[Vol . 4. No. 8. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 31, 1895. No. 8.
Mo Chuairt Shamhraidh.
LOCH AINSLIE.
An deigh domh bhi latha no dha aig an tigh, chaidh ni gu Comanachadh Loch Ainslie. Bha so air an aonamh latha fichead dhe’n mhios. Bha ’n latha briagha, cho briagha ’sa dh’ iarradh duine, agus bha dòrlach math sluaigh cruinn agus bha iad fad na seirbheis shòluimte cho ciallach, stòlda ’s bu choltach dhaibh aig a leithid a dh’ àm. Bha na h-òrduighean air am frithealadh anns an t-seann dòigh Ghàidhealaich, a Ghàilig agus a mhor chuid dhe’n t-sluagh a muigh agus a Bheurla ’san eaglais. Bha ’n searmon Gàilig air a dheanamh leis an Urr Alasdair Grannd, Mhinistear na sgireachd, agus a Bheurla leis an Urr. Mr. Mac Aidh á Chicaga. Bha mise mar bu choltach dhomh ’san t-searmon Ghàilig. Thug Mr Grannd dhuinn searmon fileanta, pongail, dùrachdach, agus an deigh sin bha tri bùird air an riarachadh, a cheud bhòrd anns a Ghàilig le Mr. Grannd fhéin, an darra bòrd ’sa Bheurla le Mr. Mac Aidh, agus an treas bòrd anns a Ghàilig le Mr. Domhnullach, ministear Strath-Lathuirn. ’San fheasgar shearmonaich Mr. Domhnullach anns an eaglais ’sa Ghàilig. Di-luain bha Bheurla ’sa Ghàilig anns an eaglais, agus rinn Mr. Domhnullach an da shearmon. Tha e na shàr shearmonaiche agus na sgoilear math Gàilig. Tha moran de na ministearan ’nuair a tha iad ag ionnsachadh, a ni ’n uile dhichioll air iad fhéin a dheanamh coi-lionta anns a Bheurla agus anns gach foghlum eile, ach a ni tur dhearmad air a Ghàilig, a chainnt leis am bheil iad, ma dh’ fhaoite, dol a dheanamh am beòlaind. Tha cuid dhiubh aig an robh a Ghàilig moran na b’ fhearr an latha chaidh iad dh’an cholaiste ’n toiseach na bha i aca ’n latha thainig iad as. Aidichidh na h-uile nach eil so idir ceart; fhad ’sa tha ’Ghailig, no cainnt sam bith eile, na meadhon air craobh-sgaoileadh an t-soisgeil, ’s còir do theachdairean an t-soisgeil a chainnt sin a bhi aca cho math ’s is urrainn daibh. Is sgeul aoibhneach a th’ aca ri innseadh dh’ an t-sluagh, agus bu chòir dhaibh a bhi comasach air an sgeul sin a thoirt dhaibh ann am briathran eagnaidh, taitneach. Tha Mr. Domhnullach air fear dhiubhsan d’ad urrainn sin a dheanamh, agus a tha ’ga dheanamh. An deigh an t-searmoin thug e earail dhùrachdach air an t-sluagh an àm dealachadh agus an sin sgaoil an cruinneachadh.
Mu’n d’fhàg mi Loch Ainslie thug mi sgriob sios ris a chladach, mi-fhein ’s fear eile, a ghabhail seallaidh air an loch, agus an deigh [ ? ] fhuair mi cuireadh càirdeil bho Dhomhnull Mac Ille-mhaoil, sgiobair na Minnehaha, a dhol air sgriob còmhla ris gu Bun-na-h- Aimhne. Fhuair mi mar sin cothrom air sealladh math fhaotainn air an àite bho uisge ’s bho thir. Chaidh mi air bòrd a bhàta ghrinn sin aig Amhuinn nam Breac, thog sinn smùid, ’s dh’ fhalbh sinn. Gabh sinn suas direach gu Bun-na-h- Aimhne a dol seachad air an eaglais air ar laimh dheis, agus a faotainn seallaidh air an dùthaich mu’n cuairt a b’fhaich a dhol astar mor ’ga fhaicinn. Fearainn mhatha, agus taighean bòidheach ri taobh an locha, na pastair air an cùl. agus air chul sin a choille mhor gu mullach nam beann, gu ire bhig mar a bha i ceudan bliadhna mm’m facas gnùis duine ghil an taobh so dhe’n chuan mhor. Chaidh sin mar so fad naoidh nile gu bun na h-aimhne, far am bheil an loch a’ fas caol agus tana agus a’ dòrtadh a h-uisgeachan dh’ an amhuinn a tha ’gan giulan do Ghulf of St. Lawrence. Mu chairteal a mhile mu’n ruigear an t-aite ’s am bheil am bàta ’stad, tha ’n t-uisge domhain a’ fàs glé chaol, mu dha no tri leòid a bhàta, agus tha lùban ann troimh ’m bheil e doirbh gu leòr am bàta stiùireadh. Air gach taobh dhe so tha seilisteir a’ fàs, agus ’nuair a tha ’m bàta dol troimhe tha mac-talla as an t-seilisteir a co-fhreagairt do’n fhuaim a tha inneal-smuide a bhàta a’ deanamh, agus ’ga dheanamh moran na’s modha, air chor ’s gu bheil e cho math ri clach-bhalg. Tha e na fhuaim gle bhòidheach. Tha ’m bàta stad aig an drochaid a tha thairis air bun na h-aibhne; tha ’n t-uisge domhain a’ sgur mu leth-cheud slat taobh eile na drochaid. Cha d’ rinn am bàta ach stad còig no deich a mhionaidean; fhad ’s a bha ’n luchd-turuis a tigh’n dhéth ’s am mate ag iarraidh searrag uisge. Fhad sa bha iad a deanamh sin, thug mi fhéin ceum a null rathad nan stòraichean agus chaidh mi ann an seanchas ri Iain Mac Gilleain, fear de na marsantan, agus mu’n robh mi ullamh, bha’n sgiobair ag eigheach“all aboard. ”Tha grunnan beag de thaighean, stòr no dha, agus ceardach, aig an drochaid, agus tha e dol fo’n ainm Scotsville. Thill mi dh’ ionnsuidh a bhàta co-dhiu ’s dh’ fhalbh sinn air ar n-ais. ’S àbhaist do’n bhàta dhol dh’an Loch Bhàn air a cuairt, ach cha cheadaichead aona chuid tim, no foighidin na feadhnach a bh’air bòrd, dha sin a dheanamh air an turus so. Faodaidh mi ràdh gu bheil ceann a tuath an locha car air chumadh gobhlaig, meur a dol an ear gu bun na h-aimhne agus meur eile an iar dh’ an Loch Bhàn. Cha d’ fhuair mi mar sin sealladh idir air an Loch Bhàn no sealladh ceart air an taobh an iar. Ghabh sinn air ar n-ais air a cheart slighe air an d’fhalbh sinn agus bha sinn aig laimhrig Amhuinn nam Breac mu thri uairean an deigh dhuinn a fàgail. Ach tha ’n clo-bhualadair ag innse dhomh gu feum mi stad, nach eil an còrr rum aige air an t-seachdain so. Thuirt mi air an t-seachdain s’a chaidh nach robh guth Beurla aige; ’se b’ àill leam a ràdh nach eil guth Gàilig aige. Ach cha n-eil mi cuibhteas Loch Ainslie fhathast.
(Ri leantuinn.)
[Vol . 4. No. 8. p. 2]
COMHRADH
EADAR SEANA CHARAID GALLDA AGUS FIONALADH PIOBAIRE.
(Le Tormaid Mac Leoid.)
(Air a leantuinn.)
FIONN. —Agus ciod a tha dùil ac’ fhaotainn leis a’ sin ’an àite nan nithean a tha ann?
CAR. —Tha dùil aca ri nithean nach bi ’s nach urrainn a bhi.
FIONN. —Ro mhaith; ach ciod an seòrsa dhaoine ’s freagarraiche chum so uile ’thoirt mu’n cuairt!
CAR. —Tha sgaomairean aig nach ’eil a’ bheag r’a chall—daoine dìomhain, leisg, carach, seòlta, a dh’ fhaodas éiridh ’s an aimhreit, ach nach urrainn tuiteam na’s ìsle na tha iad—feadhainn air nach ’eil eagal Dhé ’s aig nach ’eil suim do dhaoine—gun sgàth roi’ ni air bith ach an t-arm dearg agus a’ chroich—làn ainneirt, ’us foill—nach dùraichdeadh riamh saoithreachadh le fallus an gruaidhe—gun sgillinn ruadh ’n am pòca—gun a’ bheag de ’n t-saoghal a bhuineas doibh féin ach teanga shleamhainn, lùbach, bhreugach; agus casan eutrom gu teicheadh o na saighdeirean?
FIONN. —Ro mhaith. Tha mi ’g ur làn thuigsinn agus ’g ur làn chreidsinn. Ach cò a bhuannaicheas ’an lorg na h-ùpraid ma thachras gu-m bi buannachd ann?
CAR. —Tha gràisg na tìre—leisgeirean lunndach—mèirlich bhradach, agus slaodairean dubha nam bailtean mòra.
FIONN. —Agus cò ’nis a chailleas air an ùpraid?
CAR. —A h-uile aon aig am bheil a’ bheag r’a chall.
FIONN. —An saoil mi fhéin ciod is ciall de “ghloir an Revolution” air am bheilPaddy Bowlsso ’tighinn thairis cho tric?
CAR. —Tha ùpraid agus aimlisg—losgadh ’us milleadh—dì-lagha, dì-uachdranachd, dì-cosnaidh, agus dì-creideis. Làmh gach aoin an aghaidh an fhir eile; “a h-uile aon a’ toirt sgairbh á creagan da fhéin” —a h-uile aon aig am bheil beairteas ’n a chlosaich fo na béistean so a tha mar eòin lonach ’g an riasladh mar a thogras iad: mar a thuirt esan a bha ’spùinneadh an t-Sasunnaich air blàr Sliabh-a’ -chlamhain ’nuair a thàinig fear eile ’nall gu bhi ’n companas ris, “Bi falbh (ars’ esan), thoir ort, agus marbh duin’ uasal dhuit fhéin.”
FIONN. —An i so gloir an Revolution air an d’ fhuair na Frangaich blasad, ’s a tha na h-Eirionnaich a nis ag iarraidh! Tha mi ’g a thuigsinn ’s ’g a làn chreidsinn. Agus ciod a tha sluagh na dùthcha ’buannachadh le atharrachadh mòr de’n t-seòrsa so?
CAR. —Tha iad a’ tighinn fo mhaighstirean ùra, agus fo chuing ùir a tha deich uairean na’s tinne, agus na’s cruaidhe na na thilg iad diubh.
FIONN. —Agus ciod a tha ’g éiridh dhoibh-san a thug so mu-n cuairt?
CAR. —Tha mòran diubh air an cur a dhìth leis an arm dhearg—moran air an crochadh—cuid air am mort leis na companaich a bhrath iad—mòran diubh air am fògradh thar chuantan do ’n tràillealachd a’s eagalaiche; agus na gheibh as le’m beatha ’n am baigeirean bochd’, a’ mallachadh na muinntir a mheall iad, leis an do chaill iad am bothain anns an d’ fhuair iad fasgadh, agus am fearann air an do thog iad suas am mairichinn.
FIONN. —Ro mhaith—Revolution! Agus ciod e ceann-crìche na cùise uile?
CAR. —Tha eachdraidh an t-saoghail ag innseadh dhuinn, ’an déigh gach call ’us aimlisg, us truaighe a thachair, gu’m bheil daoine ’dùsgadh a chum an amaideachd ’fhaicinn. Tha na seann laghannan ’s na seann chleachdainnean, ’s na seann riaghailtean air an daingneachadh na’s diongmhalta na bha iad riamh. Tha gach seann ghàradh crìche air a chur suas, ’s gach bealach air a chàradh. Tha’n t-arm dearg air a’ dhùblachadh—tha cìs ùr air a togail chum costas na h-aimhreit a dhìol—tha malairt agus cinneas na rìoghachd air an cur air an ais, theagamh leth cheud bliadhna; agus cha-n fhaic an t-àl a tha ’làthair a h-uile cùis air a socrachadh mar air tùs. Sin agad smior na fìrinn. Sin na nithean air an d’ fhuair muinntir na Frainge blasad, agus sin na tha dhìth air na h-Eirionnaich.
FIONN. —Gu dìreach glan. Aon cheist eile mu’n dealaich sinn. Ciod a’ chulaidh dhìon a’s fèarr an aghaidh a’ leithid so?
CAR. —Tha eagal Dhé; oir mar a tha’n t-Abstol Peadar ag ràdh, “Thugaibh urram do na h-uile dhaoine, gràdhaichibh na bràithrean, biodh eagal Dhé oirbh, thugaibh urram do’n Righ.” A bhi tairisneach, dìleas do ar Bàn-righinn agus do laghannan ar dùthcha, ’bhi dìleas do ar geallaidhnean, deanadach, saoithreachail, onorach ’n ar gnothuichean saoghalta, ’s a’ chuimhneachadh do ghnàth gur e ceann crìche mhic an duine Dia a ghlòrachadh ’s a mhealtuinn gu siorruidh.
FIONN. —Ma ta mo bheannachd oirbh. Nach ’eil a’ Bhàn-righinn an tràs ’n ar dùthaich? Cha b’ urraìnn i dol do dh’ Eirinn, agus tha làn fhios aice nach ’eil àite ’n a rìoghachd uile anns an coinnich i ri uiread de dh’urram, ’s de dhìlseachd ’s a choinnicheas i ann an Tìr nam Beann. Cha-n ’eil feum aice air saighdeirean dearga ’n sin; oir cha-n ’eil Gàidheal nach dòirteadh fuil a chridhe air a son na-m biodh feum air. Ciod e so ’n teaghlach a th’ aice ’nis?
CAR. —Tha duil ’am fhéin gu-m bheil seisear aice.
FIONN. —Mo ghalad! nach saoil mi gur ann an dé a rugadh i. Buaidh ’us piseach leatha ma ta, oir còmhla ris gach beus maith eile tha iad ag ràdh gu’m bheil gaol mor aic’ air a’ phìob.
CAR.— ’S ann gice ’tha! cha-n iarr i ceòl air bith a roghainn air nuallan na Pìoba-mòire.
FIONN. —Bha ’latha fhéin aig a’ phìob, agus is iadsan a mhàin a bha eòlach air a nuallaich cheòlmhor ann an làithean an òige ’s urrainn a thuigsinn an cumhachd mòr a tha aice thairis air an inntinn. Chleachdadh ceòl na pìob’ ann an talla an aoibhneis ’an àm an aigheir; ’s chualas a cumha thiamhaidh ann an tighean a’ chianalais air oidhche ’bhròin. Bheothaich i laoich ghaisgeil na h-Alba gus an cath a chur le buaidh air latha ’bhlàir; agus dh’ fhàiltich i iad air an ais gu beanntan an dùthcha, ’s do ghlinn an gaoil! ’S e ceòl na pìob’ a chualas leo gu togarrach ann an òg mhaduinn an làithean; agus so an ceòl mu dheireadh a dhì-chuimhnichear ann an allaban na h-aoise. Cha-n ’eil mi ’g ràdh gur e so an ceòl a’s mìlse r’a éisdeachd ann an seòmar: cha-n ann air son an t-seòmair a rinneadh an innleachd chiùil so; ach ann an dùthaich aineoil, fad’ o thìr ar n-eòlais, c’àit’ am bheil an ceòl a
[Vol . 4. No. 8. p. 3]
dh’iadhas mu chridhe nan Gàidheal mar a ni pìob nam feadan mòra? Tha i dùsgadh cuimhne nan làithean a dh’fhalbh—a’ càradh dachaidh ar n-òige tigh ar n-athar, cruth nan co-aoisean gaolach a dh’ fhalbh, mu choinneamh ar sùl. ’S coma c’àit’ an tachair do na Gàidheil a bhith, cò dhiubh ’s ann air machraichean loisgeach nan Innsean, feadh choilltean fàs’ America, no air uchd a’ chuain mhòir, bheir sgal drùighteach na pìoba ’n an cuimhne Tìr nam Beann ’s nam Breacan—coilltean agus aibhnichean ’us creagan àrd’ an dùthcha féin—na càirdean a tha ’smaointeachadh orra, na h-òighean àillidh a tha ’g an caoidh— ’s a’ mhàthair chràbhach a tha ’guidhe air an son. Cha ruig mi leas a ràdh cho liugha latha ainmeil, agus blàr nach téid air dì-chuimhn’ anns an cualas a ceòl uaibhreach a’ brosnachadh nan Gàidheal gu gniomharan treuna, ’s gu buaidh. Am bheil blàr e bha riamh cliùiteach do Bhreatunn anns nach cualas a tartarachd àrd. Seadh, ’n uair a bha gach inneal-ciùil eil’ air a chur gu tosd ’s an àr, chunnacas am pìobaire ’n a éideadh dùthchasach ann am broilleach nan gaisgeach, gus an do chailleadh a cheòl ann an caithream àrd na buaidh’; agus is minic ’an déigh dha ’bhi air a leòn gu trom, a shuidh e air a lic fhad ’s a bha ’chridhe ’bualadh a’ cur le ’cheòl misneach ann an uchd na feadhnach a bha fhathast air mhaireann, agus a’ seinn cumha a bhàis féin an uair a thuit e!
Tha dòchas agam gu’n tig sibh sgrìob eil’ an rathad so mu’m fàg sibh an dùthaich. Slàn leibh ’fhir mo chridhe. “An là chì ’s nach fhaic.”
COMHRADH EILE
EADAR SEANA CHARAID GALLDA AGUS FIONNLADH PIOBAIRE.
CARAID GALLDA. —Fàilt’ air Fionnladh Pìobaire. Cia mar ’tha thu?
FIONNLADH PIOBAIRE. —Ma ta taing dha-san a tha ’g a fheòraich, ged nach ’eil mis’ uile gu léir a’ deanamh a mach cò e; ach stad beag—air m’ fhocal is sibh a ta’ ann, ’s mìle fàilte ’s furan oirbh. Chaillinn mo shùilean, ’s mo thuigse ’n là nach aithnichinn sibhse. Da rìreadh ’s fèarr leam fàsgadh de’r làimh na ged a gheibhinn, mar a fhuair Mac Cruimein mòr nam feadan, “Pòg o làimh an Righ.”
CAR. —Air d’ athais, ’Fhionlaidh, na fàisg cho teann. Am bheil a’ mhiann ort “a’ ghlas mheur” a chluich air mo chorragan tana-sa? cha-n ’eil iad cleachdta r’a leithid.
FIONN. —Tha mi ’làn-chreidsinn nach ’eil; oir is e sliobadh fuar, sleamhainn nan Gall air am bheil sibhse ’nis eòlach. Cha bu toigh leam riamh e; cia mar a tha sibh? Obh! Obh! ’s fhad’ o’n dà latha sin. ’Fheara ’s a ghaoil! shaoil leam fhéin nach coinnicheamaid gu bràth tuilleadh.
CAR. —Nach cuimhne leat-sa an sean-fhocal— “Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnoic.” Am bheil do mhàla fhéin ’s màla na pìoba gu slàn? Suidhidh mi leat tamull an so air Cnoc-na-gréine, far an do shuidh sinn gu tric ’s an àm a dh’ fhalbh. B’ àillidh am feasgar samhraidh air an robh mi’n so mu dheireadh leis an fhear nach maireann ’n uair a chluich thu dhuinn “Cumha Phàra mhòir,” agus “Spaisdearachd Dhòmhnuill Ghruamaich.”
FIONN. —Tha sibh ceart, ’s ann aige fhéin a bha ’n cridhe bàigheil. Tha ’n duine ùr so thàinig oirnn ’n a àite anabarrach cruaidh, gun suim de phìob no de ni eile ’bhuineas do ’n Ghàidhealtachd. Tha e air a bhreath-as le gaol nan caorach mòra. ’S taitniche leis-san spaisdearachd nam mult na aon phìobaireachd a thàinig riamh á feadan. Na ’n ainmichinn port dha ’s e ’n t-ainm a bheirinn air, “Cumha ’mhuilt mhòir” a chaidh thar na creige ’n là roimhe nach mòr nach do chuir bàinidh e. Cha tig dhomh-sa labhairt ’n a aghaidh; ach o’n a tha sibh ri bhi ’n a chuideachd cha bu mhisde leam ged a thigeadh sibh thairis air an iomairt thruaigh a th’ aige air daoine bochda na dùthcha so. Cha-n ’eil smùid tigh, no á bothan shuas anns na glinn, far am faca sibhse a’ cheatharna chòir. Bu cho maith leis tigh a thoirt do ’n t-sionnach ’s a thoirt do chreutair bochd, no do bhantraich. Cha chuala sibh riamh ni coltach ris an riasladh chianail a rinneadh air an t-sluagh a bh’ air an oighreachd so. Cha-n ’eil buachaille cruidh no chaorach aige ach coigrich. Cha tuig madadh a’ chìobair fhéin diog Ghàelic. Cha do fhreagair Mac-talla nan creag aon fhocal Gàelic o’n là a dh’ fhalbh Dòmhnull Brocair. Cha d’ fhàgadh dris air am faigh sinn smeur—no preas air am faighear cnò—tha ’n t-aoineadh cho réidh, lom, ri tulchainn an tighe. Ma ’s iad na h-àirneagan fhéin bhiodh e cho maith dhuibh dol a dh’ iarraidh dhearcan fìona riu. Theich na h-eòin do ’n choille taobh eile ’chaoil! agus ma ’s i ’Chuthag ghlas i fhéin, cha d’ fhàgadh stob air an urrainn i suidhe. Loisgeadh a’ phreasnach bhòidheach choille a bha bho cheann gu ceann de’n oighreachd so. Cha chruinnichear de chréithich na bhruicheadh poit bhuntàta, ged bhiodh i ann: agus air son caoil cha d’ fhàgadh na dheanadh mùrlag iasgaich. Ach coma co dhiubh, cha bhi sinn a’ tighinn thairis air a’ chùis na’s fhaide. Ged bhiodh barrachd ciùil ’am mèilich nan caorach mòra na ’th’ann, tha mi fhéin seachd sgìth dhiubh. Gu dé so an naidheachd a thug sibh fhéin do ’n dùthaich? Am bheil sàmhchair a nis ’s an Fhraing? ’s an deachaidh casg air an aimhreit mhòir a bha ’n am measg?
CAR. —Chaidh stad oirre air an àm, ach cha-n ’eil fhios cia fhad a bhios sìth ’n am measg. ’S ann le ainneart a’ chlaidheimh, agus le h-eagal nan gunnachan mòra ’tha iad air an cumail sàmhach. Cha-n ’eil annta, ’Fhionnlaidh, ach daoine ciogailteach.
FIONN. —Tha sibh ceart: sgaomairean gogaideach, gun chridhe gun eanchainn.
CAR. —Cha-n ’eil fhios ’am cia mar a tha ’n cridhe, ach tha eanchainn gu leòir ’s na béistean. ’S ann is mìorbhuileach a sheas iad a mach cho fad’ an aghaidh an airm riaghailtich.
FIONN.— ’S e ’n gille Gallda ’s an tigh mhòr a bhios a’ leughadh nam Paipeirean dhomh-sa, agus cha tuig mi gu ro mhaith cuid de na nithean air am bi e’ tighinn thairis. Cò iad ris an can iad naNational Guards?
CAR. —Am bheil cuimhn’ agad mu naVolunteersa bh’ againn o cheann fhada—saighdearan dùthcha.
(Ri leantuinn.)
Chaidh àireamh mhor de mhuinntir man Stàitean a null a Bhreatuinn air an t-samhradh so. Thòisich iad toiseach an t-samhraidh, agus a mise tha suas ri tri fichead mile dhiubh thall, agus tha h-uile h-aon dhiubh air son tilleadh ann an September. Sin cha ’n urrainn daibh a dheanamh, oir cha’n eil de shoithichean a tigh’n thairir na bheis a nall ach mu dha mhile dheug sa mhios, agus feumaidh càch foighidin a dheanamh. Ach cha’n eil bàs duine gun ghràs duine; tha na Breatunnaich a deanamh moran airgid orra.
[Vol . 4. No. 8. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, OGUST 31, 1895.
Litir o Alasdair an Ridse.
Fhir-deasachaidh ghasda: —Tha mi ’toirt moran taing dhuibh air son gu’n do chlo-bhuail sibh “Eachdraidh Bliadhna Thearlaich,” anns am bheil Clann Domhnuill na Ceapaich a faotainn a chliù a choisinn iad cho daor ann am blàr Chòil-fhodair. Dhe na leubh mi riamh mu dheighinn a bhlàir sin, ’s i ’n eachdraidh so an aon sgriobhadh anns am faca mi an fhirinn air a cur sios. Bheir eachdraidhean eile a chreidsinn oirnn nach deachaidh a dhaoine dh’ an bhlàr le Mac- ’Ic-Raonuill, ach a réir ’s mar thuirt Dùghall Ruadh Camaran, fear aig an robh fianuis a shùl’ air a chùis, chaidh a dhaoine sios leis, ’s cha b’ iad na meathaich iad.
“ ’Nam b’e ‘cothrom na Féinne’
A bhiodh eadar iad féin ’s Clanna Ghall,
Bhiodh eòin mhollach an t-sléibhe
Gàirsinn salach air chreubhagan chàich.
Air do Dhùghall Ruadh a bhi diumbach dhe’n Mhorair Shléiteach a chionn nach d’ éirich e le Tearlach, thuirt e na facail a leanas,
“A Mhic Dhomhnuill gun sgoinn,
’S ann a chomhaich thu ’n fhoill;
Ged a gheall thu bhi dileas,
’S ann a dhiobair thu ’n greim.
Chuir thu litir do’n Fhraing
’Chuireadh Thearlaich a nall,
’S ged a fhuair thu fios-freagairt,
Cha do fhreasdail thu ’n t-àm.
Cha b’ ionnan ’s an laoch
Bho Cheapaich nan craobh;
Chaidh e sios le chuid ghaisgeach
Nach robh tais air an raon.
Na fir acfhuinneach, chruaidh,
Bho Spiathaìn ’s bho Ruaidh,
’Chaidh a sios fo’n cheann-feachda
B’ fhearr a bh’ ac’ ’san taobh tuath.
Cha b’e caigneachadh lann
A chuir bristeadh na’n rang,
Ach frasan nam peilear
Tigh’n bho theine naa Gall.”
Cha robh ach beagan de Chloinn Domhnuill an làthair ann am blàr Chùl-fhodair. Cha d’ éirich am Morair Sléiteach idir le Tearlach; ’s ann a chuis e pàirt de dhaoine gu tir-mor ’na aghaidh. Agus bha Mac- ’Ic-Ailein air an rathad a tighinn ’s e ’n dùil gur h-ann an ath latha bhiodh am blàr ann. So mar thuirt Iain Ruadh Stiubhart.—
“Na còig brataichean sròil’
Bu mhath chuireudh an lò,
Gun aon duine dhiubh ’n còir a chéile;
Iarla Chromba le shlòigh,
Agus Barasdal òg,
’S Mac- ’Ic-Ailein le sheòid nach géilleadh.”
Cha do dh’ fhan air ais á blàr Chùil-fhodair de Chloinn Domhnuill ach còig ceud de dhaoine Mhic- ’Ic-Alasdair. Gun teagamh bha àrdan orra chionn an làmh dheas a thoirt bhuapa ’n la ud, ach bha aobhar eil’ aca air a chùis bu drùightiche na an t-àrdan. Mu’n àm a bha dùil ri Tearlach a bhi tighinn, chaidh Mac- ’Ic-Alasdair a chur do’n Fhraing le litir gu Seumas, athair a phrionnsa, agus air a thilleadh dhachaidh chaidh a ghlacadh ’sa chur am priosan ann an Tùr Lunnuinn, far an deach a chumail gus an robh an cogadh seachad. B’e a bhràthair, Aonghas Og, bu chòirneal air réiseamaid Ghlinn-Garraidh aig an àm, ach gu mi-fhortanach, an latha ’n déigh blàr na h-Eaglaise Brice, chaidh a mharbhadh le urchair thubaistich, agus dh’ fhàg sin iad gun cheannard gus an stiùireadh.
Facal no dha eile is bidh mi a’ sgur. Ann an eachdraidh “Lachuinn ’ic Thearlaich Oig,” mar a thug “Sgiathanach” seachad i, chunnaic mi far an d’thuirt e gu’n do chaochail e anns a’ bhliadhna 1734, agus gu facas, am measg uaislean eile, Alasdair Dubh Ghlinn Garraidh air a thòrradh. Chaochail Alasdair Dubh ’sa bhliadhna 1724, deich bliadhna roimh Lachuinn, agus mar sin cha ’n eil e ro choltach gu robh e air an tòrradh.
ALASDAIR AN RIDSE.
SGEUL EACHUINN.
Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe.
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
[Vol . 4. No. 8. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh dithis iasgairean, Frangaich, Eoseph Arsenault agus Camile Gallant, a bhàthadh aigEgmont Bay, P. E. I,an la roimhe.
Tha fear Iain Walsh a fuireach aig a Bhras d’Or Bheag aig a bheil ceud agus a deich de shliochd, eadar chloinn us oghaichean us iar-oghaichean. Tha dha air fhichead de chloinn aige.
Chaidh gille òg, Alasdair Doucet, a bhàthadh ann an Arichat la na Sabaid s’a chaidh. Bha e fhéin us dithis ghillean eile a mach a snàmh; bhuail greim esan agus chaidh e fodha a dh’ aindeoin na rinn cách gus a shàbhaladh. Cha robh e ach sia bliadhn’ deug a dh’ aois.
Chaochail tuathanach còir d’ am b’ ainm Uilleam Chambers ann an Ontario o chionn ghoirid an deigh dha aois cheud bliadhna ’sa seachd a ruigheachd. Bu sheann saighdear e, agus chog e ann am blàr Chorunna ’sa bhliadhna 1809, am blàr anns an deachaidh an ceannard treum Sir Iain Moore a mharbhadh.
Tha ’n eaglais Mhethodach ri bhi air a fosgladh am màireach. Bidh seirbheis innte aig aon uair deug ’sa mhaduinn, agus aig tri uairean ’s aig seachd uairean feasgar. Chaidh mu cheithir mile dolair a chosg ’g a h-ùrachadh, agus tha i ’na h-eaglais cho briagha ’s a dh’ iarrte. Tha cuid ag radh gus h-i ’n eaglais Phròtstanach a’s briagha tha ’n Ceap Breatunn.
Tha ’m bàrr anabarrach math ann am Manitoba air an fhoghar so. Fhuair an cruithneachd dathadh dhe’n reothadh air an t-seachdain s’a chaidh, ach cha d’ rinneadh milleadh a b’ fhiach air. Chaidh mu choig ceud deug de luchd-oibreach ann á Ontario o chionn ghoirid air son na buana.
Rinn an t-Urr. D. M. MacEamuinn, a Oil-thigh Antigonish, céilidh bheag againn an la roimhe. Tha ’n sagart òg so a mhuinntir a Bhai- ’n-Ear, agus choisinn e cliù mor dha féin le ’sgoilearachd. Tha e o chionn da bhliadhna na fhear-teagaisg anns an Oil-thigh. ’S e bu cheannard dh’ an Sgoil Ghàilig air a gheamhradh s’a chaidh; tha e glé mheasail air a Ghàilig. Bha sinn toilichte fhaicinn, agus bidh sinn toilichte fhaicinn uair sam bith eile thig e ’n rathad.
Di-sathairne s’a chaidh, thaghail duine còir a stigh againn, Eachunn Mac Gilleain á Bridgetown, N. S., agus dh’ fhàg e ’ainm ’sa dholair air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA. Fhuair Mr. Mac Gilleain a bhreith us árach ann an Ceap Breatunn, agus tha moran chàirdean aige air feadh siorrachd Inbhirnis. Bha e àìreamh mhor de bhliadhnaichean ag obair air ròidean-iaruinn anns na Staitean an Iar, agus tha e nise tigh’n beò air a chuid airgid, ’s an deigh suidheachadh ann am Bridgetown. Tha e ’na dhuine mor foghainteach, agus cho Gàidhealach ri fàd mòine. Tha e ’na oifigeach ann an Comunn Chloinn Ghilleain a chuireedh air chois ann a’ Chicago o chionn da bhliadhna.
Bha stoirm mhor chlachan-meallain aca ann an cearna de shionnachd Chumberland air an t-seachdain s’a chaidh. Bha cuid de na clachan, ma’s fior an sgeul, uiread ri udh circe, agus bha ’n talamh air fhalach leotha ’an àiteachan. Tha aon tuathanach ann a chaill a chuid barra gu h-iomlan, agus bhristeadh da fhichead lòsan anns na h-uinneagan aige.
Chaidh seana bhean, bantrach Alasdair Shiosail, ann anWilliamstown , Ontario,a losgadh gu bàs air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i fuireach còmhla ri piuthar dhi, agus bha a piuthar tinn aig an àm. Bha ise anns a chidsinn a lasadh lampa, agus ge’r bith oia mar a dh’ éirich e dhith, ghreimich an teine air a cuid aodaich, agus mu’n d’ ràinig cuideachadh, bha i air a losgadh cho dona ’s nach robh i beò ach beagan mhionaidean.
Bha ’n t-Urr. Calum Caimbeal( “C. C. ”) ministear Strath-Alba, E. P. I., air chuairt ghoirid ann an Ceap Breatunn. Bha e air an t-Sabaid (an 18 latha) air a Chladach a Tuath. Cha d’ fhuair e tighinn cho fada ri Sidni, ach thainig a’ bhean, a bha còmhla ris, agus tha i cur seachad seachdain còmhla ri càirdean ann an Glace Bay. Tha Mac-Talla ’guidhe “a h-uile latha sona dhaibh” le chéile.
Tha sinn a cluinntinn gu bheil am coirce ’s am buntàta gu bhi glé mhath ’an Eilean a’ Phrionnsa air an fhoghar so. Cha robh choltas orra an àm gearradh an fheoir gu’m biodh feum sam bith annta, ach thug na h-uisgeachan a thainig o’n uair sin air adhart iad gu h-anabarrach. Bidh am feur gle ghann air a gheamhadh s’a tighinn, ach ni pailteas a choirce ’s a’ bhuntàta suas an call. Faodar a radh gu bheil Ceap Breatunn air a cheart dòigh; ged a bha ’m feur bochd tha gach seòrsa bàrr eile gu bhi glé mhath.
Rinn an stoirm a bh’ ann Di-domhnaich call mor air a mhuir, barrachd ’sa rinn stoirm sam bith a thainig am bliadhna. Chaidh soitheach á Port Hawkesbury, amMorning Lighta bhristeadh aigMalignant Cove,an Antigonish, agus chaidh an sgiobair, Anthoni Walker, a mhuinntir Amhuinn Inhabitants a bhàthadh. Chaidh soitheach eileLillian Linwood,as an àite cheudna air tir ann an Eileanan Mhagdalen agus a call; agus chaidh soitheach Frangach áSt . Pierreair tir aigBig Lorraine, C. B. ,agus tha e ro choltach gu’m bi i air a call gu buileach. Chaidh soitheach eile a dh’ fhalbh le luchd guail a Sidni Tuath a chur bhar a h-acaire ann amPort Mulgrave ’sa curair tir. Cha robh an stoirm glé throm timchioll air Sidni idir, ach bha i gu math garbh ann anGlace Bay ’s am Port Morien.
Freagairtean.
Moran taing do “D. B.” aMaxville , Ont. ,agus da charaid a Dunbheagain, air son nan sgriobhaidhean a chuir iad ugainn. Tha sinn an dòchas nach fhada gus am faigh sinn rud-eigin bho pheann “D. B.” fhèin.
Bidh slnn gle thoilichte an òraid a dh’ainmich “Cona” ’na litir ugainn fhaotainn, agus geallaidh sinn rùm a dheanamh dhith cho luath ’sa bhios ’nar comas.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 8. p. 6]
Oidhche Shamhna, —Alastair Mac-Clullaich.
“Co so shuas air ceann mo ròpain? ”—
“Mise, Mac-Clullaich, am buachaille brònach”
Tha ùine fhada bho’n thachair an gnothuch mu ’bheil sinn a nis ag innseadh; ach ’s eachdraidh fhirinneach i.
Bu dilleachdan bochd Alastair. ’Na ’oig, dh’ fhag e tigh a mhathar, agus chaidh e air astar o’n àite ’n d’ rugadh e air tòir cosnaidh. Fhuair e so ann an sgireachd Chromba, ann an tigh tuathanaich chòir a bha ann an deagh chothrom. Fad mios no dha, bha Alastair ’na strùille balaich co troma-cheannach, lùnndach, leasg, ’s a b’ urrainnear fhaotainn an astar latha; ach cha b’fhada gus an d’fhas e lùghmhor, togarrach. Bha e coslach ri Gaidheil eile, moiteil agus cuideil. Air latha na Sàbaid, chuir e suas an t-eile beag ’s am breacan, boineid ghorm air a cheann agus biodag r’a thaobh, agus có ach Alastair!
Ged bha e samhach, tuigseach, glic, grunndail, bha moran do dh’ fheala-dhà agus fearas chuideachd sàmhach ann. Bha fear-a bhaile far an robh e ’fuireach ’na dhuine ciallach, measail. Cha robh de theaghlach aige ach aon nighean—caileag bhoidheach, mhireagach, bheadarrach, aois naoi-bliadhna-déug. Bha barrachd leannan aice na aig uile mhaighdeannan na sgireachd—iomadh fleasgach eireachdail a’ suiridhe oirre, ’s ag iarraidh a làimhe am posadh. Dhiult i gach aon diubh, a tairgseadh moran taing dhoibh airson an caoimhneis agus an deagh-rùin. Thug iadsan gradh dhi, cha robh àrach ac’ air; ach bha ise suarrach mu’n déibhinn, agus cha mho bha comas aice-se air. Mu dheireadh, thuit Alastair bochd an trom-ghaol air an òigh àillidh so—seadh, Alastair, am buachaille! Cha robh comas aige air. Bha ise càirdeil, caoimhneil ris; ach cha robh amharus air bith aice gu’n robh e ’smuainteachadh oirre. Bha ’n gille bochd an gaol, ach bha e gun dòchas; ach ged a bha, cha robh e mi-shona. Bha a bhruadair, ’na chadal ’s ’na dhùsgadh, mu’n nighinn àilidh so; agus bha e sona, do bhrigh gu’n robh i mu choinneamh a shùl. Bha e modhail, cridheil, sunndach, crònan òrain do ghnàth ’na bheul. Chuir e iongantas air Lilias òig c’àit an d’fhuair e a mhodh, ’s a shuairceas, agus ’uaisle; agus c’arson a bha Alastair do freasdalach dhi féin, a’ deanamh do ghnàth mar a b’ urrainn da chum a toileachadh! ’San anmoch, ’nuair chruinnicheadh iad mu’n ghealbhan a sheanachas, shuidheadh e mu ’coinneamh, a’ beachdachadh oirre le anbharra tlachd, agus gun fhacall as a cheann. Bha Alastair, am buachaille brònach, coig bliadhna na b’oige na Lilias agus cha do smuaintich i riabh gu’n robh e an gaol oirre. Ach coma co dhiùbh, thàinig oidhche Shamhna, agus chuir so a’ chùis air a h-aghart. Chuala Alastair Lilias agus bana-chompanach eile a’ seanachas mu chleasan na Samhna, agus, am measg chàich, mu thilgeadh na ceirtle ’stigh do shùil na h-àtha. “ ’Saoil thu,” arsa ’bana-chompanach, “an gabh thu misneach dol do’n áth air oidhche Shamhna, agus a’ cheirtle ’thilgeadh? Tha’n àth dorcha agus uaigneach, agus is iomada sgéul a chuala mi mu thilgeadh na ceirtle.” “ ’Ne mise?” arsa Lilias. “Gu dearbh theid mi do’n àtha, agus tilgidh mi a’ cheirtle. ’S coma leam gach sgéul a chuala mi riabh mu na nithe sin. Feuchaidh mi, a dh’aona chuid, a’ bheil no nach ’eil firinn anns na chuala mi mu thilgeadh na ceirtle. ’S miann leam ainm m’ fhir-phòsda chluinntinn.”
Bha Alastair, am buachaille, mar shaoil iadsan, ’na shuain taobh an teine; ach chual’ e mar a bhà. Air feasgar latha Samhna, dh’iarr e cead fir-a’ -bhaile, an làthair Liliais, an oidhche sin a chur seachad ann am baile-monaidh a bha greis air falbh; agus fhuair e cead. Thàinig oidhche Shamhna, agus thog Alastair air, nam b’ fhior, a dh’ ionnsuidh a’ bhaile-mhonaidh; ach tiota beag an déigh dha falbh, phill e gu sàmhach air ais, agus thug e ’n àth air. Streip e suas ri stuaigh an tighe, agus chaidh e stigh air an luidhear. Leig e e féin sios do shorn* na h-àtha, agus an sin shuidh e a dh’ fheitheamh gus an tigeadh a leannan. Fad uair an uaireadair, shuidh e san t-sòrn a’ feitheamh. Mu dheireadh chual’ e céum aotrom a’ tighinn; chuireadh an iuchair sa’ ghlais: dh’ fhosgladh an dorus; bha gathan na gealaich a’ soillseachadh gu fann. Mhothuich Alastair, am buachaille, co bh’ ann. Thilg i a’ cheirtle; ghlac esan i. “Co sud shuas air ceann mo ròpain?” ars ’ise le guth briste gealtach ’s ag amharc thar a gualainn air an dorus gu ruith a mach— “Co sud shuas air ceann mo ròpain?” Fhreagair guth o shùil na h-àtha, “Mise MacClullaich, am buachaille brònach.” Cha luaithe chuail’ i so na ’ghrad theich i ’mach! Chual’ Alastair tailmrich chas mu’n dorus, agus bha eagal a chridhe air gu ’m faigheadh iad a mach co bha san àth. “An cual’ thu ’bheag no mhor? arsa ’bana chompanach. “ ’Ne mise?” ars’ ise; “cha chuala diog,” a’ dùnadh ’s a’ glasadh an doruis, ’s a’ toirt na h-iuchrach dhachaidh. An naigheachd a’s mo air na smaointich duine riabh! Dhùineadh agus ghlaiseadh an dorus; agus bha aig Alastair, am buachaille, ri faotainn a mach mar a b’ fhèarr a b’urrainn da.
Bha’n teaghlach ’n an cadal mun do phill e mar gum b’ ann o’n bhaile-mhonaidh; ach air an là-màireach chunnaic e Lilias. Bha i fuar, uaibhreach, crosda. Cha do chuir i fàilt air, ’s cha mhor gu’n do labhair i ris. Ach cha b’fhada bha i mar so. Cha do leig Alastair a’ bheag air. Chaidh bliadhna ’s bliadhna seachad. Thainig suiridhiche an déigh suiridhiche g’a h-iarraidh, ach dhiult i iad uile. Mu dheireadh, nuair bha i ceithir-bliadhna-fichead a dh’aois, tharruing i ri Alastair. Bha e nis ’na òganach eireachdail, dreachmhor, àrd, calma, foghainteach, fearail. Bha e dileas, measail, làn earbsa aig a mhaighstir anns gach ni. Dh’iarr e a làmh am pòsadh. Fhuair e so, oir bha a cridhe aige. Phòs iad, agus cha robh san tir uile càraid bu mheasaile ’s bu shona na iad. Chaochail an seann-duine—bha a’ ghabhail fhearainn aca féin; ach cha’n eil teagamh air bith nach d’thug cleachdaidhnean oidhche Shamhna am pòsadh so mu’n cuairt.
*Flue .
Sean Fhacail.
Am fear a gleidheas a theangaidh, gleidhidh e charaid.
Am fear nach bi olc na aire, cha smuainich e olc fir eile.
Am fear nach gabh ’n uair a gheibh, cha ’n fhaigh ’n uair is àil.
Am fear nach do thàr gu bhogha, thàr gu chlaidheamh.
Am fear nach do chleachd an claidheamh, fagaidh e na dheigh e.
Am fear d’an dàn a chroich cha teid gu bràth a bhàthadh.
[Vol . 4. No. 8. p. 7]
Am fear nach toigh leam, tilgidh mi mo spid air.
Am fear nach éisd ris n’as olc leis, cha’n fhaic e n’ as ait leis.
Am fear nach meudaich an carn, g’a meudaich e chroich.
Am fear a bhios carrach ’s a bhaille so, biodh e carrach ’s a bhaill’ ud thall.
An cleachd a bhios aig duine aig an tigh, bithidh e aig air cheilidh.
Am fear a ni obair na àm, bhithidh e na leth thàmh.
An uair a luidheas a gaoth, ’s maol gach sian.
Am fear nach cunnd’ rium, cha chunndain ris.
Am fear nach cluinn gu maith, cha toir a ach droch fhreagairt.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
CLOIMH.
DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
I.O. G.T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche. Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, —C. B
[Vol . 4. No. 8. p. 8]
MARI LAGHACH.
LE MURCHADH RUADH NAM BO.
LUINNEAG.
Ho, mo Mhari laghach,
’S tu mo Mhari bhinn;
Ho, mo Mhari laghach
’S tu mo Mhari ghrinn;
Ho, mo Mhaii laghach,
’S tu mo Mhari bhinn;
Mhari bhoidheach lurach
’Rugadh ann sna glinn,
Ged is trom a’ ghaillionn,
’S ged tha ’n reodhadh ann,
Ged tha ’m monadh fiadhaich,
’S ged tha ’ghrian air chall,
Tha gamhnichean ri ’m bleoghann,
’S tha feoil ghobhar ’s mhang,
Aran ’s im is cais’ ann,
’S cha bhi tràth oirnn gann.
Mi ’m shineadh sa’ bhuthaig,
Gun churam, gun sgios,
Air an leaba chòinich,—
Dh’ fhoghnadh i do ’n righ,—
Uisge glan nam fuaran
’Na chuairteagan grinn,
’S co-dhiu ’bhios teas no fuachd ann
Thig e ’n nuas ’na still.
’N uair a thig a bhealtinn,
’S am dol do na glinn,
Ged robh ’n t-aran gann
Bidh amhlan air da-fhillt’,
Gheibh sinn gruth is uachdar,
Buannachd a chruidh-laoigh,
’S loinid a chinn chuachich
’Cur mu ’n cuairt a mhig.
’N uair a thig an samhradh
Bidh a choill fo bhlath,
Bidh na h-Eoin a seinn
A dh-oidhch’ agus a la,
Gobhir agus caorich
’S an crodh-laogh le ’n àl,
’S Mari bhàn gan saodachadh
Ri aodann chàrn.
’S feumail ann sa ghleann thu
’N uair thig am a bhlaiths;
’Cuartachadh nam bo
’S tu ’n comhnuidh air an sgàth.
Bidh tu ’dol do’n bhuaile
’S t’ fhalt mu d’ chluais a fàs,
’Bleoghann a chruidh ghuaillfhinn,
’S bidh a chuach fo bharr.
Nam biodh Seonaid la
’Chur a lamh ’san im.
Peigi ris an al
Is Mari mu’n chrodh-la h
Bhithinn-sa cho stàtail
’Dol gn airidh leibh,
’S nach malairtinn aite,
Ri fear stàta ’s tir.
Thug ar n-abhachd barr
Air ailleas righrean mòr;
B’ annsa na na sraidean
Duilleach ’s barr an fheoir,
Flurichean an fhasich
’Toirt dhuinn càil is treoir,
Is sruthain ghlan nan ard bheann,
’Chuireadh slaint’ ’s gach por.
’Nuair shuidheas daoin’ -uaisle
Mu ’n cuairt air a bhord,
’Geilteachadh ri cheile,
’S deidh ac’ bhi ri ceol.
Cha n-fhaic mis’ an eis iad
Airson seis da ’m beoil;
Luinneag Mari chuachaich
’Tha shuas an Gleann-smeoil.
Bha Murchadh Ruadh na bhanntraich nuair a rinn e ’n t-oran. Bha triuir nighean aige, Mari, Seonaid, agus Peigi; ’s i Mari bu shine. ’S e ’s docha nach robh i, ach eadar ceithear-deug ’s a coig-deug.
MARI CHRUINN CHUACHACH.
LE MURCHADH RUADH NAM BO.
Bidh Mari ’measg nam maighdean
A’s boisgeant’ an cuirt;
Mar choinnil ann an coinnleir
A soillseachadh buird,
Mar rionnaig ann san oidhche
Mar dhaoimean am buth;
Mar lili air na lointean
Mar neoinein fo dhruchd;
Mar eal’ air uchd na mara,
Mar chanach air luib;
No mar ghealaig air a chuan
Gun dol suas ’chum a bhuirn.
Is ged a bhidhinn-s’ eolach
Mu chors’ Innse Gall
Eadar Ile ’s Cnoideart
Is Trotairnis thall,
’S ged bheachdichinn gu geur
Air gach te a tha ann,
Chan fhaicinn bean do neoil,
Am measg og-bhan ’san am s’.
Ceol a’s binne, meoir ’s grinne,
’S beul bho ’m meachir rann;
B’ anns’ a bhi ga t’ eisdeachd
Na fiodhull theud ’s ceol danns.’
Bidh Mari chruinn chuachach
Ga luaidh air an fheill,
Bidh iorram aig daoin’ uaisl’ oirr’
’Cur chuachan gu’m beul.
Bidh baintighearnan oga
Nan seomrichean fein,
’S iorram ac’ air Mari
Le mànran am beil;
Ceol ’s binne aig a chlann nighean
Na fiodhull nan teud.—
Thoginn fonn air Mari
’Cur aird air an spreidh.
Thubhairt fear de choimhearsnich ri Murchadh Ruadh nach b’ urrinn e Mari a mholadh na b’ airde na rinn e. Rinn Murchadh an duanag a thug mi seachad a dhearbhadh gum b’ urrinn.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.
title | Issue 8 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 8. %p |
parent text | Volume 4 |