[65]

[Vol . 5. No. 10. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 5, 1896. No. 10


TURAS AMHARAICHE.

LE EOBHAN MAC LAOMUINN, M. A., D. D.

CAIB. VIII.

Aig ceann seachd laithean, bha Timoteus ri faire, agus shaoil leis gum face neul mar gum biodh lamh duine; ach mheudaich an dorchadas, agus cha burrainn dha bhi cinnteach. Air meadhon oidhche fhuasgail Deagh Mhisneach air. Chomharraich Timoteus ris an àirde tuath an àm dol sios fo chlar, agus thuirt e, “Tha eagal orm gu bheil nàmhaid mun cuairt.” Sheinn Deagh Mhisneach a mach, “Tha gach ni gu math, ”agus lean e air seinn salm naomha ri port Babilonach. Mhair e air so gus an do chail e. Bheothaich aghaoth. Thainig Cuilc Bhruite a nuas, oir cha burrainn da cadal do bhrigh bhi caithris Glùinean laga; dhamhairc e mach, agus bha ioghnadh air a bhi faicinn Déagh Mhisneachna chadal an àite bhi coiseachd na faire aige. Chrath e na dhùisg e, agus chomharraich e mach mar gum be soitheach adeanamh gan ionnsuidh. Thog an dithis dhaoine iolach, agus a thiotadh bha na seòladairean uile air bòrd. Air do Chriosdaidh an glaodh a chluinntinn, thainig e nuas. Bha tuisge aig an stiùir agus dhearb e ri fear na caithris rabhadh a thoirt da. Mun dfhuair iad car mun cuairt, bhuail soitheach mòr Sgeul-a- mhor-aoibhneis, gusn do chriothnaich i bhotoiseach gu deireadh. Dhfhàilnich cridhe Chriosduidhnuair a chunnaic iad bratach dhubh le ceann bàis. Bha e an làmhan spùineadairean, agus sinnuair nach robh e uidheamaichte air an son. Bha na h-uisgeachan ciùin air tionndadh gu bhinan uisgeachan còmhstri. Ghlaodh na maraichean fo chlisgeadh, agus scriach na spùineadairean le glaodh na muinntir a choisneas buaidh. Be ainm an t-soithichSgrios-obann,” fo chùram a Phrionnsa Dhuibh, a sheas a séideadh bagraidh, agus air an aghaidh na seòladairean. An sin ghlaodh Dearsair, a bha gealtach, “Than soitheach adol fodha;” agus ruith e na dheann a dhionnsuidh a Gheallaidh. Lean DeaghMhisneach e, ach phut Eudmhor a thaobh iad. Thuit slat air bòrd agus cha mhor nach do bhuail i air Criasduidh, a rinn osna na spiorad, agus bha ega dhiteadh féin a thaobh gach olc a dhéirich dhaibh, ach chuimhnich e gun tubhair Imanuil, “Feuch tha mise maille ruibh a gnnàth,” agus aglacadh misnich, ghairm e air na maraichean ard a iad a chòmhraig deagh chòmhraig achreidimh. Rinn Sgrios-obann leum air ais nuair bhuail i bhuille, agus dhfheith i ri dol fodhr Sgeul-a- mhor-aoibhneas. Ach fhuair Timoteul a mach an aoideil, chuir e stad air le seòladh Tuigse, agus thainig e air bòrd le gnùis phlathail, ag radh, “Cha déirich dochann air bith don t-soithich.”


Litir a Ontario.

Than samhradh seachad, agus tham foghradh reidh, ’s chan fhada gus am bi stoirmeannan agheamhraidh ateachd dlùth oirnn. An àite bhi gearain air an teas a bhanns an t-samhradh, bithidh sinn an ùine gun bhi fadagearain air an fhuachd. Than aimsir mun àm so den bhliadhna cosmhuil ri duine bhana làn neart o chionn bheagan bhliadhnaichean, ach a tha nisedol air ais beag air bheag gus an tig fogharadh fuar na h-aois air, an deigh liath-reothaidhean an t-samhraidh a chur seachad. ’Nuair a sheallas sinn air ais agus a smaoinicheas sinn air na chaidh seachad dar beatha, saoilidh sinn nach eil ann ach bruadar, a chunnaic sinn air an oidhchen raoir. Than ùine coimhead cho goirid leinn on bha sinnnar cloinn bhigs gun gann is urrainn duinn a thoirt oirnn fein achreidsinn gu bheil ar beatha nis air dol thar a mheadhon-latha, oir tha lamh uaireadair na beatha aig cuid againn air dol gu math seachad air an da uair dheug. Seallamaid romhainn da fhichead no leth-cheud bliadhna, agus saoilidh sinn gar e ùine uamhasach fhada thann, agus their sinn, “ chi an la ud?” Am bheil duine ann air an latha an diugh a tha nise na làn neart, a chi abhliadhna 1936 no 1946? Chan eil iad ach beag ann an àireamh a chi na bliadhnaichean sid.

Tha do nàdur ann am mac an duine nas math leis a bhi daonanga dheanamh féin nas òige na tha e. Cha smaoinich sinn gu bheil sinn sean gus an cluinn sinn an òigridh ag radh ri chéile nuair a bhios sinn faisg oirra, “Sud agad seann Domhnull, no seann Alasdair mac Dhomhnuill Ic Iain: nach e thafàs liath, agus tha e cosg ghloinneachan!” Nach e sud a bheir a nuas mar a their iad anns a Bheurla, ar dignity; a bhi cluinntinn òigridh gun mhodh ag radh seann daoine rinn. Ach feumaidh sinn aideachadh gur en fhirinn a thann, agus mur aidich, fairichidh sinn e. Chi mi mòran den òigridh a tha beò an diugh, agus tha iad liath mun ruig iad còig bliadhna fichead. Tha ena fhasan aig gillean òga nise bhigam bearradh féin gach seachdain; cha leig iad len ciabhan fas idir, agus an ùine bhig bidh iad cho liath ri seann daoine. Tha e nas bòidhche gu mor ciabhan fada liatha fhaicinn air duine, na ceann làn fhriodhan. Cha dean math dhomh an còrr a radh mun chùis so, oir tha eagal orm ma thòisicheas mi gun abair mi tuilleadhsa chòir.

Chan eil an gràn cho mathsa bha sinn a smaoineachadh a bhitheadh e mun deach a bhuain. Bhuail a mheirg e gu dona, agus leis asin bidh an siol gu math aotrom. Bha reothadh mor againn air oidhche an ochdamh latha deug dhen mhios so. Dhubh e bàrr a bhuntata ann an àiteachan, agus measan gàraidh, ach chan eil aobhar a bhi gearan againn.

Chunna mi gu bheil amPeutannachmath air òrduighean a thoirt seachad, ach bfhearr dha gu mòr a litrichean féin a dheanamh na bfhaida, no iad a bhi tighinn na bu trice. Cha bfhearrd iad uile bhi cho goirid ris an te mu dheireadh sgriobh e, ged a bha i glé mhath na bhann dhith. Dean mar a ni mise, ’dhuine chòir; mur eil ùine agad air sgriobhadh, thoir as do chadal e?

Bha mi leughadh na sgeulachdan gasda bhanns a MHAC-TALLA mu dheireadh, agus gu cinnteach chòrd iad rium. An ath uair a sgriobhas mi, tha mi dol a thoirt oidhirp air iomradh a thoirt air cleachdaidhean nan Gaidheil, math us dona; tha da thaobh air amhaoil; bha cleachdaidhean math us dona gu leòr aca, na daoine còire.

Tha eagal orm gun do sgriobh mi mo litir tuilleadh us fada, ach feuch ri rum a thoirt dhi uile, agus bheir mi taing dhuit air a shon. Tha mi nisedol a sgur. Slan leibh ma ta gus an cluinn sibh bhuam a rithist.

Is mi ur caraid,
Iain Mac Illeasbuig.

Priceville, Ont., 28, 8, ’96.


Tomhaisidh Morair Salisbury, Priomhair Bhreatuinn, mu dha cheud gu leth pùnnd. Cha tomhais Mr. Gladstone ach gann sia fichead pùnnd. Chan i bhodhaig a dhfheumas a bhi mor no cudthromach air son duine dheanamh tapaidh, ach an eanchainn, agus ma bhios an eanchainn gu math, ’s coma co-dhiu bhios a bhodhaig mor, trom, no beag, aotrom, bidh an gliocass an tapachd ann.



[66]

[Vol . 5. No. 10. p. 2]

COMHRADH.

EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR.

MUR.— “Ceud mile failt air Fear aGhoirtein Fhraoich! Bha mi direach a smuaineachadh ort, agus ag radh ri mamhnaoi gun do thilg Coinneach Ciobair clach oirnne.”

COIN.— “Ma thilg, a Mhurachaidh, bithidh achlach sin cosmhuil ri cronachadh an fhirein oir cha bhris i do cheann.”

M.— “Tha micreidsinn nach brisagus cha bhiodh duil agam gum briseadh. Ach, a charaid, tilg dhiot an cota-mor sin, oir tha e mus trom ra ghiulan leis an aimsir bhlath so.”

C.— “Nach cual thu riamh, a ghraidh nam fear, an sean-fhacal a deir:—

Cha truimeid achaora falluing,
Cha truimeid an t-each an t-srian,
Cha truimeid an loch an lach,
S cha truimeid acholuinn ciall?”

M.— “Tha thu geur-chaìnnteach an diugh, a Choinnich, ach dean suidh, agus faigheamaid do naigheachd.”

C.— “Is maith an uaigheachd a bhi gun naigheachd idir; ach, chan ann a chur casg air do chainnt, ciod an leabhar boidheach a thagad an sin, a Mhurachaidh? Is maiseach a cheangladh e gun teagamh. Is geal gach nobha gu ruig snothach an fhearna.”

M.— “Ma ta a Choinnich, tha leabhar agam an so a fhuair Seonaid bheag mar dhuais-foghluims an sgoil, eadhon bardachd Roibert Burns, agus cha dheanadh tusa sgillinn dheth, a thaobh canain nan Dubh-Ghall anns am bheil e air a chur a mach. Bha mi direach a leughadh an duain aig Burns mu Thomi aShanter, agus is miorbhuileach a chuireadh ra cheile i. Is gasda a chordas i riutsa, a Choinnich, do bhrigh gum bheil i atoirt iomradh air do chairdibh na buidsichean agus na sithichean.”

C.— “Nach toir thu dhomhs a Ghailig e, a Mhurachaidh, oir bu cheart co maith dhuit a thoirt dhomhsasa Ghreugais, ri thoirt dhomhsa chainnt neonaich sin.”

M.— “Ni mise mo dhichioll, ma ta, a Chonnich, agus cha mhor nach biodh e co furasd teadhair a dheanamh as na sligibh-bairneach, ris an duan sin eadar-theangachadh, ach bheir mise deuchainn dha, agus chan iarrair air duine dona ach a dhichioll. Eisd, ma ta ris an duan aig.

TOMI ASHANTER.

An uair a dhunar na bùthan, agus a dhfhàgas ballaich nan ceannaichean na sràidean; an uair a chomhlaicheas coimhearsnaich pòit-chiocrach a chéile; an uair a chromas an t-anmoch air laithibh-feille, agus a thòisicheas muinntir air an t-slighe a ghabhail dachaidh; an uair a tha sinnnar suidh ag òl ar druthaig, agus afas blath agus anabarrach sogannach, chan eil aon smuinn ar cridhe mu na mithibh fada Albannach, no mu gach cathar agus slochd, gach stuadh agus stac, a ta eadar sinn agus ar dachaidh, far am bheil ar cailleachan gu dur, dranndanachnan suidh ann am feirg, agus ateannachadh an cnuaichdean mar anradh afas ann an gairge, ag altrum an corruich chum a chumail dian.

Fhuair Tomi aShanter, an duine coir, an fhirinn so a machn am da a bhimarcachd air oidhche araidh à Ionar-Air, (seann Air, baille air nach dthugadh barrachd riamh a thaobh a chuid daoine ionraic, agus a chuid oighean maiseach!)

O Thomi, gun robh thu co glic agus comhairle Ceite do bhean fein a ghabhail! Leig i ris duit gun mhearachd nach robh annad ach trusdar salach gun diu, —gleosgair bruidhneach, goileamach, misgeach; —nach robh thu fein aon la feille o gheamhradh gu foghar measorra no stolda! Cha do chuir am muillear lamh air molltair, nach do shuidh thu maille ris fhadsa bha sgillinn ruadh na dsporran. Cha do chuireadh teann air gearran gun daoraich a bhi marron air aghobha agus ort fein. Air an t-Sabaid Naoimh, agus am fochair na h-eaglaise, bu ghnath leat a bhig òl maile ri Sine aChlachain gu moch Di-luain! Uime sin, chuir i air mhanadh gum biodh tu air t-fhaotuinn air do bhàthadh luath no mall, ann an sruthaibh domhainn na h-aibhne Doon, no air do ghlacadh anns an duibhre leis na sithichibh am fagus do sheann eaglais thathaichte Allobhaidh!

Och! a mhnathan suairce! bheir e sileadh nan deur orm a bhi smuaineachadh cia lion comhairle thaitneach, agus cia h-iomadh rabhadh seasmhach a thugadh le mo mhnaoi, ach air an drinneadh tàir leamsa a companach!

Ach chum ar sgeoil. —Air feasgar araidh féille, bha Tomi gu stòltana shuidh ri taobh na cagailte far an robh gealbhan-teine abrasladh, agus maille ris na pòitearan druaiheach, a bhag òl gu cothromach gloinair gloine. Aig uilenn Thomi bha Seocan-Greasuiche na shuidh air caithir, mar an seann fhear-ruin dileas, iotmhor aige féin. Ghradhaich Tomi e mar fhior bhrathair caidreach, air doibh a bhi cuideachd re iomadh seachdain fon daoraich. Bhras-shiubhail an oidhche le h-oraanaibh agus gleadhraich gun choimeas, —agus bha an leann asìr dhol am feabhas! Bha a bhean-osda agus Tomi a fas ro shuairc ra cheile le comanaibh uaigneach agus fior-thaitneach. Dhaithris Seocan-Griasaiche gach sgeul a biongantaiche na chéile, agus bha gàire mor an fhir-òsda mar chomh-sheirm don dluth-chòmhradh. Séideadh an doinionn on taobh a mach le buraich eagallaich, ach cha bu mho air Tomi an doinionnas fead.

Iomaguin! air di a bhi air bhol le bhifaicinn neach co sonna, chaidhh i agua bhàth i i-fein anns na tuiltibh leanna! Mar a ghreasas na seileanan dhachaidh le luchdaibh stòrais, mar sin theich na mionaidean mar air sgiathamh le toil-inntinn. Feudaidh righrean a bhi air am beannachadh, ach bha Tomi moralach, air da buaidh a thoirt air uile thruaighibh na beaeha a ta làthair!

Ach tha toilinntinnean mar chrom-lusan air an sgaoileadh a mach. Ni thu greim air a ghucaig, ach tha am blath air a sgapadh! Air neo direach cosmhuil ri cloinneagaibh sneachda atuiteam air an uisge; tha iad geal re sealain, ach air ball leaghaidh iad as an t-sealladh, agus chan fhaicear iad tuilleadh nis ; —air neo cosmhuil ris na firchlis a ghrad-theicheas air falbh mun comharaich sibh a mach an t-ionad anns an robh iad; —air neo cosmhuil ris a bhogha-fhrois a shiubhlas air falbh ann am meadhon an ànraidh. Cha bheo e a chuireas cuibhreach air uine no air seol-mara. Ach than uair air teachd anns am feum Tomi dol air mun eich, —an uair sin a ta mar chlach-ghlasaidh do dhruim-bogha dhoilleir na h-oidhche, —anns acheart uair thiamhaidh sin leum e air druim a chapuill fein, —agus ann an leithid de dhoidhches air an do ghabh e an t-slighe, cha deachaidh peacach bochd, truagh riamh a mach!

Sheid aghaoth mar nach seideadh i tuilleadh! Dheirich na frasa torghanach air sgiathaibh na sine! Shluig an tiugh-dhorchadas suas na grad-bhoisgean teinesna speuraibh; agus bhan tairneanach abùirich le langanaich aird, fhad agus fhuaimneach! Dhfheudadh leanabh a thuigsinn air an oidhche sin, gun robh gnothuch aig an Droch-Fhear os laimh!

Air do Thomi a bhi gu daingean na shuidhsan diollaid air muin Maggai achapuill ghlas fein, —agus capull ni bfhearr cha do thog riamh cas, —ghrad ghluais e air adhart roimh chlabar agus lathaich, gun suim sam bith don ghaoith, don fhuaim, don uisge, na don teine, —an trathsa deanamh greim air a dheagh bhonait ghuirm fein, agus a ris aseinn seann dhuanaig Albannaich. A ris, bhiodh a shuilean asgeannadhna cheann, asealltuinn gu curamach mun cuairt da, air eagal gun deanadh na bocain greim air. Bha Eaglais Allobhaidh a tarruing am fagus, far an robh taibhsean agus cailleachan-oidhche asgreadails an dorchadas.

Fhuair e nis a null thar an àthan far an do mhùchadh an ceannaichesan t-sneachda. Chaidh e seachad air na craobhaibh beithe, agus air a chloich mhoir far an do bhris Tearlach misgeach cnaimh na h-amhaich aige fein, agus chaidh e troimhn chonasg, agus seachad air acharn far an an dfhuair na sealcairean an leanabh a mhortadh, agus am fagus don droighnich os ceann an tobair far an do chroch mathair Mhungo i fein. Air thoiseach air tha Doon, ataomadh a tuiltean a mach, —than doinnean bhuaireasach abeucaich troimh na coilltean, agus tha na dealanaich aclis-bhoisgeadh o dheas gu tuath! Nis faisge agus nis faisge tha na tairneanaich abùirich; agus gu fann troimh na craob a acainneach chithear



[67]

[Vol . 5. No. 10. p. 3]

Eaglais Allobhaidh gu lasarach mar gum biodh ina teine! Bha na sailean aice agliosgadh troimh gach fosgladh, agus chualassan am gleadhraich sùgraidh agus dannsa a fuaimeadh gu mor!

Och! Iain-a’ -Ghrainein-Eorna! thusa a dheachdas gu dan! Ciod na cunnartan a bheir thu oirnn, ach cunnartan a chuir sinn air dimeas! Chan eil eagal uilc air hith oirnne le deoch an da sgillinn, ach leMac na brachabheir sinn aghaidh air an Daoch-fheae fein! Bha na boinnean-dibhe acur aleithid de bhuareas ann an eanchainn Thomi, air chors le ceartas fhaotuinn, nach biodh an curam nis lugh air roimh an deamhain fein! Ach sheas Maggai, air a bualadh le h-eagal, gus an do smachdaicheadh i le sàil as laimh; dhuraig i an sin dol gu mall air a h-aghaidh chum an t-soluis. Agus O! Feuch! chunnaic Tomi sealladh miorbhaileach! Chunnaic e sithichean agus buidsicheàn adian-chur ris an dannsa! Cha be leumartaich chiuin, reidh, a nall as an Fhraing a bhan sin, ach cascheuman ealamh, —grad-stapan gearra, —strath-speidhean, agus ruidhlean cridheil, leis an do chuireadh beothalas agus smioralachdnan sailtìbh gu leir! Air an taobh-near bha dall-uinneag dhorch, far an robh an t-Aibhistear nor feinna shuidh ann an riochd beathaich fiadhaich. Bha ena gharrach dudach, dubh, gruamach, agus mor. Be aghnothuch-san aig an am, a bhiseinn ciuil dhoibh. Uime sin, theann-ghleus e aphiob, agus thug i sgread aisde a chuir mullach agus sailthean an tighe air chrith.

Bha cisteachan-laidhenan seasamh ceithir-thimchiol mar phris no corn-chlaran fosgailte, a bha nochdadh nam marbhnan éididhibh deireannach; agus le druidheachd no le cleas-lamhdeamhnach éigin, bha solus laiste ann an laimh fhuair gach aoin diubh, trid an dthugadh comas don treun-fhear Tòmi, beachd a ghabhail dhen bhord air an robhnan laidhe cnamhan mortair ann an iaruinnibh na croiche, —leanabanna beaga gun bhaisteadh, —da-reis air fad, —meirleach air ùr ghearradh on taod, leis na h-ospagaibh deireannach aige fathasd air an dealbhadh air spleuchd achraoise, —cuig tuaghan-catha le dearg-mheirg na fola thairis orra, —cuig crom-chlaidhean carrach le mortadh, —agus moran de nithibh oillteil agus eagalach eile, nach biodh e laghail fiu agus ainmeachadh.

An uair a bha Tomi asgeannadh a shuilean, lan uabhainn agus iongantais, dhfhas an aighear agus amhire grad agus gleadhrach. Sheid am piobair suas na bu labhra, agus na bu labhra, agus chaidh an luchd-dannsaidhnan deannaibh, gach mionaid nas luaithagus nas luaith’. Ruidhil iad, shuidhich iad, chroisg iad agus chaidh iad an sas na cheile, gus an robh smuid fallais air gach seann chaillich a bha lathair. Mu dheireadh, thilg iad dhiubh an luideagan, agus bhuan-sheas iad rin obairnan leintibh.

A nis, a Thomi, O Thomi! nam boighean iad sud, agus gach aon diubh sultmhor agus maiseachnan oige, len leintibh air an deanamh, chan ann dhen phlaide shalaich bhain, ach den t-seachd ceud deuganart, geal mar an sneachdciod a theireadh tu riutha sin?

Ach an aite sin, bha bansgalan seargta, aosda, agus baoth, le iurgannaibh tanna, cuagach a leumartaich agus a gearradh shurdag, air druim seanna mhart. Och! bu leoir e chum deistinn a chur orm, agus chum mo dheanamh tinn!

Ach bha deagh fhios aig Tomi air aon rud agus rud eile, agus bha aon chaile dhreachail, chiatachsan ruidhtearachd air an oidhche sin, (aig an robh eòlas fad an deigh sin air tir Charric, oir is lionmhor ainmhidh a bhuail i gu bas, agus is iomadh deagh bhàt a chuir i a dhith, agus chrath i moran coirc agus eorna anns gach ait, agus chum i taobh na duthcha air fad fogheilt.) Bhan leine aice de gharbh lion-anart Phaislidh, a bha i acaitheadh an uair a bha ina caileig. Ach, och! is beag bha fios aig do sheannamhathair chrabhaich, gum biodh an leine sin a sholair i air son a h-Annaige bige fein, le da phunnd Albannach (a saibhreas gu leir) a burraim air dannsa nam ban-bhuitseach!

Ach a nis feumaidh mo cheolraidh an sgiathan fein a bhearradh, oir tha itealachd dhen ghne so fad os ceann an cumhachd. Co a sheinneadh mar a bha Annag a slisgsa leumadh, (oir bha ina baoibh thapaidh, a bha subailt agus treun) agus mar a sheas Tomi mar neach air an drinneadh druidheachd, agus mar shaoil e gun robh a shuilean a sealbhachadh tiodhlacan araidh. Spleuchd eadhon Satan fein agus rinn e iomairt le lanthoil, acas-chrathadh agus aseideadh suas na piob leis gach cumhachd agus innleachdna chomas. Ach mu dheireadh le aon surdaig agus a ris le surdaig eile, chaill Tomi a thoinisg gu buileach, ag eigheach a mach, “Ro mhaith, ro mhaith, a Leine Chutaich!” —agus ann am priabadh na sula bha gach ni dorch. Agus is gann a fhuair e Maggai air a ceartachadh, an uaar a bhruchd abhudheann ifrinneach a mach le dian-chabhaig.

Ceart mar a bhriseas na seilleanan a machnan sgaoth, asrannail le feirge dhein, an uair a bhios buachaillean gadach a toirt ionsuìdh air an sgeabpaibh; —ceart mar a theicheas amhaigheach bho a naimhdean sgriosach, an uair a chluinneas i sgaile aghunna agus a chlis-leumas i roimh an sron air falbh; —ceart mar a dhian-ruitheas an comhladas sluaigh air an aghaidh air la feile, an uair a ghlaodhar am fadsam farsuing, “Glac am meirleach,” —ceart mar sin bheir Maggai a casan as, air do na buidsichean a bhi an toir oirre, le iomadh sgreach cianail agus eagallach.

Och, a Thomi! mo chreach, a Thomi! gheibh thusa do dhuais. Is ann gu diomhain tha do Cheit afantuinn rid theachd. A nis, a Mhaggai, dean gu h-ealamh mas uarainn thu, agus ruig clach-ghlasaidh na drochaid. An sin, feudaidh tu t-earball a chrathadh riu gu leir. Cha n eil a chridhe aca dol thairis air sruth is e na ruith. Ach mun drinn i mach aclach iucharach, feuch! an truaigh earball a bhaice guchrathabh! Oir bha Annag fad air thoiseach air cach, agus rinn i suas gu dluth ri Maggai threin, agus thug i ionnsuidh air Tomi le cuimse fhiadhaich. Ach is beag a bha dhfhios aice air smioralas Maggai, a theasairg a maighstir gu teartinte le aon leum, ach, dhfhag ina deigh a h-earball glas fein Ghlac achailleach i air an rumpall, agus dhfhag i aig Maggai air oigin am bun.

A nis, ge be co a leughas an sgeul firinneach so, thugadh gach duine agus gach mac mathar an aire. Cuin air bith is miann leat dol a dhòl, smuainich gum feud thu sòlasan a cheannach tuilleadhs daor, agus cuimhnich air capull Thomi aShanter.”

COIN.— “Ubh! Ubh! a Mhurachaidh, cha chual mi aleithid riamh. Ciamar a chaidh agad air, oir tha a Ghailic sin co cruaidh, cruinn, geur ris na sligibh bairneach fein, agus an deigh sin tha i so-thuigsinn?”

Mur.— ”Cruaidh no bog, feumaidh sinn geill a thoirt do ghairm Bean-an-tighe, oir than t-suipeir deas o cheann fada, agus tha fios agad gum feum gach beo a bheathachadh. Uime sin, thugamaid an seomar oirnn, agus feudaidh e bhi gun an deigh na suipeir ged bu bhardachd Oisein a thigeadh an uachdar.

ALASDAIR RUADH.


SAMHLAIDHEAN.

Cha fliuch ri iasgcho tioram ri seich,
Cho beò ri euncho marbh ri cloich;
Cho brisg ri glainecho righinn ri teud,
Cho mall ri seilcheagcho luath ri steud;
Cho làidir ri eachcho lag ri caot,
Cho milis ri siùcarcho neo-bhlasd ri sgaot;
Cho geal ri lilicho dubh ri suidh,
Cho mear ri piseigcho tinn ri ;
Cho dòmhail ri peatraidcho sùmail ri sgadan,
Cho reamhar ri muiccho caol ri radan;
Cho direach ri saigheadcho cam ri bogha,
Cho bàn ri léinecho dubh ri gobha;
Cho carrach ri creigcho lom ri bòrd,
Cho geur ri sgiancho maol ri òrd;
Cho cruaidh ri sporcho bog ri ìm,
Cho luaineach ri sìdcho cinnteach ri tìm;
Cho fìor ris an t-Soisgeulcho feallsris an duine,
Cho caochlach ri beancho deibhin ri gunna;
Cho teth ri àmhuinncho fuar ri sneachd;
Cho lag ri cuileigcho laidir ri seachd;
Cho aotrom ri itcho trom ri luaidh’,
Cho glas ri feurcho ruadh ri luath,
Cho mall ri ascho bras ri tuil,
Cho geal ri lathacho dearg ri fuil,
Cho garbh ri ròcascho binn ri bàird,
Le mìlsamhleile riu so ann an càird,



[68]

[Vol . 5. No. 10. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, SEPTEMBER 5, 1896.

Ann an Canada, tha gach ball den ard-phàrlamaid afaotuinn mar dhuais air son a shaothair as leth a dhùthcha, mile dolairsa bhliadhna; ann an New Zealand, than luchd-pàrlamaid a faotuinn còig ceud dolairsa bhliadhna; ann an Iapan, ochd ceud dolair; ann an Astralia deas, mile dolair; ann aVictoria, coig ceud deug dolair; ann an Queensland, da mhile dolair; anns aFhraing, ochd ceud deug dolair; ann an Brazil; tri mile dolair; ann am Mexico, tri mile dolair; agus anns na Stàitean Aonaichte, coig mile dolair. Ann am Breatuinn far am bheil na laghannan as cudthromaiches as fhearr air an deanamh, agus far am bheil aca ri obrachadh nas cruaidhe na ann an dùthaich sam bith eile, chan eil an luchd-Pàrlamaid afaotuinn sgilinn ruadh air son an saothair. Tha iad a riaghladh na dùthcha, agus ann an tomhas mor acumail rian air an t-saoghal air fad, gun dad iarraidh no fhaotainn air son an cuid obrach.

Ann am baile Halifax, tha na rothairean air fas cho lionmhor, ’s gu bheil luchd-riaghlaidh abhaile air fhaicinn iomchuidh cìs a leigeil orra, agus riaghailtean eile dheanamh air son an cumail fo laimh. Chan eil achìs ri bhi glé àrd, a mhàin còig sentichean fichead, ach tha na riaghailtean eile acur na feirge gu mòr orrasan don gnàth a bhi falbh leis a chuidheil. Chan fhaod iad falbh nas luaithe na sia milesan uair, feumaidh iad an clag a bhualadhnuair a thig iad faisg air duine, agus tha aca ri solus laisgte bhi air an siubhal air an oidhche. Tha h-uile rud a h-ann acur na feirge air muinutir na rothairean. Ach than uidheam ùr so air fàs cho lionmhor o chionn beagan bhliadhnaicheans gu feumar riaghailtean air choreigin a chur rompa. Roimhe so bha cead aca mar bu trice deanamh mar a chitheadh iad fein iomchuidh, ach than t-àm a nis air tighinn anns am feumar innse dhaibh ciod a dhfhaodas iad a dheanamh, agus ciod nach fhaod.

S àbhaist don fhear-dheasachaidh mun am son bhliadhna seachdain tàimh a thoirt dha fhéins dhan MHAC-TALLA. Tha so feumail, oirnuair a tha neach ceangailte ri obair fad bliadhna gun chothrom gluasaid, cuiridh a shlàinte feum air eanail a leigeil gus neart agus ùrachadh fhaotainn air son saothair bliadhneile. On thachair dha aig an àm so a bhi ann an Eilean a Phrionnsa air chuairt ghoirid, smaoinich e nach bolc an gnothuch dha am paipear a chur na thàmh aon seachdain, a chuairt a dheanamh beagan na bfhaide, agus sgriob a thoirt am measg nan Gàidheil a thadeanamh an d achaidh anns an eilean bhòidheach thorach sin. An uiridh chuir e cuairt ghoirid air Ceap Breatuinn; thug e cùnntas goirid dan luchd-leughaidh air achuairt sin; tha roimhe a ni ceudna dheanamh a thaobh a chuairt an Eilean aPhrionnsa, agus air leinn nach mi-chòrd sin riutha. Mar sin cha bhi dùil aig an luchd-gabhail ri MAC-TALLA fhaicinn air an t-seachdain sa tighinn idir, ach an t-seachdain an deigh sin, bidh ega nochdadh fhéin riutha a rithist ann an làn rùn a bhi nas briathraiches nas fhearr seanachas na bha e riamh.

Ann an Denmark, am Finland, ’s an Norway, tha boirionnaich gu tric rim faotainn air bòrd shoithichean mar sheòladaireanagus tha iad ag radh gur a math na maraichean iad. Am measg nan soithichean beaga, nuair a tha boirionnach air bòrd, co-dhiu is bean an sgiobair, no bean an stiubhaird i, tha aice ris gach ni a chuirear mu choinneamh seòladair sam bith a dheanamh; tha aice eadhon ri dhol air an stiùir no air an fhaire mar aon de chàch. Ann an Denmark, tha boirionnaich gu tric nan luchd-iùil(pilots)do shoithichean, aguss aithne dhaibh an gnothuch a dheanamh pailt cho math no nas fhearr na na firionnaich.


Tha am MAC-TALLA beagan air deireadh air an t-seachdain so, ach gabhaidh ar luchd a leisgeul, oir thàinig air an fhear-deasachaidh fàlbh on tigh toiseach na seachdain. Tha e ann an Eilean a Phrionnsa, agus cha teid aige anobair a dheanamh idir cho mathn uair a tha e astar latha no dha bhon tighsa theid aigenuair a tha e air fhonn fhéin, far nach eil seallaidhean no fuaimannan comasach gusaire thoirt bhar a ghnothùich.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.


G. H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shuilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[69]

[Vol . 5. No. 10. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh soitheach iasgaich Geancach a reic leis an t-siorram ann a Halifax Di-luain sa chaidh. Bha i air a glacadh airson a bhig iasgach an taobh a stigh de na crioch-an.

Tha Banrigh Victoria ann an Alba aig an àm so. Tha i gu fuireach ann am Balmoral gu deireadh Nobhember agus an sin tha i tilleadh gu Windsor. Tha i air a dhol am feobhas gu math na slàinte.

Chaidh da mhile duine, á caochladh cheàrnaibh de Ontario, seachad troimh bhaile Thoronto ann an aon latha air an t-seachdain sa chaidh, ’s iad a dol do Mhanitobas don Iar-thuath a dhionnsuidh na buana.

Tha an t-Onarach Edward Blake a tighn a nall a Chanada air amhios so, agus a dol a dhfhuireach a bhos coig no sia sheachdainean. Tha e fàgail thall toiseach na seachdain sa tighinn, agus bidh e dol air ais mu thoiseach a gheamhraidh.

Than Spain adol a chur da fhichead mile (40,000) saighdeir do Chuba mu mheadhon a mhios so. Bhon thòisich an cogadh ann an Cuba, chaidh sia fichead mile (120,000) saighdeir a chur a nall don eilean sin. Tha e coltach gun teid aig an Spàin air an cogadh a chumail air adhart treis mhath fhathast.

Tha reis gu bhi ann anDorchester , New York;nir an naodhamh latha deug dhen mhios so eadar each agus rothair, a cheud réis dhen t-seorsa a bhann riamh. Tha an t-each air fear de na h-eich as luaithe thanns na Stàitean, agus tha fear an rothair cho math air astar a thoirt as a chuidheil ri duine than America. Tha da mhile dolair ri bhi an geall eatorra.

Phòs càraid aosda ann am Fredericton, N. B., air an n-seachdain sa chaidh. Tha fear na bainnse ceithir fichead bliadhna dhaois, agus bean na bainnse tri fichead sa deich. ’Se so an ceathramh pòsadh dhasan. Bha am pears-eaglais a phòs iad ag iarraidh airsan a ghealltuinn gum be so am pòsadh mu dheireadh a dheanadh e, a ch cha toireadh e gealladh sam hith dha.

Chaidh duin òg dom baimn Sydney Roper, a bhàthadh faisg air Ingonish Di-luain sa chaidh. Bha e fhéinsa bhrathair ag iasgach mu cheithir mile mach o eilean Ingonish, nuair dhéirich gaoth laidir, agus a lion am bàta aca le uisge; Thainig bàta eile nan rathad aig an àm, agus shàbhaileadh a bhrathair, ach chaidh esan a bhathadh. Bha amhuir cho garbhs gu robh an leòr sig a chuid bu mho dhe na bàtaichean tìr a thoirt a mach.

Thug fear Micheil Aenan, ann an Roxbury, Mass., ionnsuidh Di-luain sa chaidh air a bhean a mharbhadh, agus an deigh sin chur e làmh na bheatha fhein. Bhuail e isa cheann le tuaigh, agus nuair a shaoil leis gu robh i marbh, ghearr e a sgòrnan fhéin. Tha iad beò le cheile, ach tha e doirbh a dheanamh a mach an tig no no nach tig aon seach aon dhiubh uaithe. Tha Henan mu thri fichead blianhna dhaois, agus abhean da fhicheadsa còig. Bha iad glé mhath air an dòigh. Thatar adeanamh a mach gun do chuir dragh-eigin a bhaige thaobh airgeid inntinn air aimhreit.

Bha teine mor ann am baile, Tignish, an Eilean a Phrionasa la na Sabaid sa chàidh, agus chaidh a chuid a bfhearr dheth a losgadh gu làr. Bha da fhichead tighsa coig air an losgabh; ’nam measg sin bha sàoraichean, taighean-òsda, taighean-còmhnuidh, agas taighean a bhuineadh dhan rathad-iarrinn. Tha an call air a mheas aig ceud mile dolair, agus cha robh ach mu dheich mile dolair de dhairgead-urrais air na chaidh a losgadh. Thòisich an teine, mar a thòisich iomadh teine eile le cloinn bhig a bhi cleasachd la maidsichean far nach bu chòir dhaibh.

Bha coinneamh aig comunn na h-oigridh ann an Charlottetown, E. P. I., air an t-seachdain so. Bha àireamh mhor cruinn as gach cearna de na mor-roinnean ìseal, agus bha coinneamhan aca fad thri latha, Di-mairt, Di-ciaduin, ’s Dior-daoin.

Chaidh seachdnar ghìllean a ghlacadh ann an Amherst an la roimhe air son a bhibristeadh a stigh do storaichean anns á bhaile. Chan eil gin dhiubh os cionn coig bliadhndeug a dhaois. Chaidh gille eile, aois cheithir bliadhndeug, a chur an sàs ann an Lunnenburg air son na drochbheairt cheudna. Tha esan ri bhi air a chumail an greim gu ceann thri bliadhna, agus thae ri bhi fad na h-ùine sin an an sgoil far an ionnsaich e ceaird.

Bha iorghail mhor ann an Constantinople, ceanna-bhaile na Tuirce, air an t-seachdain sa chaidh anns an deachaidh àireamh mhor de na h-Armenianaich a mharbhadh leis na Turcaich. Chaidh cuideachadh iarraidh air cuid a dhoifigich an t-Sultain gus an iorghail a chasg, ach chan fhaigheadh iadsan a bhaga iarraidh cluas uapa. Chaidh an sin buidhean de mharaichean a chur air tir le cùid de na soithichean-cogaidh Breatunnach a bhasan acarsaid gus coirichean nan coigreach a ghleidheadh. Ghuidh an Sultan air fear-ionad na ban-righ e ghairm nam maraichean air ais dhionnsuidh nan soithichean, ach cha deanadh e sin, gus an sguireadh an iorghail. Tha e air tighn am follais gu robh lamh aig cuid de dhard luchd-dreuchdan t-Sultain fhéin anns a ghnothuch, mur iad a baobhar dha air fad. Tha e cinnteach gu leòr gu robh iad abrosnachadh an t-sluaigh an aghaidh nan Armenianach agus atoirt gach cothrom dhaibh air cur as daibh. Tha na h-Armenianaich bhochda afulang gu goirt ach cha mhair so am feasda. Chan urrainn latha an dioghaltas a bhi gle fhad air falbh.

Tha armailtean mora aig gach rioghachds an Roinn-Eòrpa afeitheamh deiseil air son a chogaidh ge be uair a thig e. Nam bristeadh cogadh am mach am màireach, rachadh aig an Roinn-Eòrpa air fad air seachd muillein fichead (27,000,000) duine a chur ann, an taobh a stigh de che’ -la-deug.

Is iomadh litir a tha dol troimh lamhan a phosta air feadh an t-saoighail eadar da cheann na bliadhna, achs e fior bheagan dhiubh a tha dol air chall. Thatar adeanamh a mach gur h-e aon as amhuillein de na litrichean a tha dol air cùram aphosta, nach eil a ruigheachd a ceann-uidhe.

Leugh sinn an la roimhe mu dhuine air an dthàinig da latha. Bha e ann an Queensland, an Astralia, agusnuair a bha e na dhuinòg bha e glé bhochd, a deanamh a bheòlaind air reic feòla. An deigh sin fhuair e mèinn òir, air an drinn e beairteas mòor, agus leig e dheth a bhi na fheòladair. Chaidh en uair sin a dhobair air politics, agus fhuair e bhi na àrd-phost-mhaighstir anns an dùthaich, ach an deigh faotainn cho àrd sin, thàing e cho isealsa bha e riamh; chaill e chuid airgeid air dòigh-eigin, agus sguir e mar a thòisich e, na fhear-reic feòla, agus na dhuine bochd. Nach neo-chinnteach an ni saoibhreas an t-saoghail so.

Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan, Curraichdean, Leintean agus Brògan, aig D. J. Domhnullach. Tha a phris iseal, ’s tha gach ni a gheibh thu aige math.


OGUST, 1896.
1 Di-sathairne An Liunasdal.
2 DI-DONAICH 9mh Donach nn Trianaid.
3 Di-luain (2)An Cr.mu dheir.den t-Sol. 2. 20 F,
4 Di-màirt (2)Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52
5 Di-ciaduin Bas Rob Dhuinn, 1778.
6 Dior-daoin (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598.
7 Di-haoine A Ghrian ag eiridh, 4,58,
8 Di-sathairne Duibhre air a Ghréin.
9 DI-DONAICH 10mh Donach na Trianaid.
10 Di-luain (9) An Solus Ur, 0.48. M.
11 Di-màirt Blar Dhailrigh, 1306.
12 Di-ciaduin A Ghrian alaidhe, 7.6,
13 Dior-daoin Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746
14 Di-haoine Bas Mhorair Chluaidh, 1863.
15 Di-sathairne A cheud Chrtl. dhen t-Solus, 4.49, F
16 DI-DONAICH 11mh Donach na Trianaid.
17 Di-luain Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786
18 Di-màirt Blar Preston, 1649.
19 Di-ciaduin Bliadhna Thearlaich, 1746.
20 Dior-daoin BasIc Coinnich (Sar Obair. ), 1849.
21 Di-haoine Blar Dhunchaillinn, 1689.
22 Di-sathairne (23) Bas Uilleim Uallais, 1305.
23 DI-DONAICH 12mh Donach na Trianaid
24 Di-luain (23) An Solus Lan, 2.50, M.
25 Di-mairt Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-ciaduin A Ghrian ag eiridh, 5.20.
27 Dior-daoin Sealg Bhraight Mhair, 1714.
28 Di-haoine A Ghrian a laidhe, 6.39.
29 Di-sathairne Blar Loch-Aillse, 1722.
30 DI-DONAICH 13mh Donach na Trionaid.
31 Di-luain AnCartl mu dheir.den t-Sol.6 41M


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


Am bheil thu gabhail Mhic-Talla?
MUR EIL
Cuirga iarraidh
$1 .00 sa bhliadhna.



[70]

[Vol . 5. No. 10. p. 6]

AISLING MHIRSA.

LE IOSEPH ADDISON.

(Spectator, September, 1, 1711.)

An uairbha mi aig Cairo Mòr thionail mi iomadh de sgrìobhannean na h-àirde near a ta agam fhathast làmh rium. Ann am measg cuid eile thachair orm aon air ainmeachadhAislingean Mhirsaa léugh mi thairis le mor thlachd. Tha mi cur romham a thoirt dom luchd-leughaidh an uair nach bi ni air bith eile agam dhaibh; agus tòisichidh mi leis a cheud aisling, a dheadar-theangaich mi facal air an fhacal mar a leanas:—

Air còigeamh latha na gealaich, a ta mighnath acumail naomh da réir àbhaist maithrichean, ’an déigh domh mi-fein a nigheadh agus maoradh maidne thoirt suas, dhirich mi sléibhtean arda Bhagdat chum an còrr de an lathachur seachad ann am beachd-smuainteachadh agus urnuigh. Mar bha mi an so gam chuir fein ris an àileadh air mullach nam beann thuit mi ann an dlùth aire ro dhomhain air diomhanas beatha an duine; agus adol bho aon smaoin gu smaoin eileGu deibhinnorsa miseChan eil anns an duine ach falas agus anns abheatha ach bruadar.” Air dhomh bhith mar so a cnuasachadh thug mi sùil air binnean creige nach robh fada bhuam far an dthug mi an aire do aon ann an éideadh ciobair, le inneal ciùil beag na laimh. Mar bha mi ag amharc air chuir e an t-inneal-ciùil ri bhilibh agus thòisich e ri cluich air. Bha an fhuaim aige ro mhilis agus air oibreachadh gu iomadh port a bha do-innseadh fonnmhor agus uile gu léir air leth bho ni air bith a chuala mi riamh; chuir iad mi ann an cuimhne air na fuinn neamhaidh sin a ta air an seinn do anma eadar-dhealaichte dhaoine maith, aig àm an céud dol a steach do phàras, chum caitheadh dhiubh athailt na spàirne deireannaich agus an deiseachadh airson solasaibh an aite shona sin. Leagh mo chridhe air falbh ann am mor aoibhneas diomhair.

Is minig a chaidh innseadh dhomh gu an robh sithiche ag gabhail comhnuidh mu an chreig fo am chomhair; agus gu an cualadh na h-iomadaibh ceòl binn air daibh bhith dol seachad oirre, ach cha chualadh mi riabh gu an do rinn am fear-ciuil e fein foillaiseach.

An uair a thog e mo smuainntean leis na fuinn éibhneach a chluich e chum taitneas a chòmhraidh bhlasad, mar bha mi ag amharc air, cosail ri aon fo ioghnadh, smèid e rium, agus le crathadh a làimhe, sheòl e domh teachd fagus do an àite anns an robh e na shuidhe. Tharruing mi dluth leis an ùmhlachd sin is dligheach do nàdur is àirde, agus on a bha mo chridhe gu leir air a cheannsachadh leis acheol anabarrach a chuala mi, thuit mi sios aig a chasaibh agus ghuil mi. Dhamhairc an sithiche orm gu miog-shuileach, truachanta, agus le ceanaltas a rinn minntinn càirdeil ris, agus a chuir air ball fo sgaoil gach eagal agus fiamhbha orm teachd gu a chòir. Thog e mi bho an talamh, agus agabhail mo laimh, “A Mhirsa,” deir esan, “Chualadh mi thu ri fein chomhradh, lean mise.”

Threoirich e an sin mi chum abhinnein a bàirde de an chreig, agus gam shuidheachadh air a mhullach thuirt eSeall ris an airde-near, agus innis domh ciod a chi thu.” “Chi mi,” orsa mise, “Gleann mor agus sruth mara anabarrach aruith troimhe.” “An gleann tha thu faicinn,” deir esan, “is e gleann na truaighe, agus an sruth uisgetha thu faicinn is earrann e do shruth mor na sior-ruigheachd.” “Ciod is aobhar,” orsa mise, “gnm bheil an sruth sotha mi a faicinn ag eirigh á ceo tiugh aig an dara ceann agus a rithisd gachall fein ann an ceo tiugh aig a cheann eile.” “Na tha thu faicinn,” ors esan, “Is i an earrann de an t-siorruidheachd ris an canar ùine, air a tomhas am mach leis a ghrein, agus aruigheachd o thoiseach an t-saoghail gu a chrioch. Rannsaich a nis,” arsa esan, “amhuir so tha air a dùnadh a steach aig an cheann agus innis domh ciod gheobh thu mach innte.” “Tha mi faicinn,” orsa mise, “drochaidna seasamh ann am meadhon an t-sruth.” “An drochaid tha thu faicinn,” orsa esan, “is i beatha an duine, beachdaich oirre gu furaachail.” An deigh amharc oirre air mo shocair thug mi an aire gun robh i air a deanamh de thri fichead agus a deich bogha slàn, le beagan bhoghaibh briste, agus air daibh so bhi air an cur riusan bhà slan bha an aireamh adeanamh an àirde gu tuiream ciad. An uair a bha mi ag cunntas nam boghachan dhinnis an sithiche dhomh gu robh mile bogha anns an drochaid air tus, ach gu an do sguab tuil mhoir air falbh cach, agus gun dfhag i an drochaid anns achor sgriosal a bha mi nis afaicinn. “Ach innis domh nas faide cead a tha thutoirt fanear oirre.” “Tha mi faicinn,” orsa mise, “mòran sluaigh ag imeachd thairis oirre, agus neul tiugh an crochadh air gach ceann di.” Mar a sheall mi na bu chùramaiche chunnaic mi cuid de na fir-thurais atuiteam troimh an drochaid do an t-sruth a bha ruith foidhpe; agus le amharc ni bu ghéire thug mi an aire gu an robh dorsa-diomhair do-àireamh nan laidhe ann am falach air an drochaid, agus cha luaithe a shaltair na fir-thurais oirre no a thuit iad trompa do an t-sruth, agus air ball chaidh iad as an t-sealladh. Bha na sluic-thuislidh so air an cur ro thiugh anns an t-slighe dol a steach air an drochaid, air sheol agus gu an do thuit moran sluaigh annta mu an gann a bhrist iad troimh an neul. Dhfhàs iad ni bu teirce mu an mheadhon, ach dhfhas iad lionmhor agus laidh iad na bu dluithe do a cheile, mu thimchioll ceann nam boghachan a bha uile slàn.

Bha gu dearbh corra h-aon, ach cho robh an aireamh ach ro bheag, a lean air gluasad gu bacadh air na boghaibh briste, ach thuit iad aon an deigh aon air daibh a bhi làn sgith agus caithte leturas co fada.

Chuir mi seachad beagan uine ag gabhail dubh-bheachd air an togail mhiorailtich so, agus an caochla seorsa de chuspairean bha itaisbeanadh. Bha mo chridhe air a lionadh le lionn-dubh trom afaicinn cuid a tuiteam gu fhuighir, ann am meadhon aigheir agus subhachais, agus adeanamh greim air gach nibhaseasamh lamh riu chum iad fein a shàbhaladh. Bha cuid ag amhairc an àirde ris na speuraibh ann an doigh smuainteachail, agus, ann am meadhon am beachdaichidh, thuislich iad, agus thuit iad as an t-sealladh. Bha mor-shluagh gu dichiollachan toir air gucagan a dhealraich nan sùilean, agus a dhamhs, fo an comhair, ach, gu minic, an uair a shaoil leotha greim a dheanamh orra, dhfhàilnich an aite seasaimh agus a sios fodha chaidh iad. Ann am measg gach ni troimhe cheile mar so, thug mi an aire do fheadhainn le claidheamhnacroma nan làmhibh, agus cuid eile le buideil fhuail, aruith air an ais agus air an aghaidh air an drochaid, atilgeadh iomadh neach air na dorsa diomhair nach robh do reir coltais na slighibh, agus a dhfhaodadh iad a seachnadh, mur bitheadh iad mar so air an co-éigneachadh.

Air do an t-sithiche mfhaicinn gam thoileachadh fein leis an t sealladh chianail so, dhinnis e domh gu an do lean mi air fada gu leor; “Tog do shuilean o an drochaid,” arsa esan, “agus innis domh am bheil thu fathast afaicinn ni air bith nach eil thu tuigsinn.” Air domh amharc an àirde, “Ciod is ciall, orsa mise, “do na agaothaibh mor eun tha daonnan ag itealaich mu an drochaid, agus alaidhe orra bho am gu am. Tha mi faicinn preachanan, iolairean, fithich, sgairbh, agus, ann am measg chreutairean iteagach eile, iomadh balachan beag sgiathach a ta ri suidh-air-spiris air na boghaibh meadhon.” “Is iad sin,” orsa an t-sithiche, “eud, sannt, saobh-chrabhadh, anndochas, gaol, agus an leighide sin de chùraim agus de anamianna, a tacur dragh air beatha an duine.”

Thug mi an so osann thromMo thruaigh orsa mise, “chaidh an duine dheanamh gu diomhain, ceamar tha e air a thoirt thairis chum truaighe agus bàs-mhorachd, air a sharachadh anns a bheatha, agus air a shlugadh suas anns a bhas.” Air do an t-sithiche nis bhi air a ghluasad le truacantach do ma thaobh, dhiarr e orm sealladh cho neo-chiatach a chuiteachadh. “Na h-amhairc nis ,” orsa esan, “air an duine anns acheud earrainn de a bhith, ann a dhol a mach chum siorruitheachd, ach tilg do shuil air a cheò dhùmhail, sin a chum am bheil an sruth ag giùlan a h-uile ginealach bith-bhàsmhor a thuiteas ann.” Sheol mi mo fhradharc mar a chaidh iarruidh orm, agus (co dhiubh a neartaich an deagh shithiche e le spionnadh os cionn nàduir, no a sgaoil e cuid de an cheo bha roimhe tuillidh agus tiugh airson na sùla dhrughadh air) chunnaic mi an gleann afosgladh aig acheann a bfhaide bhuam, agus asgaoileadh a mach nachuan



[71]

[Vol . 5. No. 10. p. 7]

anabarrach farsuinn, anns an robh sgeir ghailbheach, de an chloich is cruaidhe, a’ ’ruith troimh a mheadhon, agus garoinn na dha earruinn co-ionnan.

Bha na neol fathasd alaidhe air an dara leth dheth, air chor agus nach burrainn mi ni sam bith dheanamh mach ann, —ach bha an leth eile coltach ri cuan ro-mhòr làn de eileanan thar aireamh a bha air an comhadach le measaibh agus blàthaibh, agus air am fitheadh a steach na chéile le mile muir dearsaich aruith nam measg. Chithinn daoine ann, an trusgan ghloirmhor, le lus-chruin air an cinn, ag gluasad ann am measg nan craobh, alaidhe sios ri taobh nam fuaran, no a leigeil sgios air leapaichibh blathan; agus cluinnear co-sheirm eòin aseinn steallairean, agus guth dhaoine agus innealanciùil ann am measg a cheile. Dhfhàs aoibhneas orm le àite cho sòlasach fhaotuinn a mach. Ghuidh mi airson sgiathabh an fhireoinn chum gus an itealaichinn air falbh do na h-àrois shona sin, ach dhinnis an t-sithiche domh nach robh aiseag gu an ionnsuidh ach troimh gheataibh abhàis, a chunnaic mi aig a cheart am so afosgladh air an drochaid. “Tha na h-eileanan,” orsa esan, “a ta laidhe cho ùrar gorm fo do chomhair agus le am bheil uile aghaidh a chuain mar gu am bitheadh e air a bhreacadh co fad agus a chi thu, na is lionmhoire na aghainmheach air cladach na fairge; tha deich mile eilean air cùl nam feadhnac tha thu faicinn an so aruigheachd nas faihe no is comasach do shùil, no eadhoin do inntinn i fein a sgaoileadh. Is iad sin aitean taimh nan daoine maith an déigh bàis, a ta, do réir inbhe agus seòrsa nan deagh bheusan anns an dthug iad bàrr, air an roinn air feadh nan eileanan sin, a tha lionta le solassaibh de iomadh seòrsa, agus inbhe, mar a fhreagras do mhiann agus foirfeachd nan daoine tha air an suidheachadh anntagach eilean na fhlaithnis freagarrach do a luchd-àiteachaidh fein. Nach fiach na h-ionadan comhnuidh sin, O Mhirsa, stri dheanamh air an son. Am bheil a bheatha sin ag amharc truagh a tatoirt duit cothroman air aleithid de dhuais a chosnadh. Am bi geilt roimh an bhàs a ghiùlaineas tu chum beatha cho àghmhor. Na saoil gu an deachaidh an duine a dheanamh ann an diomhain aig am bheil aleithid de shiorruidheachd air a ghleidheadh dha.”

Bheachdaich mi le aoibhneas do-innseadh air na h-eileanaibh sona sin. An deigh beagan thuirt mifoillsich domh a nis guidheam ort, na nithean diomhair a talaidheadh ceilte fo na neòil dhorcha sin a ta cùirneachadh achuain air taobh eile na creige.” An uair nach dthug an t-sithiche freagairt domh thionndaidh mi gu labhairt ris an dara uair, ach dhfhiosraich mi gun dfhàg e mi. Thionndaidh mi rithist chum na h-aisling air an robh mi co fad abeachdachadh, ach ann an àite an t-sruth charthonnaich, an drochaid bhoghach, agus na h-ealeanan sona, chan fhacadh mi ni air bith ach gleann fada, fàsail, Bhagdat, le daimh, caoirich, agus camhalaibh ag ionaltradh air gach taobh dheth.


COMHARRAN.

Tha ena dheagh chomharra duine fhaicinn adeanamh gniomh seirc; tha e na dhroch comharra a chluinntinn adeanamh uaill as.

Tha e na dheagh chomharra duine ionraic fhaicinn acaitheamh a sheann eudach: tha e na dhroch comharra am faicinn a lionadh tholls an uineig.

Tha e na dheagh chomharra duine fhaicinn asiabadh an fhalais bhàrr a mhala: tha ena dhroch comharra duine fhaicinn a siabadh dheth aphuill air dha bhi tuiteam fo mhisg.

Tha e na dheagh chomharra bean fhaicinng a h-éideadh féin gu glan grinn: tha ena dhroch comharra a fear fhaicinn aig na maoir air son ainmheach a rìomhaidh.

Tha ana dheagh chomharra duine fhaicinn acur a chloinne don sgoil: tha ena dhroch comharra am faicinn air an togail ann an sgoil dubh na stràid,


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.



[72]

[Vol . 5. No. 10. p. 8]

ORAN DHUNEIDEANN.

LE DONNACHA BAN.

Se baille mòr Dhunéideann
A béibhinn leam bhi ann,
Aite fialaidh farsuinn,
A bha tlachdmhor anns gach ball;
Gearasdan as bataraidh,
As rampairean gu teann,
Tighean mòr as caisteil,
Anns an tric an dstad an càmp.

S tric a bha camp rìoghail ann,
S bu rìomhach an luchd-dreuchd;
Trùpnan srann-each lionmhor,
Gu dileas air a gheard.
Bhiodh gach fear cho eòlach
S na h-uile seòl a bfhearr,
Na fleasgaich bu mhath fòghlum
A dhol an òrdugh blàir

S iomadh fleasgach uasal ann,
A bha gu suairce, grinn,
Fùdar aìr an gruagan,
Suas gu bàrr an cinn;
Leadainn dhonna dhualach
Na chuachagan air snìomh;
Bàrr dosach mar an sìoda,
Nuair lìobadh e le cìr.

S mòr a tha do bhain-tighearnan
A nullsa nall an t-sràid,
Gùntaichean don t-sioda orr
Gan slìogadh ris abhlàr;
Stoise air na h-ainnearan
Gan teannachadh gu h-àrd.
Buill-mhais air eudain bhòidheach.
Mar thuilleadh spòrsa dhaibh.

Na h-uile te mar thigeadh dhi,
Gu measail a measg chàich,
Uallach, rìomhach, ruibeannach,
Cruinn mìn-gheal, giobach, tlà;
Trusgan air na h-òigheanan,
Gan còmhdachadh gu làr;
Bròg bhiorach, dhìonach, chothromach,
S bu chorrach leam a sail.

nuair chaidh mi stigh don abailte,
Gum bait an sealladh sùl
Bhig amharc air na dealbhanan,
Rìgh Fearraghus ann air thùs;
A nison rinn iad falbh uainn,
Tha Alba gun an crùn;
Se sin a dhfhag na garbh-chriochan
S an aimsir so á cuirt.

Bi lòchrain ann do ghlainneachan,
As cainneal anns gach àit,
A meudachadh an soillearachd,
Gu sealladh a thoirt daibh;
Cha lughadhn t-aobhar èibhneis,
Cluig-chiùil gan éisgeachd ann,
S gur binne na chuach chéitein iad,
Len foragan éibeinn àrd.

Tha tigh mòr na parlamaid
Air ardachadh le tlachd,
Aig daoine-uaisle ciallach,
Nach tug riamh ach abhreith cheart;
Tha breitheanas air thalamh ann,
A mhaireass nach téid as,
Chum na thoill e chrochadh,
S thig na neo-chiontaich a mach.

As chunnami tigh-leighis ann
Aig léigheannan ri feum,
Adeanamh slan gach dochartas
A bhiodh an corp non cré;
Aon duine bhiodh an eus-lainte,
Non freasdal ris an léigh,
Be sin an t-àite dleasanach,
Gutheasairgeain on eug.

Tha Dunéideann bòidheach
Air iomadh seòl na dhà,
Gun bhaile anns an rìoghachd so
Nach deanadh strìochdadh dha;
A liughad fear a dhinnsinn ann
A bheireadh cìs do chàch,
Daoin-uaisle casg an ìota,
Ag òl air fion na Spàinnt’.

Ge mòr a tha do dhastar
Eadar Glascho agus Peairt,
Is cinnteach mi gedfhaicinn
Na tha dhaitreabh ann air fad,
Nach eil ann is taitniche
Nan abait as am banc,
Na tighean mòra rìomhach,
Am bu chòir an righ bhi stad.


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


SANAS.
Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air pris iseil, rach a choimhead air
D. J. DOMHNULLACH.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram,tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co
Mai 4. ’95;


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.

titleIssue 10
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 10. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page