[401]

[Vol . 4. No. 51. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 27, 1896. No. 51.


MEIRLEACH NAM MARAG.

Bha Iain Mac-an-Toisich a fuireach faisg air Bail’ -an-fhuarain air Abhainn Mhoir Phicto. Dhéug e-fein ach tha a bhean aige beo fhathast. ’Tha e fior gu leoir gun dug biast de mheirleach leis na nithean a tha air an ainmeachadh san oran. Bha Aonghus Mac-Aonghuis a fuireach faisg air ait Iain Mhic-an Toisich. Bha e greis mhoir na ghobhainn air luin-gchogaidh. Tha e na dhuine mor sgairteil, agus tha gunnachan is dagachan gu leoir aige. Thug am meirleach an deagh aire nach deach e na charaibh. Bhan t-Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair na mhinistir air an Abhainn Mhoir nuair a ghoideadh na maragan. Dhinnis bean Iain Mhic-an-Toisich dha mar a dheirich dhi. An ceann seachdainn an deidh sin thanig an t-oran air meirleach nam marag am mach ann an Cuil na Gaidhlig am paipeir Phicto. Mar a chithear tha e air a chur am mach ann an ainm na te a chaill na maragan. Ged a dheanadh i maragan matha cha do chuir duine riamh as a leth gur h-i a rinn an t-oran. Tha e lan chinnteach nach robh fios aice gun deach a dheanamh gus am fac i anns a phaipeir e. Rinn an clobhuailtear beagan de mhearachdan. Tha Co am fear aige an aite Co e am fear, ine an ait ime, ri eireag an aite ri eireig, na marsan an aite na measan, le Aonghus an aite gu Aonghus, Co dhiarraidh, an aite Co dhiarradh, do thachadh an aite do thachdadh, an uaignis an ait an uaigneas, bu taiteuch an aite bu taitneach, do ghlaeadh an aite do ghlacadh. A chomhnadh an Asia thuathaich an ait A chomhnuidh an Asia thuathaich, agus do bhrathais an aite do bhrathair. Tha e soilleir gur h-e Siberia a tha air a chiallachadh le Asia thuathach. Gu ma fada beo a bhean chaoimhneil ghasda bhon do ghoideadh na maragan.

IAIN NA CREIGE DUIBHE.


A Columbia Bhreatunnach.

A MHIC-TALLA IONMHUINN: —O chionn beagan bhliadhnaichean, chunnaic mi MAC-TALLA aig caraid ann am baile mor Victoria, aguss e thog mo chridhe an uair a chunnaic mi cànain chaomh mo mhàthar air a sgriobhadh cho fileanta, agus na sgeulachdan air an innse cho blasda. Dhfhàg mi dùthaich màraich, Eilean a Phrionnsa, o chionn còrr us fichead bliadhna. Tha mi smaoineachadh gun toir mi sgeula dhuibh air an dùthaich anns am bheil mi, gus air a mhuinntir a chunnaic mi. ’Si so dùthaich nam beanntan agus an òir. Tha air a bhliadhna so moran obrach a dol air adhart, feuchainn ri òr fhaighinn a grunnd nan aimhnichean le innealan uisge. Tha moran sluaigh a tighn a stigh ach tha dùil agam gu faigh moran dhiubh iomadh sarachadh mus dean iad am fortan.

Thachair mi an so air dithis a mhuinntir Cheap BreatunnAlasdair Mac Isaic o Amhuinn Mhargaree, agus Alasdair D. Mac Fhionghain o Loch Ainslie. Tha Maighstir Mac Fhionghainna mhinisteirsa chearna so. Dhfhàg e mu Bhealltuinn oil-thigh na Bànrinn, an Kingston, an Ontario. Tha e na shearmonaiche comasach, agus bidh e fhathast glé fheumailsa chùbaid. Bidh mi-fhins e-fhein an dràsdsa rithist asiubhal nam beanntan, agus nuair bhios sinn muladach, ’s sinn asmaoineachadh air ar càirdean air taobh thall nam beanntan, bidh sinn aseinn luinneagan a bhios freagarrach air ar cor:—

Mi aig Allt-a- Mhuilinn
Mo lamh fo mcheanns mi ri tuireadh
Cuimhneachadh mar bha min uiridh
S beag mo shubhachas ri gàire.

Se dhfhag mi cho trom fo mhulad,
Bhicuimhneachadh air abhruidhinn,
Dom bu dùchas na glinn chumhang
Fàth mo dhubhachais ur fagàil.

Ged dhfhàg min coimhearsnachd grathuinn,
S an Taobh-tuath chan fhan mi fada;
Tillidh mi air meòlas dhachaidh,
Dhùchaich charrantaich mo chàirdean.’

Is mise ur caraid, an latha chis nach fhaic.

IAIN F. SMITH.
Quesnelle , Cariboo, B. C., 13, 6, ’96.


Bha Eirionnach ann uair a bhiodh a tarruinn uisge gu baile beag á amhuinn a bha mu leth-mhile uaithe. Aon lathas e tarruinn analach aig bruaich na h-aimhne, thainig duine far an robh e a bha fior dheigheil air a bhi cur cheistean, agus ars esan, “Cia lion bliadhna tha thu ris an obair sin?” “Beagan thairis air deich bliadhna,” arsa Pat. “Agus cia lion lòd is àbhaist duit a tharruinn ann an latha?” “Eadar deich us dusan,” arsa Pat. “Ah,” ars an duine, “tha mi mise dol a chur ceist ort. uiread uisgesa tharruinn thu uile gu léir anns an ùine sin.” Bha so asàrachadh Phat, ’s cabhag air. “Tharruinn miars esan, ’s e tomhadh ris an amhuinnah-uile boinne nach eil thu afaicinn ann an sid an dràsda.”

Bha seanair Moraig na sheann duine, ach bha Morag asmaoineachadh gu robh e moran na bu shine na bha e. Aon lathas ega h-altrumas, thuirt i ris, “A sheanair, an robh sibhsesan àirc?” “A chiall, cha robh,” arsaseanair. “Nach robh,” arsa Morag, ’s i fosgladh a sùilean le ioghnadh mòr, “ciamar, mata, nach deachaidhur bàthadh?”

Tha Ruisia an dràsdag obair air rathad iaruinn a chur troimh Siberia dhionnsuidh a Chuain Chiùin. Tha e ri bhi ullamh an ceainn cheithir bliadhna, agus an uair sin theid aig duine air cuairt a chur air an t-saoghal ann an deich latha fichead. Bidh cosguis an turuis eadar da cheud gu leth us ceithir cheud dolair.

An feadh a bhios an fhìrinns an onair aig fear, faodaidh e clach-nhullaich a chabhsair a ghabhail.



[402]

[Vol . 4. No. 51. p. 2]

SEAN-FHOCAIL.

BU DUAL DA SIN.

Am measg nan Sean-fhocail Gaidhealach chaneil teagasg is trice a thair a thoirt far comhair na so, —gu bheil feartanus faillinnean cuirpus inntinn, deas-ghnathanus cleachduinean aruiths an fhuil, air an giulan a nuas o pharantan gu cloinn. Cha lugha na fichead Sean-fhocal a thagainn dan ceud bhrigh an teagasg so; agus tha moran eile a tha dearbhadh air caochladh dhoighean cho diongmhaltas a bha na sean daoine acreidsinn ann. Tha cuid diu ann an cainnt shoilleir ag aithris an teagaisg na lan-fharsuingeachd: “Mac mar an t-athair;” “Dhaithnich mi gur meann a bheireadh aghabhar;” “Cha tig on mhuic ach uircein;” “Cha tig as aphoit ach an toit a bhitheas innte;” “An rud a chinneass achnaimh, cha tig e as an fheoil;” “Cha tig á saoitheach ach an deoch a bhitheas ann;” “Cha dthainig ubh mor riamh on dreathan-donn.” Gheibhear cuid eile, fo chaochladh samhladh, a dearbhadh an teagaisg le bhi comharrachadh a mach rian sonruichte a thair aiseag o pharantan gu cloinn: “Bu dual do laogh an fheidh ruith a bhi aige;” “Bu dual tòchd an imebhi air a bhlathaich; “Ciod a dhiarradh tu air bo, ach gnusd.” Tha cuid atoirt far comhair riaghladh an lagha anns achorp a mhain, “Theid dubhag ri dualchas;” cuids an inntinn a mhain. “Cha tig smuaintean maith á cridhe salach;” cuid araon anns achorps anns an inntinn, “Cha dthainig eun glan riamh á nead a chlamhain;” “An galar abhitheass a mhathair, is gnath leis a bhis an nighinn;” “Is duilich burn glan a thoirt á tobar salach;” agus aon gu sonruichte a thaceangal ar deas-ghnathans air cleachduinean cumanta ris an lagh cheudna, “Theid duthchas an aghaidh nan creag.” Feudar an Radh a ghabh sinn mar steigh a chur air ceann an teagaisg; oir tha e filleadh a stigh ann an ceithir focail bheaga na firinn (mas firinn i) a thair a h-aithris air aon doigh na doigh eile leis na Sean-fhocail a dhainmich mi.

Is gann a chreideas mi gum faighear dream eilebu mo thug an inntinnean suas don bheachd so nan Cinneadh Gaidhealach. Tha, gun teagamh, aon no dhà dar Sean-fhocail ateagasg an atharraich,— “Is minic a bha droch laogh aig deagh mhart,” “Is minic a bha claidheamh maithan droch thruaill,” —ach chaneil iad ach tearc; agus than doigh chainnt leis abheil iad atoiseachadh, “Is minic,” adearbhadh gun robh an Ughdair ag amharc orra mareasbhuidh cumaidh ris an lagh,” agus nach bann mar lagh iad fein. Chaneil neach a leugh a bheag no mhor de Eachdraidhs de Bhardachd nan Gaidheal nach faic an cumhachd a bhaig an teagasg so thairis air inntinnean ar sinn-searan anns gach linn. Chaneil taobh duilleig de Oisein anns nach eil eisempleir ar n-aithrichean air a cur far comhair a chum ar brosnuchadh gu gaisges gu treuntas. Lean na Baird Ghaidhealach an deagh cleachduin so.

Lean-sa cliu na dhaom a chaoidh
Mar daithrichean bi-sa fein,”

arsa Fionnaghal ri Oscar; aguss e so a mhor chuid de theagasg Oisein. “Bi gaisgeil mar bu dual duit;” feudar a radh gur e so ceann-teagaisg nam Bard Gaidhealach, agus nam Bard Gallda a sheinn mu threuntas nan Gaidheals mun dilseachd do na Stiubhartaich. Agus bha gach Ceannard ainmeil Airm bho Ghalgacus gu Morair Chluaidh lan-fhiosrach air abhuaidh a bhaig achreidimh so thairis air na Saighdearan Gaidhealach. Cha mhor de bheachdan ar sinnsearan, ma tha aon idir ann, a ghleidh uiread den cumhachds a rinn am beachd so. Feudar a mhor chuid den spiorad a thaig bun na dilseachds an duinealais a thair a nochdadhn ar Comuinn Ghaidhealachs na bailte mora a lorgachadh gus am beachd cheudna. Chaneil maith na olc a chi sinnn ar coimhearsnaich nacheil sinn ullamh gu sealltuinn air ais, ’s a cheangal ri co-ionann gne a gheibhears nadaoine on dthainig iad.” Ma tha mac do choimhearsnaich deasn a phearsa, ma thanighean maiseach, non t-atharrachma tha iad slan no euslan, buan no diombuan, aoidheil no doicheallach, fialaidh no spiocach, glic no amaideach, fior no breugach, ionraic no bradach; —nacheil thu ullamhro-ullamhgu radh, gun moran feoraich a dheanamh, “Bu dual daibh sin.”

S e mo bheachd gur airidh an teagasg so, a rinn greim cho daingean air inntinnean air n-aithrichean, ’s aig abheil a leithid de bhuaidh thairis ar Creidimhus Cleachduin ar latha fein, a rannsuchadh gu dlu. Abheil an Sean-fhocal fior; agus ma tha, ciod e cho fior? Abheil an lagh a than Sean-fhocal acomharrachadh a mach ariaghladh aChruthachaidh leis fein, non comh-bhoinn ri laghannan eile? Ma tha thaobh air, mar theirear gu tric a thair Bean aBhailes air Rugha Cuain, feuchamaid ri sealltainn air a dha thaobh. Gun teagamh tha Ceistean cudthromach co-cheangailte ris an teagasg. Staid an Duineaites an Domhana dhleasdanais dha fein, da cho-chreutairean, ’s do gach ni cruthaichtea chor mar bhith reusanta le anam neo-bhasmhor; —tha gach ceist dhiu so, ’s iomadh ceist a tha leantainnn an lorg so, an crochadh ri teagasg an t-Sean-fhocail. ’S e air dleasdanas ma ta an Radh so a cheasnachadh; an cnaimh a bhriseadhs an smior a dheothal, oir is eigin gu bheil a bheag no mhor de smior ann.

A reir mar is leir dhuinne, tha tri cumhachdan ann, a tha, le cheile, asonruchadh cor nadurra gach creutair air thalamh; ’s e sin, a Pharantan, an Saoghal, agus E fein. Tha so cho fìor, tha mi meas, mu thimchioll gach ni anns abheil beatha, a reir an gne, ’s a tha e mu thimchioll an duine. Tha ar n-aithrichean, anns na Sean-fhocail, ag aideachadh nan cumhachdan fa leth, mu thimchioll an duine co-dhiu, ach anns an t-Sean-fhocalBu dual da sin,” ’s anns na Sean-fhocail eile a dhainmich mi, ’s e cumhachd nam Parantan a mhain a thair a thoirt far comhair.

Aontaichidh gach neach gu bheil e fior ann an tomhas ro-mhor mu lusans mu gach creuthair cruthaichte a mach odhuine, gu bheil, “Am mac mar an t-athair.” Tha gach Garadairs gach Tuathanach asaoithreachadh anns achreidimh so, agus tha toradh an saothrach adearbhadh firinn an creidimh. Bhiodh e coltach gu leoir gum biodh an lagh ariaghladh na bu teinne thairis air gach creutair mar a bilse a staid anns achruthachadh. Ma tha e fior gur iad na tri cumhachdan a dhainmich mi a tha sonruchadh cor gach ni anns abheil beatha: tha e so-thuigsinn nach ionann neart do gach cumhachd fa leth thairis air cor gach gne chreutair. Mar is isle staid gach creutairs ann is lughas is laige a chomasan; oirs e meudus neart a chomasan a thasonruchadh airde no isle a staid. Chaneil mar so dithis de na cumhachdan a dhainmich mi ag oibreachadh cho tric no cho comasach ann am beatha a



[403]

[Vol . 4. No. 51. p. 3]

chreutairs a tha iad am beatha an duine. Chaneil a chumhachd fein no cumhachd an t-saoghail asonruchadh beatha an ainmhidh is airde staida shonais no thruaighemar tha iad asonruchadh beatha an duine is diblidhn ar measg. Chaneil an Saoghal (agus leis an t-saoghal tha miciallachadh gach ni tha buntainn ris o bhreith gu blàs) acaisleachadh achreutair air cho iomadh doighs a tha ecaisleachadh an duine. Do bhrigh nacheil e fein adol an coinneamh an t-saoghail cho tric no cho dians a than duine, chaneil an saoghalg a choinneachadh air cho liutha bealach. Ann am beatha achreutair an coimeas ri beatha an duine, thachairdeans a naimhdean nas comharraichte, tha iarrtasan nas cinntiche, ’fheuman nas lughaa dh-aon fhocal thainntinn nas cuinge agus mar sin than saoghal agus e fein dhasan nas lughas nas laige. Ach bhiodh e mealltach a radh mun chreutair nach eil cumhachd idir aige feins gu h-araid aig an t-saoghal thairis air a bheatha. Mu na h-ainmhidhean is airde comasan, cha ruigear a leas dearbhadh a thoirt seachad aon chuid air aghleustachd a tha iad acleachdadh a chum sonas a shealbhachadhus truaighe a sheachnadh, no air gach iomadh doigh anns abheil an saoghalna siontancreutairean eilepailteasus gainne lòinasonruchadh an neart, an dreach, ’s an aireamh, anns gach tir. Tha so soilleir do gach neach a sheallas mun cuairt dan a dhuthaich fein, noleughas mu eachdraidh ainmhidhean an duthchannaibh eile. Agus tha na ceart chumhachdan ariaghladh, ’n an staid fein, beatha nan creutairean is diblidhs nan lus. Ma leughas sinn oibre nan daoine a rannsaich gu geur gneus doigh nan luss nan creutairean is isle bith, chi sinn nacheil ni is cinntiche na so, gu bheil anns gach staid na comasan is feumailechum beathachumail suas air an neartachadhs air an aiseagn an neart don t-sliochd. Anns an stri mhoir gu bhi beo, tha e for, air aghlaidh achruthachaidh anns gach ceum, gu bheil dfheum asonruchadh do neart; agus chan en duine a mhain, ach gach bith, a dhfhaodas a radh, “Ciod e nach toir neach air son a bheatha.”

Sguiridh mi gam phianadh, on thug min aire,
Gur en duine diomhain is faidemhaireas,”

arsa Donnachadh Ban. Chaneil do theagasg fior, a Dhonnachaidh. Nan tugadh tun aire na bfhearr, chitheadh tu ann am beatha an duines a chreutair gun teid Neart thar Ceart; ’s gur e lagh nadurra beatha an talmhainn, “Abheist is mo ag itheadh na beist is lughasabheist is lughadeanamh mar a dhfhaodas i.” Than laghAm mac mar an t-athairann am beathachreutair fiora mhain ann an comh-bhoinn ris an lagh so eile; —gu bheil na buaidheans na comasan a tha feumail don chreutair air an tarruing a mach, air an neartachadh, ’s air an aiseag da shliochd, gu bhi rìs air an cothromachadh ri feum na cloinne, ’s gu bhi leis gach atharrachadh a nithear orra air an giulan air an aghaidh o ghinealach gu ginealach re nan linntean.

Ach seallamaid air riaghladh an lagha ann am beatha an duine. Do bhrigh gu bheil iarrtasan an duine nas lionmhoire, ’inntinn das farsuinge, agus gu h-araid a thoil nas neartmhoire, chaneil e cho farasda a dhearbhadh an cuibhrionn da ghne-beatha a than crochadh ri lagh seach lagh; ach air an laimh eile tha fein-fhaireachduinus fein-fhiosrachadh againn air iarrtasanus smuaintean an duine, tha eachdraidhagainn àir iomadh teaghlach den Chinne-daonna an iomadh linn, ’s air aon teaghlach an iomadh aite; agus tha so atoirt cuideachadh mor dhuinn gu bhifuasgladh na ceist, —ciod e cho fiors a than Sean-fhocal am beatha an duine? A thuilleadh air so cha mhor aitean anns abheil e cho farasda eisempleir fhaotainn air oibreachadh an lagha ris an rioghachd so. ’S gann a gheibhear ann an eachdraidh, tha mi meas, shluagh cho fada an taice a cheile ri Gaidheils Goill Albainn a ghleidh cho dealaichte an aghaidh gach cothroms gach aobhar gu aonadh. Tha mile bliadhnaus corr on a thuinich Goill an Albainn; tha os cionn ceud bliadhna on a tha sith choimhlionta eadar an da shluagh: than rioghachd fon aon lagh, den aon aidmheil; tha moran de fhearann na Gaidhealtachd an lamhan Ghall: ’s e canain nan Gall a thair a labhairt anns gach bailes aig gach feill; ach an deigh so uile than Gaidheal an diughn a dhreach, ’na dhoigh, ’na chleachduin, ’n a chanain, ’n a iarrtasan, agus eadhonn a bheachdan dlu air bhi cho comharraichte on Ghalls a bha e an uair a chuir a cheud Sasunnach a chas air Albainn. Gun teagamh thainig iomadh atharrach air an da shluagh on am sin; ach tha en a aobhar iongantais ann an duthaich cho beag nach do shluig an Gaidheal suas an Gall re na h-aimsir a bhan lamh-an-uachdar aige; agus gu sonruichte tha en a aobhar iongantais nach robh an Gaidheal air a shlugadh suas leis aGhall o chionn iomadh bliadhna. Feumaidh e bhi gu bheil an dealachadh eadar an da shluagh domhain agus farsuing, an uair, a dhaindeoin gach aobhar gu aonadh, a dh fhan iad cho fada sgarte o cheile. Tha aobhar an dealachaidh, tha mi meas, ri fhaotainn air tuss an stoc, ’s a ghne, nos an fhuil, mar their sinn; ged tha gun teagamh eachdraidhs beul-aithris an da shluaigh aneartachadh aphriomh-aobhair so.

Tha e cleachdtebhi roinn aChinne-daonnan an tri teaghlaichean, —Geal, Dubh, ’us Ruadh. Tha sinn acreidsinn, leis an Abstol Pòl, gur ann den aon fhuil an triuir; ged tha iadn an dreachsn an doigh cho dealaichte o cheiles ged a bhiodh triuir chàraid ann o thus. Bhan dealachadh so riamh on a tha eachdraidh againn orra a reir coslais cho comharraichtes a tha e nis. Ge be air bith mar dheirich no mar thoisich e, tha e dhuinnen a dhealachadhs an fhuil, cho dearbhta ris an dealachadh eadar cu-chaorachs cu-feidh.

Agrs ma thionndaidheas sinn gus an teaghlach Gheal (on is ann air is eolaiche sinn) chi cinn gu bheil esgaoileadh a machn a Chinnich a tha o thus ar n-eolais aithnichte le comharan soilleir araon an corps an inntinn o chàch a cheile. Tha daoine foghluimte ag innseadh dhuinn gum be dachaidh an stuic Gheal taobh an Iar Asia; gun robh a niss a ris imrich mhorg a deanamh on t-sean dachaidh do chearnaibh eile; gun deachaidh a cheud sgaoth an Ear far am faighear anns na h-Innsibh iad feins an Sean Chanaib(Sanscrit)gus an la diugh; gun do ghabh an ath sgaoth (na Gaidheil) an Iar roimh Asias roimh thaobh deas na h-Eorpa; gun do lean car dlu air sáil nan Gaidheals agleidheadh an aon rathaid na Greugaichs

(Air a leantuinn air Taobh 6.)


Am bùrn a bhioss abhràighe, bidh pairt dhethsan inbhar.

Aithnichidh an cat an uair a gheibh bean an taighe gràs.



[404]

[Vol . 4. No. 51. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IUN 27, 1896.

Tha a Phàrlamaid ùr a nis air a taghadh, agus tha an taobh as treise aig naLiberals. Chan urrainnear a radh le cinnt cia lion a thaca bharrachd air aPhàirtidh eile, ach tha an àireamh thairis air deich air fhichead. Thagh na mòr-roinnean fir-pharlamaid mar a leanas,—

MOR-ROINNCONSERVATIVES LIBERALS
Nova Scotia 11 9
New Brunswick8 6
Eilean P. I. 3 2
Cuibeic 16 49
Ontario 39 45
Manitoba 4 2
British Columbia4 2

A bharrachd orra so, tha sianar air an taghadh nach eil air taobh. Faodaidh e bhith nach eil cuid de na h-àireamhan ceart, ach tha iad cho faisg airsas urrainn dhuinn a dhol aig an àm so. Tha a phàrlamaid ri bhi cruinn air an 16 latha de Iulaidh. Tha naLiberalsair an cur a stigh a nisen deigh dhaibh a bhi mach fad ochd bliadhndeug.


Tha na fiosan mu dheireadh a thainig a Ruisia ag innse gu robh mu dha mhiles coig ceud air am marbhadh air còmhnard Chodynsky, aig am crùnaidh an t-Sair. Dhòrduich an Sar gum biodh a chùis air arannsachadh gus am faighte mach co aige bha choire, ach air dha thuigsinn gum biodh aireamh dhe na h-ard-uaislean air am faotainn coireach, chuir e stad air an rannsachadh. Tha lagh agus ceartas Ruisia gu h-iomlan an laimh an t-Sair.


Na Chunna misna Chuala mi.

LE CATO.

(Air a leantuinn.)

Am measg gach ni a chunnasa chuala mi cha robh aon ni a bfhearr a chòrd rium na bhi cluinntinn na Gàilig, gu h-àraid am measg na h-òigridh. ’N uair a bhios duine air falbh o dhachaidh féinsa chluinneas e fuaim binn na Gailìg, ’s ann a shaoileas e gum bu chòir dha a mhathair sa dhlùth chàirdean fhaicinn; tha leithid a bhuaidh ghràdhach aice thairis air inntinn duìne. Tha ena ni muladach gu bheil e fior mu iomadh aon gu bheil nàire orra air son an cuid Gáilig, agus gum bi iad air uaireanga h-àicheadh. Their cuid gur ann on bhòsd a tha so atighinn, achse mo bharail fhéin gu bheil am bòsdna ainm tuilleadh us uasal do chion-an-tuir. Ach chan eil math a bhi bruidhinn riutha, mur dean thu orra mar a rinn an t-Eirionnach air na cuileanan. Fhuair e aon latha tri no ceithir de chuileanan òga anns an t-sabhal. Air dha beachdachadh orra, fhuair e gu robh iad gun sùilean, aguss ann a shaoil leis gum bu chreutairean mi-nàdurra a bhannta, ’s chuir e as daibh ri ceann an t-sabhail. An lar na mhàireach, bha e dol seachads chunnaic e gu robh an sùilean fosgailte. “Na creutairean bochd,” ars esan, “bfheudar an eanchainn a chur asda air son sùilean a thoirt dhaibh.” Dhfheumten cleas ceudna dheanamh air Gàidheil Ghallda an lathan diugh mun tigeadh iad gu bhig am faicinn féin mar a tha feadhain eileg am faicinn. Ach is daoine tùrail a tha fuireach aig an Amhuinn a Tuath, agus chan iarrainn dearbhadh a bfhearr air sin na fhaicinn cho dileassa tha iad do chainnt an sinnsir. ’N uair bhios iad a bruidhinn Gàilig, saoilidh tu gur ann air Gàidhealtachd na h-Alba a tha thu, agusnuair a bhios iad a bruidhinn Beurla, saoilidh tu gur ann an Lunnainn no am baile New York a tha thu. Chan eil iad dhen fheadhainn sin a bhios amurt na Gàiligs amarbhadh na Beurla.


Am fear a bhios carrachs abhaile so, bidh e carrachs abhail ud thall.

Am fear a bhios fada gun éirigh, bidh ena leum fad an latha.


STOR UR TAILLEARACHD.
ri bhi air a
fosgladh air an 10 la, ann an
STORW . E. PETERS.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MAC COINNICH & CO.
Sidni, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.



[405]

[Vol . 4. No. 51. p. 5]

NAIDHEACHDAN

Thainig bàs aithghearr air fear Uilleam Watterman faisg air Beinn Stiùbhairt air an 17mh latha dhen mhios. Bha e falbh an rathaid le lòd de chraicinn chaorach, agus thuit eas a charbad fo na cuibhlichean. Bha e marbhnuair a chaidh a thogail. Bàbhaist laigsichean a bhi tighn air o chionn ghoirid, agus thatar adeanamh a mach gum be sin a dhaobharaich a bhàs.

Oidhche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh, bha coinneamh aig naConservativesann an Toronto, agus beagan mus robh i air a fosgladh, thuit Iain Beverly Robinson, a bha àireamh bhliadhnaicheanna Riaghladair air Ontario, marbh. Chaidh a chorp a ghiùlan a mach gun fhios don t-sluagh agus chaidh a choinneamh air adhart mar mach biodh dad cearr. Bha e tri fichead bliadhanasa sia deug a dhaois.

Thachair sgiorradh muladach ann am Mèinn Chaledonia feasgar Di-luain. Bha duin òg dom bainm Ailein Feargastan, a mhuinntir New Boston, ag obair air lionadh thubaichean le gual, agus thuit cnap mor guail air, ’ga bhualadhsan aodanns ga phrannadh cho donas nach robh e beò ach beagan mhionaidean. ’S e so acheud sgiorradh dhen t-seòrsa a thachairsa mhèinn ud on chaidh a fosghadh.

Bhan Circus anns abhaile Di-luain, agus bha sluagh morga choimhead. Bha mu shia mile ag amharc air an deigh mheadhon latha, agus mu chòig mile air an oidhche. ’Sa mhaduinn chuir muinntir an t-circuis cuairt air na sràidean len cuid each us charbadan, agus beireachdail an sealladh iad. Dhfhalbh iad mu aon uair deugsan oidhche. Cha robh iadsa bhaile uile gu leir ach gann da fhichead uaìrsa h-ochd.

Bha soitheach-cogaidh Frangach us soitheach-cogaidh Breatunnach a stigh air an t-seachdain so. Dhfhalbh an soitheach Breatunnach feasgar Di-ciaduinn; than soitheach Frangach a stigh fhathast. Bha seòladairean an t-soithich Bhreatunnaich adol troimh chluich an airm air Rudha nam Barrackssa mhaduin mun dfhalbh iad. Chaidh fear dhiubh a leònadh gu dona le tuiteam air a bhéigleid, agus bfheudar a ghiùlan air bòrd.

La an Taghaidh, Di-màirt sa chaidh, bha Sir Tearlach Tupper agus Eachun F. Dughlach air an cur a stigh mar luchd-pàrlamaid an siorrachd Cheap Breatunn; an Doctair Peutan ann an siorrachd Victoria; an Dotair Mac-Gillfhinnein ann an siorrachd Inbhirnis agus Mr. Gillios ann an siorrachd Richmond. Bha D. C. Friseal air chur a stigh ann an siorrachd Ghuysboro; C. Mac-Isaic ann an siorrachd Antigonish, agus Sir Tearlach H. Tupper agus M. Bell aun an siorrachd Phictou. Faodaidh sinn anns an ath àireamh iomradh nas fhaide agus nas fhearr a thoirt air mar chaidh an latha, oir an uair sin bidh fhios nas fhearr air mar a tha.

Than carbad-iaruinn a niseruith air àm-chlar ùr, afàgail Shidni aig coig mionaidean gu aon uair feasgar, agus a tilleadh aig deich mionaidean an deigh naoidhsan oidhche. Thòisich e air ruith mar sin Di-luain. Di-luain sa tighinn tòisichidh an carbad air ruith eadar Sidni us Louisburg da uairsan latha. Cha robh e ruith fad a gheamhraidhs gu ruige so ach aon uairsan latha, a tighinn a stighsa mhaduinn, ’sa dol a mach feasgar.

Leis an àireamh so than ceathramh Leabhar dhen MHAC-TALLA criochnaichte, agus tha sinn ag iarraidh taing a thoirt dhaibhsan a bha gu dileasga chuideachadh re nam bliadhnaichean sin a chaidh seachad. Tha fhios againn nach robh e cho mathsa ghabhadh e deanamh, gu robh mearachdan ann, gu robh nithean ann air uairean a bfheaarle cuid den luchd-leughaidh a bhi as, agus nithean eile as a bfhearr leotha bhi ann, agus am rud a chòrdadh ris an darna duine nach còrdaidh e ris an duin eile. Ach tha sinn an dòchas, agus tha sinn acreidsinn an aghaidh sin uile, gu robh ar leughadairean uile a gabhail tlachd ann a bhiga fhaotainn o sheachdain gu seachdain, agus a faotainn sgeòil uaithenan cainnt bhinn bhlasda, fhéin. Tha MAC-TALLA nise ri bhi air a mheudachadh, agus tha sinn acur romhainn ar n-uile dhichioll a dheanamh air paipear matha dheanamh dheth; paipear a bhios atoirt anns gach àireamh cùnntas aithghearr air gluasad an t-saoghail, air cor nan Gàidheal, agus moran de nithean eile, nuadh us sean, nach ruigear a leas ainmeachadh. Agus am feadhsa tha sinn a toirt taing dhaibhsan a bhagar cuideachadhlem pinns len sporain,” air son na rinn iad, tha sinn an dòchas nach eil iad ach atòiseachadh, agus gum bi soirbheachadh leis a MHAC-TALLA air a bhliadhna tha roimhe a nochdas an soilleir nach eil a Gháilig idir afaotainn a bhàis, ach gu bheil i cho beòsa bha i riamh.

Chaidh anDrummond Castle,soitheach mor Breatunnach a bha air a turus eadar Cape Town, an Africa, us Lunnainn, chur dhan ghrunnd faisg air an Fhraing, a sheachdain gus an Di-mairt sa chaidh, le bualadh air creig. Bha eadar sgiobas luchd turuis còrr us seachd fichead duine air bòrd, agus cha deachaidh bhar triùir no cheathrar a thearnadh. Bha soitheach-cogaidh Breatunnach faisg air an aite anns an do bhuail i, ach chaidh i fodha cho luaths nach dfhuaireadh cuideachadh sam bith a dheanamh leotha san a bhair bòrd. Cha robh ach mu thri mionaidean eadar i bhualadh air a chreigs i dhol fodha. Chualas an glaodh a rinn iadsan a bhair bòrd nuair a bhuail i le luchd-aitich eilean Molene, ach cha dfhuair iad ùine air a dholgan cuideachadh.


IUN, 1896.

1 Di-luain. Blar Dhrum clog 1679.
2 Di-màirt. (3) Breith T. àigIc Leòid, ’12
3 Di-ciaduin. Bàs Dhùghaill Buchanain 1768
4 Dior-daoin. (3) An Cairteal mu dheireadh 3.49, mad.
5 Di-haoine
6 Di-sathairne. (7) Bàs Raibeart Brus, 1329.
7 DI-DONAICH. I. Di-donaich na Trianaid.
8 Di-luain. Eaglais na h-Alba, 1696.
9 Di-màirt. An Fheill Chaluim.
10 Di-ciaduin. Blar Ghlinn-seile.
11 Dior-daoin. An Solus Ur, 4.29. mad.
12 Di-haoine. Bas Righ Seumas III. 1488.
13 Di-sathairne
14 DI-DONAICH. II. Di-donaich na Trianaid.
15 Di-luain. Breith DhomhnuillIcCoinich 1783
16 Di-màirt
17 Di-ciaduin. Blar Raon-Ruairidh, 1689.
18 Dior-daoin. Blar Waterloo, 1815.
19 Di-haoine. (18) A cheud Chairteal, 7.27, mad
20 Di-sathairne. An fheill Fhaolain.
21 DI-DONAICH. III. Di-donaich na Trianaid.
22 Di-luain. (21) La as fhaidesa bhliadhna
23 Di-màirt. Bas Mhorair Chaimbeil, 1861
24 Di-ciaduin. An fheill Eathain.
25 Dior-daoin. Blar Allt aBhonnaich, 1314.
26 Di-haoine. (25) An Solus lán, 2.41. mad.
27 Di-sathairne. Murt Chawnpore, 1857.
28 DI-DONAICH. IV Di-donaich na Trianaid.
29 Di-luain. Féill Pheadair us Phoil.
30 Di-màirt. Bàs Marcuis Earaghaidheal, 1635


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.

Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25

Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.

IAIN A. MacCOINNICH & CO.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas còir dha toghal air

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96



[406]

[Vol . 4. No. 51. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 3.)

na Romanaich; gun dthainig a ris na Goill (no na Teutonaich) an Iar agleidheadh na bfhaide Tuath; agus fa dheireadh gun dthainig na Sclabhonaich a thuinichan Ear-thuath na h-Eorpasan Iar-thuath Asia. Abair gur en teaghlach Geal an lamh; agus gheibh thu anns na cuig Cinnich a dhainmich mi na cuig meoir acinntinn on laimhs acomhdachadh na h-Eorpas taobh Tuaths an Iar Asia. Than dealachadh eadar na meoir ann an corps an inntinn cho maiths an canain ro chomharraichte. Gun teagamh rinn siontan an athair am priomh-dhealachadh ann an dreach achuirp a mheudachadh, agus rinn eachdraidhus beul-aithrisus foghlum nan sluagh fa leth (a thuilleadh air cumhachd buaidhean a chuirp) ceud-fàithean na h-inntinn a shonruchadh anns gach teaghlach, ’s an canainean atharrachadh mar bha tìm aruith; ach mun dfhuair sinne eachdraidh orra bha iad dealaichten am fuilsn an canain.

Rugadh leis an aon Mhathair, ma ta, an cuignear mhac so, agus dharaicheadh iad, aon an deigh aon, air comhnardaibh Asia. An uair a bha iad fa seach air fas laidir gu leoir gu bhicothacthadh air an son fein, sro lionmhor gu bhi tuineachadh mun t-sean dachaidh, ghabh iad an domhan man ceann; sgaoil iad gach leths gach taobh, gach aon a dheanamh air a shon féin, a giulan air falbh dan dachaidhean ùran an cuirp, ’n an inntinnean, ’sn an canainean, dearbhadh maireannach air an dàimh da cheile. Is cuimhne leat an uair a tha Burns amoladh sgeimh na mnà os cionn an fhir, mar tha etoirt air Mathair nan Uile a bhi feuchainn a laimhe an toiseach air cruthachadh an fhir, agus an uairtha i iunnsaichte, tha igabhail os laimh bean a dheanamh:

Her prentice hand she tried on man,
Ann then she made the lasses O! ”

Ann an tiunndadh a mach nam pobull, nach feud sinn a radh, ann an cainnt cosmhuil ri cainnt aBhaird, gun do chuir ar Sean Mhathair a stigh a h-ùine adeanamh an Stuic Dhuibhus Ruaidh; agus gun robh acheird air a laimh mun dfheuch i ris an teaghlach Gheal. Agus a thuilleadh air so, nach biodh e farasdashaoilsinn an uair a bha i fein òga h-aignidhean bla, ’s a sgeimh grinn, gun cuireadh i barrachd luach air cumadhs air snas nachuireadh i air nearts air saoibhreas. Ann am fuineadh nan sluagh, nach saoil sinn gum be a mianns a cheud aite an t-suil a thoileachadh; ach an uair tha a h-aois arùith, an uair tha fuil afuarachadhs a falt aliathadh, an uair tha a h-eolas air feum an t-saoghail adol am meud, an uair tha fein-fhiosrachadh aice air luach neart a bhis achridheus smiors achnaimh bhiodh e coltach gun cuireadh i barrachd meas air neart na chuireadh i air maise, cuirpus inntinn, Ma dhfhaodte gun abrar nach eil an so ach faoin-bheachd duine dhiomhain; ’s nach eil bun na barr aige an reusan nan eachdraidh. Achs e mo bharail nan gabhteadh draghus uine gu leoir, gum faighteadh an canains an eachdraidh nan teaghlach fa leth dearbhadh laidir gur e cumadhus snas am feart a tha buadhachadhs na teaghlaichean is sine, ’s gur e bûchdus cudthrom a thacomharrachadh a mach nan teaghlaichean is oige. Agus saoilidh mi nacheil aon den chuignear a thug dearbhadhn an corp, ’n an nadur, ’sn an canain, an da chuid air mnises air neart ann an dlu cho-chordàdh mar a thug na Greugaichs na Romanaich, a tha seasamh ann am meadhon na sreath le theaghlach air gach laimh dhiu.

Bha na ceud mhic fa leth ainmeil an eachdraidh agus tha sinn an dochas gum bi fathast; ach chaneil teagamhn ar latha-ne nach en ceathramh macan Gallaig a bheil an t-aite toisich ann an riaghladh an domhain. Cia cho fadas a bhitheas a chuis mar so, chan fhios duinn; no co den cheathrar a gheibh aite ma chailleas e fein e. O chionn iomadh bliadhnas e an Gaidheal is faisge a thig air ann am fior chumhachd; ach a reir cursa eachdraidh an t-saoghail gu ruig so, chan e an dara mac ach an cuigeamh a ni an ath stri mhor airson uachdranachd an domhain. Than Sclabhonach fathast mar gum bannn a chodal; ach co their cuin a thig an gaisgeach a gheibh a mach ciod es dusgadh don oganach? Nach tugadh cuairt na h-eachdraidh oirnn a chreid sinn gu bheil a latha fein afeitheamh airsan, anns am bi aige ra dhearbhadh do na sloigh an airidh e air aite urramachn am measg? Agus an uair a thig an latha so, ’s a theid e seachad; an uair a gheibh an cuignear bhraithrean gach aon a threis fein air Righ-chathair an t-saoghail; —nach cinnteach gum feudar an dochas altrum gun sguir na pobuill achasgradhs aleadairt a cheile, ’s gum bi iad astri a mhain airson Gliocais, Eolais, ’us Deadh-bheus? Nach tig an sinn a lanachdLinn an Aigh” —Linn na Sithan Linn mun do sheinn na Baird; mun do reusonaich Daoine glice; a chunnaic na Faidhean fada roimh laimh; a bheothaich tograidheans a neartaich misneach nan Ionraic anns gach linn ri am trioblaidus amhghair; ’s a bheir freagradh do gach eubh ghoirts do gach urnuigh dhurachdach a rainig na neamhan air son sith o thoiseach an t-saoghail?

Gheibhear anns gach teaghlach dhiu so comharan aithnichte air nach gabh mineachadh cubhaidh toirt ach beachd ar n-athraichean gu bheil iad aruiths an fhuil. Be bunait creidimh nan sean daoine am fiosrachadh air riaghladh an lagha am measg an luchd-eolais. Ach chan fhairichear fior neart an lagha mar so. Cho fads a chumas tu do shuil air daoine fa leth, than dealachadh nas mo nan samhladh eadar duines duine ga dbhualadh. Is an a mhain an uair a sheallas tu air rioghachdans air cinnich a chi thu ann an eachdraidh an duine an Iomadachd ann an Aonachd a tha toirt Maiseus Co-chordadh do oibre aChruthachaid anns gach cearn. Than Seanfhocal fior, ma ta, ann an tomhas ro chudthromach mu thimchioll an duine, araonn a chorp agusn a inntinn; ach cha lorgaich sinn cumhachd nam parantan ann an inntinn na cloinne cho dlus a lorgaicheas sinn e anns achorp. ’S es aobhar dha so, tha mi meas, gu bheil an da chumhachd eile adh ainmich mian Saoghal agus E feinariaghladh buaidhean na h inntinn nas teinne na tha iad ariaghladh buill achuirp. Tha, gun amhurus, siontan, lòn, eideadh, ’us cleachduin ann an tomhas mor asonruchadh dreachus neart achuirp; ach tha laghannan, canainean, teagasgan, beachdan, ’us aidmheilean ann an tomhas moran nas mo ariaghladh buaidhean na h-inntinn. “Theid duthchas an aghaidh nan creag;” ach anns an dìreadh chas than greim nas cinnitiches an ceum nas seasmhaiche anns na creagan feolmhor na tha iads na creagan spioradail. Tha e duilich inntinn sluaigh a thionndadh; ach tha e eu-comasach don Etiopianach a chraic-



[407]

[Vol . 4. No. 51. p. 7]

eann a mhuthadh, no don Leopard a bhrice atharrachadh.

Is ann am beatha an duine a mhain a tha E feinn a chumhachd laidir gu bhi sonruchadh a staid. Air thalamhs ann aige-san a mhain a their sinn a tha Toil. Ciod e gne na feart a tha so, chan fhios duin; chan aithne dhuinn co bhuaithe tha ig eirigh, no ciamar tha i fas; ach tha gach aon againn fein-fhiosrach gur Cumhachd i leis abheil comas againn air roghainn a dheanamh. Chan uraainn thu oirleach a chur ri dairde fein: achs urrainn thu maith a roghnachadhs olc a sheachnadh; agus do bhrigh so tha e so thuigsin dhuit gum feum thu cunntas a thoirt do dCho-chreutairs do dChruith-fhearmu dghriomharan anns acholuinn co-dhiu tha iad maith na olc.”

Anns acheum is cudthromaiches is soluimte dar beatha, ceum ar dleasdanais, ’s ann is laig cumhachd an t-Sean-fhocail. Gun teagamh tha e fior, “dhasan dan toirear moran, gun iarrar moran uaith;” ach chan e neart do chuirp no doimhneachd dinntinn a shonruicheas chrioch do dhleasdanais do dCho-chreutair no do dChruith-fhear, ach am feum a ni thu dhiu. A reir na buil gus an cuir thu na comasàn a bhuineas duit, seasaidh to no tuitidh tu. Feudaidhna daoine on dthainig thufarsuingeachd dinntinnus cudthrom do chnamh a shonruchadh; ach cha choisinn Ionracas do Shinnsearan Sonas dhuit, cha shaor Euceartan dAithrichean o Thruaighe thu. Aig Cathair-breitheanais, air Neamh no air Talamh, cha n fhaighBu dual da sineisdeachd.

D. MK.


Ann am Burmahs iad na mnathan a bhios ris an t-suiridhe. Si abhean a dhfhalbhas a dhiarraidh duine, agus an deigh dhi a phòsadh, mur còrd e rithe, bheir i litir-dhealachaidh dha, agus theid an tòir air fear eile.

Ann an Iapan, tha ena chleachdadh aig an luchd-obrach sgriobhadh a bhin crochadh air an druim ag innse ciod is ceaird dhaibh, agus co aige tha iad ag obair.

Ma tha Ad no Currachd no Brògan no Deise no Aodach-uachdair no Leine no ni dhen t-seòrsa sin a dhith orr taghail aig D. J. Domhnullach. Tha iad aiges tha iad math.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Caradh Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , . 60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON.
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


G H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
math ar duthcha thanar beachd


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B



[408]

[Vol . 4. No. 51. p. 8]

EILIDH CHAMARON.

LE EOBHAN MAC-LACHAINN.

Bha am Bàrd, aig an àm a rinn e an t-òran ciatach so, afuireach ann an tigh aBhàillidh Chamaroin ann an Coir’ -uanain. Air madainn latha na bliadhn’ -ùire chuir a h-athair a stigh Eilidh, agus in a caileig òig, do sheòmar aBhàird, le botuln a laimh, a thoirt a Challainne. An uair a dhéirich amfilidh barraichte,” agus a thàinig e stigh thun abhùird còmhladh ri muinntir àn tighe, thog e Eilidh bheag, bhòidheach air a ghlùn as sheinn e an t-òran so an lathair na cuideachd.

FONN.—
Air fàill ill ò na hùg oirionn ò
Air fàill ill ò na hug oirionn ò,
Air fàill ill éile na hiùrabh ho-,
Gaol nan cailin, ’s gur a i.

Maighdean ùr nan dlùth-chiabh fainneach,
Eilidh Chamaron, nighean aBhàillidh;
Binn mar théud na fìdhla gàire
Chiad n bhliadhna diolam dán di.

Tha mo ghaol air do chùl dualach,
S do bheul meachair dhfhàs gun ghruamain;
Nan ruigeadh do cheann mo ghuallainn,
Dhianainn strìth man leiginn bhuam thu.

Bu nt sòbhrach geal-bhuidhe, ghreannar,
Dhfhàs a suas mu bhruaich nan alltan,
Neònein ùr nan lòintean gleannor,
Réul air dhreach na maidne samhraidh.

Seang-chorp sùnndach, aotrom fallain;
Craicionn sneachd mar chneas na h-eala;
Miann gach stàidis àirdair thalamh,
Bhin caoimhneas-gràidh do dhà shùil mheallahh.

Deud geal ibhridh, dìonach, snaidhte,
S bòidhche fiamh na sgiamh na eailce;
Bialan siùcairòigh na maise!
S binneceòl na smeòrach mhaidne.

Mar phéucaig chiataich fiamh do mhala;
shuil ghorm fo chaol-rosg tana;
Làn do shùl mar dhruchda meala
Dhianadh do rùn an diùc a mhealladh.

Eilidh Chamaron, ’s tha bòidheach,
S do dhà ghruaidh cho deargs na ròsan:
Pòg mar shiùcarrùn gach oigeir;
S gile do chneas na sneachd nam mòrbheann.

Sud mi dhùrachd dhut gu toileìl,
Am meas, ’s am mùirn, an cliù, ’s an onair;
Buaidh do dshliochd, ’s mo shliochd-san con-àgh,
Mar choill ùir abrùchdadh toraidh!

S lionmhor buaidh a fhuair an ainnir
Bhon chiad ghluais in tùs air thalamh.
Am mìle trian cha dianainnaithris,
Ged bu leam na ciada teanga!


Am fear a bheir an car as an t-sionnach, feumaidh e eirigh moch.


LAOIDH.

Ciuinich mi, Dhé, is cum mi ciùin,
Feadh mhaireas teas na gaoith;
Bi dhomh gu fionnar mar than drùchd
Do dhfhiabhrus dian an t-saoghl

Ciùinich mi, Dhé, is cum mi ciùin,
S mo cheann air uchd do ghràidh,
Le dlaoidhs le dshalm ga mthàladh dlùth,
Is thoir dom spiorad tàmh.

Ciùinich mi, Dhé, is cum mi ciùin;
Do sgiath biodh os ar cinn,
Mar bha aig Elim barrach dùmhl
An tobair chùbhraidh, ghrinn.

Seadh, cum mi ciùin, ge cruaidh an fhuaim
Ruigeas mo chluass gach àit’;
Ciùins mi leam fhéin, gun neach mun cuairt,
Ciùin am measg fuaim na sràid.

Ciùinn uair tha néul na slàintam ghruaidh,
Ciùin ann an iargain sheirbh,
Ciùin ann an sògh nom bochdainn chruaidh
Ciùin ann am challs am thairbh’.

Ciùin ann am fulang péin is gruaim,
Mar bha mFhear-saoraidh caomh;
Ciùin ann an tàirs an spìd o shluagh
Lem fuathach dainm ro naomh.

Ciùin mar an réul non grian-ghath ùr,
Air cùl nan doinionn mòr
Triallam gu réidh troimh strìth nan
Gu caladh ciùin an Glòir.


Am fear a bheir, is e a gheibh.

Am fear a bheir bean à ìfrinn, bheir i rithist ann e.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an suaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 51 Sparks, St., Ottawa, Ont.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin. Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek. Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh achlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, - - - C. B

titleIssue 51
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla IV No. 51. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page