[89]

[Vol . 5. No. 13. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 3, 1896. No. 13.


Cuairt do Eilean aPhrionnsa.

LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH.

Chan eil fhios, ged a tha mise tòiseachadh air sgriobhadh mu Eilean PhrionnsIomhair, agus an sgriob a thug mi air fheadh, an toir e toileachadh mor sam bith do léughadairean MHIC-TALLA, no idir do luchd-àiteachaidh an Eilean fhéin. ’S iomadh duine tha sgriobhadh air an dòigh sin dam bfhearr gu mor gun sgriobhadh idir. Tha e air innse gun dthàinig Sasunnach tapaidh uair thairis air an Atlantic, a chuir seachad deich latha air an taobh so. Bha echuid bu mhò dhen ùine sin ann am bailtean-mora nan Stàitean, ach fhuair e ùine air tighinn thairis air a chrich do Chanada, agus bha e mu dha uair an uaireadair ag amharc air Eas Niagara. ’N uair a chaidh an duine so dhachaidh a Shasuinn chuir e mach leabhar ag innse mu mheuds mu bhòichead nadurra Chanada, agus an déigh sin leabhran beag eile atighn thairis air dòigh-riaghlaidh na dùthcha nach ddrinn e ach gann fhaicinn. Cha dfhuair an Sasunnach bochd aona chuid cliu no saoibhreas air taileabh a chuid sgriobhaidh mu Chanada, agus tha eagal orm gur ann mar sin a dhéireas dhòmhsa thaobh Eilean aPhrionnsa. Bha mo chuairt cho goirid, agus bha mi cho aineolach air fheadh, ’s nach urrainn dhomh a nise fior mhoran a ràdh mu dheibhinn. Ach cha dean duine donach a dhichioll.

Dhfhàg mi Sidni air acharbad-iaruinn aig aon uair feasgar Di-luain, an latha mu dheireadh de dhOgust. Cha do thachair a bheag air an rathad as fhiach aithris. Bha àireamh de na h-eòlaich air a charbad còmhla rium, cuid a dol gu Halifax, cuid gu Boston, cuid don Airden Iar, agus dithis no triuir a bha dol fad na slighe gu Baile-Shearlot. Chuir sinn an ùine seachad mar a bfhearr a dhfhaodamaid gus an drainig sinn na Narrows Mhora. An sin rinn an carbad dàil fichead mionaid, agus chàidh iadsan air an robh acras dhan tigh-òsda ghabhail an dinneir, agus iadsan air nach robh, ghabh iad sràid mun cuairt a dhfhaicinn gach ni a ghabhadh fhaicinn. Tha uisgeachan a Bhras dOir ann an so cha mhor air an gearradhnan da leith e da rudha tha tighn an coinneamh a cheile. Abrar na Narrows Mhora ris achaolas a tha eadar an da rudha so, agus mar an ceudna ris an rudha tha air an taobh an ear dhe. Abrar Iona, no I-Chaluim-Chille, ris an rudha tha air an taobh an Iar. Chan eil an caolas tri-chairteil a mhile air leud, agus tha nise drochaid mhor iaruinn thairis air, air am faod an t-each-iaruinnsa chuid charbadan na dheigh a dhol a nullsa nall gu sàbhailte. Tha àite air an drochaid a ghabhas fosgladh gus soithichean a leigeil troimhpe, agus tha roinn mhor de shoithicheans de bhàtaichean a dol air aiss air adhart na h-uile seachdain fad an t-samhraidh. Tha an sruth gle làidir anns achaolas, agus tha e gu math doirbh bàta iomradh thairis air. Chuala mi cuid-eigin ag ràdh uair nach robh eòlas mor sam bith aig muinntir na Narrows agur Iona air a chéile roimh theachd an rathaid-iaruinn; ged nach robh dhastar eatorra ach leud a chaolais, gu robh iad cha mhornan coigrich da chéile, leis cho doirbhss bha en t-aiseag à dheanamh. Chithear sealladh briagha air uisges air fearann bho na Narrows. Tha mun cuairt air na Narrows fhéin gle bhriagha, ach cha toir duine sin fa-near cho math leis cho diansa bhios eg amharc fada uaithe, air uisge a Bhras dOir a ruith a tuaths a deas gus am bheil stad air a chur air anns an dara h-àirde le beanntan àrda, gruamach siorrachd Victoria, agus anns an àird eile le fearann iseal siorrachd Richmond. Chan urrainn domh a radh gun drinn mise moran suil a thoirt air muir no air tir air an turus so. Bha mi anns a cheart àite cho tric roimhe sos nach robh annas sam bith agam dheth. ’S ann a bha mi, fhadsa bha an carbad na stad, acòmhradh ri fear-na-h- inneil, mo dheagh charaid Donnacha Mac Gill-fhinnein, ’s e sealltuinn dhomh mar a bha dol aig air an each-iaruinn a chumail fo smachd, mar a bheireadh e air falbhs mar a bheireadh e air stad, an dòigh air toirt air dol na dheann-ruith, ’s an dòigh air toirt air deanamh air a shocair. Thà an t-each-iaruinn, coltach ri ioma rud eile, gle mhath fhadsa dhfhanas e aig riaghailt, ach ma gheibh e an lamh-an-uachdar air an fhear a bhiosga stiuireadh, bidh an tubaist an dàn dhaibh le chéile. Ach dhfhan mise bruidhinn tuilleadh us fada agus mun dfhuair mi air ais gu màite fhéin, bhan carbad air ghluasad. Fhuair mi air bòrd co-dhiu, agus dhfhalbh sinn, adol thairis air an drochaid mhoir, a deanamh stad beag aig Iona, agus an sin a falbh a rithist. A chuid bu mhò dhen t-slighe uige so tha an t-uisge air an laimh dheis, aah aon uairs gu fàg sinn Iona than t-uisge, fhadsa tha edol, air an laimh chli. An deigh sin tha e dol as an t-sealladh, ach an dràsda agus a rithist chi sinn lochan us caoil anochdadh an sids an so mar nach biodh crioch orridir. An ceann treis eile chan eil eadhon loch ri fhaicinn, agus tha chuid as mo dhen rathad tuilleadh adol troimh choille, coille nach eil idir dhen t-seòrsas fearr, agus a bheireadh air coigreach a chreidsinn nach bu mhor a bfhiach Ceap Breatuinn ma bha e uile coltach ri sid. Mu shia uairean rainig sinn Point Tupper, agus an sin bfheudar dhuinn an carbad fhàgail, agus an t-aiseag a ghabhail air a bhàta-smùide tha frithealadh dha. Tairnnidh so uine, agus fhadsa bhios na daoine tha mun laimhrig a cur na h-imrich air a bhàtasa deanamh deiseil air son falbh bidh an luchd turuis asealltuinn mun cuairt. Is e an caolas so ris an canar Caolas Chanso, a thagearradh Cheap Breatuinn air falbh o Nobha Scotia, agus a deanamh eilean dheth. Tha mile dhastar eadar an da fhearann far an cuingen caolas, agus tha an sruth anabarrach làidir. Tha e fosgladh air a cheann a tuath do Ghulf St Lawrence, agus air acheann a deas don Atlantic; agus do shoithichean a bhios a dol air aiss air adhart eadar puirt nan Stàitean agus puirt a tuath Chanada, ’s e an aon rathad gu falbh us tighinn. Tha maraichean ag innse gu bheil e gle dhoirbh seòladh troimhe, a chionn an sruth a bhi cho làidirs gun toir e leis soitheach bho thaobh gu taobh, agus mur bi an sgiobair faiceallach, faodaidh i dhol air tir oir. Achs fheudar dhomh sgur aa dràsda, agus na thagam ri ràdh a chumail gu àm eile. Ruigidh sinn Eilean aPhrionnsa uair-eigin, ach cha leig an clo-bhuailtear leam a dhol nas fhaide aig an am so.


Chan eil ach tri fichead us deich bliadhna on chuireadh crioch air a cheud rathad-iaruinn. Anns an ùine sin chaidh ceithir cheud mile (400,000) de mhiltean de rathad-iaruinn a dheanamh, agus tha mun siathiamh cuid dhe sin anns an Iompaireachd Bhreatunnach. ’S mor an t-atharrachadh a thug sin air an t-saoghal.


Tha ban-righ Victoria nise riaghladh thairis air tri cheuds tri fichead us seachd muillein 367,000,000 sluaigh, aireamh nas mona bha riamh roimhe ann an eachdraidh an t-saoghail fo riaghladh righ ban-righ, no iompaire.


As a ceann a bhlighear abho.



[90]

[Vol . 5. No. 13. p. 2]

AILEIN BAN.

SGIAL MU LATHA CHUIL-FHODAIR.

As t-fhoghar so chaidhs mi mach air an dùthaich air aoidheachd aig mo charaide, Còirneal Camran, chunnaic misin, air chèilidh air nighean aChòirneil, clann coimhearsnaich dhaibh, gille-uasal òg agus piuthar dha, dithis, aig deisead am pearsa agus feobhas an oilein, a thaitinn gu fior choìmhlionta rium.

Tha eachdraidh am pàrantan car ainneamh, os an Còirneal, agus is toigh leam a bhì gah-innseadh, ceart mar is math leam a bhicur air chuimhne sgeòil sa bith a chuireas urram air ar nàdur. Leis achinne-dhaonnaghabhail thair a chéile tha iad air choiriginn cho mìothor leamsn uair a chì mi fiùghantas an neach sa bith fos leth, gur miann leam minntinn a leagail air car tamuill, agus a bhi gu tric gamheamhrachadh, direach mar a dhianadh tu atighinn romh shleibhtean garbhlaich, ri faicinn dut àitich, no àilein ghuirm.

Bha athair na h-òigridh ud a thaitinn an snuagh cho ro ghasda riut, nathighearna-fearainn mu thuath oirnn; bha oighreachd luachmhor aige agus togail mhòr dhaoine. An làitheanòige bha efuireach air làrach a shinnsreanseann-nòs a tha nis air dol à cleachdadhan caisteal greadhnach, tuath agus ceathairne mun cuairt da, ’s gun duine air fòid an fhuinn nach burrainn dàimhus càirdeas a thagairt air an triath no air na h-uaislean bhon dthàinig e. Cha robh fear no nafhàrdaich nach robh den aon chinneadh ris, agus uaill orra ga chionn, ’s iad cho beadrach aiges ge bu leis fhein iad. Ach ge bu mhath uile iad, be Ailein Bàn àilleagan an triath. Bha e riabh nachois bhon a dhfhàg echreathal. Is e bu shine gu math, air chors gur h-e ìonanns a boid-ionnsaich dha. Is e a dhionnsaich air achuspaireachd e, agus air fearas-lùth ealaìdh air an robh e fhein ainmeil. Is e a bu ghille dha aig an tighus thairiss asgoil, agus air gach turus air ghnothuch an rìgh dhlighichs a dhùthcha.

Bha iad lathas abheinn-sheilg agus Oscar aca, air an robh mòran meas aig Aileinis e fhein a thogs a dhionnsaich e. Le tubaiste no failmse air choirigin millear Oscar an t-sealg. Bha an gunna air an làn-togail aig an triath, agus le braise feirge cumar ri Oscar, ach cha do chuimsich e e. Bha Oscar cho beadrach ri ubhal òir aig Ailein, agus mar a bha am mìshealbh ann, thugar le dàndas beum don triath a chionn a bhi cho bras. Leis an fheirg, agus fios a bhi aige gun robh es achoire, cha burrainn don triath e fhein a cheannsachadh agus togar an làmh do Ailein fhein. Cha do ghabh Ailein air gun drinn e e; ach an oidhche sin, le mulad, dhfhàg e an dùthaich, agus an ciad bhaile-puirt gus an dthàinig e, gabhars an arm-cheangailte. Abhliadhna sin feinn 1744, bha Cogadh na Frainge air dùsgadhcogadhs na dhearbh Gàidheal no dha cruadal nan daoine bhon dthàinig iad. Bhan triath so air na ciad uaislean a dhéirich leis aPhrionnsa.

Chuir Latha Chùil-fhodairlatha na dunach do na Gàidhil, na Rìoghalaich fon choille. Na thàrr bhàrr na h-àrfhaich an latha sinn, béudar dhaibh ionadan-falaich an dùthcha fhein a thoirt orra, a sheachnadh anacneasdachd an airm-dheirg. Mar bu chòir dhas mar bu dligheach, thug esan a dhùthaich fhein focheann. Lebhi ris an t-sealgaireachd, cha robh frith-rathad no cluain air nach robh e eòlach. Thug e fada nafhear-cùirn an lathaan còs-falaich, agus atèarnadh gu srath air chionn an anmoich a dhfhaotainn iomfhuasglaidh bho a thuath dhìlis fhein. Is tric a dhinnis e dhomh (thafhios agad tha e de msheann-eòlaich tur) mun ionad-fhalaich sin, an uair a burrainn da tighinn thairis air gun dèistinn. “Nauaireannan,” os esan, “tra a thàrrainn dol gu iomall na coille air feadh nan creag aillteach, uaignidh ud, a tha, mar is cuimhne leat, mar bheagan mhìltean don tigh agam, chluinninn, am balbhadh na gaoithe a bha le fàs-fhuaim aluasgadh na giùthsaich fotham, na saighdearan ag comh-fhreagairt a chèiles an tòir ga cur. Is tric a chuala mi sgal an clèibh ag cur mactalla bho chreig gu créig, agus a chunnaic mis an loch shios fotham, faileas na lasrach a bhag èirigh a tighean mo chuid daoine, ’s iad nam buidealaich theine. Le nàires le feirg is tric a thàinig fotham ruith leis a bhruthach, gun bhall-airm, agus mi fhéin a liubhairt an lamhan mo naimhdean; ach bidh taobh aig duine ribheatha, agus chuireadh tartar na h-earbaig clisgeadh orm, agus thillinn air mais domchòs.

Latha de na làithean,” os esan, “bha an iolach na bfhaisge orm nabàbhaist, agus mu dheireadh, bha na saighdearan a bha dìreach fotham cho teann orm, ’s an uamhas robh mi mshineadh, ’s gun dianainn a mach an cuid seanchais. Uines aimsir dhomhs an iolraig dhèistnich sin, bha an guth adol na bfhaides na bfhaide bhuam; mu dheireadh chaidh e bàs orm an ceann a mach na coille. Dhèirich mis shnàig mi gu bial na h-uamha, agus tachrar orms leig e sgal as a nochadh gun robh min sàs. Ged a bha mim bhreathal leis na cuir a bhann, dhaithnich mi gur h-Oscar a bhagam, agus eadar mises tusa, shaoil leam gur diùghaltas as an h-Ardaibh a thànaig orm.” “Seas,” os an guth smachdail sin rium, agus ruithear h-ugam romh na pris, saighdears a bhéigneid an tarrainn. Co bhaso ach Ailein Bàn! Eadar nàire, ’s breathal, ’s agartas-cogais, thàinig tachdadh orm agus seasaram bhalbh-thosd air a bhialaobh. “Mo Cheanna-cinnidh!” os esan, ’s ioghnadhus fiamh amùchadh a ghuth, ’s thilg e e fhein sìos aig mo chasan. Thàinig mise gu mionnsaidh fhein. Tha do dhiùghaltas ad làimh, is mise do phrìosanach. “Diughaltas!” os esan. “Mo chreach, is cruaidh ur breith! Cha robh latha sona dhomh bho latha achruaidh fhortain sin a dhfhàg mi sibh. Ach chaomhnadh mo bheatha dhomh, tha dòchas agam, gur tiarnadh-se. Tha achuideachdas am beil mi air dol seachad; dhfhan mises an fharsanachd air feadh na coilles nan creag air an robh mi cho eòlachan làithean mòige. Ach chan eil ùine ri chall. A thiota bidh achoille so na buidealaich, ged nacheil amhurras aca ibhitoirt dìon duibhse. Cuiribh maodach fhein oirbh; theagamh gur cuideachadh e gu dol as gun umhail. Fiachaidh mise rir deise fhaotainn bhuam air dhòigh air choirginn. Fhuair sinn brath air prasgan chàirdean duibh a bhi air tìrs an àirde-niar. Leanaibh ruith an uisge gu ciaradh nan trath; ’an sin gearraibh air ur fiaradh thair guala na beinne, agus buannaichidh sibh iad gu sabhailte.” Ràinig e mi a bhi cho fada an eisiomail fir air an drinn mi eucoir, agus dhearalaich mi air gun e fhein a churan leithid de chunnart air mo sgàth-sa, nach robh teagamh nach faighteadh a mach air e, agus leis an nàdur a bhas achomanndair, bha fhios agam gun cuirteadh gu bàs e. Ach ghrìos Ailein orm, ’s en dòruinn le fiamhus teinn, michuimhneachadh a mhàin air mi fhein a thiarnadh. “O, sàbhailibh le chéile sinn,” os esan, “mas bàs duibhse e, cha bheò dhòmhsa nar deaghaidh e. Theagamh gun tachair sinn fhathast; ach ciod sa bith a dhéireis do Ailein, beannachd Dhia aig a cheann-cinnidh.”

Fhuair ùrnaigh Ailein éisdeachd. Bha tàlantan math aig an triath, ged nach dfhuair e cothrom aìr an cur an gnìomh gus an dthàinig an anshocair; ’s dhèirich e gu inbhe aird thairis agus rinn e beairteas. An uair a thàinig an t-sìth, thill e dhachaidh, ’s fhuair e Ailein naChaiptins an arm, ’s e pòsta ri mnaoi uasail leis an dfhuair e beagan tochraidh. Cha robh aca ach aon nighean, ’s chaidh Nàdur gudhùbhlan ga dianamh nah-àilleagan coimhlionta, agus rinn a pàrantan na bùrrainn daibh, a chuideachadh leis. Faodar a thuigsinn gun robh an ceann-cinnidh taingeil; ach cha bu lugha toilìnntinns uaill Ailein, ni a bha làn riaraichte goirid an deaghaidh sin an uair a phòs an cean-cinnidh, a shàbhail e fhein cho suairce le a dhilseachd, Màiri a nighean. Thionndaidh ainiochd an ama sin gu cneasdachdus fèile, agus fhuair an triath air air còir air oighreachd a shinnsrean, agus bha de thoileachas aige ogha Ailein fhaicinnan seilbhus dùthchas nan uaislean bhon dthàinig e.

Chaidh mi còmhla ri Còirneal Camran air cheilidh air an triath, agus thug e riarachas, dhomhfhaicinn cho furachail, fritheilteach, ’s a bha e dha athair-cèile, agus cho toilichtes a bha an seann-duine còir a làn thuigsinn na duaise a ghléidh a dhilseachd dha. Thug mi an aire cuideachd gun robh aig na h-àileagain a chunnaic mian tigh a Chòirneil, cu-ianaich breac donn a rinn iad mòran beadraidhus cleasachd ris an deaghaidh na dinnearach, aguss e Oscar ab ainm dha.

Bho HENRY MCKENZIE.



[91]

[Vol . 5. No. 13. p. 3]

MAR CHAIDH A CHIAD SIONNACH DO MHUILE.

Tha am bard ag iomradh air an àm anns an robh, “Gaidhlig aig na h-eoins a thuigeadh iad gloir nan dàn.” Is anns an àms an robh Gaidhlig aig na sionnaich a dhfheumadh gun do thachair an ni tha run ormaithris an drast. Co nach cuala mu sheoltachd nan sionnadh, agus mu na cuir agus na cuilbheartan a chuireas iad an cleachdadh chum ruigheachd air am mainn.

Bha sionnach slìogach, ruadh fad mhoran bhliadhnaichean asiubhal nan cnoc agus ataghal nan eas eadar an Rugha-breac agus Aird-nan-capull, anns an Eilein Shaoileach. Ged bha e an làn bheachd gun robh a chòir air an fhearann cho math ris na còirichean aig Morair Bhealaich, agus ged nach robh e ameas gun robh cionta no coire sa bith ann an cearc a thoirt an diugh as an Dunmhor, no uan am maireach à Cille-Bhrighde, bha aon no dha anns an eilean nach robh dan bharail cheudna; agus eadar Donull-nan-sionnach lechuid abhagan, agus cìobairean nan tuathanach len coin-chaorach, cha robh a chaith-beatha, idir cho sìochails a mhiannaicheadh e. Cha robh carn no aite-falaich eadar Cul-na-coille agus Sloc-an-eich-dhuinn nach baithne dha, ach an deigh ah-uile rud a bhann, is iomadh caol-thearnadh a bha aige, air alts mu dheireadh gun dfhàs e gu tur sgìth da bheatha anns an eilein, agus chuir e roimhe, nan gabhadh seol no doigh deanamh, gun rachadh e thairis don Eilein Mhuileach a bha asineadh sios ma choinnimh, ach a bha iomadh mile uaith anns an airden iar. Tha e coltach gus an t-àm so nach robh sionnach ann am Muile, agus chaneil fhios agam an robh iarraidh air. Chan abair mi nach tugadh Alasdair Fliuch anns aChrogan rud no dha nam burrainn da an cumail as gu buileach; agus tha mi cinnteach nach dthug e maitheanas riabh don fheadhainn a chuidich ann achiad fhear.

Cha mhor laithean air nach robh cuid no cuideigin a nunns a nall eadar Muile agus Saoil; bha malairt de sheorsa no dha eadar an da eilean. Bu math a chunnaic an sionnach so; ach cia mar bha e ri faighinn thairis do Mhuile, cha robh fios aige. Latha de na laithean agus e gafhalach fhein ann an sloc os cionn cladach Aird-nan-capull, an anailn a uchd, agus e an deigh a ruagadh le aon de choin aChuirn-bhàin, cha mhor nach robh e air bòidean a thoirt gun leumadh e a mach anns amhuir agus gun cuireadh e as da fein, an uair a chunnaic e seol geal bàta a eirigh a mach bho chladach Mhuile agus a reir coltais, a deanamh direach air a phort a bha aig a chasan. Na bu dluithe agus na bu dluithe thainig am bàta, agus ceart mar a shaoil e bhuaile i air a chladach mar uchair cloiche don aite anns an robh e gafhalach fhein. Bu math a dhaithnich e gun robh aca ri tilleadh an rathad a thainig iad, ach be an càs cia mar a rachadh aige air faighinn thar an aisig leo. Cha bfhada bha fear nan cars nan cleas ag amas air doigh. Am feadh a bha na Muilich adeanamh an gnothaich, agus acur seachad beagan uine as a dheigh sin ann anTigh-an-triubhais afeitheamh an t-siuil-mhara, thainig mo laochan a nuas, agus an deigh dha tumadh a thoirt anns an t-sàile, laidh e moal-màrbh am measg na feamnach air an traigh goirid bhon aite anns an robh am bàta ceangailte aig na feara. An ceann greis thainig na Muilich a nuas thun a bhàta; leum iad uile a stigh ach am fear a bha ri a leigeil mar sgaoil; agus direach an uair a bha edol gafuasgladh faicidh e an sionnach na laidhe, mar shaoil esan, nachlosaich mhairbh. “Fhir a thann,” arsesan, agus e gathogail air chasan-deiridh, “nach ann ortsa a thainig an latha an uair is ann am measg feamainn agus anabas achladaich a fhuair thu do leaba-bhais! Caite an robh do chuilbheartan agus do chleasan an latha a ihatnig an càramh so ort? Co dhiubh a burchair na abhag a thug gus aso thu? no an deachaidh do bhathadh agus do thilgeadh a stigh an so air bharr nan tonn? Cha bu chearr a chaidh am port so ainmeachadh, “Port-nam-mèirleach, ged nach biodh ann ach gun dfhuaradh do chlosach-sa air tìr ann. Ach tha do mhéirle thairis; cha ghoid thu cearc no coora tuille; bheir sinn leinn thu gu fearann a bha thuige so saor o dsheorsa, agus tha dochas agam a bhios; lìonaidh sinn do chraicionn lan cònlaich an aite sìthne mar babhaist, agus cuiridh sinn ad sheasamh thu ad bhòcan a chumail nan cearc as a gharadh.” Le so radh thilg e an sionnach a stigh ann an toiseach na geola agus an ropa-toisich air a mhuin, agus phut e air falbh i. Is iongantach mar chuireas rud faon teangannan dhaoine air ghluasad, agus a chumas e aige aon ni iad fad uine. Cha mhor gun deachaidh facal a labhairt eadar Port-nam-mèirleach agus Muile, ach mu shionnaich, Is ann sin a bha na sgeulachdan man timchioll. Bha feadhainn gam moladh agus cach gan càineadh; agus sheinn fear diubh oran Dhonnachaidh Bhàin

Mo bhannachd aig na balgairean,
A chionn bhisealg nan caorach!

An uair a bhuail iad tir rug fear dhiubh air an t-sionnach agus thilg e fad a laimhe air talamh tioram e. “So!” arsesan— “achiad sionnach a bha riabh am Muile.” “Agus tha dochas agam gur e am fear mu dheireadh,” bha fear eiledol a fhreagairt an uair a chunnaic iad an sionnach coir a toirtl eum air a chasan, slan, fallain. Thug e suìl thar a ghualainn; chaog e ris an fheadhainn a bha gasheasamh anns abhata mar gun abradh e, “Gu robh math agaibh; cha chaill sibh air;” agus an sin sheall e gu geur air cach mar gum biodh e abagar ciòd a thachradh do na h-uaine acasan an éirig an càinidh airsan; thug e crathadh air fhein; bhog eearballs thog e a chluasan; thàr e as ris abhruthach, agus chan fhac iad riambh tuille e.

Sin mar fhuair achiad sionnach do Mhuile, agus cha robh Muile riabh as adheigh sin gun sionnaich gu leòir. Mas breug uam e is breug thugam e.

SIUCRAM-CAM.


Na h-Iudhaich.

Tha bean-uasal a tha fuireach ann an Irusalem o chionn da fhichead bliadhna ag ìnnse gu bheil àireamh nan Iudhach asìor dhol am meud anns abhaile sin. Da bhliadhnair fhichead air ais, bha eadar coig mile deug us fichead mile Iudhach ann an Irusalem. Aig an àm sin cha robh tigh ri fhaotainn air taobh a mach nam ballachan, agus bha na gealachan air an dùnadh na h-uile h-oidhche. An diugh, leis na thainig a dhIudhaich ann à Ruisia, tha an àireamh eadar tri fichead us tri ficheadsa deich de mhiltean. Tha seaidean làn thaighean air an togail taobh a muigh nam ballachan, air na seann làraichean a bha air am fàsachadhs air an tréigsinn o chionn iomadh ceud bliadhna. Air feadh Phalestin air fad tha na h-Iùdhaich aceannach fhearann agus agabhail seilbh air an tir air dòigh a thacur iongantais air na h-uile. Ann an Irusalem tha iad ann an àireamh nas na tha aona chuid na Criosdhidnean no na Mahomadanaich. Cuiridh e aoibhneas air moran a bhi cluinntinn gu bheil aireamh cho mor de shliochd Abrahaim, an deigh dhaibh a bhì air am fògradhs air an sgapadh air feadh an t-saoghail ùine cho fada, a nise atilleadh dhan dùthaich fèin.


Ri linn aPhàp Leo X., sgriobh Eadailteach àraidh leabhar mun dòigh air deanamh òir, agus an dòchas gu faigheadh e duais mhath air a shon, choisrig e an leabhar don Phàp. Thug am Pàp fa-near gu robh an duinega leantuinn gach taobh an rachadh e, agus air son faotainn cuibhteas e, thug e dha aon latha, sporan mor falamh, ag ràdh, “On is aithne dhuit fhéin an dòigh air òr a dheanamh, chan eil feum agad air ni ach sporan mor anns an gleidh thu e.”


Tha na muilleinean de dhaoine anns na h-Innsean an Ear adeanamh am beòlaind, apòsadh, agus ag àrach theaghlaichean, ’s gun an teachd-a- steach an uair as fhearr i, os cionn da thasdansan t-seachdain, agus gle thric cho iseal ri ochd sgillinn deug. Ach an deigh sin tha iad fhéins an teaghlaichean slàn fallain.


Tha ceannaiche ti ann an cearn àraid dhen t-saoghal a cur sanais anns na paipearan-naigheachd mar a leanas:— “Duine sam bith a dhearbhas dhòmhsa gu bheil ni sam bithsan ti agam a tha cronail do shlàinte dhaoine, bheir mi dha còig puinnd dhi a nasgaidh.”


Tha Reic mhor Aodaich aig D. J. Domhnullach. Tha gach niga reic cho saorsa ghrbhas e. ’S coir dhuit taghal aige.



[92]

[Vol . 5. No. 13. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OOTOBER 3, 1896.

Gu de a thainig ugainn leis a phoica an la roimhe ach cnapach bocsa làn fraoich as an Eilean Sgiathanach, “Eilean gorm a Cheò,” agus co chuir ugainn e ach ar deagh charaidIAIN.” Gu ma fada beo e! Thainig maran ceudna litir ann an cois a bhocsa, ag iarraidh oirnn beannachdan a thoirt uaithe-san dhionnsuidh a h-uile fior Ghàidheal air an taobh so dhen chuan, agus a gabhail a leisgeil air son cho ainneamhs a sgriòbh e dhionnsuidh MHIC-TALLA air an t-samhradh so. Tha egealltuinn uile dhichioll a dheanamh air sgriobhadh an deigh so. Bha e o chionn ghoirid ann an Uidhist a chinn a Tuath, agus bheir e iomradh air a chuairt dhuinn an uine ghoirid. Bfhearr leinn gu robh moran chàirdean aig aphaipear Ghàilig cho math riIain,” agus cho toileach air gach ni a tha na chomas a dheanamh air son a chumail air adhart. Buaidh us piseach air!


GAIDHEIL LUNNAINN. —Tha an class Gàilig is àbhaist dhaibh a bhi aca gach geamhradh gu bhi air fhosgladh an ceann seachdain. Tha an Lighiche Mac Illiosa, Iain Mac Coinnich, agus I. G. Mac Aoidh ri bhinan luchd teagaisg, agus tha iad an dochas gun gabh àireamh mhor de Ghàidheil a bhaile-mhoir sin an cothram so air iad fhéin fhoghlum ann an cainnt an duthcha. ’S iad na leabhraichean a bhios aca sa chlass, GramarIc Illiosa, Leabhar-leughaidh an OileirIc Fhionghain, agus leabhar eile a tha iad fhéin afaotainn air a chlo-bhualadh. Tha Gàidheil Lunnainn, len euds len dichioll as leth an cànain féin, atoirt eiseimpleir bu chòir a bhi air a leantuinn lem bràithrean anns gach cearna dhen t-saoghal.

Thill Lieutennant Peary agus a chuideachd as an àirde tuath air an t-seachdain sa chaidh; thainig iad a stigh don acarsaid so a sheachdain gus an diugh. Dhfhalbh iad as a so air an turus don fhuar-thir air a 15mh latha de dhIulaidh, agus chaidh iad astar da cheud air fhichead (2200) de mhiltean a tuath. Fhuair iad air adhart gu math, agus gun sgiorradh sam bith a dheiridh dhaibh eadar fhalbh us tighinn, Ben t-aobhar sònruichte air son an dfhalbh iad dreag (meteor) mhor a fhuair Peary turus a bha e tuath ròimhe, agus a bha toil aige thoirt dhachaidh, ach cha deachaidh sin leotha, oir bha an dreag cho troms nach gabhadh i togail leis na uidheaman a bhaca. Bha iomadh ioghnadh agus ni luachmhor aca tilleadh; am measg nithean eile bha da mhathan gheal aca, cuileanan air an drug iad còmhla rim màthair air cuap deighe, deich coin Escimòth, eòin, craicinn-ròn, agus bàtaichean (kayaks.) Thug iad dhachaidh craobh da throidh dheug a dhfhad agus ficheadoirleach troimhpe, agus i air a dholna cloich. Chaidh moran a mhuinntir a bhaile air bòrd an t-soithich a dhamharc air na nithean iongantach agus neònach so. Chuir iad gach air ni a charbad-iaruinn oidhche Shathurna, agussa mhaduinn -luain, dh’ -fhalbh iad feinsau cuid imrich do na Stàitean. Thill an soitheach, aHope, do Newfoundland.

Tha pris fluir ag eiridh. Chaidh leth-dolair am barailte chur air an t-sechdain sa chaidh. ’S es coireach ri sin pris a chruithneachd a bhig eiridh ann am Manitoba. Tha na tuathanaich a nise faighinn deich no dusan sent am buiseal a bharrachd air na bha iad a faighinn o chionn beagan uine air ais.


Sean-Fhacail.

An uair a thig latha fliuch, tubhaidh mi taigh; an uair a thig latha math, cha tubh taigh no taigh.

An uaisle dhubhs gun dad gucumail suas.

Aois coin, tri bliadhnana chuilean, tri bliadhnana neart, agus tri bliadhnadol airais.

Aon fhear a dhiarras, fhear a dhòlas.

An uair a bhristeas aon bhó an gàradh theid a dhà dheug a mach air.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[93]

[Vol . 5. No. 13. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha sinna cluinntinn gu bheil an trosg gu math pailt air cladaichean Arichat, LArdoise, Ghabarus, agus Mhargaree, agus gu bheil rionnach foghair gu math pailt air cladaichean a tuath siorrachd Victoria.

Chaidh tuathanach dom bainn Boyle a mhort air son a chuid airgeid ann an cearna de dhOntairo an la roimhese atilleadh dhachaidh an deigh dha bhisa bhaile acreic cruithneachd. Cha drinneadh greim air a mhortair fhathast.

Tha factoridh tombaca bhi air a fosgladh ann an Sidni an ùine ghoirid. Tha dithis dhaoine, Iain agus Lewis McKenna, a bha roimhe so ris an obair cheudna ann am Pictou, an deigh am baile sin fhàgail, agus a nise adòl a chur suas anns abhaile so.

Chaidh fear Eachunn Mac Coinnich, a mhuinntir Cheap Breatuinn a mharbhadh an Newfoundland air an 21mh latha dhen mhios a dhfhalbh le meall de chloich theine a thuiteam airs eg obair ann am meinn. Bha ena dhuine measail, agus dhfhag e bean agus coignear chloinne.

Tha na tuathanaich an deigh bàrr briagha feoir us arbhair a chur a stigh air an fhoghar so. Tha am buntàta aca ri bhuain fhathast agus a reir gach coltais chan eil e gu bhi gle mhath. Tha an grodadh air tighinn ann gu dona, agus ann an àiteachan co-dhiu, cha bhi e faisg cho mathsa bàbhaist dha bhi. Ach air an eilean sos ainneamh leis a bhuntàta bhi math a bhliadhna bhios gach ni eile math. An t-side fhreagras don fheurs don choirce, cha fhreagair e don bhuntàta. Tha e pailt gu leòr ann an Eilean aPhrionnsa ach tha na prisean gle iseal.


Iadsan a Phaigh

An t-Urr. D Domhnullach Strathlorne.
Iain Mac Aidh, Millville, $3 .00
Domhnull Johnstone, Leitche ’s Creek.
Eòbhan Mac Leoid, Gabarus.
Domhnull Martuinn, Orangedale .
An t-Urr R. H. Dughlach, Margaree.
Aonghas MacFhearghais. Port Morien.
Ailein Mac-a- Phiocair, Port Morien.
D. J Johnstone, Cobh an t-Saighdeir.
Gillesbuig Mac Fhearghais, Grand River.
An t Urr M, A. Mac Coinnich, Grand River.
Caitriona Chaimbeal, Plaister.
Calum MacIlle-Ghiurm, Valley Mills.
Domhnull Mac-an-Fhùchdadaìr, Acarsaid chloinn Fhìonghain.
Ceit A, Ghillios, B . C. Banks.
Tormoìd D. Mac-Neill. Benacadie.
D. B Mac-a- Mhaighstir, Creaganais.
Iain Mac-an-Toisich, Louisburg .
Ruairi Mac Coinnich, Loch Bhlackett.
Aonghas Buchanan, Marsh Lake.
Steaphain Mac Neill, Cobh a Bhebheìr.
Seumas Buchanan, Caledonia.
Uilleam Mac Aidh, am Bras dOr Beag.
Murchadh Domhnullach, Ceap Nor.
Mairi Nic Neill, Iona.
Eobhan Mac Aonghais, Allt Dubh Mhira.
Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove, $2 .00
Iain W. Domhnullach, Louisburg
Ailein Domhnullach, Amhuinn a Bhradain
Bean MhurchaidhIcLeod, Baddeck
Domhnull Mac-a- Phearsain, Grand Narrows
Niall Mac Gilleain, Fourchie
Padruig Moireastan, Sidni
Murchadh Moireastan, Sidni
Eachunn Mac Neill, South Bar,50c.
Iain Kempt, Leitch ’s Creek,50c.
D. H. Domhnallach, Leitch ’s Creek,25
An t-Urr. C. Caimbeal, Strathalba, P.E. I.
Murchadh Mac Leoid, Cornwall , P.E. I.
Donnacha Mac Coinnich, Amhuinn Mhitchell, P.E. I.
Dòmhnull R. Stuibhart, Belle Creek, P.E. I.
Aonghas Domhnallach, Valleyfield , P.E. I.
Domhnull Martuinn, Valleyfield , P.E. I.
An t-Urr, R. Mac Gilleain, Valleyfield , P.E. I.
Lachuinn Mathanach, Caledonia , P.E. I.
An t-Urr. I. C. Mac-Ille-mhaoil, Cardigan , P.E. I.
Calum MacIll-Fhaollaìn, St . Georges, P.E. I.
Aonghas H. MacIll-Fhaollain, St . Georges, P.E. I.
I. R, Mac Leod, Orwell , P.E. I.
D, I, MacLeoid, Ch ’town, P.E. I
An t-Urr D Mac Neill, Ch ’town, P.E. I.
Calum Mathanach, Braid-Albainn, P.E. I.
D Mac Fhionnlaidh, Braid-Albainn, P.E. I.
Calum Buchanan, Braid-Albainn, P.E. I.
Nail Caimbeal, Braid-Albainn, P.E. I.
Iain A Caimbeal, Heatherdale , P.E. I.
Alasdair Mathanach, Heatherdale , P.E. I.
Alasdair Mac-a- Phi, Amhuinn a Deas. N S
An t-Urr D M MacEamuinn, Antigonish , N S
Bean Iain Mherlin, Springhill , N S
Domhnull Johnstone, Springhill , N S
D Mac Fhearghais, Penetanguishene, Ont.
Alasdair Mac Ealair, Penetanguishene, Ont.
Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont.
N A Domhnullach, Ripley , Ont.
U A MacLeoid, McCrinmon P O, Ont.
S Mac Crimein, McCrinmon P O, Ont.
Padruig Crawford, Chatham , Ont.
Prof R C Harris, Kingston, Ont $5 . 00
Tormoid Moireastan, Peverll , Que.
Ceit F Nic Leoid, Peverll , Que.
An t-Urr E Lamont, Grand Metis, Que.
W J Domhnallach, Regina , Assa.
Padruig Mac Fhionghain, Earlswood , Assa.
C L Smith, Lackeport, N H
Seumas B Stiubhart, Stephen , Minn
Ailein R Domhnullllach, Albany , N Y
Barbara Nic-a- Phearsain, Brighton , Mass.
Ailein MacIll-Fhaollain, Roxbury , Mass.
Domhnull MacIll-Fhaollain, Roxbury , Mass.
Naill MacNeill, Boston , Mass.
R J Mac Eachain, Colorado Springs, Colorado
J D MacPharlain, Knappa , Oregon.
D Mac Rath, Vancouver , B C
Naill MacLeoid, Victoria , B C
Seumas Mac Neill, Barra, Alba
An t-Urr D Mac Gilleain, Diuranais, Alba
D H Domhnullach, Wellsford , N B
Alasdair MacAmhlaidh, Waipu , New Zealand.


Tha faisg air da mhios o nach do chlo bhuail sinn ainmean na muinntir a phaigh, agus uime sin tha àireamh mhath againn ri thoirt seachad air an t-seachdain so. Bfhearr leinn gu robh an àireamh a dha uiread; cha bu mhisde am Mac-Talla dad e agus cha bu mhisd iad fhein e na bu mho.


Fhuaireadh nighean bheag, aois naoidh bliadhna ciontach de mhort o chionn ghoirid, ann a Holly Springs, Mass. Mharbh i nighean peathar no bràthar dhi fhéin Chaìhh a cur dan tigh-obrach.


Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan Curraichdean, Leintean agus Brògan, aig D J. Domhnullach. Tha a phris iseal, ’s tha gach ni a gheibh thu aige math.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c, Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.



[94]

[Vol . 5. No. 13. p. 6]

MU NA DRUIDHIBH.

Biad na Druidhean ioma linn Sagartan agus Feallsanaich na Roinn-Eòrpa. ’Ses ciall don fhocal Druidh, duine glic. Bha an òigridh a bhair an gabhail a stigh chum na dreuchd so, sacheud dol a mach, air an ainmeachadh Eubages, no na deagh phàistean a bha air an taghadh a mach o na teaghlaichibh a bu mheasala san dùthaich, a mhuinntir dhiubh a nochd am barrachd spéis mu fhoghlum, agus gliocas agus giùlan. Mar thàinig iad so air an aghaidh bha chuid bu teòma dhiubh air an àrdachadh gu bhinan Seanachaidhean; riutha so bha eachdraidh na duthcua, agus sloinnteireachd gach teaghlaichan earbsa; agus asda so, a réir mar dhearbh siad iad féin a bhi airidh air an urram, bha na Bàird, an treas ceum am measg nan Druidh, air an taghadh. Be gniomh nam Bàrd a bhi seinn cliù ghaisgeach, agus amosgladh an t-sluaigh gu treubhantais. Biad an dain toil-inntinn gach cuirme agus còmhdhalach. Bha iad so ann am meas mor anns gach dùthaich; ’s gu h-àraid ann an Gaeltachd Alba. ’S ann a mach on a chuid a bainmeala do na Bàrdaibh a bha na Druidhean air an taghadh; ’s on àireamh a burramaiche dhiubh so bha COIBHI, non t-ARD-DHRUIDH air a thaghadh. Besan Ceann-suidhe gach cuideachd, àrd-bhreitheamh gach cùise; obhinn cha robh dol as: bhan t-urram a bàirde air a bhuileachadh air, agus an earbsa bu mhò air a chur na chàirdeas agusna cheartas. Uaithe so tha seana ghnàth-fhocal againn,

Ge fagus clach do làr,
S faisge na sin cobhair Chobhi.”

Bha ùghdarras aig na Druidhibh thar gach ni; os ceann laghannaibh, cleachduinnibh, foghluim, agus creidimh na dùthcha. Bha òigridh na tìre gu léir air an àrach fòdhpa; be miann clann righ a bhi dhiubh; agus bha na righrean féin gu mor fon smachd. ’Nan làimh ghiùlain iad slat na druidheachd: mam muineil bha cloch bhoillsgeil rìomhach air a suidheachadh ann an òr, gus an dthug iad air an t-sluagh a chreidsinn gun robh éifeachd agus buaidh àraidh innte. ’Nam breacain bha sèa dathan, am feadh nach robh aig na righribh féin ach seachd.

Rinn iad aoradh do aon Dia fon ainm Beil, no Beathuil, tùs beatha gach ni; ach ge nach daidich iad ach aon Dia fon ainm sin, cha burrainn doibh smuaintean freagararch arach mu nàdur spioradail na Diadhachd. Ghabh iad, uime sin, aghrian mar an sàmhladh, air leo, bu riochdaile air aChumhachd mhor sin a tha toirtath bea do gach ni. ’Nam beachd, bi ghrian an cuspair a bàillidh, agus bu ghlòrmhoire sachruitheachd air fad. Chreid iad, mar an ceudna, ann an droch-spìorad, nàmhuid an Ti as àirde, ris an abradh iad an t-Aibhisteir, no am fear-millidh. Chreid iad, mar an ceudna, ann an neo-bhàsmhorachd an anma; agus gum faigheadh daoine san ath bheatha a réir mar thoill iad san t-saoghal so. Thug iad Flathinnis. mar ainm air an àite dan rachadh spiorada dheagh dhaoine an déigh am bàis. Anns an àite shona so bha samhradh do ghnàth agus òige gun sean aois: —bhaghrianna h-àilleachd: —bha oiteag chiùin achéitein, agus uisgeachan fiunnar ri torman. An sin cha robh gaoth air na sléibhtibh, no neul air aghaidh nan speur. Bha ceòl binn anns gach doire, agus bha gach craobh a lùbadh fo bhlàth. Cha chluinnte osna no caoidh an sin; ach fiamh-ghàirair gach gnùis, agus buan-shòlas a chaoidhga shealbhachadh. Calg-dhìreach an aghaidh so, bhan t-ionad ris an abradh iad Ifrinn, àite dorcha, ùdlaidh, mi-thaitneach, air nach ruig dealradh soluis no gath giéine; far an robh gach creutair a boillteala agus bu sgreimheala, ’s a h-uile ni a burrainn an inntinn a smuaineachadh gu uamhas a dhùsgadh sachridhe.

Bhan t-àit anns am bàbhaist do na Druidhibh cruinneachadh airson aoraidh, air a chomharrachadh a mach le cuairt de chlachan mora, ris an abradh iad an Clachan. Tha moran dhiubh so rim faicinn feadh na rioghachd; aguss ann uatha so a tham focal Clachan air a ghnàthachadh gus an n diugh, mar ainm air ionad-aoraidh. Ann am meadhon na cuairte, bha gu minic aon chlach mhòr a bhaca mar altair, ris an abradh iad Crom-leachd, no clach-shleuchdaidh. Bha cuid diubh so anabararch mor.

Bha aig na Druidhibh an làithean féille: biad an dithis a bainmeile dhiubh so latha Bealltainn agus latha Sàmhna. Air Bealltainn, mar tham focal aciallachadh, (Beilteine, no teine Bhaail,) bha gàirdeachas mor air a dheanamh: bha teine air a lasadhair gach bàirde, a chur fàiltair teachd na gréinena teas agus na blàs, a bha aca mar shamhladh air an dia Beil. Ben t-ath féill a bhaca an t-Samhuinn, an sàmh-theine, no teine na sith.

Bha e mar fhiachaibh air muinntir na tìre air fad air oidhche Shamhna gach teine a chur as gu buileach, agus teachd a dhionnsuidh nan Druidh a dhìarraidh éibhle-bheothachaidh on teine naomh a bha air a lasadh agus air a choisrigeadh leò-san. Ma bha aon neach san dùthaich ciontach do ghnothach olc air bith sabhliadhna chaidh seachad, chan fhaigheadh e srad don tein-naomha so, gus an tigeadh e fo mheachainn nan Druidh. Nan éireadh dha bhi co dàna, ’s gun cuireadh en aghaidh so, bha e air a sgaradh a mach o bheannachd nan Druidh, binn a beagallaiche nam bàs. Thòisich aoradh folluiseach nan Druidh le dol tri uairean deis-iùil mun chàrn, aleantuinn mar so slighe na gréine, chum gun soirbhicheadh leo anns gach cùis: agus cha robh peanas bu chruaidhe a dhfheudadh an Druidh a leagadh air neach na toirt air dol tuath-iuil mun Chlachan.

Bha na Druidhean ro chàirdeil ri coigrich: dhoibhsan bha gach dorus fosgailte, agus gach aoidheachd air a thaisbeanadh. Chum na Druidhean, mar luchd-riaghlaidh na dùthcha, gach coinneamh air càrnaibh, a bha air an càramh thairis air cionntaich a dhìt iad aig am mòd, agus a chuireadh gu bàs len reachd. ’S ann on chleachdadh so a tha esan fo bhinn an laghaairainmeachadh fear fo charn; aguss ann o so than guidheachan ag éiridh, ’s oil leam nach robh thu fo chàrn: bfhearr leam a bhi fo charn chlach.

Mar dhearbhadh air amheas mhor a bh aig daoinibh air na Druidhibh anns na h-amaibh dorcha sin, bha iadam barail gun robh rionnag air a cur a nuas o nèamh a choinneachadh an anama aig àm am bàis: ’s ann uaith so tham focal dreug no druieug, againn saGhaelic; agus tha cuid do dhaoinibh amaideach fathast an dùil nachluaithe chi iad teine drithleannach don ghnè sona dhian-shiubhal on speur, na smuainicheas iad gun cluinn iad ann an ùine ghoirid mu bhàs duine mhoir, no chumhachdaich.

Bha na Druidhean foghluimte ann am Feallsanachd nàduir, mu ghluasad na gréines na gealaiche, agus mu imeachd nan réull. Bhan t-eòlas so ro fheumails na lìnntibh sin, an uair nach robh riaghailt-stiuraidh eilaca; ’s a béigin doibh an gabhail a dheanamh air reull, mar tham focal re-iùl no ruith-iùil aciallachadh. Chaneil aon ni is a leigeas ris dhuinn ìnnleachd agus eòlas nan Druidh, na an dòigh anns an do ghiùlain iad anns na h-àmaibh sin, clachan a bha co nors gun gabhadh iad còrr agus ceud each gan tarruing: agus bha iad air an giùlan do ionadaibh anns nach burrainn eich imeachd, agus air an càramh gu socrach os ceann a chéile. Bha cuid diubh so air an toirt séa mile-deug air astar, air uairibh feadh garbhlaich agus ri cas-bhruthach.

Tha daoine fiosracham barail gun robh iad làn-eòlach air eifeachd luibhibh, leis an doibrich iad iomad leigheas iongantach. Ann an aon fhocal, cha robh ni sam bith air a mheas os ceann an cumhachd; ach cuid do ghniomhara mora agus uamhasach naduir a chuirear amhàin as leth an Uile-chumhachdaich. Uaithe so tham focal Miorbhuil no Meur-Bheil againn anns aGhaelic, airson aon ni a tha os ceann cumhachd cruthaichte.

Nuair a bheachdaicheas sinn air a chreidimh Dhruidheach, am meas gus an dthàinig é, mar bhuadhaich e ann an ioma rioghachd o linn Noaih, gu inbh bhig, a nuas gu laithean Iulius Cheasair; tha ena aobhar iongantais cia mar thilgeadh bun-os-ceann e. Chuir e cumhachd na Ròimhe ga dhùbhlan; rinn e fanoid, ioma linn, air a feacddan ainmeil; ach faidheòidh, thànig solus an àigh don Eilean Bhreatunnach, agus thàr na Druidhean as do na cùiltidh a biomallaiches do na h-eileanaibh a buaigniche. Air am fògradh as gach earrainn da Albainn,



[95]

[Vol . 5. No. 13. p. 7]

thuinnich iad mu dheireadh ann an I, cùlthaobh Mhuile, ris an abradh iad san àm sin Eilean nan Dnuidh. Dheirich an ùr-mhaduinn on àird-an-Ear air I, agus air lionmhorachd nau eileanibh: shearg na Druidhean as fo ghathaibh glòrmhor Gréine na fiaeantachd. Anns an àm sin thàinig Calum-Cillena churach ledhà-fhear-dheug maille ris. Thug esan am buile bàis do chreideimh nan Druidhneach; agus las e àrd lòchran an t-Soisgeil, on dfhuair dùth channaibh, agus rioghachdan solus agus eòlas, a bha roimhe so ann an dorchadas agus fo sgàil abhàis. —Leabhar nan Cnoc.


Leabhar Ur.

Tha an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair air iomadh comain a chur air na Gàidheil leis an liuthad leabhar-òran a tha en deigh a chur a mach. Tha nise leabhar ùr beul ri bhi ullamh aige, “Na Baird Ghailig bho 1775 gu 1825,” agus cha bhi e dad air dheireadh air na leabhraichean a chuir e mach roimhe. Chan abair sinn a bheag uimen dràsda, oir bidh e mach ma dhfhoaidten ceann seachdain eile, agus bheir sinn iomradh nas fhearr air an uair sin, ach gheibhear an clar-innse aleantuinn so, agus tuigear uaithe sin meud an leabhair agus àireamh nam bàrd aig am bheil òrain ann. Tha an leabharga clo-bhualadh ann an oifis a MHAC-TALLA.


An Clar-innse.
Taobh-duilleig
1. Somhairle Camaran, 1
2. Domhnall Gobha, 6
3. Aonghas Caimbal, 4
4. Micheil Mor Domhnallach, 9
5. Mr. Tormaid Mac-Leoid, 11
6. Mr. Iain Mac-a- Ghobha, 13
7. Mari Nic-a- Chleirich, 16
8. Mairearad Ghobha, 19
9. Mr. Tearlach Stiubhart, 21
10. Alasdair Buidhe Mac-Iamhair, 23
11. Ailein Dall, 26
12. Iain Grannda, 33
13. Calum Dubh Mac-an-t- Saoir, 39
14. Coinneach Mac-Coinnich, 35
15. Mr. Seumas Mac-Griogair, 45
16. Iain Mac-Griogair, 55
17. Seumas Mac-Gille Sheathanaich, 59
18. Calum Ban Mac-Mhannain, 80
19. Conneach Mac-Coinnich, 63
20. Murchadh Ruadh Mac-Coinnich, 65
21. Alasdair Stiubhart, 70
22. Uilleam Ros, 73
23. Ruari Mac-Coinnich, 77
24. Gilleasbig Mac-Gilleain, 85
25. Gilleasbig Mac-Phail, 95
26. Mr. Rob Mac-Griogair, 98
27. Alasdair Mac-Fhionghain, 101
28. Alasdair Grannda, 108
29. Aonghus Séath, 111
30. Eoghan Mac Lachainn, 117
31. Domhnall Domhnallach, 122
32. Ailein Mac-a- Lèith, 127
33. Aonghus Mac-an-Fheisdeir, 130
34. Domhnallach na Toiseachd, 132
35. Domhnall Ban Mac-Gilleain, 137
36. Iain Domhnallach, 140
37. Domhnall Domhnallach, 143
38. Padruig Grannda, 134
39. Domhnall Mac-Leoid, 144
40. An Cubair Colach, 146
41. Domhnall Cubair, 153
42. Am Bard Mac-Gilleain, 155
43. Dughall Mac-Eachairn, 162
44. Iain Gobha, 169
45. Am Piobaire Mac-Gillebhrath. 171


An uair a theid crodh chàich an diosgs ann a ni breunag an càise.


Bha fear-lagh òg ann an Albainn uair a tagradh càis aig cùirt, agus thug na breitheamhna a bhreith a machna aghaidh. An sin dhéirich esan, agus thuirt e gu robh abhreith a thug iad a mach acur ioghnàdh nor air. Chuir so fearg air na breitheamhna, agus bha iad adol a chur càin air air son a chuid ladarnas. Ach an sin dhéirich seann fhear-lagha a bha làthair, am fear a bha tagradh a chàis an aghaidh an duinòig, agus rinn e eadar-ghuidhe air a shon. Arsesan ris na breitheamhna, “Tha mo charaid foghluimte an so òg; nan robh e na bu shine, agus cho eòlach oirbhsa tha mise, cha bhiodh iongantas air air son breith sam bith a bheireadh sibh.” Ghabh iad ris a sin, ged nach robh e moran na bfhaide air an taobh na bha na thuirt am fear eile.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co,
Mai 4. ’95;


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais,
Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.



[96]

[Vol . 5. No. 13. p. 8]

Am Buanaiche.

Tha buanaiche dan aìnm am Bàs,
Lefhal ro ghuineach, geur,
Atoirt nan diasan garbh gu làr,
S gach blàththa fas mu’ ,n frèumh,

Am faigh mi,” deir e, “ a bhuain
Ach diasan cruaidhgun bhrìgh?
Geds toigh leam anail chaoin nam flùr,
Liùbhram iad suas a rìs,

Thog e flùrain, shil a dheòir,
Is phòg en duilleach uain’;
Is ann do Thighearna nam Feart
A thaisg e iad nasguaib,

Mo Mhaighstir tha am féum nam blàth,”
Gun drinn e ràdh le aoidh,
Mar Chuimhneachain air làitheanoig,
N uair chòmhnuich em measg dhaoin,

Ath-chuiream iads aPhàrras Nuadh,
S gu buadhmhor ni iad fàs,
S bidh iad mu thrusean geal nan naomh,
Aboillsgeadh mar an la,”

Liubhair amhàthair, ’s dèur na sùil,
A flurain lurach, òg,
An dùil rim faicinn uile slàn;
An àros Righ na Glòir.

Am Buanaiche cha robh fo ghruaim
Abuain nam blàthan sèimh;
S e aingeal glòrmharthainig nuas,
S thug leis iad suas gu neamh.


Cumha Hirteach.

Chaidh an Cumha so a dheanamh le mnaoi òig Hirteich da fear-pòsda; don do thachair dol leis achreig anns an robh e ag ianach ann an Sòthaidh, aon de na h-eileanan beaga, creagach, a tha laimh ri eilein Hirt; an t-àite anns an cula mi an luchd-seinn òran agus shalm, as fonnmhoire, ’s as rèidhe, ’s as binne guth dheth na chuala mi riamh,

D, R, M,

S ann air tràigh eilean Shòthaidh
Dhfhàg mi mòganach glèusda;
Urradheanadh mo thacar,
S tabhairt dhachaidh na sprèidhe.

FONN
Fath mn dhiachainns mo leonaidh?
Mo chearach bhroin, ’s mo chreach leirikhl
Mo chreahadhlaicitan dolas,
Cha tog ceol, no cung leighe.

Ged a thuit tu bhon creig ud,
Cha ben t-eagal a lèum thu;
S ann rinn do chas sraonadh,
S cha do dhfhaod thu riamh èiridh,
Fath mo dhiachainn &c ,

Dhòirteadh dfhuil air a chloich ud,
Bha do lot an deigh lèumadh,
Bha thu muigh air bhàrr stuaidhe,
S muir ga dfhuasgladh bho chèile,
Fath mo dhiachainn, &c ,

Thàinig thugam do mhàthair,
Gun i chàradh a brèid oirr,
S ruith do phiutharn uairchual i,
Ach bfhaduainn far an dèug thu,
Fath mo dhiachainn, &c ,

N uair a thàinig do bhràthair,
Bàrd a ràn ga do lèirsinn,
S gathn ar cridhe ga shàthadh,
Faicinn dàmhgar an cèin uainn,
Fath mo dhiachainn, &c ,

S ethatorradh mo thruaighe
Marthuit fuar-bhuilen èig ort,
Gun neach fagus, a ghaoil, ort,
Bheireadh faochadhn a dfhèum dhut,
Fath mo dhiachainn, &c ,

A seachd beannachd nan cairdean,
S a lon làidir na féuma,
Tha mo chuid- den ianlaith
Feadh na h-iarmailt ag éigheach
Fath mo dhiachainn, &c ,

Tha mo chuid-sdheth na h-uibhean
Aig a bhuidhinn as tréubhaich’;
Chaneil dhòmhsachbhi riaraicht
Le cruaidh dhioghlum na h-éiginn.
Fath mo dhiachainn, &c .

Eoin nan spèur, s iasg nan cnantan,
Leam bu shuarrach gu leir iad,
Nam biodh laimh rium marbàbhaist
Pearsa ghràidh fir mo spèise.
Fath mo dhaichainn, &c ,

Ach cha ghluais guth mo bhròin-sa
Dhachaidh beò thu gu dchéile
S ann air tràigh eilean Shòthàidh
Dhfhàg mi m òganach gleusda,
Fath mo dhiachainn, &c ,


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.


REIC AODAICH
As mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh.
A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct.

Tha min deigh stoc anabarrach mor de dh
Aodaichean Deante

a cheannach bho na taighean as fhearr an Canada, air pris cho iseals gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu,
Cho saorsa dhiarradh tu.

Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caitem bheil sinn. Anns an stor a than aon tigh ais aBhanca.
D. J. DOMHNULLACH.

titleIssue 13
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 13. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page