[73]

[Vol . 5. No. 11. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBEE 19, 1896. No. 11


Litir a S. W. Margaree.

FHIR MO CHRIDHE, —Is fada bho nach do chuir mi sgrìob thun a MHIC-TALLA. Tha mi creidsinn nach eil a bheag a dhionndrainn air mo chuid-sa naigheachdan; ach ciamar air bith tha sin, tha bòsd orm a ràdh nach do chuir mi dad dur nionnsaidh riamh nach do chlo-bhuail sibh gu snasail agus sinan ùine ghoirid an deigh domh a chur air falbh.

Tha MAC-TALLA ataghal air àireamh mhath de luchd-gabhail anns achearnsorud tha na dheagh chomharradh gur a sluagh Gàidhealach as mutha tha tàmhs an àite. Tha sgoilean matha Beurla lionmhor nar measg; ach ged tha, chan fhiosrach mi gum beil a h-aon ann thadeanamh dimeas air a Ghàidhlig ann an dòigh sam bith. Tha gach aon deònach gum faigheadh ih-àite fhéin a chumail am measg nan canain eile, agus is tearc ri fhaotainn teaghlach anns nach eil cuideigin a leubhas Gàidhlig.

Anns a pharaisde so, a bhàr air mu dhusan teaghlach Eirionnach, tha faisg air ceud teaghlach Gàidhealach, amhòr chuid diubh air an suidheachadh gle mhath nan crannchur. Tha roinn fhathast beò de dhfhàs na seann-dùthcha. Tha mu fhichead pearsa anntha os cionn ceithir fichead bliadhna a dhaois. Tha caochladh fhineachan ri fhaighinn air gach taobh dhen abhainn so, —Siosalaich, Caimbeulaich, Camaranaich, Cloinn-Iosaic, Cloinn-Phàrlain, Domhnullaich, Dùbhallaich, Cloinn-Illeolain, Cloinn-Illios, Cloinn-Illeain, Cloinn-Leòid, Stiùbhartaich, Siomsanaich agus Cloinn-Choinnich. Thainig an àireamh as mutha dhiubh as aMhorthir, beagan á Mùideart, Arasaig agus àiteachan eile anns an t-seann dùthaich. Dhfhàg feadhainn diubh Albainn cho tràth ri 1801, agus rium iad còmhnuidh fad greis bhliadhnachanan Siorramachd Antigonish. Thuinich achiad luchd-àiteachaidh air abhainn Mhargaree, os cionn naForks,” mun bhliadhna 1815. Thàinig a mhor chuid de chach eadar 1821 agus 1826. Is Caitlicich iad uile, aguss en t-Urraman Fionnladh Siosal ar Sagart Parais [ ? ] o chionn sia bliadhndeug.

Is fada bho nach robh am fiar cho pailtsa tha em bliadhna. Bhan samhradhbreac riabhach,” ro fhreagarrach do gach seòrsa barra. Tha gach seòrsa arbhair a sealltuin taghta math, ach chan eil uiread an cur dhiubhs is minic a bha; oir air don chinneachadh a dhol air ais o chionn beagan bhliadhnachan agus flùr na h-Aird-an-Iar saor ri cheannach, sguir na tuathanaich a threabhadh uiread den talamhs a bàbhaist daibh. Tham buntata is gnothuichean gàraidh gle mhath cuideachd, agus mar a tig gaiseadh sam bith nan rathad as deigh so bithidh gach seilear a cur thairisnuair a thig an geamhradh.

Tha iasgach na h-aibhne so air dol air ais gu mòr o chionn fhichead bliadhna. Is ainneamh bliadhna an dràsda a gheibh daoine iasg an teaghlaich a ghlacadh. ’S an t-seann aimsir bhiodhte cur luchd nan soitheachan air falbh de chasbrorud a bha na chuideachadh mòr don chiad luchd-àiteachaidh. Bhan uair sin bradain, bricus easgannan paillt mar an ceudna, agus cha robh aona ghuth air laghannan cruaidhe gan taobh mar tha ann an diugh.

Tha roinn mhath den òigridh air falbh anns na Stàitean, feadhain diubh adeanamh airgiod us feadhain nach eil, cuid acall an slàinteus cuid eile afàs reamhar, pairt diubh an ceann beagan bhliadhnaichean a tilleadh agus feadhain eile nach till gu bràch, feadhain a moladh dùthaich nan Geancach agus acàineadh na dachaidh agus feadhain eile an aghaidh sin. Tha chùis mar a bha i riamh, —feadhain agleidheadh air an fhalbhs feadhain eile a call air; agus co aig tha fios nach eil feadhain ann cuideachd tha fuireach tuilleadh is mor aig an tigh dhan deanadh sgriob thoirt a choimhead an t-saoghail feum gu leòir.

Dhfhaodainn mòran a chur sios man àite so, “dhan dthug Nàdur iomadh buaidh,” ach gun fhios nach eil mo litir tuilleadh is fada mar tha, cha sgriobh min còrr aig an àm.

Is mi do charaid.

AN SEANA-GHIULLAN.

Am Foghar, 27mh la, 1896.


Tha D. J. Domhnullach an diugh afosgladh anns an stòr ùr ri taobh a bhanca, agus tha e toirt cuireadh fialuidh do na h-uile tighn a choimhead air co-dhiu bhios iad air son dad a cheannach no nach bi. Bidh am Band aige air son toil-inntinn a chumail riuthasan a tha deigheil air ceol. Tha stoc mor de dhaodaichean, adan, &c . aige, agus tha e ga chreic anabarrach saor.


An rud nach ith na leanaban ithidh an t-seanna-bhean fhein e.


Se Mo Cheist an Gille Donn.

Hithillen na hillean ì,
Hithillen na hillean o,
Faillill éiles hòro ì,
Mo thruaighe mur faigh mi thu.

Se mo cheist an gille donn,
Théid do chrannaibh ard nan long,
S ged bhiodh tu gun ni gun fhonn,
A t-aodach lom gun gabhainn thu.

Meudail, maighear, ’us mo luaidh,
Seòladh àrd air druim achuain,
Saoilidh mi an ceann gach uair,
Gun tig thu nuas gam amharc-sa

Gur e mise tha gu truagh,
S caolas eadar mis mo luaidh,
Nam biodh ena rathad cruaidh
Gun ruiginn uairsan t-seachdain thu.

Tha min so mar dhruid an crann
S isen deigh a h-eoin a chall,
Seacharan air dhol am cheann,
S ged thig an t-àm cha chaidil mi.

Cha be airgiods cha be òr,
Air an robh mi òg an tòir,
Ach na dhfhalbh air long aan seòl,
S a chaidh rim bheò nach faigh mi thu.

Tha mi gun airgiod us gun òr,
Chan e so a rinn mo lèon,
Ach nach fhaic mi thu rim bheò
Aseòladh thaobh an fhearainn so.


Och nan Och.

Och nan och! mar tha mar tha mise,
Chòin a Righ! mar thar tha mise.
Ghaoils a luaidh nach robh mise
Greis gun fhios leat an uaigneas.

Gur mistha fo mhulad,
On taice son uiridh,
Mo shùilean asruthadh,
S lionn-dubh air mo bhualadh.

S e do ghaol rinn mo lagadh,
S a chuir faonndradh am chadal:
Cia mars dùth dhomh bhi fallain,
S e mo charaid chum bhuam thu.

S e do ghaol rinn mo lìonadh,
S a chuir fada bho thir mi;
Thu bhi fàgail na tìre,
Bhiodh abrìodal nan gruagach.

S e mo cheist-sa an t-uasal,
Cas gu dìreadh nam fuar-bheann;
Tha t-anaìl cho cùbhraidh,
Ris na h-ùbhlangam buain leam.

Cha be stòras no earras
Chuir min tòir ort mar leannan,
Ach mi bhi tric mar riut
Atighnn tarsuinn a luaidh rium.


An rud nach faic suil cha chiurr cridhe.

An t-uan nis duibuibhe na mhàthair.



[74]

[Vol . 5. No. 11. p. 2]

SGEUL IONGANTACH ON CHUAN.

Thug Diùc Earra-ghàidheal o cheann ghoirid iomradh dhuinn ann an leth-bhreac leabhair mar so fhein(Good Words)air sealladh àraidh a chunnaic duin’ -uasal (Mr. Bell) ann an Inbhearaora o cheann ùine nach eil ro chian, ’s air an dthug e feins a mhac iomradh sgriobhta a thanis ann an seilbh an Diùc. Bham macs an t-Athair measail cliùteachs an dùthaichs cha robh teagamh air a chur nan seanchasagus than Diùc a làn chreidsinn an iomraidh mun t-sealladh iongantach a chunnaic iad agus mur faigheadhs mur dthugadh duine cho fhiosrach ghlic ris an Diùc sgeul sgriobhta mun chùis cha dùraigamaid an sgeul ro iongantach, eile a leanas aithris. Ben sealladh a chunnaic Mr. Bell agus a mhacs iad acoiseachd a mach o Inbhearaora an t-slighe air an robh iad ag imeachd air a domhlachadh le mòran airm agus leum iad gu taobh gus an rachadh na saighdeara seachad. Bha Mr. Bell e fein roimhe so san arms bha a mhac abràth dol ann mun àm so féin, agus bhan t-athair asoillearachadh da mhac cùis no dha a thug an sealladh gubheachd a thaobh nithe air am biomchuidh do shaighdear òg eòlas a bhi aige. ’Nuair a bha iad atilleadh dhachaidh dhfharraid iad do dhaoinibh a thachair orra am fac iad na saighdeara, ’s chan fhac iad a h-aon a chunnaic an sealladh ud. Cha robh teagamh air a chur an sgeul Mhr. B. ’s a mhic. Dhfhaodadh an sealladh a bhi air fhaicinn ann an àite eile don t-saoghal agus an riochd a bhi air a chomharrachadh air an àile ann an dòigh iongantaich a dhfhaodas gliocairean foghlaimte a shoillearachadh. Anns a bhliadhna 1828 bha duine òg dam bainm Raibeart Bruce a mhuinntir Thorbay ann an Sasunn na fho-sgiobair(mate)air luing a bha seòladh eadar Liverpool agus St. Johns, New Brunswick. Bhan long air turus fairgedol a nunn air achuan-t- siars an deigh dhi a bhi a mach cuig no sia sheachduineans a bhi dluth air ceann-an-Ear Thanalach New Foundland, bhan sgiobair agus Mr. Bruce mu mheadhon air clàr-uachdair na luinge agabhail na greine; ’s an deigh sin chaidh iad a sios a dhfhaotuinn a mach an obair-lathas an suidheachadh air achuan. Bhan staidhir atearnadh tarsuinns gun i ach goirid. Mu choinneamh taobh na staidhreach bha seòmar Bhruce. Air bun na staidhreach bha da dhorus taobh a cheile an dara h-aon adhionnsuidh an t-seòmair-shuidhes an t-aon eile mu choinneamh na staidhreach agus seòmar Mhr Bruce. Bhan clàr-sgrìobhaidh a bhann san t-seomar sos a cheann aig an dorus; ions gu faiceadh aonna shuidhe aiges eg amharc thar a ghualainne don t-seòmar-shuidhe. Bha Bruce air a thoirt a suas le bhi meas astair agus suidheachaidh na luinge bhag eadar-dhealachadh gu mòr on mheas a rinn e air thuairmeas agus as eugmhais na greine. ’N uair a bha e gu dùrachdach ri àireamh cha robh etoirt fainear gluasad an sgiobairsan uair a chriochnaich en obair bha eadar-dhealachadh mòr eadar an suidheachadh air achuan agus ameas a rinneadh air thuairmeas. Ghlaodh en sin ris an sgiobair gun amharc mun cuairt, agus dhfheòraich e, ciod an suidheachadh a bhaca a reir amheas a rinn esan. ’N uair nach dfhuair e freagairt chuir echeist a rissesealltuinn thar a ghualainne agus chunnaic e, mar shaoil e, an sgiobair adian sgriobhadh air a lic; ach cha dfhuair e freagairt. An sin dheirich Bruce agusn uair a bha e aig dorus an t-seòmair thog an cruth sin a chunnaic en riochd asgiobair a cheann, agus nochd e aogas neach air an robh e gu turna choigreach. Cha bu chladhaire e agusnuair a choinnich en dian amharc sin air ann am fiamh thosd, ’s e cinnteach nach fac en t-aogas sin riabh roimhe, mheataich e; ’s gun tuilleadh seanachais ris achoigreach, dhirich e suas le clisgeadh. ’N uair a thug an sgiobair fainear e dhfheòraich e dheth ciod a dhfhairich e. “Co,” arsa Bruce, “a thaig a chlàr sgriobhaidh agaibh?” “Chan fhiosrach mise neach air bith a bhi ann,” arsa an sgiobair. “Tha coigreach ann,” arsa Bruce. “ ’S fheudar gu bheil thubruadar no gu fac thun dara fo-sgiobair non stiubhard gu h-iosal. Co eile aig am biodh a chridhe dol sios gun chead,” arsan sgiobair. Ach bha e arsa Bruce na shuidhesa chathair agaibhs asgriobhadh air ur lic. Sheall e orm san aodunns tha mi cinnteach nach faca mi e riamh roimhe. “Tha sinn o cheann shia seachduinean air achuan agus co as a thigeadh e; theirig sios agus faic co e,” arsan sgiobair. Chan eil mi creidsinn ann an tannasgaibh ach bfhearr leam sinn a dhol sios le cheile arsa Bruce. Chaidh iad sioss sheall iad anns gach seòmars chan fhac iad iad neach. ’Nior fhaiceam mfhàrdach no mo theaghlach, arsa Bruce, mur faca mi cruth duine asgriobhadh air ur lic, ’s an uair a sheall iad chunnaic iad air an lic na facail so, “Stiùir air an Aird-an-iar-thuath.” Am bheil thu fochaid orm deir an sgiobair? Air mfhocal mar dhuines mar mharaiche cha dinnis mi smid ach an fhirinn, deir Bruce. Shuidh an sgiobair atrom-smuaineachadhsan leac muchoinnneamh. Thubhairt e ri Bruss e tionndadh na licesgriobh na ceart fhocail sin ad laimh fhein, ’s an deigh do Bhruce sgriobhadh dhiarr an sgiobair air a radh ris an dara fo-sgiobair tighinn anuas, sgriobh esan cuideachd na briathra ceudna— “Stiùir air an aird-an-iar-thuath;” sgriobh an stiùbhardsan sgioba gu leir na facail sin, ach cha robh aon lamh-sgriobhaidh coltach ris an laimh sin a fhuaradh air an lic. Bhan sgiobair treis adian-smuaineachadh— ’s an sin thubhairt eChan eil fhios nach fhaodadh cuideigin a bhim folach aìr bòrd agus theid an long a rannsachadh gu mion [ ? ] ’s mur faigh mise e bithidh e math air falach-fead. Gairm na lamhan. Chaidh sin a dheanamhs cha dfhuaras a h-aon air bòrd ach an sgioba. “A Mhr. Bruce ciod do bharail air achùis? Tha ni-eigin ann.” Chan urrainn mi a ràdh ach ga faca min duine asgriobhadh air an lic deir Bruce. Falbh suas agus iarr air an fhear a thaig an ailm stiùradh air an àird-an-iar-thuath. Tha an soirbheas saibhirs cha chaill sinn ach beagan ùine. Chaidh sin a dheanamh agus an ceann thri uairean ghlaodh am fear-faire gan robh beinn-dheighe air thoiseach orras gearr na dheigh sin thubhart e gun robh coltas soithichna taice. ’N uair a bha iad adlùthachadh air a chaspair so rinn gloine amhairc an sgiobair cinnteach iad gum bi long a bhann a chaill a croinns i air reothadh ris an deigh agus mòran dhaoine air bòrd. An ùine ghearr chuir iad an long air luidhe-thuiges chuir iad na bàtaichean a mach a dheanamh fuasglaidh air luchd na h-eigin. Is e bhan so long a dhfhàg Quebec gu dol do Liverpool le mòran do luchd-aisig air bòrd. Chaidh in sàs anns an deighs bha i aireamh sheachdainean ann an cor cunnartach. Bha i gu mor air a dochunns cha robh aig an sgioba no aig an luchp-turuis ach dòchas fann ri teasraiginns bhan gairdeachas ro mhòrn uair a thàinig dòchas ri fuasgladh.

N uair a bha h-aon do na thàinig as an luing a chaidh a dhìobradh adireadh ri taobh na luinge a thàinig gu cobhair, leum Bruce air ais le uamhas. Be so acheart aogas a chunnaic e ceithir uairean roimhe so ag amharc air o chlar-sgriobhaidh an sgiobair. Dhamhairc e gu geur airs mar a bfhaide sheall esann bu chinntiche bha e gum bi acheart ghnuis a chunnaic e roimhe a bhann, ’s a cheart aodach agus acheart chruth. ’N uair a chaidh gabhail aig an t-sluagh a chaidh a theasraiginn, thug Bruce an sgiobair gu taobhsthubhairt e ris; is e sid cruth agus coltas an duine a chunnaic mise asgriobhadh air ur lic an diugh, ’s mhionnaichinn air a sin ann am mòd ceartais. Air mfhacal, a Mhr. Bruce, arsan sgiobair, thachùis ro iongantach. Labhramaid ris an duine. Fhuair iad an duine acainnt ri sgiobair na luinge on deachaidh an teasraiginns thàinig iad le chéile a thoirt buidheachais dhoibh air son an teasraiginn o fhuachd, o acrass on bhàs. Thubhairt an sgiobar agus Mr. Bruce nach drinn iad ach mar a dheanadh iad fein air an son-san anns a chor cheudna. An sin thubhairt an sgiobair ris an duine gum biodh ena chomain nan tearnadh e leis da sheòmar. ’N uair a chaidh iad sios, thubhairt an sgiobair gun robh en dòchas nach gabhadh e gu h-olc iarraidh air facal no dha a sgriobhadh air an lic. Ni mi sin gu, toileach arsan duine, ach ciod a sgriobhas mi. Thugadh dha an taobh air nach roch sgriobhadh don lic agus dhiarradh air na facail a sgriobhadh, “Stiùir air an Aird-an-iar-thuth.” Bhan coigreach fo iongantass gun fhios aige ciod bu chiall don iarrtus so; ath le fiamh



[75]

[Vol . 5. No. 11. p. 3]

ghaire dhaontaich e. Thog an sgiobair an leac agus sheall e gu mion oirre. An sin chaidh e gu taobh los nach faiceadh an coigreach es thionndaidh en taobh air an robh acheud sgriobhadh. Is i so do làmh-sgriobhaidh. Is i, arsa an coigreach, chunnaic sibh misgriobhadh nam facal sin. Agus an i so i cuideachd? arsan sgiobairse tionndadh an taobh eile don lic. Bha mòr imcheist air an duinen uair a dhamhairc es thubhairt e nach do sgriobh esan ach air an dara taobh; ’s co a sgriobh air an taobh eileciad is ciall dha so? Is tuillidh sin nas urrainn dhomhsa innseadh. Thubhairt mo cheud fho-sgiobair gun do sgriobh thu fein e air a mheadhon lathan diugh aig mo bhòrd sgriobhaidh-sa. Dhamhairc sgiobair na luinge diobaraichs an duine air a cheile le clisgeadh agus dhfheòraich an sgiobair dheth— “An do bhruadair thu gun do sgriobh thu air an lic so?” Chan eil cuimhne agam gun do bhruadair. Ciod arsan sgiobair eile a bhan duine so adeanadh mu mheadhon latha an diugh? Chan eil fhios again ach is cùis dheacair a tha so agus bha mim beachd labhairt ribh mun chùis cho luaths a gheibhinn cothrom. An duine uasal so, air dha a bhi air a chur thairis gu mòr thuitna throm chadal beagan roimhen mheadhon latha; an ceann beul ri uair dhùisg e agus thubhairt e rium; “Gheibh sinn fuasgladh an diugh.” Agusn uair a dhfheòraich mi ciod an t-aobhar a bhaige air son sin a radh, fhreagair e, gu fac se e fein air bòrd luinge a bhagreasad gur teasraiginn. Dhinnis ecoltas agus a h uidheam-seòlaidh, ’s an uair a nochd an long so i fein bhah-aogas afreagairt do na dhinnis e ma timchioll. Cha do chuir sinn mòr earbsa as na thubhairt e; ach smuainich sinn gu faodadh brigh eigin a bhisa bhruadar; oir beiridh an duine a than cunnart bàthaidh air sop; ach a reirs mar a thachair chan eil teagamh nach robh gach cùis air a riaghladh le freasdal an Uilechu mhachdaich, ann an dòigh do thuigsinn dhuinne chum ar teasraiginn on bhàs. Chan eil teagamh arsan sgiobair eile, nach drinn an sgriobhadh a bhair an lic tearnadh dhuibh, cia air bith mar thàìnig e. Bha sinne astiùireadh an iar-dheas agus dhatharraich sinn ar cùrsa dhionnsuidh na h-aird-an-iar-thuath, feuch ciod a thachradh, ’s bha fear-faire sa chrann ach tha sibhsegradhs e labhairt ris an duine uasal, nach do bhruadair sibh gun robh sibh asgriobhadh air lic. Cha chuimhneach leam gun do bhruadair, ach be mo bheachd gun robh an long a chunnaic mim chadal agreasad gur n-ionnsuidh; ach chan urrainn mi innseadh cia mar thàinig am beachd sinam inntinn. Tha ni iongantach eile mun chùis, tha a h-uile ni a tha mi faicinn air bòrd mar gum baithne dhomh roimhe e, ach tha mi làn-chinnteach nach robh mi air bòrd na luinge so riamh. Is cùis ro dheacair so; ach ciod a chunnaic Mr. Bruce? Dhinnis Mr. Bruce dha an sealladh a chunnaic es a dhaom an sgiobair gus achùrsa atharrachadh agus be dearbh-bheachd gach neach a bha san luing gum bi lamh an Tighearna a bha air a sineadh a mach gu teasraiginn on bhàs. Tha achùis so gu cinnteach ro dheacair, ach a thaobh an sgriobhaidh a bhair an lic, theagamh gum bu dàna ràdh gun deachaidh a dheanadh leis an laimh sin a sgriobh na h-aitheantan air thùs air clàraibh cloiche, ach faodar beachd dhiadhairean foghluimte a chur an ceill. Tha cuid dhiubhsa bheachd gu bheil gach guths gach gniomh air an comharrachadh air an àile mar tha dealbh air a thoirt a nis leis an t-solus a dhionnsuidh a phaipear no na gloine, ’s gun cluinns gu faic aingil iad ged nach faics nach cluinn daoine peacach neo-iomlan iad; ach is en Dia sin a mhàin don aithne an cridhe, mum bheil an Salmadair acur an ceill

Feuch chan eil focal mòr no beag
No cainnt air bith ambheul,
Mun labhram sud, a Dhe nam feart,
Nach aithne dhuit gu leir.” —S. cxxxix.

Chaidh an sgeul so innse don ùghdair le S. Mac-a- Chleirich, sgiobair air soithich dom bainmJulia Hallock,” don dinnis Mr. Bruce fhein e. Bha iad aseòladh lecheile anns na bliadhnaibh 1836, 1837. Fhuair Mac-a- Chleirich o Bhruce e ochd bliadhna an deigh don chùis iongantaich so tachairt. Chaill e sealladh air an deigh sins chan eil fhios aige co-dhiu a tha no nach eil e fhathast beò. Is e na chuala e uime uaithe sin gun do lean e air seòladh do New Brunswick, gun robh e na sgiobair air luing dom bainm anComet” ’s gun deachaidh ise a chall. Bha Bruce, deir Mac a Chleirich, ’na dhuine cho firinneachs a thachair riamh orm. Cha bu chomasach dithis a bhi air an dùnadh suas car da bhliadhna ann an soitheach gun iad a bhi fiosrach mu chliù a cheile. Bha sinn cho càirdeil ri bhràthair air bith. Labhair e gu tric mun chùis iongantaich ud le fiamhs ann an cainnt stòlda thiamhaidhs mheas echùis mar thachartas on Fhreasdal chum e fein a thoirt ni bu dluithe do Dhias do shonas siorruidh. Chuirinn mo bheatha fein an geall gum bi an fhirinn a labhair e. Gu tric agus air iomadh doigh rinn an Tighearna rabhadh a thoirt da shluagh cho maithsann am bruadaraibhsann an aislingibh na h-oidhchen uair a thuiteas cadal trom air daoinibh.”

A. M. ’sa Ghaidheal.


NA BANA BHAIRD.

Chaneil rùn oirnn cunntas farsuinn a thoirt air na Banna-Bhaird Ghaidhealach an drasd; is leòr leinn ainmean nam feadhainn as a tha air an aideachadh a chur sios ann an òrdugh an déigh a chéile. Is e ar n-iarrtus a leigeadh fhaicinn gum bheil mnathan am measg nan Gaidheal cho math ri fir air an do bhuilicheadh spiorad na bàrdachd, —ni a dhfheudas a nochdadh dhuinn gun robh, o cheann fhada air ais, finealtas agus grinneas acliuthachadh sliochd nan Gaidheal.

Tha Oisein atoirt far comhairna bhàrdachd féin boirionnaich bhòidheach mar luchd-deanamh agus mar luchd-seinn ciuil is bàrdachd; ach chan urrainn dhuinn gu h-achdaidh òighe sam bith a chomharrachadh a mach abhana bana-bhàrd anns na làitheibh sgaileach ud. Tha mòran òran againn a ris, a tha iomadh linn a dhaòis, cuid dhiub gun teagamh a chaidh a dheanamh agus a sheinn le mnathan; ach aon chuid air an ainm no air an tuineachadh chan fhaighear sgeul. Tha e air a ràdh gur h-anns an treas linn deug a dheanadhAn Gille Dubh Ciar Dhubh”, le bana-bhàrd air nach eil ainm againn. A réir coslais is ann le te a rinneadhFear aBhàtamar an ceudna; agus chan e cainnt no guth fir a tha againn ann anFhir an leadain thlaith.” Is saoilidh mi gun teagamh gur h-i cainnt cridhe mna a tha anns an oran ghasda ud, “An Nochd gur faoin mo chadal dhomh.” Tha moran eile a dhfheudadh a bhi air an ainmeachadhorain a chaill sgeul air am parantan ach a tha air an seinn agus air an altrum gu caidreach am measg clann nan Gaidheal.

Ainmicheam a nis na bana-bhaird air am bheil tomhas do eolas againn, agus aig am bheil an ainmean an oibrichean nam bard.

Ban-Iarla Earraghaidheil: 15mh linn. Gheibheir cuid da h-obair-sa anns an leabhar luachmhor ud a chuireadh a mach o cheann cheithir bliadhndeug—The Book of the Dean of Lismore,far am faighear mar an ceudna moran do bhardachd eile. Bha bàrdachd is litreachas measail am measg nan Gaidheal anns an la anns an robh mic righrean cosmhuil ri Oisean, agus ban-iarlachan cosmhuil ri te Earraghaidheil a gabhail tlachd annta.

Mairi Nic Leoid: 16mh linn. Chaneil abheag nach cuala iomradh air Mairi Nighean Alastair Ruaidh agus a bardachd. Rinn i aireamh oran, achuid is mo dhiubh mu Chlann Leòid anns na Hearadh. Gheibhear na dhiartadh da cuid bardachd anns an t-Sar Obair.

Diorbhail Nic a-Bhriuthainn: 17mh linn. Chaneil moran do òrain Nic-a- Bhriuthainn air an gleidheadh, achOran do dhAlasdair Mac Colla.” Rugadh i ann ann an Lunga, eilean Earraghaidhealach. ’Na gne bardachd agus na doigh seinn tha i fein agus Mairi Nic-Leoid gle choismhuil ra cheile.

Silis Nic Dhonuill: 17mh linn. Rugadh Silis Nighean Mhic Raonuill, mar theirte rithe gu cumanta, ann an Lochaber. Mureil i air thoiseach chan eil i air dheireadh air na bana-bhaird a dhainmich sinn. Tha a roinn nis misle agus nis sleamhuine na am feadhainn-san. Chuir i ri cheile aireamh mhaith do dhain is orain. An deigh bas a

(Air a leantuinn air taobh 78)



[76]

[Vol . 5. No. 11. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, SEPTEMBER 19, 1896.

Tha e fàs nas coltaiche gach latha nach eil an t-àm fad as anns am faighear fuasgladh don cheist mhor sin a tha nis o chionn bliadhna air nntinn na Roinn Eorpa, “Ciod a dhéireas do Armenia?” Chuir am mort sgriosail mu dheireadh a bhan Constantinople o chionn ghoirid fearg air rioghachdan na Roinn Eorpa air fad, agus an diugh tha soithichean cogaidh a cruinneachadh mu dhorsan an Turcaichs iad deiseil gus a bhuile bhualadh go be uair a thig an t-òrdugh. Tha an Sultan a toiseachadh ri fhaighinn a mach nach urrainn dha a dhol air adhart asgrios nan Criosduidhean moran nis fhaide. Tha e maslach gun deachaidh leigeil leis cho fada, ach faodar a choire sin a chur gu léir air Russia, oir air son a criochan féineil chan fhuilingeadhh i dragh sam bith a chur air. Ach a dhaindeoin ciod a their Russia no rioghachdan sam bith eile, cha bhi an fhuil neo-chiontach a chaidh a dhòrtadh ann an Armenia gun dioladh.

Bhitheamaid gle thoilichte nam burrainn dhuinn gach seachdainn, a dha no tri de litrichean pongail, mar a thagainn anns an àireamh so, a thoirt dar leughadairean. ’S fior thoigh leinn féin agus tha lan fhios againn gua toigh le ar càirdean a tha gabhail MHIC-TALLA, a bhi cluinntihn as gach cearnas am bheil Gaidheil a fuireach, ciod an cor, agus ciod a tha dol air adhart nam measg. Tha gu leòr dar luchd-leughaidh, sean us og don aithne Gàilig a sgriobhadh, agus a tha comasach air litir phongail a chur ear n-ionnsuidhnuair a thogras iad. Carson nach eil am barrachd dhiubh a sgriobhadh? Ged nach biodh litir ro fhada, gidoeadh ma bhios i air a cur na chéile gu dòigheil agus ma tha i toirt iomraidh air nibhibh a tha gabhail àite sa choimhearsnachds am bheil i air a sgriobhadh no ma tha seanachas math eile iunte, bidh i taitneach don luchd-leughaidh. ’S còir do na h-uile a tha comasach air sgriobhadh gach cuideachadh is urrainn daibh a dhenamh leinn anns an dòigh so. Tha am MAC-TALLA nish nas motha na bàbhaist dha bhi, agus tha e nas doirbhe lionadh. Cuiridh iadsan a ni cuiddachadh leinn comain mhor chan e mhain oirnne, ach air an luchd-leughaidh uile.


Litir a Ceap Nor.

A CHARAID: —Tha aireamh eile den MHAC-TALLA air tighinn thugam leis a phost a nochd. Leugh mi a chuid mu dheireadh de iomradhC. C.” air a thuras do Cheap Breatuinn. Cha leugh mi facal ach sin gus an sgriobh mi an litir so dur nionnsuidh, agus dolar na broinn air son bliadhna dhen deagh phaipear cheudna. Bu chòir dhomh an dolar so a chur air adhart o chionn mios, ach is fearr a dheanamh a nise fein na tuilleadh dàil a chur anns a ghnothach. Chan eil a bheag a naidheachdan agam aig an àm so, ach an seòrsa thagam bheir mi dhuibh.

Than aimsir air a bhi cho mi-fhreagarrach, o chionn gdoirid, air son deanamh an fheòir, ’s gu bheil àireamh dhe na tuathanaich nach dfhuair crioch a chur air an obair sin fhathasd. Tham feur nis paillte anns an àite na bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean. Than t-iasgach air a bhi gle fhada air ais gu ruige so, agus mur bi e nis fhearr an deigh so bithidh cuid dhe na h-iasgairean gle dhona dheth air son a gheamhraidh.

S còir dhomh innseadh dhuibh mu thimchioll na cuairt a thug a ghriuthrachn ar measg o chionn ghoirid agus an dòigh anns na thachair sin. Bha mòran den òigridh cruinn air frolic-luaidh anns a choimhearsnachd, ’s na measg bha aon de na caileagan a bha air ùr-thighinn dhachaidh as na Stàitean, ’s i an toiseach na griùthraich, ged bha i neo-fhiosrach air a sin. Mar bha nàdurra gu leòr, shuidh Iain agus Fionnladh, fear air gach taobh dhi, a ghabhail naidheachd nan càirdean snan eòlach a thair falbh, ’s gu de thachair ach gun do thòisich a ghriùthrach air na seòid an ceann beagan làithean. Cha bu luaithe thòisich an tinneas air Fionnladh na dhùin se e fein a stigh ann an seòmar air eagal gun dthugadh e da mhàthair i, ’schaidh leis anns a chùis sin gu robh mhaith. Cha robh Iain idir cho faiceallachs bha a bhuil, ghabh a mhàthair fein i, ’s ghabh i gu dona i, ach is math an ni gu bheil i nis air dol am feabhas; agus chan eil teagamh nach ro-mhath a ni leis na h-òganaich ud nach ruig eagal griùthraich a leas an cumail o dhol a chòmhradh ris na caileagan nis mo. Than tinneas air dol bàs a nis, gun taghal ach an ceithir teaghlaichean.

Cha chòir dhomh an litir so a chriochnachadh gun iomradh gearr a thoirt air ar deagh theachdaire, Mr. Mac Odrum, á Mira. Tha e nis afalbh gu oil-thaigh Halifacs, an deigh a bhi saoithreachadhn ar measg-ne o chionn cheithir miosan, agus gu cinnteach bha sinne gle riaraichte le ghluasad anns gach dòigh. Tha e na dheagh shearmonaiche, ’s nan robh e ullamh foghlum, bheireadh an co-thional so gairm aonaichte dha gun dàil Tha sinn an dòchas gun cuir achléir againn teachdaire freagarrach eile thugainn air son a gheamhraidh. Tha ministeir aig Methodaich an àite so dhaibh fein air a bhliadhna so agus is bochd an ni dhuinne ma bhios sinn air dheireadh orrasan anns an dòigh sin.

M. D.

Sept. 3mh 1896.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[77]

[Vol . 5. No. 11. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh Li Hung Chang gu Exhibition Thoronto air a thuras troimh Chanada. ’Nuair a chualas gu robh e gu bhi ann, chruìnnich sluagh mor, mu cheud milen àireamh, feuch am faigheadh iad sealladh air.

Rìnneadh iasgach mor air bradan ann an Columbia Bhreatunnach air a bhliadhna so. Chaidh dlùth air coig mile deug tunna dhen iasg a chur suas deiseil gu chur air falbh gu margadh, mu fhiach tri muillein dolair air fad.

Tha na mèinnean òir a thatar air ùr-fhaighinn ann an Columbia Bhreatunnach a tionndadh a mach gu math. Tha e coltach gu bheil iad anabarrach beairteach. Chaidh dhiubh a chreic o chionn ghòirid ri duine mhuinntir Lunnainn air muillein dolair.

O chionn da sheachdain air ais bha fear Paruig Conrad agus a mhac ag iasgach faisg air Chesticook, N. S., agus thuit a mhac as a bhàta. Leum an t-athair a mach gus a shabhaladh agus chaidh e fhéin a bhàthadh. Ghreimich am mac ris a bhàta, agus chum e greim air gusn do rainig cuideachadh. Dhfhàg Conrad bean agus teaghlach mor.

Thill an t-Urr. I. F. Forbes bhar a thuruis don Roinn-Eorpa air àn t-seachdain sa chaidh. Bha e air falbh fad thri miosan, agus na h-ùine sin, chuir e cuairt air Sasunn, Alba, an Fhraing, a Ghearmailt, agus Switzerland. Tha sinn toilichte chluinntinn gun do chòrd a thurus gu math ris, agus gun dfhuair e air ais ugainn ann an deagh shlàinte.

Tha duine mor acan dràsda ann an cearna de Stàit Maine. Tha e sia troighean us deich òirlich a dhairde air ceannaibh a socsaichean, agus tha e beagan thairis air da cheud punnd a chudthrom Tha e fuathasach deigheil air a bhi falbh air rothair, agus bfheudar dha fear fhaighinn air a dheanamh a dhaona ghnothuch dha fhéin. ’Se s ainm dha W. H. Kelley.

Fhuair gille beag, chei thir bliadhna dhaois, le Walter Post, ann am Broad Cove, N, S., bàs air dòigh chianail a che’ -la-deug gus an diugh. Bha e fhéin agus gille beag eile acleasachd anns an t-sabhal; fhuair iad greim air maidsichean, agus chuireadh a chuid aodaich-san na theine lechompanach. Chaidh o losgadh cho donas gun do chaochail e an ceann beagan uairean.

On chaidh mor-roinnean Chanada aonadh ri chéile, naoidh bliadhna fichead air ais, thugadh cead-dealachaidh do dha cheudsa h-aon deug de chàraidean-pòsda, no mu ochd na h-uile bliadhna. Dhiubh sinsin Ard-phàrlamaid a thug cead do leth-cheudsa ceithir, agus na cùirtean do chach. Cha dthugadh cead dealachaidh do aon chàraid air Eilean aPhrionnsa anns an ùine so. Chan eil e faisg cho furasda am pòsadh a bhristeadh ann an Canadasa tha e anns na Stàitean.

Chaidh dithis dhaoinòga a bhàthadh faisg air St. Peters oidhche Di-màirt air an t-seachdain sa chaidh. Chàidh sianar dhiubh le bàta thairis gu àite ris an canar Lynches River, gu frolic dhannsa a bha gu bhi ann. An uair a bha iad a tilleadh mu mheadhon-oidhche, chaidh an bàta thairis air dhòigh-eigin, agus thuit iad uile dhan uisge. Bha iad mu leth mile bho thir, agus mun drainig cuideachadh iad, bha dithis dhiubh air am bàthadh. Bha cach nan deagh shnàmhaichean, agus chum iad iad-féin an uachdar. Chualas an glaodhaich le Caitriona Nic Neill, bantrach a tha fuireach faisg air laimh: chuir ise coimhearsnach dh’, Ailein Mac Neill, air à chois, agus chaidh iad a mach le bàtas fhuair iad an ceathrar a shabhaladh.

Bha stoirm mhor uisge le tairneanaich us dealanaich ann an . Shil an t-uisge anabarrach trom-treis an deigh mheadhon latha. Bhuail an dealanach ann an sreath de charbadan-guail faisg air méinn Victoria, agus chuir e as a chéile nam piosan iad. Bhuail e mar an ceudna tigh aig mèinn an Rerve.

Bha an t-side air an t-seachdain so gle mhath air son na buana, gus an , agus chan eil teagamh nach eil a chuid as mo de na tuathanaich an ìre mhath oirre, ’mur eil iad ullamh. Tha a mheirg dona air a choirce ann an àiteachan. Tha sinn a tuigsinn gum bheil an t-side fhliuch an deigh an grodadh a thoirt anns abhuntàta.

Tham fiabhrus buidhe gle dhona ann an Cuba, agus a sior dhol nas miosa mar as mothan teas. Tha an galair a deanamh sgrios uamhasach am measg nan saighdearàn Spàinteach, nach eil cleachdte ri sìde na dùthcha. Chan eil iadsan a fhuair an àrachsan dùthaich fhéin idir cho buailteach basachadh leissa tha dàoine theid ann á dùthchannan eile.

Chaidh Padruig Wheeler, am fear a mhort Anna Kempton, a chrochadh anns a phriosans an robh e air a chumail, a sheachdain gus an Di-mairt sa chaidh. Chaidh a dhiteadh gu bàs, ged nach robh fianuisna aghaidh a chunnaic ris a ghniomh e, achnuair a chunnaic e nach robh dhol as aige, dhaidich e chionta. Chàidh an crochadh a dheanamh beagan roimh thri uaireansa mhaduinn, ann an aon de sheòmraichean a phriosain, agus gun a làthair ach an siorram agùs beagan fhianuisean.

Tha bàrr math coirce air Eilean aPhrionnsa, agus fhuaireadh achuid bu mhotha dheth a chur o fhasgadh gun dolaidh sam bith a dheanamh air, ach than siol gu bhi anabarrach saor seach mar a babhaist dha bhi. Bliadhnaichean eile, cha do reiceadh an coirce uair sam bith air na bu lugha na ochd sentichean fichead am busseal, ach a reir coltais chan fhaighear am bliadhna ach fichead no air a chuid as fhearr, coig sentichean fichead am buiseal air. Tha so gle iseal, agus air gle bheag buanachd dhaibhsan a thaga thogail.

Thainig bàs gle aithghearr air boirionach a bha gabhail a turuis air aMharioneadar Baddeck us Sidni feasgar Di-sathairne sa chaidh, bean Dhomhnuill Mhic Amhlaidh, taillear, an Glace Bay Bheag. Bha i ag amharc air a càirdean ann am Baddeck, agus be so a tilleadh. Mu leth-uair an deigh dhi dhol air bord abhàta chaidh i ann an laigse. Bha lighiche á New York air bòrd, agus rinn e gach ni a burrainn e air a son, ach cha robh e gu feum sam bith; chaochail i mun drainig am bàta Sidni Tuath. Bha i mu 54 bliadhna dhaois, agusna boirionnach a bha gle mheasail aig na h-uile bha eolach oirra.

Chaidh mort gràinneil a dheanamh faisg air Moncton, N. B., oidhche Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh. Fhuaireadh tigh bantraich den ainm Dutcherna theine, agus thatar a deanamh a mach gu robh i fhéin us gille beag leatha air am mort, ’s gun deach an tigh a chur na theine gus an gniomh oillteil fhalach. Fhuaireadh nighean bheag dhi a shàbhaladh on teine, ach bha a ceann air a ghearradh gu dona mar gum bann le tuaigh, cho donas nach eil moran coltais oìrre gum faigh i thairis air. Chaneil teagamh nach ann air son a cuid airgid a mharbhadh abhantrach bhochdsa teaghlach, oir bha i acumail tigh-òil agus bhasan ainm gu robh sporan math airgid aice, eadàr coig us sia ceud dolair. Cha deachaidh duine chur an sàs fhathast; tha amhrus trom aig da coimhearsnaich air fear-eigin, ach chan abair iad a bheag ma thomchioll. Fhuaireadh na cuirp air làrach an taighe feasgar Di-haoine, ach bha iad air an losgadh cho donas nach cuir iad solus sam bith air a chùis.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris; — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.



[78]

[Vol . 5. No. 11. p. 6]

NA BANA BHAIRD.

(Air a leantuinn a taobh 75.)

fir, chleachd i a talant a deanamh laoidhean.

Caimbeul Barn: 18mh linn. Be Donnacha Caimbeul a bainm do athair Mhrs. Caimbeul Bar; bha i riamh eadar aMhorairne agus Craignish an Earaghaidheil. Bha ise cosm huil ris na Caimbeulaich air fad air taobh righ Deorsa, mar a bha Nic a Bhruthainn is Nic Raonuill air an laimh eile air taobh nan Seumasach. Rinn i oran foghainteach aon uair an aghaidh aPhrionnsa, dhan do rinn Mac Mhaighstir Alastair freagairtar bu, m dugh dha ann an cainnt cho salachs nach cualas diog bardail as a ceann air achuspair ud riamh tuilleadh. Chaneil i cail air deireadh air Mairi Seud air Nighean Lachuinn ann an comas bardachd.

Ann an aon seadh chaneil coimeas idir eadar i fein agus iadsan: tha farsuinneachd breithneachaidh, do bhonn agus do thuigse mhodhannail innte nacheil idir ram faicinn mum bardachd-san. Nam biodh na laoidhean a sgriobh i air fuinn a bu thaitniche bhiodh barrachd deigh orra gu coitcheann am measg nan Gaidheal.

Cairistina Nic Fherguis: 18mh linn. Rugadh a bhana-bhard so ann an Contuinn, an Siorrachd Rois, far an robh a h-athairna ghobha. Chan eil aon do orain nam bana-bhard a dhainmich sinn a tha cho ainmeil is cho taitneach ris an aon oran a rinn ise da fear a thuit latha Chuil-fhodair. ’Se doimhneachd a faireachduinn agus am meas ard-anamadail a bha aice air a fear a gheibhearna h-orain o thoiseach gu deireadh. Tha na facail tha i ag aithris aig deireadh gach roinn— “Mo run geal og” —agiulan leotha moran brigh, agus anochdadh nan cuspairean cliumhor air an robh inntinn agus cridhe briste na bana-bhaird a foiseachadh. ’S e so an t-aon oran is aithne dhuinn a rinn i; ach gleidhidh an fear so fein cuimhne oirre mar bhean Uilleam Siseal, aonaranachd chianail a bantrachais adusgadh truais is comh-fhaireachduinn anns gach cridhe a thuigeas ciod e bron uasal mna air son fear a graidh a thug am bas uaipe.

Maireard Nic Illeathain:18mh linn. Rugadh Nic Illeathain an Muile: agus theirteadh rithe Mairearad Nin Lachuinn. Tha Nighean Ailein air a radh rithe cuideachd; ach tha sinn asmuainteachadh gur h-e acheud tiodal am fear ceart. Rinn i so noran do dhorain agus do dhain, suas ri deich thar fhichead. Ach a mach oGaoir nam Ban Muileachchaneil iad ro ainmeil. Bha na fuinn agus an tomhas ranntachd a ghabh i duilich a thogail no leantuinn. Anns an rathacd so chaneil i fein agus Nic a Bhriuthainn agus Mairi Seud neo-chosmhuil ri cheile. Math no dona agus mar dhfheudadh am bardachd a bhi tha i cho duilich a seinn, cho mi-shimplidh, agus gun robh i ullamh dol afasan leis a ghinealach a thigeadh an deigh nam bana-bhard.

Catrine Nic Illeathain: 19mh linn. Rugadh abhana-bhard so ann an eilein Chola; agus is ann air son Tighearna Chola a rinn i na h-órain a chunnaic sinn da cuid. Tha a bàrdachd nis taitniche air doigh na te na bana Mhuilich; ach chaneil sinn ag radh air a shon sin gun robh barrachd do spiorad na bardachd innte. Dùisgidh a h-òrain duilichinn ann an inntinn Ghaidhealaichsam bith a smuainticheas air na mi-fhortain a chuir Clann-Illeathain a Cola, agus a dhfhàg iad gun ainm gun oighreachd aon chuid am Muile no an Cola. Chan eil ioghnadh ged a bhriseadh cridhe nan Gaidheal an diugh a mach ann am bardachd, agus seann fhearann na Feinnega spionadh as an laimh.

Nic a Chleirich: 19mh linn. Fhuair Mrs. Clarc aite air nacheil i neo-airidh am measg baird dhiadhaidh an Taobh Tuath. Bha na leugh sinn da cuid gle thaitneach; ni busa a sheinn na bardachd Mhrs Caimbeul Bar. Tha iad le cheile soisgeulachnan laoidhean, agus a gabhail tlachd anns na h-aon fhirinnean; achnuair a tha Mrs Caimbeul Bar aseinn mun fhirinn lom tha Mrs. Clarc atoirt dhuinn barrachd do shugh an fhein-fhiosrachaidh Chriosduidh. Tha an dara te ariochdachadh faireachduinean shoisgeulaich na Gaidhealtachd mu Thuathnuair a tha an te eile ariochdachadh teagaisg luim soisgeulaich na Gaidhealtachd mu Dheas.

Mairi Nic Ealair: 19mh linn. Chaneil sinn dol a dheanamh moran iomradh air Mrs. Mackellar. Tha sinn direach a toirt air aghaidh a h-ainm a ràdh mu deibhinn gum bheil i ann an eolas, ann an aiteach inntinn agus ann an cumhachd bardachd air thoiseach air na h-uile do na bana-bhaird eile a dhainmich sinn.

Dhainmich sinn a nis ann an ordugh na bana-bhaird is aithne dhuinn a tha airidh air an ainm. Ma tha feadhainnsam bith ann air an drinn sinn dearmad, agus is aithne do mhuinntir eile, bhitheamaid ro thoilichte iad a bhi air an toirt far comhair.

Tha iomadh eile ann a dhfheudadh sinn a thoirt fainear, ach chaneil àite againn dhaibh an dràsd. ’S iomadh oran a tha againn le te ga leannan. Tha orain againn mar an ceudna ann an clo le Piuthar Fear Scalpa; le Nighean Fhir na Reileig; le Baintighearna Ille Chalum Rassa; agus o cheann ghoirid le Baintighearna DOyly.

Saoilidh sinn gu bheil e ro chliumhor doshliochd aGhaidheil ghlais,” agus gu sonruichte do thuigse agus do chiall nam ban Gaidhealach, gun robh na h-uireadnam measg, a deanamh bardachd cho glic agus a sheinneadh ceòl cho grinn. Nam biodh na Gaidheil anns na linnibh a dhfhalbh cho fad air dheireadh agus a bu mhiann le cuid a chumail a mach, cha burrainn oighean is mnai ciallach, seadhail, fior-ghnethach togail is àrach fhaotainn am measg nan gleann, nam beann agus nan eilean. Chan fhaighear cail do leitheid so do aiteach inntinn am measg mhnathain chinneach bhorba nach dthainig fo rian laghan cneasda riamh. Chan eil sinn ag radh gum bheil bardachd dhomhain no fharsuinn ann an orain no ann an dain nam mnathan a dhainmich sinn, ach their sinn gum bheil spiorad dian gleasda na bardachd air a taisbeanadh leo ann an tomhas; agus gur h-ann a tha na rinn iad ro iongantachnuair a bheir sinn fainear na suidheachaidhean mi-fhàbharach anns an robh iad.

Cuiream sios an so ma dheireadh rann no dha Le ta ga Leannan a leigeas fhaicinn dhuinn an dòigh anns an seinneadh na maighdeannan Gaidhealach mu ghaol:

“ ’Sann a thug mi mo ghealladh
Do dhfhear achùil oir,
Sùil is miogaiche sealladh,
Gruaidh thana màr ròs;
Do bheul briodalach meachair,
Deud mar chailce gun spors,
Stus modhaire sealladh,
S is blasdon tig pòg.

Pòg is millse nan sincar,
Aig an fhiuran ur òg;
Naile chunnaic mi uair thu
S ann leat nach bfhuathach bhim choir
Aig a mheuds thug mi ghaol duit
Chan fhaod mi bhi beò;
A nis on thréig thu do ghealladh
Gur h-em fabhar dhomh foid.”


SGEULACHD.

O chionn fadan t-saoghail mas fior an sgeul bha Prionnsa mòr, uaibhreach, ardaiach, ann air nach robh eagal no duine, agus a bha a reir coltais gamheas fhéin na bu ghlice na neach sam bith eile. Cha robh e gle fhàbharrach don chreideamh Chrìosduidh, ach aig a cheart àm cha robh e deanamh moran bacaidh air, do bhrigh gu robh mòran den t sluagh a bha fo riaghladh air géilleadh dha. Bha es abheachd gu robh aineolas an t-sluaigh agus aineolas an luchd-teagaisg na aobhar air cho dlùths a bha iad aleantuinn ris gach òrdugh a bhan aidmheil acur mar fhiachamh orrachoimhead. ’S e smuaintean a bhuails a cheann aige air la àraidh gum feuchadh ede an t-eolas agus an gliocas a bhaig an luchd-teagaisg. Bha fhios aige gu maith, gu robh iad gameas fhein mòran na beolaiche anns gach doigh na na h-uile neach eile, ach bha teagamh aige gu robh iad cho tuigseach, fiosrach, ’s a bha iad acumail a mach. ’S e rud a rinn e chuir e fios air sagart a bha faisg air. Thàinig an sagartga fhaicinn. Bha en dùil nach robh dad sam bith cearr, ach o bha gne dhfhios aige den duine bhanns a Phrionnsa bha rudeiginn de fhiamh air na làthair.

Chuir mi fios ort,” ars am Prionnsa, “agus is maith a rinn thu tighinn, oir tha gnothach ro chudthromach agam riut. Tha thu fheins gach aon de dsheòrsa agabhail oirbh a bhi nis glice na mise agus gach neach de msheorsa, agus on a tha feumaidh tu dearbhadh soilieir a thoirt domhsa air



[79]

[Vol . 5. No. 11. p. 7]

deòlas agus air do ghliocas, air neo bithidh nis miosa dhut. Feumaidh tu tighinn an so far abheil mise agus mar a freagair thu na trì ceistein a chuireas mi ort cha bhi agad ach na bheir thu ga chionn.”

Dhfhalbh an sagarts e glé mhi-stòlda nainntinn. Bha eagal a bheatha air, ’s cha bioghnadh e; oir aig an àm a bhann an so bha tuilleadhs a chòir de chumhachd aig Righribhs aig Prionnsaibh; a dhaon fhocal, bha cumhachd beathas bàisnan làmhaibh. ’Nuair a smuain ich e car tiotadh air a chùis, thug e fanear gum banabarrach cunnartach an suidheachadh anns an robh e a thaobh ceisdean aPhrionnsa. Thug e fanear mar an ceudna cho neo-chomasachs a bha e do neach sam bith, a dhaindeoin cho eolach, tuigseach, geurchuiseachs gam feudadh e bhith, ceisdean fhuasgladh an ionad nam bonn. So direach a cheart ni a bhaige-san ra dheanamh seachdain on ud air neo bhitheadh a bheatha ga dhith. Cha robh comas air. Dhfheumadh e gach cùis a ghabhail mar a thigeadh i. Uair a bhitheadhinntinn aig foiss e feuchainn ri e fhéin a striochdadh do gach trioblaid a bha air thuar tighinnna rathàd, ’s uair a bhiodh esmuaineachadh gum be fhéin ceann na mi-shealbhs a mhi-fhortain a thighinn thun an t-saoghail. Eadar a h-uile rud a bhann cha robh bheag a dhfhois aige an oidhche sin.

Bha bràthair aig an t-sngart a bha, ann an cruthsan dealbh, ’san cumadh, ro choltadh ris. Chan aithnicheadh neach sam bith ach neach a bha min-eolach orra fear seach a chéile dhiubh. Bha iad co coltach ri chéile ri da ubh, ’s dhfhoghnadh sin. Nis on a bha car a dhith air bràthair an t-sagairt, no ann am briathramh eile, on a bha ena leth-linns e an t-amadan a bhaca mar ainm air. Ged theirte an t-amahan ris tha e glé choltach gun robh e ro ghleusdana chainnt. Dhaithnich e gun robh an sagart, mar nach babhaist da bhi, fo lionn-dubhs fo bhròn, gun chàil do bhiadh no do dhibh, agus amaideachs mar a bha e dhfhaighneachd e bu mho a bha cur air.

De am feum dhomhsa sin innse dha dleithidsa,” ars an sagart. “Cha leighis thusa no neach air bith eile mo ghalair, agus mar sin, chan eil aobhar dhomh a bhi tighinn air.”

Ma ta,” arsan t-amadan, “cha ruig thu leas gun innse, ’s mur innis thu dhomhsa e co dha dhinnseas tu e. Olc no maith mo chomhairle feudaidh i feum a dheanamh dhuit. Mar a thuirt am facal, “Comhairle an righ an ceann na h-òinid.” ’Se bun a bhann dhinnis an sagart facal air an fhacal mar a bheadar e-fhéins am Prionnsa, ’s an cunnarts an robh ega fhaicinn fhéin a thaobh nan ceisdean, mar fuasgladh e iad gun robh a bheatha gu bhi air a toirt air falbh.

Innsidh mise dhuit,” arsan t-amadan, “ ni thu. Tha gach duineg ràdh gum bheil thu fhéins mi fhìn, ann an cruth, ’s an cumadh, anabarrach coltach ra chéile. Mar a thuirt am facal, ‘An rud a their na h-uile duine bithidh e fior,’ agus mar sin, cuiridh mise umam an deise agadsas théid min làthair aPhrionnsa gun fhios nach faodadh an sealbh gum fuasglainn na ceistean. Ma theid agam air tm fuasgladhs maith, ’s mur téid cha bhi comas air. Mas éiginn dhomh am bàs fhulangs mi call mòran as lugha na thusa.”

Chaneil mi deonach a muigh nomach air do chomhairleghabhail ged a tha i mòran nis gleusda na shaoil mi bhitheadh i. Chaneil mi afaicinn gum biodh e ceart dhomh do bheatha-sachur an cunnart a chum mo bheatha fhéin a shàbhalach; agus a bharrachd air a sin, ma gheibh am Prionnsamach gun robh sinn afeuchainn richar a thoirt ass docha gun cuir e gu bàsnar dithis sinn. Théid mi fhin far am bheil e.

Cha be mo chomhairle dhuit,” arsan t-amadan. “ ’S fhearr dhuit deanamh mar a tha mig iarraidh ort, agus mas éiginn domhsam bàs fhulang bithidh ùine agadsair do chasan a thoirt as far nach ruig am Prionnsort.

S e bhann dhaontaich an sagart mu dheireadh comhairlebhràthar a ghabhail, amaideachs mar a bha e. Nuair a thainig an la dhainmich am Prionnsa chuir an t-amadan deise an t-sagairt airs dhfhalbh e. Nuair a ràinig e bha e car beagan ùine aspaisdearachd air beùlthaobh na lùchairt mun do dhiarradh air a dhol a steach. Nuair a chaidh e steachs a sheas fa chomhair aPhriinnsa chan aithnichte air doigh sam bith nach en sagart a bhann.

Tha mifaicinn gun dthainig tu,” arsam Prionnsa, “ ’s tha min dòchas gum freagair thu gach ceist a chuireas mi ort.”

Ler cead,” arsan t-amadans e freagairt, “ni mi mo dhìchioll air am fuasgladh gun teagamh, ach feudaidh e bhi nach urrainn mi.”

(Air a leantuinn air taobh 80.)


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.



[80]

[Vol . 5. No. 11. p. 8]

Cuir a Chinn Dileas.

Cuir a chinn dìlis, dìlis, dilis,
Cuir a chinn dìlis tharam do làmh,
Do ghorm shùilean thairis
A mhealladh na mìltean,
Bamaideach mi
Nuair thug mi dhut gradh.

Mim shuidhair an tulaich air iomall cuirte
G amharc mo rùns in ionad ro àrd;
Thug i le fionnarachd sealladh desùil dhomh.
S thionndaidh i cùlthaobh seachad air bàrr.
Cuir a chinn dilìs. etc.

Sheall mi am dhéigh gu fradharc dhi fhaotainn,
S chunna mi h-aodann, farasda, tlàth;
Chunna mi sealladh a mhealladh na mìltean,
S amaideach mi, ’s nach fhaigh mi na pàirt.

Tha maisenad bhilean, chan aithris luchd-ciuil e,
Togaidh tu sunnd an tallachan àrd;
Leagar leat seachad sàr-ghaisgich na dùthch
Le sealladh do shùl, ’s le giulan do ghnaths.

Do dhearc-shuilean glana, fo mhala gun ghruaimean,
S daingeann a bhuail iad mise le dghràdh;
Do ròs-bhilean tana, seimh, farsda suairce
Cladhaichear muaigh mur glac thu mo làmh.

bhràighe nas gile na canach na dìge,
Chìteadh dol sìos am fion-bhainne blàth;
S iomadh rud eilechaneil i ri fhaotainn
Idirsan t-saoghal, aogas mo ghràidh.

Do ghruaidh mar an corcur, beul socair om binn sgeul,
Deud mar na dìsnean, finealt a dhfhàs;
Do shlìos mar an eala, ’s do mheall-shuilean mìogach,
Thàlaidh thu minntinn, ’s cha till i gu bràth.


SGEULACHD

(Air a leantuinn o thaobh 79.)

“ ’S i cheud cheisd a chuireas mi ort,” ars am Prionnsai so: —Cait am bheil meadhon an t-saoghail?”

Ma ta, ler cead, innsidh mi sin dhuibh ann an tiotadh,” ars an t-amadans e toirt ceum no dha gu meadhoin an t-seomairs acur a bhata na sheasamh ann, “tha meadhon an t-saoghail direach far am bheil am bata.

Den dearbhadh a bheir thu dhomh gur e sin meadhon an t-saoghail?” arsam Prionnsa.

Ler cead,” arsan t-amadan, “ ’sann a thàinig mise a dhfhuasgladh nan ceisdean a bha sibh gus a chur orm, agus mar fhuasgladh don cheisd a chuir sibh, dhinnis mi dhuibh a cheart bhad anns am bheil meadhon an t-saoghail, agus ma tha sibh acur teagaimh sam biths achùis chan eil agaibh ach tomhaisibh an ìars an ear, atuaths adeas, ’s ma gheibh sibh aon òirleach a bharrachd air taobh seach taobh fuilingidh mise air a shon.”

Rinn thu chùis orm, tha mi faicinn, ach tha cheisd eile agad fhathast rim fuasgladh,’ arsam Prionnsa; “ ’si so dhiubh— ’s fhiach min t-saoghal?”

Ma ta, ler cead, innsidh mi sin duibh cuideachd,” arsan t-amadan, “tha min duil nach fhiach sibh peighinn a bharrachd air fichead bonn airgid.”

Ach,” arsam Prionnsa, “ ’n dearbhadh a bheir thu dhomh nach fhiach mi ach fichead bonn airgeid?”

Bheir, ler cead, so,” arsan t-amadan, “reiceadh Mac Dhé airson deich-buinn-fhichead airgid, agus bfhiach e deich buinn a bharrachd oirbhse co-dhiu.”

Tha mi riaraichte leis an fhreagairt, ach tha ceist eile agam ri chur ort,” ars am Prionnsa, “agus so agad i. —Co air a tha mismaointeachadh an drasta?”

Ma ta, le`r cead innsidh mi sin duibh cuideachd, tha sibh a smuaineachadh gur en sagart a tha bruidhinn ribh, ach chan e thann ach an t-amadan a bhràthair.”

Ma ta, gu cinnteach, ’s ann a than t-amadan ann mise agus chan e thusa,” arsam Prionnsa, “Feudaidh tu bhi falbhs cha chuir mise dragh no trioblaid ort fhéin no air do bhràthair gu bràth.”


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


SANAS.
Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air pris iseil, rach a choimhead air
D. J. DOMHNULLACH


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHACTALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.

titleIssue 11
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 11. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page