmoich ’g a dheasachadh. Thog am pìobaire suas port, agus fheagair mac-talla o mhìle creag. Gu ìoh-sal aig an tràigh bha a bhìrlinn leis an sgioba, an cuan mòr a’ sgaoileadh a mach uapa, fèath nan eun air, agus gidheadh chluinnteadh an onfha’ throm. Bha a’ chorra-ghriobhach agus an guilbneach a’ sgriachail o chreig gu creig—chluinnteadh geum nam bò shìos air an t-srath—bùirich nan tarbh—fead a’ bhuachaille; agus gu h-àrd ’s a’ chreachann, langan an fhéidh. Chaidh na sealgairean gu tàmh, ’an déigh doibh an lòn itheadh, a dheasaicheadh dhoibh leatha-se nach do leig le sgioba-bàta Colonsa ’fhàgail riamh gun an cliabh làn. Chaidh an t-slige-chreachainn mu’n cuairt—chluich Donnachadh Mac-Carmaig cuairt an anmoich—thilg gach aon e fhéin air an fhraoch ’n a bhreacan, agus bha iad ’n an suain—mar ’bha am fiadh cabrach donn mar an ceudna ’n a leabaidh luachrach, gun fhios gu-n robh Bran agus Busgar cho dlùth. Fada mu-n d’ éirich a’ ghrian air Beinn-an-Oir, bha Donnachadh pìobaire aig beul na h-uamha; thog e caismeachd Chlann-Nèill, ’s bha ’h-uile h-aon air bonn. Thug cuid an tràigh orra gu snàmh—thug cuid am fuaran orra gus iad fhéin a nigheadh ann an uisge glan nam beann—thòisich càch air an lòn-maidne ’sgaoileadh a mach, ’s cha robh sinn fada ’g a ghabhail. Thugadh a mach na gadhair, a bha air lothainn; ach cha bhlaiseadh iad greim ged nach d’ith iad a bheag o mhaduinn an latha ’chaidh seachad, cho togarrach eusgaidh ’s a bha iad air an t-seilg, agus fios maith aca c’ àit’ an robh iad a’ dol.
“Thog a’ chuideachd orra ’n àird ri uchd na beinne—bha ’mhaduinn àillidh—a’ ghrian ag éiridh gu dearg, glòrmhor ’s an àird’ -an-ear—an ceò ag éiridh air an leacainn—mullach nam beann fhathast a’ tàmh anns na neòil—an fheadag a’ feadaireachd o thom gu tom, agus an coileach fraoich a’ gogail le h-iongantas cò iad na coigrich a bha cho tràth air an raon.
“Ràinig iad guala àrd, o’n robh sealladh farsuing air a’ choire gu h-iosal—dhlùthaich iad gu fòil, athaiseach air creig—ghabh iad a’ ghloin’ -amhairc, ach cha robh fiadh ’s an t-sealladh. Thionndaidh iad gu àit’ eile, a’ leantuinn Fhionnlaidh mar ’thogair e an treòrachadh. Bha esan ag imeachd rompa—cha robh diog air a labhairt. Mu dheireadh stad Fionnladh—smèid e orra stad far an robh iad—leig e e fhéin air a bheul ’s air a shròin air an raon, ag iadhadh mu thimchioll uchdaich a bha roimhe air mhàgaran, air a làmhan ’s a chasan, gun ad gun bhoineid. Tharruing e air ’ais agus smèid e orra—lean iad e gu h-athaiseach, faicilleach, eadar seasamh agus falbh air mhàgaran; chunnaic Fionnladh cròc eadar e ’s fàire, ach cha robh sùil ann a thog e ach a shùil fhéin. Dh’ amhairc na h-uaislean leis a’ ghloine mar a a dh’ iarr e orra, ’s iad ’n an sìneadh air an làr, agus mu dheireadh mhothaich iad damh mòr, cabrach, donn ’n a luidhe air tolman rainich, agus a chròicean àrd a suas, e ’cnàmh a chìre ’s ag amharc mu-n cuairt da le sùil fhurachail. Theirinn na sealgairean gu aigeal a’ ghlinne, air slighe air an robh iad air an cleth o’n fhiadh—lean iad Fionnladh o àite gu h-áite—troimh amar aibhne, troimh mhòintich, troimh fhéithean agus bhoglaichean—a’ seasamh, air uairibh, ’s a’ màgaran air uairibh eile, gun smid á beul. Ràinig iad àite far an d’ iarr Fionnladh orra stad. Chaidh e fhéin air aghart gu furachail—luidh e air an fhraoch, agus shlaod e e fhéin air aghart mar gu-m biodh e ’tolladh a stigh ann an àite cumhann, aimhleathan—leag e ’smig air an làr, cùl a chinn r’a dhruim, ’s a shròn gu h-àrd ’s an t-soirbheas, smeid e orra dlùthachadh. Cha b’ e ’nis an fheala-dhà Bran ’us Busgar a chumail air lothainn—cha b’ i ’h-uile h-iall a chumadh lad. Ràinig iad an t-àite.— ‘Fuasglaibh na coin,’ arsa Fionnladh, s’ e ’g éiridh. Ghrad chunnaic sinn am fiadh, bha e ’deanamh a chas, sheas e mu thrì fichead ceum o ’n àite ’n robh iad, agus dhlùth-bheachdaich e orra ’n clàr an aodainn, ach ghrad thionndaidh e uapa agus thàr e as. Leig iad Bran ’us Busgar ’n a dhéigh, thog iad iolach bhrosnachaidh, agus shìn iad air? A mhic chridhe, ’s ann an sin a bha ’n sealladh—a chròcan cabrach air a dhruim, a chuinnean fosgailte ri speur, ’s e ’cur nan con gu dùlan. Dhìrich na sealgairean an cnoc a b’ àirde a dh’ fhaotainn seallaidh air an fhaoghaid. Thug am fiadh air chum na beinne, ach cha deanadh sin feum; phill e gu leathad, o choire gu coire, o ghleann gu gleann, suas Bealach-nan-agh, a stigh troi’n Airidh-ghlais, a mach gu Sgàirnich-na-gaoithe. Sud iad sìos a rithist gu ìochdar a’ Ghlinn-mhòir, ’s a nunn gu taobh a’ cheirt chnoic air an robh na sealgairean ’n an seasamh. Thogadh a rithist iolach àrd a bhrosnachadh nan con! Bha iad a nis dlùth air a shàil. Ghabh e gu Creag-nan-gabhar far an do sheas e tamull—bha sgàirneach chreagach fodha, ach cha robh àm stad—sìos ghabh e air a mhàsan—clachan ’us gainmheach a’ tùirleadh gu fuaimneach ’n a dhéigh. Ràinig e ’n còmhnard—ach ma ràinig bha na deadh choin dlùth—Bran ’us Busgar cùl a shàlach. Ach faic! tha grabadh air tighinn air—tha Bran an sàs, crochta r’a shliasaid—tha e ’g a shlaodadh ’n a dhéigh. Ach cò sud eile? An cù gleusta, Busgar—thug e dui-leum seachad air Bran, agus tha e ann am broilleach an fhéidh, le greim bàis aig’ air gu gramail, teann ’n a sgòrnan. Bha ’nis an dà ghadhar crochta ris, ach shlaod e leis iad! Bu shoilleir cò dhiubh gu-n robh e ’fàilneachadh—thuislich e—ach ghrad dh’éirich e ’rithist, a’ gearradh leum le langan gearanach. —Fa dheòidh thuit e, car mar char ’s cha d’ éirich e, ’s an dà mhìol-chu threun air ’uachdar.
(Ri leantuinn.)
Is math an naigheachd a bhi gun naigheachd.
Is math an latha ’ni a’ madadh-ruadh searmoin.
Is math an t-each a thoilicheas am marcaiche.
Ceardach dùthcha, muileann sgireachd, us tigh-osda, na tri àiteachan a’s fhearr air son naigheachd.
[Vol . 4. No. 5. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan. .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, OGUST 10. 1895.
Tha gunna aca air ùr-dheanamh a ghabhas giulan le aon saighdear, agus a loisgeas sia ceud urchair ’sa mhionaid, rathad sam bith an tograr. Tha daoine glice ’deanamh mach gu ’n cuir na gunnaichean so crioch air cogadh gu buileach, oir bi’dh duine théid a chogadh cho cinnteach as a mharbhadh ’s gu fuirich iad uile aig an tigh.
Cha ’n eil na Frangaich a’ faighinn air adhart ann am Madagasgar mar bu mhath leotha idir. Tha ’n t-side anabarrach mi-fhabharrach dhaibh; ’s gann gur h-urrainn duine geal seasamh rithe idir. A bharrachd air sin tha na nàisinnich a’ deanamh an uile dhichioll air na coigrich a chumail a mach, agus tha iad gu math làidir ’nan dùthaich fhéin.
Tha ’n aimhreit ann an Cuba a’ dol air adhart gun lasachadh. Cluinnear an dràsda ’sa rithist sgeul air an obair a th’ ann, agus tha e glé dhoirbh a dheanamh mach co ’n taobh leis am bheil an t-strith a dol. ’N uair a thig an sgeul troimh bheul nan Spàinnteach ’s ann leotha fhein a tha h-uile blàr a dol, ’s cha’n eil a dhith orra ach beagan ùine gus teine na ceannairc a smàladh as gu buileach. ’N uair a chluinnear o luchd na ceannaic, ’s iadsan a tha buadhachadh, agus tha iad an làn dhùil riaghladh an eilein a bhi aca ’nan lamhan féin an uine glé ghoirid. Cha’n eil e mar sin soirbh do dhuine sam bith barail cheart a bhi aige air cia mar tha dol dhaibh, oir cha’n eil na tha taobh seach taobh a gealltuinn, a tigh’n gu crich. Ach tha ioma duine tuigseach a tha gabhail beachd air a chogadh o’n thòisich e, dhe’n bharail gu’m bi na ceannaircich buadhach air a cheann mu dheireadh. Is eilean mor, briagha, torrach, Cuba, agus ged tha e aig na Spàinntich riamh o’n fhuaireadh a mach e, cha d’rinn iad feum coir dheth; cha robh iad ach ’ga spùilleadh ’s ga chreachadh, a’ tarruinn as na b’urrainn daibh de dh’ airgead ’s de bheairteas eile, gun ghuth a thoirt air cor no air coir an luchd-àitichidh. Dh’ aobharaich so iomadh ceannairc; ’s mor na chaidh de dh’ fhuil a dhortadh o’n thainig an linn so, na h-eileanaich a’ feuchainn ri cuing na Spàinnte thilgeadh dhiubh, agus na Spàinntich air son a chuing a theannachadh. Anns a h-uile ceannairc a rinn iad roimhe so bha na h-eileanaich air an cisneachadh, co dhiubh tha no nach eil an ni ceudna ri tachairt dhaibh air an ionnsuidh so.
Each Tapaidh.
Tha nighean bheag a fuireach ann air cearna de Stàit Dakota, aois ochd bliadhna, agus so mar tha i ’dol dh’ an sgoil anns a gheamhradh. Tha each glas Frangach d’an ainm Sultan aig a h-athair, agus ’sa mhaduinn tha e ’ga chur ’san t-sleighe, agus air dha an nighean a chòmhdach gu blàth le béin ’s le aodaichean, leigidh e ’n t-each air falbh. ’Nuair a ruigeas an t-each an tigh sgoile, stadaidh e gus an tig an nighean as an t-sleighe, agus an sin tillidh e dhachaidh. Théid a chur dh’ an stàpull gus am bi ’n t-àm aig an sgoil sgaoileadh agus an uair sin theid acuinneachadh a rithist, agus togaidh e air leis fhéin dh’ ionnsuidh an tigh-sgoile ’s bheir e an nighean dhachaidh gu sàbhailte. Tha e mar so fad a gheamhraidh a deanamh astar cheithir mile gach latha agus ’ga dheanamh a cheart cho riaghailteach ris an uaireadair.
Dh’fhaighnicheadh de ghille beag uair, car son a bha e mach le sgàileagan os a chionn ’s gun grian no uisg’ ann gu dragh a chur air. Fhreagair an gille, “ ’N uair a bhios an t-uisg’ ann, bidh an sgàileagan e aig m’ athair, ’s ’nuair a bhios a ghrian ris, bidh e aig mo mhathair, ’s cha’n eil agams’ air ach feum a dheanamh dheth ’n uair nach bi aona chuid grian no uisg’ ann.”
SGEUL EACHUINN.
Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.
[Vol . 4. No. 5. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh Innseanach bochd a mharbhadh leis a charbad-iaruinn an la roimhe eadar Stellarton us New Glasgow.
Chaidh nighean òg do’m b’ ainm Alberta Stiùbhart, a mhuinntir Winchester, N. S., a mhort ann am Boston o chionn cho’ -la-deug. Fhuaradh a corp ann an amhuinn a tha ruith troimh ’n bhaile. Cha d’ fhuaradh a mach fhathast cò a chuir crioch oirre.
Thachair sgiorradh grànda do ghille ann an Amherst Di-luain. Bha e ’g obair mu’n cuairt air uidheam speallaidh, agus gun fhios d’a fhéin sheas e mu choinneamh na speala. Chaidh té dhe chasan a mhilleahd agus an fheoil a renbadh glan gu h-eagallach, an cnaimh a bhristeadh dhith. Bha e cho dona ’s gu’m b’ fheudar a chur dh’ an ospidal ann a Halifax.
Gheobhair ainmean na feadhnach a phaigh am Mac-Talla air a mhios s’a chaidh anns aa àireamh so. Tha sinn fada fada ’nan comain air son iad a bhi cho iasguidh gu pàigheadh ’s a’ guidhe ’h-uile latha sona dhaibh ’s gun latha idir dona dhaibh. Ma rinn sinn dearmad air duine sam bith a phàigh, leigeadh e fios d’ ar n-ionnsuidh, ’s ni sinn a chùis a chur ceart gun dàil.
Tha ’n tiormachd an deigh call mor a dheanamh anns a chearna sin de dh’ Ontario rls an ear-dheas. Tha ’n t-uisge anns na h-uillt ’s anns na fuarain anabarrach iosal, agus am beagan feòir us bàrra bh’ ann tha e air itheadh suas leis na leumadairean-fròir. Tha na tuathanaich ann an àitrachan a cur a stigh gu luchd-riaghlaidh na mòr-roinne, air iarraidh cuideachaidh.
Chaidh gille de’n ainm Mac Fàidein, aois da bhliadhn’ deug a mharbhadh ann a’ Victoria West, an Eilein a’ Phrionnsa, a sheachdain gus an diugh. Bha e falbh le each ’s ròp aige ’n ceangal mu ’amhaich. Bhuail e ’n t-each le ceann an ruip air son a ghreasad, agus ruith an t-each. Chaidh esan aig a cheart àm an sàs anns an ròp, agus shlaod an t-each leis e gus an robh e air a mharbhadh.
Chaidh an sabhal aig Iain Mac Aonghais, ann an Sidni Tuath, ’na theine ’sa mhaduinn Di-ciaduin, agus chailleadh gach ni a bha na bhroinn. Bha còig no sia tunna feòir ann, agus àireamh de dh’ uidheaman-tuathanachais ann. Chunnacas grunnan de sheoladairean mu’n cuairt dhe’n t-sabhal trath, ’sa mhaduinn, agus thatar a deanamh mach gu’m b’ iadsan a chuir an teine ris.
Chaidh gille beag le Mr. Finlay a mhuinntirKentville , N. S. ,a bhàthadh ann an Sidni Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh e mach a chlasachd air laimhrig gun fhios d’a mhàthair, thuit e thairis agus chaidh a bhàthadh ann an naodh troidhean a dh’ uisge. Bha e air a bhàthadh mu’n do dh’ ionndrain a mhàthair as an tigh e. Cha robh e ach coig bliadhna dh’ aois, agus cha d’ rinn a mhàthair ach tigh’n dh’an bhaile leis o chionn ùine ghoirid.
Chaidh gille beag a mharbhadh aig a Mheinn a Tuath(Sydney Mines)Di-sathairne sa chaidh, le tuiteam le creig aig oir a chladaich. Bha e còmhla ri treud de chloinn eile aig an Rudha Dhubh, agus chaidh esan tuilleadh us faisg air bile na creige, ’s thuit e thairis. Tha a chreag aig an aite sin mu dha fichead troidh a dh’ àirde. Bha e beò ’nuair a rainig iad e, ach beagan an deigh a thoirt dhachaidh, dh’ eug e. Bha e le Iain Harrietta, agus cha robh e ach ceithir bliadhna dh’aois.
Tha paipear á Nova Scotia ag innse gu’n d’ fhalbh dithis pheathraichean us bràthair o’n dachaidh ann an Tatamagouche ’sa mhaduinn Diluain gu dhol dh’ an bhaile faisg air laimh a dh’fhaicinn circus. Ghabh iad am braiceist mu’n d’ fhalbh iad comhla ri ’n athair, Alasdair Mac Leoid. Air feadh an latha fhuair iad fios gu robh an athair air fàs gle thinn: chaidh iad dhachaidh agus an oidhche sin fhéin chaochail e.
Bha ’n t-Oillear Domhnullach á Truro anns a’ bhaile air an t-seachdain so. Thaghail e air Mac-Talla agus thug sinn treis a dh’ùine ’na sheanachas. Tha e glé bhuidheach dhe’n phaipear agus ag ràdh gu’n cuireadh e doimhtheadas mòr air na’n rachadh e bàs le cion cuideachaidh o na Gàidheil. Tha sinn an dòchas nach eagal d’a sin. Buinidh Mr. Domhnullach do Amhuinn Dhennis, agus tha e o chionn àireamh mhath bhliadhnaichean na fhear-teagaisg ann an Oil thigh nam maighstirean-sgoile ’an Truro.
Tha duine de’n ainm Holmes anns a phriosan ’s na Stàitean an drasda air son murt. Cha’n e aon mhurt, no a dha, no tri, a th’ air a chur as a leth, ach a dha-dheug. ’S e càs a’s uamhasaiche thàinig air beulaobh cùirt-lagha o chionn fhada. Rinn e murt no dha ann an Toronto, agus càch anns na Stàitean. Tha cuid a dhaoine anns na Stàitean ag iarraidh Holmes a chur a nall a Chanada gu bhi air fheuchainn; tha iad dhe’n bharail gu faigheadh e dhuais na bu luaithe san dùthaich so na gheobh e anns na Stàitean. Tha fiios aig na h-uile h-aon roimhe so gu bheil ceartas a gluasad gle mhall anns na Stàitean, agus ann an càs mar so bu chòir dh’i gluasad cho luath ’sa ghabhadh deanamh.
Bha teine mor ann an Springhill Di-màirt s’a chaidh. Thòisich e ann am bàthach each, agus sgaoil e á sin gus an deachaidh àireamh mhòr de thaighean ’s de stòraichean a losgadh gu làr. Faodar a ràdh gu’n do loisgeadh a chuid a b’ fhearr dhe’n bhaile. Tha’n call air a mheas eadar deich mile fichead us da fhichead mile dolair. Gu fortanach cha do chailleadh beatha duine, ach bha aon duine air a leònadh le tuiteam bhar fàraidh. Bha ’chas air a buisteadh, agus chaidh a cheann a ghoirteachadh. Chog na daoine ris an teine gu treun, ach bha e doirbh casg a chur air. Bha còig eich air an losgadh anns a bhathaich ’s an do thòisich an teine. Cha d’thug an teine sgriob cho dona so air Springhill riamh o’n chaidh a thogail an toiseach.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON,
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 5. p. 6]
SGEULA FIRINNEACH.
O chionn àireamh bhliadhnachan, thachair do chaileig oig, d’am b’ainm Beurla Grace Scott, nighean banntraich bhochd, dhichiollaich. chòir, a bha ’chomhnuidh ann an Bail Gobhainn ann an Athull, fasda ghabhail air féill na Bealltuinn aig tuathanach beag fearainn ann an Logie Almond, a bhuachailleachd a chuid cruidh, gu ruig an Fhéill-Màrtuinn. Cha robh i riamh roimhe sin oidhche mach a tigh a màthar, no air falbh o’n ait anns an d’rugadh ’s na thogadh i. ’N uair dh’fhairich si i féin ann an tir choimheich am measg choigreach, far nach robh cainnt bhlasda a dùthcha féin air a labhairt, no aon neach a b’aithne dhi, chaill i a misneach—bha gach latha mar bhliadhna. Cha b’urrainn di luinneag no oran a thogail—bha a cridhe trom, agus bha’n osunn do ghnàth san uchd, agus an deur a chaoidh air an t-sùil. Shuidheadh i am fasgadh creige, no air bruach na h-aibhne, a’ gul ’s a’ caoineadh. Mu dheireadh, chuir i roimhpe ruith air falbh—a muinntearas a bhristeadh, agus teicheadh dhachaidh gu bruachan boidheach tir a h-oige. Ach ciamar a bha so r’a dheanamh, cha robh fios aice, cha b’aithne dhi eadhon an rathad air am bu choir dhi falbh.
Latha de na laithean, mar a bha i a’ giùlan cuinneag uisge o thobar a bha cul cnuic dlùth do thigh an tuathanaich, mhothuich bana-cheard a bha gabhail an rathaid i. Chunnaic si i a’ gul ’sa’ caoineadh. Dhlùthaich i oirre, agus dh’fheoruich i ciod a b’aobhar d’a bron. Dh’innis a’ chaileag dhi mar a bha ’chùis, gun ni air bith a chleith no chumail air ais—gu’n robh a cridhe a’ sgaineadh le fadal gus a màthair fhaicinn, agus pilleadh d’a dùthaich féin. “C’àit a’ bheil do mhathair a chomnuidh?” arsa ’bhana-cheard, ann an Gàilig mhilis bhlasda na h-Athull. “Tha dluth do Naol-an-earn,” arsa ’chaileag, le mor thoilinntinn. “Naol-an-earn!” arsa ’bhana-cheard. “Tha mise direach a’ dol dlùth air a’ cheart àite; agus ma’s urrainn duit pilleadh dh’ ionnsuidh an tighe, agus do chuid aodaich a ghoid leat, fuirighidh mise riut cùl an tuim ud shuas, agus treoruichidh mi dhachaidh thu.”
Cha robh tuille ri ràdh. Ann an tiota beag thainig a’ chaileag le ’cuid-aodaich; agus ghabh i ’n rathad maille s’ air bhana-cheard, mar a shaoil ise, dh’ionnsuidh dachaidh a màthar.
Mu thuiteam na h-oidhche, ràinig iad coille; agus ghabh iad a stigh do’n choille air céum-rathaid, gus an d’ ràinig iad far an robh buidhionn làidir do chèaird, le’n leanaban, le ’m buìthean beaga iosal agus gealbhain, a’ cur dhiù, le feala-dhà, oraìn, gleadhraich, agus aighear. Thuig a’ chaileag co i bha mallle rithu, agus co iad a’ chuideachd a choinnich i. Chuir i roimhpe gun choltas sgàth sam bith a bhi oirre, agus fuireach gu sàmhach maille riu gu latha.
Chuir iad a laidhe i maille ri leth-dusan de phàisdean beaga fo sgàil craoibhe, agus seorsa do phlaide thairis orra. Cha ruigear a leas a ràdh nach d’fhuair i moran cadail—cha do dhùin i a suil.
Sa’ mhaduinn, bha camp nan ceard air bonn. Thog iad orra—na mnathan, ’s na pàisdean, ’s na h-adhaircean, ’s na builg, air na h-asail—cuid a’ coiseachd—agus an Ceard Ruadh a’ seinn na pioba, air an rathad chum Dunchaillionn.
Ghabh Grace Scott aithreachas gu’n do bhrist i a muinntearras; chuir i roimhpe pilleadh agus maitheanas iarraidh air an tuathanach, agus a h-àm a ruith mar a gheall i. Ach ciamar a bha so r’a dheanamh? Bha i ’trusadh bhlàithean boidheach taobh an rathaid-mhoir, a’ fuireach do ghnàth air deireadh, gus an robh na ceaird as an t-sealladh; agus an sin thar i as air a h-ais chum an ait as an d’fhalbh i. Dh’innis i mar thachair—fhuair i maitheanas—sheas i a muinntearras—rinn i mach a h-ùine; ach air an Fheill-Màrtuinn, ghabh i a tuarasdal, cheangail i gu gramail e ann an cuid d’a h-aodach, thog i na bh’aice air a druim, agus ghabh i an rathad dachaidh gu tigh a màthar. Ghabh i a cead de Logie Almond, agus thug i Dunchaillionn oirre, far an robh dùil aice bhi mun tuiteadh an oidhche. Choisich i gu cridheil sunndach air a h-aghart, gus an d’ràìnig i monadh air an robh aice ri dol thairis; agus dh’fheuch i seorsa ath-ghoirid a ghabhail, air nach robh i ro eolach. Bha féill an latha sin ann an Dunchaillionn; agus bha i anabarrach deonach air a ruigheachd, agus a càirdean a choinneachadh ann, mu ’m fagadh iad am baile. Ach chaidh Gursal truagh air seacharan—chaill i an rathad—cha robh fios aice c’àit an robh i. Thàinig an oidhche. Chual’ i tailmrich chas, agus mar gum biodh daoine ’seanachas dlùth dhi. Thàinig iad far an robh i, agus dh’aithnich i co iad—ceard agus bana-cheard do’n cheart chuideachd leis an robh i ’n uair a theich i o thigh an tuathanaich! Bha i nis fo eagal mor, air a h-oillteachadh, agus gun fhios ciod a dheanadh i. “Na chaill thu ’n rathad?” arsa’n ceard. “Chaill,” ars’ ise. “Ca bheil thu dol?” “Tha mi,” deir ise, “ ’dol dachaldh do Dhunchaillionn.’ “Bha thu ’gad chosnadh,” arsa ’n ceard; “a mach air a’ mhionaid do thuarasdal, agus thoir dhomh e!” Cha robh comas air, thug i dhà na h-uile peighinn a bha aice air aghaidh an t-saoghail; agus an déigh dha so fhaotainn, cha’n innseadh e dhi c’àit an robh ì no ciod an rathad bu choir dhi a ghabhail. Ghabh i air a h-aghart; agus mu dheireadh chunnaic i seorsa do sheann tigh briste, gun tuthadh gun sioman, roimhpe. Chaidh i ’stigh chum fasgadh a ghabhail ann gu maduinn. Mhothuich i clùdan, agus nithe eile a dh’innis di gum bu chleachdadh leis na ceaird cuid d’an ùine ’chur seachad san t-seann làraich so. Bha i air a claoidh le sgios—luidh i sios air an ùrlar, agus clach fo ’ceann. Cha robh i ’n sin fada gus an cual i fuaim ni-eiginn a dlùthachadh. Dh’oilltich i—ruith i suas gu ceann ard an tighe. Thuig i gur seana mhuilionn dubh Gàidhealach a bh’ann. Bha cuid do’n t-sean acfhuinn fhathast san àite—bha’n treabhailt fhathast ’na seasamh. Streap i stigh ann, agus dh’fhalaich i i féin am measg càth agus sadaich. Cha luaithe rinn i so na thainig an ceard a thug uaipe an tuarasdal, agus bana-cheard, a stigh. Thoisich an ceard air innseadh mar a thachair dha air a’ mhargadh—mar a ghoid e ’n t-suim so bho mharsant ann an Dunchaillionn, agus an t-suim ud eile bho thuathanach, “agus so,” ars’ esan, “na thug mi o’n chaileig oig.” Thoisich iad ri mionnachadh, ’s ri mallachadh, ’s ri comhstri. Dh’ fheuch Gursal sealladh fhaotainn orra, agus air a tuarasdal beag féin; ach anns an deuchainn so chuir an treabhailt car dhi, agus thuit an t-seann acfhuinn le stroighlich mhor! Theich na ceaird; gabh iad as, a’ fàgail na bh’aca air an ùrlar. Dh’eirich a chaileag, thug i leatha na dh’fhàg iad air an ùlar—a cuid féin, agus na ghoid iad o fheadhain eile; agus, roimh mheadhon an ath-latha, ràinig i gu tèarunnte tigh a màthar.
[Vol . 4. No. 5. p. 7]
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.
Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.
S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.
CLOIMH.
DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH.
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
DR. T. C. MACLEOID
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
I.O. G.T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I.O. G.T. , ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
Agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. NicFhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais,Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, —C. B
[Vol . 4. No. 5. p. 8]
An Duilleag.
Sgaraichte bho’n stoc, a’s reubta
O’n a gheug ri’n robh thu crocht’.
A dhuilleag chrionta, sheargta, bhronach,
C’àit am bi do chomhnuidh ’nochd?
FREAGAIRT.
Thùirling dealanach nan speuran,
Reub e leis na geugan àrd:
Sgealb e ’n darag as a chéile—
Sgap e ’ceutachd air a’ bhlàr.
Shéid an doinionn as an fhàsach,
Bhrùchd i làidir bhàrr nan cnoc;
Thaosg i ’m fad air uchd an t-sléibhne,
’N duille, ’gheug, an fhreumh, ’s an stoc.
’S cianail sgith, gun sith gun solas,
M’ ioman bhronach-sa gun fhois;
Tha gach osag ’ga mo threorach
Mar is deoin leath’, thall ’s a bhos.
Tha mo thurus dians’ a’ sior-ruith
’Steach do thir na di-chuimhn’ bhuan;
Tuitidh ’n duine, ’s seargaidh as
An ros a’s boidhich’ ’s as dreachmhor snuadh.
Oighean ait is àillidh snuadh,
No deanaibh uaill à geal ’us dearg;
B’àluinn mis’ measg dhuilleach uaine—
’Nochd, mo thauaighe! ’measg nam marbh.
’Chlann an anbharra ’s na morchuis,
’Cuim an dean sibh bosd dhe ’r cuid:
’Si ’n osag ’s àirde thogas suas mi,
’Bheir a nuas mi anns an dus.
’Fhearaibh og, làn treoir is slàinte
Dochas ard ’us càileachd bhrais;
’S tric bha latha grianach meailt’ ’s tha
’M fhoghar air a’ ghcamhradh faisg.
’Sheanairean nan ciabha sneachd-gheal,
Beachdaichidh an so le’r sùil;
Tha ’ur foghars’ dol ’na dheann-ruith;
Faicibh geamhradh air a chùl.
Iadsan a Phaigh.
D. C. Mac Neil, Narrows Mhora
D. Mac-a- Phearsain, Narrows Mhora
Micheil Mac Néill, Xmas Island
Alasdair Mac Fhionghain, Xmas Island
Coinneach Mac Amhlaidh, Point Clear
Padruig Dùghlach, Loch Side
Domhnull Mac Ille-Mhaoil, Port Morien
Iain M. Mac Fhearghais, Port Morien
A. I. Mac Fhearghais, Cariboo Marsh
An t-Urr. I. Domhnullach, Strathlorne
Tormaid Mac Leoid, Roseburn , ( $2 .00)
Murcha Mac Gilleain, Valley Mills
Iain Mac-a- Phiocair, Catalone
Tormaid D. Mac Neill, Marion Bridge, (50c)
Tearlach Ceanadach, Amhuinn Dhennis
Iain Mac Gilleain, Scotsville
An t-Urr. H. P. Mac-a- Phearsain, Arichat
Eobhan Gillios, Braigh Mhargaree
Iain Mac Fhionghain, New Canada
Eobhan Mac Fhionghain, ( $2 .00) New Canada
Eos. D. Sutherlan, Soldiers Cove, ( $2 .00)
Curstidh A. Dhomhnullach, Leitches Creek
R. H. MacFhionghain, Ameguadies Pond
Seumas Mac Coinnich, Marsh Lake
Mari Nic Gill-fhaollain, Braigh Mhargaree
Murcha Domhnullach, Ceap Nor
Anna Chaimbeul, Ceap Nor.
Niall Mac-a- Phearsain, Sidni
Padruig Moireastan, Sidni
Iain Mac Odrum, Sidni
Tormaid D. Mac Nèill, Sidni
Iain Mac Coinnich, Lunnuinn, (11 air)
Tearlach Mac Aoidh, Lunnuinn (3 air)
Cailean Siosal, Lunnuinn
W. Mac Griogair Stoddart, Lunnuinn
Nic Dhomhnuill na Ceapaich, Lunnuinn
M. M. Bartlett, Lunnuinn
Mrs . Johnstone, Rawenstall,Sasuinn
An t-Oillear A. G. Domhnullach, Truro , N. S
Alasdair an Ridse, Braigh na h-Aimhn Deas
M. J. Mac Neill, Halifax (50c)
D Mac-Ille-ghlais, Am Baile Reultagach
Eachunn Mac Fhionghain, Am Baile Reultagach
Aonghas Mac Aonghais, Georgeville
An t-Urr. A. Mac Gillebhràth, Lismore
M. H. Mac Coinnich, Rose Valley, P. E. I.
Seumas Mac Amhlaidh, Caledonia
D. H. Domhnullach, Welsford , N. B.
Domhnull Mac Leoid, Three Forks, B. C.
Niall I. Mac Cuaig, Laggan , Ont. (50c)
Alasdair Mac Calamain, Priceville , (50c)
Eachunn Mac Fhionghain, Priceville
An t-Urr. Niall Mac Nish, D . D., Cornwall
Uisdean Mac Leoid, Harriston
Padruig Crawford, Oldfield
U. A. Siosal, Knappa , Oregon, $ (2. 00)
I. D. MacPharlain, Knappa , Oregon
A. R. Domhnullach, Albany , N. Y.
Donnacha W. Siosal, Maplewood , N. H.
Iain N. Peutan, Walla Walla, Wash.
Iain G. Mac Eachuinn, Woburn , Mass.
Ailein Mac Asguill, Fourchie , C. B., (25c)
Chaidh tri fichead ’sa còig de dh’eich bheagaSable Islanda reic ann a’ Halifax air an t-seachdain s’a chaidh. Bha iad ’nam beothaichean cho gasda ’sa thugadh bhar an eilein o chionn àireamh bhliadhnaichean, ach a dh’ aindeoin sin bha iad air an reic eadar tri dolair gu leth us deich dolair fhchead am fear. Bha tuilleadh air an reic a’s t-fhoghar. Tha na leumadairean an deigh am fiar a mhilleadh air an eilean am bliadhna, agus tha fiar ri bhi air a chur á Halifax air son na h-eich a bheathachadh ’sa gheamhradh. B’ àbhaist dh’ an gheamhradh cur as do mhoran dhe na beothaichean boidheach so, ach o chionn dha no tri bhliadhnaichean, chuireadh suas àiteachan-fasgaidh dhaibh, ’s cha’n eil ach fior bheagan dhiubh a bàsachadh gach geamhradh.
Aodaichean deante, Adan, Curraichdean, Brògan, Flùr, Min, Ti, Siùcar, agus ioma seòrsa eile aig D. J. Domhnullach, math agus saor. Taghail aige.
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.
title | Issue 5 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 5. %p |
parent text | Volume 4 |