[Vol . 4. No. 50. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 20, 1896. No. 50.
A Eilean a’ Phrionnsa.
Failte ’s furan air MAC-TALLA agus air fior chairid na Gàidhlig a tha ’ga chur thugainn. Is fada bho nach do sgriobh mi gar n-ionnsaidh, agus feudaidh e bhi nach e cion naigheachd no dith cothrom a bha tighinn rium, ach feudidh car ’sa chrannchur an inntinn a chur ann an caochladh suidheachidh; ach bho na chunnic mi ann sa MHAC-TALLA gun robh sùil agaibh ri mheudachadh an ùine ghoirid, bu mhaith leam a bhi taisbeanadh mo thaingealachd leis na beagan fhacal so a sgriobhadh a leigeadh fios dhuibh gu’m bheil mi beò fhathast, agus gu’m bheil MAC-TALLA agam cho ùiseil ’sa bha e riabh. Ach tha dòigh eile air taingealachd a nochdadh a bhiodh ni bu bhunnachdaile, agus ’se sin an dolar a chumail air ghluasad agus an dràst sa rithist ùpag a thoirt dha rathad MHIC-TALLA. Agus b’ fhearr leam gun cluinninn tuilleadh dheth ar deagh chairdean a tha ’ga ghabhail a cumail sin air chuimhne ach gu sònraichte iadsan nach eil ’ga ghabhail ach ’gam bu chòir a bhi ga ghabhail—agus ’s athne dhuinn gu leòr dhiu, a thig ’ga éisdeachd air a leubhadh sa mholas gu maith e, ach an uair a their sibh riutha gu’n bu chòir dhoibh an ainmian a chur gus a ghabhail, O! cha ’n urrainn dhoibh a leughadh, mas fior iad féin; ach cha’n eil an sin ach leisgeul gle leibideach do Ghàidheal aig am bheil tùr sam bith.
Tha mi ’g ionndrain nach eil gin dheth ar càirdean anns an eilean so a sgriobhadh guth idir thugaibh, oir bu mhaith a bhith cluinntin am bheil iad beò. ’S fada bho nach cualas guth bho’n Urramach “C. C. ,” á Strath Alba, ged is gle thuigseach, pongail a sgriobhas e Ghailig. Agus mar an ceudna Murachadh Mac Laomuinn, ach cha dean math a bhi gearan air ar co-sgriobhairan as an Eilean air fad. Tha ’n t-Urramach agus am fior Ghàidheal, A. McL Sinclair—an drasta ’sa rithist a toirt dhuinn sloinnteirachd nam Fineachan Gàidhealach, agus ’sann aige fhein a tha ’n gnothach gu sin a dheanamh. Ach an do dh’ fhairich sibh gu de thainig air “Bodachan a gharaidh;” thug a chuid litrichean togail mhor do m’ inntinn, an uair a chluinninn e bhi cho frogadach ’sa bha riamh. Ged a tha mi a faireachduin rud-eigin dhe na bhodachan a’ tinn orm féin, agus tha mi ’creidsinn gur a mi a’s sinne nam bodacdan còir, nan tachradh e rium ann an àite nach abaìr mi, tha mi creidsinn gu’m biodh crathadh làmh is cridhealas gu leòr againn. Agus a nis bidh mi a gabhail slàn leis agus a guidhe gu’m a fada bhios e comasach air sgriobhadh cho maith agus air ruamhar anns a’ ghàradh. Cha ruig mi leas a bhi ag innseadh ma’n t-side a tha againn air an Eilean so, oir tha mi cinniteach gu’m bheil i coltach ris mar a tha i agaibh féin. Ach co dhiu faodaidh mi a ràdh nach robh side cho tioram riamh an so air chuimhne agus a bha againn fad na curachd, gus o chinn o beagan làitheam, fhuair sinn uisgeachan briagha, agus chuir e choltas fèin air feur us fochann.
Tha mi a’ creidsinn gur coir dhomh a bhi co-dhunadh anis, bho nach eil dad de dh’ùrachadh naigheachd agam. ’Se ’s dòcha mas bhios mi air mo chaomhnadh, agus ’nuair a dh’fhasas MAC TALLA nis motha gu’m bi mi a cur fios air choir-eigin do’r n-ionnsaidh. Aig an àm gheibh sibh dolar am broinn na litreach so còmhla ri ’m bheannachd. Is mi mar bu nòs, ur cairid diieas
SEUMAS A. MACILLIMHAOIL.
Na h-Eileanan Coille, E. P. I., 12 Maigh, 1896.
Aithnichear craobh ni’s fhearr air a toradh na air a duilleach.
Am bodach a bha’n Lathuirne, an uair nach b’aithne dha bruidhinn dh’fhanadh e sàmhach.
Litir a Lunnain.
FHIR-DEASACHAIDH, —Tha drip a gheamhraidh nise seachad an so; tha na comunnan Gaidhealach do’n àbhuist a bhi ’cumail choinneamhan re a gheamhraidh a leigeil an anail. Bha an class Gàidhlig an oil-thigh an Righ gle shoirbheachail am bliadhna agus tha iadsan a tha air a cheann gle thoilichte leis an obair a rinneadh. Mar is athuist dhaibh chriochnaich iad obair na bliadhna le comh-sheirm Gaidhlig air an t-seachdain a chaidh seachad. Bha an talla làn sluaigh agus bha an cruinneachadh air na h-uile dòigh cho tlachdmhor agus cho gasda ’s a dh’iarradh neach fhaicinn. So agaibh.
ORDUGH NA COINNEAMH.
Piobaireachd Na Piobairean.
“Ged tha mi gun chrodh gun aighean” Giorsal Nic Aoidh
“Bruthaichean Ghlinn Braoin” A’ Choisir
“Agus Ho Mhòrag” H. W. Rodda
“Cumha na h-Oighe” F. Mac’illebhuidhe
“C’ait an caidil a ribhinn!” Alastair Hepburn
“Fear a’ bhàta” Bmhr Nicantsaoir
Bheir an Ceann-suidhe Uasal, a nis, seachad na duaisean a bhuanaich an Oigridh le an dichioll agus an gniomh.
“Boch Horinn O” A’ Chuidheahd
TARRUING-ANALACH.
Port air a’ Phiob Domhnull MacAoidh
“An cluinn thu, leannain?” MacIllebhuìdhe
“Mac og an Iarla Ruaidh” Giorsal Nic Aoidh
“Faill-ill-o” Alastair Hepburn
Fidhleireachd Ian Macaphearsoin
“Maili Bheag Og” Giorsal Nic Aoidh, Bmhr Nic’illiosa, H. W. Rodda
“Tha tighinn fodham eiridh” A’ Chuideachd
Tha na h-uile coltas gu’m beil cainnt ar gaoil da rireadh a’ togail a ceann, agus gu’n toir i fhathast buaidh air gach nàmhaid, guineach ’s mar tha iad. Chuir Mr. MacBheathain, an Inbhirnis, Briathradair Gaidhlig a mach o chionn ghoirid, agus a nis tha grammar ùr againn air a sgriobhadh leis an Lighich Mac’Illiosa. Tha an da leabhar so fada air thioseach ann am foghlum air ni sam bith de’n seòrsa a bha againn roimhe, agus bithidh iad gle fheumail do mhaighistearan-sgoile agus do neach sam bith a bhitheas ri teagasg na cainnt.
CABAR FEIDH
23, 5, ’96.
[Vol . 4. No. 50. p. 2]
SEAN-FHOCAIL.
BITHIDH DUIL RI FEAR FEACHD, ACH CHA BHl DUIL RI FEAR LIC.
(Air a leantuinn.)
O chionn beagan bhliadhnachan thug Iompaire na Frainge leis aon mhac—balachan òg, maoth—air ceann an airm, dh’ fheuch an cuidicheadh e spiorad gaisgeil a chuid shaighdearan a neartachadh, ’s an tuil mhillteach bha bagradh an duthaich a sgrios a thionndadh a thaobh; agus, air an fhaiche, an deigh a’ bhlàir, sgriobh e g’a mhnaoi, anns a chainnt spagluinnich a tha ’n Sluagh sin ro thric a’ cleachdadh, gu’n d’fhuair a mac a nis “a bhaisteadh le teine.” Bheir an sgeul bheag a’d chuimhne Oisean ’s’a mhac òg Oscar a’ dol a sheasamh còir Chathlin Chluaidh; agus saoilidh mi gu’n aidichear, ann an cuid de nithean, nach ann na’s fearr a tha ’n Saoghal a’ dol mar tha na linntean a’ ruith.
Tha e fior, ma ta, gu bheil na inntinnean is airde buailteach do bhi rannsachadh nan ceistean cudthromach, dorcha a tha cuairteachadh beatha an duine; agus tha e cho fior gu’n toir an t-saothair car dubhach, smalanach do’n inntinn. Ach ged gheibhear an spiorad dubhach so gu cumanta ’n ar measg-ne; agus ged tha e, air aon taobh co-dhiu, ann an dlù dhaimh ri buaidhean àrd ’s ri inntinn fharsuing, cha’n ’eil mi cho earbsach gu’m feum e bhi ’n comhnuidh fior, far am faighear an dara aon gu’m faighear an t-aon eile. Buinidh smalan, dubhachas, ’s bròn do’n fhaireachduin, na’s mo na do’n tuigse; agus is ann do bhrigh so a tha a gu’m faighear gu tric an aon sluagh comharraichte airson a bhi nochdadh faireachduinean calg-dhireach an aghaidh a’ cheile. Am fear is goirte ghuileas an diugh, is dòcha gur e ’s airde ghàireas am maireach. Tha sunnd ’us mulad, aighear ’us bròn dealaichte gun teagamh; ach is faireachduinean iad uile, agus tha ’n àite fein aca ann an nàdur ioma-chruthach an duine. Tha litreachas ar Sluaigh na’s baigheile ri caoidh na tha i ri gàire, ach dearbhaidh ar caithe-beatha gu bheil an dà chèird air ar laimh gu h-ealanta; agus dearbhaidh ar caithe-beatha ’s ar litreachas gu bheil sinn ’n ar n-iochdarain thoileach do riaghladh na faireachduin. An uair a gheibh thu faireachduin gheur co-cheangailte ri buaidhean inntinn àrd, tha agad an eisempleir is urramaiche air nadur an duine; agus, mar thuirt mi cheana tha smuaintean a leithid so de neach an uair is airde iad, dubhach, trom. Ach tha faireachduin sgarte’ bho chiall neo-chinnteach, buaireasach; mar tha tuigse sgarte’ bho fhaireachduin fuar, gruamach.
Tha mi meas gu bheil cumhachd nach bu chòir aig faireachduin thairis oirnne an Gaidhealtachd na h-Alba; agns gu sonruichte tha mi meas gu’n d’thug sinn ’n ar Bardachd sinn fein suas tuillidh ’s a chòir do bhròn ’s do mhulad. “Is fearr dol do thigh a’ bhròin na do thigh na cuirme,” —fior, ro fhior gun teagamh; ach nach dubhairt a’ cheart Searmonaiche, “Aig gach ni tha tràth, agus àm aig gach rùn fuidh nèamh, àm gu gul, agus àm gu gàire.” Ann an Ur-sgeul a tha gu maith siubhlach air feadh Bhreatuinn o chionn bliadhna no dhà(The Princess of Thule)tha seann Righ Bhorbha a’ labhairt mar so mu ’luchd-duthcha ’s mu ’m Bardachd: “Tha ’n Sluagh an comhnuidh ag amharc ri saoghal cianail a tha rompa, no sealltainn air an ais air saoghal cianail a chaidh seachad. An ainm an Aigh! nach ’eil againn ri sealltainn oirnn fein? Tha ’n là diugh na’s fearr na là a thig no thainig; do bhrigh gur e ’n diugh e, ’s gur leinne e. Agus na cluinneam an corr de orain a bhitheas ri caoidh, ’s ri mulad, ’s ri bron.” Cha bu mhaith leam gu’m biodh uiread meas aig an leughadair air beachdan Righ Bhorbha ’s a tha aig an Righ fein. Saoilidh mi nach mor nach ionann do’n teagasg so agus do theagasg air an robh Saoghal eòlach o chionn iomadh linn. “Itheamaid agus òlamaid, oir am màireach gheibh sinn bàs.” —teagasg, ma dh’ fhaodte, aig a’ bheil tuillidh ’s a’ choir de chumhachd thairis air ar cleachduin, cia air bith cho danarra ’s a sheasas an inntinn a mach ’n a aghaidh. Ach co-dhiu dh’ aontaicheas sinn le cunntas MhicCoinnich mu’n ghalar, no co-dhiu dh’ aidicheas sinn gur leigheas cumhaidh an leigheas a dh’ orduich esan, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil failinn ’n ar litreachas, agus nach e dleasdanas gach aon againn ar dichioll a dheanamh air son an fhaillinn a shlanachadh.
’S e cron ar Bardachd, tha mi meas, gu bheil na h-uiread dh’i beathachadh ar faireachduinean a mhain, agus cho beag dh’i a’ sàsuchadh an reusain. ’S e na faireachduinean is measaile a bhuineas duinn a tha ar n-òrain a’ riarachadh agus uime sin cha leigheas cungaidh Righ Bhorbha—òrain shunndach an àite orain thiamhaidh. Ach cha ’n ann ’n ar n-òrain a mhain a tha ’n galar air sgaoileadh. A chur an ceill ar faireachduinean tha ar focail, ar samhluidhean, doigh-chainnt, ar Sgeulachdan, ’s ar Bardachd fior chumhachdach. Ach a mach o’r Sean-fhocail, agus o Bhardachd Oisean, cha ’n fhaighear a bheag ’n ar litreachas Ghaidhealaich a thoilicheas an reusan, an inntinn, an tuigse. C’arson a bhitheadh a’ chuis mar so? C’arson a chluinneas tu gach oraidiche a labhairt le aon rùn an Gaidhlig ’s le rùn eile ’s a’ Bheurla? Rach do Choinneamh Ghaidhealaich, agus nach fairich thu gur e crioch araid an fhir labhairt, ’s a’ Bheurla, fiosrachadh a thoirt dhuit;— ’s a’ Ghaidhlig, do chur a chaoineadh no ghaireachdaich. “An uair a bha mi a’m’ leanaban,” ars’ an t-Abstol Pòl, “labhair mi mar leanaban, thuig mi mar leanaban, reusonaich mi mar leanaban; ach air fàs domh a’m’ dhuine, chuir mi na nithe leanabaidh air cùl.” ’N ar latha-ne, is duilich gur fior, tha moran de leanabas ri fhaotainn ’n ar meaag. Tha sinn na’s cleachta ri bhi air ar breugadh—focal aig a bheil a naigheachd fein—mar leanabain, na air ar teagasg mar dhaoine. Ciod an leigheas air a’ ghalar so? Their aon de’r Sean-fhocail, “ ’S e geinn dheth féin a sgoilteas an darach;” agus chuala sinn gu leir iomradh air seol leigheis a bha o chionn beagan bhliadhnachan miaghail aig Lighichean—homoeopathy—a bhi togail anns a’ chorp, le cungaidhean freagarrach, faireachduinean de ’n aon ghnè ris a’ ghalar. Cia b’e cho buadh’or ’s a bhiodh na seoltan so air sgoltadh fiodha ’s air slanuchadh a’ chuirp, cha ’n ’eil mi cho earbsach asda airson ar litreachas a leasachadh. Na’m biodh Punch againn ’s a’ Ghaidhlig, sgiursamaid no smàdamaid an eucail a mach as ar measg. Ma ghabhas tu os laimh do choimhearsnach a theagasg, na dearmad fhaireachduim a riarachadh; ach gu’m b’e do rùn a thuigse a shasuchadh. Mur ’eil tuigse ’s seoltachd air a’ stiùir, theid an long, air a feabhas, a mhaslachadh le gaoith ’s le fairge; ach ma tha, ’s aluinn an sealladh a’ faicinn “a’ marcachd ’s an t-sìne” gu uaibhreach. “Is olc do’n luing an uair a dh’ eigheas an stiùireadair;” is seachd miosa dh’i ma tha e aineolach air a shlighe no ’n a chodal.
D. M’K. — ’sa Gaidheal 1875.
[Vol . 4. No. 50. p. 3]
LITIR A CALIFORNIA.
Thàinig an litir so a leanas, bho ghille òg pongail a dh’ fhalbh as à Antigonish do Chalifornia. Sgriobhadh i air a cheithreamh la de cheud mhios an t-samhradh, 1851. Tha moran fiosrachadh innte, agus faodair earbhsa a chur aisde, nach eil focal innte ach an fhirinn. Thainig an litir am Beurla gu bràthair. Cha’n eil i air a tionndadh uile gu Gàilig focal air an fhocal mar tha i ’sa Bheurla, oir, bheireadh i mach moran rum. Tha chuid as mo dhi mar a leanas:—
A BRATHAIR GHAOLAICH, —Ghlac mi ’m peann am laimh an dràsda, gu beagan fhocal a sgriobhadh ugaibh uair eile, gun fhios an d’ fhuair sibh an litir a sgriobh mi ’nuair thainig mi air tir a so; agus tha mi’n dòchas gu faigh an litir so gach aon de m’ chàirdean a mealltain slàinte agus sonais. Tha mi fhéin ann a slàinte an dràsda rud air a bheil mi gle fheumach, an deigh tri miosan a thoirt am luidhe ann an tinheas trom. Ach buidheachas de Dhia, fhuair mi lamh-an-uachdar air cho fad so. Chosg mi chuile sgillinn a bh’ agam ris an t-saoghal, fhad ’sa bha mi ’san tinneas so, agus ceud dollar a bharrachd, a ghabh mi an iasad bho chompanach a bha tighinn còmhla rium air an t-soitheach. Chosg e dhomh eadar an tinneas agus an t-aiseag tighinn a so, sia ceud dollar; umine sin faodaidh sibh fhèin barail a bhi agaibh ciod e California a thoirt a mach, na bhi gu tinn ann. Ged nach deanadh Lighiche ach tighinn a shealltainn duine, cosgaidh e eadar ceithir ’sa còig a phuinnd da, ’s ma riutheas e mach á airgiod, cha toirear sùil tuilleadh air. Chunnaic mise là ann a so, a bheireadh aon sùil bhlàth bho m’ athair, no o’m mhàthair ghaolach, na bho phiuthair no brathair barrachd sòlais is toileachadh dhomh na ged gheibhinn na bheil de dh’ òr an California gu léir. Oh! ’s beag meas a bh’ agam air an dachaidh fhad ’sa bha i agam, ach ’sann a nis a tha mi tuigsinn de cho luachmhor sa tha i. ’S iomadh là tha mi smaoineachadh le mulad, air an àit an do thogadh ’s ’n do dh’ àraicheadh mi na m’ òige, ’s air na càirdean gaolach a dh’fhàg mi ’am dheigh, ’sa tha nisd cho fada bhuam. Ach air a shon sin, tha mi ’n dòchas gu faic mi fhathasd sibh aig an dachaidh; sin ’nuair bhios e àm chomas min-chùnntas a thoirt duibh air an àit uamhasach so, ’s air na bheil a fulang am. Thainig na miltean a so, a dh’fhàg dachaidh shona, dh’fhag an càirdean, a luchd-daimh, ’s a luchd-eòlais, an dùil gu’n tilleadh iad dachadh le fortan thuca. Ach mo thruaighe! bha iad air a mealladh: Cha’n ’eil ri fhaicinn dhiu so an diugh, ach dùin dheth ’n cnàimhean a sid ’sa so, air feadh beanntainean Chalifornia, ’s iad air tiormachadh ’s air gealachadh ris a ghréin, anns a bheil teas anabarrach sa cheann so. Tha na milltean eile ann a bhiodh sona, na’m b’ urrainn doibh tilleadh dhachaidh, ach cha ’n ’eil dòigh no seòl air sin a dhenamh le cion airgiod, na dùil ris. Tha tuille is da-thrian de na bheil an so, nach eil a deanamh ach air lom-éiginn, ga’n cumail fhéin beò, ’s an obair ro chruaidh goirt orra. Tha ’s a meas gu bheil mu dha dhollar ’sa la far a chéile aig na bheil ag obair ’s na mèinnein an dràsda, ’s ged a tha, ’nuair thig a h-uile cosgais as, cha bhi an tuarasdal ach beag. Cosgai spaid £4 , piocaid £2 . 15s, Crow - bar £2 . 10s. seorsa do dh’ amar a bhios aca a glanadh an òir £25 . Cha’n e mhàin gu feum duine na tha so a cheannach mu’n tòisich e, ach ma dh’ fhaoite uair ’sa mhios, chionn cha ghabh rud gleidheadh an so bho na méirlich, ’s iad ro lionmhor ann. Cosgaidh an ceud flùir £6 , am punnd muiceil 2s. 6d. am punnd ime 7s. 6d. am punnd caise 5s. an gallan mollasses 22s. 6d. am punnd buntata 18d. paidhir bhòtuinnean £15 , am punnd tea 20s, agus gach ni eile air réir sin. Cha ’n urrainn dhòmhsa coimeas is fearr a thoirt dh’ an chosnadh a so, na mar gun biodhte tilgeil chrannchuir. Tha corra fhear le tuiteamas, a deanamh storas an ùine ghoirid, ’se sin a tha cur a leithid de dh’ ainn de ’n àit so. ’S aithne dhomh na ceudan, ’tha ag oibreachadh am a so gun lasachadh, o chionn thri bliadhna, ’s nach urrainn fhathasd dol dachaidh, le cion airgiod, agus coltas a bhàis orra, leis an obair chruaidh, ’s an dòigh cho dona.
Bheir mi nisd seachad cùnntas ath-ghearr, air na dh’ fhiuling mi-fhéin gus a so. Thug sinn seachd miosan agus còig latha, on sheòl sinn á Boston, gus an deachaidh sinn air tir am Baille mòr San Francisco. Dh’ fhuadaicheadh sinn gu còrsa Africa, cho dlùth dha ’s gu robh gainmheach Sahara an deigh na siùil fhàgail cho dearg ri teine. B’e an ath chruadal a fhuair sinn, a’ cuairteachadhCape -Horn,nach leig mi as no chuimhne fhad ’s is beò mi. Bha sinn air an luidhe-uige fad shia-là-fichead ann am marbh a gheamhraidh, gus na dh’ fhuadaicheadh sinn gu Lat. 65° (bha sim beul ri 700 mile o’n fhearann.) Faodaidh sibh féin barail a bhi agaibh, de a fhuiling sinn na leithid so do stoirm, le seann soitheach ao-dionach, a bha ’gabhail a stigh, mar a b’ urrainn duinn cumail a mach.
Theid mi nisd air adhart, is innsidh mi a cheud ionnsuidh a thug mi air cosmadh. Tha ’s an toiseach a falbh ceud-gu-leth-mile suas an abhuinn ann am bàta-smùide ’s á sin ri coiseachd ceud eile air tir, gus an ruigear an dùthaich a’s beanntaiche a chunnaic mise riamh, far a bheileas a cladhach airson an òir. ’Nuair bha mi ruighinn an àite so, bha mi ann a làn dòchas, gu’n deanain m’ fhortan an ùine ro ghoird; ach mo chreach! cha robh mi ach da latha ann nuair bhuail tinneas mi. ’Se b’éigin a sin tilleadh air m’ ais, a chuile ceum leam fhein, ro na bha sin do choillidh, agus na plaideachan air mo ghiùlain, ’s mi ann an tuineas trom, agus teas na greie mar an ceudna ga’m chlaoidh. ’Nuair thigeadh an oidhche, cha robh agam ach mi fhéin a leigeil sios air an talamh a meadhon na coille mòire agus plaide a sgaoladh thairis orm, gun fhios de an uair seach a mhionaid, a thigeadh na h-Innseinich fhiadhaich, ’s mo bheatha thoirt dhiom, no thigeadh am mathan na madadh-allaidh, ’s mo thoirt as a cheil nam phaitean. Bha mi anns a staid thruagh so, gus na thill mi a chuile ceum na Bhaile mhòr; thug mi sin tri miosan fo thinneas trom, mar dh’ ainmich mi roimhe, ach taing do Dhia chuir mi nisd seachad e.
Chunnaic mi aon rud, ged nach robh ann ach aisling chadail, a thug mòr shòlas domh: —Mar bha mi aon oidhche am luidhe, aig bun craoibh mhòr dharaich, co chunnaic mi a’ tighinn far an robh mi, ach Fionnghal mo phiuthar (a dh’ fhag a bheatha so,) agus naoidhean òg de leanamh aice. Luidh i fhéin air an dàrna taobh dhiom, is chairich i an leanamh air an taobh eile. Thuirt i riunn ann an briathran a thug mòr mhisneach domh, “na biodh eagal no curam ort, tha mise am a so gus do thearnadh o na h-uile cunnart, ’s cha d’thig beud ruit.” Cha ghabh e deanamh
(Air a leantuinn air Taobh 6.)
[Vol . 4. No. 50. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IUN 20, 1896.
Na Chunna mi ’s ’na Chuala mi.
LE CATO.
(Air a leantuinn.)
Air dhuinn an tigh-sgoile ruigheachd, far an robh choinneamh gu bhi againn, chuireadh fàilte orinn le aireamh de bhuill naLodgea tha ’san àite. Cha robh call ùine ann. Ghabh an t-Urr. Deòrsa Whitley a’ chathair, ghabh gach oigifeach àite fhein, agus chaidh sinn air adhart leis an obair a bha romhainn. B’e mo chuid-sa dhe ’n ghnothuch a bhi cur sios ann an leabhar-cuimhne gearr iomradh air gach ni a rachadh a dheanamh fhad ’sa bhiomaid cruinn. An deigh dhomh dol astar cho fada ann an cairt-rathaid, agus na ròidean gle dhoirbh an siubhal, b’fhearr leam gu mor a bhi ’nam sheasamh na ’nam shuidhe. Air dhuinn fosgladh leis an t-seirbheis chràbhaich àbhaistich, dh’ éisd sinn ri iomradh taitneach air mar a bha’n obair a dol air adhart air feadh na siorrachd. Tha aonalodgedheug anns an t-siorrachd, agus mu chòig ceud ball annta. ’Si “Inuincible,” aig a’ Phlaister, an te as motha dhiubh, Tha 99 dc bhuil innte, ’s o’n chaidh iad cho àrd cha’n eil mi fhéin a tuigsinn carson nach d’ rinn iad an ceud dheth. Tha iad an deigh talla briagha a chur suas. Tha talla ùr aiglodge Nyanzacuideachd. Thagh sinn an t-Urr Mr. Whitley gu aon-ghuthach gu bhi ’na theachdaire dh’ionnsuidh na h-Ard Lodge, a tha gu bhi ann an Truro air an 7mh latha de dh’Iulaidh, ach, tha sinn an dòchas, a bhios ann am Baddeck air an ath bhliadhna. Bu chòir do gachlodgeair an eilean teachdairean a chur ann air son gu faigheamaid a toirt a Cheap Breatunn air an t-samhradh s’a tighinn. Gheibhear falbh us tighinn air aon fharadh. Cha chosg air am doigh sin falbh us tighinn á Sidni ach mu chòig dolair, agus á Orangedale mu thri us cairteal. Tha mi tuigsinn cuideachd nach bi cosguis sam bith air na teachdairean a thaobh bùird; gheobh iad aoidheachd gu saor agus a nasguidh fhad ’sa bhios iad anns a’ bhaile. Ach tha mi dol air seacharan, agus feumaidh mi tilleadh dh’ ionnsuidh na h-Aimhne Tuatha. An deigh dhuinn crioch a chur air gach gnothuch a bh’ againn ri chur air dòigh, agus anlodgea sgaoileadh, thainig na h-ioghnagan a stigh, agus am measg moran de nithean matha eile, bha aca a’ phoit-thi ’s an coire a thog ar cridheachan air an rathad. Bha cho liutha seòrsa de gach biadh a b’ fhearr ’s bu bhlasda na chéile aca ’s gu’n toireadh e an t-acras air duine ’n deigh a dhinnearach, ach cha robh dad de chion càil òirnne a thainig astar fada, agus mu’n do dh’fhalbh an t-acras dhinn dhealaich na truinnsearan ri moran dhe na bha orra. Tha muinntir na h-Aimhne Tuatha agus gu h-àraid na h-igheanan, ri ’m moladh air son cho caoimhneil ’s cho còir ’s cho math ’sa rinn iad beatha na feadhnach a bha ’nan coigrich ’san àite. Tha fhios agam nach b’ ann gun dragh mor no gun chosguis a chaidh aca air cuirm cho grinn a thoirt dhuinn.
(Ri leantuinn.)
Tha arm Bhreatuinn a buadhachadh air sluagh borb Africa, agus a gluasad a deas gu bras. Tha Morair Salisbury ’g radh gu bheil rompa an Soudan a chisneachadh gu buileadh mu’n stad iad, agus gu’m bi Khartoum am baile anns ’n do chaill an Seanalair Gordon a bheatha, fo bhratach na h-Eipheit, agus ’se sin an aon ni ’s e bhi fo bhratach Bhreatunn. Tha an cogadh dol a chosg moran airgeid, agus beatha dhaoine, ach tha e coltach gu feumar a chumail air adhart.
AN T-IARLA AGUS AN T-AMADAN. —Bha amadan latha ’gabhail ceum aithghearr troimh fhearann Iarla, faisg air a chaisteal, ’n uair a thachair an duine mor fhéin air. “Till! till!” ars esan ris an amadan, “cha’n e sin an rathad.” “A bheil fhios agad càite bheil mi dol?” ars an t-amadan. “Cha’n eil,” arsa ’n t-Iarla. “ ’S ciamar,” air an t-amadan, a tha fhios agad nach e so mo rathad?”
STOR UR TAILLEARACHD.
ri bhi air a
fogsladh air an 10 la, ann an
STORW . E. PETERS.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MAC COINNICH & CO.
Sidni, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
[Vol . 4. No. 50. p. 5]
NAIDHEACHDAN
Bha a’ chùirt mhor ’na suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so. ’Se ’m Breitheamh Ritche bu cheann oirre air an turus so.
Thatar a’ cur eich á Eilean a Phrionnsa dha na h-Innsean an Iar air an t-samhradh so, agus thatar a faighinn eadar ceud ’s da fhichead us ceud us ceithir fichead dolair an ceann orra.
Chaidh seòladair a bha air bòrd soitheach á Norway a mharbhadh faisg air Parrsboro, N. S., Di-mairt s’a chaidh. Bha e ’g obair air cur a mach ballaisd as an t-soitheach, agus thuit clach air ’ga bhualadh ’sa cheann, agus ’ga mharbhadh air ball.
Tha an t-Urr. Calum Caimbeul, ministear Strath-Alba, an dràsda air chuairt ghoirid ann an Ceap Breatunn. Chaidh e deireadh na seachdain s’a chaidh dh’ ionnsuidh a Chladaich a Tuath, a dh’ amharc a chàirdean, agus tha dùil aige taghal ann an Sidni deireadh na seachdain so. Tha MAC-TALLA an dòchas gu’n còrd a thurus gu math ’s gu ro-mhath ris.
Chaidh duine stigh do dh’ oifis bancair ann am baile New York an la roimhe, agus loisg e da urchair air, agus an sin loisg e air fhéin. Tea am bancair, do’n ainm Deòrsa Wykoff, gle iseal; cha’n eil fhios co dhiu thig no nach tig e uaithe. Tha am fear a loisg na h-urchraichean e fhéin coltach ris a bhàs. Thatar ag radh gu’n do dh’ iarr e air Wykoff suim airgeid a thoirt dha, agus ’nuair a dhiùlt e gu’n do loisg e air. ’S iomadh olc a tha sannt an airgeid ag aobharrachadh.
Chaidh fear Gilbert Thibedault a bhàthadh ann am Miminegach, E. P. I., Di-domhnaich s’a chaidh. Bha e-fhéin us fear eile a tigh’n dhachaidh as an aifhrinn ann am bàt-iasgaich, bhuail am bàta banca gainmhich aig beul na h-acarsaid agus chaidh e thairis. Fhuaireadh am fear a bha còmhla ri Thibedault a shábhaladh, ach chaidh e-fhéin a bhàthadh mu’n d’ fhuaireas far an robh e. Fhuaireadh a chorp an deigh dha bhi ’san uisge sia uairean. Dh’ fhàg e bean agus teaghlach mor de chloinn.
Tha sinn duilich gu bheil againn air an t-seachdain so ri innse sgeula-bais aon de ar fior chàirdean, Iain D. Mac Leoid, a’ Valleyfield, an Eilean a’ Prìonnsa. Bha Mr. Mac Leòid fad àireamh bhliadhnaichean a’ cumail sgoile, agus an deigh dha ’n obair sin a leigeal dheth, shuidhich e ann a Valleyfield, far an robh e ’na mharsanta ’s na Phost-mhaighstir gu àm a bhàis. Bha eòlas farsuing aige, agus bha e anabarrach measail aig gach aon de ’chairdean ’s de ’luchd-eòlais. Bha e a’ leughadh moran agus mar sin bha e ’na dhuine gle fhiosrach. Bha e ’na sgriobhaiche pongail, agus chuir e litir us sgeul uair us uair gu MAC-TALLA. Chaochail e air an darra latha deug dhe’n Mhàigh, aig aois da fhichead bliadhna. Dh’ fhàg e bantrach, agus a mhàthair féin, gu bhi caoidh a bhàis. Tha cuid dhe ’chàirdean a comhnuidh ann an Ceap Breatunn.
Leis cho stoirmeil ’sa bha ’n t-sìde o’n thainig an samhradh, ’s nach d’ fhuaireas a bheag de na giomaich a ghlacadh, thatar a dol a thoirt cead do na h-iasgairean leanail air an glacadh coig latha deug na’s fhaide na b’ àbhaist bliadhnaichean eile. ’S àbhuist stad a chur air an iasgach air a chòigeamh latha deug de dh’ Iulaidh, ach am bliadhna cha chuirear stad air gus an deicheamh latha fichead.
Chaidh latha ’n Ainmeachaidh seachad gu sitheil; cha chuala sinn gu robh a bheag a dh’ iorghail ann an àite sam bith, agus ’s ann mar sin fhéin bu chòir a bhi. Da fhichead bliadhna roimhe so, bhiodh aìmhreitean eagallach ann an àiteachean an co-cheangal ri taghadh luchd-parlamaid, ach dh’ fhalbh na làithean sin, agus cha’n eil dùil ri iad a thilleadh, ’s cha mho na sin a tha iarraidh air. Tha daoine a’ fòghlum gu’n gabh gnothuichean na dùthcha cur air dòigh gun aimhreit no sabaid sam bith a bhi timchioll orra.
Tha aig na Stàitean ri Ceann-suidhe thaghadh air an bhoghar s’a tighinn, agus tha ’n da phàirlidh, ag ullachadh air son na strith. Tha gle choltach gu’n ainmich naRepublicansMcKinley, agus thatar ag radh gu’m faod naDemocratsCleveland ainmeachadh. Cha robh ’n aon cheann-suidhe air na Stàitean riamh na b’ fhaide na ochd bliadhna ’se sin da therm ach cha’n eil lagh na dùthcha ag radh nach faodar duine chur a stigh an treas uair ma ’s e sin toil an t-sluaigh. Tha Cleveland a mise stigh ochd bliadhna, ach ’si barail moran gu’m feuchar ri chur a stigh fad cheithir bliadhn’ eils.
Thug fear do’n ainm Iain White, ionnsuidh air tigh’n ri bheatha fhéin ann a’ Halifax, air an t-seachdain s’a chaidh. Rinn e ’n toiseach suas inntinn gur h-e e-fhéin a bhàthadh a dheanadh e, ach ’s air eagal ’s nach fhaighte a chorp, leig e sin as a cheann, ’s bha e dol a ghearradh a sgòrnain. Cheannaich e ràsar ùr, agus gheuraich e e, ach an deigh sin dh’ atharraich e ’inntinn a rithist, agus ’sann a bha e ’dol a chur as da fáin le leum bhar bàarr portatelegraph. Dhirich e fear dhiubh, agus leum e nuas, ach cha deachaidh a mharbhadh idir, ’s tha choltas air gu’n tig e uaithe. Thatar ag radh gu bheil a bhean a fuireach ann an Ceap Breatunn.
BAIS.
Ann am Boston, air an 30mh latha dhe’n Mhaigh, Caiptean Seumas C. Mac-an-Tòisich, mac do Chalum Mac-an-Tòisich, am Malagawatch, 31 bliadhna dh’ aois, a’ fàgail bantrach us paisde, pàrantan ’s braithrean us peathraichean, a chaoidh a bhàis.
Ann am Malagawatch, air an 7mh latha dhe’n mhios, bean Lachuinn Mhic Fhionghain, 74 bliadhna dh’ aois. Bu phiuthar i do’n Urr. Lachuinn Domhnullach, an Earlton, N. S., agus màthair Dhomhnuill L. Mhic Fhionghain ’sa bhaile so.
Aig an Allt Dhubh, am Mira, air an treas latha dhe’n mhios, Fionnghal bantrach Iain ’Ic Aonghais, nach maireann, 71 bliadhna dh’ aois, a’ fagail sianar chloinne.
IUN, 1896.
1 Di-luain. Blar Dhrum clog 1679.
2 Di-màirt. (3) Breith T. àig ’Ic Leòid, ’12
3 Di-ciaduin. Bàs Dhùghaill Buchanain 1768
4 Dior-daoin. (3) An Cairteal mu dheireadh 3.49, mad.
5 Di-haoine
6 Di-sathairne. (7) Bàs Raibeart Brus, 1329.
7 DI-DONAICH. I. Di-donaich na Trianaid.
8 Di-luain. Eaglais na h-Alba, 1696.
9 Di-màirt. An Fheill Chaluim.
10 Di-ciaduin. Blar Ghlinn-seile.
11 Dior-daoin. An Solus Ur, 4.29. mad.
12 Di-haoine. Bas Righ Seumas III. 1488.
13 Di-sathairne
14 DI-DONAICH. II. Di-donaich na Trianaid.
15 Di-luain. Breith Dhomhnuill ’IcCoinich 1783
16 Di-màirt
17 Di-ciaduin. Blar Raon-Ruairidh, 1689.
18 Dior-daoin. Blar Waterloo, 1815.
19 Di-haoine. (18) A cheud Chairteal, 7.27, mad.
20 Di-sathairne. An fheill Fhaolain.
21 DI-DONAICH. III. Di-donaich na Trianaid.
22 Di-luain. (21) La a’s fhaide ’sa bhliadhna.
23 Di-màirt. Bas Mhorair Chaimbeil, 1861.
24 Di-ciaduin. An fheill Eathain.
25 Dior-daoin. Blar Allt a’ Bhonnaich, 1314.
26 Di-haoine. (25) An Solus lán, 2.41. mad.
27 Di-sathairne. Murt Chawnpore, 1857.
28 DI-DONAICH. IV Di-donaich na Trianaid.
29 Di-luain. Féill Pheadair us Phoil.
30 Di-màirt. Bàs Marcuis Earaghaidheal, 1685.
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhiorionach tha sinn a creic air $3 .25
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. MAC COINNICH & CO.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s còir dha toghal air
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96
[Vol . 4. No. 50. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 3.)
’s cha ’n urrainn e dol sios am briathran, na thug so de shòlas dòmhsa, ’nuair chunnaic mi i; ’se cheud ni rinn mi ’nuair dhuisg mi, feuch a faicinn i fhein ’s a h-aingil geal; ach cha ’n fhaca, ’s cha ’n fhaic, gus a faic mi, tha mi an dòchas, am Flathnas i.
An deigh dol am feothas, thug mi ionnsuidh eile air meinn a tha deas air an àite an robh mi roimhe, a tha da cheud as còig-mile-fichead o’n bhaile-mhor, far a bheil mì an dràsda ris an obair a’s cruaidhe ris ’n do theann duine riamh, le fior dhroch dhòigh. An deigh an latha oibreachadh gu goirt, cha ’n ’eil aig duine an so ach e fhéin a leigeil na shineadh air an talamh lom, gun ni ach fileadh tana de chotan thairis air, gus a dhion o uisge an athair. Tha na madaidhean-allaidh cho lionmhor, ’s nach leig iad le’n donnalaich, prioba caduil lium. Feumair teinntein mora chumail suas re na h-òidhche, gus am cumail air falbh, air neo bheir iad sgrios oirnn.
Thug mi tri miosan a cladhach an so gu goirt, ’s cha do choisinn mi ni san ùine sin, ach còig-dolair-dheug-air-fhichead. Dh’ amais mi o chionn ghoirid, air àite ’san dean mi mu cheud dollar ’sa mhios; ma leanas sin, ’s gun cum Dia mo shlàinte rium, tha mi an dochas gu’n dean mi feum fhathasd.
Tha giulain an t-sluigh aon a so ’g am oillteachadh. Cha ’n eil seorsa droch-bheairt nach eil a’ dol air adhart ann, air chor ’s gu faod mi radh, ma tha ifrinn air talamh, ’s ann a so a tha i. Cha ’n ioghnadh sin, ’s gu bheil na h-uile seorsa sluaigh ann, as gach cearn de’n t-saoghal. ’Se Di-domhnuich an aon la’ gu gabhail a chuthaich. Tha seorsa de chluich aca ris an abair iadBull fighting,a thug na Mexicanaich do’n àite. Tha pàirt de luchd an airgid, a chuireas eadar a tri ’sa ceithir de mhiltean dolar air aona cheann bùird, mar gheall ’sa chluich so, gus na mèinneadairean a mhealladh. ’S iomadh aon a chunnaic mi a call an cuid de’ n t-saoghal air an dòigh so. Chunnaic mi a bhi bristeadh còig sa sia a Bhancaichean aon latha leis a chluich so. Mar an ceudna, tha ’s a dòrtadh moran faladh timchioll orra. A chaoidh, cha leig mi air di-chuimhne, an sealladh deisneach a fhuair mi air mo cho-chreutairean ann a so. Chite cuid dhiu an sid ’sa so ’nan sineadh ’san sgòrnain air an gearrradh, chite cuid eile, ’s an coluinnean mar chriathar tholl leis na peileirean, chite thall sa bhos iad, ’s am mionnrch air an leigeil ma’n casan le ruinn nan sgeanan. Cha ’n ’eil e na rud ainmig a leithid so do sealladh fhaicinn an so; g’un dol ni ’s fhaid n’an de fhéin, chunnaic mi a bhi sàthadh cuirce tri uairean ann an duine, gus na thuit e marbh air a’ spot. An là roimhe sin, chunnaic mi bhi a losgadh air fear, gun tuille reusain, ach e radh ris an fhear eile gun robh e breugach. Chuairtich na méinneadairean an sin am fear a loisg an urchair, agus chuir iad duala do ròpa m’a amhuich ’s chrochach ’sa spot e, is bha a marbh roi’n fhear troi’n chuir e am peileir. Bha nise mi fhéin da uair an cònnspaid de’n t-seòrsa so, gu ceartas a dheanamh ’san àite an robh sinn a cladhach, far an robh na peileirean a feadairsaich gu dlù seachad air mo cheann, ach buidheachas do Dhia thearuin mi. Anns a cheud àite, chaidh ceathrar a mharbhadh sa spot, agus mòran a leòn. Anns an ath aite, chaidh triùir a mharbhadh, is tuilleadh a leòn. Tha ’n sluagh ann a so, a’ dol am miosad a chuile latha, chionn ’s gu bheil an t-òr a dol na ’s goinne. Cha ’n ’eil e sàbhailt do dhuine gluasad ma tha bheag sam bith do dh’òr air a shiubhal. Cha ’n eile caraid aig duine is fearr na dag a chumail daonnan làn air a shiùbhal, agus beigleid air a chris.
Cha lean mise ni’s fhaide an casgradh sgreataidh so; lionadh e leabhar ma ’n d’ thugainn min-chùnntas air an dol-a- mach eagallach a th ’ann a so. Ach ma tha e’n dan domhsa dol dachaidh, innsidh mi iomadh sgeula gabhaidh, air pairt deth na chunnaic mi o’n dh’fhalbh mi. Ged bhithinn an drasda, na’m suidh ri’r taobh mar tha mi so; cha’n aithneadh sibh gu fac sibh riamh mi. Tha m’ fheusag cho fad, ’s gu faod mi snaim ri putain broilleach mo leineadh. ’S coltaiche sinn uile ann a so risavages ,no daoine feadhaich, na ri creutair air bith eile.
Saoilidh sibh ’nuair leubhas sibh na paipeirean naigheachd, gu’n bu choir do dhuine fhortan a dheanamh an so ùine ghoirid, ach creideadh sibhe focal Brathair, gu bheil an t-am thairis, gu fortan a dheanamh ann a so tuilleadh. Na sealladh sibh thairis air na meinnean, shaoilidh sibh gu’n deachaidh obair fhichead bliadhna a dheanamh ann mar tha. Na bithibh fo mhor churam ma ’m dheighinn, tha mi a’ nisd air mo chruadhachadh ri doighnean an t-saoghail; ’s gu bheil fios agam ciamar a bheir mi, mi fhein tromimh na h-uile cunnart.
Tha mi ann an lan dhochas gu faic mi sibh fhathasd aig air dachaidh, ’s mar faic mi air an t-saoghal so tuille sibh, ’se mo ghuidh is m’ achanaich gu faic mo ann a flathanas sibh. Cha’n abair mi tuille air an am, ach mo bheannachd gu’m chairdean uile air fad.
’S mise da rireamh air brathair gaolach.
EOGHANN DOMHNULLACH.
Cha’n eil fhios aig moran gu bheil Breatuinn gach bliadhna ’paigheadh suim mhor airgeid air son fòd gorm a chumail air uaghaanan an cuid shaighdearan fhuair bàs air sgàth an dhùthcha ann an tirean cèin. Tha £200 air a phàigheadh air son àit-adhlacaidh nan saighdearan a thuit ’sa chogadh Ruiseanach anns a Chrimea, £360 eile air son cladh a tha anns an Tuirc; aig baile na na h-Aithne tha cladh eile air a bheilear a’ cosg £5 , agus mar sin air adhart, ann ann Sina, an Japan, an Siam, ’s na h-Innsean, an Africa ’s an America, a’ cosg do’n Ionmhas air fad mu ochd ceud punnd Sasunnach. Cha’n eil Breatuinn a deanamh diochuimhn’ air na daoine treuna a dh’fhuiling am bàs air a son, ge b’e cearna dhe’n t-saoghal ’san do thuit iad.
FAD SHAOGHAL. —Tha Donnacha Ban ann am fear de ’òrain ag radh “gun e ’n duine diamhain a’s fhaide mhaireas,” ach tha iadsan a rannsaich a’ chùis a mach ’san latha ’n diugh, ag radh nach eil sin ceart, gur ’e ’n duine bhios ri obair chruaidh a’s fhaide bhios beo na esan a bhios ’na thamh. Tha iad mar an ceudna ’g radh gu’m bi iadsan a tha pòsda na’s fhaide beò na bhios iadsan nach eil: gu bheil sluagh callda na’s buaine na sluagh borb fiadhaich; gu mair na daoine mora na’s fhaide na na daoine beaga, agus gu mair iadsan a tha de mheudachd chuimseach na’s fhaide na fear seach fear dhiubh.
Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhe’n t-seòrsa sin a dhith orr taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aige ’s tha iad math.
[Vol . 4. No. 50. p. 7]
TURUS A MHARAICHE.
CAIB. VIII.
Mar so ghabh na maraichean comhairle mhilis le cheile. Rainig iad earrann aithnichte fo’n ainm na “h-Uisgeachan Seimhe.” Bha’n fhairge mar ghloine, gidheadh ghluais an soitheach air aghart. Cha robh neul anns na speuran agus sheinneadh molaidhean an Tighearna bho mhaduinn gu anamach a dh-oidhche. Bha gradh a nis aig Criosduidh agus a theaghlach do’n mhuir leis a ghradh sin tha caitheadh a mach eagal. Chomhairlich Tuigse dhaibh buanachadh ann an caithris agus urnuigh mar gu’ m bitheadh iad ann a stoirm. Sheol iad fad seachduin anns na h-Uisgeachan Seimhe: nochd gach meadhon-latha ni bu lugha, astar gus fadheoidh gu robh choltas gu robh iad tur na’n seasamh: gidheadh bha na maraichean de’n bheachd gu robh gach ni gu maith, —se sin a’ gluasad gu ceart. Fad cuid de laithean cha d’ amhairc Criosduidh anns a chairt ni nò na ghleidh e co-chomun ri Dia niheadh, dh’inntrinn a smuainn na anam nach robh feum aige-san aon chuid air cairt no leabhar na Beatha: ach a nis bha e air tionndadh gu bhi ’na dhuine aig an robh aithne air toil an Tighearna. Thug Tuigse fanear do’n atharrachadh agus thug e rabhadh dha gu robh a facal foillsichte feumal eadhon gu latha deireannach an turuis. Thubhairt Criosduidh “tha chuis direach mar sinn, ach cha’n eil feum aig na h-uile oirre anns’ an aon seadh.” Mar bu shamhaich an fhairge, agus bu bhlàithe an t-aileadh, ’sann bu leisge dh-fhas na maraichean, a smuaineachad gu robh gu leor ann a bhi aoibhneach ann am maitheas an Tighearn, gun bhi shireadh chum seirbhis a dheanadh ann a bhi toirt umhlachd da bhriathran.
Tha moran dhe’n bharail gu’n d’fhuaireadh a phiob mor air tùs am measg nan Gàidheal ann an Alba; ’se mearachd a tha ’n sin. Tha e nis air a dhearbhadh gu soilleir gu robh a phiob ’na h-inneal-ciùil ann ain Babilon, agus anns na h-Innsean, agus gu robh i air a cluich aig seirbhis an teampuill ann air Ierusalem. Chaidh a toirt do na h-Eileanan Breatunnach beagan an deigh tighinn nan Romanach.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
G H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha tha ’nar beachd
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 50. p. 8]
Leis an Lurgainn.
Leis an Lurgainn o hi,
Leis an Lurgainn o hò,
Beul an anmoich o hì,
’S fheudar falbh le ’cuid seòl.
An Cuan Eirinn o hi,
Muir ag éirigh o hò,
’S cha bu lèir dhuinn o hì,
Nì fo ’n ghréin ach na neòil
Saechad Ile o hì
Beul na h-oidhche o hò,
Las sinn coinnlean o hì,
’S chuir sinn combaist air dòigh.
Seachad Aros o hì,
Bha i gàbhaidh o hò,
’N fhairge làidir o hì,
Suas gu barr a’ chroinn-sgòid.
Thuirt an sgiobair o hì,
Ri chuid ghillean o hò,
“Glacaibh misneach o hì;
’S cuiribh riof ’na cuid seòl.
Suas a h-aodach o hì
Ri ’croinn chaola o hò
’Snàmh cho aotrom o hì,
Ris an fhaoilinn air lòn.
Fhuair sinn fosgladh o hì,
M’a ceann toisich o hò,
Fear ’ga taomadh o hì,
’S gillean coltach air bòrd,
Blath Oirdheirc Dhunblain.
(The Flower of Dunblain. )
Chaidh a’ ghrian as an t-sealladh
Thar mullach Beinn-lomuin,
Is dh’fhag i na neoil-dhearg
Gu h-ard as a deigh:
Oidhche shamhraidh ’s mi gluasad
’S an anmoch gu h-uaigneach,
A smaointeach air Seonaid,
Blath oirdheirc Dhunblain.
Ged is ciatach na rosan,
Le ’m badana boidheach,
Ged is cubhrai’ am barrach,
Le ’fhaile cho grinn;
Gur a milse, s gur boiche,
S gur ionmhuinne dhomsa
An oigh mhaiseach Seonaid,
Blàth oirdheirc Dhunblain.
Tha i siobhalta, foinnidh,
Tha i neo-chiontach lionneil;
Tha i dìleas, neo-chealgach,
Gun sgainnil, gun bheum.
B’e ’n daoidhear ro ghòrach
A thruailleadh an òg-bhean,
Ann an ùr-ròs a h-oigheachd,
Blàth oirdheirc Dhunblain.
Seinn thusa, a smeorach,
Do leadan ’s an òg-choill’,
’S mactalla a’ freagairt
O chreagan a’s ghleann;
Ach ’s gràdhaiche boiche,
Mo chaomh chaileag dhomhsa,
An ribhinn gun fhòtus,
Blàth oirdheirc Dhunblain.
Bu neo-eibhneach mo ghluasad
Gus am faca mi ’ghruagach,
Bha aidhear a’ bhaile
Neo-thaitneach dhomh fein;
Cha’n fhaca mi ’n oighe
A dh’iarrainn a phòsadh,
Gus am faca mi Seonaid,
Blath oirdheirc Dhunblain.
Ged bhiodh agam stòras,
Mar righ ann am mòrachd,
’N am measg sud bu bhronach
Mo dhòruinn, ’s mo phein;
’Us mheasainn mar neo-ni
Gach mòrchuis is sonas
Mar faicinn mo Sheonaid,
Blath oirdheirc Dhunblain.
Biodh e reamhar no caol, is mairg nach beathaicheadh laogh dha fhein.
Air grothach na cuthaig.
Aird na dalach is isle, na h-àirde.
Aithne na bliadhna gu léir aig fear na h-aon oidhche.
Aithnichear duine air a chuideachd.
AN CRANN TARA
(Am Fiery Cross. )
PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a’ chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B
title | Issue 50 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 50. %p |
parent text | Volume 4 |