[Vol . 4. No. 9. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B,, DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 7, 1895. No. 9.
Iomradh air mo Thuras do Cheap Breatuinn.
Dh’ fhàg sinn Strathalba feasgar Diar-daoin an 15mh latha de Ogust agus thainig sinn air an oidhche sin do Charlottetown, priomh-bhaile Eilean a’ Phrionnsa. Aig seachd uairean an ath latha sheòl sinn gu Pictou far an deacha sinn air bòrd a charbaid-iaruinn a ghiulain sinn an cabhaig gu Caolas Chanso. Thug a’ Mulgrave a null air an aiseag sinn, agus aig Rudha Thupper chaidh sinn air bòrd a charbaid an Ceap Breatuinn. Bha Mac ’Illinnean còir air an stiùir, ’s ged bha sinn a siubhal mar fhiadh air fireach bha sinn ’gar faotuinn féin tearuinte a chionn gu’n robh stiùradair earbsach againn. Ràinig sinn na Narrows Mhora mu’n do laigh a ghrian. Tha drochaid air a chaolas sin a tha na h-ionghnadh do luchd-turais agus na cliù do’n mhuinntir a thog i. Dhealaich sinn an sud ris an each-iuruinn agus ghabh sinn an sin an smùid-shaothach gu Baddeck. Co bh’ air an lamhraig an sin ach Iain Mac Iomhair, sean-fhear eòlais. Sud ’na ’charbad sinn ’sa null gu Ceann-a- chòbh. Cha do thamh ’s cha do stad e gus an d’thug e sinn gu dorus Chalum ’ic Mhurchaidh Ruaidh. Cha robh éis oirnn tuilleadh. An lath- ’r-na-mhàireach chuir Domhnull Mac Amhlaidh, caomhan, each ’us carbad fo’r làimh, a chum ’s gun rachadh sinn taobh air bith a b’ àil leinn. Ni b’ fhearr na sud cha b’ urrainn sinn iarraidh. ’N uair fhuair sinn inneal-giùlain duinn fhéin dh’fhalbh sinn; ’s ma dh’ fhalbh ’s fada chluinnte stairearaich nan clach, seachad an cnoc mor, a null gu St. Ann’s, agus sios an Claduch-a- Tuath. Rainig sinn Baile-nan-Gall mu thràth nòin. Fhuair sinn gabhail ruinn, mar is minig an fhuair, a tigh Aonghais Mhic Ritchi. ’Nuair leig sinn dhinn ar sgios thug Torcall an t-aiseag dhuinn, ’s cha do thàmh sinn tuilleadh gus an d’ rainig sinn manse Mhr. Friseal. B’ fhurasda dhuinn cairtealan fhaotuinn an sin an oidhche sin, ach bha tri mile fathast romhainn ma’s ruigeamaid ar ceann-uidhe. ’N uair bha ’n tea seachad thog sinn rithe. Rainig sinn an t-seann dachaidh anns a ghlòmanaich ’s a thaobh ’s nach robh sùil aca ruinn theab nach aithnicheadh iad co bh’ aca. Chum sinn greis ann an teagamh iad, ag atharrachadh ar guth mar b’ fhearr a dh’ fhaodadhmaid. ’N uair thuig iad co bh’ ann bha iad uile toilichte ar faicinn mar bha sinne iadsan. Air maduinn an ath latha chaidh sinn do’n eaglais. Shearmonaich Mr. Iain Mac Cumaraid anns a bheurla, agus thug an sgriobhadair facal do na Gàidheil nan cainnt fhéin— “a chaint a’s fearr air thalamh.” Bha Mr. Mac Cumaraid air chuairt mar bha sinn fhéin a measg a chàirdean. Bha sinn mar sin le chéile maile ri Mr. Friseal, minister na sgire, air an la ud. Thachair mar an ceudna gun robh mathair Mhr Friseil air aoidheachd an tigh a mic aig an am. Thug an comh-thional fanear gun do thachair ni nach do thachair riamh roimhe anns an sgire, agus is tearc a tha tachairt an àit air bith, —triùir mhinistearan cruinn anns an aon chùbaid agus an triùir mhàthraichean an làthair ga’n eisdeachd. ’S e ’s coltaiche nach bi an t-seathnar ud tuille cruinn ’san aon àit-aoraidh an taobhsa do’n bhàs. Anns an fheasgar thug mise facal doibh aig Baile-nan-Gall anns an da chainnt. Fhuair mi aoidheachd aig Mr Iain Mac-Ille-Mhoire Ball-Pàrlamaid. Cha bu mhac mar an t-athair e mar biodh e caoimhneil carantach. Chaidh mi air ais an oidhche sin a ris; ’s mi dh’fhaodadh ’s an gille gasda Aonghas Mac Dhomhnuill as a’ Phlaister, le a steud-each ga m’ thoirt as ’us ann.
’Nuair thainig toiseach na seachdain b’fheudar cur ma’n cuairt. Dhùraichdinn dol ni b’fhaide gu tuath. Cha b’ annasach sin; tha càirdean ’s luchd-eòlais agam ann. Ach bhaSmokeyeadaruinn, an t-slighe fada, agus an ùine agamsa goirid. Ged bu leisg leam e b’ eiginn tilleadh. Di-luain dh’ fhàg sinn beannachd aig na càirdean uile, ’s gu h-àraid aig ar màthair. Chuir sinn an sin ar ’n aghaidh an taobh a thàinig sinn. Bha sinn am Baddeck an oidhche sin. An lath- ’r-na-mhàireach chaidh sinn gu Inlet a dh’ fhaicinn Iain Choinneich “do’m bu shuaicheant’ Cabar Feidh.” Chuir sinn oidhche seachad maille ris. Tha tigh Mhr. Mhic Coinnich air an rathad gu Hogamah.Tha iomadh àite maiseach an Ceap Breatunn, ach sealladh a’s maisiche na tha ri fhaicinn seachadInlet , Nyanza,na Narrows bheaga, agus suas gu ceann an uisge aig Hogamah, tha e duilich fhaotuinn. Tha na Trosacks an Alba iomraiteach air son am maise. Neach air bith le ’n àill a mac-samhuil fhaicinn rachadh e suas bho Bhaddeck gu Hogamah.
Air Di-ciadain chuir mi m’ aghaidh air a bhaile, ’s ràinig mi Eilean-a- Phrionnsa feasgar Diar-daoin. Dh’ fhàg mi mo bhana chompanach a’ siubhail am dhéigh, ’s cha n-eil sgeul agam oirre bho’n uair sin. Am bheil forfhais agad fhéin oirre fhir mo chridhe? Ma tha cuiridh tu fios am ionnsuidh anns a MHAC-TALLA.
Sin, ma ta, iomradh goirid air mo chuairt am bliadhna do Cheap Breatuinn. Bha i dhomhsa na cuairt thaitnich gu leòr. Cha robh cron oirre ach a giorrad.
C. C.
Strathalba, P. E. I., Ogust 28mh ’95.
Chaidh lagh a dheanamh ann an Sasuinn ’sa bhliadhne 1750 ag radh, “nach fhaodadh mnathan, aig bainis no aig féisd sam bith eile, an daorach a ghabhail idir, agus nach fhaodadh na fir a gabhail roimh naodh nairean feasgar.” Nach olc an ceartas a bh’ aig na mnathan anns na h-amannan ud!
[Vol . 4. No. 9. p. 2]
COMHRADH
EADAR SEANA CHARAID GALLDA AGUS FIONALADH PIOBAIRE.
(Le Tormaid Mac Leoid.)
(Air a leantuinn.)
FIONN. —Nach ann agam a tha! Nach mi fhéin a bu phìobaire dhoibh. Na daoine còire—cha-n fhaca mi fhathast air faiche, no ’n tigh-òsda na b’ fhèarr na iad fhéin ’s an oifigich air chùl buideil. Cha-n ’eil fhios ’am gu ro mhaith cia mar a sheasadh iad ’an làthair namhaid; ach coma cò dhiubh, na-m biodh feum air an leithidean an diugh bhiodh ionndrainn air na daoine tapaidh a tha iad a’ fògradh as an dùthaich. Ach innsibh so dhomh—ciod is ciall do na Barricades ud a bha iad a’ togail anns na sraidean air am bheil uiread de dh’ iomradh anns na Paipeirean?
CAR. —Tha dìreach seòrsa de dhìon-fhasgadh a chum grabadh a’ chur air arm, agus a chuir iad tarsuing air gach sràid. Thog iad clachan ’us leacan a’ chabhsair agus rinn iad callaid mhòr dhiubh. Chuir iad an sin gach ni ’bu duilghe ’ghlausad na chéile—carbadan, ’us cairtean, ’us slaoid, agus sgonnan mòra fiodha, ’s a h-uile ni a b’ urrainn doibh a chruinneachadh: agus bha na nithean so air an amladh cho teann ’n a chéile ’s nach b’ urrainn am marc-shluagh deargadh orra; agus cha mhò a b’ urrainn an t-arm-coise cuimseachadh orra-san a bha air an cùl. ’Mach bho chùl nan àitean so loisg iad mòran mu-m b’ urrainnear na gunnachan mòra ’thoirt a chum an smàladh. Chaidh mòran de ’n ghràisg eagalaich so, mar an ceudna ’stigh do thighean, agus a mach air na h-uinneagan chum iad an aon dararch air an arm mar a bha iad a’ gabhail seachad.
FIONN. —Tha mi ’g ur tuigsin; ach innsibh so dhomh—cia mar a fhuair a’ ghràisg so gunnachan agus cùngaidh làmhaich? Cha-n fhaod e bhith nach robh daoine cumhachdach agus àrd air cùl a’ ghnothuich mu-m b’ urrainn iad a dheanamh mar a rinn iad.
CAR. —Tha thu ceart—tha sin a nis air a dhearbhadh gu soilleir gu-n robh triùir no cheathrar dhiubhsan a’ roghnaicheadh air tùs gu ’bhi thairis air an dùthaich; no mar a theirear riu ’s a’ Bheurla, Provisional Government,air ceann na h-ùpraid, ged a dh’ fheuch iad ri sèabadh as n’ uair a chunnaic iad nach deach’ e leo.
FIONN—Tha dòchas agam nach robh an duine so—c’ ainm so e? (cha-n urrainn duine na h-ainmeannan mi-nàdurra a chuimhneachadh) ar leam gur latha Bealtuinn—no là—là Fhéill Màrtuinn ’n am measg; oir bha barail-mhaith agam air-san.
CAR. —Tha fhios ’am cò th’ ann ad bheachd—Lamartine. Cha-n ’eil esan ’n am measg. ’S ann a tha ’n sin duine gasda, a chum sìth ’s an dùthaich fhad ’s a b’ urrainnear a dheanamh; ach an fheadhainn eile tha e air a dhearbhadh ’n an aghaidh. Cha-n ’eil fhios fhathast ciod a nithear orra. Tha ’n dùthaich uile air an àm fo smachd an airm, agus ceannardan foghainteach, gleusda thairis orra.
FIONN.— ’Se Boni fhéin a dh’ fhòghnadh dhoibh. ’S truagh nach robh e ann a nis. C’ ainm so ’th’air an duine ’tha thairis air an arm? Ach gu dé ’m maith dhomh-sa fheòraich ’s nach urrainn ni ’aithris a rithist. B’ usa Piobaireachd ùr nach cuala mi riamh a choimhneachadh na h-aon de nach h-ainmeannan neònach sin.
CBR,— ’S e ’s ainm dha Cavaignac.
FIONN. —Ma ta ’s maith an t-ainm a thug iad air gun ag. Cha-n ’eil teagamh agam nach ’eil cabhag gu leòir air. Am bheil beachd a nis air an àireamh a mharbhadh air gach taobh?
CAR. —A réir a h-uile cunntais a thàinig d’ ar n-ionnsuidh agus anns am faodar earbsa ’chàradh, mharbhadh air taobh luchd na ceannairc còrr ’us deich mìle, agus tha iad ag ràdh nach bu lugha ’chailleadh air an taobh eile.
FIONN. —O! Ni-maith ’g ar teasraiginn! Nach b’ uamhasach an sealladh sin. Fichead mìle anns an aon bhaile! Na-n tachradh do leth-cheud a bhi air am marbhadh ’s an dùthaich againn-ne nach e ’dheanadh an fhuaim bhrònach? Ged is iomadh béist a thuit ’s an àireamh mhòr sin cha-n ’eil teagamh nach do mharbhadh iomadh duine maith: agus is iomadh bantrach bhrònach, agus dilleachdan truagh a tha ’n a lorg.
CAR. —Am measg gach bàis chianail a bha ann ’s e bàs an àrd Easbuig an t-aon ’bu bhrònaiche—duine fiachail, misneachail air am bheil cliù anabarrach maith. B’ ann aìr feasgar là na Sàbaid a bha ’n éiridh a mach so—am mort ’s am marbhadh eagalach a’ dol air aghaidh; agus an uair a chual’ an duine measail so mar a bha ’chùis—gun suim de chunnart, ’s gun eagal roimh bhàs, thog e air do ’n àite far an robh an t-àr mòr a’ dol air ’aghaidh, ann an dòchas gu-n deanadh esan, mar theachdaire sìthe casg a chur air na daoine cuthaich so ’bha ’milleadh a chéile. Chuir e air éideadh an àrd Easbuig, le ’chrùn easbuigeach air a cheann, agus le ’bhachaill fhada ’n a làimh, agus le dithis de’n chléir a b’ ainmeile ’s a’ bhaile ann an deiseachan rìomhach maille ris. Chruinnich sluagh mòr mu ’n cuairt da, de mhnathan bochda, le bas-bhualadh, ’us caoineadh àrd, a thilg iad fhéin air an glùinean mar a bha e ’dol seachad orra, a’ guidhe air Dia soirbheachadh leis air an turus air an robh e ’dol. Chruinnich mòran d’a cháirdean mu’n cuairt da, ag aslachadh air gun a bheatha ’chur ’an cunnart; ach chaidh esan air ’aghaidh gu misneachail, ag ràdh, “Leigidh am buachaille maith a bheatha sìos air son a chaorach. Ni mise mo dhleasnas, éireadh dhomh mar a thogras Dia” ’N uair a ràinig e ceannard an airm ghuidh e air stad car tamuill, ann an dòchas gu’n deanadh na ceannaircich ’an ceann eile na sràid’, an ni ceudna: agus rinn iad sin car tamuill taobh air thaobh. ’N uair a chunnaic eadhon a’ ghràisg oillteil a bha ’nis air boile, esan agus a’ chléir a’ tighinn air an aghaidh, chum iad air an làimh, agus bha ’h-uile coslas gu-m biodh réite air a deanamh. Ghabh an t-àrd Easbuig gu sàmhach air ’aghaidh, agus streap e suas gu mullach na callaid: ach dìreach air a’ cheart àm sin, ’n uair a shìn an duine gaisgeil so ’mach a làmh, agus a thog e suas a bhachaill a’ dol a labhairt riu, dh’éirich iolach àrd am measg an t-sluaigh, ag ràdh gu-n robhas a’ deanamh foill orra, agus ghlaodh na mìltean a mach, “Tha sinn air ar brath!” Ghrad thòisich an aimhreit na bu mhiosa na bha i riamh. Bha ’n t-àrd Easbuig agus a’ chléir a nis eadar dha theine, ’s na peileirean a’ feadalaich seachad air. Mu dheireadh bhuail peileir e a loisgeadh air gu deimhin le cuimse a mach o uinneig, agus thuit e. Ghrad chruinnich a chàirdean m’a thimchioll, agus dh’ fheòraich e dhiubh, an robh an lot a rinn am peileir bàsmhor? “Innsibh dhomh an fhìrinn” thubhairt e, “na ceilibh a’ bheag.” “O! ’athair
[Vol . 4. No. 9. p. 3]
ghràidh,” deir aon de’n chléir, “cha-n fhaodar a chleth nach ’eil an lot bàsmhor.” “ ’S maith,” ars’ esan, “toil an Athar gu-n robh deanta. Na-m b’ e mo bhàs-sa an t-aon mu dheireadh a thachradh, bhithinn-sa riaraichte.” ’An déigh dha an comanachadh a ghabhail, chaochail e air an fheasgar sin féin, a’ fàgail ’n a dhéigh cliù nach caochail anns an Fhraing. Tha ’chùis air an àm seachad; ach tha ’n sluagh cho mi-thoilichte ’s a bha iad. Ma bha ’n seann righ ’s a luchd-comhairle fuathach leo, cha lugha tha ’bhuidheann ùr a thaghadh leo fhèin: agus ’s ann le ainneart a’ chlaidheimh a mhàin a tha iad air an cumail fo smachd. Tha gach prìosan ’s an Fhraing làn. Tha dhà no trì ’mhìltean air an dìteadh gu bhi air am fògradh as an dùthaich; agus tha daoine ’deanamh dheth gu-m bheil dlùth air leth-cheud mìle de ghràisg dhìomhanaich a’ falbh na dùthcha air a bhaigeireachd: a’ deanamh a h-uile eucoir a tha ’n an comas—ri goid ’us mèirle, ri mort ’us marbhadh. Chaidh stad air gach cèird’s air gach malairt—cha-n ’eil creideas, no earbsa eadar duine ’s duine— ’h-uile aon aig am bheil bonn òir no airgid ’g a chleth ’s an dream aig nach ’eil, a’ bàsachadh air na rathaidean-mòra. Na mìltean a bh’ air an leòn bhàsaich iad; oir cha robh leigheas air lot nam peileirean pùinseanta a chleachdadh air an àm; ach stadaidh sinn—tha ’chùis sgreitidh r’a h-éisdeachd.
FIONN. —A mhic chridhe! is sibh a dh’fhaodas na béistean a ràdh riu. Cha do bhlàthaich mo chridhe fhéin riamh ris na Frangaich. Ni-maith eadar sinn ’s iad. Ach cia mar a tha na gnothuichean a’ dol air an aghaidh ’an Eirinn? Ciod a thàinig as a’ bhòilich mhòir a bha iad a’ deanamh?
CAR. —Cha-n ’eil ùin’ agam air an an àm cunntas a thoirt air staid na h-Eirionn. Ma gheibh mi ùine fenchaidh mi sin a thoirt duit mu-m fàg mi’n t-àite. Air an àm ’s maith leam e ’bhi agam r’a innseadh dhuit, gu-m bheil am maoidheadh mòr a bha na h-Eirionnaich a’ deanamh, air dol seachad. Ghlacadh a’ chuid a bu mhò dhiubh-san a bha os ceann na cùise. Tha iad a nis ’s a’ phrìosan, agus tha na daoine bochda ’bha air am mealladh leo, gun cheannard agus gun fhear-comhairle. Chaidh an gnothuch gu tur ’n an aghaidh, agus tha de dh’ arm-dearg ’s an dùthaich na smàladh na tha dh’ Eirionnaich cheannairceach ’s an “Eilean Uaine” a mach air aon sgeir. Ach innseam tuilleadh dhuit ’n a dhéigh so.
FIONN. —Stadaibh dìreach aona mhionaid. Cò e ’n Dòmhnullach mòr a tha thairis air an arm-dhearg ’an Eirinn?
CAR. —Tha fìor Ghiaidheal—Fear Dhalchoisnich, Ceann Loch-Raineach.
FIONN. —An esan a th’ ann! ’S ann domh is aithn’ e. Ma ta gu-n deanadh Ni-maith tròcair air na h-Eirionnaich ma tha esan ’n am measg. Théid mise ’an urras nach faigh iad mòran caidreimh uaithesan mur ’eil iad tairisne ach do ’n Bhàn-righinn. Ach ’s duine tapaidh, gleusd’ e. Agus a nis an e so ceann-crìche na bòilich mhòr ’s gach bagradh eagalaich a bha na h-Eirionnaich a’ deanamh? Nach do shaoil sinne gu-n cuireadh iad Sasunn ’us Albainn fo ’n casan. ’S ann doibh a dh’ fhaodar an seann òran a ghabhail:—
“Thugaibh! thugaibh! Bo! bo! bo!
Paddy mòr ’us biodag air!
Faicill oirbh an taobh sin thall
Nach toir e ’n ceann a thiota dhibh.”
Da rìreadh ’s ann aca ’tha ’n t-aobhar nàire ’an déigh gach séidrich, ’s gach glaodhaich a rinn iad. Chuir iad ’am cuimhne an sean-fhocal, “Beinn Nibheis mhòr a’ glaodhaich ’n a luidh-shiùbhladh, ’s cha d’thàinig aside ach an luchag-fheòir.” O nach i Sasunn fhéin an dùthaich, agus Breatunn rìoghachd an àigh! Gu-n caisgeadh am Freasdal gach aon, a tha ’g iarraidh laghannan, agus riaghailtean maith’ ar dùthcha ’chur bun os ceann. Na burraidhean? Gu dé an t-saors’ a dh’iarradh duine maith air bith nach faigh e, mur iarr e cead mort ’us marbhaidh, spùinnidh ’us reubainn? ’S iomadh atharrachadh a chunnaic mi ’m latha; ach tha dòchas agam nach tig an là ’chì mi a’ ghràisg an uachdar— “a’ bhéist a’s motha ’g itheadh na béist a’s lugha, ’s a’ bheist a’s lugha ’deanamh mar a dh’fhaodas i.” Am bheil cuimhn’ agaibh-se an deach slàinte mhòr a b’ àbhaist duinn òl ’an àm nan Volunteers;— “Buaidh le Breatunn fhad ’s a shéideas gaoth r’a stùcan!”
CAR. —Ma ta mar sin. Cha-n ìoghnadh ged a ghuidheamaid buaidh le Breatunn—an t-eilean sin air son an d’ rinn freasdal Dhé na h-uiread. Cha-n ’eil grian nan speur, ’n a cuairt mu-n t-saoghal mhòr, a’ dealradh air rìoghachd eile cho sona. Ged nach eil ann am Breatunn ach sgeir bheag a tha duilich a chomharrachadh ann an dealbh an t-saoghail, gidheadh nach ’eil i ’suidhe mar Bhàn-righinn thairis air rioghachdan an domhain? Nach ’eil a luinges air gach cuan? —a bratach a’ snàmh air gach gaoith? —a malairt a’ ruigheachd cèaran iomallach an domhain? —fuaim a gunnachan mòra r’a chluinntinn air gach cladach air am bheil tonn a’ bristeadh?— ’n an culaidh dhìon do na rìoghachdan a’s laige?— ’s ’n an culaidh uamhais dhoibh-san a dh’iarradh a milleadh? Nach uaibhreach a bratach dhearg a chuir fad mìle bliadhna gu’n dùlan gach doinionn agus gach blàr? Cha do bhuadhaich fhathast innleachd, no inneal cath ’an aghaidh Bhreatuinn; agus fhad ’s a sheasas ise dìleas Dha-san a tha ’deanamh feum dh’i ’nis—d’ a càbhlaichean agus d’a malairt— ’chum soisgeul Chriosd a dheanamh aithnichte do’n t-saoghal ’s do na muilleinean do-àireamh a tha ’nis fo a smachd, cha-n eagal d’i. Esan a dhìon i thuige so, seasaidh e fhathast i; agus tha dòchas agam ’Fhionnlaidh ’an déigh dhuit-s’ agus dhomh-sa, agus do ’n àl a tha ’nis beò ’bhi fo ’n fhòid gu-m bi Breatunn an sin, mar a tha i an diugh, na ceann-feadhna treun am measg nan rìoghachdan.
FIONN. —Ma ta ’fhir mo chridhe, mar sin bitheadh e. Slàn leibh. “An là ’chì ’s nach fhaic.’
Bha Ghearmailt air an t-seachdain so le moran othail us greadhnachais a cumail co-ainm an latha air an d’ thug i buaidh air an Fhraing anns a chogadh fhuilteach a bh’ eatorra còig bliadhna fichead air ais. Bha na Frangaich ag amharc orra ’s ag éisdeachd riutha, ag at le feirg, ach chaidh na Gearmailtich air adhart mar nach biodh faireachdain aig duine ’sa chùis ach iad fhéin. Chaill a’ Fhraing gu dona ’sa chogadh ud, ged bu mhath an airidh air dòigh, oir ’si fhéin a thòisich. Bha i cur roimpe gach bliadhna ’n deigh sin a bhi suas ris a Ghearmailt fhathast, ach tha i ’n diugh na’s fhaide uaithe sin na bha i riamh, agus ’s ann a dol na’s fhior fhaide uaithe tha i.
[Vol . 4. No. 9. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, SEPTEMBER 7, 1895.
Strath-Alba, E. P. I.
Bha Iubili coi-thional Strath-Alba, mar is fios d’ar luchd-leughaidh cheana air a cumail air an treas latha de dh’ Iulaidh. Fhuair sìnn o chionn ghoirid leabhran beag a tha toirt mion chùnntas air an latha, agus gu dearbh bu latha aoibhneach e. Bha òraidean fiachail air an liubhairt agus bha na seirbheisean uile ro thaitneach. Leugh an t-Onarach A. B. Mac Coinnich paipear fada mu eachdraidh a choithionail re nan leth-cheud bliadhna chaidh seachad, agus bha òraid eile le ann an Gàilig ’s am Beurla air a toirt Seumas Domhnullach á Charlottetown. Bha moran de dh’ òraidean goirid air an deanamh, agus thugadh an latha gu crich le searmon o’n Urr Alasdair Sutharlan, á Ripley, Ont., a cheud mhinistear a bha ’sa choi-thional leth-cheud bliadhna air ais! Mar a thuirt neach a bha làthair ruinn, cha robh cron sam bith air an latha ud ach nach robh e na b’fhaide. Bi cuimhne air fad iomadh latha ’s bliadhna ann an sgireachd Strath-Alba, agus anns na sgireachdan mu’n cuairt.
Tha Breatuinn an deigh àireamh de shoirthichean-cogaidh a chur dh’ an Tuirc, air son toirt air an t-Sultan casg a chur air a mhort ’sair a mharbhadh a tha chuid airm a’ deanamh ann an Armenia. Ch’n eil teagamh nach toir sin air an t-seann fhear-fòirneirt sin tigh’n gu thùr, ’s gu’n dean e stad a chur air an obair bhrùideil a tha air leantuinn tuilleadh us fada cheana.
Sean Fhacail.
A thais an darna cuir air a’ char eile.
Aithghearr an tàilleir dhuibh o ’n taobh tuath—mu’n cuairt an saoghal.
Ardan na poite bige, cha tig e seach an luath.
An uaisla ’ga cumail suas a dh’ aindeoin.
An uair ’thig an samhradh, togaidh sinn tigh; thig an samhradh ’s cha tog tigh no tigh,— ’s fhearr a bhi muigh na bhi stigh.
An uair a theid na mèirlich a throd, thig daoin’ ionraic gu ’n cuid.
An uair a theid bior ’s an losgainn, ni i sgriach.
An uair a’s lugha ’n naigheachd, ’s ann a’s mo an t-sith.
An uair a theid a chailleach ’na ruith, theid i ’na deann-ruith.
An uair a bhios rud a dhith air Domhnull, gheobh e fhéin e.
Fàinne mu’n mhiar, ’s gun snàithne mu’n mhàs.
“Falbhaidh mise ’màireach,” ars an righ. “Fanaidh tu riumsa,” ars a’ ghaoth.
Faodaidh duine sam bith gàir a dheanamh air cnoc.
Is olc an obair latha nach toir duine gu cala ’san oidhche.
Tha muinntir Newfoundland a’ togail rathaid-iaruinn eadar an ceanna-bhaile, St. John’s, usBay of Islandsan taobh so dhe’n eilean. Tha na Frangaich a feuchainn ri bacadh a chur orra; tha iad ag radh gur a leothasam an cladach anns a’ chearna sin, agus nach fhaodar rathad-iaruinn no dad sam bith eile chur troimhe gun an cead. ’Nuair a thng na Frangaich an t-eilean suas do Bhreatuinn, fhuair iad còir air a bhi ’g iasgach air a’ chladach ud, agus tha iad a nise air fas cho ladarna ’s gu bheil iad ag agairt còir iomlan air. Cha’n eil fhios ciod a tha Breatuinn a’ dol a dheanamh a thaobh na cùis ach cha bhi fada gus am feum i rud-eigin a dheanamh air son a còireachan fhéin a ghleidheadh.
Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dh’ aodaichean nachdair fhan, deacaidean agus cheòchdannan. Tha iad uile ’san fhasan a’s ùire, agus ’nan deagh bhargain.
Chaidh bàta thairis ann an Corunna, Ont., an la roimhe, agus bha na bh’ ann, duine agus triùir bhoirionnach air am bàthadh.
SGEUL EACHUINN.
Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
[Vol . 4. No. 9. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Ged nach eil guth no iomradh air a Cholera ann an America air an fhoghar so, tha i ri sgath uamhasach ann an Sìna. Tha e air innse gu ’n do chaochail da fhichead mile leis a’ ghalair mhosach sin ann am Pekin air a mhios a dh’fhalbh.
Chaidh ceud us naodh tiodhlacadh a dheanamh ann a’ Halifax air a mhios a chaidh seachad, barrachd ’sa chaidh a dheanamh mios sam bith eile re na bliadhna. Bu phàisdean òga roinn mhath dhiubh; ’se sin a dh’ fhàg an aireamh cho mòr.
Chaidh duine ghoirteachadh gu dona ann anGlace Bayaon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair air mullach na h-eaglais ùir a thatar a’ togail, agus chaill e ’ghreim ’s thuit e sios da fhichead troidh, a bualadh gu h-iosal air barailte. Tha choltas air gu’n tig e uaithe; ’s ann a tha e ionga tach nach deach a mharbhadh.
Dh’ fhosgail a’ sgoil anns a’ bhaile so Di-màirt. Tha ’n Ard Sgoil air a cur ann an deagh uidheam air son a gheamhraidh, gach ni air a dheanamh cho comhartail ’sa dh’ iarradh duine. Tha ’n tigh gu bhi air a bhlàthachadh le uisge teth a ruith troimh phioban, rud a bhios fad air thoiseach air na seann stòbhaichean. Cha’n eil teagamh nach bi àireamh mhor de dh’ fhoghlumaichean anns a’ sgoil am bliadhna.
Tha moran de dhaoin’ òga a’ bhaile so ’s na dùthcha mu’n cuairt air an t-seachdain so ag ionnsachadh na saighdearachd. Chaidh iad dh’an champa air Rudha nam Barracks Di-màirt, agus bidh iad ann gu ceann ochd latha. B’ àbhaist daibh a bhi ann da latha dheug, ach chunnaic an luchd-riaghlaidh iomchuidh ceithir latha ghearradh dheth. Cha bhi iad mar sin ach a tòiseachadh air an obair a thuigsinn ’sa dheanamh gu math ’nuair a chuirear m’a sgaoil iad.
Tha crann-treabhaidh iaruinn aig Alasdair Domhnullach, ann am Mira Gut, a tha còrr math us ceud bliadhna dh’aois. Thugadh a mall á Alba e le ’athair o chionn córr us leth-cheud bliadhna, agus bha e ag obair fad thri fichead bliadhna roimhe sìn. Tha e ’tionndadh na talmhain leis na h-uile bliadhna, agus tha choltas air nach teirig e gu ceann iomadh bliadhn’ eile. ’N am biodh bruidhinn aig a chrann nach iomadh sgeul a rachadh aig air innse air na thachair ri ’linn ’san t-seann dùthaich agus anns an dùthaich ùir.
Freagairtean.
Gu ma slàn do Mhac Ille Dhuibh a chuir ugainn na paipearan á Siam, agus do chàirdean eile chuir paipearan ugainn á dùthchannan eile. A h-uile latha sona dhaibh. Fhuair sinn a Lunnuinn dealbh a chlass Ghailig, agus gu dearbh ’s ann dhaibh féin a bu chòir an dealbh a tharuinn; ’s gasda chuideachd iad. Tha ar càirdean “Cabar Féidh,” “Domhnull Piobaire” agus triùir no cheathrar eile dhiubh air an éideadh anns an deise Ghàidhealaich. Gu’m a slàn dhaibh uile, ’s piseach air a Chlas Ghàilig.
Chithear ann an àit eile tairgse tha sinn a toirt dhaibh-san a gheobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA, Bu mhath leinn air an fhoghar so àireamh ar luchd-leughaidh a dhùblachadh, agus tha fhios againn gu’n gabh sin deanamh ma ni gach duine tha ’ga ghabhail an drafda ar cuideachadh. Feuchadh gach aon dhiubh ri fear-gabhail ùr no dha, no tri, fhaighinn agus cha bhi fada gus am bi MAC-TALLA suas a bhruthach.
Chaidh nighean bheag faisg air bail’ Inbhirnis, an Alba, a lot le coinnsbeach o chionn ghoirid, agus ged a bha dotair air a thoirt g’a h-ionnsuidh gun dàil chochail i.
Chaidh an sabhal aig fear Dà’idh Brodrick, anns a Bhras d’Or Bheag a losgadh oidhche air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh gach ni a fha ’na bhroinn a losgadh, feur, arbhar, uidheaman tuathanachais, agus tri laoigh. Thatar a deanamh a mach gu’n deachaidh a chur ’na theine, ach cha ’n eil fhios co rinn e.
Tha sinn a feuchainn ri cho beag ’s is urrainn duinn a radh a thaobh pàigheadh a phaipear, ’s tha sinn an dòchas nach gabh aon sam bith am brath air sin, ach gu’n cuir gach aon a dholair air adhart cho luath ’sa bhios ùine snas, no cho luath ’na dheigh sin ’sa bhios ’na chomas. Cha ’n eil àm dhe’n bhliadhna nach bi feum againn air airgead, agus glé thric bidh feum againn air barrachd ’sa bhios sinn a’ faotainn. Tha sinn an dòchas nach bi againn ri bhi toirt iomradh air pàigheadh ach glé ainneamh an deigh so; mar a’s lugha bhios againn ri ràdh uine ’s ann a’s fhearr a chòrdas e ruinn.
POSAIDHEAN.
Air an 27 de dh’ Ogust, leis an Urr. D. Drummond, W. H. Dunlap us Johonna, nighean Iain Dhomhnullaich (á Sidni Mines) le chéile a mhuinntirNew Campbelton.
BAIS.
Ann am Malagawatch, air an 16 latha de dh’ Ogust, Alasdair N. Mac Faidein, 24 bliadhna a dh’ aois. Bha e ’na dhuin’ òg, gealltanach, fo dheagh chliù agus measail aig na h-uile. Bha e tinn o chionn ochd miosan deuga.
Ann an St. Stephen, N. B., air an 22 latha de dh’ Ogust, pàisde-nighin le Domhnull H. Mac Fhearghais, aois ochd miosan. ’Se so an treas duine cloinne a chaochail air an taobh a stigh de dha bhliadhna. Chaochail roimhe so, gille ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois, agus nighean bheag, aois ochd bliadhna. Bidh a chairdean, a tha timchioll air a bhaile so duilich an sgeul so a chluinntinn.
AigBlue ’s Mills,an 25 de Ogust, Caitriona Nic Cuish, 72 bliadhna, dh’ aois.
Aig an aite cheudna, an 27 de Ogust, Iain Moireastan, Mac Chalum, 76 bliadhna dh’ aois.
Aig Gleann-comhain, an 18 de Ogust, Iain Mac Asguill, 80 bliadhna dh’ aois.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 9. p. 6]
Cuir thu Fhein ’nan Aite-sa.
“Cha ’n urrainn domh feitheamh ni’s fhaide. Feumaidh mi mo chuid airgid fhaotainn, agus mur urrainn dhuitse phàigheadh, feumaidh mi an t-àite agad a reic,” arsa Mr. Blair, an duine bu bheairtiche ’san sgireachd, ri Deòrsa Mac Leoid, duine bochd aig thu sin,” arsa Deòrsa, “falbhaidh an an robh ri bheòlaind a dheanamh mar a dh’ fhaodh e le obair. “Ma ni t-áite air moran na’s lugha nà’s fhiach e, agus bidh mise ’s mo theaghlach air ar fàgail gun dachaidh, an deigh gach dichioll a rinn mi air an dachaidh sin a dheanamh. Tha e cruaidh, cruaidh. B’fhearr leam gu robh agad ri do chuid airgid a chosnadh mar tha mise cosnadh mo chuid-sa; bhiodh aithne agad an uair sin air crannchur an duine bhochd. Na’m b’ urrainn dhuit thu fhéin a chur na’m àite-sa ùine ghoirid, ’si mo bharail gu’m biodh beagan truais agad rium.” “Cha-n eil feum a bhi buidhinn,” —arsa Mr. Blair; “thug mi bliadhna dàil dhuit cheana, ’s cha toir mi ’n còrr dhuit,” ’s thionndaidh e ris a bhòrd ’s thòisich e air sgriobhadh. Dh’ éirich an duine ’s chaidh e mach ag osnaich gu muladach. Bha e direach air faotainn thairis air droch thinneas a ghabh e, ’s a chum e o chosnadh, air chor ’s nach robh ’na chomas an earrann mu dheireadh dhe’n airgead a phàigheadh. Gun teagamh thug Mr Blair dail bliadhna dha ’nuair a bha tinneas ’na theaghlach, agus bha e fada ’na chomain air son sin. Air a’ bhliadhna sin bha a air an leabaaidh fad sheachd miosan, agus am beagan a choisinn e ’chuid eile dhe’n bhliadhna, cha robh ann ach gann na chumadh a theaghlach dha. Chum sin e am bliadhna cho eu-comasach air an t-airgead a phàigheadh ’sa bha e an uiridh, agus a nise bha e gu bhi gun tigh gun dachaidh, agus dh’ fheumadh e tòiseachadh as ùr. Bha e gle throm air.
An deigh dha tigh Mhr. Blair fhàgail, cha b’ urrainn d’an duine sin briathran Dheòrsa chur as a chuimhne “B’ fhearr leam gu robh agad ri do chuid airgid a chosnadh mar a tha mise cosnadh mo chuid-sa.” Ann an teis-meadhon a chùnntais, thigeadh na facail, “Cuir thu fhéin ’nam àite-sa” a stigh air, ’s chuireadh iad air aimhreit e. An deigh do na facail sin ruith troimh ’inntinn uair no dha thilg e ’m peann uaithe, agus thuirt e ris fhéin, “ ’S i mo mhor bharail nach cordadh e rium ach gle mheadhonach. Tha mi smaoineachadh a dhol a null feasgar ’s gu faicinn dhomh fhéin ciamar tha dol dhaibh.” ’S ann mar sin a bha: mu chòig uairean feasgar chuir e uime gruag de dh’ fhalt liath, agus badan de sheann aodach, agus ghahh e air a shocair a null gu dorus tigh Dheòrsa. Dh’fhosgail a bhean an dorus, agus chunnaic Mr. Blair nach robh i ach ann am fior dhroch coltas. Bha i ro thana ’san aghaidh, agus mar gu’m biodh i glé sgith. Dh’iarr an seann duine bochd (mar a shaoil leatha-se bh’ann) cead suide stigh car tacain a leigeil ’analach; thuirt e gu robh e glé sgith, an deigh coiseachd mhor a dheanamh. Dh’ iarr bean Dheòrse air tigh’n a stigh, agus rinn i ris cho math ’sa b’ urrainn dhi. Thòisich i an sin air deasachadh na ti, agus am feadh ’sa bha i ri sin bheachdaich an seann duine oirre le geur aire. Chunnaic e nach robh a ceum air feadh an taighe ach glé throm, nach robh sùnnd sam bith ’na gluasad, agus thòisich a chridhe air taiseachadh le truas dhi. ’N uair thainig a fear dhachaidh, dh’ fheuch i ri i-fhéin a dheanamh cho aoidheil ’sa b’ urrainn di, air eagal gu’n tugadh e fa-near cho beag misnich ’sa bha i. An deigh dhi am bòrd a shuidheachadh, cha robh dad air ach aran us im us ti. Thugadh cuireadh do’n choigreach bhochd a bhiadh a ghabhail comhla riutha, ag radh, “Cha-n eil moran againn ri thairgse dhuit, ach cha mhisd’ thu cupan ti an deigh do choiseachd.” Shuidh e sios comhla riutha, agus am feadh ’sa bha iad a’ gabhail am bidh, fhuair e air dòigh-eigin an toirt gu innse dha mar a bha gnothuichean a’ dol ’nan aghaidh.
“Cheannaich mi am pios fearainn so,” arsa fear-an-taighe, air pris bhig, agus an àite feitheamh, mar bu chòir dhomh, gus an deanainn fhéin airgead a chuireadh suas tigh air ’s ann a ghabh mi beagan cheudan dolair an iasad. Thigeadh riabh an airgid moran na bu shaoire dhomh na bhi pàigheadh màil. Bha mi ’n dùil nach biodh e doirbh sam bith an t-airgead a phàigheadh air ais; ach a’ cheud bhliadhna bha ’bhean ’s duine dhe’n chloinn gu tinn, agus bha de chosgais an lorg sin ’s nach b’urrainn domh na fiachan a phàigheadh. Dh’aontaich Mr. Blair feitheamh bliadhn’ eile na’m pàighinn an riabh, rud a rinn mi. Am bliadhna bha mi fad sheachd miosan gun chomas abair a dheanamh, agus nuair a thig latha-pàighidh, ’s cha n-fhada gu sin, cha bhi ’n t-arigead agam na’s mò.”
“Saoil thusa,” arsa ’n coigreach, “na’n innseadh tu do chor do Mhr. Blair, nach feitheadh e bliadhn’ eile.” “Cha n-fheith,” arsa Deròsa, “bha mi ’g amharc air an diugh, agus thoirt e rium gn feumadh e an t-airgead fhaotainn, agus mur biodh e agam dha air an latha, gu ’n creiceadh e an t-àite.” “ ’S fheudar gur a duine cruaidh-chridheach e,” arsa ’n coigreach. “Cha n-abair mi sin idir,” ars’ am fear eile, “ ’s ann mar a tha, cha n-eil aithne sam bith aig na daoine beairteach air cor nan daoine bochda. Is daoine iad direach coltach ris a’ chuid eile de’n chinne-daonna, agus tha mi dearbh chinnteach na’n robh fhios aca air na tha na bochdan a’ fulang, gu’m fosgladh an cridheachan ’s an sporain. Chuala tu fhéin an sean-fhacal, ‘ ’s beag tha dh’ fhios aig luchd na tire gu de miomhodh luchd no mara;’ agus tha ’n ni ceudna fìor a thaobh nam bochd ’s nam beairteach, ’S ann aig an duine bhochd a mhàin a tha fhios ciod a th’ ann bochduinn. Tha fios aige gur a trom an t-uallach i, agus theid aig air e-fhéin a chur an àite fir eile, ’s co-fhaireachdain a bhi aige ris, agus tha e uime sin a ghnàth deiseil gu bhi deanamh gach cuideachadh a’s urrainn da le duine bochd eile. Na’m biodh fios no fàth aig Mr. Blair air na dh’ fhuiling mise ’s mo theaghlach, tha mi smaoineachadh gu’m b’ fhearr leis gu mor deanamh as aonais a chuid arigid gu ceann àireamh bhliadhnaichean na cur cruaidh ruinn aig an àm so.”
(Ri leantuinn.)
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.
CLOIMH.
DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH.
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.
[Vol . 4. No. 9. p. 7]
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
I.O. G.T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I.O. G.T. , ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 9. p. 8]
Air a’ Ghille tha mo Run.
LUINNEAG.
Air a’ ghille tha mo run,
Tha mo run air a’ ghille;
Bho’n a thug thu rium do chul,
B’e mo dhurachd thu ohilleadh.
’S ann a fhuair thu t’ àrach òg
’N Apainn bhòidheach nan gillean;
’S beag an t-ioghn’ thu dh’ éirigh suas
Ann an uaisle ’s an grinneas,
Air a’ ghille, etc.
’S meanglan thu de’n chraoibh nach lùb,
Gur tu fiùran do chinnich—
Leathannaich nach lùb ’san streup—
’S cha ’n ’eil beum air a’ ghille.
Falt do chinn tha dualaeh, dlùth,
T’ anail chùbhraidh, ro-mhilis;
Dà shùil mheallach, chorrach, chiùin—
’S tu mo run de na gillean!
Tha thu ro-mhath air an t-sliabh,
Thoirt nan ian bharr na h-iteig,
Gunna dubh a leagadh fiadh
’S earbag riabhach an fhirich.
’S ann am Muile nam beann fuar
Tha mo luaidh de na gillean;
Dh’ aithnichinn thu ’measg an t-sluaigh,
Leis na h-uaislean a’ tighinn.
ORAN GAOIL
LE ALASDAIR STIUBHART.
LUINNEAG.
A Mhari bhoidheach, ’sa Mhari ghaolach,
A Mhari bhoidheach, gur mor mo ghaol ort,
A Mhari bhoidheach gur tu a chlaoidh mi,
’S a dh’ fhag mi bronach gun doigh air t’ fhaotuinn.
A Mhari bhoidheach gur mor mo ghaol ort,
Gur tric mi ’cuimhneachadh ort, ’s mi ’m aonar,
Is ge do shiubhlainn gach ceum de’n t-saoghal
Bidh t’ iomhaigh bhoidheach ’tigh’nn beo gach taobh dhiom.
Is truagh nach robh mi ’s Mhari bhoidheach
Le cheil’ an gleannan ciuin, faoin, is ceo air;
Is ged bu righ mi ann san Roinn-Eorpa
Chan iarrainn pog ach bho Mhari bhoidheach.
Chi daoine feidh ’dol air sgeith sna speuran,
Is iasg na fairge a falbh air sleibhtean,
Is chi iad sneachda dubh air na geugan
Mum faicear caochladh tigh’nn air mo speis dhuit.
O Mhari, lughdich do ghnuis mo chiall dhomh,
Tha m’ uile chridh’ le do ghaol air lionadh,
Dhomh tha gach la ann am fad mar bhliadhna,
Mur faic mi t’ aodunn ’tha mar a ghrian dhomh.
Do shuilean meallach fo d’ mhala bhoidhich,
Do bhilean tana air dhath nan ròsan,
Do shlios mar chanach an gleannan mointich,
’S do ghruaidh mar chaorunn fo sgeith nam mor-bheann.
Fhir-thuris shiubhlich a theid air chuairt bhuainn
Theid do na h-Innsean thar thonnan uaibhreach,
Thoir leat gach siod’ agus ni ’tha luachmhor
A dh-ionnsidh Mari a rinn mo bhuaireadh.
Eoin bhinn’ a’s moiche a theid air sgiathibh,
’S a dhireas ’suas ann an aird na h-iarmailt,
Na bitheadh la ann ’thig fad’ na bliadhna
’S nach seinn sibh ceol do mo Mhari chiatich.
Ach cha oran eala air slios nam mor-thonn,
Na smeorach shunndach air badan boidheach,
Na inneal-ciuil ’tha san tir ach crònan,
An uair a sheinneas mo Mhari bhoidheach.
Ged bhitheadh curam mu chuis gam lionadh,
Is mi neo-shunndach, trom-thursach, cianail,
Ni aoibh do ghnuise is muirn do bhriathran
Mo chuidhe sunndach ’nuair ’thig thu ’m fhianuis.
O gum a slan do mo Mhari bhoidheach
Ge be an t-aìte ’sam bi a comhnuidh;
Is e mo dhurachd-sa fhad ’s is beo i,
Gum bi gach agh aig mo Mhari bhoidheich.
Iadsan a Phaigh.
Mairi A. Dhomhnullach, Ceann Dearg.
E. D. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhennis.
Domhnull C. Mac Leòid, Framboise ( $2 .00) .
Iain Domhnullach, Framboise ( $3 .00)
Tormaid Domhnullach. Dutch Brook.
Ailein Domhnullach. Amhuinn a Bhradain.
Iain Mac Ille-mhaoil, Rathad Horne.
Ruairidh Moireastan, St . Ann’s.
Ruairidh Mac Coinnich, Forks Shidni.
Domhnull Mac Leoid, South Bar.
Seònaid Dhùghlach, Drochaidh an Aiseig.
M. J. Mac Ille-mhaoil, Cobh a Bheaveir.
Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien.
Domhnull Mac Cuish, Port Morien.
Calum Mac Neill, Barrachois Bhaoghasdail.
Eos. Mac-a- Phearsain, Sidni Tuath, $2 .00.
An t-Urr. M. A. Mac-a- Phearsain, Bras d’Or Beag.
Mor Nlc-an-Tòisich, Orangedale .
Eachunn MacFhionghain, Loch Ainslie, $2 .00
Niall Domhnullach, Baddeck .
Eobhan Mac-a- Phi, Meadows , 50c.
Eos. S. Mac-a- Phi, Pon Mor, 50c.
D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie, 25c
Iain Battleman, Forks Shidni, 25c
Iain Domhnullach, Peirce ’s City, N. H. 25c
D. Mac Gill-fhaollainBoston .
Iain D. Domhnullach, Great Bend, Pa.
Prof . I. D. Prince, Ringwood, N. J.
Domhnull Mac Gilleain, New York.
Gilbert mac Leoid, Hamilton , Ont.
R. I. Grannd, Cashion ’s P.O. , Ont.
Alasdair Mac Amhlaidh, Waipu , N. Zealand.
Domhnull Rothach, Reynoldston , N. Zealand.
Uilleam Mac Aoidh, Inbhirnis, Alba.
Alasdair Mac-a- Phi, Amhuinn Deas, N. S.
Iain Domhnullach, Antigonish , N. S.
Eachunn Mac Gilleain, Bridgetown , N. S.
Iain Mac Ille-mhaoil, Oil-thigh Antigonish,
Iain Gillios, Crossing ’Ic Leoid, Que.
Domhnull D. Mac Leoid, Milan , Que.
D. Mac Rath, Vancouver , B. C.
Domhnull Mac Neacail, Wellington , B. C.
Seònaid Bhrus, Valleyfield , E. P. I.
Fionnladh Mac Rath, Canoe Cove, E. P. I.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.
title | Issue 9 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 9. %p |
parent text | Volume 4 |