[Vol . 5. No. 1. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 4, 1896. No. 1.
Litir a Baile New York.
A DHEAGH CHARAID, —Cha chuir uisge no gaoth, fuachd no teas casgadh air MAC-TALLA gu bhi ’gabhail a chuairt sheachdain a measg aireamh mhath de Ghaidheal air an taobh so, agus air taobh eile chuain. Cha chluinnear guth mor na droch fhácal, leisgeul na buaireas inntinn ’tighinn á fhàrdaich, ach, an comhnuidh a toirt dhuinn eachdraidh, agus eòlas air nithean taitneach a ghluaiseas aigne gach fior Ghaidheal aig an tigh is uaithe. ’Nam bitheadh gach aon againn tha gabhail oirnn bhi gluasad an riochd Ghàidheal cho dileas ri MAC-TALLA gus a Ghàidhlig a chumail beò, agus eachdraidh, ceòl us litireachas ar sinnsir a chraobh-sgaoileadh dh’ fhaodadh maid eigheach le guth ard, “S’ Gaidheil sin uile, thoir dhòmhsa do lamh.” Ach, ’s mor m’ eagal gur iadsan a chaill an Gaidhlig s’ nach d’ fhuair am Beurla nàmhaid” is luaidhe ni tàir air a chanain lionmhor, bhrighmor bhlasda, bhinn. Dh’ aindeòin co theireadh e, togaidh a Ghaidhlig a ceann aosda liath gu ciallach, folaiseach agus gheibh i cairdean dileas gus a treòrachadh air adhart gun sgath gun eagal, roimh Ghaill leibideach, no Gaidheal spagloinneach. Tha ’n seorsa so ri fhaotainn anns gach baile mòr ’s beag, treallain gu’n chridhe gun eanchainn. Mar tha fhios agaibh tha moran Ghaidheal ’sa bhail so, àireamh mhath dhiubh nach faca riamh duthaich an athairichean— “Gaidhealtachd na h-Alba.” Coma co dhiubh labhraidh iad gu fallain reidh Cànain Fhinn is Oisein, agus seinnidh iad gu blasda binn orain “Tir an fhraoich.” Nach sòlasach gu ’m bheil an cothrom so againn mar Ghàidheil bhi cruinneachadh fo mhios gu mios mar Chomunn Gaidhlig New York, agus a stri ri bhi cumail suas eachraidh, ceol, agus litireachas Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach. Air a mhios sa chaidh, thug an t-olla I. D. Prince òraid eireachdail dhuinn air “Litireachas agus ceòl nam Breathannach.” Air dha innseadh ann am briathran snasda an dluth-cheangal tha eadar na Breathannaich s’ Gaidheil Albuinn ann an coltas, fearas-cuideachd, ceol, agus seann chleachdainean. Mar eiseamplair air an ceol, sheinn e da oran, tiamhaidh agus togarrach. Anns a cho-dhunnadh labhair e ann an Gaidhlig bhlasda reidh na briathran a leanas:—
“Ceadaichibh dhomh nise facal no dha a labhairt ribh n’ ur cànam féin. Thug mi dhuibh an nochd eachdraihh bheag agus ma dh’ fhaoite neo-iomlan air litireachas agus ceòl nam Breathannach. ’Nam bheachd-sa an ni a rinn iadsan agus a tha iad a deanamh an diugh air sgath an cànain agus am beatha cinneadail, faodaidh sibhse mar Ghaidheil a cheart ni a dheanamh as leth bhur cainnt, ceòl agus litireachas féin. Tha moran Ghàidheal anns an dùthaich fharsuing so, agus anns a bhaile so fein àireamh mhath a dh’ fhaodas an corr a dheanadh as leth cleachdanan agus gniomharan nan daoine coire o’n d’ thainaig sibh. Cuimhnichibh mar an ceudna gu bheil sinn uile mar aon teaghlach a thaobh nan nithean mu ’n a labhair mi, agus na leigibh leis a Ghàidhlig bàs fhaotainn ’nur lamhan.”
Bu choir do gach Comunn Gàidhlig anns gach àite sanas a gabhail de na briathran tarbhach agus feumail so agus do na h-uile tha stri ris a Ghàidhlig a chumail beò. ’S i ionmhas is luachmhor tha fuaighte ri broilleach gach fior Ghaidheal,
“ ’S nach treig sinn gu brath, gus an laidh sinn fo ’n fhoid.”
Ged tha mor eòlas aig Professor Prince air ioma cànain, agus a labhras e gu fileanta suas ri ochd canainean tha e ’g aideachadh gu bheil a Ghàidhlig feumail agus ro-bhrighmhor air mhodh sònruichte. Na leigeamaid leis a Bheurla bhi tolladh a stigh ’nar measg:—
“Na biodh coire againn do ’n Bheurla;
Gur taitneach ’na-h- àite féin i;
’S tric a bha i dhuinne [ ? ]umail ,
Is b’ éisleanach sin [ ? ] . ”
Agus gu sonraichte [ ? ] n’ earalas air fearas-chuideachd na m[ ? ]r tha feuchainn ri bhi ’san fhasan, agus a stri ri cleachdainean nam bailtean mora bhi ’ga sparadh air aobharan Comunn Gàidhealach sam bith Nach taitniche ra éisdeachd, an cluas a Ghàidheal sgal na Pioba na dranndan an Tambourine? Nach eireachdail gu mor ri fhaicinn Danns a chlaidheamh na frith-leum Yankee doodle doo? Co-dhuibh ’s fearr a bhi ’san fhasan no bhi ’nur Gaidheil? Bithidh sibh toilichte chluinntinn gu ’m bheil an tusal urramach mu ’n robh sinn a bruidhinn, I. D. Prince air a thuras gu Tir an Fhraoich; ’s mi tha cinnteach gu ’n doir mo charaid Fionn da fàilte chridheil Ghaidhealach. Guidheam buaidh leis is’ beannachd,
Dh’ fhalbh am Prionnsa, nunn thar sàile,
Dh’ falbh am Prionnsa ho hi hù o,
Slán gu ’n ruig s’ gu ’n till e sàbhailt.
Daonnan bhur Caraid,
DON ’ULL EACHAINN.
An òg mhios, 1896.
ELIAH.
Is e la mor agus la ’bhitheas iomraiteach anns gach linn a tha ann. ’Nam buidhnean mora tha ’n sluagh a’ trusadh as gach cearna ’a oisinn de’n tir, oir tha àrdan an cridheachan air a bhristeadh gu mor le goirt ’us acras nam bliadhnachan anns nach do bhraon drùchd air an talamh agus anns nach do dhòirt na neòil a nuas uisge. Tha stucain ’us tulaichean Chairmeil còmhdaichte le sluagh seachranach Israeil; leis na fàidhean breugach a mheall am pobull; le Ahab agus le ’luchd leanmhuinn, sgeadaichte ’n an culaidhean riomhach. Ma dh’ fhaoidte nach ’eil am measg a’ mhor-shluaigh a bha cruinn air Sliabh Chairmeil, neach a tha seasmhach, treibhdhireach us neo ghluasadach mar tha Eliah, ann an eagal ’s air taobh an Tighearna, ach Ob d ah a mhàin. Mar is gnath le Dia, do bhrigh gu bheil gràdh aige do obair a làimhe féin, ged is fuathach leis an t-olc, a tha e le mor-irioslachd a’ dol a thoirt dearbhadh do ’n t-sluagh air cia cho neo-chomasach ’s a tha Baal, d’ am bheil iad ag iobradh air ionadan àrda na dùthcha, air cobhair a dheanamh orra, no còmhnadh a dheanamh leo. Nach ioghnadh gu bheil Dia, aig nach eil feum air seirbhis no moladh air bith as urrainn daoine ’thoirt seachad, Esan a dh’ fhaodadh ann am priobadh na sùile ’s ann an lasan teith a chorruich faidhean us sagairtean Bhaail, uachdarain baoghalta ’s cinneach peacach Israeil, a chaitheamh as—Nach ioghnadh gu bheil e deònach air dearbhadh a thoirt seachad air cia cho cumhachdach, ’us treun ’sa tha e fèin, ’us cia cho lag, faoin, bochd ’us diblidh ’s a tha Baal sin air amabhail an sluagh a’ stéidheachadh an aignea[ ? ]s ann da-rireadh do bhrigh nach eil t[ ? ]d aige ann am bàs an ti ’bhàsaicheas, a [ ? ] aig an am so ’buintinn co foighidinne[ ? ] agus co fàbharach ris an t-sluagh amaidean a chaidh co fada air seacharan. Dileas do ’n dreuchd ’s do ’n obair a bhuineadh dha, agus cruadalach, gaisgeil ann an spìonnadh treun a mhaighstir, tha Eliah a’ teachd a dh-ionnsuidh an t-sluaigh, agus ag radh, “Cia fhad a bhitheas sibh ’s an iom-chomhairle eadar dha bharail? Ma ’s e an Tighearna a’s Dia ann leanaibh E: ach ma’s e Baal, leanaibh esan.” Is sòluimte ’s is neo-sgathach an t-iarrtuis so. Tha ’n sluagh air an cronachadh gu géir airson an dòigh chearr, mhaslaich anns am bheil iad a nis. Tha iad sàmhach, oir tha cumhachd anabarrach ann am briathran an fhàidh, a tha ’giulan geillt a dh-ionnsuidh an cridheachan. Tha e diombach, oir tha iad aig an am iarrtuiseach air toil an Tighearna ’dheanamh, agus aig àm eile tha iad a’ sleuchdadh gu nàrach aig altair Bhaail. Tha e feargach, do bhrigh gu bheil smuaintean an t-sluaigh air fàs co suarach, agus co mi-cheart, ’s gu bheil iad a’ creidsinn gu faodar seirbhis ghlan ’us fhior an Tighearna ’bhi air a coimeasgadh le aoradh Bhaail. Gun amharus b’ iosal ’s bu mhuladach an inbhe gus ’n do thuit sliochd nan daoine a chunnaic ann an làithean an t-salmadair, aoibhneas us aiteas mor na duthcha, am feadh a bha ‘n Tighearna a mhàin air a chliùthachadh ’s air a mholadh.
CONA.
Ann an Sasunn ri linn a cheud righ Uilleam (am Buadhaire,) bha e moran na bu chunnartaiche maigheach a mharbhadh na duine. Gheobhadh mortair as le càin a phàigheadh ach fear a mharbhadh maigheach, chuirte gu bàs e.
Am fear a bhios mosach mu’n bhiadh, bidh e fialaidh mu ’n rathad mhòr.
Am fear a theid do’n mhuillean, bidh sadach na mine air.
[Vol . 5. No. 1. p. 2]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IULAIDH 4, 1896.
Cha’n eil an àireamh so dhe’n MHAC-TALLA ach a leth cho mor ’sa bha romhainn a dheanamh, ach cha’n eil comas againn air. Bha nithean a dhith orinn air son a mheudachadh, agus chuir sinn ’g an iarraidh, mar a shaoil sinn, ann an deagh àm; ach gus a so cha d’ thainig iad, ged a fhuair sinn fios gu robh iad air an rathad o chionn treis a dh’ ùine. B’ fheudar dhuinn uinne sin leth paipear a chur a mach air an t-seachdain so, agus tha sinn ag earbsa gu’n gabh an luchd-gabhail ar leisgeul g[ ? ] faigh sinn na nithean a chuireas ’nar [ ? ]as a chur a mach ’sa mheud cheart. Dh[ ? ]damaid a chur a mach anns an t-seann [ ? ]n , ach o’n is i so a cheud àireamh ’sa bhliadhna, smaoinich sinn gu’m b’ fhearr dhuinn a chur a mach ’sa chruth ùir, ged bhiodh e na bu lugha, oir tha moran de’n luchd-gabhail ’ga ghleidheadh ’s a’ deanamh leabhair dheth aig ceann na bliadhna.
Tha sinn duilich a chluinntinn gu’n do chaochail an t-Urr. Niall Mac Gill-fhinnein ann am Boston Di-màirt s’a chaidh. Cha robh ann ach duin’ òg, agus cha’n eil ach mu bhliadhna o’n chaidh e Bhoston ’s a bha e air a phòsadh ri té a dh’ eaglaisean a’ bhaile. Bha e ann an droch shlàinte o chionn treis a dh’ ùine, ach cha robh dùil ri bhàs cho fior luath. Thainig a chorp dhachaidh feasgar Di-iordaoin gu bhi air a thiodhlacadh aig an Amhuinn Mheadhonaich, far an d’ fhuair e ’bhreith us ’àrach, agus far a bheil a chairdean a’ fuireach. Tha bràthair eile dha ’na mhinisteir ann an Dalhousie Mills, an Ontario.
Tha fios a thainig a Iapan o chionn latha no dha ag innse gu robh call eagalach air a dheanamh le crith-thalmhainn ’s le sruth-mara air eilean Kinkawa Zan, air a choigeamh latha deug dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Chaidh mu mhile tigh a’ sguabadh air falbh leis an t-sruth, agus chaidh air a chuid a’s lugha, coig mile duine a dhith, eadar na chaidh a mharbhadh ’s na chaidh a bhàthadh. Agus tha ’m fiios a thainig ag radh nach eil a chuid a ’s miosa air innse fhathast, oir tha cearnan dhe’n eilean as nach d’ fhuaireadh sgeul idir. Tha e coltach gu bheil a’ bhliadhna so gu bhi imrarteach air son call beatha.
Tha H. D. Mac Ille-mhaoil, aig a bheil sanas an àit eile ’sa phaipear, a’ dol troimh ’n Eilean Mhor, Mira, ’sGrand River,air a’ mhios so. Iadsan aig a bheil clòmh cumadh iad i gus an ruig e.
Tha fear-deasachaidh ann an cearna de Ruisia an diugh aig a bheil cnamhan goirt air tàilleabh beagan fhacal firinn innse mu ghiùlan prionnsa a tha ’fuireach ’san aon bhaile ris. An latha ’n deigh dh’ an phaipear anns an robh na afcail sin tigh’n a mach, thainig am prionnsa dh’ an oifis, ’s ghabh e air an fhear-dheasachaidh cho dona ’s gu ’m o’ fheudar dha ’n leabaidh a thoirt air, ’s cha do thog lagh no ceartas lamh an aghaidh a phrionnsa. Cho dona ’s gu bheil cor luchd-deasachaidh nam paipearan anns an dùthaich so, cha d’ thainig iad dh’ ionnsuidh na h-ire ud fhathast.
Alasdair an Ridse.
A MHIC-TALLA nan creag
A bhios a freagairt bron binn: —Gheibh thu coig tasdain ann am broinn na litreach so chum ’s gu ’m bi thu tighinn g’am shealltuinn fad bliadhn’ eile. Ach càite bheil Laoidh Dhomhnuill Bhàin a Bhochdain a chuir mi ugad? An tig i beò no marbh?
ALASDAIR AN RIDSE.
Braigh Amhuinn a Deas Antigonish, N.S. , 1d. la de Iulaidh, 1896.
[Gu ma slàn do Alasdair an Ridse! Cha leig e an aon latha seachad, ach aig toiseach gach bliadhna cuiridh e an dolair air adhart gus am MAC-TALLA phàigheadh. Cha’n iarramaid fear-gabhail la b’ fhearr. A thaobh Laoidh Dhomhnuill Bhàin, tha i againn, agus gheibhear àite dhi ’sa phaipear an ùine gun bhi fada. ]
X. Y. Z,
A CHARAID, —Gheibh sibh dà dholar agus 52 sent anns an [ ? ]ir so, air son bliadhna eile da ’n MHAC-TALLA aon àireamh dhomh féin agus aon e [ ? ]a ’m charaid. Gheibh sibh ainm aig b[ ? ] litreach.
Tha e toirt toireachaidh dhomh a bhi cluinntinn gu’m bheil sibh a’ dol a mheudachadh ur paipear gasda, agus tha dòchas agam gu’n dean càirdean na Gàilig an dleasandas lecòmhdach maith a chumail air. Ma chumas iad a mheirg bhar am peanntan cha chùram gu ’m bi dìth air, ach mur a cùm, ciamar a dh’ aithriseas esan an ni nach cluinn e? Leis gach deadh dhùrachd, is mi ur caraid dileas.
X. Y. Z.
Amhuinn Dennis, C. B., 1, 7, ’96.
Sean Fhacail.
Am fear a’s luaithe lamh, is leis an gathar ban ’s am fiadh.
Am fear nach seall roimhe, seallaidh e’ na dheigh.
Am fear a shiubhail an cruinne, cha d’ fhuair e neach cho duineil ri mhàthair.
Am fear a’s isle bruidhinn, is e a’s fearr a chluinneas.
Am fear a’s treise an uachdar, ’s am fear a’s luaithe air an toiseach.
Am fear a’s fhaide ’chaidh riamh o ’n taigh, bha cho fada aige ri tighinn dhachaidh.
Am fear a shineas a làmh, sinidh e a chas.
Am fear a tha deas gu gealladh, is tric leis a bhith deas gu mealladh.
Am fear a’s tiuighe claigionn, is e a’s lugha eanachainn.
Am fear a tha ’call an còmhnuidh, bristigh e.
Am fear a th’ ann ’s an fhéithe, is duilich dha tighinn aisde.
Am fear a theid a dh’ aindeoin do ’n allt, bristidh e na cuinneagan.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Siosal & Crowe.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
[Vol . 5. No. 1. p. 3]
NAIDHEACHDAN
Ma bhios Ban-righ Victoria beo mu thri miosan eile, bidh i air a’ chathair-rioghail na’s fhaide na bha righ no ban-righ ann am Breatunn riamh roimhe.
Chaidh teine chur ri dha dhe na seaann taighean a th air Rudha nam Barracks oidhche sheachdain gus an Dior-daoin s’a chaidh. Tha dithis ghillean air an cur an sas air a shon.
Chaidh fiach choig muileanan deuga dolair de chàise a chur a mull a Bhreatunn á Canada air a bhliadhna s’a chaidh. Cha do cheannaich Breatunn de chàise o dhùthchannan eile air fad ach fiach deich muillein dolair. Tha Canada mar sin a’ faotainn an urraim air son a cuid càise.
Tha paipear á Truro ag innse gu’n do thachair ni iongantach beagan mhiltean o’n bhaìle sin, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha duine do’n ainm Bilbee dall o chionn deich bliadhna, agus an diugh tha ’fhradharc aige Bha e ’na shuidhe ’san t-seòmar agus thainig seòrsa de laigse air; shaoil leotha-san a bha stigh gu robh e ’caochladh, ach an ceann beagan mhionaidean thainig e uige, thòisich e air sealltuinn mu’n cuairt, agus dh’ innis e dhaibh gu robh e ’g am faicinn.
Tha fear Alasdair Mac Gillebhràth a mhuinntir South Bar air son réis a ruith eadar Sidni Tuath us Boston, ann am bàta-siùil, coig troidhean deug a dh’ fhad. Tha e toileach tri fichead dolair a chur an geall air son na réise. Thug e an tairgse cheudna seachad an uiridh air son reis eadar so us Cuibeic, ach cha fhuair e duine rachadh ris. Tha dòcha aige gu’m faigh e cuid-eigin a theid ’ga fheuchainn air an turus so.
Tha sinn a leughadh ann am fear de na paipearan-naigheachd gu bheilPleasant Bay,faisg air Ceap Nòr, àite anns a’ bheil mu dha fhichead teaghlach a’ comhnuidh, gun rathad-mor g’ a ionnsuidh. Cha’n eil doigh air a ruigheachd air tir ach air ceum a tha thairis air na beanntan, agus e ann an àiteachan eadar aona-ceud-deug us da-cheud-deug os cionn na mara. Saoil nach eil an t-am aca-san a tha ann an ùghdaras ionnsuidh a thoirt air rathad a thoirt do ’n t sluagh so.
Cha b’ urrainn side fais na b’ fhearr a bhi ann na th ann air an t-samhradh so. Aon uair ’s gu’n d’ thainig a’ cheud uisge, tha gach ni cho fàbharrach do’n tuathanach ’sa dh’ iarradh e. Tha frasan mor’ uisge a sileadh gach seachdain, agus blàths briagha as a dheigh. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil nithean a cheart cho gealltanach sin ann an Cuibeic ’s an Ontario. Tha sinn an dòchas gu lean an t-side mhath, agus gu’m bi a bhliadhna so ’na bliadhna cho torach ’sa chunnaic an dùthaich o chionn fhada.
Bha Padruig Wheeler, a bha air a chur an sàs air àmhrus gu’m b’ e mhort Anna Kempton ’sa gheamhradh s’a chaidh, air fheuchainn aig a Chùirt Mhoir ann an Kentville deireadh na seachdain s’a chaidh agus toiseach na seachdain so. Bha àireamh mhor fhianuisean air an ceasnachadh, agus Dimairt, an deign gach ni a chur air am beulaobh leis na fir-lagha ’s leis a’ bhreitheamh, fhuair an jury ciontach e. Thug am breitheamh an sin a mach a bhinn; tha e ri bhi air a chrochadh air an ochdamh latha de Sheptember.
Tha iadsan a tha feuchain ri dreuchd maighstir-sgoile fhaighinn ri bhi air an ceasnachadh air an t-seachdain s’a tighinn. Anns an t-siorrachd so tha da àite-ceasnachaidh gu bhi ann air an turus so, —ann an Sidni Tuath. Roimhe so bha aca uile ri tighinn gu Sidni.
ChaochailSir Leonard Tilleyann anSt . John, N. B. ,a sheachdain gus an Diordaoin s’a chaidh. Bha e tri fichead bliadhna ’sa h-ochd deug a dh’ aois, agus cha robh e tinn ach mu sheachdain mu’n do chaochail e. Bha e ann am Parlamaid New Brunswick ’s am Pàrlamaid Chanada àireamh mhor bhliadhnaichean, agus bha e treis a dh’ ùine ’na Riaghladair air New Brunswick. Bha e ’na dhuine tapaidh agus onarach, agus bha e glé mheasail air feadh na dùthcha air fad.
Bha Ruairidh Mac Rath, a loisg air Pringle ’s mharbh e, faisg air a Bhaigh ’n Iar ’s an earrach, air a thoirt gu cùirt an Arichat air an t-seachdain s’a chaidh. Bha dithis fhear-lagha, U. C. Mc Coy, á Halifax, agus G. W. Kyte, á St. Peters, air am fasdadh ’na aghaidh, a agus bha D. A. Hearn, a Sidni, ’g a dhion. An deigh na bha dh’ fhianuisean ann air gach taobh a cheasnachadh, thug an jury am breith nach robh MacRath ciontach, agus chaidh a leigeil m’a sgaoil.
Fhuair a Bhan-righ litir o chionn ghorid o chaileig bhig a chaill a doll. Thuit an doll ann an toll oirre, agus bha i ’sa bharail gu’n do thuit i troimh ’n t-saoghal. Ach chual’ i cuid-eigin ag radh gu’m buineadh t[ ? ]bh eile ’n t-saoghail dha’n bhan[ ? ] i an dòchas gu’n toireadh [ ? ] h-oifigich an doll a chu[ ? ] suidh ’nuair a gheobht’ [ ? ] a’ chùis a rannasachadh [ ? ] rireadh a bha ’chaileag, agus ’nuair fhua[ ? ] mach gu’m b’ ann, chuir i doll ùr g’ a [ ? ] ionnsuidh.
Tha teinntean a’ deanamh call mor ann an Newfoundland. Ann an aon àite ris an canar Botwoodsville, bha fichead teaghlach air am fàgail gun dachaidh deireadh na seachdain s’a chaidh, agus ann an àit eile, Eilean Bhillian, chaidh bade beag cha mhor a sguabadh air falbh gu h-iomlan, agus b’ fheudar do na mnathan ’s do ’n chloinn na bàtaichean a thoirt orra am feadh ’sa bha na fir a feuchainn ri casg a chur air an teine. Am measg thaighean eile, chaidh Tigh na Cùrtach agus da Eaglais a losgadh. Tha Riaghladh na dùthcha a’ deanamh cuideachaidh leotha-san a chaill an cuid leis an teine.
Chaidh achd a dheanamh ann am pàrlamaid(Congress)nan Staitean o chionn ghoirid a thaobh luchd-imrich a bhios ’s tigh’n a dùthchannan eile. Ma thig an t-achd so gu bhi ’na lagh, cha ’n fhaod firionnach a tha eadar sia bliadhn’ deug us tri fichead bliadhna dh’ aois tigh’n do’n dùthaich mur teid aige air Beurla no cainnt air choireigin eile a leughadh ’sa sgriobhadh. Ach duine aig a’ bheil teaghlach is urrainn tigh’n dh’ an dùthaich fo’n lagh so, faodaidh e tighinn còmhla riutha, eadhon ged nach rachadh aige air aon chuid leughadh no sgriobhadh a dheanamh. Faodaidh na boirionnaich tigh’n dh’an dùthaich ged nach biodh foghlum sam bith aca. Tha moran de na paipearan-naigheachd a cur an aghaidh an achd so gu làidir, agus ag radh nach bu chòir a leigeil gu bhi ’na lagh.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 1. p. 4]
SILIS NIC-COINNICH.
SEAN SGEUL GHAIDHEALACH.
(Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.)
I.
O linn cogadh Mhontrose dh’ eirich cinn-fheadhna agus ceannas-cinnidh na Gaidhealtachd gu ire ni’ b’ airde ann am meas, agus ann an luach na ’bhuineadh dhoibh riamh roimh an am ud. Bha cumhachd agus treubhantas nam fineachan air an cur gu dearbhadh anns a’ chogadh ud, agus mar sin, bha uachdaran air a mheas a reir lionmhorach a chuid iochdaran, a bha ’g a aideachadh mar an ceann-fine, agus a dh’ eireadh air ’iarrtas gu cogadh ann an aobhar sam bith a roghnaicheadh esan air an son. Mar sin bha fabhar agus deagh-ghean chumhachdan na rioghachd do gach uachdaran, a reir aireamh a luchd-leanmhuinn.
B’ ann ’s an am ud a thachair an gnothuch eagalach is bun do m’ sgeul, ann an daimh ri aon de theaghlaichean urramach na Gaidhealtachd, ach a thuit gu mor o chionn ioma bliadhna, o’n inbhe aird anns au robh iad aon uair, agus uine sin, air sgath na tha de ’n gineil fhathast beo anns an taobh tuath is eiginn domh ann an tomhas, an ainmeannan agus an aiteachan-comhnuidh ’atharrachadh.
Tha Caisteal-Gharnaid, aite-comhnuidh a’ chinn-fheadhna chumhachdaich air am bheil mi gu bhi ’deanamh iomraidh, ’n a sheasamh air inbhir fhiadhaich far am bheil dithis de aibhnichean ainm[ ? ]altachd a coinneachadh a che[ ? ] righ gu cas air a culthaobh[ ? ] - iar. Tha ’aghaidh a seall[ ? ] ard-an-ear, o chionn na h-aibhne [ ? ] giulan uisgeach an fallain, fionnar na[ ? ]lt agus nam fuaran gu cladach aon de na[ ? ]aoil -mhara sheimh neo-bhruailleineach sin anns an tric am faigh ànrach a’ chuain acarsaid thearuinte. Bha aillidheachd agus duaichnidheachd mheasgaichte nan cluaintean agus nam bruthaichean creagach mu’n cuairt a’ chaisteil, ’n an samhladh riochdail air an linn stoirmeil anns an do thogadh e. Aig iochdar na faiche mu choinneamh dorus-beoil a’ chaisteil, bha drochaid-mhaide thairis air da stalla a bha mu fhichead aitheamh air airde agus eatorra bha eas cumhann, scorrach troimh an robh uisgeachan na h-aibhne air an grad thionndadh gu leum-uisge cho ail lidh agus cho fiadhaich ’s a chithear air fad ’s air farsuingeachd nan garbh-chrioch, tuath no ’n-iar. Bha an drochaid air a deanamh de shailthean daraich, agus ged a bha i glé ainleathan, lom, gun taobhan no casan air taobh seach taobh dhi, cha robh rathad eile a dh-ionnsaidh a’ chaisteil ach i, do mharcaichean no do choisichean.
Fo riaghladh buaireasach ain.tighearnail nan righrean Stiubhardach, chaill Caisteal Gharnaid tomhas nach bu bheag de ’n ghloir, de’n chumhachd, agus de’n mhoralachd air son an robh e aithnichte agus iomraiteach roimhe an am ud. B’ i crioch shonruichte ealain-riaghlaidh nan Stiubhardach a bhi ’bristeadh cumhachd agus ughdaras nam fineachan, nan ard-uaislean, nan ceann-feadhna agus nan ridirean le bhi ’g am brosnachadh gu falachd agus naimhdeas an aghaidh a cheile, leis an robh iad ann an comhas mor air an lagachadh agus air an isleachadh ’n am measg fein. Chlaon agus chrion tiodal ainmeil aosda teaghlach Chaisteil Gharnaid, ach bha fathast fuigheal de am moralachd a lathair ann am pearsa a’ chinn-fheadhna a bha beo aig an am so ach fo thiodal ur, eadhain, Morair Eidirdeil. B’ esan ’n a aonar an t-aon mheanglan a bha lathair de theaghlach ainmeil a shinnsearachd; mar sin bha mor-chumhachd ’n a sheilbh, oir bha e ’n a cheann air fine a bha fhathast ro lionmhor, uaibhreach borb, ainmeineach. Ach na’m basaicheadh e gun sliochd, thuiteadh an oighreachd agus an ceannas-cinnidh, a reir colais, air neach a bha, thar gach duine, ’na chuspair fuath dha fein agus d’a iochdarain; duine leis an robh e air a chreachadh ann an tomhas mor de’n onair agus de’n t-saoibhreas air an robh e aon uair ann an seilbh; agus duine, ged a bha e ann an dluth dhaimh dha, a bha aig an dearbh am ud, a’ cleachdadh gach innleachd a bha na chomas gu a thilgeadh a mach as aite, agus gu ’thoirt gu bochdainn.
Anns an t-suidheachadh dheuchainneach ud phos Eidirdeil air comhairle maithean a luchd-leanmhuinn, Silis, aileagan Chlann-Choinnich. Bha iad le cheile ro og; bha ise aillidh, caoimhneil, deagh-bheusach agus solubadh; b’i annsachd a companaich i, anns an t-seadh a b’ airde, agus cuspair uigh agus deagh-ghean an iomlain de a luchd leanmhuinn. Ach mo chreach! chaidh bliadhna an deigh bliadhna thairis, gun a chàraid og ud a bhi air am beannachadh leis an toradh sin a bha ion-mhiannaichte as ceann gach beannachd eile—eadhoin, oighre òg air son oighreachd Ghlinne-Garraidh agus air son Moraireachd Eidirdeil. Ciod a ghabhadh deanamh? Bha an fhine gu h-iomlan, fo bhuaireas agus ann an imcheist; bha coinneamh an deigh coinneimh aig maithean a’ chinnidh mu’n chuis, agus b’e an codhunadh aon-sgeulach gus an d’ thainig iad aig a’ chean [ ? ] dheireadh, gur h-e a b’ fhearr gu [ ? ]oin deichnear de na [ ? ]isle a bha beo de’n [ ? ]adh an t-iomlan de’n [ ? ] onair a bhuineadh [ ? ] Nagarr, a bha ’n a [ ? ] pair fuach agus diomb dhaibh uile.
[ ? ] thuaiream seachd bliadhna an deigh [ ? ] Shilis tighinn gu bhi ’n a mnaoi, ach cho neo-choltach ri tighinn gu bhi ’n a mnaoi, ach cho neo-choltach ri tighinn gu bhi ’n a mathair ’s a bha i riamh, thainig buidheann de mhaithean a chinnidh air teachdaireachd gu Morair Eidirdeil le seann laoch calma, Tighearna Charnaich air an ceann, am fear a b’ thaisge ann an inbhe agus ann an cumhachd do’n cheann-fheadhna e fhein. Dh’ innis iad dha gu’n d’ thainig iad a nis gu codhunadh suidhichte gu’m feumadh e gun tuilleadh dail no seamsain dealachadh ris a’ bhain-tighearna, beo no marbh mar bu roghnaiche leis. Bhrist e mach ann am feirg, agus, ars’ esan, “Na biodh a dhanachd aig an fhear is fearr ’n ur measg leithid ainmeachadh gu brath an deigh so.” Gun eagal, gun athadh, fhreagair seann laoch Charnaich, “Ciod is fiach thusa as ar n-aogaisne? Runaich sinn uile gur fearr gu ’m basaicheadh, cha ’n i a mhain, ban-mhorair Eidirdeil, ach gach baintighearna eile a tha beo d’ ar fine, na gu’n tigeadh an fhine gu bhi ’n an traillean fo an-riaghladh agus fo chumhachd Nagairr.” Chunnaic am Morair nach robh dol a null no nall dha ach striochdadh dhoibh. Thuirt e gu ’m bu chàs cruaidh e gun teagamh sam bith, ach ma runaich Ard-riaghlair na cruitheachd gu ’m b’ esan an t-oighre deireannach de ’n stoc aosda, fhiughail o’n do ghineadh e, a sheilbhicheach oighreachd agus onair a shinnsear, nach gabhadh an t-ordugh atharrachadh; agus na’n tugadh iadsan gu buil an gniomh uamhasach a runaich iad gu ’m faodadh iad a bhi cinnteach gu’n tugadh iad mattachd an Uile-chumhachdaich a nuas orra fhein agus air an fhine gu leir. Chuir e ’n an cuimhne nach robh e fein agus a’ bhaintighearna ach fathast ro og, nach d’ thainig iad eadhoin gu an làn fhas no gu treine an neart, agus mar sin nach robh e idir mi-choltach gu ’m faodadh ise bhi fathast ’n a mathair teaghlaich lionmhoir; ach coma co dhiu, gu’m b’ ise thar na h-uile cuspair eile anns an t-saoghal, ailleagan agus annsachd a chridhe, agus gu ’m bu luaithe a dhealaicheadh e ris gach ni a bhuinneadh dha, eadhoin ri ’oighreachd agus ri ’chinneach na rithese.
Chrath Carnach a cheann liath, agus le gruaim bhagaraich air a ghnuis, thuirt e ri Eidirdeil gu’n robh a chainnt ro amaideach, agus ’n a freagradh cruaidh-chridheach do iarrtas an fhine d’ am bu cheann-feadhna e, agus nach b’ e a chomain e. “Aidichidh sinn” arsa Carnach “gu’m bheil a ’bhaintighearna fathast ann an ceitein a h-oige, agus air sgath a h-aige, ged tha ar faighidinn air a cur thuige gu ro mhor, bheir sinn fathast dail thri bliadhna dhi, agus aig ceann na h-uine sin, ma bhios i gun sliochd, gabh m’ fhocalsa air gu’m feum thu a cur uait le dealachadh, laghail, no ma dh’ fhaoidte air dhoigh is miosa, agus bean eile a phosadh; agus sin air sgath nam miltean a tha an crochadh riut mar an athair, an cultaice agus an dochas saoghalta; oir ma thig gu brath an latha sin anns am bi Gleann Garnaid gun oighre dligheach, bithidh laithean Chlann-Choinnich mar chinneadh, air an aireamh am measg nan nithibh a chaidh seachad.
Smuainich Morair Eidirdeil ’n a inntinn fein gur h-ioma car a dh’ fhaodadh tighinn air an t-saoghal an taobh a stigh de thri bliadhna, agus an dochas ri maitheas an Fhreasdail, dh’ aontaich e ris na cumhachan a chuir Carnach agus na maithean eile ri ’uchd, ni a thug faothachtdh agus fuasgladh dha aig an am ud, agus mar sin dhealaich e fein agus a chairdean, saodmhor, toilichte, taobh air thaobh. Thainig na tri bliadhna gu crich—an deicheamh o ’n a phosadh iad, ach mo thruaighe! bha Morair Eidirdeil agus a cheile uasal fhathast gun oighre, gun bhanoighre, agus gun chosla caochlaidh. Bha Silis cho cuirteil, cho aillidh cho fiathail, cho sunndach agus cho iullagach ’s a bha i riamh, gun smuain, gun umhail, gun amharus mu na comhairlean dorcha, droch-mheineach a bha air an deilbh d’ a taobh. Ach mo chreach! bha a binn air a seulachadh leas an iomlan den fhine, firionn agus boirionn, ard agus iosal, oir bha an aimheal agus am mi-fhaighidinn air tighinn gu ire bhuaireasaich do-chiosaichte, agus bha gach teanga ’g a casaid gu bàs. Runaich aireamh de sheann mhnathan-uaisle cur as dhi le puinnsean; chaidh te dhiu air aoidheachd do’n Chaisteal le punnsean millteach air h-giulan, a’ runachadh cothrom a ghabhail air a fhrithealadh air dhoigh eigin, ach cha bu luaithe chunnaic i aghaidh aoibheil, neo-chiontach na banmhoraire, na bhuail a coguis oirre, agus thilg i am puinnsean anns an teine. An deigh sin dh’fheuch iad druidheachd, ach dh’ fhailnich an geasan cho math ris gach oidhirp eile; agus cha robh a nis leigheas air a’ chuis ach gu’n cuirte teachdaireachd a dh-ionnsaidh a’ Mhoraire, agus air an dearbh latha air an d’ thainig na tri bliadhna gu crich, rainig na maithean ceudna Caisteal Gharnaid, le seann Tighearna Charnaich aon uair eile air an ceann.
(Ri leantuinn.)
Am fear a gheibh bean, gheibh e dragh.
Am fear a ghleidheas an long ’s na lamhan gheibh e an adhais uair eigin.
title | Issue 1 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 1. %p |
parent text | Volume 5 |