[Vol . 4. No. 7. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 24, 1895. No. 7.
Mo Chuairt Shamhraidh.
LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH.
Dh’ fhàg mi Sìdni, ceanna-bhaile Cheap Breatunn, aig aon uair deug ’sa mhaduinn Di-haoine, an naodhamh latha deug de mhìos an iuchair. Bha gach ni mu’n MHAC-TALLA air a chur air dòigh air chor ’s gu’n deanadh an clo-bhualadair, ged nach eil facal Beurla na cheann, an gnothuch mu’n chòrr. Dh’ fhalbh an carbad na ruith ’s na leum direach mar a rinn an carbad a ghiulan “Eachunn Tirisdeach,” gu’m a buan iomradh air, eadar Glascho us Paisley, agus an deigh dha bhi air an t-siubhal fad thri uairean ri taobh cladaich ’s troimh choille, bharrachd air stad fhichead mionaid a leigeadh leis an luchd-turuis an dinnear a ghabhail aig na Narrows Mhòra, rainig e Orangedale. Bha mi chuid bu mho dhe’n ùine sin leam fhéin ann am fear dhe na carbadan, agus a chuid eile dhe’n ùine bha e agam fhéin ’s aig aon duin’ eile eadruinn, duin’ air nach robh mi eòlach, ’s ris nach robh comhradh sam bith agam. Dh’fhuirich mi ann an Orangedale car da uair a leigeadh m’ analach. Tha Orangedale ’na àite beag laghach, agus tha ’na tha fuireach ann glé mhath air an doigh. O chionn beagan bhliadhnaichean, cha robh e ach mar àite eile air an dùthaich, ach a nise o’n thainig an rathad iaruinn troimhe, tha àireamh de thighean ùra air an cur suas ann, ’s ma leanas e air fàs, cha bhi ’n ùine fada gus am bi an lùchd-àiteachaidh ag ràdh gur baile bhios ann. An sin thug mi m’ aghaidh air Hogamh, a tha astar sheachd no ochd a mhiltean á Orangedale, agus a sin sia no seachd eile de mhiltean a mach air an duthaich far an robh mi aig mo dhachaidh. Air an rathad bha againn ri dhol cha mhor ceithir-thimchioll air Beighe Hogomah, agus na’n rachadh agam air cainnt a chur an oidugh mar a théid aig moran eile, dh’ innsinn beagan mu bhoidhchead. Tha e tigh’nn am fianuis, an deigh a dhol troimh mu dha mhile de choille air nach do bhuilich nàdar ach boidhchead chuimseach, agus lochan uisge a’s maisiche cha’n eil furasd fhaighinn. Tha thu cumail air an taobh a deas dheth, Beinn nan Sgiathanach (no a’ Bheinn Mhor) air do laìmh chli, a’ direadh cho cas o’n uisge ’s nach eil an rathad-mor ach air a ghearradh as a’ bhruaich; Beinn-an-t- Sallainn air do laimh dheis air taohh eile ’n uisge, ’s a stron a’ seasamh coig ceud troigh no corr os ceann na mara; am Mullach beagan na’s fhaide air ais agus baile beag Hogamah air cùl gaoithe ’s ri aodann grèine eadar e ’s an cladach; Beinn-nan-Caimbeulach a cromadh a nuas eadar am Mullach ’sa Bheinn Mhor, agus a’ deanamh da ghleann far nach biodh ach an aon fhear, mur biodh ise far am bheil i, —Gleann-nan-Sgiathanach air an laimh dheis, agus Allta-Ròis (Roseburn) air an làimh chli. A mach ’sa bheighe, mu leathach eadar a’ Bheinn Mhòr ’s Beinn-an-t- Sallainn, tha Eilean-nan-Innseanach, mar gu’m biodh rud a chòrr ann, nach gabhadh cur air té seach té dhe na beanntan, agus a chaidh air an aobhar sin a thilgeadh a mach air a mhuir. Cha’n eil ann ach eilean beag, ’s tha e gu ire bhig fo choille, ach tha e glé bhòidheach; cha bhiodh am beighe ceart as aonais. Mu choinneamh an eilean bhig so, tha fearann nan Innseanach, far am bheil àireamh mhor de cheud luchd-àiteachaidh na dùthcha a’ deanamh an dachaidh, agus iad gle mhath air an dòigh. Tha cuid dhiubh air taighean a thogail, agus iad ’nan deagh thuathanaich; tha chuid eile dhiubh a còmhnuidh ann an campaichean, agus a’ tigh’n beò mar a bha ’n sinnsirean ’nuair a fhuair Columbus a mach America. Agus tha moran dhiubhsan aig bheil taighean a dh’ fhàgas iad deireadh gach foghair ’sa chuireas an geamhradh seachad gu blàth, seasgair ann an campaichean. Tha e glé dhoirbh leotha an t-seann dòigh a leigeadh seachad. Suas seachad air fearann nan Innseanach, agus mu mhile bho “Chrioch nan Uisgeachan” (Whycocomagh), aig ceann tri ròidean, tha Eaglais Hogomah, a tha nis o chionn dha no tri bhliadhnaichean falamh; ghabh am minister a bh’ innte roimhe sin gairm do choithional ann an Canada Uachdrach, agus cha d’fhuaras ’àite lionadh fhathast.
Tha Hogomah na àite inntinneach, toilichte ri bhi fuireach ann, agus tha e deiseil gu leòr anns gach dòigh ach a thaobh rathad-iaruinn; cha’n eil e tigh’n na’s fhaisge air na Orangedale, a tha seachd no ochd de mhiltean uaithe. Chaidh rathad a ruith eadar Orangedale usBroad Coveo chionn tri bliadhna, agus bha e ri taghal ann a Hogomgh, ach ged a bha sùil ri e bhi ’g obair gach samhradh uaithe sin, cha deachaidh spaid no piocaid air fhathast. Tha e air innse gu robh dithis thuathanach, gun bhi fad o Hogomah, an deigh an treabhadh geamhraidh a dheanamh ’nuair a thainig luchd-ruith an rathaid ’sa chaidh iad le’n cuid chombaistean us shlabhruidhean troimh phios treobhaidh leis gach fear. Ghabh Iain an t-eagal gu robh ’n carbad gu bhi air a mhuinn gun dàil, agus toiseach an t-samhraidh, cha do chuir e am pios sin idir. Chuir Lachuinn an treobhadh aige fhéin mar nach cluinneadh e iomradh air rathad-iaruinn riamh. A null a’s t-fhoghar, ’nuair bha ’n t-arbhar gu bhi abuich, thachair Lachuinn us Iain air a chéile. “Chuala mi,” ars Iain, “gu’n do chuir thusa coirce ’san treobhadh air an d’thainig an rathad-iaruinn agad.” “Chuir, gu dearbh,” arsa Lachuinn, “agus ’s ann a tha ’n t-aithreachas orm nach do chuir mi fras feòir ann!” Tha Lachuinn coltach ri moran eile tha air feadh na dùthcha, cha’n eil mor dhùil aige gu’n cuir an rathad-iaruinn dragh air a chuid fearainn a cheud-treis.
(Ri leantuinn.)
[Vol . 4. No. 7. p. 2]
COMHRADH
EADAR SEANA CHARAID GALLDA AGUS FIONALADH PIOBAIRE.
(Le Tormaid Mac Leoid.)
CARAID GALLDA. —Buaidh ’s piseach leat ’Fhionnlaidh. Gu ma fad’ a chluicheas tu ’phìob. ’S iomadh latha o’n a chuala mi ’m port sin. Mur ’eil mi am mearachd sin a’ cheart chumha a chluich d’ athair ’s tu fhéin an là ’chuireadh do sheana mhaighstir fo’n fhòid ’an Cnoc Mhicheil.
FIONNLADH PIOBAIRE. —Tha sibh ceart. Am bheil cuimhn’ agaibh-se air an latha sin? Nach ann air an dùthaich a thàinig an t-atharrachadh bho’n àm sin? C’àit’ an cruinnicheadh sibhse cuideachd an diugh cosmhuil riu-san a bha air an tòrradh? Shuidh còrr ’us ceithir fichead aig an aon bhòrd de dhaoine fiachail—sàr uaislean. Thàinig a h-uile fear dhiubh ’n a Bhìrlinn fhéin le ’ghillean ’s le ’phìobaire. Ach thàinig sgrios air tighearnan na Gàidhealtachd—dh’fhalbh iad mar shneachd a’ gheamhraidh a chaidh seachad, agus o’n là a dh’fhalbh iadsan dh’ fhalbh an tuath chothromach, agus a’ cheatharna fhoghainteach a bha ’s an tìr. Agus ged bhitheas cuid de dhaoine ’di-moladh thighearnan mòra, cha-n fhaic mi fhéin mòran rath, no sonais o’n a thàinig na tighearnan beaga, ’s na daoin’ ùra ’n an àite. Bha fasgadh fòpa, ’s bha cinneadas, bàigh, ’us càirdeas, agus cuimhne nan làithean a dh’ fhalbh a’ ceangal bhochd ’us bheairteach r’a chéile; ach thàinig froiseadh orra nach ’eil mi fhéin a’ tuigsinn. Cha-n ’eil tighean no teaghlaichean aig na h-uaislean a tha ’n ar measg a nis, a dh’ fhaodar a choimeas ri tighean fialaidh, pailt, nan daoine ’chaidh rompa. Cha-n ’eil ach spìocaireachd, agus mìodhaireachd ann an coimeas ris na bha ’n am measg ann am linn-sa: agus a h-uile aon diubh ’n a chabhaig. An saol sibhse gu dé ’s ciall da so?
CAR. —Ma ta cha’n ’eil mi ro chinnteach; ach mhothaich mi o’n àm a thòisich iad air dol le’n teaghlaichean do bhailtean mòra ’an Albainn, ’s an Sasunn, ’s an dùthaich fhéin fhàgail, ’s an gnothuichean earbsa ri cileadairean Gallda nach robh mòran pisich ’n am measg. Ach cha-n fhaodar àicheadh gu-m bheil iomadh atharrachadh maith, ’s an àm cheudna ’teachd air an dùthaich. Tha tuathanachas agus giullachd fearainn air atharrachadh gu mòr chum maith. Am bheil cuimhn’ agad-sa an t-seisreach anns am biodh air a’ chuid bu lugha ceithir ghearrain—an ceannaire ’coiseachd ’an comhair a chùil le speuclair air a shròin—slat cho fada ri slat-iasgaich ’n a làimh, a glaodhaich ’s a’ bagradh, ’s a’ sgiursadh nan each, ’s duin’ eile aig sàil an treabhaiche a’ leagail an fhòid le ’chois; ’s na h-iomairean croma crotach, a nunn ’s a nall mar a chithear fhathast air achaidhean a tha air an leigeadh a mach; ach a nis tha na Gàidheil air fàs cho teòma ri feadhainn eile.
FIONN. —Teòma! ’S iad a bha teòma ’am linn-sa seach mar a tha iad. Crom no dìreach mar a bha na h-iomairean bha barrachd ’s an iolainn an sin na tha innte ’nis. Dheanadh iad ’an sin a h-uile goireas air an son fhéin—an crann-treabhaidh, ’s a’ chliath chliata—gach acfhuinn a dh’ fheumadh iad—an t-sumag ’s a’ bhràid—an càrn ’s an cliabh spidrich; ach cha-n ’eil daoin òg ’s an dùthaich a nis a làimhsicheas tuagh no tàl. Dheanadh iad am brògan ’s an osain fhéin ’s an am sin. Agus air son nam ban tha’n tubaist air tighinn orra uile gu léir. Cha-n fhaicear cuigeal, no fearsaid—cha chluinnear crònan taitneach na cuibhle-bige; no srann na cuibhle-mòire—cha-n ’eil càrdadh no calanas: ’s tha ’bhuil—cha-n fhaicear drògaid, no clò, no breacan dùthcha air a h-aon diubh; agus cha-n ’eil cailleach ’s an dùthaich a rachadh do’n eaglais leis a’ chòmhdach-chinn thlachdmhor sin ris an abramaid “am Bréid;” ach a h-uile guanag eutrom leis a’ chalico luideagach—meatagan Frangach, agus stiallan fada de ribeinean na’s rìomhaiche na bha riamh air sionnsair mòr mo phìoba; agus sgàileagan beag eadar iad ’us gathan na gréine, ’n uair nach ’eil aon ghath gréine r’a fhaicinn. Fhalbh togamaid dheth.
CAR. —Stad tiota beag agus innis dhomh do bharail mu’n lagh ùr so ’thugadh a stigh mu na bochdan. Nach mòr am beannachadh so do’n dùthaich seach mar a bha na gnothuichean ri linn do cheud chuimhne-sa? Nach ’eil cuid diubh a nis a’ faighinn crùin, cuid ochd tastain ’s a’ mhìos, ’an àite ma dh’ fhaoidte na sgillinn Shasunnaich a b’ àbhaist doibh; agus nach aidich thu gur maith an ni gu-m faodar so a thoirt a mach dhoibh le lagh?
FIONN. —Ma ta cha’n aidich mi. An lagh grànda, Gallda, cha-n e lagh a cheanaltais ’s a’ ghràidh e, ach lagh a tha ’deanamh na feadhnach a tha ’pàigheadh gruamach, doichiollach; agus na feadhnach a tha ’g a fhaotainn gearanach, mi-thaingeil. Cha-n fhaodar a ràdh gur seirc, no carthantas idir e, ’dh’ fhàisgeas mar so o dhaoine a dh’ aindeoin an sròine, agus cha chòmhdaich duine beò orm-sa gu-m bheil bochdan na dùthcha na’s féarr dheth na bha iad fo’n t-seann dòigh; agus ’s i mo bharail fhéin gu-m bheil iad a’ cumail smachd air[ ? ] nach ’eil ceart, no cneasda.
CAR. —Nach neònach a nis, ’Fhionnlaidh, gu-n labhradh duine tuigseach cosmhuil riut-sa mar sin? Ciod a’ mhì-chneasdachd air am bheil thu ’gearan?
FIONN. —Am bheil e ceart a nis, an saoil sibh fhéin, spalpaire de bhalach làidir ris an abair iad policeman, le ’chasaig ghuirm, le ’phutain gheala, le crios leathair m’a mheadhon, ’s le cuaille mòr bata ’n a làimh a bhi mar mhaor ’an déigh nam bochd ’g an cumail o iarraidh na déirce far an togair iad, air chor ’s nach ’eil comas an rathaid-mhòir aca? Agus a nis anns an dùthaich so fhéin far an robh a h-uile còmhla fosgailte ri m’ linn-sa, agus am faigheadh a h-uile dìobrach bochd de’n t-seòrsa leaba, far an rachadh a’ ghrian fodha air, tha ’chòmhla air a druideadh air a shròin, agus fliuch, fuar g’ am bi’n latha cha chluinn e ach, “air falbh ort,” — “thoir an t-Inspector ort.”
CAR. —Agus nach ’eil sin ceart ma tha’n t-Inspector a’ toirt dhoibh na dh’fhòghnas? Tha mi ’rithist ag ràdh riut gu-m bheil iad a’ faighinn barrachd na fhuair iad riamh.
FIONN. —Tha mìse ag ràdh ruibh-se nach ’eil. Cha-n ’eil mi ’g ràdh gu-m faigheadh iad mòran airgid roimhe; ach gu dé dheth sin? bha iad a’ faighinn ni nach ceannaicheadh airgiod—bàigh, blàs, ’us càirdeas, agus beagan de na h-uile ni a bhiodh feumail dhoibh—min, feéil, clòimh, aodach, agus iomadh trealaich eile nach urrainn domh ainmeachadh, gun tighinn air buntàta barrachd ’s a b’ urrainn doibh a ghiùlan deth. Nach ’eil cuimhn’ agaibh fhéin air Cailleach nam mogan? ’S ann oirre fhéin a bhiodh an dronnag chòir. Chruinnicheadh i le siubhal na dùthcha ’thrì uiread ’s s urrainn doibh a cheannach leis an
[Vol . 4. No. 7. p. 3]
airgiod a tha iad a’ faotainn
Faic thus’ a nis. Cò as a tha ’m màl sin a tighinn ach as anallowancea tha iad a’ toirt dhoibh agus as am bheil iad cho bòsdail. Cha robh duin’ uasal no tuathanach maith ’s an dùthaich ri m’ linnsa aig nach robh bantrach, no dùile bhochd a thaobh-eigin a’ faotainn fasgaidh foidhe. Bha bothain aca gun mhál—bha iad air an tuthadh dhoibh gu seasgair—bha ’chruach bheag mhòine ’ceann an tighe—an coileach ’s an dà chirc—cead na coille air son connaidh, agus cead a’ mhonaidh air son rainich. Cuiribhse màl mu choinneamh gach ni dhiubh sin, agus innsibh an sin domh cò dhiubh ’s e lagh ùr na h-eigin na seann lagh a’ ghraidh a’s fearr.
CAR. —Stad thusa ’Fhionnlaidh, cha-n ’eil an gnothuch so ach ’n a thoiseach fhathast. Tha ’mhiann orra tighean mòra ’thogail anns gach sgìreachd air son nam bochd, anns am faigh a n-hile aon a tha aonarach, lag, bochd, còmhnuidh—anns an cruinnich a h-uile aon air am bheil dìth, agus anns am faigh iad fasgadh agus dìon. Seòmar seasgair, leaba mhaith, agus a h-uile riaghailt eile ’tha feumail air son an comhfhurtachd. ’N uair a thachras so tha mi ’deanamh dheth nach bi thu fhéin a’ talach.
FIONN. —Chì sin, mar thuirt an dall. Ach innsibh so dhomh. Am bi iad air an cumail a stigh o cheann gu ceann na bliadhna ’s an aitreabh mhòir so ris an abair sibh Tigh-nam-bochd—gun chomas aca dol a mach, no aig an càirdean tighinn a stigh ach mar a cheadaicheas am policeman doibh?
CAR. —Tha mi ’creidsinn gur ann mar sin a bhitheas; agus bithidh obair de na h-uile seòrsa a réir ’s mar a tha comas ac’ a deanamh air a toirt doibh.
FIONN. —Cha-n ’eil teagamh nach bi; ciod an seòrs’ oibre a chuireas sibh m’ an coinneamh?
CAR. —Tha ’h-uile seòrsa oibre a’s urrainn doibh a réir an aois, ’s an comais a dheanamh. Bithidh cìreadh clòimhe, càrdadh, snìomh, deanamh stocainean, ’us mheatagan aig na mnathan? agus bithidh an obair fhéin aig na fir: agus cha-n fhaic mise c’ar son nach biodh iad uile riaraichte, agus toilichte.
FIONN. —Toilichte ann am prìosan! ma ta tha mis’ ag ràdh ruibh gu-n sgàineadh e cridheachan mhnathan bochda ar dùthcha an cur fo ghlais ’us iuchair mar sin: agus cha-n urrainn domh fhéin a thuigsinn cia mar a smaointich iad riamh air an olc ’s air a mhaith a ghlasadh a stigh ’s an aon àite—am boirionnach ceanalta, ciallach, diadhaidh a thoilich an Tighearn’ a leigeadh gu bochdainn—le gràisg na dùthcha a’ thug a’ bhochdainn orra fhéin le misg, ’us béistealachd.
CAR. —Ach nach aidich thu gu-m b’ olc an ni leigeadh le gach neo-dhuine bochd ris an abair slnn amadain, agus feadhainn air bheag céille dlùth air a bhi as am beachd, a bhi ’siubhal na dùthcha? Nach fèarr gu mòr an cur a stigh d’a leithid so de thighean far an gabhar cùram dhiubh?
FIONN. —Còmhla ris gach atharrachadh a thàinig air an dùthaich, chaidh as do na daoine bochda sin coltach ris na tighearnan mòra, cha mhòr gu-m bheil a nis amadan a’ falbh ris an fhiach do dhuine seanachas a chumail. Na daoine bochda—cò nach tugadh aoidheachd dhoibh? Cò nach roinneadh an greim mu dheireadh do’n aran riù? B’ aithne dhomh cuid diubh so leis am b’ fhèarr leam suidhe air chùl gaoithe ’s air aodann gréine, no leis an sgoileir a’s àirde ’s an dùthaich. Is minic a shil mi mo dheòir ag éisdachd ri Iain amadan gaolach ag aithris Laoidh Mhic Cealair, ’s ag innseadh a sgeula neo-lochdaich fhéin—an glagaire bochd. Agus b’fhèarr leam gu mòr an duine bochd sin air an robh sibhse eòlach, Ailean-nan-con a bhi leam a’ dol troi ’n mhonadh, ’s a bhi ’g a éisdeachd a’ seanachas r’ a abhagan beaga, no cuid de na daoine mòr-chuiseach, trom-cheannach a dheanadh tàir air. Nach bu bhrònach leibh fhéin a nis na-m faiceadh sibh am policeman a’ sparradh nan daoine bochda sin do’n phrìosan air an robh sibh a’ labhairt. Togamaid dheth—tha ’Ghàidhealtachd dìreach mar a tha i, ’s cha tig an t-aon latha ’bhios i mar a bha i. Ach gheall-sibh an là mu dheireadh a dhealaich sinn ’s an àite so, barrachd de naidheachd an t-saoghail a thoirt domh. Am bheil gach cùis socraichte a nis ’an Eirinn? Am bheil na h-Eirionnaich sàmhach? *
CAR. —Tha iad dìreach sàmhach mar a tha ’n luch fo spòig a’ chait. Tha leth-cheud mìlé de’n armdhearg thall, ’s cha-n ’eil a’ chridhe aca ’n cinn a thogail. Ghlacadh an fheadhainn a bha thairis orra; ach tha eagal orm gu-m bheil mòran de mhuinntir na h-Eirionn cho togarrach gu aimhreit a thogail ’s a bha iad riamh. Thàinig anabarr dhiubh a nall am bliadhna do dh’ Albainn ’s do Shasunn air son buana ’s cosnaidh. Mìle, agus air uairean dà mhìle dhiubh ’s an aon luing!
FIONN. —Sin agaibh far am b’fhèairrde sinn lagh ùr air son nam béistean sin a chumail ’nan dùthaich fhéin. Nach ’eil a h-uile cèarna de ’n rìoghachd a’ ruith thairis leo? A h-uile mortair, mèirleach, ’us ceannairceach dhiubh a theicheas á Eirinn, a’ ruith a nall a thoirt cosnaidh o dhaoine bochda ’n àite. Tha mise ’g ràdh ruibh mur amhairc iad ’an déigh nan Eirionnach gu-m bi ’bhuil.
CAR. —Cha-n ’eil an sin ach amaideachd. Nach buin iad do’n aon rìoghachd, nach ’eil iad fo na h-aon laghannan ruinn fhéin? Cia mar a chòrdadh e riut na-n cuireadh iad-san na Gàidheil a mach á Eirinn.
FIONN. —Gabhaibh mo leth-sgeul; sin agaibh-se ’n amaideachd. Cha-n ’eil na Gàidheil a’ togairt dol do dh’ Eirinn; agus na-n rachadh iad ann, spadadh na trusdair iad air an rathad-mhòr. Tha mise ’g innseadh dhuibh gu-n bheil iad so a’ toirt cleachdainnean ùra, agus barailean ùra ’measg dhaoine ’tha oillteil ’an éisdeachd.
CAR. —Cha-n ’eil a h-aon ’s an àite so cò dhiubh.
FIONN. —Tha ’s gu leòir dhiubh. Cha-n ’eil duin’ air an rathad-mhor ur ach Eirionnaich: agus gu dearbh ged nach biodh ann ach an aon duine, Paddy Bowlse fhéin, tha na’s leòir ann gu mòran cron a dheanamh am measg dhaoine bochda. Fìor reubaleachd dubh; am bheil focal as a cheann ann an cuideachd air bith, achRevolution , Revolution:agus a nis mu’n ghnothuch sin. Tha mise tairisneach do ’n Bhàn-righinn mhòir, mar a bha na daoine bho ’n d’thàinig mi, agus bu mhaith leam a’ ghlas-ghuib a chur air an trusdar an ath uair a thachras sinn. Ciod ma ta da rìreadh a’s ciall doRevolution ?
CAR. —Tha ni de ’n d’ fhuair na Frangaich blasad beag agus a tha nis a dhìth air na h-Eirionnaich. Riaghailtean, laghannan, ’s gnàthannan na rìoghachd uile ’thilgeil bun os ceann—léir-sgrios ’us atharrachadh a thoirt air gach ni a tha ann.
(Ri leantuinn.)
*Bha so ’sa bhliadhna 1848.
[Vol . 4. No. 7. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, OGUST 24, 1895.
Tha na Sineich an deigh moran de na Teachdairean a bh’ aig na h-eaglaisean anns an dùthaich sin a mhort. Ghabh an sluagh fuath éigin dhaibh, agus chuir iad gu bàs iad maille ri moran de mhuinntir Shina fhéin a bha tre’n teagasg-san air tigh’n gu bhi ’g aideachadh a chreidime Chriosduidh. Tha e air a radh gu bheil Breatuinn an deigh an aghaidh a thoirt air luchd-riaghlaidh Shina, agus gu feum iadsan a tha ciontach a bhi air an cruaidh pheanasachadh. Tha e doirbh a radh ciod a dh’ fhaodas éiridh as a chùis so, oir tha na Sineich cealgach agus an-earbsach, a bharrachd air a bhi an-iochdmhor, agus cha’n e soirbh a bhi suas riutha.
Tha e glé choltach gu bheil na Spàinnich a’dol a chall an greim air Cuba. Tha na ceannaircich a’ sior fhàs làidir; tha iad air fàs cho misneachail ’s gu bheil iad an deigh comh-fhlaitheachd a ghairm, agus ceann-suidhe a thaghadh. Tha làn dhùil aca bhi cuibhteas cuing na Spàinne an ùine ghoirid.
Anns a’ chiad fheachd a chuir an t-ochdamh Eanruic Righ Shasuinn air falbh gus an Fhraing, bha corr agus mile Eirinneach sgeadaichte anns an fhéilidh, agus armaichte le claidhmhichean, sleaghan, agus biodagan.
Bha boineid leathan ghorm air gach fear anns an fheachd Albannach a chaidh gu Sasunn fo chùram Shir Alasdair Leslie anns a’ bhliadhna 1640. Rinneadh aig an àm sin am port, “Tha na boineidean gorma a null thar nan criochan.”
Fear-teagaisg Leisg.
Bha searmonaiche Mahomadanach aon uair anns an Eiphit, agus b’e a dhleasnas a bhi searmonachadh do’n t-sluagh gach feasgar, ach rinn e gach oidhirp air an robh e eolach chum a dhleasnas a sheachnadh, oir bha e “cho leisg ri seann chù.” Cha robh e sona, ach ’nuair a bha e ’na laidhe fo gheugan craoibhe mòire dubharaiche. Air feasgar àraidh chaidh e a steach do’n Eaglais, anns an robh mòran sluaigh air an cruinneachadh ’ga éisdeachd. Thuirt e riu “A chlann nan dileas! am beil fios agaibh air na tha mi gu labhairt?” Fhreagair iad “Cha-n ’eil.” “Mur ’eil” ars esan “ciod am feum dòmhsa a bhi labhairt ri muinntir cho aineolach?” Le sin thionndaidh e agus chaidh e a mach as an Eaglais. Air an ath fheasgar chruinnich an sluagh mar b’àbhuist daibh; thàinig e a staigh agus chuir e a’ cheart cheisd orra. “A chlann nan dileas! am beil fios agaibh air na tha mi gu labhairt?” Bha duil aca ri searmoin fhaighinn air an fheasgar sin, agus fhreagair iad, “Tha.” “Ma ta” ars esan “cha ruig mi leas a bhi ’ga innseadh dhuibh,” agus chaidh e a mach a rithist. Air an treas feasgar chaidh e do’n Eaglais mar b’abhuist da, agus e smaoineachadh air dòigh air an searmoin a sheachnadh. ’Nuair a thàinig an sluagh a staigh, sheas e suas agus thuirt e aon uair eile. “A chlann nan dileas! am beil fios agaibh air na tha mi gu labhairt?” A nis shaoil na h-Eiphitich bhochda gu’m bitheadh iad tapaidh an turus sin, agus ghlaodh iad a mach “Tha fios aig an dara cuid, ach cha-n ’eil fios aig a’ chuid eile.” “Am beil sin mar sin” ars esan “Ma ta is fearr do’n chuid aig am beil fios, a bhi ’ga innseadh dhaibhsan aig nach ’eil.”
Le òrdugh Righ Raibeart Bruis b’éiginn do gach aon de’n tuath-cheatharn aig an robh bò, bogha agus ceithir saigheadan air fhichead, no sleagh agus cota iarunn fhaighinn a chum ’s gu’m bitheadh e ullamh gus an dùthaich a dhion.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.
SGEUL EACHUINN.
Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
[Vol . 4. No. 7. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Phòs Sir Uilleam Howland agus Mrs. Bethune ann an Toronto Dior-daoin air an t-seachdain s’a chainh. Tha esan ceithir fichead ’sa ceithir a dh’ aois, agus ise tri fichead ’sa seachd. Nach b’e na seann leannain iad!
Bha chiùrt mhor ’na suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so. ’N uair a bha i ’na suidhe a’s t-samhradh cha robh na càsan uile air am feuchainn, agus ’s ann air son na bha mar sin air fhàgail seachad, a bha chùirt ’na suidhe air an turus so.
Thainig duin’ òg, Uilleam Hart, ann an siorramachd Ghuysboro, ri bheatha fhéin air an t-seachdain s’a chaidh. Chroch e e-fhéin ’na rùm cadail. Bha e tinn o chionn aireamh mhiosan, agus tha iad a’ deanamh dheth gu’n do chuir a thinneas as a rian e.
Thainig àireamh mhor de mhuinntir Bhaddeck air sgriob do Shidni ’s do Shidni Tuath Di-máirt s’a chaidh air an t-soitheach-smuid Marion. Bha ’n latha cho briagha ’s dh’ iarradh iad, agus an deigh dhaibh uair no dha a chur seachad a gabhail seallaidh air Sidni thill iad dhachaidh.
Chaidh robairean a stigh do thigh fir F.W. Newman, ann am Montreal, oidhche Di-luain, agus ghoid iad fiach tri mile gu leth dolair ( $3 ,500) de sheudan as. Bha Newman agus caraide dha ’nan cadal a stigh aig an am, agus thug na robairean an triubhsair aig Newman bho thaobh na leapa ’s ghoid iad ochd dolair fhichead de dh’ airgead a bha ’na pòcaid. Cha’n eil fhios cò as a bha na robairean no cò iad.
Tha cuileagan grànda a deanamh call mor am measg a chruidh air feadh na dùthcha. Tha iad a’ toiseachadh ’s na h-adhaircean agus mur cuirear grabadh orra, bheir iad bàs nam beothaichean an ùine ghoirid. Tha moran cruidh air bàsachadh cheana. Cha’n eil dòigh a’s fhearr air stad a chur air na biastagan na adhaircean a chruidh a chumail air an smeuradh le tearr us olla-truisg am measg a chéile.
Fhuaireadh, air an t-seachdain s’a chaidh, sgeula bàis an Urr. Mr. Mac Coinnich, a bha saoithreachadh o chionn dha no tri bhliadhnaichean ann ad Corea. Fhuair Mr Mac Coinnich a bhreith us àrach aig a Bhai- ’n-Iar, far am bheil moran de chuideachd fhathast a’ comhnuidh. Bha boirionnach òg a mhuinntir Thruro a bha e gu phòsadh a deanamh deiseil gus a dhol a mach dh’an dùthaich fhad as sin ’nuair a fhuaras sgeul a bhàis.
Beagan ùine air ais, chaidh duine òg air chall ann an Guelph. Ontario, agus bhatar an dùil gu’n d’ thainig e ri bheatha. Fhuaireadh a chorp o chionn ghoirid anns an acarsaid, agus rinn na dotairean a mach gu’m b’ ann air a mhort a bha e. Cha robh boinne uisge anns a sgamhan aige, mar a bhitheadh na’m b’ ann air a bhàthadh a bhiodh e. Cha d’ fhuaireadh greim air an fhear a rinn an gniomh fhathast, ’s cha mho a tha amhrus aca air duine sam bith dh’ a thaobh.
O chionn mios no dha, thug duin’ òg ann a’ Halifax ionnsuidh air cur as da fhéin le puinnsean radan, a chionn nach posadh a leannan e. Le còmhnadh an dotair, co-dhiu, chaidh a ghleidheadh o’n bhas. Ghabh an nighean an t-aithreachas, gheall i a phòsadh, agus an ceann latha no dha bha iad air beulaobh a mhinisteir.
Chaidh coignear ghillean òga a bháthadh aig Des Aulnais, baile beag ann an Cuibeic feasgar na Sabaid s’a chaidh. Chaidh iad a mach le báta mu cheithir uairean, agus am beul na h-oidhche, fhuaireadh an cuirp cruinn còmhladh aig a’ chladach. Cha’n eil fhios de’n sgiorradh a dh’ éirich dhaibh. Bha iad uile eadar ceithir bliadhn’ deug us ochd bliadhn’ deug a dh’ aois.
Tha réis mhor seòlaidh ri bhi eadar soitheach Geanach agus soitheach Breatunnach, ann an New York air an ath mhios, a’ tòiseachadh air an t-seachdamh latha deug. Tha réis mar so aca h-uile bliadhna. Ghleidh na Geancaich a h-uile h-aon o chionn àireamh bhliadhnaichean, ach tha làn dhòchas aig na Breatunnaich gu’n coisinn iad fhéin air an turus so.
Bha stoirm againn an so an deigh mheadhon-latha Di-luain. Bha uisge trom ann, agus a ghaoth a deas a séideadh gu làidir. Cha chuala sinn gu’n d’ rinneadh call mor sam bith leatha, ach gu’n robh soitheach an sud ’san so air a cur bhar a h-acair, agus beagan de chraobhan ’s de dh’ fhensichean air an leagail. Cha do lean an stoirm uile gu lèir ach mu thri uairean.
Spraidh goileadair mor a bha ann an tigh-òsda anDeniver , Colorado,oidhche Di-luain s’a chaidh, agus chuireadh an tigh as a cheile agus bha mu choig duine fichead air a mharbhadh. cuid air doigh anabarrach pianail. Bha aireamh dhaoine ’s mhnathan air an tiodhlacadh anns am droighnich, agus air am mùchadh le cion analach, agus air am mùchadh le cion analach. ’S e gille òg, aois sheachd bliadhn’ deug a bha frithealadh air a ghoileadir aig an àm, agns bha e air an daoraich. Thatar a deanamh a mach gu’m b’ esan bu choireach ris a’ ghoileadair a spraidheadh, gu’n do leig e leis teas a ghabhail, agus an sin gu’n do chuir e uisge fuar ann.
Chaidh duin’ òg, Eachunn Mac Gilleain, a mharbhadh le carbad a ghuail aig Port Morien, Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’na bhrakesman air a charbad, agus chaidh an carbad a chur air ghluasad tuilleadh us grad, ’ga leagail-san air an rathad, agus chaidh da chuidhle thoisich a charbaid thairis air, ’ga léonadh cho dona ’s gu’n do chaochail e am feasgar sin fhéin, an deigh pian mòr fhulang. Am fear a bha cur a’ charbaid air obair aig an àm, Mr. Evans, cha b’ e dhleasanas a bhi ann idir; bha ’m fear-inneil air falbh aisde beagan mhionaidean, agus ghabh esan na laimh fhéin e gus an tilleadh e. Tha e ri bhi air fheuchainn air son a bhi coireach ri bás an duine bhochd a chaill a bheatha.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 7. p. 6]
CO-SHUIDHEACHADH BHENUIS AGUS NA TALMHAINN.
(An Gaidheal, 1873.)
Air duinn cunntas a thoirt ’s an earrainn mu dheireadh, air an rèult Mercuri, on is i a’s dluithe do’n ghréin, labhraidh sinn, a nis air Bhenus, an ath reult ann an ordugh. Tha’n reul dhealrach so a’ cuairteachadh na gréine ann an cearcall a ta ochd agus tri fichead muillean de mhiltibh air astar uaipe: agus tha i a’ triall air a slighe mu thimchioll ceithir fichead mile de mhiltibh anns an uair! Tha i seachd mile agus ochd ceud de mhiltibh troipe, a’ cur car di air a mul fein ann an ceithir uairean-fichead, agus a’ criochnachadh a turuis mu’n ghrein ann an dà cheud agus ceithir latha fichead gu leth de na laithibh againn-ne, ùine a ta ’deanamh suas na bliadhna aice-se. ’S i Bhenus, de gach uile reult, a’s faigse do’n talamh againne-ne, air an aobhar sin chithear mòr agus dealrach i an coimeas ri aon air bith eile de na reultaibh. Theirear, mar a’s trice, an reult-mhaidne, agus fheasgair, rithe so. An uair a bhios i an iar air a’ ghrein, chithear anns a’ mhadainn i, agus an uair a bhios i an ear air a’ ghrein, chithear air an fheasgair i, corr agus leth-bhliadhna m’an seach! —Cha’n ’eil Bhenus a bheag ni’s lugha na’n talamh air am bheil sinne a’ gluasad, ach air di a bhi ni’s faigse do’n ghrein, tha barrachd teas agus soluis a’ bualadh oirre, na tha air an talamh! Ged nach ’eil an reult mhaiseach so, aig asuir co fad uainn-ne ris na reultaibh eile, gidheadh tha a dearrsadh agus a soilleireachd co mòr, ’s nach soirbh an ni amharc oirre leis na gloineachaibh, eadhon a’s fearr, chum gach ni a bhuineas di a chur an ceill le fior chinnteachd. Air do na cuairtibh aig Mercuri agus Bhenus, a bhi eadar an talamh agus a’ ghrian, chithear iad a’ fas agus a’ caitheamh, cosmhuil ris a’ ghealach ur! Tha na cuairtean anns am bheil iad a’ ruith, co cumhann, an coimeas ri cuairtibh nan reult eile, ’s gu’m bheil iad a ghnath air am faicinn am fagus do’n ghrein, agus air uairibh tha iad co fagus di ’s gu’m bheil a dearrsadh ’g am foluch gu h-iomlan o ’r sealladh!
Labhraidh sinn, a nis, mu’n talamh, a ta ’n a reult cosmhuil riusan a dh’ ainmich sinn agus a’ siubhal mu’n cuairt do’n ghrein ann an àm suidhichte! Is ball cruinn an talamh, a ta dluth air ochd mile de mhiltibh troimhe, agus coig thar fhichead mile de mhiltibh mu’n cuairt. Tha e ’siubhal mu’n cuairt do’n ghréin ann an cearcall, a tha ceithir fichead, agus coig muillean deug de mhiltibh air astar uaipe: agus gabhaidh e tri cheud, tri fichead, agus coig laithean, agus teann air sea uairean ùine, chum aon chuairt a chur air a’ ghrein, agus tha’n uine so a deanamh suas na bliadhna againne. —Ged is bras a ta ’n talamh mar so a’ siubhal sea fichead uair ni’s luaithe na peileir gunna-mhoir gidheadh, cha’n ’eil e idir co luath ri Mercuri, a cheann nach ’eil e ’deanamh ach mu thri fichead agus ochd mile de mhìltibh anns an uair, am feadh ’s a ta Mercui ’deanamh corr agus ceud mile de mhiltibh! Tha’n talamh, mar an ceudna a’ tionndadh air a mhul fein, gach uile cheithir uaire fichead agus mar so tha ceithir uairean fichead air fad anns an latha againn-ne! Tha na nithe so uile iongantach annta fein; ach an déigh sin tha iad fior. Cha soirbh, gidheadh, le daoinìbh aineolach a thuigsinn, gu’m bheil an talamh idir a carachadh, no ’gluasad as an aon àite. Tha iad mar a’s trice ’s a’ bharail, gu’m bheil e neo-ghluasadach, am feadh ’s ta a’ ghrian, na rionnagan, agus feachd neimhe gur leir, a’ cur char diubh mu’n cuairt da! —Is iongantach leo, mar an ceudna r’a smuaineachadh, gu’m bheil an talamh so ’n a reult, a ta ’n am beachd-san, ni’s mo na aon air bith de na rionnagaibh beaga, drilinneach sin, a chithear ’n am miltibh anns na speuraibh, air oidhche shoilleir. Ach tha e fior, su’m bheil an talamh a’ gluasad air a mhul fein, gach là; agus ann an cearcall mu’n cuairt do’n ghrein, gach bliadhna; ceart mar a ta Mercuri, Bhenus, agus na reultan eile. Tha moran an duil, gu’m bheil a’ ghrian agus na reultan, a’ ruith gu luath anns na speuraibh mu’n cuairt do’n talamh, nach ’eil a’ carachadh as ’àite; ach tha iad air am mealladh an so ’n am barail ceart mar a ta iad, an uair a ghiùlainear iad seachad gu luath air luing an cois fearainn; oir an sin, tha iad an dùil, nach ’eil an long a’ carachadh; ach gu’m bheil am fearann a ruith gu grad seachad orra!
Dh’ ainmich sinn a cheana, gur i a’ ghrian a’ ta toirt soluis agus teas do na reultaibh uile, agus air do’n talamh so a bhi ’na reult, tha e ’mealtuinn buannachd an t-soluis agus an teas so mar an ceudna. Tha dàrna leth na talmhainn a ghnàth air a shoillseachadh leis a’ ghréin, agus tha’n leth eile ann an dorchadas. Ach o’n tha’n talamh a’ tionndadh air a mhul fein, o’n iar gus an ear, gach uile cheithir uaire fichead, tha solus agus dorchadas a’ teachd oirnne mu’n seach, anns an ùine sin. Mar so, tha là agus oidhche a’ leanntuinn a cheile; agus an uair a ta an taobh air am bheil sinne do’n chruinne-ché, air a shoillseachadh, tha ’n taobh eile dheth ann an dorchadas. Air an aobhar sin, an uair a bhios an là ’s an Eilean Bhreatunnach, bithidh an oidhche aca ’s na h-Innsibh an aird an ear—ann an China agus ann an Australia! Tha mar an ceudna, claonadh sonraichte aig mul na talmhainn, trid am bheil solus na greine a’ bualadh aig amannaibh de’n bhliadhna, air earrainn ni’s lugha de chearnaibh tuatha na talmhainn, na aig amannaibh eile; air an aobhar sin, tha na laithean againn fada agus goirid, a reir sin. Agus feudaidh sinn a nis ainmeachadh nach ’eil na cuairtean, na cearcaill, no na slighean farsuing sin, anns am bheil na reultan a’ siubhal mu thimchioll na greine, gu h-iomlan cruinn, ach air cumadh uibhe; air an aobhar sin, tha e furast fhaicinn, an uair a ta a’ ghrian air a suidheachadh ann am meadhon nan cuairt sin, gu’m bi na reultan a ta ’gluasad annta, ni’s faide o’n ghréin, aig amannaibh araidh de’n bhlìadhnana, na aig amannaibh eile. Ceart mar so, ma ta, tha’n talamh a’ suibhal mu thimchioll na greinne, ann an cearcall a ta ni’s mo ann am fad, na tha e ann an leud; uime sin, tha e air uairibh de’n bhliadhna fad o’n ghrein, agus air uairibh eile ni’s giorra uaipe; agus tha so maille ris a’ chlaonadh a ta ’n a mhul fein, a’ deanamh Samhraidh agus Geamhraidh, a cheann do thaobh nan astar eug-samhla a ta’n talamh o’n ghrein, nach ’eil a chearnan iomallach a’ mealtuinn a soluis agus a teas, ann an tomhas co-ionann. Tha gach cuairt agus gach caochladh dhiubh so, air am faotuinn a mach co cinnteach, agus, co eagnuidh le reulatairibh, agus air an tomhas co curamach leo, ’s gu’m bheil fios aca air a’ cheart uair agus mhionaid anns an criochnaich gach reult a turus, agus am bliadhnaichean fa leth. Gu cinnteach is iomadh innleachd a fhuair an duinne a mach.
SGIATHANACH.
[Vol . 4. No. 7. p. 7]
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.
Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.
S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.
CLOIMH.
DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
Dr. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
I.O. G.T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I.O. G.T. , ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
Ma ruigeas tu stor
D. J DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A, J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, —C. B
[Vol . 4. No. 7. p. 8]
BIDH FONN OIRRE DAONNAN.
LE BARD LOCH-NAN-EALA.
LUINNEAG.
Bidh fonn oirre daonnan,
’S bidh aoidh oirr’ an comhnuidh;
’S e ’dh’ fhagadh m’ inntinn aobhach,
Bhi ’faicinn t’ aodainn bhoidhich,
Le mheud ’s a thug mi ghaol duit,
Is aotromas na h-oige,
Mar a dean mi t’ fhaotuinn
Chan fhad, a ghaoil, is beo mi.
Chunna mise bruadar,
’Dh’ fhag luaineach an raoir mi,
A ’faicinn bean mo ghaoil
Ri mo thaobh fad na h-aoidhche,
’S mi ’thionndadh le solas
Gu poig ’thoirt do ’n mhaighdinn,
’N duil gun robh i lamh rium
Ge b’ abh’st dhomh bhi ’m aonar.
Ged a bha mi ’m shuain
Gum bu luath rinn mi dùsgadh’
’N duil gun robh mo thasgidh
’Na cadal air mo chulaobh.
’Nuair ’shin mi mo lamh
Gus mo ghradh tharruinn dluth dhomh,
Cha robh ann ach sgaile
’Rinn m’ fhagaii ’s mi ’m dhusgadh.
Marbhaisg air a ghaol
Gur a claoidhteach an ni e;
’S iomadh neach ’tha ’n càs leis.
’S gu dearbh tha mi-fhin ann.
Tha mo chridh’ air seargadh
Is dh’ fhalbh mo thoilinntinn,
’M shuidh’ am bun na h-uchdich,
’S nach h-urra mi ’direadh.
Mo dhùrachd do ’n riomhinn
’Dh’ fhag m’ inntinn-sa craiteach;
Bean t’ aogasg cha leir dhomh
La feille no sabaid’.
Do bheusan tha ceutach
Is t’ eudann ro narach;
Is truagh mi ’thug gaol duit.
’S nach faod mi bhi lamh riut
Troigh chruinn am broig shocair
Nach dochuinn am feoirnein,
Fo chalba glan, liontach,
Le siod’ air a chòmhdach.
Corp seang a’s math giulan,
Gun lùban, gun fhòtus,
Uchd geal mar an sneachda
’N am teachd air a mhointich.
Deud min-gheal mar ibhridh,
Beul binn a thoirt sòlais:
Gruaidh dhearg mar an caorann,
Is taobh mar an neoinean;
Falt dualach, donn, cuachach,
Mu d’ ghuaillibh an ordagh;
Suil ghorm a ’s glan lainnir
Fo mhala na boidhche.
O furtich air mi chas-sa,
A ghraidh bhan an t-saoghil;
Tuig mar tha mo nadar
An sàs aig do ghaol-sa.
Na fag mi mar tha mi,
’Dol bas leis an fhaoineachd,
’S gur tu stadh mo riaghailt,
Mo bhìadh agus m’ aodach.
’S muladach mi daonnan,
Do ghaol rinnn mo leonadh;
Dh’ fhalbh mo dhreach is m’ aogasg,
Is chaochail mo shòlas.
Chan fheil ait an deid mi
Nach saoil mi le gòrich,
Gu bheil mi faicinn t’ aodainn
Is aoidh air an comhnuidh.
Chuala tu mar tha mi,
Gur bas domh as t’ aogais;
Tionndidh ann am blàths rium,
’S na fàg aig an aog mi;
Thig is thoir do làmh dhomh,
Do ghradh is do chaoimhneas,
’S chan iarr mi tuill’ a chairdeas
No shaibhreas an t-saoghil-s’ .
MARI DHONN THORR-A- CHAISTEIL.
LE COINNEACH MAC-COINNICH.
LNINNEAG.
Mhair dhonn, bhoidheach, dhonn,
Mhari dhonn ’s mor mo thlachd dhiot;
Thoginn fonn gun bhi trom.
Air nigh’nn duinn Thorr-a- Chaisteil.
Gu ma slàn do ’n mhaighdinn oig
A tha stolda na cleachdadh;
A tha fiosrach, tairis, tlàth,
Agus màranach, macant’.
’S gile na ’n sneachda do bhian,
’S fallain, sgiamhach do phearsa;
Gun bhi cudromach no caol
Beathail, aotrom, gun ghaiseadh.
’S ann ort fein a dh’ fhàs a ghruag
’Tha ’na dualibh gu cleachdach;
Clannach, dlùth, gheibh i cliu;—
Miann gach sul’ bhi ga t’ fhaicinn.
Aghidh fhlathaich gun sgraing,
’S e do shealltinn ’tha taitneach;
Suil chorrach fo mhala chaoil,
’S gorm air aogasg na dearcaig.
’S glan an rudhadh ’tha nad ghruaidh,
Boidheach, snuadhmhor, gun ghaiseadh;
Tha thu eireachdail ’s gach doigh;
Co tha beo nach gabh tlachd dhiot.
’S binn leam ceileirean do bheoil
’Gabhail orain gu taitneach,
Do ghuth mar smeorich ’sa choill’,
’S tric thu seinn aig a chaisteal,
Bha mi greis an deas ’s an tuath,
Am measg ghruagichean tlachdmhor;
Ach te idir a thug bair
Ort a Mhari chan fhacas.
Gum faic mis’ thu aig fear og
Dha ’m bi storas is pailteas,
Spreidh is fearann agus fonn,
’S cridhe connmhor gun airceas.
Bidh do thaigh agad le muirn
Air mo chionn-s’ ann san fhasan;
Ma thig mi idir ’na choir,
Chan ann beo theid mi seachad.
Tha do chairdean lionmhor, treun,
’Dheanadh feum’ ann sna baiteil,
Frisealich bho ’n airde tuath,
’S math gu bualadh nan glas lann.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.
title | Issue 7 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 7. %p |
parent text | Volume 4 |