[105]

[Vol . 5. No. 15. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 17, 1896. No. 15


Cuairt do Eilean aPhrionnsa.

LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH.

Sguir sinn aig Caolas Chanso, agus farn do sguir sinn, tòisichidh sinn. Tha dha no tri de bhailtean beaga air fàs suas mun chaolas, agus tha iad adeanamh am beòlaind air a mhalairt a tha na soithichean abuileachadh orra, agus air an iasgach. Tha Hawkesbury agus Hastings air taobh Cheap Breatuinn, agus Mulgrave air taobh Nobha Scotia. ’Sann aig a bhaile bheag sin a tha sinn a dol air tir, agus than t-each-iaruinn an sin a feitheamh ruinn. Tha e air a shuidheachadh aig bonn beinne, agussi sin a bheinn chas. Chan eil dòigh air direadh on laimhrig dhionnsuidh an aitesa bheil na storaichean ach air ceumannan staidhir, ’se sin mur eil thu deònach a dhol astar mor timchioll. Tha aig an each-iaruinn fhèin, ged is math anghadh, ri falbh on chalan co uhair a chùil gus abheil e mu leth-mhile mach, agus an sin tha e gabhail air fiaradh na beinne, agus air an dòigh sin a ruigheachd a mullaich. Gun an car a thoirt aisde mar sin chan fhaigheadh e thairis oirre am feasda. Ach fhuair e thairis an lathud mar a rinn e iomadh latha roimhe, agus sinne air a shiubhal. Bha sinn a nise air tri mor, agus a falbh cho luathsa dhfhaodamaid, Chan eil an rathad eadar Mulgrave us Antigonish idir cho socair ri rathad Cheap Breatunn. Bidh na carbadan a tulgadh a nullsa nall air dòigh nach fhaicear ach gann air an taobh so dhen chaol idir. An deigh Mulgrave fhagail than carbad aruith troimh choille agus troimh fhearann creagach, clachd. Ach an deigh fearainn bhriagha, dhùthaich mhath, far am faicear fearainn bhriagha, air an deagh obrachadh, agus far am bheil na tuathanaich a rèir gach colthais, gle chothromach. Bho nach robh misèolach, cha robh aon àite dhomh ach mar a bhan t-àit eile, agus cha do ghabh mi moran beachd orra, agus mar sin chan urrainn domh a bheag a radh mun deibhinn. Bha àite no dha mun drainig sinn New Glasgow anns am bfhior thoigh leam taghal nan ceadaicheadh ùine dhomh sin a dheanamh. ’S e aite dhiu sin an Amhuinn a Deas far a bheil mo charaid, Alasdair au Ridse, ’fuireachduine nach fhaca mi riamh, ach on cuala mi-fhin agus leughadairean MHIC-TALLA gu math trice, agus duine tha fhios agam a dheanadh beatha Gaidheal sam bith a ruigeadh e. Ait eile anns am be mo mhiann beagan ùine chur seachad, Antigonish. Than rathad-iaruinn a dol seachad ri taobh a bhaile sin, ach chan fhaighear sealladh còir sam bith air bhar a charbaid; tha e air a thogail air aite cho iseals cho còmhnards gur gann a chithear idir e. Tha idsan a tha eòlach air ag radh gur a baile bòidheach e agus ma tha chuid nach fhaca mise dheth cho bòidheach ris na chunuaic mi, tha iad ag radh na firinn. Bu toigh lean cuideachd taghal aig Amhuinn Bhàrnaidh, farn dochuir arn Bard Mac-Gilleain seachad àireamh bhliadhnaichean an deigh dha tighinn thar cuain, agus far an drinn en t-oran tiamhaidh, muladach, “a Choille Ghruamach,” annsn do chuir en ceil don t-saoghal mar a fhuair e America.

Chan ioghnadh dhomhsa ged tha mi brònach,
S ann tha mo chomhnuidh air chill nam beann;
Am meadhon fasaich air Abhainn Bhàrnaidh
Gun dad as fhearr mam buntata lom:
Mun dean mi àiteachs mun tog mi bàrr ann,
S a choille ghabhaidh chur as a bonn
Le neart mo ghairdein, gum bi e straicht’,
Is treisair failinn mum fàs achlann.”

Gur h-iomadh caochladhtighinn air an t-saoghal,
S ro-beag a shaoil minuair bha mi thall;
Bu bheachd dhomhn uair sin mun drinn mi gluasad,
Gu fasainn uasalnuair thiginn ann:
An car a fhuair mi cha bann gu mbhuannachd,
Tighnn thar achuain air achuairt bha meallt
Do thir nan craobh anns nach eil an t.saorsainn,
Gun mhart, gun chaora, ’s mi dhaodach gann.”

Achs mor an t-atharrachadh a thainig air an duthaich on uair sin. Chan urrainnear le firinn, tir nan craobh a radh rithe tuilleadh. Tha choille ghabhaidh air a cur as a bonn agusna h-àite tha fiar us bàrr a fas o bhliadhna gu bliadhna, agus crodh us caoraich us eich ag ionaltradh far nach faighte an uair ud ach mathain us cait-fhiadhaich. Tha an diugh rathaidean-mora, air am faighear siubhal gu socair ann an carbad, agus eadhon an rathad iaruinn, far nach robhsan àm ud ach ceum rathaid troimhn choille. ’S mor an t-atharrachadh a bheir ùine agus obair chruaidh air aghaidh dùthcha. Ach ged a be mo mhiann-sa stad anns na h-àiteachan so, cha robh math dhomh a dheanamh, agus lean mi air adhart. Beagan an deigh naodh uairean rainig sinnNew Glasgow,agus an sin rinn an carbad dàil fhichead mionaid air son cothrom a thoirt dhuinn ar suipeir a ghabhail. An deigh sin chaidh sinn air adhart gu Stellarton, far am bfheudar dhuinn an carbad fhagail agus a dhol air carbad eile gus ar giùlan gu Pictou. Rainig sinn am baile sin mu leth-uair an deigh deich, agus air dhuinn a bhi car sgith ghabh sinn mu thamh air son na h-oidhche. An ath latha thug mi fhins mo chompanach sgriob mun cuairt a choimhead a bhaile, agus mu dha uair feasgar chaidh sinn air bòrd an St. Lawrence, am bàta-smuide bha gu ar giùlan gu Eilean aPhrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agusnuair a tharruinn sinn a mach on laimhrig bhan t-uisge cho còmhnards ged nach bu mheur dhen chuan mhor e idir. Tha sealladh gle bhriagha ri fhaicinn an am a bhi dol a mach as an acarsaid. Tham baile air a shuidheachadh air taobh cnoic air an laimh chli, ag amharc gle bhòidheach on uisge. Mu choinneamh a bhaile air an laimh dheis. Tha laimhrig a ghuail. Tha dùthaich eireachdail ceithir-thimchioll na h-acarsaid. tha beul na h-acarsaid gle chumhang, agus tha singa fàgail fasgach an lathas motha stoirm; tha uisge, domhain innte, agus uime sin tha i air a meas mar acarsaid ro mhath.

(Ri Leantuinn.)


Tha bantrach an Urr. Tearlach H. Spurgeon, an searmonaiche ainmeil a bhan Lunnain, an deigh òrdugh a thoirt seachad air son aon da shearmoin a bhi air a chur am mach ann an Gàilig. ’S es ainm da, “A togail na Nathair Umha;” chan eil e air innse co rinn an t-eadar-theangachadh, ach tha an t-Olla Mac Fhionghain, an Duneideann, ag radh gu bheil e air a dheanamh gu math. Bidh tuilleadh de shearmoin Mhr. Spurgeon air an cur am mach an Gàilig an deigh so.


GILLE MODHAIL. —Bha duin-uasal Sasunnach, Morair Abingdon, a bha na dhuine gle mhòralach, aon latha gabhail an rathaid ann an carbad, nuair a thachair gille beag air agus laogh aig air ròp. Stad an gille agus thòisich e air dùr-amharc an clar-aodainn amhorair. Dhfheòraich am morair dheth an robh ega aithneachadh. “ ’S mi tha,” ars an gille, “is tusa Morair Abingdon.” “ ’S car son, ma ta, nach eil thu toirt dhiot dad?” “Ni mi sin,” ars an gille, “ma chumas tu fhéin an laogh.”


Be faicinn na peucaig is breunas an t-sionnaich e.

Be am bataga thoirt duit gus mo cheann a sgailceadh e.

Be an capullg a thoirt a dhInnsibh Gall e.



[106]

[Vol . 5. No. 15. p. 2]

ROB DONN.

(Air a leantuinn.)

Fhuair Rob Donn, ’na dhuthaich feìn cliù agus urram nach dfhuair Baird, ma dhfhaodte, a bairde buaidhean na esan. A mach as a dhuthaich fein, gu sonruichte am measg nan Gaidheal, cha dfhuair e fathast an t-urram a tha dligheach dha. Chan fhiosrach mi gu beil aon dar Baird Ghaidhealach, a mach o Oisean, a dhfhagna dheigh uiread Bardachb ri Rob Donn; agus chaneil aon idir ann a rinn uiread oran ris. Feudaidh e bhi gur e is aobhar gu bheil na h-uiread dhiu a nis air sgeul nach robh e fein a lathair an uair a chuireadh a mach an leabhar, agus gun do ghleidheadh a chuid oran air chuimhne na bfhearr na ghleidheadh saothair nam Bard nach do chruinnich an orain fein. Ann an coimeas rar Baird Ghaidhealach thar cheann, tha Rob Donn comharraichte airson giorrad agus aireamh a chuid oran. Chaneil, ma dhfhaodte, Bard againn a thug seachad uiread fhuinn ris; chan eil aon idir aig abheil cho lionmhor atharrach steigh ris. ’S e Orain shùgach, Aoirean, agus Marbhrannan is trice a tha aige; ach chaneil teud den chlarsaich Ghaidhealaich nach do bhuail e. Chaneil inntinn air a lionadh le aillidheach maise, agus greadhnachas na tìre mar bha inntinn nan triuir Bhard a bu cho-aoisean dhaMac-Mhaighstir-Alastair, Dughall Buchanan, agus Donnachadh Ban; ach gheibh sinn uair no dhà dearbhadh nach robh gloir agus greadhnachas achruthachaidh foluichte o shuil o chridhe. Chaneil Orain Ghaoil Rob Dhuinn cho lionmhor no cho blath ri Orain Ghaoil cuid dar Baird. Ach tha cuid diu so, agus aon gu sonruichte a rinn e da cheud ghaoldoAnna bhuidhe nighn Domhnuill” —an deigh dhi cul a chur ris, air nach toirear barrn ar canain. Saoilidh mi gun dearbh an ceathramh mu dheireadh den oran so gun robh cluas, cridhe, agus inntinn Baird aig Rob Donn:

Ach cionn bheir mi fuath dhuit,
Ged dhfhuaraich thu rium,
N uairs feargaichmo sheanachas,
Mu tainm air do chùl,
Thig tiomhaigh le h-annsachd,
N a shamhladhn am ùigh,
Saolidh mis an am
Gun dean an gaol sin an tùrn.
S theid air a ràth,
Gu h-as-ur,
Is fasaidh en trà sin,
Cho àrda ri tur.”

Ach ged rinn Rob Donn iomadh Oran den t-seorsa so a dhfhirinnicheas barail Iain- ’Ic-Aoidh, Fear Mheilinis,

Leis gach breitheamh dan eol dàn,
Bidh cuimhe gu brath air Rob Donn,”

chaneil teagamh nach e Aoirean agus gu sonruichte a Mharbhrannan agus Orain aotrom, shùgach, aighearach a ghleidheas ainm air chuimhne. Airson a leithid so de Bhardachd, chàneil, a reir mo bheachd, coimeas do Rob Donn am measg nam Bard Gaidhealach. Ann an cuid de fheartan Bardail, agus ma dhfhaodte anns achuid is airde, cha tig e nios ris na Baird Ghaidhealach is ainmeilen ar measg. Cha choimeasar Rob Donn no aon eile dar Baird Ghaidhealach ri Oisean. Tha agus a reir coltais bithidh aìte air leth aige-san ann an teampull na Ceolraidh Ghaidhealaich. Cha mho a choimeasar, a reir mo bheachd ann an ceartas, Rob Donn airson reachdmhoireachd smuain no neart cainnt ri Mac-Mhaighstir-Alastair, no ri Donnachadh Ban airson snas cainnt no grinneasus ceolmhoireachd roinne; agus chaneil idir sealladh ard no smuain ghreadhnach Dhughail Buchanain aige. Ach bha inntinn cho beo aige agus a bha aig aon den triuir; agus cha robh aon diu a bu gheire suil a dhfhaicinn roimh chridhe cuise no roimh chridhe duine na Rob Donn. A thuilleadh air so saoilidh mi nach robh aon dar Baird ainmeil Ghaidhealach aig an robh an tomhas de thuigse nadurra a bha aig aBhard so; agus tha an seud ainmig so cho feumail don Bhard, mureil nas feumaile, agus a tha i don each eile. Chum am feart so, agus firinn a naduir, Rob Donn ceartna mholadh agusna chaineadh an uair a bha an cunnart mor gun rachadh a cli. Chaneil teagamh nacheil achuid mhor de luach Aoirean agus Mharbhrannan Rob Dhuinnnam firinn. Mur biodh dearbhadh againn gur ann le rùn maith, neo-fheineil a rinn Rob achuid is mo agus gu sonruichte achuid is fearr da rannan, cha bhiodh meas cho mor againn orra agus cha toilleadh iad e. Ma chuireas tu grinn a taobh, ma dhfhuilingeas tu dhuit fein a bhi luaidh ri neach gach feartus rian maith no dona is aithne dhuit, saoilidh mi gu bheil e nas usa dhuit rann ceolmhor, reidh a dheanamh na bhitheas e ma ghleidheas tu an comhnuidh dlù ris an fhirinn.

S e mo bheachd gur e an aon choire is mo dhearbhar air Rob Donn mar Bhard gun do chaith e ro bheag dragh ri orain. Saoilidh mi gu bheil e fior, agus gur call mor don Bhardachd Ghaidhealaich gu bheìl, gun robh an duine so comasach air a chuid oran fhagail na bfhearr na rinn e, agus gun robh e comasach air obair a bairde dheanamh na ghabh e os laimh. Tha e air innseadh dhuinn gun robh e deanamh oran on a bha e tri bliadhna a dhaois ga bhas; agus ged, ma dhfhaodte, nacheil Bard Gaidhealach againn a ghleidh an comhnuidh ma choinneamh cudthrom agus soluimteachd dreuchd aBhaird mar a ghleidh Rob Donn, tha e fior gur gann a ghabh e barrachd dragh ataghadh a steigh norann no chainntna thri-fichead bliadhna na ghabh ena thrì. Thigeadh ni no neachna rathad a bha toillteanach air cliù, air achmhasan, no air fochaid, agus ann an tiunndadh na boise bha an t-oran deanta agus cha robh an ath tilleadh ris. Cha rachadh e fad na cois a dhiarradh steigh, agus cha smuaineachadh e uair airson focal a bu fhreagarraichena cheile. Be gne inntinn an duine, a reir coltais, o oige a bhi beothail, ullamh, geur. Bha a Bhardachd ann an tomhas mor de aon ghne ra radhan agus ra fhreagairtean. Bha e teabaidh, beairrte, geur thar tomhais, agus gheibheir am feart sona rann, ma dhfhaodte, nas trice na gheibhear na feartan Bardail is airde. A cha thuilleadh air so bha cridhe blath aige, agus bha nadur fior, misneachail, duineil aige a chum na feartan cunnartach ud eile fo smachd cubhaidh.

Chaneil teagamh nacheil Orain Rob Dhuinn ann an tomhas nas luchmhoire a chionn gun deachaidh cho beag dragh a chaitheadh riu. Tha sinn nas eolaiche air aBhard agus air ghne inntinn a bha aige do bhrigh so. Is mor an luach a bhi faotainn toradh inntinn gheur blath on chridhe. Agus tha e air innseadh dhuinn gur gann a chaith Rob Donn os cionn uair no dhàair a chuid bho mhori aon da chuid oran. Tha dearbhadh air gun do rinn e cuid de na h-orain is fear ann an uine bu ghiorra na so. Ma dhfhaodte nacheil aon da orain cho ainmeil riMarbhrann Eoghainagus riBriogais Mhic-Ruairidh.” Ged nach deanadh e riamh Oran ach an dithis so fein, bhiodh a chliù àrd am measg nam Bard Gaidhealach. Tha fios againn gun deachaidhMarbhrann Eoghainna dheanamh ann a fior bheagan uine am bothan Eoghain fein mun dfhag an anail e; agus gun do rinneadhBriogais Mhic-Ruairidhann an iomlaid leth-uair an uaireadairam feadh agus a bha am Bard acoiseachd mu dha mhile de astar. Ach ged gheibhear cuid de orain Rob Dhuinn fior mhaith, chaneil teagamh nacheil, nan smuain, ’nan cainnt, agusnan rann blath an deifir air a mhor chuid diu. Ged chaidh orain a sgriobhadh o bheul aBhaird fein, chaneil e ro-choltach gun robh cothrom aig Rob Donn mar bha aig ar Baird ainmeil eile air a shaothair fhagail air an doigh a bfhearr mar dhileab aig an t-sluagh. Sgriobh agus chlobhuail Mac-Mhaighstir-Alastair agus Dughall Buchanan am Bardachd fein. Bha làn uine agus làn chothrom aca air a shonruchadhnan inntinn fein a chuid den saothair a bheireadh iad seachad don t-saoghal agus an doigh air an tugadh iad seachad e. Tha e air aithris gun do sgriobh an t-Olla Stiubhart, Ministeir Chill-fhinn, a dheadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh gu Gaidhlig, orain fein do Dhonnachadh Ban Mac-an-t- Saoir. Bha mar so làn chothrom aig an triuir Bhard so air amharc thairis agus thairis air saothair fein mun do chuireadh fa chomhair an t-saoghail ann an leabhar i. Chan aithne dhomh call is mo do chliu Rob Dhuinn na nach dfhuair esan an cothrom ceudna. Bha e fein agus a mhinisteiran t-Olla Domhnullach— ’nan deagh chairdean. Is tric a smuainich mi nan sgriobhadh an duine so Bardachd Rob Dhuinn gum biodh i againn air doigh gu mor nas taitniche na tha i. Cho fada agus a thainig a chliù a nuas gar latda-ne ann am Bardachd Rob fein, bu duine tuigseach



[107]

[Vol . 5. No. 15. p. 3]

an Domhnullach, aig an robh inntinn fharsuing, cho maith ri ministeir dileas. Saoilidh mi nan sgriobhadh am ministeir so Bardachd Rob Dhuinn gun cuireadh e stad air aBhard aig iomadh focal agus aig iomadh rann agus gun abradh e ris; “Stad ort a Rob! Abheil thu cinnteach nach ghabhadh am focal no an rann so a leasachadh? ’S e do dhreuchd-sa a bhi seinn mar is e mo dhleasdanas-sa a bhi searmonachadh. Ach cuimhnich an uair a bhitheas tusa agus mise acnamh anns an uir, an uair a bhitheas mo shearmoinean-sa agus iadsan a chuala iad gu tur air di-chuimhne, gum bi t-orain-sa agus t-ainn cho caithreamach am measg an t-sluagh agus a tha iad an diugh. Tha mise am fhear-teagaisg do mhuinntir na sgireachd so ann am latha feinn. Is goirid gus am bi mo chliù agus mainm am measg nan nithean a bha. Ach tha thusa ad fhear-teagaisg do dshlùagh cho fhad agus a bhitheas iad fein agus an canain beo air thalamh. Am feadhs a dhinnsear sgeul no sheinnear oran ann an Gaidhlig, bithidh Faolan agus an Geigean agus Iain Thapaidh agus am Boc Glas agus Mac-Ruairidh agus Eoghan agus Clann-Fir Ruspainn atoirt foghluim agus toilinntinn do mhiltean do dluchd-duthcha anns gach cearn den t-saoghal. Tha fios agam gur ann air taobh na coir, na firinn, agus nan deadh bheus a tha do theagasg agus a bu maith leat e bhi. Ach tha thu aseinn airson nan linntean a thig addheigh. Cha bu maith leat fein no leam-sa gum biodh do chainnt no do smuainn an ceap-tuislidh do aon a leughas t-orain. Thoir an aire, ma ta, gum bi t-orain agus do dhain air an aiseag don t-sluagh anns an doigh anns am bu mhaith leat do chliù fein, cliù do shluaigh, agus cliù Bardach do dhuthcha a bhi air an gleidheadh beo air feadh an t-saoghail re nan linntean ri teachd.” Tha mi meas nam biodh smuaintean den t-seorsa so fa chomhair inntinn Rob Dhuinn an uair a sgriobhadh achuid oran gun robh iomadh focal agus sreath agus rann air an atharrachadh a chum na cuid a bfhearr.

A thuilleadh air so, saoilidh mi nam biodh smuaintean den t-seorsa so aig aBhard an àm deanamh nan oran gum faighteadh moran diu nas fearr na gheibhear a nis iad; agus gum faighteadhna shaothair oidhearpan na bairde na thug e riamh. Tha e gun teagamh fior gun do rinn Rob Donn ann am beagan mhionaidean na h-orain is fearr a dhfhag ena dheigh. Ach is e mo bheachd gu bheil e cheart cho fior gum biodh eadhon iad so na bu taitniche na tha iad nn caitheadh am Bard tuilleadh dragh riu; agus gun robh e comasach air saothair a bairde na ghabh e riamh os liamh. Bha inntinn Rob Dhuinn, mar a dhfheumas inntinn Baird a bhi, soilleir, geur, mothachail agus bha i gun sonruichte beo, luath; ach cha do choisinn Bard riamh, air airde a bhuaidhean, achliù is airde gun inntinn a bhi air a smachdachadh le stri chruaidh agus thoighidneach. Cha do rinn agus cha dean lamh no ceann mhic an duine gniomh a mhaireas gun dragh, gu spairn. Ann am fallus a ghnuis ithidh e aran, agus ann am fallus eanachainn ni e oran no turn sam bith eile a ghleidheas ainm air chuimhne. Tha an t-iarunn on teallach loisgeach, drillseach, ach buailear air an innein e agus fuaraichear anns an uisge e mum fas ena stailinn righinn, cruaidh. Thig an smuain is doimhne agus na focail is geire air uairean clis mar bhoisgeadh an dealanaich, ach ged lasas am boiegeadh an iramailt car tiota os cionn solas amheadhon-la, falbhaidh e mar thainig agus tha an dorchadas nas mo na bha e roimhe. Is e solus laidir, teth, cinnteach na greine a bheir beatha agus fas don t-saoghal. Bhiodh smuain Rob Dhuinn, fior agus geur mar is trice a tha i, na bfhirinnich agus na bu gheire, agus bhiodh a chainnt na bu shnasmhoire, na bu mhaisiche, agus na bu cheolmhoire, na tha iad, nan cnuasachadh e orain thairis agus thairis mun dthug e seachad don t-sluagh iad. Agus gu sonruichte tha mi meas nam biodh inntinn air a cleachdadh ri saothair dhian, chruaidh, gun dthugadh e oidhearp na bairde na thug e, agus gum faigheamaid o Rob Donn oran a sheasadh guala ri guala, mur biodh an ceann aige orra, riBeannachadh LuingeMhic-Mhaighstir-Alastair, riLatha BhreathanaisDhughaill Buchannain, no riPeinn DorainDhonnachaidh Bhain.

(Ri leanntninn.)


Na Hungarianaich.

Theagamh nach robh riamh cinneach eile anns an t-saoghal a bha cho dileas do chànain an sinnsear ris na Hungarianaich. Bha iad air an ceannsachadh leis na h-Austrianaich anns abhliadhna 1849. Chog na Hungarianaich gu cruaidh, gaisgeil agus bu tric a chuir iad an ruaig air na h-Austrianaich, ach thàinig na Ruiseanaich a chuideachadh an naimhdean, agus mar sin bha na Hungarianaich bhochda air an coisnachadh gu buileach leis an dithis. Theich cuid de na cinn-feadhna gus an Tuirc, ach bu lionmhoire iad a bha air an glacadh agus air am mortadh. Cha luaithe a chuir na Hungarianaich sios am ball-airm na rinn na h-Austrainaich direach mar a rinn na Sasunnaich ann an Eirinn agus anns aGhàidhealtachd nuair a fhuair iad an lamh an uachdar air na Gaidheil. Chuir iad gu bàs tàireil gach fear cliùiteach, ainmeil, uaibhreach air am burrainn daibh greim a dheanamh. Bha an dùthaich air a lionadh le fuil agus le deuran agus le tuireadh ionnas agus nach burrainn di a bhi ni bu mhiosa ged a bu e Cromuel, no Cumberland am Feòladair a bhitheadhgan ceannsachadh. Cha robh ain-tighearnas sam bith nach drinn iad, ach aon ni a mhàin agus is e sin so, cha do chuir iad bacadh air an èideadh dùthchasach, mar a rinn na Sasunnaich ris an fhèileadh. Thug iad Austrianaich no coigrich a taigh do gach inbh dreuchdail, cudthromach, agus shuidhich iad luchd-imriche coimheach anns gach cearn de an dùthaich, direach mar a tha na h-uachdarain adeannamh anns aGhaidhealtachd air an latha an diugh, ach cha robh na Hungarianaich cho sìtheil ris na Gàidheil oir bu tric a dheirich iad air na coigrich. Thugadh achainnt dhùthchasach cho iosal agus gun do chuireadh i a mach as na sgoilibh, as na h-Oil-Thaighean, agus as na Cùirtean Lagha. Bha uile ghnothaichean na dutcha air an deanamh ann an cainnt na Gearmailt. Ach a dhaindeon so uile cha deachaidh na Hungarianaich gu tirean cèin, no cha dthuirt iad gum bitheadh e ni bfhearr aon chànain a bhi aig an t-sluagh, agus sinn cànain am buaidhearan, mar chluinneas sibh cuid de na Gaidheil ag ràdh; cha robh iad cho faoin, ach sheas iad gu duineil airson dùthaich agus cainnt nan daoin on dthainig iad. Theagasg iad an cànain mhathaireil do an cloinn ged a bha sin direach an aghaidh an lagha, agus rinn iad sior ghluasad air a son feadh mhòran bhliadhnachan gus an dfhuair iad i mu dheireadh air a h-ais anns na sgoilibh a rithisd. Chum iad air adhart agus anns a cheann mu dheireadh bha cainnt na Gearmailt air a cur a mach gu buileach, agus tha uile ghnothaichean na dùtucha air an deanamh anns aMhagyer an cainnt fèin, a nis. Bhitheadh uile ghnothaichean na Gàidhealtachd air an deanamh anns aGhàidhlig nam bitheadh uiread de mhisneachd aig na Gàidheil agus a bha aig na Hungarianaich. Is i so achomhairle a thug Cossuth air a luchd-dùthcha mu dheidhinn nan coigreach a bhanam measg. “Deanaibh cabhag, agus deanaibh Hungarianaich dhiubhsan no ni iadsan Austrianaich dhibhse.” Bu choir do gach Gàidheal na facail so a thoirt fainear, oir is furasda fhaicinn ciod a thacharas do chanain Chaluim-Chille ma dhfhanas sinn nis fhaidenar cadal. L. L.


LAYS OF THE HEATHERSo ainm leabhair bàrdachd a thainig ugainn o chionn ghoirid á Lunnainn. Tha e air a sgrìobhadh le Miss A. C. Nic Dhonuill na Ceapaich, bana-bhàrd Chloinn Donuill. Is ann am Beurla tha e, ach a mach o sin tha e cho Gàidhealach ri fàd mòine. Tha e ann an iomadh dòigh a tilgeil soluis air gnè nan Gàidhealam bàighealachd, an tiamhaiche, agus an treubhantasagus tha e lan de ghràdh dachaidh agus dùthcha. Mholamaid an leabhar dhaibhsan len àil fior bhàrdachd a leughadh, agus a tha deigheil air a bhi treòrachadh a smuaintean gu Tir an Fhraoich. Gheibhear an leabhar so air tri tasdains naoidh sgillinn (3s. 9d.) le sgriobhadh guMiss A. C. MacDonnell, 86 Cabridge St., Eccleston Square, London S. W., England.


Tha Reic mhor Aodaich aig D. J. Domhgnullach. Tha gach niga reic cho saorsa bhrbhas e. ’S coir dhuit aige.



[108]

[Vol . 5. No. 15. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OOTOBER 17, 1896.

Rinn Mr. Gladstone òraid ann an Liverpool, an Sasunn, o chionn ghoirid, a than deigh gluasad a chur air feadh Bhreatuinn, agus uile rioghachdan na Roinn-Eorpa. Bha an òraid air a liubhairt aig coinneamh a bhair a gairm anns a bhaile mhor sin air son fhaicinn ciod a ghabhadh deanamh air son stad a chur air obair sgriosail nan Turcach ann an Armenia. ’Nuair a thòisich e bha a cheann crom, agus a ghuth fann; bha fior choltas an t-seann-duinair, ach mun deach e fad air adhart, dhirich e e-fhein agus dhfhàs a ghuth laidir, a toirt an cuimhne a luchd-éisdeachd nan làithean o shean nuair a bha e thaobh bodhaig us inntinn an tréine neart. Thug e sgriob uamhasach air mortair mor na Tuirce, agus ghuidh e air Riaghladh Bhreatuinn cur cruaidh ris air son a dhroch dheanadais. Tha an òraid an deigh atharrachadh mor a thoirt air beachd sluaigh Bhreatuinn, agus a nochdadh gu soilleir, ged a tha Gladstone air cùisean-riaghlaidh a leigeil uaithe, gu bheil e cho comasach air inntinnean dhaoine ghluasad sa bha e riamh.

Tha sinn a cur romhainn àireamh mhor de luchd-gabhail ùr fhaotainn don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Tha fhios againn gu bheil miltean de leughadairean matha Gàilig air feadh na dùthcha so fhéin, agus air feadh gach dùthaich eile dom bheil am paipear adol, nach eil aona chuidga ghabhail noga leughadh. Nach eil an t-àm aca sin tòiseachadh air a ghabhail, agus nach còir do gach aon acaainms a dholair a chur gur n-ionnsuidh gnn dàil. Tha fhios againn gu bheil morannam measg a bha deonach curga iarraidh o chionn fhada ach chuir iad dàilsa ghnothuch, agus le dàil a chur ann rinn iad dearmad, agus cha do chuir iadga iarraidh fhathast. Air son iad sin a ghreasad tha sinn a dol a thoirt tairgse dhaibh. Duine sam bith a chuireas a dhiarraidh a phaipear uair sam bith eadar so us BliadhnUr, agus a chuireas an dolair ugaiun aig an àm cheudna, gheobh e na bhios gun ruith dhen bhliadhna so a nasgaidh, agus pàighidh an dolair gu deireadh na bliadhna tha tighinn, ’se sin gus an 31mh latha de Dhecember, 1897. Tha sinn an dòchas gun toir an tairgse mhath so àireamh cheudan de luchd-gabhail ùra an rathad MHIC-TALLA. CO a cheud fhear a thig?


Tha aon sgeul a thainig as na Stàitean air an t-seachdain so, ag innse gu bheil na Republicans cinnteach gum bi MKinley air a thaghadh mar cheann-suidhe. Tha fios eile ag ràdh gu bheil na Democrats cinnteach a taghadh Bhryan. Tha dithis eile bharrachd air MKinley us Bryan ag iarraidh na dreuchd, agus on a lionas aon duini, tha eagal oirnn gum bi triùir dhiubh gu math tùrsach air feasgar an treas latha dhen gheamhradh.


Litir a Margaree.

A MHIC-TALLA: —Is fada bhon a bha dùil agam litir bheag a chur ugad, gus innse do dluchd-leughaidh an t-eolas a fhuair mi agus a tha mi faighinn ort. ’Nuair a thoisich MAC-TALLA air taghal ormsa an toiseach, ’s gann gu leughainn ainm; gu firinneach cha leughainn an darna facal; ach an diugh leughaidh mi gach darna facal agus gach facal a tha eatorra. Cha mhor nach robh mi cho aineolach air leughadh na Gàiligsa bha an duine dubh, nuair a fhuair e am paipear-naigheachd, “co dhiubh,” ars esan, “is e na sgrioban dubha no na sgrioban geala bhios iad a leughadh.”

Chan eil moran naigheachd agam dhuit an dràsda ach naigheachd a thagaibh fèin. Tha an t-sidefas anabarrach fliuch, greannach, agus tha na lathaichean so gu h-àraid gle mhi-fhreagarrach air son buain abhuntata, ged a dhfheumas daoine bhi ris.

Fhuair sibh beagan litrichean as achearna so agus mainmsa riutha. Is aithne dhomh fhin gu ro-mhath an fheadhhain a bhag an sgriobhadh, agus thoireadh na gillean gasdan aire nach tig mise beo orra. Ach a roghainn air iad a sgur gu buileach, faodaidh iad mainn a chur rin cuid litirchean cho tricsa thogras iad.

Bhon is i so a cheud ionnsuidh a thug mi air sgriobhadhGailig, tha mi an dòchas gun gabh sibh mo leisgeul air son mo mhearachdan. Bidh mi asgur aig an àm so le durachd gum bi iomadh bliadhna shaoghail aig MAC-TALLA. Is mi do charaid dileas,

AONGHAS BEAG.
S . W. Margaree, Oct. 3, 96.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[109]

[Vol . 5. No. 15. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh moran feòir a mhilleadh leis na h-uisgeachan troma bhann o chionn ghoirid, gu h-àiaid feur a bhair na h-àiteachan-boga. Ann am Mira chaidh moran feòir a bhann am mullain a sguabadh air falbh leis na tuiltean.

Chaidh eaglais ùr Chaitliceach fhosgladh ann an Grand Mira Di-donaichsa chaidh. ’S e an t-Urr, Ruairidh Mac Neil sagart na sgireachd. Bha aìreamh de shagairt nan sgireachdan mun cuairtga chuideachadh aig fosgladh na h-eaglais.

Tha achùirt Mhorna suidhe air an t-seachdain so. Tha àireamh mhor de chàsan air a beulaobh, agus chan fhaighear am feuchainn uile aig an t-suidhe so. Chan eil teagamh nach bi suidhe eile ann romh thoiseach agheamhraidh.

Tha sianar dhaoines mhnathan afuireach anns aBhaìn Ear, agus le àìreamh am bliadhnaichean a chur ri cheile, theid iad cho àrd ri coig ceuds da fhichead bliadhna. Tha iad len gabhail thar a chèile, ceithir fichead bliadhnas deich a dhaois.

Dhfhalbh soitheach beag iasgaich à Sidni Tuath gu dhol dhionnsuidh nam bancaichean, agus cha dfhuaras sgeul oirre fhathast. Bhuinneadh i do Sheumas Moore à Amhuinn Sheòrais. Cha robh air an t-soitheach ach Mooresa mhac, ’s dithis dhaoineile mhuinntir a Bhras dOir Bhig. Thatar a gabhail eagail gun deachaidh an soitheachs na bhair bord a chall.

Bha Sir Tearlach Tupper agus a bhean posda leth-cheud bliadhna air an t-seachdain sa chaidh, agus chum iad co-ainm an latha, no mar theirear, bha a bhanais òir aca, air Dior-daoin. Fhuair iad an sin, litrichean agus fiosan as gach cearna de Chanada, agus à Breatuinn, o daoine bha deanamh co-ghàirdeachas maille riutha, agus thainig moran ghibhtean luachmhor gan ionnsuidh, fiach dheich mile dolair air fad.

Chaidh bàthadh muadach a dheanamh ann an. Glace Bar feasgar Di-dònaich. Chaid triuir ghillean, Donnachadh Moireastan, aon bliadhndeug a dhaois, Aonghas Moireastan, agus Tearlach Baitilier, coìg bliadhndeug a dhaois a mach air dana ann an tuba aoil; chaidh i thairis orra, agus bha an triuir air am bàthadh. Bha athair fear de na gillean ann an tigh na cùrtach an Sidni nuair a fhuair e sgeula bàis a mhic. Bha iad air an tiodhlachadh Dior-caiduin.

Bha uisge na seachdainso chaidhs na seachdain roimhe sin anabarrach trom air taobh eilen eilein moran na bu truime na bha e againn an so. Tha na daoines sinesan duthaich ag radh nach cuimhne leotha uiread uisge fhaicinn riamh roimhe a tuitean ann an ùine cho goirid. Bha na roidean ann an iomadh àite air am milleadh gu dona, agus leis an tuil a bhanns na h-aibhnichean chaidh moran dhrochaidean a thoirt air falbh. Bha an t-uisge cheart cho trom ann an Nobha Scotia: ann am baile Halifax bha e sileadh fad cheithir latha deug.

Tha duine fuireach aig Hillside, am Mira, Iain Domhnullach, a tha ceithir fichead bliadhnasa coig deug a dhaois, agus tha e cha mhor cho tapaidhsa bha e riamh. Tha mac dha, Cailean Domhnullach, a fuireachsa bhaile, agus chan eil bliadhna nach eil e tighinn a stigh a dhamharc air a dha n tir dhuairean, agus adeanamh an astair dha chois, da mhile dheug. Tha e gu stan fallain agus a bhuaidhean nàdarra aige cho mathsa bha iad an làithean òige, ach a mhàin gu bheil e air is beagan bodhar. Tha moran de na dhaoine a thainig a mach don dùthaich so an toiseach, a dhaideoin gach cruadal troimhn deach iad, an deigh aois mhor a ruigheachd.

Tha dùil aig cuideachd aghuail barrachd mor guail a chur am mach am bliadhna sa rinn iad an uiridh. Tha H. M. Whitney ceann na cuideachd ag radh gun cuir iad a mach mun sguir iad am bliadhna aon ceud deug mile tunna. An uiridh cha do chuir iad a mach ach beagan thairis air ochd ceud mile tunna.

Tha Morair Roseberry, a bha na cheannard air na Liberals ann an Sasuinn o chionn dha no tri bliadhnaichean, an deigh an dreuchd a leigeil uaithe, agus tha aca ri ceannard eile thaghadh. ’S e baobhar dha sin a dheanamh nach urrainn dha aontachadh leis na thuirt Mr. Gladstone anns an òraid a liubhair e ann an Liverpool.

Thug fear Deòrsa Hewill a bhasan tigh-obrach anKingston , Ontario,ionnsuidh gharg air beatha fear-cumail an taighe, a sheachdain gus an , agus loisg am fear eileair, ’ga mharbhadh air a bhad. Bha Hewill anns an tigh-obrach o chionn dheich bliadhna, agus bha e fad na h-ùine anabarrach draghail don luchd-gleidhidh.

Seall ann an ait eile dhen phaipear agus faic an tairgse tha sinn a toirt do fheadhainn a tha airson tòiseachadh air gabhail MHIC-TALLA. Bu chòir do gach aon thaga ghabhail an drasda oidhearp a thoirt air fear no dha de luchd-gabhail ùrsa fhaotainn dha eadar sous BliadhUr. ’Nan deanadh iad uile sin bhiodh àireamh luchd-leughaidh a phaipear air an dùbhlneadh.

Tha na Stàitean an deigh soitheach-cogaidh a chur a null dhan Tuirc a dhiarraidh fios-freagairt on t-Sultan a thaobh mhinisteirean as na Stàitean a bha air an creachadh ann an Armenia. Tha an soitheach sin, thatar ag radh, adol direach gu Constantinople, ni nach eil ceadaichte do shoithichean-cogaidh, agus ma chuinnear dragh sam bith orrre, tha cabhlach Bhreatunnach deiseil gus a tòrachd a thoirt a mach. Tha rioghachdan na Roinn-Eorpa aonaichte mun chùis, agus chan eil fhios nach bi turus an t-soithich so na mheadhon air a chomhstri a tha dol air adhaot mcn Tuirc a thoirt gu crich.

Chaochail an t-Urr. Eidward W. Benson, Ardeasbuig Chanterbury, an Sasuinn la na Sàbaid sa chaidh. Bha e air aoidheachd aig Mr. Gladstone, ’na chaisteal ann aHawarden agus chaid e chomla ris don eaglais. Am feadhhsa bha e na shuidhe ann an suidheachan Mhr. Ghladstone, beagan an deigh don t-seirbheis toiseachadh, thainig laigse air; chaidh a ghiulan a mach, agus mu chairteal gu da uair dheug chaochail e. Bha e tri fichead bliadhnasa seachd a dh-aois. Bha ena Ard-easbuig an Canterbury o chionn cheithir bliadhna deùg, agus bha coig mile deug punnd Sasunnachsa bhliadhna a tighnn a stigh dha.

Chaidh soitheach den ainmAriande,” a bhristeadh air sgeir faisg air Ingonish a sheachdain gus am Di-ciaduinn sa chaidh, agus deichnear dhe na daoine bhair bòrd a bhathadh. Bhuinneadh an soitheach do Norway, agus bha i air a turus a Grianaig, an Alba, adol gu Bay Verte a dhiarraidh luchd fiodha. Bha i ochd seachdainean air a turus, agus cha do dhèirich sgiorradh sam bith dhi, gu Di-luain an 5mh latha, nuair a thoisich an stoirm. ’Sa mhaduinn Di-ciaduinn bhuail i air an sgeir agus chaidh i fodha. Bha da dhuine dheug air bòrd, agus cha dfhuair as lem beatha ach dithis. Chaidh iad sin a sguabadh gu tir leìs na tuinn. Bhuineadh an sgiobair agus a chuid bu mho dhiubhsan a chaidh a bhàthadh còmhla ris, do Norway. Fhuaireadh cuirp an sgiobair a mheat agus aon dhe na seoladairean air achladach, agus chaidh an tiodhlacadh aig acarsaidIc Neill.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.



[110]

[Vol . 5. No. 15. p. 6]

SGEULACHD.

Fionn an Tigh aBhlair-Bhuidhe gun Chomas Eirigh no Suidhe.

La dhan robh Fionn Mac Cumhails achuid eile den Fheinn anns abheinn-sheilg, dheirich cur as cathadh; ’s mun dfhuair iad an t-sealg a chur cruinn, thainig an t-anmoch orra. Sgith, airtealath mar a bha iad, thog iad orra gu tearnadh gu baile. Mar a bha iad ag gabhail air an aghart gu trom, athaiseach, thainig iad air bothan fàs am bràighe glinne; agus ghabh iad gu tàmh ann. Dhfhadaidh iad teines chaidh na gillean air surd gréidhidh; ’s gus am biodh an t-eunbhruich ullamh, thòisich iad air iomairt nan corns air seanachas mun àm bho shean. Chuir cuimhne air cliu an sinnsirean togail fothpa mar a bàbhaist; ’s thuirt iad uile cruinn-còmhluath, gum be mo thruaighe duine no beathach a thigeadh a chur dragh air an Fheinn an oidhche sin; no a theannadh ri tàir a thoirt do dhFhionn. An teis-meadhoin na bruidhne so, thigear maigheach chaol, ruadh a stigh; agus, gun fhiamh, gun umhail, cuirear car no dhà dhi air achagailt, ’s togar an luath mu na sparran; agus thugar amach oirre. Ma thug cha deachaidh sin air mhithapadh dhaibhsanthug iad daoidh-leum amach as a deaghaidh; ach chaidh iadn am bràth-cheo cho mor le dorchadas a thainig orra, ’s nach bu léir dhaibh a cheile. Lean Fionns a dhà ghille dhiag i, abhuns a lorg, thar gualainn aghlinne, ’s cha do chaill iad sealladh oirre gusn a leum i stigh aig sgùid de thigh ùdlaidh a thachair orra aig bun sithein. ’D e an tigh o bhan so ach tighaBhlair-Bhuidhe,” famhair a bha tighinn beo air tuirc nimhes air feoil dhaoine. Rachar a stigh, as gabhar sgial ach cha dfhuaras forfhais air amhaighich. Cha robh stigh ach abheans i fuineadh: cha dthainig am Blar-Buidhe dhachaidh as abheinn-sheilg. Thug i biadh as deoch dhaibh, ’s thuirt i gum bfhearr dhaibh a nise bhi falbh mun tigeadh am Blar-Buidhe dhachaidh. Thuirt Fionn nach do theich iad romh dhuine riabh, agus nach deanadh iad toiseach den Bhlar; ’s theann iad na bfhaide stigh. Feith ri dheireadh, osa bhean. Mar a bfhior; cha dfhuair iad iad fhein a shocrachadh ach gann, tra a dhfhairich iad stùirn-stàirn aig an dorus; co bhan sid ach am Blar-Buidhes a chuid ghillean, ’s torc-nimhe mor, fiaclach aigesan air a mhuin. Thug e crathadh beag mor air fhein a cur an t-sneachda dhes chuir e crith fon ursainns fo shuidheachan an tighe! Tha mi faireachdainn fàilidh fharbhalach romham, a bhean, co so thagad a nochd, osam Blàr. Dhinnis a bhean na h-aoidhean a thainig a choimheadachd oirre bhon a dhfhalbh e. Amach do ghillean, ’Fhinn, a thoirt na h-eallaiche dhiam osam Blar. Cha dthug Fionn an t-éuradh do dhuine riabh, agus cuirear sianar amach dhiubh far an robh am Blar. Mun gann a bha iad seach an stairsneach bhuail am Blar slat-na-druidheachd orra, ’s bha iadnan colbh-chloiche; ’s chuir e air taobh tuath an doruis iad a chur stad air aghaoith-dheathaich. Dhfhag en sin iad; ’s thug e fheins a ghillean a stigh an torc. Cha dfhuirich iad ach ri robladh lomaidh a thoìrt air, ’s chuir aboean air es a choire-mhor— ’na chlosaich mar a bhà e. Mun dfhuair e ach goil as leth-ghoil, sparr am Blar bior na feola ann, ’s bha e aig air an ùrlar; ’s gun tuille dàlach shuidh e fheins a ghillean mun cuairt da. Gach cnaimh mar a chreidhmeadh iad, thilgeadh iad sid gu Fionns gu ghillean. Bolc abhiatachd é, ach cha robh comas air. Bha Fionnn a thosdsn a chuimhne, ’s bion da sin. An uair a bhan ròic thairis, ’s cha bfhada h-uige, dhiarr am Blar-Buidhe an t-ubhal òir a thoirt a nuas gus an oidhche fhada gheamhraidh a chur seachad air Fionn. Thug i nuas an t-ubhals thug i dhà e. Thòisich iad air a cheile leis an ubhal, ’s ma thòisich, cha bfhada gusn a chuir am Blar ás don iomlan de ghillean Fhinn. Thuig am Blar nach deanadh e an gnothach air Fionn fhein leis an ubhal, ’s thuirt e gum feumadh iad dol a ghleachd. An dromannan a cheile gabhar iad; ach, ged a bhiodh iad fhathast ag gleachd, cha tugadh e glideachadh air Fionn. Tra chunnaic am Blar gun do thachair a sheise ris, dhiarr e air a mhnaoi aghreideal a chur air gus an rachadh casan Fhinn a gharadh, gur cinnte gun robh e fuar, ’s an oidhche chruaidh reòdhta bhann; ’s dhiadh iad uile mu Fhionn (sin tra a thuirt e, “cha duine duinen a ònar” ), agus sparr iad air a ghreideil e gusn a loisg a chasan gu ruig na sléisdean. Bha e nis gun chomas suidhe. Leig am Blar rochd gàire as, agus spàrr e stob-na-feola ann; ’s bha en sin gun chomas éirigh no suidhe. Shaoil leis a Bhlar gun robh e gun phlosg analach, ’s thilg e seachads achùil e. Cha robh Fionn riabh roimhe an gailc na bu mhò na so, ach, an uair a bha e eadar an t-éuradhs an aimbeairt, agus cuimhnichear e gun robh còrn-nam-fiùbh aige, ’s gun cluinnteadh e an coig choigean na h-Eireann. An uair a ghabh an tigh gu fois, mhàgair e mach gu dubh-balbh-sàmhach gu mullach cnuic as shéid en còrn tri uairean. Fad an ama so bha chuid eile den Fheinn gu dubhach, déurach air tòir Fhinn. Cha dfhàg iad cùil no cial gun sireadh, ’s iarraidh-mhairbh aca air. Mu dheireadh thall, an uair a thug iad géill as dubh-ghéill, chuala Diarmad donn mac a pheathar an còrn; ’s ma chuala cha bu rabhadh gun fhreagairt. Bha fhios aige gur h-eiginn-bhàis a bheireadh air Fionn a shéideadh. Thuig e gun robh an gnothuch gu h-olc; ’s thug e bòid as briathar air a chlaidheamh nach rachadh biadh no deoch thairanail gus an coibhreadh e air bràthair a mhàthair. Thog e air, e fheins a ghilleans bu cham gach dìreach leotha thair chnoc as shloc, ’s ge bfhada bhuapa e, cha bfhadag a ruighinn iad. Fhuair iad Fionn na dheòiridh truagh gun chomas éirigh no suidhe am fasgadh tuim, Dhfharraid Diarmad de ciod a dhfhairich e. Is coma sin, osa Fionn; ’s dhinnis e dha gach car mar a thachair: mar a mharbh am Blar-Buidhe na gillean, agus an droch ghiullachd a fhuair e fhein bhuaithe; ’s chomhairlich e tilleadh dhachaidh mun eireadh an cleas ciadna dhagun robh esan mar a bhitheadh e co dhiubh. Bhòidich as bhriathraich Diarmad nach tilleadh e gus an dthugadh e mach an aichmheil; ’s gun tuilleadh a ràdh thug e tigh aBhlair-Bhuidhe air. Cha robh stigh ach abheans i fuinneadh. Thug i biadh as deoch dhaibhs ghabh i an sgial Dhinnis i dhaibh gun robh am Blar-Buidhes a bheinn-sheilg, ’s gum bfhearr dhaibh a bhi falbh mun tigeadh e dhachaidh mun éireadh dhaibh mar a dhéirich do Fhionn. A roghainn biodh dhà, osa Diarmad, ach chan fhalbh sinn gus an toir sinn a mach an aichmheil; ’s shuidh iad a stigh. Feith ri dheireadh ma ta, osise. Cha robh iad ach goirid mar sin tra a dhfhairich iad stùirn-stairn aig an dorus. Co bhann an sid ach am Blars a ghillean, ’s torc uimhe mòr fiaclach aige air a mhuin. Thug e togail bheag mhor air fhein a chrathadh an t-sneachda dhe, ’s chuir e crith fon ursainns fo shuidheachan an tighe. Ghlaodh e, “Tha mi faireachdain fàilidh fharbhalach romham, a bhean, co so thagad a nochd?” Dhinnis a bhean gun robh Diarmads a chuid ghillean. “A mach do ghillean, a Dhiarmaid a thoirt dhiam na h-eallaiche,” osam Blar. Leum Diarmad e fhein amach; agus mun dfhairich am Blar thall no bhos e mharbh e n darna leth dhe ghilleans chuir e turrach air tharrach iad air taobh deas an doruis mu choinneamh gillean Fhinn. “Is olc an t-aoidh thu,” osam Blar. “Mur fhaic thu nas miosa na sid dhiam mun tig an latha, na bi gearan,” osa Diarmad; ’s gun tuilleadh bruidhne thug e stigh an torc. Ghréidh iad an torc gu maths gu ro mhath, ’s ghabh e fheins a ghillean an leoir dhe. Gach cnaimh mar a lomadh iad thilgeadh iad sid don Bhlars dha ghillean. “Is olc an t-aoidh thu, osan Blar. “Mur fhaic thu nas miosa na sid dhiam mun tig an latha, na bi gearan,” o[ ? ]a Diarmad; ’s dhiarr e an t-ubhal a thoirt a nuas gus an oidhche fhada gheamhraidh a chur seachad air aBhlar-Bhuidhe. Thug abhean a nuas an t-ubhal agus thoisich [ ? ]an cleas. Air achiad tilgeadh a thug Diarmad don ubhal, mharbh e dithis de na bhair laimh dheis abhlàir. “Is olc an t- a[ ? ] thu,” osam Blar. “Mur fhaic thu nas miosa na sid diam mun tig an latha, [ ? ]a bi gearan,” osa Diarmad. Thilg am Blar air ais an t-ubhal ach cha drinn e doc[ ? ]unn sa bith air gillinn Dharmaid. Thug Diarmad an t-ath-thilgeadh don ubhal s mharbh e dithis de na bhair laimh [ ? ]hirth a Bhlair; agus mar sin gusn a mharbh em fear mu dheireadh dhiubh; ’s am Blar gun aon tàmh ag radh; “Is olc an t-aoidh thu; agus amhuil sin Diarmadg a’ fhr[ ? ]arairt , “Mur fhaic thu nas miosa na sid dh[ ? ]am ma in tig an latha, na bi gearan.” An uair a bha iad sgith de [ ? ]uith an ubhail or thutrt



[111]

[Vol . 5. No. 15. p. 7]

Diarmad ris a Bhlar gum bfhearr dhaibh dol a chur cuir gleachd; ’s ma chaidh, cha robh an gleachd fad air chumail an uair a bha am Blar air claisneach a dhroma air leacan loma an ùrlair. “Is olc an t-aoidh thu,” os am Blar, ’s thug e cnead ghointe ás. “Mur faic thu na ls miosa na sid diam mun tig an latha na bi gearan,” osa Diaamad, ’s dhiarr e air amhnaoi aghreideal a chur air gus an rachadh casan aBhlair a gharadh, gur cinnte gun robh e fuar an deigh tighinn dachaidh as a bheinn-sheilg. Chaidh aghreideal a dhianamh dearg; ’s thug Diarmad togail don Bhlar, ’s bha e sidn a sgug buidhe air a ghridil. “Oiteag, oit, oitosam Blar. “Gabh air do shocair eosa Diarmad, creanaidh do chnaimhean buidhe air mun cobhair misort,” ’s chum e air aghreideil e gusn a loisg a chasan gu bun nan sléisdean. Bha am Blar a nise gun chomao suidhe agus ghrad-sparr Diarmad stob-na-feula ann, ’s bha en sin gun chomas éirigh no suidhes thilg e air a shlisnichs achùil e.

Tra a bha iad seachd sgìth de oiteagail aBhlair, rug Diarmad air sprogan air, ’s thuirt e, “Am bàs air do mhuin, a bhodaich, ciod e déiric? Am bàs air do mhuin, a bhodaich, ciod e déric, as tog dhinn brigh do chluith.” “Oiteag, oit, oit,” osam Blar, chaneil a dhéiric agamsa ach cuach-ìocshlainta tha am bun na creige ud thall agus leighisidh i Fionn.”

An uair a chuala Diarmad mun chuaich, cha dfhuirich e ri tuilleadh chumhlaidhean iarraidhbu ro fhada leis a bha bràthair a mhàtharg a chuaradh aig bun an tuim, ’s chaidh e don uamha. Thugar achiad làmh air achuaichs buailear leatha gu Fionn, ’s ionnlaidear a chréuchdan leatha tri uairean. Achiad uair dhfhas a chasan gu ruig na glùinean; an darna h-uair dhfhàs iad gu ruig na h-aobruinn; ’s an treas uair bha Fionn gun chron, gun chiothram, cho beò slàns a bha e riabh.

Rìnn aon bhoiseag de dhuisge na cuaiche geasan nan gillean a bhristeadh, ’s thug e am Blar air. “A chulaidh-thruais,” osa Diarmad ris, “Boidich nach imir thu tuilleadh de gheasan nochleasan air an Fheinn.’ Bhòidich am Blar sid as ioma rud eilebharrachd; ’s thug Diarmad gu suairce dha fheins dha ghillean an diol a dhuisge na cuaiche, ’s ghabh iad an cead dhe chéile. A dheanamh sgiala goirid de, lean achuach ris an Fheinn, as dhfhàg mise aca i. —Revue Celtique, 1870.


A Antigonish

A MHIC-TALLA GHEADHAICH. —Ged dheirich fiabhras Aonghais gu math ard air aon turus fhuair e thairis e agus tha en diugh cho slàn ri breac. Tha e gealltuinn gun cluinnear uaithe a gheamhraidh bho uair gu uair

ThaComunn aFhraoichlàn shuidhichte airson obair na bliadhna so. Than Céilidh agus an Class air a steidheachadh gu mor thoileachadh gach mac Gaidheil a thanar measg. Tha sinn acur romhainn deagh obair a dheanamh am bliadhna.

Na dheigh so bithidh paipeir againn co-cheangailte ris an oil-thigh, agus ses ainm dha an Xaverian. Thacheud àireamh air na stocan, agus tha dùil aig na gaisgich a leigeil gu cuan an taobh a stigh de sheachduin.

AONGHAS.
Oil-thigh Nmh. Francis Xavier, 14, 10, ’96.


Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan Curraichdean, Leintean agus Brògan, aig D J. Domhnullach. Tha a bris iseal.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.



[112]

[Vol . 5. No. 15. p. 8]

Am Bal Gaidhealach.

LEIS ABHARD MAC-GILLEAIN.

Beagan bhliadhnaicheanan deaghaidh don bhard tighinn don duthaich so, bha bal aig na Gaidhil an tigh Dhaibhidh Mhurraidham Merigomish. Chan fhaodadh duinebhi aig abhàl ach fear a labhradh Gaidhlig. Fhuair am bard cuireadh. Phaidh e gu math an luchd-cuiridh leir an òran so a sheinn aig a bhàl.


LUINNEAG

Bithibh aotroms togaibh fonn,
Cridheil sunndach gunbhì trom,
G òl deoch slainte na bheil thall,
Ann an tìr nam beanns nar gleanna.

Fhuair mi sgeula tha leam bìnn,
Dhùraìch gleus air tèud mo chinn,
S bìdh mi nis adol ga sheinn,
Gedtha mis achoillam fallach.
Bithibh aotrom, &c .

Gur h-en sgeul a fhuair min dràst,
S a dhùisg minntinn suas gu dàn,
Bhi ga m iarraidh dhionnsaidhbhàil,
Thaig na Gàidhil tùs an Earraich.

Nuair a theid an Comunn cruinn,
Bidh iad sìobhalta le lionn,
Cliùiteach, ciallach, fialaidh, grinn,
S bheir iad caoimhneas do dh-fhear-aineoil.

Nuair a shuidheas iad mun bhòrd,
Bheir iad tacan air an òl,
S fiodhall-theud bhon gleusar ceol,
Cur nan oganach nan deannaibh.

Cha bhi sgrubaireachd mun chlàr,
Ann an cuideachd ghasdmo ghraìdh,
Aig am bheil an inntinn àrd,
S nach gabh tàmailt bho na Gallaibh.

Nuair a theìd an fhiodhll natàmh,
Bheir iad treis air cainnt nam bàrd,
Dhùisgeas fsnn neo-throm nan càil,
Anns aGhàidhlig is glan gearradh.

Chànain ghasda, bhlasda, bhinn,
S ibhan cleachdadh aig na suinn
A dhearbh an gaisg’ ’am feachd an righ,
S ioma tìrs an dthug iad deannal.

Luchd nam breacan cha robh fann,
Bha iad fuasgailteachs gach am;
Nuair a ghluaìseadh iad bhon champ
Chuirte’ ’n ruaigs bu teann an leanachd.

S ann acfhein than t-èideadh grinn;
Breacan-guaille, féileadh cuim,
Osan gèarr mun chalpa chruinn,
S boineid ghorm os cionn na mala.

Stàillinn ghlas mar ealtainn gìar,
Chleachdadh anns na baiteil riabh,
Leis na gaisgich nach tàis fiamh,
S nach biodh riamalach gu tarrainn.

Bha iad firinneach gun fhoill,
Na àm doll siosus piob gaseinn,
Ruisgtebrataichean ri croinn
Aig na saighdearan nach mealladh.

S bhon a chinn sibh fèin bhon dream,
Dharaicheadh fo sgèith nam beann,
Bhuannaich anns an Eiphit geall
S a chuir Frangaich as an t-sealladh;

Ged tha sibh an tir nan craohh,
Cuimhnichibh am béus, na laoich,
Leoghainn bhorb, bu fhairge fraoch,
S iad nach aomadh as acharraid.

Ged tha sibhan Albainn Ur,
Caithibh an oidhche le sunnd,
S an deoch-slàinte thig air tùs
Olaibh i gu grunnd gu fearail.

Olaibh air a Ghàidhil thréun,
Rachadh acfhuinneach air ghléus,
S a tha fuasgailteach gu féum,
Sealgairean air feidh nam beanna.

Soiridh bhuam don t-sluagh a null,
Thas an tirs an robh min tùs;
S tric a dhfheuch iad bàt fo shiùil,
S iad gastiùireadh dhionnsuidh cala.

Bhon nach ruig sinn orran dràst,
Lion bhogrunnd achuach, gustràc,
S cuir mun cuairt i nuas gun dàil,
Ann an onoir àird nam feara

A. ML. S.


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh,
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.


REIC AODAICH
As mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh.
A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct.

Tha min deigh stoc anabarrach mor de dh
Aodaichean Deante
a cheannach bho na taighean as fhearr an Canada, air pris cho iseals gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu,
Cho saorsa dhiarradh tu.

Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caitem bheil sinn. Anns an stor a than aon tigh ais aBhanca.
D. J. DOMHNULLACH.

titleIssue 15
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 15. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page