[81]

[Vol . 5. No. 12. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 26, 1896. No. 12


Laoidh.

O athair shìorruidhDhe nam Feart,
A chuir an cuan fo gheill le dneart,
Tha toirt na h-àithne mhoir don mhuir,
S a crìochan roimhpair tùs a chuir
An ùrnaigh eisdthag eirigh uainn,
As leth na dreamthan gàbhadh cuain.

O Chrìosd, a chuir an fhairgfo fhiamh,
S a chaochail fearg nan stuadh gu fiath,
A shiubhail aghaidh gharg achuain,
S a ghabhs an stoirm gu ciùin do shuain
An ùrnaigh eisdthag eireigh uainn,
As leth na dreamthan gàbhadh cuain.

O Spioraid Naoimh, a laigh o chian
Air bhàrr na doimhe duibh, gun rian,
A chaisg gach buaireas borb is strith,
S a shìolaidh gleachd nan dùl gu sìth
An urnaigh eisdthag eirigh uainn,
As leth na dreamthan gàbhadh cuain.

A Thrianaid mhòr nam buadhs nan gràs,
Dar bràithrean bi ad sgiaths gach càs;
Bho nàmh, bho chreig, bho theines sian,
Gach àird gan seòl iad dean an dìon
N sin eiridh dhuit, o mhuir is tìr,
Ard laoidhean-molaidh ait, gu sìor.


Fasachadh Ghlinn-Garaidh.

O Albainns dlùth dhuit cumha bròin,
Thig cionta fògraidhs ancheart ort,
Rughaidh tun tuil folis dheur
Air son deucoir do dchultaic.

Na treibhdhirichbu dìon duit riamh,
A sgap thu cians nach till ad fhaicinn,
No thogail déiric do dnàmh,
A reubas tu gu bàs gun aichmheil.

U. LIVINGSTON.


Bha daoine treuna, ainmeil, gaisgeil ann an Gleann-Garaidh anns na làithibh o shean. Ann am bliadhna Thearlaich dhéirich sia ceud ceatharnach sgairteil le Mac Mhic Alastair ann an aobhar aPhrionnsa agus lean iad e u sliabh Chuil-fhodair. Ach mu dh [ ? ]read[ ? ] in an t-uachdaran cho leibideach riuthas gun dfhàg moran diubh an dùthaich gu dhol gu America. Chaidh cuid diubh do na Staitean Aonaichte, agus chaidh feadhain eile do Chanada, far an dthug iad Gleann-Garaidh mar ainm air an earrainn sin den tir anns an do ghabh iad còmhnuidh. Ach chaill Mac Mhic Alastair e féin an oighreachd sin bhon dfhuadaich e air falbh an sluagh, agus tha i nis ann an lamhan choigreach. Nuair a bha an t-oighrena leanabh agus a bha riaghladh na h-oighreachd ann an lamhan na bain-tighearna, a mhathair, chuir i air falbh a h-uile duine a bha ann an Cnòideart, leag i na taighean, agus chuir i teine riutha gus an losgadh mar a bha Padruig Seller adeanamh ann an Cataobh. Bha cuid de theaghlaichean anns an robh mnathan agus clann òg, mhaoth, a mach air an tom fad na h-oidhche, gun fhàrdoich, gun fhasgadh, ach na gheibheadh iad anns achuid a bhanan seasamh de bhallachan nan taighean ris an do chuir iad cabair an àird air an do sgaoil iad plaideachan gus aghaoth a chumail o bhi séideadh orra.

Bha seann duine, Iain Dughallach, aig an robh teaghlach. Bha e ann an euslainte, agus bha dithis mhac aige ann an Eilginnnan laidhe gu tinn leis abhric. Dhiùlt e falbh aig an àm sin, gus an rachadh e am feobhas, agus an tigeadh na mic aige dhachaidh nan leighiseadh iad on bhric. Ach thainig am bàillidh agus na maoir gus an tigh a leagail, chuir iad a mach Iain Dughallach as an tigh, thilg iad an airneis a mach air an dorus, agus leag iad an tigh gu làr. Fad na h-oidhche bha an teaghlach bochd sin a mach air na cnoic fo na speuraibh lom, gun dion, gun fhasgadh. Nuair a dhfhalbh na maoir, chruinnich Iain Dughallach na Clachan agus am fal ri cheile, chuir e suas iadnam balla, chuir e cabairnan seasamh an taice ris abhalla, agus air na cabair sin sgaoil e plaideachan, seann siùil, agus sgrathan gu seorsa de dhion a chuir fasgaidh air féins air a theaghlach. Ach mo thruaighe! an ceann seachduin phill na maoir air an ais agus leag iad am bothan dìblidh aige gu làr.

Chan eil an so ach aon saimpleir den obair chruaidh a rinn Baintighearna Mhicic Alastair ann an Cnòideart. Bu shearbh ri innseadh an sgeul nan cuireamaid an ceill a h-uile gniomh ain-iochdmhor a rinn abhean so air an t-sluagh bhochd gus am fògradh a mach as an tir gu caoraich agus féidh a churnan àite. Ach thainig e mun cuairt ann am Freasdal De gun do chaill teaghlach Mhicic Alastair an oighreachd. Chan eil ainm no iomradh orra ann an tir an sinnsear, agus chan iongantach e. Is gann a gheibhear aon dhen fhine Dhonullaich ann an Gleann-Garaidh no ann an Cnoideart. Dhfhuadaich Macic Alastair an toiseach air falbh an sluagh as an tir, agus chuir Breitheamh na talmhainn a rithist air falbh Macic Alastair. “Leis an tomhas len tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a rìs. —Highland News.


Thatar a deanamh a mach gu bheil fiach ceud-gu-leth muellein punnd Sasunnach, ( £150 ,000,000), aig muinntir Bhreatuinn fad na h-uine air an uisge. Tha sin agabhail a stigh shoithichean agus an luchdan.

DUAIS AN DUINE SPIOCAICH. —Chaidh duine a bha glé ghaolach air a chuid airgid uair a dhamharc air dotair air son miar ghoirt a bhaige. Chuir an dotair a mhiar air dòigh, agus an sin dhfheoraich an duine ciod a bha dhith air air son a dhragha. “O,” ars an dotair, “cha mhor an obair sid, ’s chan iarr mi sion ort.” Bha an duine car bodhar agus shaoil leis gun do dhainmich e suim araid. Ars esan, “O tha sin tuilleadh us daor; feumaidh tu tighn a nuas beagan;” Thuig an datair mar a bha chùis. “Glé cheart, mata,” ars esan, “thoir dhomh dolair gu leth, ’s on is tu fhéin a thann chan iarr min còrr ort.” Phàigh an duine n dolair gu leths dhfhalbh e dhachaidh gu toilichte, an duil gu robh en deigh an dotair a thoirt a nuas an phris.


Leis cho mathsa thatar a deanamh nan soithichean anns na bliadhnaichean so, tha beatha an t-seòladair an diugh gu math nas tearuinte na bàbhaist dha bhi. O chionn da bdliadhndeug air ais, bha fear as a cheudsa sia a bha dol thun na mara acall a bheatha; anns na bliadhnaichean so chan eil ach fear as an da cheuds da fhicheadsa sia deug air a chall.


Tha Comunn Gàidhlig ann an Ard-Sgoil Mount Melleridh ann an Eirinn, agus tha na sgoìlearan agabhail deich àireamhan fichead deIrisleabhar na Gaidhligegach mios. Carson nach deanadh Comunn eiginn Albannach a leithid sin air son MHIC-TALLA?


Tha fiach cheithir fichead muillein punnd Sasunnach (80,000,000) de dhòrs de nèamhnuidean luachmhor ann an grunnd a chuain eadar Breatuinn agus na h-Innsean an Ear.


Sean Fhacail.

An saoghalna bhutaras, is Sutarna Sheamarlan.

An t-eun ateannadh ris an sgàth.

An t-uan nis glle na mhàthair, ’s a mhàthair nis gile na an sneachda.

An tuagh a thoirt a làimh an t-saoir.

An uair a bhios a mhisg a stigh, bidh an ciall a muigh.

An uair a chluinneas tu sgeul gun dreach, na creid e.

An rud nach faic suil cha chiurr cridhe.

An t-uan nis duibhe na mhàthair.



[82]

[Vol . 5. No. 12. p. 2]

MAR FHUARADH A MACH AMERICA.

An toiseach an fhoghair sabhliadhna 1492, chuir Columbus fa sgaoil mu éirigh na gréine, ann an làthair sluaigh mhòr, a thog an ùrnuigh suas as a leth gu neamh, aguidheadh gu dùrachdach gun soirbhicheadh leis, ge nach robh dùil sam bith aca gum buadhaicheadh e anns na bhana bheachd. Cha robh aig each tri loingeis, agus cha robh iad sin féin ach beag. Bha annta so ceithir fichead pearsasa deich, a chuid bu mhò dhiubhnan seòladairibh; a bhàrr air àireamh bheag eile a chaidh leis air tòir na dhfheudadh iad a bhuannachd; agus cuid do uaislibh na Spàinne a chuir abhan-righ a mach maille ris. Rinn eghabhail gu dìreach airson nan eileanan sin ris an abrar na Canaries; ’s an déigh dhoibh an loingeas agus gach acfhuinn a bhuinneadh dhoibh a cheartachadh, agus gach uidheamachadh eile bha feumail a dheanamh, ghabh echead deireannach don àite sin, air an t-sèathamh do mhoìs meadhonach an fhogharaidh. ’S ann a nis a thòisich e air an turus fairge bhana bheachd: stiùir e gu dìreach an iar: threig e gach àird, agus gach slighe fairge, air an do sgaoileadh, gus a sin, seòl, agus ghabh en cuan mòr focheann. Cha deachaidh e fada air aghaidh air acheud ; oir cha robh deò soirbheis ann: ach air an ath- rinn e folach-cuain air na h-eileanaibh a dhfhàg e: bha iad a nis gu buileach as a shealladh. Thuit na seòladairean a nis gu dìobhail misnich, ’nuair a thug iad fainear an ni eagallach a bham beachd an duine so, ag iarraidh saoghail ùr air nach cualas riamh iomradh; bhuail iad air an uchd le uamhas, agus shil an deòir gu frasach, asmuaineachadh nach tigeadh an a chitheadh iad cladach tuillidh. Bhrosnuich Columbus iad gu misneach, atoirt cinnte dhoibh gun soirbhicheadh leò, agus acur an ceill doibh an saoibhreas mòr a chosnadh iad dhoibh féin anns na dùthchannaibh tarbhach ùr chum an robh e nisgan treòrachadh. Thuig Columbus gu tràth o ghiùlan gealtach, meath-chridheach a luchd-leanmhuinn, gun robh aige ri strì, chan emhàin an aghaidh nan doilghiodas a bha fuaighte ris an turus chunnartach air an robh e dol, ach mar an ceudna an aghaidh cur-iomchoiragus gearan nan daoine meata a bha maille ris; agus mhothaich e gun robh seòltachd agus toinisg co feumail chum inntinn dhaoina cheannsachadhs a bha eòlas, tuigse, agus teòmachd ann an toirt nan loingeas gu tèaruinte as gach gàbhadh. Bu mhath dhàsan agus da dhùthaich nach do sheas ceannard air luing bu fhreagaraiche air gach dòigh na esan chum cur an aghaidh gach cruaidh-chàs. Bha e innleachdach, àrd-thogarrach, dàna, agus cruadalach; agus air an làimh eile, bha e foighidneach, stuama, agus seasmhach; eòlach air an t-saoghal agus air nàdur dhaoinibh, suairce, modhailna chainnt, agus fearail na ghiùlan, ionnus gun robh aige gach buaidh a bha feumail a chum urram a chosnadh agus smachd a sheasamh: os ceann gach ni, cha damhairc maraiche riamh ann an cridhe fuaraidh a thug bàrr air, ni nach feudadh gun a thoirt air daoinibh làn-earbsa chur ann, ann an àm cunnart no gàbhaidh. An déigh dhoibh bhi mios aig fairge, agus an sgioba an impis fairtleachadh air len gealtachd cheannairceach, mhothaich iad mu dheireadh comharan a dhearbh dhoibh gun robh iad adlùthachadh gu tìr. Ràinig an luaidh-thomhais a thilg iad a mach grinneal na fairge, agus thuig iad air coslas na làthaich athàinig a nìos nach robh am fearann fadair falbh. Bha sgaoth eun a teachd dlùth dhoibh air gach taobh, ’s afàs ni bu lionmhoire o àm gu h-àm: chan e amhàin eòin mhara, ach mar an ceudna eòin tìre nach burrainn itealaich fadon tràigh. Mhothaich sgioba aoin de na soithichibh, cuilc asnàmh air an fhairge, a ghearradh do réir coslais a chionn no dhà, agus mar an ceudna, mìr maide air a shnaidheadh gu h-ìnnleachdach. Thog muinntir aoin eile do na loingeis geug craoibhe air a h-ùr bhuain, air an robh dearcan dearga. Bha coslas ùr air na neòil mu thimchioll na gréinean am dhi dol fodha. Bhan oiteag ni bu chiùine agus ni bu bhlàithe. na h-oidhche, bhan soirbheas air ais agus air aghart o gach àird. O na nithibh so thuig Columbus gun robh iad dlùth do thir. Bha e co dearbh-chinnteach as a so, ’s gun dàithn e air feasgar an aoin--deug do mhios deireannach an fhogharaidh, an déigh ùrnuigh fhollaiseach a chur suas, na siùil a phasgadh, agus luchd-amhairc fhurachair a churair freiceadan, ’an earralas nach dlùthaicheadh iad gun fhios doibh air tìr. Fad na h-oidhche sin, anns an robh dòchas agus dùil gach aoin co àrd, cha dthàinig codal air sùil. Bha gach aon air clàr-uachdar na luinge; cha do theiring duine. Bha gach sùil gu dian iomaguinneach ag amharc a mach ris an àird on robh dùil aca acheud sealladh air tir-mòr fhaotainn, miann an cridhe agus dùrachd an anma. Tamull beag roimh mheadhon oidhche, nuair bha Columbusna sheasamh ann an toiseach na luinge, chunnaic e solus fada uaithe, agus comharraich e e a mach e do dhithis dhaoine bhanan seasamh làimh ris. Chunnaic iadnan triuir an solus agluasad o àite gu àite; agus, beagan an déigh sin, chualas o h-aon do na longeis a bhasa chuideachd, an iolach aoibhneach TIR, TIR. Ach mhealladh iad co tric le baoth-choslais, ’s gun robh iad a nis an-amharusachnan inntinn. Dhfhuirchi iad, uime sin, ann an iarguin iomaguineach ri tilleadh an . Cha luaithe bhris faire na maidne na dhfhalbh gach aobhar-eagail, agus amhruis: chunnaic iad eilean sèa mìle mu thuath dhoibh, lemhachraichibh lurach uaine, lechoilltibh àrda dosrach, airuisgeachadh le aibhnichibh fionnar, nithibh a thug gnè bheachd dhoibh air maise na dùthcha àluinn a bha rompa. Thog gioba na luinge sin, a fhuair acheud sealladh air tìr, laoidh mholaidh do Dhia, agus cho-fhreagradh an fhuaim o gach aon do chàch le deuraibh aoibhneis, agus àrd-cho ghàirdeachas anma. Cha luaithe chuir iad an taingealachd do nèamh an céill, na thaisbein iad an àrd-mheas don Cheannard. Thilg siad iad féin aig a chosaibh, air an irioslachadh le cuimhnair an aineolas agus am mi-shuairceas da thaobh, a choisinn doibh féin agus dan Ceannard co liuthad trioblaid. Dhamhairc iad a nis air mar dhuine air a shoilleireachadh o nèamh, aig an robh eòlas agus misneach thairis air achuid eile don chinne-dhaoine, trid an robh comas aige na bha na bheachd a thoirt gu crìch. Co luaths a dheirich a ghrian bha gach geòla mach, agus an sgioba annta fon armaibh; dhiomair iad air falbh a dhionnsuidh an eilein lem brataichibh riomhach, le ceòl curanta buadhar, agus leis gach mòralachd cogaidh eile a burrainn doibh a nochdadh. ’Nuair a dhlùthaich iad air an fhearann, mhothaich iad gun robh àireamh mhòr shluaigh rompa, a chruinnichnuair a chunnaic iad na loingeis, ataisbeanadhnan giùlan gu léir an t-iongantas agus an t-uamhas leis an do mhothaich iad gach sealladh coimheach, agus cuspair ùr a bha nisnam beachd. Be Columbus acheud duine on Roinn-Eòrpa a sheas riamh air an t-saoghal ùr so a fhuair e féin mar so a mach. Bha e air éideadh ann an culaidh dhreachmhor eireachdail; bha claidheamh rùisgtena làimh. Lean a chuid dhaoine e; agus atuiteam air an glùinibh, phòg iad am fearann a bha na h-uiread fhadail orra chum a ruigheachd. Thog iad crois, agusgan sleuchdadh féin, thug iad taing do Dhia a thug ceann-criche co sòlasach air an turus. Ghabh iad an sin seilbh san dùthaich, an ainm ban-righ na Spàinne, leis gach cleachdadh a bha cumanta san linn sin. Chuartaich muinntir na dùthcha iad, atabhairt aire le ioghnadh agus le urram fiamhach do na nithibh a bha na Spàinnich adeanamh; ged is beag a bha fios aca, mo thruaighe! ciod bu chiall da. Bha éideadh nan Spàinneach, gilead an craicinn, am feusagan, an airm, agus gach ni eilenan aobhair iognnaidh dhoibh. Lion na soithchean mòr anns an dthàinig iad on chuan, a bha, air leo, a gluasad air an fhairge mar gum bann le sgiathaibh, agus on dthainig fuaim co uamhasach lasrach, le tairneanach, le dealanach, agus le smùid co eagallach; lion na soithichean so iad le oillt agus uamhann. Smuainich iad nach bithean cruchaichte a bhannta, ach clann na gréine, a theiring, car tamuill a dhionnsuidh an t-saoghail so. Ma bha iongantas air na h-Innseanaich bhochda, ’s gann a bu lugha bha air na seòladairibh: bha gach craobh, agus gach lus annasach dhoibh. Bham fearann, do reir coslais, tarbhach, ge nach do threabhadh riamh e. Bhan cearna so don domhan teith leis na Spàinnich, ach an déigh so uile, ro thaitneach. Bhan luchd-àiteachaidh gu lom rùisgte ann an neo-chiontas nàduir. Bham falt fada dubh



[83]

[Vol . 5. No. 12. p. 3]

asnàmh air an guaillnibh, no airfhigheadh na chaisreagaibh dualach mu thimchioll an cinn. Bha neul nan daoine, ruadh; bhan aogas neo-chosmhuil ri aon ni riamh a chunnaic iad san Roinn-Eòrpa; ach an déigh sin, gun bhi idir mi-thaitneach; bha sealladh an gnùise caoimhneil, caomh, agus fiamhach. Ge nach robh iad àrd, bha iad air dheagh chumadh, easguidh, fuasgailteach. Bha iad nàrach, athach air tùs; ach ann an ùine ghoirid chinn iad ro ionmhuinn mu na Spàinnich, agus le gàirdeachas anabarrach ghabh uatha cnaipeanan, aigileanan gloine, agus faoineachd eile don t-seòrsa sin, ann an iomlaid aon ni a bhaca ra sheachnadh. Thill Columbus mu fheasgar a dhionnsuidh na luinge; lean mòran do na h-Innseanaich e, ann an sgothaibh fada caola a chladhaich iad a mach o chalpa chraobh mòra a leag iad, a shnaidh iad gu cumadh, agus a dhìomair iad gu h-eutrom seòlta.

Mar so fhuaradh a mach America; agus mar so, ann an càirdeas, agus deagh rùn, choinnich luchd-àiteachaidh an t-seann t-saoghail agus an t-saoghail ùir, làn-thoilichte taobh air thaobh le chéile. Bha na Spàinnich fiosrach, eòlach, agus sanntach; thuig iad cheana co luachmhors a bhiodh na cearna so don dùthaich; achs beag fios a bhaig na h-Innseanaich bhochda aineolach, ged a bha iadsan sòlasach, co liuthad àmhghar, uamhas, agus fòirneart a bhana lorg so ri éiridh dhoibh. —Leabhar nan Cnoc.


Far am bi an Toil bidh an Gniomh.

LE FIONN.

RUAIRIDH MOR. —Madainn mhath dhuit a Cholla; tha toil agam turas a ghabhail an diugh, agus thainig mi a dh-iarraidh tacain dan làir bhàin agad.

COLLA BAN. —Gheobhadh tu sin le deadh dheoin agus le muile chridhe, ach tha agam fhein ri dol an mhuileann air toir mine don mhnaoi.

RUAIRIDH. —Chaneil am muileann adol an diugh; chuala mi fhein am muillear g radh gun robh an t-uisge ro iosal.

COLLA. —Is cearr an gnothach sin. Feumaidh mi falbh don bhaile-mhargaidh cho luaths is urrainn domh, oir chuireadh mo bhean a mach as an tigh mi nam biodh an geàirneal falamh.

RUAIRIDH. —Caomhnaidh mise an dragh sin duit, oir tha pailteas mine agam; bheir mi dhuit an coingheall na chuireas seachad sibh gus an atharraich an t-sid, agus am bi uisge ann air son amhuilinn againn fhein.

COLLA. —Cha chordadh amhin agadsa ri mmhnaoi-se; tha i ro dhuilich a thoileachadh ann am min.

RUAIRIDH. —Biodh i cho ailleasachs a thogras i, cordaidh i rithe; nach ann bhuait fein a cheannaich mi an siol, agus thuirt thu rium nach robh na bfhearr riabh agad.

COLLA. —Mas ann bhuamsa a fhuair thu an siol feumaidh e bhi math; cha robh droch shìol riabh am shabhal. Chaneil duine air an t-saoghal, fhir mo chridhe, dom bu luaithe a nochdainn caoimhneas no don deanainn comhstadh na dhuit fhein; ach dhiùlt an làir bhàn a ceannag fheoir an diughs amhadainn, agus is mor meagal nacheil i comasach air falbh leat.

RUAIRIDH. —Na biodh eagal ort; bheir mi fhein dhi gu leoir de shiol air an rathad.

COLLA. —Thacholtas air an latha a bhi ceòthar; bidh an rathad sleamhain agus cha n eil fhios agam nach rachadh tu fhein agus an làir as an amhaich.

RUAIRIDH. —Chan eagal duinn; tha an làir bhàn math a chumail a casthoir a mach i.

COLLA. —Nach mi-fhortanach an gnothach gu bheil an diollaid air dol à sagaid; agus tha an t-srian air falbh gacàradh.

RUAIRIDH. —Tha an da chuid diollaid agus srian agam fhein.

COLLA. —Cha fhreagair do dhiollaid-sa don làir bhàin.

RUAIRIDH. —Mur freagair gheobh mi coingheall diollaid Iain Thomais.

COLLA. —Cha fhreagair diollaid Iain Thomais nas fhearr na do dhiollaid fhein.

RUAIRIDH. —Theid mi a suas don tigh-mhor; is aithne dhomh fhein an gille-stàbuil, agus tha fhios agam gum faigh mi te am measg nam ficheadan a tha an sin a fhreagras don lair bhain.

COLLA. —Chan eil teagamh nach fhaigh a charaid; chan eil duine fon ghrein dom bu deise mi gu comhstadh a dheanamh na thu fein, agus gheobhadh tu an lair bhan le muile chridhe, ach cha deachaidh cìr air a gath-muinge o chionn mios, agus nam faiceadh daoine i anns abhaile mar tha i bheireadh e a nuas a pris gu mor nan rachainn gareic.

RUAIRIDH. —Chan fhada ghabhas duine acur eich on ordugh. Ni an sgalag agam fhein a h-uidheamachadh am beagan uine.

COLLA. —Chan eil teagamh air sin, ach mas math mo chuimhne tha i am feum a cruidheadh.

RUAIRIDH. —Chaneil acheardach fad as.

COLLA. —An e gun leiginnse leis aghobhaìnn mhòr an lair bhana chruidheadh! Chan earbainn masail ris. Cha leig mi le gobhainn sam bith ach fear an Tuim-uaine an lair bhan a chruidheadh.

RUAIRIDH. —Nach fortanach gu bheil agam ri dol seachad air dorus na ceardaich sin; gheabh mi a cruidheadhs an dol seachad.

COLLA.— (Agus e afaicinn a ghille-stabuil aig ceann an t-sabhail). —An cliunn thu, Iain!

IAIN. —Tha mi acluinntinn; ’d é bàill leibh? (Agus e a tighinn a dh-ionnsuidh mhaighstir.)

COLLA. —So agad Ruairidh Mor ag iarraidh coingheill dan lair bhain; tha fhios agad gu bheil creuchd air a druim cho mor ri mbhois. (Chaog e ri Iain.) Seall an do leigheis i. (Thuig Iain ciod a bu chiall don chaogadh agus dhfhalbh e.) Tha mi asmuaineachadh gum bu choir don chreuchd a bhi slan a nis. Tha mi toilichte gu bheil e am chomas comhstadh a dheanamh dhuit; feumaidh daoine a cheile a chuideachadh anns an t-saoghal so. Is briagh leam fhein daoine fhaicinn cairdeil agus comhstach. Nan dhuilt mi thu an toiseach theagamh gun deanadh tusa acheart leithid ormsa aig àm eile. Tha mise de nadur cho soirbh nach urrainn domh caraid a dhiùltadh. (Iain atilleadh as an stabul.) A bheil achreuchd air leigheas?

IAIN. —Air leigheas! Cha bhi craicionn slan oirre an ceann mios. Thuirt sibhse gun robh an lot mu mheud ur boise; cho mor ri beantaig a bu choir dhuibh a radh. Cha chuir a lair bhan cas foidhpe air amhios so.

COLLA. —Tha mi ro dhuilich, a charaid, gu bheil gnothaichean mar tha iad, oir bheirinn an saoghal air son do sheirbhiseachadh aig aa àm so; ach tha thu fein a faicinn nacheil e am chomas.

RUAIRIDH. —Tha mi ro dhuilich a chluinn sinn air do sgàth fhein. Bha litir agam bhon ard-mhaorchoille ag- iarraidh orm tighinn a stigh don bhaile nachoinnimh; tha edol a shuidheachadh gearradh na coille orm. Bfhiach so cuid mhath dhomhsa, agus bha mi an duil achairteireachd a thoirt duitse, agus bfhiach sin leth do mhail dhuit; ach

COLLA. —Leth no mhail! a dhuine chride

RUAIRIDH. —Theagamh tuilleadhs sin; ach bho nach urrainn duit an lair bhan a thoirt dhomh is fearr domh taghal air Iain Mòr a dhfheuchainn an toir e dhomh an t-each glas.

COLLA. —Nàraichidh tu mise ma ni thu sin; stad, stad, agus gheobh thu an lair bhan. An e gun diultainn an caraid is hearr a thagam.

RUAIRIDH. —Ciod a ni thu air son mine do nmhnaoi?

COLLA. —Thas agheairneal na dhfhoghnas dhi gu ceann ceithir la deug fhathast.

RUAIRIDH. —Ach nacheil do dhiollaid à sgaid?

COLLA. —Is i an t-seann te a tha mar sin. Tha te ùr agam air nach do shuidh duine riabh, agus gheobh thu achiad latha dhi le muile chaidhe.

RUAIRIDH. —An cruidh mi an lair bhan aig ceardach an Tuim-uaine anns an dol seachad?

COLLA. —Cha robh cuimhne agam gun dfhuair mi a cruidheadh aig aghobhainn mhòr a dhfhaicinn ciod an dreach a chuireadh e oirre, agus, a dh-innseadh na firinn, rinn e an gnothach na bfhearr na shaoil mi a dheanadh e e.

RUAIRIDH. —Nach dthuirt Iain riut gun robh creuchd air a druim cho mor ri beantaig?

COLLA. —Chaneil annsan ach an t-

(Air a leantuinn o thaobh 88.)



[84]

[Vol . 5. No. 12. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, SEPTEMBER 26, 1896.

Tha an Spàinn o chionn iomadh latha a faotainn deuchainn le ceannrirc us ar-a- mach a cuid iochdaran ann an Cuba, agus mar nach fòghnadh sin, tha ceannairc air bristeadh a mach na h-aghaidh anns na h-eileanan Phillippine. Tha treis a dhuine on thòisich i, agus bhasan ainm gu robhtar air cur as di, ach than sgeul a thàinig air an t-seachdain so ag innse nich robh sin ceart. Tha na Spàinntich, an duil eagal a chur air an t-sluagh, gu follaiseach acur gu bàs gach aon de na ceannaircich air am faigh iad greim, agus tha na ceannaircich, air an laimh eile, a cheart cha an-iochdmhor riuthasan. Ghlac iad o chionn ghoirid tigh-mhanach, agus rinn iad gach aon de na manaich a mhort gu bruideil. Ghlac na Spàinntich còrr us ceud de na ceannaircich, agus spàrr iad iad ann an aon toll sa phriosan, agus an la- ’r-na-mhaireach bha leth-cheudsa ceithir dhiubh marbh, air am muchadh leis an teass le cion analach. Tha am fios ag radh gu bheil na ceannaircich afoatainn a chuid as fhearr dheth; co-dhiu tha sin ceart no cearr, tha e ro choltach gum bi an troimhe-cheile anns na h-eileanan so, direach mar a tha ceannairc Chuba, fada tighinn gu crich, agus gle fhuilteach fhadsa mhaireas i.

Mar a tha fios againn uile, tha àireamh de Chomuinn Gàilig ann an Ontario, agus ged nach eil sinne anns na mor-roinnean iseal acluinntinn a bheag mun deibhinn, tha sinn acreidsinn gu bheil iad ri feum mor ann a bhig àrach meas agus spéis don Ghàilig agus do nithean Gaidhealach. Tha sinn gle thoilichte leughadh gu robh coinneamh aca ann an Toronto o chionn ghoirid, arunachadh na Comuinn so a cheangal ri chéile le Ard-Chomunn a shuidheachadh os an ceann, a bhios a sealltuinn thairis orra, agus a deanamh cuideachadh leotha. ’Se ar barail nach burrainn dhaibhsan a tha air ceann na cùise ni a bfhearr no bu ghlice a chur air choìs, agusse ar dùrachd gun soirbhich leotha. ’S mor am feum a rinn Comunn Gailig Thoronto, Comunn Gàilig Hamilton, agus Comuinn eile do chainnt aosda laoch nam beann, nuair a bha iad gach aon a seasamh air a bhonn fhéin, achs mor as motha na sin a ni iadnuair a bhios iad aonaichte. Chan e mhàin gum bi na Comuinn so iad féin nas làidire, ach théid aca air comuinn a chur air chois an iomadh àite anns nach robh comunn riamh roimhe. Mar sin bidh Clanna nan Gàidheal anns an dùthaich so air an tòirt gu bhi an guaillibh a chéile, agus bidh an cànain asiòr fhàs ann am measnam measg féins am measg sluaigh eile.

Tha an Ard-Pharlamaidna suidhe fhathast. Chan eil fior mhoran aca ri dheanamh innte air an t-suidhe so, ach a mhàin gnothuichean a chur air dòigh chum riaghladh na duthcha chumail air adhart gus an suidh i rithist; ach ged nach eil, tha iad a tarruinn uine, agus cha sgaoil lad co-dhiu gu ceann seachdain eile. Cha dean math a bhigearan a thaobh so. Ged nach biodh e iomchuidh tuilleadhsa chòir a dhuine chosg, gidheadh cha bhiodh e ceart no freagarrach cùisean a ghreasad air dhòighs gun deante dearmad air ni sam bith a bhiodh a chum leas no math na dùthcha.

Tha caraid á Knappa, an Oregon, acur a dholair ugainn, agus ag radh, “Tha mi air mo chumail gle thrang an dràsda ach trangs ga bheil mi chan eil uair a thig am MAC-TALLA nach gabh mi uine gus a leughadh.” Tha MAC-TALLA mar sin di-beathte aig iomadh fardoich anns gach cearna den t-saoghal. Ach nam biodh na Gàidheil cho dileas dan cànains bu chòir dhaibh a bhi, bhiodh e ri fhaotainn ann an iomadh àite anns nach cualas fhathast iomradh air.

Tha Iompaire agus Ban-Iompaire Ruisia an dràsda ann am Breatuinn air aoidheachd aig Ban-righ Victoria. Thàinig iad air tir ann an Albain Di-màirt, agus ghabh iad an rathad-iaruinn gu Balmoral. Nochd an sluagh h-uile spéis agus urram dhaibh air an t-slighe. Tha dòchas làidir aig moran gun dean céilidh an t-Sàir Breatunn agus Ruisia nas càirdeile ri cheile, agus gum bi sinna mheadhon air stad a chur air sgrios nan Criosduidhean ann an Armenia. Bu mhath gun achradh sin.

Bha duil aig an fhear-dheasachaidh tòiseachadh anns an àireamh so air cunntas aithghearr a thoirt air a chuairt do Eilean aPhrionnsa, ach nuair a thainig e dhachaidh bhan obair air a dhol mu seach air dhòighs nach dfhuair e gnothuicheannan àite féin fhathast, agus uime sin cha robh ena chomas tòiseachadh air sgriobhadh mar a bha na bheachd- Ach faodaidh suil a bhi aig an luchd leughaidh ri beagan, oic air mhath fhaicinn anns an ath àireamh.

An uair a dhfhalbhas tu casruisgte, teichidh do chàirdean uat.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoriah Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[85]

[Vol . 5. No. 12. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh muillean shiùcair a bha ann am Moncton, N. B., ’na teine oidhche Di-donaich sa chaidh, agus loisgradh i gu làr. Bfhiach i da cheud mile dolair. Chan eil fhios ciamar à thòisich an teine.

Tha seana bhean a fuireach ann an Arichat an Iar, a bha dall o chionn shia bliadhna, agus an la roimhe dhaisigeidh a fradharc dhì le sgleò a bhair fàs air a sùilean a ghearradh dhiùbh. Bha dithis dhotairean ris an obair, Fixott agus Bissett.

Rinn an stoirm thairneanach us dhealanach a bhann a sheachdain gus an call ann an iomadh àite, Bhuail an dealanach tigh ann aFrench Vale, agus fear eile aig meinm a Reserve; rinn e milleadh gu leor air gach fear dhiubh, ach fhuair iadsan a bha chòmhunidh annta as gun dochunn sam bith.

Bha an t-ìasgach gle fhad air ais ann an Newfoundland air a bhliadhna so, agus tha moran de na b-iasgairean air am fàgail ann am bochduinn. Tha na ceudan dhiubh adeanamh deiseil gus an dùthaich fhàgail. Tha an t-iasgach air a dhol gu donanan aghaidh o chionn iomadh bliadhna, agus is beag an t-ioghnadh ged a tha iad acall am misnich.

Ann anPort Hope, Ont,mharbh Arthur Pentiss, aois ochd bliadhndeug, tuathanach dom bainm Lingard, aois thri fichead bliadhna. Chaidh iad bhar a chèile le coireghille, agus loisg e air an t-seann duine. Fhuaireadh cointach e aig a chùirt, agus tha e ri bhi air a chrochadh air an 17mh latha de Dhesember.

Dhfhalbh mu choig ceud duine, eadar bheag us mhor, à Cuibeic aìr an t-seachdain sa chaidh gus a dhol do Bhrasil, an ceann a deas America. Bha mu mhile aìr àite ghabhail air bòrd an t-soithich a bha gun toìrt air falbh, ach nuair a thainig àm seolaidh dhìùlt a chuid bu mho dhiubh falbh, agus leig iad len cuid imrich falbh air an t-soitheach.

Chaidh te Mrs. Hann, a mharbhadh aig Dromore, P. E. I., air an t-seachdain sa chaidh le tuiteam á carbad. Bha i direadh a stigh dhan charbad nuàir a ghabh an t-each eagal romh rothair, agus theich e, ’ga tilgeadh-se mach. Chaidh a leònadh cho donas nach robh i beòna dheigh ach da uair. Bha i tri fichead bliadhnasa deich a dhaois.

S mor an sileadh uisge a bhann air an fhoghar so. Ann am baile Halifacs thuit ann an aon seachdain còir us ochd òirlich de dhuisge. Air Di-luain, an 7mh latha, thuit òirleach us cairteal; Dior-daoin thuirt faisg air ceithir òirlich, agus Di-donaich thuit còir us tri òirlich. ’S ann uair gle ainneamh a thuiteas uiread uisge anns an dùthaich so, an ùine cho goirid.

Chaidh fear Eachunn Mac Fhionghain a marbhadh ann a mèin naHuban Glace Bay Di-luain. Bha eg obair air gearradh guail, agus thoirt meall dhe air a mhuin, ’ga mharbhadh air ball. Cha robh ann ach duinòg coig bliadhna fichead a dhaois. Cha robh e posda idir. B’ -abhaist da bhig obair anns a mhèinn a tuath, agus bha ena dheagh fhear-obrach.

Bha fèill bhliadhnail Eilean aPhrionnsa aca ann an Charlottetown air an t-seachdain sa chaidh. Bha fèill ann an Truro, N. S. air an t-seachdain so, ’a toiseachadh Di-màirt. Agus bha feill eile ann an St. John, N. B. ’S in fheil a bhan Truro a bha dùil againn a bhiodh ann an Sidni air an fhoghar so. Bu chòir don bhaile stri a dheanamh air son fhaotainn air a bhliadhna sa tighinn.

Chaidh fear Sullivan a chùr an sàs air son mort Mrs Dutcher a bha fuireach faisg air Moncton. Rugadh air anns na Staitean, farn do theich e latha no dha an deigh don mhort a bhi air a dheanamh. Tha achaileag bheag a fhuaireadh a thoirt as an tigh beo, gle fhad air ais fhathast, ach tha dùil ri i dhol nas fhearr. Bidh ainm Sullivan gu math tricna beul, agus chan eil teagamh sam bith nach e rinn an gniomh, ach chan urrainnear a dhol air adhart leis a chàs gus an tig achaileag gutùr feins an tèid aice air innse mar a thachair.

Cbaidh Harry Templeton, aois sheachd bliadhndeug a mharbhadh leis a charbad-iaruinn faisg air Lynn, Mas., ’sa mhaduinn Di-luain. Bha e fhèin us bràthair mathar dha ag iasgach bhar drochaid air an robh an carbad ri dhol seachad, agus air don charbad bhi tighinn, dhfheuch esan ri dhol thairis air an rathad, agus thuit e air a bheul-fodha, ’s chaidh an carbad thairis air, ’ga ghearradh as a chèile air doigh uamhasaìch. Bha e marbh air ball. Bhuineadh e do Nobha Scotia, agus cha robh e ann an Lynn ach air chuairt.

Chaidh muillean fudair a bhualadh leis an dealnach ann an cearna de stait Chonnecticut a sheachdain gus an diugh, agus chaidh ina smùid dha na speuran. Thachair e tràthsa mhaduinn mun deachaidh na daoine gun obair, agus mar sin cha do chailleadh beatha duine sam bith. Bha an stoirm gle throm anns na Stàitean an ear uile. Ann an New Bedford, Mass, bha moran thaighean iar an cur as a cheile agus na sràidean air an lionadh leis an droighuich. Chaidh aon duine a mharbhadh. Bhuail an dealanach muillean-chotain, agus rinneadh fiach ceud mile dolair de chall oirre.

Tha ban-righ Victoria a nise air achathair rioghail Bhreatunnaich nas fhaide na bha urra rioghail riamh roimpe. Beseanair féin, an treas Deòrsa, an aon fhear a bhair toiseach oirre roimhe so, ach a nise th a ceithir latha bharrachd aicair. Fhuair i moran litrichean us fhiosan as gach cearna den Iompaireachd, o mhuinntir acur an céill an gàirdeachais, agus aguidhe iomadh lathas bliadhneile dhi air achathair.

Gu ma fada beò aBhan-righ!


Tha an t-arm Breatunnach asior dhol nas fhaide deas on Eipheit, agus atoirt buaidh air an naimhdean anns gach cearn. Cha bhin ùine gle fhada nis gus am bi an Soudan fon ceannsal, agus am bi cumhachd nan Arabach anns an dùthaich sin air a thur bhristeadh.

Than Spàinn an deigh 175,000 saighdear a chur a mach do Cuba on thòisìch acheannairc. Cha do chuireadh àireamh cho mor de shaighdeara rismh air aon ghnothuch thairis air an Atlantic, ach a dhaindeoin meud na h-armailt thacheannairc a dol air adhart fathast.


An rud a theid fada on t-suil theid fada on chridhe.

An rud a thig leis an t-sruth, falbhaidh e leis a ghaoith.

An uair as caoile an gràn, is ann adaoire an gràn,

An uair as am beadradh, is ann as còir sgus dheth.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c, Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591
St. Catherine Street, Montreal.



[86]

[Vol . 5. No. 12. p. 6]

[Taobh -duilleig 89 san leabhar fhèin]

EUCHDAN MHONTROIS.

Cha bhòsd ri ràdhainn gun do dhàraich Albainn barrachd mhac, a reir a sluaigh, a choisinn lem buaidhibh cliu neo-bhasmhor na dhainmichear le rìoghachd no cinneach eile fon ghrèin. Air chùl nan arman àm na teugmhail, an ealantan ionnsachaichte an àm na sith, tha iad araon ainmeil. Chan eil duilleag de dhEachdraidh a thionndar far nach faicear an euchdan riluaidh, as chan eil cearna den t-saoghal, bho eirigh gu laidhe greine, ’s nach cluinnear sgeul air an cliu. Ach a chan eil a rùn oirnn aig an àm seo leudachadh air euchdan nan Albannach gu leir, ’s è bu mhiann leinn cunntas a thoirt seachad mu dheighinn nan gaiseach a chuidich, len gniomharaibh, ainm nan Gaidheal a thogail suas agus a sgaoileadh thar gach tir. Nam measg seos gann gum beil neach a rinn barrachad na rinn am Flath cliùteach air am beil sinn a dol a dhiomradh. Air a ghinntinn de shliochd nan cuiridhnean calmachuir stad air sgaothaibh fuilteach na Roimhe, bha cóir aig air a bhith treubhach; anns gach linn bha shinnsreadh ainmeil am measg mhaithean na tire. Bho lathaibh Righ Fearghuis II., chan eil coinneamh no còdhail, strì no cath san robh saorsagus sonas na h-Alba risheasamh, anns nach faighte ceann cinnidh nan Greumach an tùs na comhstri. Cha do dhiobair am fiuran òg seo cleachdadh na h- ’aitim bho n dthainig e. Bhuilich nàdar air, araon am pearsas an inntinn buaidhean nach bainneamh, ’s ged nach robh e ach ceithir-bliadhndeug an uair a thainig es taigh air an oighreachd le bàs athar (Morair Iain) anns a bhliadhna 1626, cha ghòraiche no mi stuamachd air an dthug en fhaire; lean e gu dealasach air inntinn oileineachadh anns gach seorsionnsachaidh a bha ri fhaotainns an àm sinna dhùthaich. Bho nach dfhag athair de theaghlach ach esanna aonar, thug a chàirdean air posadhs e òg, ach cha dthug seo air lasachadh na rùn air aignedheasachadh, a chum dleasnais na h-inbhe airde anns an robh aige ri gluasad a coimhlionadh mar bu chuibhe dha. Air da gach fòghlum a bha ri fhaighinn an Albainn ionnsachadh dhfhalbh e thar fairge chum cleachdainnean rioghachdan aineoil fhaicinnsa thuigsinn, agus air tilleadh dha gu dhùthaich ann sa bliadhna 1634, tha e iar innsidh nach robh neach eiles an Roinn Eorpa bu choimhliontanns gach gnàs a fhreagradh do dhuin uasal na esan. Bha chonspaid mhi shealbhach a dheirich eadar Righ Tearlach I. ’s a shluagh air tòiseachadh an uair sin, agus cha luathaidh a thainig Montròse don tìr na chaidh em buillsginn na h-iorghuill mun dfhuair e uine air achuis a rannsachadh. Dian agus bras inntinneach mar bha è ghlac e cuis an t-sluaigh le uile chridhe. Chunnaig e gun robh an Righ ri ainneart air an t-sluagh an uair a theann e ri creideamh asparradh orran aghaidh an toile, agus le gràin air anaceartas, nadara don inntinn fhiughantaich, raighnich en taobh bu laige. Shuidhich na Cumhnantaich ceathair chuirtean an Dun-Eidin ris an abairte na Buird, biad sin Bord nam Moarirean, Bord nan Uaislean, Bord nam Bailtean mora, agus Bord nam Ministeirean, agus riutha seo bha cuis an t-sluaigh gu leir air earbsa. Ann sa bhliadhna 1639, air don iorghuill dol cho fad air a h-agharts nach robh dòchas gun cordadh iad feins Righ Tearlach ann an sith, agus air don Righ feachd a thogail ann an Sasunn a los na Cumhnantaich Albannach a chur fo smachd; dhordaich na Buird neart na h-Albann a thogail gu bhi ullamh airson gach ni a dhfhaodadh eiridh a mach, ach an aite fuireach ri feachd a Righ a thighinn don rioghachds iad fein a thoisich an tùs ti comhstri. Air di-haoine an naoidheamh latha den Mhàrt ann sa bhliadhna 1649 ghlac Sinilair Leslie caisteal Dhun-Eidin agus air Diodonaich na dheigh ghlac na Cumhnantaich Caisteal Dhunbreatuinn. Aig an àm cheudna cha robh cairdean an Righ nan cadal. Thoisich Morair Hunnduinn ri chuid dhaoine thrusadhsan airde tuath, agus air dha a bhratach rioghail a thogail aig Kintore ghluais e gu Abaraidhin far an do ghabh e seilbhan ainm an Righ. Chual a anns a bhaile sin gun robh na Cumhnantaich ri cruinneachadh ann an Turriff agus chuir e roimhe sgapadh a chur annta. Sgriobh e uime sin litrichean a dhionnsaidh a chairdean iadg a choinnneachadh air a cheart lathas an aite cheudna. Thuit deth na litrichean seoan lamhaibh Iarla Mhontrois, agus chuir esan roimhe, a dhaindeoin co theiridh e gun deanadh e chairdean na Cumhnantaich a dhion bho fhoirneart. A chum seo a dheanadh, ghrad chruinnich e mu ochd ceud fear agus mhears e gu Turriff. Air do na Gordanaich tighinn air an aghart, feadh an latha, bioghnadh leotha claogh a bhaile fhaicinn lan dhaoine fon armaibh agus gu h-araidnuair chunnaig iad an gunnaichean ullamh gu losgadh orra thar balla chlaogha. Thill iad air an ais mun cuairt de dha mhile bhon bhaile far an do stad iad gus an dthainig an ceannard Morair Hunnduinn gan ionnsaidh ach ged bha na Gordanaich corr is da mhile air lionmhoireachd cha do ghabh an ceannard misneach gu aghaidh a thoirt air Montròs ged nach robh aig ach ochd ceud fear.

Mun àm seo, thug na Bùird litir chumhaichd do Mhontròs feachd a thogailan aobhar nan Cumhnantach; agus mun deachaidh mios thair a cheann, chruinnich e mun cuairt de thrì mìle fear eadar mharcaicheanus choiseachean, coimhliontanns gach armachd. ’S iar do Shinileir Leslie tighn suas ris le cuideachadh dhaoine, mhearrs iad gu h-Abaraidhin, ach dhfhag Morair Hunnduinn am baile sin mun dràinig iad. Ann an seo, thachair na Frisealaich, na Foirbeisich, agus Fineachan tuathach eil orramu thimichioll mhìle fear; rinn seo cunntas feachd Mhontròis mun cuairt do naoi mìle. Dhfhag e Iarla Kintore ann an Abaraidhin le còig ceud deug agus ghabh e feins chuid eilair an aghaidh gu ruig Inbhurùraidh. ’N uair a chunnaig Morair Hunnduinn an neart cumhachdach a bha muchoinneamh, smaointich e nach robh feum seasamh a mach na bfhaide, agus chuir e Gordanach Shrathloch gu Montròs a dhiarraidh còmhalach a dheanadh ris. Thachair iad agus dhaontaich Morair Hunnduinn a lamh a chur ri bainn gun cuireadh e feins a luchd leanamhuinn an ainmeannan ris a chumhnanAlbannaich. An deigh seo thill Montròs do dhAbaraidhin agus chaidh Morair Hunnduinn dachaidh do Shrathbhalgaidh. Iar do Mhontròs Abaraidhin a ruigheachd agus a chur an geill do na h-uaislean Cumhnantach mar chòrd e feins an Gordanach, cha bu taing a fhuair e. Thuig iad gun robh cìrein coilich na h-àirde tuath fon òrdaig, ’s cha bu deòin leotha mar cuireadh iad an cas air amhuich. ’S en rud bu laothadheanadh an toileachadh, Morair Hunnduinn a thoirtna phrìosanach do Dhun-Eidionn. Cha do thaitinn seo ri Montros; cha robh foillna chridhe, ’s cha bu deònach leisfhacal a bhristeadh, ach air eagal easaontachd a thogail am measg nan Cumhnantach chan fhac e iomchuidh curnan aghaidh. Chuir e fios air Morair Hunnduinn agus dhinnis e dha mar bhachuis. Rinn iad suas richeile gun rachadh am Morair do Dhun-Edionn, chan ann mar phriosanach ach air saorsa thoile fein, ach iar dha Dun-Edionn a ruigheachd dhòrduich Uaislean nam Bòrd e feins a mhac a churam prìosan agus còigear a churg am fairelathas dhoiche air an cosd fein, ’los nach faigheadh neachg an còir ach iadsan amhàin dan tugadh na Bùird cead. Cha bfhadabha Montròss an taobh deas, gus an do thoisich an ùspairn as ùrs an airde tuath. Chruinnich mun cuairt de dha mhile fear de na Cumhnantaich air an treas latha deug den mhios Mhàighe ann an Turriff, agus ged bha ceannard nan Gordanach fo ghlasaibh, chuir uaislean a chinnidh an cinn ri cheile agus chuir iad rompa sgapadh a churs a choinneamh mun tigeadh tuillen am measg. Aig deich uairean de dhoidhche ghluais ochd ceud Gordanach as Strathbhalgaidh eadar mharcaicheanus choisichean agus ceithir ghunnaichean mora nan cois. Rainig iad Turriff mu ghlasadh am latha mun robh fios aig freiceadain nan Cumhnantach caite an robh iad, ’n uair a sheinneadh na tròmpaidean agus a bhuaileadh na drumaichean ghlac clisgeadhus uamhas gach neach, thug cuid dhiu ionnsaidh air curan aghaidh nan Gordanach ach cha bfhada gus an do chuir na gunnaichean mora sgaoileadh annta, rinneadh prìosanaich de beagan dhius cha do mharbhadh ach beag air taobh seach taobh. ’S e seo an comhrag ris an abair Seanachaidhnean an ama sinnTrotan Turriff.”

Ged nach robh a bhuaidh ach suarach, dhéirich inntinn nan Rioghalach rilinn; mhears iad air an adhart do dhAbaraidhin, aruagadh nan Cumhnantach as gach aite.



[87]

[Vol . 5. No. 12. p. 7]

Ann sa bhaile sin chruinnich gan ionnsaidh coig cèud Granndach a Strathspè agus clann Fhionnlaith nios a Braigh Mhàr. Thoisich am feachd seo air na Cumhnantaich a chreachs a chlaoidh as gach làimh gus an do thrus Iarla Marsall da mhìle fear leis an do rainig e Abaraidhin air an treas lathar fhichead agus thug càch na buinn as. lathana dheigh sin thainig Montròs a suas ris le ceithir mìle fear. Rinn seo feachd nan Cumhnantach an uair sin an Abaraidhin mu shia mìle. Iar dha coig lathachur seachad an Abaraidhin ghluais e mu thuath gus an do rainig e Githt. Thoisich e ri sèisdeadh a chaisteil seo, ach chuale gun robh Iarl Aboyne iar tilleadh a Sasunn, agus gun robh e feinus moran Cheannard rioghail eiltighinn air tìr anns a cheart aitedhfhàg e beagan làithean roimhe sin. Iar cluinutinn seo dha thill e air ais mu dheas do Mhearns.

Cho luaths a chuala na Rioghalaich gun dthainig Iarl Aboyne air tìr, chruinnich iad as gach taobh. Thog Morair Luathais Gordan, treas Mac Morair Hunnduinn, tuath athar agus thug e Abaraidhin air. Chruinnich clann Fhionnlaith, Granndaich, ’us Fineachan eile mar ri moran de na Cumhnantaich fein anns an aite cheudna, gus an robh aig Iarl Aboyne moran mhiltean fochomannd ann an latha no dha de dhuine.

Air a cheathramh latha deug de dhara mios an t-samhraidh, ghluais Aboyne mu dheas. Iar cluinntinn don Iarla Mharsalach an rathad a ghabh e, shuidhich e da chiad deug fear le beagan ghunnaichibh mora air bealachs an robh fios aige gum faigheadh en cothrom a bfheàrr. Ged fhuair Iarla Aboyne fios air seo, cha dthug e ionnsaidh air a char a thoirt as, ach ghabh e dìreach air adhartan uchd a namhaid. ’N uair dhfhosgail craos-lasrach nan gunnaichean moraair a dhaoine, sgap iad as a cheile mar mheanbh chrodh, thug Aboyne e fein a chasan as do dh-Abaraidhin comhla ri beagan Mharcaichean.


A BOSTON.

A MHIC-TALLA GHRADHAICH, —Tha fior àm agam mo dholair a chur ugad ach le eagals gum bi mulad air air an t-slighe tha tuilleadh a dianamh air a bhith falbh còmhla ris. Gheibh thu ainmeannan na feodhnach bho bheil iad, fo-sgriobhte.

Ged tha obraichean gu lìonar adol air adhart an so tha àireamh luchd gun obair a sior dhol nas motha. A bharrachd air gach aobhar eile air a shon so, tha mi-chinnteachd result na h-election a bhios againn air an treas latha de Nobhembera cuideachadh gu mòr. Gu de eadar airgiodus or ach gum bheil iomad fearus (chan iad dad as balbha) ionnus a bhith gòrach.

Bhon 23mh latha de dhAugust than carbad air fear do ròidean-iarruinn Bhoston aruith os cionn na sràide. Sàbhailidh so iomadh beatha. Bha ena rud annasach agus ghabh moran turus anns a charbad air a thàilleabh.

Than t-sìde nis fionnar gu leòr aguss math an caraid an còta-mor anns an fheasgar.

Is mi do charaid,
DOMHNULL.
Sept. 21, 96.


Bha tuathanach Gallda agus a bhean aig féill anns aGhàidhealtachd aon uair, agus am measg nithe eile bha da mhuc aca ri reic, muc mhòr agus muc bheag, agus bi a mhuc bheag a bu shine. Air do Ghaidheal àraidh a bhi acoimhead air na mucan thuirt an Gall risAn ceannaich thu iad a charaid, reicidh mi aon diubh ma tha sin nis freagaraiche dhut, ach is i a mhuc as sine an as òige.” Chuala a bhean na thuirt e agus ged nach robh a Ghaidhlig aice fhéin dad ni bfhearr na bha i aigesan, bha fios aice nach tuigeadh an Gaidheal cìod a bha na bheachd. Mar sin thàinig i air adhart agus thuirt i ris a GhaidhealTha mi ag iarraidh mathanas air son an droch Ghaidhlig a tha aig mfhear-pòsda,” ars iseach is e tha e ciallachadh gur i amhuc as lugha an is .”


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.



[88]

[Vol . 5. No. 12. p. 8]

Cumhadh air son a Leannain.

LE UILLEAM ROS,

AIR FONN—“Farewell to Lochaber. ”

Gedis socrach mo leabaidh,
Chan en cadal mo mhiann,
Leis an luasgansthair maìgneadh,
O cheann fadagus cian,
Gum beil teine na lasair,
Gun dol as na mo chliabh,
Tabhairt brosnachadh geur dhomh,
Gu bhig éiridhsa triall.

CO’ -SHEIRM.

Seinn èibhinn, seinn, éibhinn,
Seinn èibhinn an dàil,
Seinn èibhinn bhinn èibhinn,
Seinn èibhinn, gach ,
Seinn èibhinn, bìnn eatrom,
Seinn èibhinn, do ghnà
Seinn èibhiun, seinn èibhinn,
Chuireadh measlain gu làr.

Tha mi còrr as trì bliadhna,
Air mo lionadh le gaol,
S gach aon la dhiu stiùireadh,
Saighead ùr ann mo thaobh;
Cia mars leir dhomh ni taitneach,
Dhaindeon pailteas mo mhaoin?
mi as èugmhais do mhàrain,
Bhiodh gun ardan rium saor,
Seinn èibhinn, &c .

S e do mhàran bu mhiann leam,
S e tighn gun fhiabhras gun ghruaim,
Mar ri blasdachd na h-òraid,
S e bu cheòl-bhinne fuaim:
Dheireadh minntinn gu h-àbhachd,
Ri linn bhig aireamh gach buaidh,
A bha co’ -streup ri mo leannan.
Baindidh, farsada, suairc,’
Seinn eibhinn, &c .

S gur gile mo leannan
Nan ealair an t-snàmh,
Gur binni nan smeòrach,
Am barraibh chrann sa mhaigh,
Gur e geamnachd a beusan,
S i gun eacoir na càil,
lùb mise gu geilleadh
Air bheag eigin na gradh,
Seinn eibhinn, &c .

Gum beil maise na h-eudann.
Nach feudainn-s a luaidh,
Tha ì pailt ann an ceutaidh,
S an oeill a thoirt buaidh,
Gun a coimeas ri featainn
Ann an speir, san taobh-tuath,
Mòg mhìn-mhala bhaindidh,
Thogadh minntinn o ghruaim,
Seinn eibhinn, &c .

S ge do bhithinn an èugail,
Agus leigh air toirt dùil,
Nach bhiodh furtachd an dàn domh,
Ach am bàs an gearr ùin’,
Chuireadh eugas mo mhin-mhal’,
Mo mhi-ghean air chùl,
Ghlacaìnn binneas na smeòraich
As gheibhinn sòlas as ùr,
Seinn eibhinn, &c .

Ge binn cuachs ge binn smeòrach,
S ge binn coisir, ’s gach crann,
Seinn ciùil dhomhn coill smùadain,
Theich mo shùgradh-sair chall
Tha mi daonnan a smaointeach,
Air mo ghaol ann saghleann
S mi air tuiteam am mi-ghean,
Gun a brìodal bhi ann.
Seinn eibhinn, & c.

Nuair a bhithinn- ’ss mo mhìn mhal’,
An gleannan rìmheach na cuaich,
Non doire fasgach na smeòraich,
Gabhail sòlais air chuairt;
Cha mhalairtinn meibhneas
O bhi ga h-eugmhais car uair,
Air son stòras fhir-stàta,
Dhaindeon airdead an uaill.
Seinn eibhinn, &c .

Ge bu rìgh mi air Albainn,
Le cuid airgeid as spreidh
Be mo raghainn mo mhìn-mhal’,
Thar gach ribhinn dhomh fein,
Cha bu shuaimhneas gu bàs domh
Naon àite fon ghrein,
S mi as eugmhais do mharain,
Gus mo thearnadh o bheud.
Seinn eibhinn, &c .

Ach mosgleam tharais a mi-ghean,
S cuiream dìth air mo ghruaim,
Beò nis faide cha bhi mi
Gun mo mhin-mala shuairc!
Oig mhìn beir mo shoraidh
Leat na choirean so shuas,
Seinn mo rùin ann saghleannan,
S tuigidhn cailin e bhuat.
Seinn eibhinn, &c .


Far am bi an Toil bidh an Gniomh.

(Air a leantuinn o thaobh 83.)

abharsair breugach. Cuiridh mi geall nacheil achreuchd nas na ionga dordàig.

RUAIRIDH. —Feumaidh i a cìreadh co dhuibh: nach dthuirt thu nach deachaidh cìr oirre o chionn mios?

COLLA. —Mu thruaigh an gille-stabuil mur cìreadh e i ah-uile latha!

RUAIRIDH. —Thor dhi siol, ma ta; nach do dhiult i a boitean maidne?

COLLA. —Ma dhluit is ann bhon fhuair i gu leoir de shiol. Na biodh eagal ort; falbhaidh i mar aghaoth. Tha an rathad math; chaneil coltas uisge no ceò air. Turas sabhailte dhuit, agus soirbheachadh math dhuit fhein agus don mhaor-choille. Tog ort; leum a suas!


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


SANAS.
Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air pris iseil, rach a choimhead air
D. J. DOMHNULLACH.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.

titleIssue 12
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 12. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page