[97]

[Vol . 5. No. 14. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 10, 1896. No. 14


As an Iar Thuath.

FHIR-DHEASAICHIDH: —Anns an litir a sgriobh mi ugaibh ma dheireadh, gheall mi, nam faicinn gu m faigheadh i cuil air choireigin nar paipear gasde, gun toirinn gearr-iomradh anns an ath te, air tighinn air adhart nan Gàidheal anns an Iar-Thuath. Cha ruig mi leas iomradh a thoirt air an turas; cha do thachair dad a mach a cumantas as fhiach ainmeachadh; a dhaon fhacal, chaidh an imrich dhuinn cho soirbheachails a dhiarramaid, moran, tha mi creidsinn, na bu lugha allaban na gach aon a thainig romhainn, na bu lugha saothair a steidheachadh dhachaidhean ùra an deigh tighinn, nan fheadhainn aig an robh ris achoille ghàbhaidhchur as a bonn,” oir bha raointeans còmhnardan gun toil aca airson neart nan damh mhora fhiachainn; ach se eich a tha dol an diugho na bhristeadh am fearann aon uair.

Tha mu leth-chiad teaghlachsa choimhearsnachd, a chuid mhor dhiubh á Uidhist-agus tha micreidsinn gu bheil càirdean aig cuid dhiubh am measg leughadairean MHIC-TALLA. ’S aithne dhomh dluth chàirdean agus piuthar do dhIain, a bhios asgriobhadh ugaibh á Albainn.

Faodaidh mi radh ged a tha e gle fhurasda do dhuine bochd cosnail bho-shlaind a dheanamh an so, nach eil moran airgeid ach ainneamh am pòca tuathanaich. Tha innealan tuathanachais fhéin a toirt a mach, moran, ’us cha tigear as an aonaìs, oir feumaidh an obair a bhi deante le eallamhachds aig a h-àm fhein; ach air a shon sin tha biadhus amhlan ma seach aig an duines isle staid, bho àm gu àm.

Bha sinn gle fhortanach a thaobh chomhairleichean spioradail, oir tha sagart agus-ministirn ar measg a labhras ar canain aosmhor fhein. Buinidh an sagart, an t-Urramach Dabhaidh Gillios dh ahAlba-Nuadh, agus an ministir an t-Urramach Donnachadh Mac Ille-Mhaoil do Sheann Alba. Tha tri sgoiltean mar measg anns a bheil rogha ionnsachaidhga thoirt seachad, ach leis cho sgaptesa tha na daoine, feumaidh iad a bhi nan tàmh fad an fhuachdse sin ceithir miosan; ach tha mi duillch nach eil a Ghailig a measg nan cuspairean, ged is i tha chlann aclunntinn aig na taigheansa labhairt a measg a cheile, than fheadhainn nach àirde na ghlùn cho fileanta air a Bheurla, ’s ged a bheiates na bailtean mora iad.

Chan eil tuarasdail cho mathsa bha iad, no obair fhear cho furasda faotainn, ach d aonnan aig àm na buanas a bhualaidh bidh e furasda gu leòr cosnadh fhaighinn le tuarasdail eadar ficheads da fhichead dolairsa mhios; ach gheobh nighean obair aig àm sam bith tuarasdal eadar, us ochd us coig dolair dhiagsa mhios ann an taighean blatha seasgair.

Tham barr aig an àm a bheil misgriobhadh an ire mhath a bhi fo dhion. Than gràn moran nas fhearr na bha en uiridh, us bi dòchas againn gum na prisean nas fhearr, co dhiu tha coltas subhach an aogais nan tuathanach fhathast le dochas.

Cha bhi mi deanamh na lit reach so nas fhaide eagal moran rum a thoirt a mach, ach an uair a thig am fuachd, am na socair sgriobhaidh ni tuilleadh; ur caraid,

SEUMAS N. MACFHIONNGHAIN.
Earlswood , N. W. T., Oct. 2, ’96.


Mu na Laplannaich.

Than dùthaich sam bheil iad so a chòmhnuidh, fo shneachd agus reothadh an earrann as don bhliadhna, agus chan fheudar a ràdh gu bheil iad as an eugmhais fad an t-samhraidh. sèa miosan don bhliadhna, chaneil aghrian ra faicinn, agus chaneil a bheag ra chluinntinn ach fuaim na doininn, agus donnalaich nam madruidh-alluidhan tòir air an cobhartach. Tha gach ni air aghaidh na tìre ann an coslas marbhantachd, gun lus, gun duilleach, gun bhlàth ra fhaicinn. Tha n àireamh as pailte do luchd-àiteachaidh na dùthcha so agabhail còmhnuidh fo thalamh, agus anns an t-samhradh ann am bùthaibh a dhatharraicheas iad o àite gu h-àite. Tha taobh a stigh an aitreibh air a chuartachadh le béin nam fiadh-bheathach a a tha iad amarbhadh air son lòin, agus na h-ùrlair air am bheil iad aluidhe air an còmhdachadh leis an ni cheudna. Ach na smuainichemaid gu bheil an sluagh so neo-shona, agus mi-thoilichte. Tha e fior, gu dearbh gu bheil na Laplanndaich ag imeachd gu dorcha tre gharbhlach reasgach na dùthcha sin, buailteach a ghnàth do ghaillinn agus do fhuachd; ach tha a chorp cruadalach comasach air giùlan leis gach allaban. Than Laplannach bochd air aon dòigh truagh, ach nach mòr am beannachadh dha nacheil e mothachail air uireasbhuidh nach feud e dheanamh suas. Tha sòlus na gréine ioma mios a dheasbhuidh air; ach tha aghealach agus na fir-chlise asoilleireachadh na h-iarmailt; agus chan urrainear smuaineachadh air aon ni as àillidh na lannair nam fear-chlis sin adol troimhn gluasad siùbhlach, aighearach, le mire-chàtha air aghaidh nan speur. Ma tham fonn neo-thorach, tha tachdar mara acan làn phailteas. Tham fàsaichean làn do fhiadh-bheathaichibh, agus thugadh innleachd agus teòmachd dhoibh chum an glacadh. Tha móran fhiadh aca, agus tha iad càlda feumail dhoibh, mar chi sinn an déigh so. Mar so chi sinn gu bheil aig gach tìr a h-aobhair-shòlais féin agus aig gach sluagh dearbhadh air maitheas Dhé. Nam bitheadh aig na daoinibh bochda sin am barrachd fiosrachaidh mu Dhia, agus mu na teagasgaibh sòlasach a tha air am foillseachadh dhuinne anns an t-soisgeul, maille ris an t-suidheachadh-inntinn sin a tha iad asealbhachadh, cha ruigear a leas fheòrach ciod tuilleadh bhiodh a dheasbhuidh orra gan deanamh sona.


AProvidence , R. I.

A MHIC-TALLA:—

Air dhomh a bhi car air deireadh
S nach eil ceilearadh chum feum,
Ses fhearr gu gabhail mo leisgeil
A bhi freasdalach air dfheum.
S mo as coltaiche ri mallachd
A bhi moladh fir ris fhéin,
S fhearr gu morna àite dolair,
S molaidh am MAC-TALLe-féin.

S math a tha sibh a deanamh; tha am MAC-TALLA air fàs mor a rithist. Cuiribh ris agus cuiridh na Gàidheil ribhse. Gheibh sibh òrdugh air dòlair anns an litir so. ’S math a rinn sibh innse dhuinn nach fhaigh an dolair Geancach làn chreideas agaibh. Na faiceadh sibh féin sin freagarrach, b fhearr leam gun clo-bhuaileadh sibhDàn Oisein don Ghréina rithist, onse seud ro luachmhor a tha ann. Tha mi nise cur ugaibh an coigeamh dolair, agus tha migam fhaicinn fhéin làn phàighte ged nach fhaighinn facal ann ach Dàn Oisein leis fhéin, ged a tha Olla ann an aon de àrd-thaighean-foghluim Albainn adeanàmh a mach nach be Oisean a rinn an dàn so idir, agus eadhon nach ann an Gàilig a chaidh a dheanamh an toiseach.

AONGHAS MAC AOIDH.
Oct. 2, ’95.


Be an fheoilg a thoirt á ìngnibh a chait e.



[98]

[Vol . 5. No. 14. p. 2]

ROB DONN.

Gheibhear eachdraidh beatha Rob Dhuinn air a deagh sgriobhadh ann am Beurla anns an leabhar a chuir an t-Olla Mac-Aoidh a mach anns a bhliadhna. 1829 fon ainmOrain le Rob Donn, Bard ainmeil Dhuthaich Mhic-Aoidh.” Thugadh seachad clo-bhualadh ùr agus saor, le beagan atharrachaidh, den leabhar luachmhor so o chionn bliadhna. Thug Reid cunntas aithghearr air aBhardna leabhar fein (Bibliotheca Scoto-Celtica,1842); agus sgriobh Mac-Coinnich, ann anSar-obair nam Bard Gaelachmubheatha agus muchliu. Cha mhor dar Baird Ghaidhealach a bha cho tric air a thoirt fa chomhair Ghall agus Shasunnach ri Rob Donn. An uair a chuireadh a mach a leabhar anns abhliadhna 1829, chaidh òraid fhoghainteach a sgriobhadh anns an aon is ainmeile de na cuairteirean Sasunnach(Quarterly Review)air aBhard agus air a Bhardachd. Tha cunntas cubhaidh aìr fein agus air a cliu anns an leabhar urramach a chuir an t-Olla Blackie a mach an uirigh airCanain agus Litreachas nan Gaidheal Albannach;” agus is e Rob Donn is steigh do aon de na h-oraidean a leughadh air beul-thaobh Comunn Gaidhlig Inbhirnis agus a gheibheir clo-bhuailte anns an leabhar a chuir an Comunn a mach airson na bliadhna a dhfhalbh. Am measg nan Gaidheal a tha chomhnuidhna dhuthaich fein, fhuair Rob Donn urram neo-chumanta. Re a bheatha bha meas mor air aig iosal agus aig uasal. Aig a thòrradh thiunndaidh an sluagh a mach mar aon duine a nochdadh an speis don Bhard. Agus leth-cheud bliadhna an deigh a bhais, chruinnich a luchd cinnidh airgiod agus chuir iad suas carragh-cuimhne, ann an cladh Bhaile-na-cille, far abheil Rob Donnna luidhe; agus ghearr iad cliu agus iomradh aBhaird anns achloich, an Gaidhlig, am Beurla, an Greugais, agus an Laidinn.

Abheil Rob Donn airidh, am measg nam Bard Gaidhealach, air achliu a fhuair e? Tha mi meas nach dfhuair Rob Donn fathasd urram nach bu mhaith a thoill e; ged fhuair e uair no dha mi chliu nach do thoill e idir. Ach bha nitheanna chrannchur a tha ann an tomhasg a dhealachadh o na Baird Ghaidhealach ainmeil eile. Cha toir sinn breth chothromach air a chumhachd no air aite mar Bhard gun bhi gleidheadh nan nithean so air chuimhne. Feudaidh mi cuid diu ainmeachadh.

Bho bhreith gu bhàs be Rob Donn Bard ainmeil Dhuthaich Mhic-Aoidh. Agus faodar a radh gur h-e aona Bhard na duthcha ghreadhnaich sin on a tha eachdraidh againn oirre gus an diugh. Bha gaisgich an roimh na Fiantan; ach aha do ghleidh aBhardachd Ghaidhealach an euchdan no an ainmean air chuimhne. Bha, ma dhfhaodte, Baird an Duthaich Mhic-Aoidh roimh Rob Donn, ach cha bo ghleidh na Gaidheil an orain no an ainm air chuihne. Nam dhuthaich fein tha e seasamh mar Bhardn a aonar. Tha e gun athair gun mhacn a dhreuchdgun sinnsearachd, gun sliochd. Cha biongantach ged bhiodh muinntir a dhuthcha mor as agus gaolach uime; cha robh Bard ainmeil aca ach e. Bha agus tha Clann-ic-Aoidhn am fine ainmeil airson iomadh deagh bhuaidh. Bha agus tha iad ro chinneadail. Bha aon no dhà den fhine a choisinn beagan cliu mar Bhaird a chomhnuidh ann an cearnan eile den Ghaidhealtachd. Ach be Rob Donn an aon Bhard a dheirich gu cliu ard; agus bhuineadh esan don duthaich. a bheatha be peata an t-sluaigh e; agus mur biodh barrachd tuìgse aig na tha aig achuid mhor de pheatachan agus de Bhaird, bhiodh dol cumanta nam peatachan airbhiodh e milte.

A rìs bha Rob cho fortanach, ged nach do chuireadh a Bhardachd an clò gus leth-cheud bliadhna an deigh a bhais, agus gun do ghabh fear-cinnich aig an robh buaidhean ard agus eolas farsuing, agus a bhan a lan-sgoileir Gaidhlig, os laimh an leabhar ullachadh agus beatha agus cliu aBhaird a sgriobhadh. Chaneil teagamh nach ann a chionn agus gum be duine ainmeil agus ministeirbha an Dr. Mac-Aoidh anns an àm ann an Sgireachd an Lagaina chuir a mach an leabhar gun do rinneadh na h-uiread dheth. Tha e air a radh gur h-e Sir Walter Scott a sgriobh an òraid anns aReviewa dhainmich mi cheana; agus chaneil e idir mi-choltach nach e. An uair a bha an corr de Bhreatunn acur na h-uiread de urram air Rob Donn cha biongantach ged chuireadh a luchd-cinnich an guaillean ri cheile airson cuimhneachan buan a chur suas don Bhard. Chaidh so a dheanamh anns acheart bhliadhna anns an do chuireadh a Bhardachd ann an clò.

Ach ged bha Rob Donn cho measailn a dhuthaich fein a bheatha, agus ged chuireadh urram mhor air an deigh a bhais, cha dfhuair e fathast urram dhligheach am measg nan Gaidheal nach buin da Shiorrachd fein. Chan ann a chionn gum bu duine bochd e no gun robh inbhe anns an t-saoghal iosal. Bha so fior gun teagamh. Cha robh e achn a bhuachaille. Ach ged nacheil moran dhaoine nas deise a thoirt urram do mhuinntir a tha ann an inbhe ard na Gaidheil na h-Alba, cha bhiodh e farasta aite ainmeachadh anns am faigh Bard an t-urram a tha dligheach da bheatha agus da bhuaidhean cho ullamh agus a gheibh en ar measg-ne, cia air bith cho iosal agus a bhios a staid. Tha so fior gu sonruichte mu Rob Donn fein. Is tric a dheirìch don Bhard mar a dheirich don Fhaidh, gur h-e a dhuthaich fein a dhiult urram dhligheach dha. Ach cha do thachair so ach ainmig do Bhard Gaidhealach agus cha do thachair e idir do Rob Donn. Bithidh en a chliu bhuan do uaislean Dhuthaich Mhic-Aoidh gun daidich iad gu saor gun robh am buachaille-bhò iridh air aite urramachn am measg, agus gun dthug iad urram dhligh each dha; agus bithidh en a cliu bhuan do Rob Donn nach do rinn e riamh ni neo-airidh air a dhreuchd mar Bhard a chum an t-aite so a chosnadh no ghleidheadh. Bha Rob Donn ann an inbhe cho ard ris achuid mhor dar Baird Ghaidhealach, agus ann an cuisean saoghalta na bfhearr dheth na bha moran dhiu.

Cha robh focal sgoil aig Rob Donn; ach anns achar so cha robh e air leth air cuid de na Baird is airde cliun ar measg. A mach o Mhac-Mhaighstir-Alastair agus o Dhughall Buchanan cha robh Bard ainmeil Gaidhealach againn aig arobh abheag de sgoil. Cha robh focal sgoil aig Màiri-nighn- Alastair-Ruaidh no aig Iain Mac-Codrum, no aig Donnachadh Ban, no aig Ailean Dall. Ach mur an robh sgoil aca bha foghlum aca, agus bha iunnsachadh aca. Chaill iadsan agus gu sonruichte chaill sinne moran a chionn nach burrainn iad leughadh no sgriobhadh. Ach chan fheud sinn a smuaineachadh gun robh an duine nach burrainn leughadh anns an àm udna dhuine ain-eolach mar tha an duine nach urrainn leughadh an diugh. Is gann a chreideas mi gum faigh thu buachaille no sealgair an diugh, air feabhas a sgoil, cho foghluimte no idir cho iunnsaichte ri Rob Donn agus ri Donnachadh Ban. Bha gu nadurra buaidhean neo chumanta aig an Bhard. Ach a thuilleadh air so bha foghlum aca nach faighear a nis ach à leabhraichean; agus bha am buaidhean air an giullachd air doigh nacheil comasach le leabhraichean— ’n ar ineasgne co-dhiu. Caite abheil an diugh anns aGhaidhealtachd sgoil anns am faigheadh Rob Donn a leithid de iunnsachadh agus a fhuair e ann an tigh Iain- ’Ic-Eachainn agus am measg uaislean Dhuthaich Mhic-Aoidh, no foghlum a leanadh ris a bheatha cosmhuil ri Bardachd agus Seanachas a dhuthcha? Chan e a mhain gun robh eolas aig na daoine so air Bardachd agus air Eachdraidh agus air deas-ghnathan nan Gaidheal, ach bha fiosrachadh earbsach aca mu thimchioll cuisean agus modh-raighlaidh na rioghachdn an latha fein nach faigh thu aig moran de sgoilearan no aìg cuid de mhaighstirean-sgoil ar latha-ne.

Theìrear gu bheil moran de Orain Rob Dhuinn salach, neo-ghlan; agus chan eil teagamh nach do chuidich so a chliu mar Bhard a lughdachadh. Tha mi den bheachd gun do chuireadh an eucoir thròm air Rob Donn anns acheum so; ach thugadh seachad abharail cheudna cho tric, agus leo-san a bha airidh air barail a thoirt seachad, agus gu bheil e freagarrach fheoraich abheil an fhirinn innte. Tha an diteadh tròm; agus ma tha Rob Donn ciontach, bu choir am peanas a bhi tròm da reir. Cha bu mhaith leam dol a dhion na h-uile facal a gheibhear ann am Bardachd Rob Dhuinn, no radh gum bu choir a doigh chainnt a leantuinn an comhnuidh ro dhlù; ach tha mi earbsach nach gabh e dearbhadh gu bheil a smuain no idir a theagasg, neo ghlan. Chan e mhain



[99]

[Vol . 5. No. 14. p. 3]

so ach saoilidh mi gu bheil e fior nach faighear, a mach o Ughdair nan Laoidh, ma gheibhear eadhon iadsan an comhnuidh, Bard ainmeil Gaidhealach, ach Oiseann a aonar, a tha cho glann a smuain, agus cho fior agus cho fallainn a theagasg ri Rob Donn. Ma chreideas tu gum be Rob Donn a bughdar do iomadh rannus focal a chluinneas tu ann am beul cuid da luchd-duthcha, bha e gun teagamh neo-ghlann a smuain agusn a chainnt. Ach tha e gann leam a chreidsinn ga faighear cuid da Bhardachdn a leabhar mar a chuir e fein ri cheile i, ged tha an Dr Mac-Aoidh ag radh gun do sgriobhadh i o bheul aBhaird fein; agus cha chreid mi idir gur ann da bhuineas na rannan agus na radhan a chluinnear gu tric air a luaidh ris.

Ach gabh aBhardachd mar a gheibhearn a leabhar i. Tha an t-Olla Mac-Aoidh ag aideachadh gun dfhag e cuig no se de Orain Rob Dhuinn gun chlo-bhualadh airson an sailche no am beag luach. Tha mi meas gun do ghabh an duine ainmeil so air fein dleasdanas nach buineadh dha. Is ann don Bhard fein a bhuineas a radh co-dhiu a theid no nach teid roinn shonruichte da shaothair a chumail air ais on t-sluagh. Ach ma tha thusa agabhail os laimh dol a chruinneachadh saothair Baird as deigh abhais cha tig e dhuit teachd eadar coguis aBhaird agus còir an t-Sluaigh, agus a radh, “Tha an t-orain so no an t-oran ud eile salach, neo-airidh air aBhard. Nam biodh e fein beo dhaontaicheadh e leam. Fagaidh mi iad so mach.” ’S e do dhleasdanas-sa na gheibh thu de fhior shaothair aBhaird a thoirt seachah air a cheart doigh air am faigh thu i, no gun ghnothuch a ghabhail ris an obair idir. Tha an Dr. Mac-Aoidh afaotainn coire do chainnt cuid de na h-Aoirean; ach tha e a deanamh tur-dhealachadh eadar achainnt agus an teagasg. Tha mi meas nach do ghleidh na breitheamhnan a thainig an deigh Mhic-Aoidh an dealachadh so air chuimhne. Cha ruigear leas moran geill a thoirt do bharail Reid. Cha robh eolas aige air aBhard agus cha dubhairt e ach mar a chuala e. Ach tha e iongantach leam gun deachaidh Mac-Coinnich cho fada air seacharan ann anSar-obair nam Bard Gaelachan uair a dhit e Rob Donn; agus a leig e ciontaich mar bha Donnachadh Ban agus Ailean Dall às. Tha an t-Olla Blackie atighinn thairis air achron cheudna; ach tha mi den bheachd nacheil an deagh bhreitheamh so ach ag innseadh beachd dhaoine eìle.

Tha Rob Donn ag uisneachadh focàil gu tric nach gnathaichearn ar measg-ne an diugh ann an cuideachd; agus tha cuid da rannan nach biodh e freagarrach, a reir cleachduin ar latha-ne, a leughadh le guth ro ard. Ach ma tha Rob Donn gu bhi air a dhiteadh air a shon so, gheìbh se e fein ann an deagh chuideachd. Leis an tomhas cheudna bhuineadh tu air falbh moran den Bhardachd is fearr agus den teagasg is fallainne ann an litreachas gach sluaigh; agus as aBhiobull fein thigeadh caibideal no dhà. Bhiodh e na bfhearr air gach doigh nan taghadh Rob Donn achainnt air uairean mar nach do rinn e; ach chan e focail den t-seorsa so a dhearbhas neo-ghloine smuain no mi-fhallaineachd teagaisg. Dhuisnich Rob Donn doigh chainnt a latha sa dhuthcha fein. Feudaidh sinne, ’n ar fein-dhiongmhaltachd, ar sron a chasadh no ar ceann a chromadh an uair a leughas sinn cuid da rannan; ach bha na milteann a dhuthaich cho moralta agus cho beusach ris an aon is fearr againn chuala agus a sheinn agus a dhiunnsach a chuid Oran, gun sron a chasadh no ceann a chromadh. Feudar coire fhaotainn do Rob Donn a chionn nach robh a chainnt cho ard os cionn cainnt a luchd-duthcha agus a bha bhuaidhean. Ach ma dhiteas tu Bard air a leithid so de aobhar, chan aithne dhomh co a sheasas. Bhiodh e cho mi-sheadhar beum a thoirt dha a chionn nach gabhadh e neapacain a sheideadh a shroine, no a chionn gun itheadh e sgadan le choragan, an aite cleachdadh ar latha-ne a leantuinn anns na cuisean so; agus a bhiodh e dhuit a chronachadh a chionn gun do labhair e mu chuid de nithean air an ainm an aite labhairt orra, mar a ni sinne, air an sloinneadh.

Ach is ni tur-dhealaichte bho chainnt aBhaird a smuain agus a theagasg. Mur dearbh thu air gu bheil e gabhail toilinntinn ann an cainnt neo-glan, cha dhearbh thu, bho chainnt, neo-ghloine smuain no teagaisg. Chaneil mi meas gun abair neach gun robh tlachd Rob Dhuinn ann am focail shalach. Bha an duine e fein, a reir gach cunntais a tha againn air, comharraichten a ghliulan. Bha en a fhoirfeach anns an Eaglais agus fo mhor mheas aig aChleir. Cha choisneadh aon an t-urram son a latha agusn a dhuthaich a bha fuasgailten a chaithe-beatha no a bha neo-ghlann a chainnt. Agus saoilidh mi gun dearbh a Bhardachd firinn, duinealas, agus fallaineachd a theagaisg. Is e Orain shùgach, àbhachdach, agus Aoirean is trice a gheibhearn a shaothair. Tha tair agus dimeas air a dheanamh air uaìrean air cuid de na dhuisg a spid no chorruich airson eucailean agus faillinnean nach burrainn doibh a leasachadh. Tha so ra chrònachadh. Ach chan fhaighear am feart so ann an Aoirean Rob Dhuinn idir cho tric agus a gheibhear e anns na h-Aoirean Gaidhealach an cumantas. Gheibh sinn Rob Donn gu tric adeanamh culaidh-mhagaidh agus atoirt tamailt do dhaoine a chuir mi-thlachd air. Chaneil so ri mholadh. Ach anns acheum so cha do pheacaich Rob Donn mar a rinn na Baird Ghaidhealach gu tric. Tha an Dr. Mac-Aoidh ag innseadh dhuinn, agus bha comas aige air eolas fiosrach fhaotainn mun Bhard nach robh aig aon eile a sgriobh mu dheidhinn, gur e olc agus cionta agus euceart nan daoine a leedair e le theangaidh a dhuisg corruich aBhaird. Chaneil aon dar Baird, saoilidh mi, a sheas an comhnuidh cho dileas agus cho danarra air taobh na corach agus an aghaidh na h-eucoir, mar a bha e fein atuigsinn coir agus eucoir, agus a sheas Rob Donn. Tha so feart nach faighear ro thricn ar Bardachd Ghaidhealaich; agus tha mi meas gur feart i, an uair a dhamaisear oirre, is coir a chliuthachadh. Na h-uile urram don Bhard nach cumadh a theanga, an uair a bha e dearbhta gum be dhleasdanas labhairt, air ailghios Maoir no Moraire Comhdaichidh abhuaidh so fein tuillidh pheacannan a chuir Rob Donn, mar Bhard, riamh an gniomh.

Is ann len Aoirean agus lem Marbhrannan a tha na Baird Ghaidhealach, mar is trice, adearbhadh fallaineachd no mi fhallaineachd an teagaisg. Dhaoireadh iad an ciontach a bheatha; agus mholadh iad an t-ionracan, mar bu trice, an deigh abhais. Chaidh ìad gu minic clì. Mhallaich iad an uair a bu choir dhoibh beannachadh; agus bheannaich iad an uair a bu choir dhoibh mallachadh. Ach bha Rob Donn fior air an thaobh. Co-dhiu ma chain e an uair a bu choir dha bhin a thosd, cha do mhol e riamh an uair ìs e caineadh a bu fhreagarraiche. Rinn e moran Mharbhrannan; agus, a mach o aon no dhà, is ann moltach a tha iad gu leir. Cho fhad agus is leir dhuinn a nis, cha do chaoidh Rob Donn ach iadsan a bha airidh air cliu; agus anns aMharbhrann is moltaiche a rinn eMarbhrann Iain- ’Ic-Eachainntha e co dhunadh mar so:

S tric le marbhrannaibh moltach,
A bhios cleachdadhs na dùthchaibh-s’ ,
Gum bi coimeasgadh masguill,
Tighnn a steach annt’ ’n dhrùchdaibh;
Ach ged bhithnns air mo mhionnan,
Don tha chumail nan dùl rium,
Cha do luaidh mi mun duine-s’ ,
Ach buaidh a chunnaic mo shùil air.”

Tha ni eile, a reir mo bheachd, a chuidich cliu Rob Dhuinn a lughdachadh a mach as a dhuthaich fein. ’Se sinn a Chanain agus a Rann. Tha moran da fhocail nach tuigear am measg nan Gaidheal an Iar agus a Deas. Ceart no cearr cha deachaidh abheag de Ghaidhlig Dhuthaich-ic-Aoidh, a mach bho Orain Rob Dhuinn fein, a chur an clò. Cha dfhuair na Deasaich mar so moran, eolais air Gaidhlig nan taobhan sin. Tha moran de rannan Rob Dhuinn nach tuig iad gu ro mhaith; agus cha ruigear leas iarraidh air abheag de leughadairean Gaidhlig dragh an iunsachaidh a gahbhail. Thug an Dr. Mac-Aoidh seachad, aig deireadh an leabhair Clàr-mineachaidh, anns am faighear focail neo-àbhaiseach, aBhaird nach tuigear gu maith, ach le a luchd-duthcha fein, air am mineachadh le focail as gnathaichte air feachd na Gaeltachd; aguss achainnt Bheurla.” Nam biodh an t-Olla Mac-Aoidh cho eolach air Gaidhlig an Taobh-deas agus a bha e air Gaidhlig an Taobh-tuath, dhfhagadh e mach as aChlàriomadh focal a chuir e ann, agus

(Air a leantuium air thaobh 102.)



[100]

[Vol . 5. No. 14. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OOTOBER 10, 1896.

Chan eil an suidehachadh anns an Roinn Eorpa ach mar bha e o chionn treis a dh ùine, ach a mhain gu bheil efàs nas coltaiche gach latha gu féumar rud-eigin a dheanamh ris an t-Sultan, agus sin an ùine gun bhi fada. Na faigheadh Breatunn a toil fèins fhada bhon bha e air a chur bhar na cathrach agus chan eil teagamh nach deanar sin fhathast.

Sgaoil an Ard-pharlamaid ann an Ottaw Di-luain, an deigh a bhina suidhe aon latha goirid air seachd seachdainean. Cha robh na fearaibh riamh roimhe cho sgiobalta mun gnothuch, achse bu choireach ri sin nach robh uiread gnothuidh aca ri dheanamhsa bàbhaist. Bidh an tigh cruiun a rithist beagan an deigh ua bliadhnùire.

Anns an litir á S. W. Margaree a bha anns an darna àireamh roimhn te mu dheireadh dhen phaipear, tha e aìr a radh gun dthainig amhor-chuid de luchd-àiteachaidh Mhargaree as a mhor-thir; ’se bu chòir a bhi ann gun dthaiuig iad áMorair”, sgireachn a tha faisg air Mùideart us Arasaig. Tha sinn a deanamh a cheartachaidh so airrtus an t-SEANNA-GHIULLAIN,’ am fear a sgriobh an litir, agus tha sinn na chomain air son ar mearachd a thoirt gur n-aire.

Than sgeul mu dheifeadh a thainig á Cuba ag innse mu dhùigh eagallach a tha Weyler, ceannard an airm Spainnich, a gabhail gu fsotainn cuibhteas priosannaich air am bheil amhrus aige gu bheil iad càirdeil ris na ceannaircich. Mu mheadhon-oidhche tha àireamh dhiubh air an cur am mach ann am bàtaichean, air chùram cuid de na h-oifigich, a thagan toirt a mach gu beul na h-acarsaidsgan tilgeil thairis. Tha an t-uisge an sin beo le Sharks, a thagrad itheadh nan daoine truagha, aìr chors nach bi fhios ciod a dhéireas dhaibh. Tha so a tachairt oidhchen deigh oidhche, agus tha iad a ag radh nach lugha na tri fichead sa tri a chaidh a chur as an rathad air an doigh sgreataidh ud o chioan mios. Tha nithean eile air an cur as leth an duine cheudna a tha nochdadh cho an-iochdmhorsa tha ena dheiligeadh ris na priosanaich; tha moran dhiubh air am bheil amhrus aige gu bhail fios acair cuisean a bhiodh gle bhuanachdail dha fhéin fhios a bhi aig orrr, agus air son toirt orra an innse, tha e cur pheanaistean uamhasach orra. Tha cuid dhiubh air am beathachadh air trosg sailte, agus guu bhoine uisge ga thoirt dhaibh. Ma than sgeul so uile fior, is gnothuch eagallach e. Ach a dhaindeoin gach ni, chan eil e coltach gu bheil na Spàinnich agleidheadh idir, agus mase sid an doigh a tha iad a gabhail, ’s math an airidh.


Mu Fhiadh nan Laplannach.

Tham fiadh sona ghnàsair an dùthchannaibh fuara na h-àirde-tuath, far an dòrduich Freasdal glic agus fiùghantach e, chum goireas agus beò-shlainte muinntir na tìre, a mhothaicheadh ro chruaidh teachd beò as eugmhais. Aig na Laplannaich chaneil each, mart, no caora; cha fhreagradh iad sin san dùthaich; ach tham fiadh so aseasamh dhoibh an àit an eich, len tarruing air sligheachaibh air am beu-comasach do dh eachaibh imeachd; tha e deanamh dhoibh an àite cruidh le bainne bhuileachadh orra, agus na caorach, lebhian molach blàth. Than sitheannna lòn fallain dhoibh: tha na féithean adeanamh dhoibh an àite snàth; agus is gann a tha aon ni a bhuineas don ainmhidh so nacheil a co-fhreagradh dma feumalachd. Tham fiadh so air oileanachadhan àmòige ri tarruing ann an càrn-slaoid, inneal-iomchair san dùthaich sin a tha ro-fheumailan àm dubhlachd. Than neach a shuidheas saghnè charbad so, astiùireadh an fhéidh le sréin ceangailte ra chròic, agusga chur air aghaidh le bior-greasaidh. Mar so giùlainear na Laplannaich deich mile fichead san , gun ana-cothrom sam bith. Tham fiadh so mu cheithir troighean gu leth air àirde: tha e ionnan ann an dath, agus ann an cumadh ris an fhiadh a tha saGhàidhealtachd; ach gu bheil an ladhar anabarrach mòr. ’Se biadh an fhéidh so seòrsa do chnotal no do liath-sgrath a thafàs air leacaibh n duthcha sin.


Tha Taghadh a Chinn-shuidhe ri bhi anns na Stàitean air an treas latha dhen ath mhios. Tha e fàs gle choltach gur h-e Mc-Kinley a gheobh a stigh, ach tha e doirbh a dheanamh a mach le cinnt gus an tig an latha.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[101]

[Vol . 5. No. 14. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bho thoiseach na bliadhna so chaidh ochd mile each a chur a null à Canada do Shasuinn, agus chaidh an creic ann an Lunnainn air deagh phrisean.

Fhuair sinn na dhfhòghnadh dhuinn de dhuisge air an t-seachdain sa chaidhs air an t-seachdain so. Bha an t-uisgesileadh cha mhor gun stad fad ochd latha. Chan urrainn nach drinn e cron mor air a bhùntatas air gach bàrr eile bha mach fodha.

Aig ann fhèill a bha ann anNew Glasgowda sheachdain air aìs, fhuair na Bràithrean Domhnullach, an Gleann-an-dathadair, Mabou, an duais a bàirde air son clòithean us plaideachan. Rha àireamh mhor sheòrsachan aca ann, agus thatar adeanamh moladh mor orra.

Chaidh tighna theine ann an Sidni Tuath sa mhaduinn Di-ciaduin. Bhuineadh e do Mhr. O. B Lewis, agus cha robh e-fein no duine dhen teaghlach aig an tigh aig an àm. Chan eil fhios ciamar a thoisich an teine. Cha deachaidh ni dhe na bhasan tigh a shàbhaladh.

Thatar air fhaotainn a mach gu bheil an luibhre am measg nan Sineach a tha ann am baile Mhontreal. Chaochail seann duine dhiubh o chionn ghoirid, agus cha robh a chairdean air son innse ciod a thug a bhàs. Chaidh an sin dotairean a chur a dhamharc a chuirp agus fhuair iad a mach gum ben luibhre bhair. Tha na taighean aca air feadh a bhaile ri bhi air an rannsachadh feuch am bheil an còrr dhiubh tinn leis.

Bha an t-side gle stoirmeil toiseach na seachdain so. Bha àireamh de shoithichean anns an acarsaid deiseil gus an dhol a mach, ach leis cho garbhsa bhan t-side cha dfhuair iad falbh gu maduinn Dior-daoin. Nam measg bhanArcadia,” nach dfhuair a dhol air a cuairt àbhaistich do na puirt thuathach toìseach na seachdain idir. An deìgh an ama so dhen bhliadhna, faodaidh sùil a bh againn ri stoirmeannans ri droch shide.

Toiseach na seachdain so fhuaìreadh sgeula-bàis Chaiptean Ruairidh Martuinn, a chaochail ann a’ Hong Kong,an Sina. Chaidh Mr. Martuinn arach anns on t-siorrachd so, agus tha àireamh de chàirdean a fuireach an so fhathast. Bha e gu math beairteach; bha e ri ceannachdsa seòladh na mara agus shoirbhich leis gu math. Bha e tri fichead bliadhnasa deich a dhaois, Bu bhrathair-ceile e do Thormaid Domhnullach, (ceannaiche) aig Meinn Lorway.

Si an t-seann eaglais Chleireach anns a Bhras dOr Beag acheud Eaglais Shaor a chuireadh suas ann an Canada, agus tha cuid ag radh gur h-i a cheud Eaglais Shaor a bhair a cur suas air an t-saoghal. Chaidh a togail beagan an deigh don Eaglais Shaoir dealachadh ris an Stàit. Bha i air afosgladh ann an September 1843 leis an Urr. Mathew Wilson. Tha eaglais ùr a nisen deigh a h-àite ghabhail, air a suidheachadh air àite bòidheach ri taobh an locha, far am faicear i astar fada.

Air an t-seachdain sa chaidh dhiùlt luchd-obrachaidh an Telegraph air aChanadian Pacific Railway an còrr obrach a dheanamh gus am biodh cùisean araid a bha eatorra fèins luchd-riaghlaidh an rathaid air ais rèiteach. Bha an rathad mar sin air a dhroch càramh beagan ùine, ach an ceann latha mo dha, chaidh daoneile chur nan àite, agus chaidh an obair air adhart mar a bàbhaist. Chan eil cùisean buileach reidh fhathast, ach chan eil teagamh nach bi gach ni gu coart an ùine gun bhi fada. ’S ann gle ainneamh a thig math sam bith troimhe-chèile dhen t-seòrs ud.

Chaidh da shoitheach air tir aigAlberton Bar, E. P. I. ,a sheachdain gus an . Bha an stoirm gle throm aig an ám, agus chaidh an tur mhilleadh. Bhiodh sgrioban da shoithich air am bàthadh mur biodh treunas nan iasgairean a bha fuireach faisg air laimh a chaidh a machnam bàtaichean, agus a shàbhail iad.

Tha sealg gle ghann air an eilean air am fhoghar so. Babhaist do no cearcan-tomains do na tunnagan-fiadhaich a bhi gu math pailt, ach am bliadhna tha iad gle ghann. Tha duine bhann am Malagawatch o choinn ghoirid ag innse dhuinn nach dthainig ach gann a h-aon de na tunnagan-dubha dh an loch sin am bliadhna, far am bàbhaist dhaibh a bhi tiugh. Cha teid uime sin uiread fùdair no luaidhe a chosgsa babhaist.

Bha stoirm mhor anns na Stàitean a deas air an t-seachdain sa chaidh, a rinn crll uamhasach. Thainig meur no dha dhi cho fada tuath riNew York,agus eadhon cho fada ri Ontario, ach rinneadh an call bu mho a deas air sin. Bha moran dhaoine a chaill am beatha, agus moran oile a chaill an curd an t-saoghal. Thatar ag radh gu robh coir us ceud air am marbhadh, agus tha an call air codach dhaoine air a mheas air aireamh mhuilleinean.

Tha cabhlach mhor de shoithichean-iasgaich a seoladh àGloucester , Mass. ,na h-uile samhradh, agus tha iadnam meadhon air iomadh beatha chall; tha cuid a deanamh mach gu bheil cion faicill acur as do mhoran dhiubh. Air a bhliadh na chriochnaich leis a mhios a dhfhalbh, chailleadh tri ficheadsa ceithir deug de na h-iasgairean a bhair bòrd nan soithichean sin. Bha àireamh dhiubh sin a mhuinntir Cheap Breatunn. Chaidh a tri deug de na soithichean a bhristeadhsa chall.

Tha nighean a mhuintir Thoronto, a bha roimhe sona bana-chòcaire air soitheach a tha ruith eadar puirt Shinas na Stàitean, an dràsdan deigh Seanalair airm Sineach a phòsda Choidh am posadhann aHong Kong, an toiseach le ministeir den Eaglais Shasunnaich, agus an deigh sin le sagart Sineach. Sgriobh a bhean òg dhionnsuidh a càirdean o chionn ghoirid, ar radh gur ann aice bhan aon duine bfhearr air an t-saoghal ged is e Sineach fhèin a thann.

Tha muinntir Eilean a Prionnsa a bruidhinn air tigh-eiridinn, no ospadal, a thogail. Tha an t-Urr Dr. Brecken a tairgse dhaibh làrach air an tog iad e, ann an Kensington, faisg air Charlottetown, àite tha iad ag radh, a tha air gach dòigh freagarrach. Tha muintir an Eilein ainmeil air son cho tapaidhsa tha iad air son ni sam bith ris an tòisich iad à chur air adhart, agus chan eil eagal sam bith gum bi iad air deireadh anns achùis so. Tha taighean anns am faigh na daoine tinne aire mar bu chòir dhaibh, ’nam beannachd mor, agus be mainnn gach duine ceart am faicinn adol nas lionmhoire.

A sheachdain gus an Dior-daoin sa chaidh bha dithis ghillean ann amMoncton , N, B., Fred Brushagus Seumas Bell, aois cheithir bliadhndeug, a mach a sealgaireachd. Bha gunnaig fear dhiubh, agus daga aig an fhear eile. Thoisich iad ri losgadh air targaid, agus air do Bhell an gunna lòdadh dhfhalbh an urchair as gun fhios da agus chaidh i an cliathaich Bhrush. Thuit e air ball agus thòisich an fhuil air taomadh a mach. Dhfhalbh Bell agus gill eile dhiarraidh cuideachaidh, ach chaidh iad air chall anns a choille agus nuair a fhuair iad cuideachadh, cha burrain daibh amas air an àites an robh Bush gu deich uaireansan oidhche, agus nuair a rainig iad e bha an gille bochd marbh. Tha iomadh sgiorradh dhen t-seorsa so atachairt le gunnachan us dagachan a bhi air an earbsa ri gillan òga nuair nach eile gnothuch aca riutha.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c, Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.



[102]

[Vol . 5. No. 14. p. 6]

ROB DONN.

(Air a leantuinn o thaobh 99.)

chuireadh e ann iomadh focal a dhfhag e mach. Tha anClàr,” eashbuidheach agus mar tha e, ro fheumail do Dheasach a ghabhas os laimh Bardachd Rob Duinn a leughadh le curam agus le tuisge: agus air an aobhar so, tha e duilich gun dhfhagadh a mach anClar-mineachaidhas a chlo-bhualadh ùr, shaor a rinneadh de shaothair aBhaird o chionn ghoirid, agus a gheibhear a mhain a nis anns na bùthain. A thuilleadh air so, is ann bho chuideigin no mu chuideigin air nach cualas iomradh a mach a Sgireachd fein a tha a mhor chuid de na h-Orain. Air ceann gach orain, gheibh sinn beagan fiosrachaidh mun aobhar mun deachaidh an t-oran a dheanamh, agus, ma dhfhaodte, mun fheadhainn a tha air an ainmeachadh annta. Tha son a chuideachadh mor a thuigsinn cuid de na rannan is fearr aig Rob Donn; ach chaneil ann, air fheabhas, ach cuideachad lag. Buinidh na h-uiread da Bhardachd da dhuthaich agus da latha fein, agus nacheil e ach gann comasach do choigreach Orain Rob Dhuinn a leughadh le lan-thuigse; agus tha mi deanamh dheth gu bheil, airson acheart aobhair, moran de fhior luach a Bhardachd do-thuigsinn da luchd-duthcha fein an diugh.

A ris, is eiginn aideachadh nacheil rann Rob Dhuinn an comhnuidh reidh, ceolmhor, co-dhiu don chluais Dheasaich, mar a tha rann nam Bard air am miann leis na Deasaich urram a chur. Gheibhear air uairean a rann cho mhilis, cheolmhor agus a dh’ -iarradh an aon is tormasaiche cluas; ach gheibhear i air uairean, agus sin gu minic, cam, crubach. Tha fios agam gum fairich an Deasach faillinn anns an rann gu tric an uair nacheil failinn idir innte. Tha ceol mhoireachd na roinne a reir mar a dhfhuaimeas tu na focail; agus tha dealachadh mor eadar cleachdadh an Deasaich agus an Tuathaich anns acheum so. Ach an deigh na h-uile ni, chaneil rann Rob Dhuinn a ruith cho reidh no cho ceolmhor agus a bu mhaith leinn. Bha cluas-chiuil mhaith aige. Rinn e gu tric am fonn cho mhaith ris an Oran. Ach cha robh uiread meas aige air fuaim nam focal agus a bha aig moran dar Baird. ’S e brigh nam focal agus maise an fhuinn ris am bu mho bha Rob Donn ag amharc; agus chaneil mi cinnteach nach e bha ceart. Creididh mi gu bheil barrachd meas againn air cuid de Orainn a thoilleadh iad a chionn gu bheil fuaim na cainnt taitneach don chluais. A dhaon ni cha tìg Rob Donn a nios ri Mairi-Nighn- Alastair-Ruaidh, no ri Dughall Buchanan, no ri Donnachadh Ban, no ri Uilleam Ross, no idir ri Ailean Dall ann an ceolmhoireachd a roinne. Feudaidh e bhi gum faighear feartan is airde agus is fearr na fuaim thaitneachn a Bhardachd. Ach chan eisd Gaidheil an taobh an Iar agus a Deas ri Bardachd mur cord an fhuaim riu, agus chaneil teagamh nach do chuidich so an cumail gun a bhi cho eolach aìr Orain Rob Dhuinn agus a bu choir dhoibh a bhi.

D. MK. , ’sa Ghaidheal, 1877.


Comhairle do Mhinisteirean.

ORAID LE FIONN.

[Fhuair sinn an òraid ghasda a leanas ann anIomradh Eaglais Shaor na h-Alba.” Bha i air a liubhairt ann an Glascho, air beulaobh o Chomuinn Cheiltich, o chionn choig bliadhnair ais, achsi ar barail gu bheil i cheart cho freagarrach an diughsa bha in uair sin, agus gu bheil a chuid mhor de na tha innte cho fior mu chearnan de Chanadasa tha iad mu Ghaidhealtachd na h-Alba. ]

Fhir na cathrach agus a chàirdean: —Is e mo chiad dhleasanas taing agus buidheachas a thoirt don Chomunn so air son, chan emhàin cuireadh a dhomh thoirt tighinn a so agus an fhearas-chuideachd a mhealtainn, ach cead a thoirt dhomh mo ghuth a shìneadh agus facal no dhà a ràdh ribh ann an cainnt bhinn, bhlasda ar dùthcha, achànain sin mun urrainn a mhòr-chuid againn a ràdh le bàrd na Leideige,—

“ ’S i dhionnsaich sinn tràth
Ann an laithean ar n-òig’,
S nach tréig sinn gu bràth
Gus an laidh sinn fon fhòid,”

Tha an sean-fhacal ag ràdh— “Is miann le triubhas a bhi measg aodaich, is miann leam fhéinbhìmeasg mo dhaoine.” A nis ged as miann leamsa a bhi leibh air an fheasgar so, chaneil e farasda dhomh labhairt, ach leis nach deachaidh nasg no buarach a chur orm, faodaidh mi an rud a thogras mi a ràdh, gun fhiamh, gun eagal, oir chaneil mi fo smachd na cléir. Ach air a shon so ma thuiteas dhomh ni air bith aithris nach còrd ribh, tha min dòchas nach bi sibh tuilleadh as usaideachn uair a chuimhnicheas sibh an sean-fhocal,— “Than Fhirinn féin air uairibh searbh.” Cha mhinistirs cha mhac ministir mi, ach faodaidh e bhi gun urrainn domh earail mhath a thoirt dhaibhsan aig am bheil sùil ri bhi nam ministirean anns aGhaidhealtachd gu goirid ma chaomhnas am freasdal iad.

Nis tha min dochas gu bheil sibhse uile aig am bheil dùil dol don Ghaidhealtachdg ar n-uidheamachadh féin air son nan dleasanais a tha far comhairan sin. Tha e mar fhiachaibh oirbh sibh féin a dheanamh foirfe ann an Gàilig, agusur dìchioll a ghnàthachadh chum achànain aosda sin a labhairt gu mìn, réidh, boidheach; ’n alànachd, ’na fior-ghloines na maise, —gun bhlas na Beurla, gun cholamadh mosachsam bith. Na bithibh asmaoineachadh on a dhfhaodas e bhith nach eil na seann daoine còire anns aGhaidhealtachd a suas ri feallsanachd agus Beurla mhòr, gum foghainn ràpaireachd no ròpaireachdsam bith ann an Gàilìg. Mureil iad deas ann am Beurla no ro ealanta air sgoltadh ròinneag, neo-ar-thaing mar aithne dhaibh smior na Fìrinn agus deagh Ghàilig, agus tha iad murrach gu leòir airtapachan” ’usseotachana dheanamh de na ministirean òga a than tòir air sgìreachdan. Ma tha sibh foirfe, deas-chainnteach ann an Gàilig chaneil eagal orm nach bi bàigh agaibh do chainntur dùthcha, oir tha an darna ni a leanailt ann an lorg an ni eile. Air an làimh eile mur eil sibh ach lapach, liotach, crùbach anns a chànain aosda sin, chan urrainn mòr ghaol a bhi agaibh oirre, agus bithidh sibhga tilgeil ann an cùil thalls a bhos agus a feuchainn ri obair na sgìreachd a ghiulan air aghaidh ann am Beurla, agus cha bhi a Ghàilig bhochd air a toirt air lom ach cho ainmigs a dhfhaodas sibh. A nis ma bhitheas cùisean mar so, am bi iongantas oirbh ged a bhios na seann daoine comodh airur son agus gu tric a tarruing coimeas eadar na Gàilig-Ghalda agaibhse agus aGhàilig mhìn réidh ruiteach a bhaig an t-seann duine chòir a bhas an sgireachd air thoiseach oirbh, a labhradh cainnt a mhàthar cho Gàidhealach ris an fhraoch agus cho blasda ri im àiridh. Agus chan emhàin gun toir sibh tàir oirbh féin, ach bheir sibh tàmailt don t-Soisgeul, ma bhitheasur seanachas cho neo-bhlasda ri ubh gun salunn, agus cho tioram ri marag gun gheir. Cuimhnichibh so ma gheibh sibh sgireachd anns aGhaidhealtachd gur ann a chionn gu bheil Gàilig agaibhs chan ann air sgàthur Beurla, oir ged a bhitheadh sibh lan Beurla agus comasach air a labhairt na h-uile lànachd, chan fhaigheadh sibh air a thàilibh so an sgireachd as lughas aGhàidhealtachd, ma tha sibh a dheasbhuidh Gàilig. Ma bhitheas meas agaibh air a Ghàilig cha toir sibh feins cha leig sibh le neach eile, tàir a dheanamh oirre, no amharc sios orrasan a labhras iagus theagamh gun chainnt eile acach i. Tha Gàidheil ann, agus tha iad lionmhor am measg na cleir, a labhras mar so: —Tha aGhailig a dol bàs a dhaindeoin co theireadh e, agus mar as luaithethéid a càramh fo n fhòds ann as fèarr.” Duinesam bith a labhras mar so mu chainnt a mhàthar, cha ruig e leas ioghnadh a bhi oirbh ged a bheir e breab dhi a h-uile uair a gheibh e cothrom. Ma tha an t-seann chànain a sheas cho fada, agus a dhfhoghain, mar chainnt do na laoich a rugadhs a thogadh ann an tìr nam beann, a fàs breòite— ’s cha nàir dhith— ’s olc an airidh gum biodh ina seann làithean, ’n uair a thaa ceann air liathadhs a ciabhagan air tanachadh,” air a mi-ghnàthachadh le peasain, ’s air a saltairt anns an eabar leosan nach do thuig a maises nacheil airidh air na daoine fiughanta a dhàraich iad. Cuimhnichibh gun dfhuair sinne aGhàilig mar dhileab luachmhor o ar n-athraichean, agus gu bheil e mar fhiachaibh oirnn a cumail gu cùramach agus a liubhairt thairis gu fallain, iomlan, gun ghaoid gun ghalar, don dream a thignar déigh. Nach bi e nàrach agus maslach dhuinne ma leigeas sinn leis aGhàilig fàs



[103]

[Vol . 5. No. 14. p. 7]

dìblidh, no dol bàs, no ma nochdas sinn cho beag bàigh dhis gum feum ina seann làithean cùl a thoirt ri tìr a daimh, agus fàrdach a gaoil fhàgailturus-cuain a ghabhail gu tir chéin agus dachaidh ùr a chur suas am measg Ghàidheil theò-chridheach Chanada, a bheir dhi furan agus fàilte. Chan fhaod e bhi gun tachair osnar latha-ne! Nach ann a ghlacas sinn misneach, agus a bheir sinn bòid gum bi sinn nas dilse na bha sinn riamh don Ghàilig, agus anns an spiorad so nach feuch sinn ris a chànain ath-bheothachadh agus a mhisneachadh, ag aithris le mcharaid Niall Mac Leòid,—

Duisg suas aGhàilig, ’s tog do ghuth
Na biodh ort geilt no sgàig,
Tha ciadan mìle dileas dhuit
Nach diobair thus abhlàr;
Cho fads ashiùbhlas uillt le sruth,
S a bhuaileas tuinn air tràigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth,
Gun téid do chur gu bàs.”


Bha fear-turuis Sasunnach anns a Ghàidhealtachd o chionn ghoirid agus am feadh a bha e siubhal a null thar monaidh, thainig fras throm air. Choisich e astar beag gus an dràinig e taigh a bha an sin, agus chaidh e a steach. Bha duine a stigh a chuir fàilte air, agus a chuir suidheachan ri taobh an teine air a shon. Mhothaich an coigreach nuair a bha e a stigh car ùine gun robh mòran tholl troimh an tugha agu guin robh ras leòir de shnighe atuiteam a nuas gus an ùrlar. Thuirt e ri fear an taighe, “Carson nach càraich thu an tugha?” “Och,” ars an Gaidheal, “Chan urrainn dhomh sin a dheanamh agus an t-uisge ann cho trom.” “Carson nach do chàraich thu e nuair a bha an aimsir tioram?” thuirt an Sasunnach.” “A chionn,” fhreagair an Gàidheal, “nach dthainig deur uisge a staigh nuair a bha an tiormachd ann.”


Bha gille beag ann, aon uair, a bhana dhilleachdan agus air an aobhar sin babhaist da bhi còmhnuidh còmhla ri bràthair athar; bha an duine sona fhear spiocach, cruaidh, ionnas gnm bu tric nach dfhuair am brogach gu leòir bidhe, agus mar sin dhfhàs e lag, fann, caol. Bha e acoiseachd air an t-sràid aon latha agus thachair e air miol-chù beag. Chan fhaca e riamh roimhe cho caol, agus sheas e fad mionaid no dha ag amharc air le iongantas. An sin ruith e gu luath a dhionnsuidh achoin, thilg e a ghàirdeanan mu thimchioll a mhuineil, agus thuirt e, “A choin bhig bhochd! am bheil thusa còmhnuidh maille ri bràthair dathar mar an ceudna?”


Is e Ordugh aChluarain an t-òrdugh as sine a tha anns an Roinn Eorpa; bha e air a shuidheachadh anns abhliadhna 787. Rinn an còigeamh Righ Seumas atharrachadh air an Ordugh anns abhliadhna 1540 agus rinneadh atharrachadh eile air leis an t-seachdamh Righ Seumas anns a bhliadhna 1687. Cha robh Ordugh aGhlùinean air a shuidheachadh gus abhliadhna 1348.


Bha na h-Eirionnaich agus na Cuimrich ni bu lionmhoire na na Sasunnaich fein anns an fheachd a chuir an ruaig air na Frangaich aig blar Chresi anns abhliadhna 1346. Is abhaist do na Sasunnaich buaidh a chosnadh le treubhantas nan Ceilteach. Tha an cliù agus an duais daonnan aig na Sasunnaich agus tha na buillean agus na leòin aig na Ceiltich.


Tha fear-teagaisg Gaidhlig a nis ann an Oil-thaigh Rioghail na h-Eirinn, agus tha an luchd-riaghlaidh ag ràdh gum faigh aGhàidhlig acheart chothrom agus cheartas a tha cànainean eilefasghinn.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais,
Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.



[104]

[Vol . 5. No. 14. p. 8]

Oran don Mhac-Talla.

LE GILLEASPUIG MAC ILLEOLAIN, MAC-AN TAILLEAR, AM BROAD COVE.

AGhaidheil rìoghail than dràsdasgriobhadh
Gu cainnt ar sìnnsreadh a chumail suas,
Toirt fios is eòlais do roinn dar nòigridh
Len toil na h-òraintha seoladh bhuat;
Sliochd nam mòrbheann a leanadh tòrachd,
An aobhar Dheòrsas nach sòradh ruaig;
Lem breacan uaines lem feìllidh cuaiche
Toirt lannan cruadhach a nuas atruaill.

A Ghàidhlig fhìnealt’ ’s tu cainnt as prìseal
A bham ro linntean man drugadh sluagh;
S tu bhaig Adhamh a stighs a Gharadh,
Nuair chuìr e fàillt air a Ghràdh a fhuair;
S i labhair Fionn agus Gollus Alpain
Atogail chaisteal aig oir nan stuagh;
Si cainnt as blasdan uair labhrar ceart i,
Gun deirea facail, gun smal, gun truaill.

Mhic-Talla aoidheiltha tighnn an taobh so
Toirt naigheachd saor do gach aon mun cuairt,
Se t-ainm as aosdatha measg chloinn-daoine,
Stù fuireach daonuans àn aonach shuas;
An creagan àsdes an caisteil bhàna,
Gum bi thu tàmh anntri bhàths is fuachd;
Gu tric le eibhneas bha migad eisdeachd
S tu freagairt eigheach om bheul gu luadh.

A fhleasgaich uasail a dhùisg mo dhuan domh,
Mo dhùrachd buan duit gun soirbhich leat;
Gun cruinnich uislean na tir mun cuairt ort,
S gun tog iad suas thu gu luathan neart;
Oir nochd do sgrìobhadh-sa moran dichìoll
Is doimhneach ìnntinntha dìreach, ceart,—
Mo rùn gach uair dhuit gun cinnich buaidh leat
S gum bin clo-bualaidh ro bhuan da dmhac.

Ged tha min dràsda cho fad bho t-fhardaich
Bu toil leam Gaidhlig a chuir ad chòir;
Chaneil ach sgàileadh am measg nan Gàidheal
Go cainnt am mathar a chumail beo,
Bhon dhfhalbh na h-uaislean a chumadh suas i
Sa dhfhàg gu buadhmhoiri ann an ,—
S be sin an dìleab nach teid a dhìobradh
Fhads bhios adìreadh o ghlinnan ceò

Mhic-Talla uasails tu mac a Chuairteir,
A tir nam fuar-bheannbha uair tighnn oirnn;
Cha tilleadh cuan e, ’s cha mhilleadh fuachd e,
Sa bhreacan guailne aigsuaint muchòt’;
Bu math ge innse man chomuun rìoghail,
Mu dhol na rìoghachds mar chinn na sloigh.—
Bhiodh naigheachd ghrinn an mu Fhionnladh Piobair
Bhon tagha sgrìobhaiche, Tormaid og.

Chan eil min dràsda am measg do chairdean,
A deanamh pàighidh airson do ghniomh:
Tha doill am leirsinn, ’s cha dean mi feum dheth,
Ga drinn mi leughadhan tus a thriall
Na leanabh brònach, gun dad a threorachd
Se beagan òirleachbha beona chliabh;
Le tagha slàintes le altrum bhàigheil
Gun drinn e fas duinn an àirds an leud.

A charaidghradhaich, bidh migad fhagail
Anns a cheart aite san dfhuair mi thù,
Ad shuidhe comhnard an caithair bhòidhìch,
S tu sgriobhadh òran air paipear ùr;
A h-uile duthaich gan drinn thu stìùradh,
Atoirt a rùin duit is cliu gach uair;
Achùirtear ionmhuinn o Shrath Mhic Fhionghain,
Gum bheil ort iomradh aig iomadh sluagh.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


Feumaidh ar caraid à Cabot, Vt., ar leis geal a ghabhail; fhuair sinn a litir, ach gus a so cha burrain dhuinn àite dheanamh dhi. Mur teid cùiseannar n-aghaidh ghaibh i àitesan ath aireamh. Tha mar an ceudna litir àNew Zealand,litir a Priceville, Ont. agus litrichean eile againn a dhfheumas feitheamh gus an ath sheachdain, le cions nach eile àit againn dhaibh. Tha aig an fhear-dheasachaidh ri cumail air ais o iomradh air a chuàirt do Eilean aPhrionnsa a leantuinn air son an aobhair cheudna. Ach gheibh na h-uile àite ma bhios beagan foighidin aca. Agus na cumadh so air ais duine sam bith eile aig a bheil litir bheag no mho ri chur gar ionnsuìdh.


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.


REIC AODAICH
As mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh.
A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct.

Tha min deigh stoc anabarrach mor de dh
Aodaichean Deante

a cheannach bho na taighean as fhearr an Canada, air pris cho iseals gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu,

Cho saorsa dhiarradh tu.

Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caitem bheil sinn. Anns an stor a than aon tigh ais aBhanca.
D. J. DOMHNULLACH.

titleIssue 14
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 14. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page