[41]

[Vol . 4. No. 6. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 17, 1895. No. 6.


AGHRIAN AGUS MERCURI.

Ged tha oibre achruthachaidh gu léir mor agus miorbhuileach, gidheadh, cha neil ni air bith ri fhaicinnn am measg nis ciataich’, agus nis oirdheirce na cruinn-chuirp shoillseach nan speur. Feumaidhna soluis a ta ann an spéuraibh nèimhiongantas a chur orra-san uile, a bheachdaicheas le cùram air na gniomharaibh so, a rinneadh leis-san a thubhairt, “Biodh soluis ann an speuraibh nèimh, a chur dealachaidh eadar an agus an oidhche, agus biodh iad air son chomharan, agus air son aimsirean, agus air son làithean, agus bhliadhnachan!”

Dhinnis sinn anns acheud earrainn gum bheil aghrian air a suidheachadh ann am meadhon nan reult, a tag iadhadh ma timchiolln an cuairtibh eug-sàmhla fein. Tha i fein, ach beag, neo-ghluasadach ged tha a reultan uile agluasad mun cuairt di. Tha i, gidheadh, acur char di air a mul fein, * on iar gus an ear, agus agabhail coig thar fhichead de na làithibh againne, chum aon chuairt a chur! Tha i corr mor agus muillean uair nis mo nan talamh so, agus corr agus ceithir ficheads a deich muillean mìle air astar uaithe; gidheadh, tha a teas, agus a solus aruigheachd air, agus atoirt beatha do gach creutair agus luibh a ta air! A réir beachd dhaoine foghluimte, tha aghriann a cruinn-bhall mor, daingeann, agus dorcha air a cuairteachadh le adhar soillseach agus dealrach air chor is nach faic sinne ach amhàin dearrsadh an sgeudachaidh leis am bheil i air a comhdachadh! Chithear air uairibh buill dhubha air aghaidh na gréine, agus tha na teallsanaich adeanamh mach, gur fosglaidhean, no tuill, iad so, air trusgan lannaireach na gréine, trid am bheil a corp dorcha fein air a nochdadh! Tha cuid asaoilsinn gum bheil aghrian air a h-aiteachadh, cosmhuil ris an talamh so, le creutairibh reusonta agus tuigseach! Ach chan eil cunntas againn air so, agus chan fheud sinn a bhi glicn ar barail fein, os ceann na tha air a sgrìobhadh! Ach, chan eil cunntas againnn a aghaidh; agus gu cinnteach a réir reusoin, chaneil e cosmhuil, gum biodh am ball cruinn agus beag so, air am bheil sinne ateachd beo, àiteachadh le creutairibh tuigseach am feadhs a bhiodh aghrian, a ta corr agus muillean uair nis mo na e, air a fàgailn a fàsach fiadhaich agus falamh; agus a réir ar beachd-ne, gun fhéum air bith, ach mar lochran mor a shoillseachadh nan reult, a tagrad-shiubhal mun cuairt di. Mar so, chithear aghrian, àillidh agus oirdhearc, ann am meadhon a teaghlaich, aco-phàirteachadh riu gach solais agus aoibhneisatilgeadh a gathanna or-bhuidh, chum an crìochan as iomallaicheagus a tomhas an aimsirean doibh maraon! Mar so, than solus mor so, ariaghladh an latha do gach aon fa leth de na reultaibh a dhainmicheadh, agus tha e dhoibh, a réir sonrachaidh Dhé,— “air son chomharan, agus air son aimsirean, agus air son làithean, agus bhliadhnachan.” Air don ghréin a bhi nis aillidhagus nis dealraiche na uile sholuis eile nèimh, rinneadh in a cuspair-aoraidh, le cinneachaibh lìonmhorsan àird an ear! Bha iad ag amharc oirre mar dhia, agus asleuchdadh dhi leis gach cùram agus tréibhdhireasn an comas! Chaneil teagamh nach i aghrianBaal,” dia nam Pheniciach, “Chemosdia nan Ammonach!

Aig na reultaibh a tacuairteachadh na gréine, tha agus oidhche, samhradh agus geamhradh, ceart mar a ta aig an talamh againne. Tha iad uile adol mun cuairt air am mulanaibh fein, ann am amannaibh suidhichte, aguss iad na h-amanna sin, an laithean agus an oidhchean fa leth. Tha iad uile, mar an ceudna, os barr, adol mun cuairt don ghréin, ann an cearcallaibh mora, agus tha gach cuairt dhiubh so, adeanamh na bliadhna aig gach reult fa leth. Mar so tha bliàdhnaicheannan reult, as faigse don ghréin nis giorra na bliadhnaichean nan réul, a ta aig astar nis faide uaipe. De na reultaibh a dhainmicheadh anns acheud earrainn, ’se Mercuri as faigse don ghrein. Than reult so nis lugha nan talamh, agus cosmhuil ris aghréin agus ris gach reult eile, tha in a ball cruinn talmhainn, mhìle agus sea ceud de mhìltibh troipe! Tha ideanamh a cuairt mun ghréin, ann an seachd agus ceithir fichead , agus tri uairean thar fhichead ùine de na làithibh againn-ne, agusse so, uime sin, bliadhna Mhercuri. Tha na réilte so, dlùth air a bhi co fada rir latha fein; ach tha i co fagus don ghréin, an coimeas ris na reultaibh eile, agus air an aobhar sin, co ana-minic air a faicinn, is nach soirbh an ni do na teallsanaich fad a a thomhas! Tha icuairteachadh na gréine ann an cearcall, a ta sea muillean deug thar fhichead mìle air astar uaipe; agus tha i asiubhal anns achearcall so cho luath, ’s gum bheil i deanamh corr agus ceud mìle de mhìltibh anns an uair! Than solus agus an teas a ta i atarruing on ghréin, a sheachd uiread ris an t-solus agus an teas againn-ne; agus ma tha creutairean reusonta agabhail comhnuidh anns an reilt bhig so, chì iad aghrian, seachd uairean nis mo na tha sinnega faicinn!

Tha dileab mhor air tighn air fear Laframboiz a tha anns an tigh-oibreach am Montreal. Bha e air a chur a stigh air son meairle, agus tha tri bliadhndeug roimhe fhathast. ’S fhiach an dileab coig mile fichead dolair, agus bha i air a fàgail aige le leannan a bhaige ann an làitheanoige, agus a dheug o chionn ghoirid ann aHolyoke, Mass.



[42]

[Vol . 4. No. 6. p. 2]

THOGAINN FONN AIR LORG AN FHEIDH.

“ ’N uair a ràinig na sealgairean far an robh e, fhuair iad marbh e gun sgrid, a h-aon da chasan as an alt, agus a sgòrnan air a ghearradh o thaobh gu taobh. Bha na coinn an sìneadh air an réidhlean aplosgadh gn trom, air an claoidh gu buileach, ’s cha biongantach e; achn uair a thòisich na daoine air an fhiadh a làimhseachadh, theab iad a bhin sàs annta a thiota, agus béigin an cur air lothainns an iall earbsadh ri Fionnladh.

Chàirich iad am fiadh air guaillibh nan gilleanshéid Donnachadh aphiob, agus ghabh iad an t-slighebu ghiorra dhionnsuidh na h-uamha. Chaidh am biadhs an t-slige mu-n cuairtthug iad an sin an cladach orradhùisg fannadh sgairteil de ghaoithn ear, sgaoil iad na sùil ghealachuireadh a mach na ràimh fhada, righinnthogadh an iorram shùrdail, agus ann an trì uairean an uaireadair ràinig iad tràigh bhàn Cholonsa; agus mur robh oidhche shunndach aca ag innseadh eachdraidh na seilge, luas agus treuntas Bhrain agus Bhusgair, tha mise meallta.”

Ma chaomhnar mi cuiridh mi litir no dhà dur n-ionnsuidh mu shealgan fhéidh, agus cuid de na chualas a chunnaic mi am òigean Tìr nam Beann.
Air an àm, slàn leibh? a Chuairteir rùnaich,

S miur caraid dìleas,
AILEAN RUADH NA BEINNE.


AN DARA H-EARRANN.

O! ceum an t-sealgair ri mo chluais,
Le sranna ghath, ’us chon feadh sléibh!
N sin dèarsaidh an òige air mo ghruaidh,
N uair dhèireas toirm air sealg an fhéidh!”

A Chuairteir Rùnaich,

CHUIR sibh mòran meas air seann Ailein-na-Beinne lelitir a chur a machs an Aireamh mu dheireadh den Chuairtear. ’S iomadh sgeul neònach a dhfhaodainn a thoirt duibh mu Shealg an Fhéidh; oir chuir mise seachad achuid a bu mhò de mlàitheanam measg chreag, agus air feadh acheò; aguss iomadh cunnart a ruith mi air lorg an fhéidhair seacharan gu tric ann am monaidhnean farsuingan àm curus cathaidh, acur seachad na h-oidhche fo sgàil creige, no ann an uaimh ùdlaidh. Ma tha daoine-beaga, no sìthichean ann, bu chòir dhomh-sa eòlas a bhi agam orra. ’S iomadh bruthus tolman uaine air an do shuidhs air an do chaidil mi, anns am bheil iadsan, mas fìor, atàmh; ach cha-n fhacas cha chuala mi a h-aon diubh riamh. Choinnich iomadh saighead-shìth orm, ach cha-n fhaca mi riamh iad air an tilgeadh, agus cha mhò a dhfhiosraich mi gu-n robh buaidh no feart air bith annta; ach, on a thuit domh tighinn thairis air aleithid so de sheanachas, innsidh mi dhuibh sgeul beag mu ni àraidh a thachair orm, agus a chuir seòrsa faiteachais orm aig an àm.

Thanis còig bliadhna-deug- ’ar-fhichead on a thachair dhomh-sa agus do dhIain Ruadh aChoire, forsair a bha aig Diùc Athuill, a bhimach air abheinn air tòir fhiadh. Thog sinn oirnn gu moch. Bhamhaduinn dorcha, duaichnidh. Ràinig sinn guala na beinne, far an do shuidh sinn greis, gus an deachaidh fras throm shneachda seachad. An sin ghabh sinn air ar n-aghaidh gu aisridh chorraich, chais, far an robh dùil againn lorg nam fiadh fhaicinn, agus seòrsa de bharail fhaotainn ciod an taobh den bheinn air an robh iad. Chunnaic sinn aghreigh ann an aigeal aghlinne, agus ghabh sinn sìos gu h-athaiseach. Cha-neil fhios agam ciod a chuala nochunnaic iad; ach thàr iad a nuas, dìreach glan a dhionnsuidh acheart àites an robh sinn. Chaidh sinn cùl creige, as an t-sealladh. Ghabh achuid a bu mhò dhiubh, gu socrach, seachad oirnn; ach thàinig aon damh donn, cabrach, mòr, cho dlùths gun do loisg sinn air. Chunnaic sinn gun robh e air a leònadh, ach cha do thuit e. Lean sinn an lorg. Thòisich an sneachda, curus cathadh anabarrach trom. Bhan fhuil ra faicinn air uachdar an t-sneachd’, agus thuig sinn air a luirg gun robh e leònta gu trom. Lean sinn e o àite gu h-àite. Be deireadh an fhogharaidh e, agus tha fhios agaibh mar than sean-fhocal ag ràdh:— “Mar chlach aruith le gleann, feasgar fann fogharaidh.” Chaidh sinn air seacharancha robh fhios càiten robh sinncha robh eòlas againn air stùic, no creig, no monadh, air an robh sinn asiubhal. Cha robh feum a bhistrì na bfhaide. ’Am measg gharbh-chrìochus chreagan àrda, fhuair sinn sloc far an robh fasgadh on ghaillinn. Chaidh sinn a stigh air mhàgaran; agus air dhuinn aranus càise, agus dileag bheag dhibhebhi againn, agus deadh bhreacain ghlasanns an do shuain sinn sinn fhéin, chuir sinn seachad an oidhchen ar cairtealaibh fiadhaich gu ro mhaith. Thàinig amhaduinn, ach cha do sguir an sneachd’; shéid aghaothchluinnteadh onfhatrom agus gaillionn air abheinn. Cha robh suim againn a nis den fhiadh leòinte; ach bha sinn fo iomaguin ciod a dheanamaid. Bha fhios againn gu robh aghaoth as an àirde-tuath. Thionndaidh sinn ar cùlaobh ris an stoirm, agus ghabh sinn air ar n-aghart, atèirneadh gu faicilleach. Cha robh greim ra itheadh, no deur dibhe ra òl, ’s amhàileid; ach choisich sinn mar a bfhèarr a burrainn duinn, agus gun fhios gu ro mhaith càitan robh sinn adol. Mu thuiteam na h-oidhche, chunnaic sinn gleann ùdlaidh, domhain, seòrsa de choire creagach, domhainn. Theirinn sinn sìos; agus, mar bha sinn ag amharc a mach air son fasgaidh am measg nan creag, mhothaich sinn bothain-àiridh agus cròithean chaorach air lèanaig bhig, chòmhnaird taobh aibhne! Cha robh dùil no dòchas againn gu-n robh duine no creutair beòs an àite. Ghabh sinn a dhionnsuidh an aoin a bu sheasgaire coltas. Dhfhosgail an dorus gun bhuillebhualadh, agus sheas seana bhoirionnach duaichnidh, gruamach air an stairsnich. “Gabhaibh a stigh,” arsise; “bha dùil agam ribhbhafhios agam gu-n robh sibh air abheinn— ’s eur beathathaur biadhsur leaba deas.” Agus mar a thubhairt, bha! Bha bòrd mu choinneamh aghealbhain, agus anart glanaran cruaidh coirce agus mulchag chàisair abhòrdagus, mar dhfhiosraich sinnn a dhéigh sin, goit air phoil, anns an robh eanaraich de shithinn cho maiths a chuireadh riamh ann am meadar! Cha burrainn domh mo shùil a thionndadh o bhig amharc air aodann preasach na caillicha samhuil chan fhaca mi riamh: —aodann fada glas; falt fada, seargta, tana, sìos ma guaillibh; sùilean beaga glas’, air an leth-fholach ann am frògan dorcha, le maildhean mòra, dubha. Cha-n fhaca mi aodann riamh anns an robh barrachd de choltas seòltachd, agus foille, agus droch-bheairt. Bha



[43]

[Vol . 4. No. 6. p. 3]

ceum crùbaichinnte. Bha seòrsa de chrònan òrainn a beul marbha itaomadh a mach na h-eanaraich ann an chuman bhòidheach, leth-chluasach a chuir i mur coinneamh. Thàinig sgàth oirnn lechéile; agus ged a bha sinn sgìth, claoidhte, acrach, ’s gann gum burrainn duinn itheadh. On ghualainn aice, cha robh muilchinn, no léine; agus làmh cho fhada, righinn, chaol, cha-n fhaca mi riamh. Bha focail agus cainnt aice, air uairibh, nach burrainn duinn a thuigsinn. “Ithibh,” arsise, “ ’s eur beatha.” Thilg i connadh air an teine, agus an sin sheas i suas mar coinneamhsreang chaolchruaidhn a làimh, air an robh trì snaimean. “Thug mise,” arsise, “fuasgladh an nochd do ghaillinn na beinne. Agam-sa tha cumhachd thar nan sìontan; ’s an t-sreing chaoil chruaidh so tha abhuaidh. Ma dhfhuasglas mi aon snaim, séididh fathan a réir miann an t-sealgair; ma dhfhuasglas min ath shnaim, séididh gaoth àrd agus gaillionn; ach ma dhfhuasglas mi an treas snaim, séididh stoirm nach seas duine no beò-chreutair. Thig an doinionn an sin a nuas troichoires troighleanncraobh no crann cha chomas seasamh. Thig an tuil gu ruadh, dorch’, air bàinidh, o gach sgàirnich; agus an gàirdean seargta sin, stiùraidh e an tuils aghaoth. ’S i mo chathair binnein achreachainn àird; ’s e mo ghille-freasdail torrunn nan speur. Dhfhiosraich sibhse an diugh mo chumhachd— ’n uair a shéid aghaoth, ’s a thàinig an sneachdn a chuairt eagalaich mur timchioll. Agus nach léir dhuibh gun robh dùil agam ribh? Cha dthug sibhse sithionn leibh: ach mas miann leibh coinneachadh, thig sibh fhathast le fiadh cabrach, no agh seasg o bhràighAthuill, air amheadhon-oidhche. Thigibh a nuas o Chàrn-na-fala, cha dean taibhsen Fhrisealaich cron oirbh, agus fhios aige càitam bheil sibh adol. Ma ni sibh dearmad air aso,” arsise, s itogail a gàirdein fada, seargta suas os ceann a cinn, “thig tubaist oirbhglacaidh an tuil sibhs an abhuinn, no bàsaichidh sibh ann an cuithe sneachdatogaidh am fitheachur luinneag bhàis, agus bithidhur feòiln a lòn aig an fhìrein!” Air dhi so a ràdh, thionndaidh i air a sàil, agus chaidh imach.

-maith eadar mis tu!” arsa mise am chridhe fhéin, oir bha eagal orm labhairt. Thàinig uamh-chrith agus uamhann orm. agus crith air mfheòil. Chuir Iain Ruadh aChoire a bheul ri mchluais, agus, ann an cagar ìosal, thubhairt e, “S i so buitseach Beinne-ghlò!” Chaidh sinn a luidhechaidil sin gu tromdhùisg agus dhéirich sinn; ach sealladh eile den t-seana mhnaoi chan fhaca sinn tuilleadh. Ach chuala sinn iboirionnach bochd a bha as a beachd, agus a bha acaitheamh mòran da h-ùine o àiridh gu h-airidh, agus aig an robh, gun teagamh air bith, anabarra fiosrachaidh agus eòlais mu dhéidhinn gach nibhadol air agharts an tìr.

S ann dlùth don cheart àite so bha duinebha ainmeiln a latha fhéin atàmh, dam bainm Iain Mòr. Bha baile beag fearainn aige air mhàl on Mhorair Mac-Aoidh. Cha robh cead aige, cha mhò a dhiarr e cead, féidh a mharbhadh. Ach coma dhiubh, chuir e seachad achuid a bu mho da aimsir asealg; agus cha robh lathas abhliadhna air am burrainnear sithionn itheadh, nach robh slinnean no sliasaid mhaith ann an tigh Iain Mhòir.

Chaidh am Morair Mac-Aoidh, dam bainm Dòmhnull, a choimhead Iain Mhòir, a dhfheuchainn am burrainn da thoirt air sgur de shealg. Dhfhàg eghillean cùl na beinne, ’s thàinig e gu tigh Iain gun duine leis. Bha Iain Mòrn a sheasamhs an dorus; chunnaic e am Morairetighinn, agus chaidh en a chòmhdhail. “An toir thu dhomh mo lòn-maidne?” arsam Moraire. “ ’S miseni sin gu toileach,” arsIain. “Ceud mìle fàiltair muachdaran àrd! Thig a stigh, a Dhòmhnuill,” arsIain Mòr, oir be so ainm aMhoraire, agus urram na bàirde cha tugadh Iain da; “thig a stigh, a Dhòmhnuill. Sin agad furm; dean suidhe, agus gheibh thu ra itheadh na chost dhomh-sa beagan saoithreach a thoirt dachaidh.” Dhfhosgail Iain cistebha taobh an teine, agus thug e mach tubhailte ghlan de dhanart caol. Chuir e so air bòrd daraich a chuir emacham meadhon an t-seòmair, agus sgaoil e anart eile air glùn an duinuasail. Ghluais en teine. Thug emach gealag bhòidheach, bhradain a bha deas air son na grìosach. Cha bfhada bhan t-iasgg a uidheamachadh; agus an sin thug e mach slinneag de shithinn cho eireachdails a chunnaic am Moraire riamh; agus chàirich e so air abhòrd, le aran, ’us ìm, ’us càise, ma choinneamh. “Am bheil sgian idir agad, ’Iain Mhòir, no salann?” arsam Mòraire. “ ’S maith na sgeanan na corragans na fiaclan,” arsIain; “ ’s a thaobh salainn, cha dionndrainn mi riamh e le sithinn. Tha sithionn mar ìm àiridh, ’s mìlse i gun salann.” Thug en sin a mach searrags an robh deur den fhìor Thòiseach, agus cha-n fhòghnadh leis gus an do ghabh am Morairaon sgaile chridheil deth.

Thòisich am Morairen sinn ri labhairt ri Iain Mòr. “ ’S maith leamarsesan, “ ’Iain Mhòir, ged tha thu amarbhadh fhiadh nach buin duit fhéin nacheil thug a chleth; oir thug thu dhomh bradan o mlinne fhéin, agus sithionn o mbheinn. A nis, ’Iain, éisd rium. Bheir mi dhuit cead fiadh a mharbhadh air Fionna-Bheinn, an tráss a rithist, ma gheallas tu nach bean thu do dhamh, no dheilid, no dhagh, ann an àiteile air mfhearann. ’S éigin duit togail den mhèirle so.”

A Dhòmhnuill,” arsIain Mòr, “an cuala tu riamh— ‘Crann á coillefiadh á fireachbreac á buinnetrì seòrsa mèirle as nach ruig neach beò a leas nàireghabhail gu bràth.” A nis, moràn taing dhuit, a Dhòmhnuill, gu-n do chuir thu de dhonoir orm do lòn-maidneghabhailam bhothan bochd. ’S e do bheatha uair air bith a thig thun rathad. Ach a thaobh do thairgseadh airfiadh an tràss a rithist air Fionna-Bheinn,’ na cluinneam focal tuilleadh ma dhéidhinn. Thoir còir na beinne sin do dhaon fhear eila thogras tu; ach cia air bith àite, air monadh no srath, ann an gleann no air beinn, air feadh na dùthcha, anns am bi na féidh as fèarr culaidh ataghal, ’s an àite sin gheibhear Iain Mòr.”

Thuig am Moraire nach robh maith dhabhilabhairt, agus dhealaich e ris.

Slàn leibh, a Chuairteir rùnaich. ’S miseur seana charaid,

AILEAN-NA-BEINNE.


Esan aig a bheil beagan beairteis, agus a bhiodh toilichte leis na bu lugha, tha e beairteach gu leòr gu bhi sona. Esan aig a bheil moran beairteis, ’s gun e riaraichte leis, chan eil sonas idir aige

Mas math leat meas a bhith aig daoine eile ort, biodh meas agad ort fheinis e sin ri ràdh, biodh do chaitheamh beatha agus do ghiùlain maiseach.



[44]

[Vol . 4. No. 6. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OGUST 17, 1895.

Cha robh dùil aig an fhear-dheasachaidhnuair a dhfhalb e air a chuairt shamhraidh gum biodh sùil sam bith aig luchd-leughaidh a phaipeir ri cunntas fhaotainn air a thurus. Ach tha na h-uiread air sgriobhadh ga ionnsuidh a leigeil fhios da gum bu mhath leotha cluinntiun uaithe, ’s gu bheil e cur roimhe beagan a radh uime fhéins mu thurus anns an ath àireamh. Cha bhi fior mhoran aige ri radh, ach innsidh e beagan mu na h-àiteachans an robh e, ’s na daoine a thachair air annta, ’s theagamh gun cord sin ris a mhor-chuid den luchd-leughaidh cho math ri seanachas sam bith eile.

Chan eil e coltach gu bheil cor an t-sluaigh ann an Armenia adol dad nas fhearr mur h-eil nas miosa. Than Turcach cho cealgachs cho brùideilsa bha e riamhs chan eil e soirbh do rioghachdan eile na Roinn Eorpa a bhi suas ris. ’N uair a chualas an teiseach mar a bha e cur as do shluagh Armenia, ghabh e air ma bhaleithid ann gum bann gun fhios da-san, agus gheall e nach biodh an corr geur-leanmhuinn ann, gun cuireadh e fhéin casg oirre. Ach tha e soilleir nach drinn e a réir a gheallaidh, oir tha ach gann gach seachdainn a toirt sgeul ùr air creachadhs air marbhadh le chuid shaighdearan as an dùthaich bhochd sin. Tha moran de shluagh na Roinn Eorpa a nis air fàs searbh dhe bhi cluinntinn sgeoil dhen t-seorsa sin agus cha bhin ùine fada gus am feum an Turcach deanamh a réir fhacaìl, no bidh achùis air a thoirt as a lamhan gu buileach.

Tri fichead bliadhnair ais air a cheud la dhen fhoghar, bha h-uile duine bha fo chuing tràille ann air Iompaireachd Bhreatuinn air a shaoradh. Air an latha sin fhuair corr us seachd ceuds tri fichead us deich mile (770.000) tràill an saorsa. Bha iad an sin air an roinnnan da phàirtidh; bha cuid air an ceangal rim maighstirean fad cheithir bliadhneile mar sheirbheisich, agus cuid eile fad shia bliadhna. Ach faodar a ràdh gum bann air an la ud a fhuair iad an saorsa. Phaigh Riaghladh Bhreatuinn fichead muilein punnd Sasunnach do na maighstirean.


Litir aNew Jersey.”

FHIR-DEASACHAIDH AMHAC-TALLA:—

A Dheagh Shàir, —Thaim a cuir ugaibhsa litir so $1 .00 mar fo-sgriobhadh air son aMHAC-TALLA gus aon bhliadhna. Biodh am paipear air a seòladh guProf . J. D. Prince, Ringwood, Passaic Co., N. J., U. S. A.

Tha mi ann am fhear-teagaisg annsArd-scoil aBhaile New York,” agus is ro thoigh leam gach chainnt nan Celtich. Tha fios math gu leòr agam cheana na cainnt Breathannach (cainnt mo theaglach fhéin,) agus tha mi gu nuadh air tòisich foghluim nan cainntean Gàidhealach. Chuir caraid Albannach ugam an la roimhe samhladh aMHAC-TALLA, agus chunnaic mi gu luath gum bitheadh e cuideachadh mòr dhomh ann am fhoghlum na Gàilig Albannach. Chaneil teagamh nach bi a leugadh gle bhuannachdach dhomh, oir, mar a chi sibh on litir so, chaneil agam ach aithne dhona bhur cainnt bòidheach aosda.

Thaim gu firinneach,
J . DYNELEY PRINCE,
Ringwood, Passaic Co. N. J., U.S. A. ,Ceudmhios an Fhogair 6, 1895.


Tha sinn aclò-bhuladh na litreach so direach mar a ràinig i sinn, gun cheartachadh sam bith. Tha sinn an dòchas gum faigh ar caraid air adhart gu math ann an ionnsachadh na Gàilig Albannaich, agus gum bi MAC-TALLAna cchuideachadh mòr dha. Bidh sinn toilichte cluinntinn bhuaithe bho àm gu àm.


Aodaichean deante, Adan, Curraichdean, Brògan, Flùr, Min, Ti, Siùcar, agus ioma seòrsa eile aig D. J. Domhnullach, math agus saor. Taghail aige.


SGEUL EACHUINN.

Bha midol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòrs ga robhchabhag, cha burrainn domh ach stadnuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dhuaireadairean, de dhfhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dhioghnadh orm nach fhaca min stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bhadol seachad, “ tha cumailsan àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor on chaidh fhosgladh” “Tha sin ceart,’ ars esan, “chan eil ach beagan us seachdain on dhfhosgail e mach. ’S e

RHODES & GANNON

a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhnan t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am baithne dhuibh e?” “S ann dhomh a baithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bhagam air idir.” Cha dfhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s chan abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha miseg ràdh riut, an ath uair a thig mi dhan bhaile, cha bhi mo sporan cho falamhsa bha en oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dhfhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath riumnuair a bha mi déileadh ris roimhe.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.



[45]

[Vol . 4. No. 6. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha Morair Obaraidhean agus a Bhana-Mhorair, air chuairt air feadh Mhanitobas an Iar-Thnath. Tha iad glé shiubhlach air feadh na dùthcha, agus tha iad a faotainn moran càirdeis agus urram gach taobh an téid iad.

Chan eil sinn an dùil gun gearan duine sam bithsa chearna so den dùthaich air gainead an uisgen dràsda. ’S ann a tha pailt tuilleadhsa chòir ann air son math an fheòir a thatar a gearradh. Achs mor afeum a nin t-uisge dhan bhàrr. Cha mhor gu robh lath dhen t-seachdain so gun frasan uisge thuiteam.

Tha fear Iain Sherard an greim ann am Pictou air son maoidheadh gun loisgeadh e air Buchanan, fear-iuil a charbaid-iaruinn aig an Amhuinn an Iar. Tha cuid ag radh gu bheil iadga aithneachadh, ’s gur e cheart duine bha sliagaireachd timchioll air Springhill mun àm a chaidh sia ceud dolair a ghoid á oifig na Mèinne.

Bha ghealach làn air a chòigeamh latha dhen mhios so. Thig an solus ùr air an fhicheadaibh latha, agus bidh a cheud cheathramh ann air an t-seachdamh latha fichead. Thig uair us ceithir mionaidean deuga bhar fad an latha air a mhios so: air a cheud latha chaidh a ghrian fodha air seachd uairean, agus air an latha mu dheireadh air fichead mionaid an deigh sia.

Tha ministear ann anShelburne , N. S. ,an t-Urr. Dr. White, a fhuair cead searmonachaidhsa bhliadhna 1830. Uaithe sin bhaist e tri mile; phòs e seachd ceud us ceithir fichead càraid; thiodhlaic e miles a h-aon; agus shiubhail e ceud us tri deug mile de mhiltean (113.000.) Ann an aon teaghlach bhaist en duinesa mhacsoghasiar-ogha!

Rinneadh murt gràineil ann an Ontario o chionn ghoirid, ann an àite ris an canar Berlin. Fhuaireadh corp duine dom bainm Geanette air a leth fhalach ann am boglaich air an fhearann air an robh eg obair, agus coltas air gun deach a mharbhadh air dòigh glé bhrùideil. Tha duine tha fuireachsa choimhearsnachd air a chur an sàs air àmharus. Bha aimhreit eadar e fhéins an duino mharbhadh beagan lathaichean roimhe sin.

Bha pic-nic mhor anns aBhras dOr Bheag Di-màirt, air son airgead a chur cruinn gu tigh an t-sagairt a phàigheadh. Cha robh an t-side gle mhath, ach a dhaindeoin sin, bha dòrlach mor sluagh cruinn, agus chuir iad seachad latha cridheil, sunndach. Bha Sir Tearlach Hibbert Tupper, agus an t-Onarach J. J. Curran a làthair agus rinn iad òraidean ris an do dhéisd an sluagh le deagh aire. Cha chuala sinn den t-suim a chuireadh cruinn, ach chan eil teagamh nach robh suim mhath. Bha Sir Tearlach agus Curran ann an Sidni oidhche Chiaduinn, far an drinn àireamh thaghte dhen luchd-leamhuinn cuirm dhaibh. Dhfhàg iad am bailesa mhaduinn Dior-daoin.

Bha pic-nic aig tri de sgoilean-sàbaid a bhaile so ann an Louisburg Dior-daoin, sgoilean nam Methodach agus an da eaglais Chlèireach. Bha còrr us ceithir cheud eadar bheag us mhor a mach; cha robh an t-side gle bhriagha ach chuir iad uile seachad an latha gu toilichte.

Chaidh robair a stigh do thigh-òsda ann am Montreal oidhche Shathurna sa chaidh, agus air dha bhi feuchainn cisten airgid fhosgladh, chaidh an lampa bhaige thairiss thoisich an tigh air a dholna theine. Chaidh an robair fhéin a losgadh gu dona agus ghlaodh e air son cuideachaidh. ’Nuair a thainig an cuideachadh, rugadh airsan agus chaidh a chur dhan phriosan.

S gann gun dthainig samhradh riamh on dhfhosgladh na méinnean-guail a thainig àireamh cho beag de shoithichean-seòlaidh dhan acarsaid sosa thainig air an t-samhradh so. Cha robh ach fior bheagan guail air a thoirt air falbh am bliadhna ach air soithichean-smùide. Tha so comhla ris gach ni eile acumail ghnothuichean fad air ais anns an da bhaile, gu h-araidh ann an Sidni Tuath far am bàbhaist don mhor chuid de na soithichean so a bhi taghalsa gabhail luchd.

Chaidh au tigh aig Dòmhnull Mac Fhearghais, ann am Mira a losgadh gu lar air an t-seachdain sa chiadh. Bha e fhèin a mach ag obairnuair a thòisich an teine, mu dheich uaireansa mhaduinn. ’Nuair a chunnaic en toit bhar an tighe ruithe e dhfheuchainn am burrainn da a chuid àirneis a shàbhaladh, ach bhan teine cho fad air adharts nach burrainn dha dad a dheanamh. Bhabheansa chlann as tigh aig an àm ach fhuair iad as tiaruinte. Thòisich an teine a leus a lais duine dhen chloinn air an lobhta.

Chaochail fear Iain Christopher ann an Ontario o chionn ghoirid, ’s e ceud bliadhna s a dha a dhaois. Tha e air a ràdh nach do bhean e riamh do stuth làidir agus nach do ghabh e rilinn ach glé bheag de thombaca. Chaochail fear eile, Mr Chambers, ’se ceudsa sia a dhaois. Tha e air fhàgail airsan gu robh e glé dheigheil air a phiobs air a bhotull le chéilo. Tha cuid de dhaoine glice na dùthcha a nisetachas an cinnsa feuchainn ri dheanamh a machs fhearr dhaibh a dheanamh air son aois mhor a ruigheachd, fuireach bhon òls bhon tombaca gu buileach na bhi gabhail na thig rin càil dhe gach seòrsa.

Bhan t-Urr. Mr. Cléireach, ministear à Ottawa, ann an Sidni air an t-seachdain so. Shearmonaich e ann an eaglais St. Andrews maduinn na Sàbaid, agus oidhche Chiaduinn, thug e seachad anns an eaglais cheudna òraid fhileanta a toirt mion chùnntas air obair na h-Eaglais Chleireach ann an Trinidad, fear de dheileanan nan Innsean an Iar. Tha moran de dhaoine mhuinntir nan Innsean an Ear air an eilean ag obair air na fearainn-shiùcair, aguss annnam measg sin a tha teachdairean na h-eaglais asaoithreachadh. Bha Mr Clèireach air chuairt ann an Trinidad tri bliadhna air ais, agus tha e mar sin glé chomasach air innse mun obair.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires airson gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[46]

[Vol . 4. No. 6. p. 6]

TURUS A MHARAICHE.

LE EOBHAN MACLAOMUINN, M.A. D.D.

CAIB VIII.

Tra bhaSgeul a Mhor Aoibhneisa seoladh air aghart, mar ghobhlan-gaoithe a sgùmadh nan tuinn, chualas glaodh bho Thimoteus: “Seolsan t-sealladh!” Dh-amhairc iad uille agus chunnaic iad soitheach air sgeir-thonnRudha gun Dochas.” Bha iad cinnteach gum Aidmheil on taobh a muigha bhann; ach sheall Criosduidh anns aghloine-amhairc, agus thubhairt e gur seol coimheach a bhann. Bha e fo iognadh am toil an Tighearn gu rachadh e chum a cuideachadh. Air dha Leabhar na Luinge rannsachadh nuair bha Imanuel na sgiobair, fhuair e mach gun phill an Tighearna gu tric a thaobh chum iadsan bha dol a dhìth a thearnadh. Dh-oilltich Criosduidh roimh chladach leis, ach bheachdaich e gum aon ni teachd dluth airRudha gun Dochasnuair tha sinn air ar nioman thuige trid ar droch ghniomharra féin, agus ni eile, teachd dluth le rùn muinntir eile thearnadh. Bha na maraichean mar an ceudna subhach nuair chual iad e toirt ordugh furtach a thoirt dhaibhsan bha ann an éiginn. Nis bha rùn an cridhe air a dheonachadh. Air dhaibh teachd dlùth leig iad sios an acair agus fhuair iad a charraig; chuir iad air snàmh anGealladhagus chuir iad innte aran, fion, agus gach goireas eile dh-faodadh abhi feumail. Dhiarr na seoladairean uille dol annsa bhàta. Roghnaich Criosduich Peadar, agus Tomas, Eudmhor agus Timoteus, maille ri Tuigse aig a stiur: cha robh a ghaoth ard; ach gaoth ann no as, bha tonn airRudha gun Dochas:” Bha anGealladhair a sgiobachadh le urnuidhean agus beannachdan na muinntir bha air bordSgeul a Mhor Aoibhneis.” Dhiomair na ramhaichean len uille dhichioll, ged bhitheadh am beatha fein an earbsa ris cha burrainn iad spairn ni bu mhodha nochdadh. Chunnaic Tuigse soitheach an ceann orra dam ainmSeann Feolmhorachdair a tolladh air na creagan, agus a dol na sgealban. “Tha mi nis aigears esan. Bha i aon uair ann an seirbheis ar Tighearna, ach nuair a thoisich a slatan air grodadh, threig iad i air an ard chuan. Fhuair amPrionnsa Dubhi air a treigsinn, thug e còta dhith, agus chuir e fear coltas maiseach na sgiobair oirre. Aig an àm so thainig dan ionnsuidh air an oiteig glaodh dhaoine gam bàthadh. Nuair a rainig iad astar labhairt dhaithn Tuigse dhaibh sgur a dh-iomradh. “Bitheamaid air ar faicillars esanair eagal an am bhi strith ri muinntir eile thearnagh gu sgrios sinn sinn féin.

(Ri leantuinn.)


Comunn Gailig Hamilton.

Aig Céilidh bhliadhnail a Chomuinn Ghàilig so, bha na oifigich a leanas air an cur an dreuchd. Riaghlair Urramach, Iain Mac Coinnich; Rùnaire, Cailein D. Mac Leoid; Iar. Riaghlair, Iain N. Dùghlach; Ailein Mac Fhionghain Scott; Ionmhasair, Iain Mac-a- Mhaighstir; Fear-aoraidh, an t-Urr. Dr Mungo Friseal; Piobairean, Ard-phiobaire, Seòras A. Smith, Alasdair Mac Ghriogair, Uilleam Oswald, agus Donnacha Caimbeul. Bha iad air an cur an dreuchd le Mr. D. J. Caimbeal, Riaghlair na bliadhnan uiridh, air a chuideachadh lers an Urr. Dr. Friseal. Bha an sin gibht air thoirt do Mhr Gilbert Mac Leòid, “Suaicheantas Chloinn Leòidair a dhealbh ann an òr. Than suaicheantas so ri bhina fhàbhar aig buill a Chomuinn Ghàilig o so a mach mar urram do Mhr. Mac Leòid air son na rinn e air son math a Chomuinn riamh on chuireadh air chois an toiseach e. An deigh so bha co sheirm chiùil aca, aig an robh òrain Ghàilig us Bheurla air an seinn, piosan Gàilig air an leughadh, agus oraid thaitneach air a liubhart leis an Urr. Dr. Friseal. An deigh so uile thug an oigridh agus cuid dhen t-seann fheadhain treis air dannsadh, acur char dhiubh air an ùrlars an t-seann doigh Ghàidhealaich. Bha corr us fichead de na fir air an éideadh ann am

Féille preasach, tlachd mo rùin,
S osan nach ruig faisg an glùn,
S cota breac nam basan dlùth,
S bonaid dhù-ghorm thogarrach,”

agus bha na h-ighneagan air an sgeadachadh ann an deiseachan breacain, ni a bhacur sealladh anabarrach briagha bhar na cuideachd.

Chaidh Comunn Camanachd a chur air chois ann a Hamilton toiseach an t-samhraidh, agus chuireadh a cheana chath ri comunn eile dhen t-seorsa cheudnathasa bhaile. Cha do choisinn taobh seach taobhsa cheud chath, achs an dàrna fear, choisinn na Gàidheil. Tha iad an dùil cath a chur ri Comunn Gàilig Thoronto an ùine ghoirid; tha iad an dochas gun toir iad buaidh orra sin cuideachd, ach do bhrighs gur ann ri Gàidheil a bhios iad astri, cha bhi e cho furasada dhaidh a bhuaidh fhaotainn.

Tha Hamilton na àite anabarrach Gàidhealach; is Gàidheil agus luchd labhairt Gàilig na daoines prionnspalaichesa bhaile, agus tha iad a deanamh uaill ann a bhi cumail suas cainnt, ceol, agus cleachdaidhean an sinnsir. Tha sinn fadan comain acharaid a chuir ugainn an cùnntas so air obair a Chomuinn Ghàilig, agus bfhearr leinn gun tigeadh fios uaithe beagan na bu trice. ’S toigh leinn a bhig innse dar luchd-leughaidh bho àm gu àm mar a tha dol leis na Comuinn Ghàilig anns gach àite; agus tha fhios againn gur mor is fheaird na Comuinn iad fhéin a bhi toirt iomradh orrasa Mhac-Talla an drasdasa rithist.


Piobairean.

Chuala mi iomradh uair air piobaire leis am bu chleachdach a bhi aig gach posadh as banaiss an dùthaich an làithibhoige; agus mar sin ational moran airgeid. Ach air dhabhi tighinn gu aois shìn feadhainn eile air acheaird, agus cha robh an sean phiobairefaighinn cuireadh gu aon bhanais anns an fhichead a bha e cleachdadhs nalàithibh a dh-aom’. Latha de na làithibh choinnich duine eile ris, a shìn air bruithinn mu na piobairean oga mun cuairt: “O droch shiubhal orraarsan seann fhear. “Chan fhaigh thun diugh clach a thilgeas tu air ach piobaire!”


Bha seana Ghàidheal achuir àireamh bhliadhnaichean dhebheatha seachad ann an Galldachd na h-Alba, ag ràdh air a thilleadh dha dhùthaich fhéin nach fhac e amadain dhaoine riamh ach na Goill. “Seall thu,” ars esan, “nuair a thachras iad ort air an rathad-mhor non àite sam bith eile, cha chuir iad failt ort achGood Dayged a ben curs an cathadh a bhiodh ann!”


Tha eud gun eòlas afalbh air thuairme. Chaneil fhios aig neach sam bith co an taobh a ghabhas e, no idir ciod an t-olc a dhfhaodas e dheanamh.



[47]

[Vol . 4. No. 6. p. 7]

MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.

Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.

Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.

S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.


CLOIMH.

DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris as airdesa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH.
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


DR. T. C. MACLEOID
Faodar an Dotair fhaicinnna oifig anns an togalachs a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann aSheerwood.”


I.O. G.T.
Tha coinneamh aigVictory Lodge, No. 138, I.O. G.T. , ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, am Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
Agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. NicFhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais,Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, —C. B



[48]

[Vol . 4. No. 6. p. 8]

AN RIOMHINN GHLAN OG.

Oran do dh-oigh uasail an Duneideann.

LE IAIN MAC-GRIOGAIR.

Air dhomhsabhi direadh
Do thalla an fhirein
Gum faca min riomhainn
Tha eireachdail coir.
S oigh uasal air chinnte
An riomhainn ghlan, og:
Thaigh Ruadh-Shruth da rireamh
Than riomhainn ghlan, og;
S gur ailleagan priseil
An riomhinn ghlan, og.

Chan fheil in Duneideann
An Sasunn non Eirinn
Gan deanadh tu geilleadh
S na teudan an ceol.
S oigh uasal air chinte &c .
S bu chuideachd do righ thu
A riomhinn ghlan, og.

Do leadanna dhualaibh
Tha falach do chluasan
S a tearnadh mu dghuaillibh
Mar thuairnean den or.
S oigh uasal air chinnte &c .
Cha bbheag a thoilinntinn
Don leigeadh tu pòg.

Ceann aoidhean is dhislean
A dhfhogradh gach mi-ghean;
S na feumaich cha diobair
An riomhainn gun gho.
S oigh uasal air chinnte &c .
Chan urra miluaidh dhuibh
Gach buaighthana coir.

Tha maisann at aodann
A chiuireadh na daoine
S a thairneadh gu gaol iad
S tearc aogas na h-oigh’.
S oigh uasal air chinnte etc.
Tha cuil anns an tir ort
Oigh fhinealtgun phrois.

Da shuil as glan lionadh
Gun chaogadh gun fhiaradh
Fo mhala na nianaig
As ciataichs an Eorp.
S oigh uasal air chinnte etc.
Gheibhtmaithean na tire
Gu dian air do thoir.

Da ghruaidh mar an caorann
Is gnuis a ta faoilidh,
Slios geal mar an fhaollinn
S cas aotrom gu leoir.
S oigh uasal air chinnte etc.
Gur alainn, deas. direach,
Thu riomhinn, ghlan og.

Beul meachair a mhànrain
On ait a thig gàire;
Deud shnaidhte, gheal, chnàmha;
S tu màlda gun sgleo.
S oigh uasal air chinnte etc.
Mar luibh ann an gàradh
Tha aille na h-oigh’.

Gur gile do bhràghad
Na canach a chàthair.
Toirt buaidh air gach armunn
A thàras ad choir.
S oigh uasal air chinnte etc.
Mar og-shneachd an fhàsaich
O dbhraighthu gu dbhroig.

Tha muineal gun fhailinn
Os broilleachdh fhas alainn,—
Gur samhla thu do Mhairi
A bhanruinnbha mor.
S oigh uasal air chinnte etc.
S gach aite dan deid i
Gun geill iad don oigh.

Tha caoin-chruth na cruinneig
A cosnadh gach urrim;
Gu dearbh tha thu uile
Den chumas ro bhoidhch’.
S oigh uasal air chinnte etc.
S math laigheas an tiodort,
A riomhinn ghlan, og.

Chan fhaic mi a gluasad
Measg bhain tighearnan uasal
Teshealladh ach suarach
Ri guallainn na h-oighs’.
S oigh uasal air chinnte etc.
Do sgeimh tha do-innse
A riomhinn ghlan, og.

A mhairearad chaomh chaoimhneil
S tu sgàthan gach maighdinn;
S reul-iuil thuthoirt soillse
Dhaibhdhoidhches a .
S oigh uasal air chinnte
An riomhinn ghlan, og,
Thaigh Ruadh-Shruth rireamh
Than riomhinn ghlan, og;
S gur ailleagan priseil
An riomhinn ghlan, og.


BAIS.

De na Gàidheil ghasda chalma a thainig a nall á Albainn agus a shuidhich air feadh nan cearnaibh so, ’s beag an àireamh a than diugh a láthair. Air Di-haoine an 9mh latha dhen mhios so, dhimich duine còir, Calum Mac Dhomhnuill, no mar theirte risCalum Mòr Leòdhasach.” Rugadh e ann an Eilean Leòdhais o chionn seachd us ceithir fichead bliadhna. ’N a òige thainig e an cuideachd a phàrantan, aìr imrich dhan dùthaich so, atogail fearainn aig an Tràigh Fhada(Big Beach)far an do dhoibrich e gu trang a’ “cur na coille ghàbhaidh as a bonn.” Bha triùir ghillean agus còignear nighean aige, naodh-deug-ar-fhichead de dhoghaichean, agus seachdnar iar-oghaichean. Dhfhòghnadh do neach eòlal a chur air Calum Mòr gu bhi gle mheasaa air. Lan uidheamichte le sàcramaidean ns h-Eaglais, dheug e ann an tigh a nighinn ann am Bàgh a Phiobaire(Pipers Cove. )R. I. P.


Chaidh gille beag Eoseph Hennessey a bhàthadh aig Bluebank, E. P. I., Di-ciaduin. Bha e mach air ràth comhla ri dithis ghillean eile, agus leum e dhan uisge air son snàmh gu tir, ach bhan t-astar tuilleadhs fada air a shon, ’s chaidh e fodha. Cha robh e ach tri bliadhndeug a dhaois.


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.

titleIssue 6
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla IV No. 6. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page