[Vol . 5. No. 16. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 24, 1896. No. 16
Litir a Ontario.
Cha’n eil fonn uamhasach math orm air an oidhche nochd air son sgriobhaidh, ach mar a thuirt fear roimhe, gabhaidh fonn cur orm. Bha romham air an turus so beagan a radh mu chleachdaidhean nan Gaidheal, agus cha’n eil fhios agam nach bu cho math dhomh leìgeil leis, ach coma co-dhiu bheir mi dhuibh mar is fios domh. Tha mi cinnteach gu feum mi sgriob a thoirt do’n t-seann dùthaich mu’n sguir mi, ged nach eil fhios again ciamar a ni mi an rathad do àite anns nach robh mi riamh—thainig m’ athair ’s mo mhàthair a mach as an eilean Mhuileach deich bliadhna mu’n d’rugadh mi. Thainig moran Ghaidheal a mach comhla riuth, agus shuidhich moran dhe na bha air an aon soitheach riutha ann an Ceap Breatuinn. Thug iad tri mìosan eadar Muile agus Toronto, astar a nithear anns na bliadhnaichean so ri deich latha.
Tha againn anns an [ ? ] Ileich, Tiristich, Muilich, Uidhistich, Aranaich, agus moran eile. Tha mi smaoineachadh nach eil seòrsa ann a tha cho mi-chaoimhneil ri cheile ris na Muilich, ged is duilich leam ri radh e. Faodaidh e bhi gur h-e ’s coireach ri sin gu bheil iad na’s pailte ann an so na muinntir eilean sam bith eile. Is Protstanaich a chuid mhor, ach a mhàin muinntir Uidhist; Is Caitlicich a chuid a’s motha dhiubhsan, daoine còire, fialaidh, nach leigeadh le duine falbh gun fhaoighneachd dheth an robh an t-acras air. A chuid eile dhinn, tha sinn air ar roinn eadar Cléirich, Baistich us Deisciobuil. ’S ann gle ainneamh a gheibhear Gàidheal na Mhethodach; cha’n eil moran dhiubh an so co-dhiu.
Cha’n eil a bheag de na seana chleachdaidhean a bha ’measg nan Gàidheal anns an t-seann dùthaich air an cumail suas anns an dùthaich so. Air latha Nollaig bhiodh beag us mor, bho sheanair liath nan ceithir fichead bliadhna gus an leanach bhig air am faotainn a mach ag iomain chaman, agus ’s iomadh bodach gòrach a chuireadh an caman thairis air an fhear a bhiodh ’na aghaidh, nam biodh e faotainn a chuid a b’ fhearr de’n chamanachd. ’S iomadh sabaid mhor a bhiodh aca mu’m biodh a chluich reidh, agus bhiodh moran a dol dhachaìdh le cinn ghoirte ’san oidhche.
Bha chleachdadh aig na Gàidheil, nuair a thigeadh bàs do theaghlach, gu sonruichte ma ’se seann duine a bheireadh e leis, a bhi giulan buideal de dh’ uisge beatha dh’ ionnsaidh an ait-adhlacaidh. Chumadh am buideal sin suas ri ochd gallain, agus gle thric bhiodhte moran na bu chùramaiche mu ghiulan na bhiodhte mu ghiulan a’ chuirp a bha anns a chiste-mhairbh. ’S iomadh deoch-slàinte rachadh òl mu’n ruigte ’n uaigh, agus mu’n tilleadh iad bhiodh fear us fear dhiubh na shineadh air an daoraich. Chuala mi seann duine, a tha nise ’na dhachaidh bhuan, ag innse sgeul mu thòradh a bha ann an aon de na h-eileanan, agus chaidh a mhuinntir a bha giùlan a chuirp bhar a cheile; rinn iad sabaid mhor agus ’san iorghuil a bh’ aca, bhrist iad am bord-uachdair bhar na ciste, a leigeil a’ chuirp a mach air an làn. Agus tha mi lan chreidsinn nach ann aon uair no an aon àite a thachair a leithid.
IAIN MAC ’ILLEASBUIG
(Ri Leantuinn.)
Stampaichean Litreach.
Tha ’n sgeul mu ’n dòigh air an d’thainig stampaichean-litreach gu bhi air an cleachdadh cha mhor cho math ri sgeulachd. Cha’n eil fhathast tri fichead bliadhna o’n chaidh an cur am feum an toiseach, agus b’e ’n duine ainmeil sin Rowland Hill a chuir mu dheibhinn. Bha e aon latha a’ dol troimh sgireachd àraidh an ceann a tuath Shasuinn, agus air dha taghal aig tigh-òida bha ’n sin, chunnaic e am posta stad a toirt seachad litir a bh’ aige do nighinn òig a bha ’san tigh. Thainig an nighean a mach, ghabh i an litir as a laimh, thug i sùil oirre, agus dh’fheòraich i gu de uiread ’sa bha ri phàigheadh. Thuirt am posta gu robh tasdan, suim airgid a bha moran na bu luachmhoire ’san àm sin na tha e ’n diugh. Rinn an nighean osna thùrsach, agus thuirt i gur ann o bràthair a bha ’n litir, ach nach robh airgead aice gu ’phàigheadh, agus shin i an litir air ais. Ghabh Rowland Hill, an duine còir, a leithid a thruas dh’i ’s gu’n do phaigh e ’n tasdan air a son, ’s thug e dh’i an litir. Ach mu’n gann a thionndaidh am posta a chul rithe dh’ aidich an nighean do Mhr. Hill nach robh ann ach cleas a bha eadar i fhéin ’sa bràthair. Bha comharraidhean air còmhdach na litreach ag innse na bha i air son fhaotainn a mach, agus cha robh sgriobhadh sam bith ’na broinn. “Tha sinn le chéile cho bochd,” ars ise, “ ’s rinn sinn an dòigh so air cluinntinn bho chéile gun dad a phàigheadh.” ’Nuair a dh’fhalbh Rowland Hill air a thurus, chuir e a’ cheist ris fhéin an robh e ceart a bhi ruith Postachd na rioghachd air dòigh a cheadaicheadh a leithid sid de mhealltaireachd. Mu’n deach a’ ghrian fodha bha e ’n deigh a dheanamh suas ’na inntinn gu’m biodh a Phostachd an ùine ghoirid air a suidheachadh air steidh ùr, agus rinneadh sin. Anns a bhliadhna 1839 chaidh faradh litir isleachadh gu sgillinn, agus bha sin ri phaigheadh mu’n cuirte air falbh i. Cha’n eil an stamp ach a mhàin a’ sealltuinn gu bheil faradh na litreach air a phàigheadh. Cha’n aithne dhuinn gu bheil rioghachd no dùthaich air an t-saoghal a nise nach eil ’gan cleachdadh.
Tha ’n nighean bheag, Dutcher, a bha air a leonadh gu dona nuair a chaidh a mathair ’sa bràthair a mhort faisg airMoncton , N. B. ,a nise dol gu math na’s fhearr, agus ma leanas i mar sin cha’n fhada gus am bi i comasach air fianuis a thoirt mu na thachair. Tha i ann an tigh nam bochd, agus thatar ag radh gu’n d’ thugadh ionnsuidh air a goid as o chionn ghoirid. Tha Sullivan air a chumail anns a’phriosan gus am bi an nighean comasach air fianuis a thoirt seachad.
Bha seann duine còir ann an Alba uair agus air dha bhi faireachdain droch straighlich air feadh an taighe, chaidh e far an robh am ministeir feuch ciod a ghabhadh deanamh gus an droch-fhear, mar a shaoil leis, a chumail air falbh. “A dhuine,” ars am ministeir, “am bheil thusa cho faoin ’s gu bheil thu ’n dùil nach eil dad aig Prionnsa Cumhachd an Adhair ri dheanamh ach a bhi bùrach am measg nan seann draighnichean a th’ agadsa air an labntaìdh?”
B’ àirde an luath na lasair.
B’ e naigheachd mhòr am baile beag e.
B’ e an t-srathair an àite na diollaid e.
B’ e sin a’ chlach an ionad na càbaig e.
B’ e freiteach a’ bhàird ris a’ chaisteal e.
B’ e earbsadh gnothuich ri droch ghille e.
B’ e an cat ’ga thoirt an aghaidh a’ chuilg e.
B’ e saoradh air ceann a’ choin bhradaich e.
B’ e an crochadair a buain croiche dha fhein e.
B’ e deoch do fhear am mullach na h-àtha s i na teine e.
B’ e ionnlaid drabhaig a’ dol na chrò chaorach e.
B’ e mart nam beannachd ’s a’ chliabh, mart na mallachd air an t-sliabh.
[Vol . 5. No. 16. p. 2]
ROB DONN.
(Air a leantuinn.)
Ann an aon ni, is e mo bheachd gu’n toir Rob Donn barr air ar Baird Ghaidhealach uile gu leir—anns na linnibh deireannach so co-dhiu. A mach o Oisean, saoilidh mi nach eil Bard Gaidhealach againn aig an robh beachd cho cothromach air oifig no dreuchd a’ Bhaird ri Rob Donn. Cha’n ’eil mi ag iomradh air Ughdair nan Laoidhean Gaidhealach ann a chunntas so. Ann am fior bhrigh an fhocail is gann a thoilleadh Ughdair nan Laoidhean Gaidhealach ainm Baird. Bha iad gu leir ’nan searmonaichean agus ghabh iad cothrom air baigh nan Gaidheal ri rann agus ri ceol a chum nam firinnean a bha iad a teagasg ’nan searmoinean a chur ann an rann a los gu’n eisdeadh an sluagh riu na bu durachdaiche. Cha robh iad ’nam Baird ach, mar gum b’ann, le tuiteamas. Bha iad ’nan luchd-teagaisg, ach b’e brigh an teagaisg an Soisgeul a mhain. Ach a mach o Rob Donn is gann is aithne dhomh aon d’ar Baird ainmeil Ghaidhealach aig an robh beachd cothromach air a dhreuchd mar Bhard. Cha do ghleidh Rob Donn fein an comhnuidh fa chomhair a dhleasdanas mar fhear-teagaisg d’a shluagh. Ghabh e gnothuch air uairean ri nithean a bu choir dh’a sheachnadh. Rinn e culaidh-mhagaidh de chuid nach do thoill spid no fanoid. Cha do thagh e chainnt an comhnuidh mar a dh’fhaodadh e. Cha do ghabh e uiread dragh r’a orain agus a bu choir dh’a. Ach ged bha e an ann doigh no dhà an deigh-laimh, saoilidh mi gu’n robh beachd fior aige air a dhreuchd fein agus air a dhleasdanas mar fhear-teagaisg. Mar nach tric a thachair ghabh muinntir a dhuthcha fein ris an uair a thainig e d’an ionnsuidh. Thug iad urram dh’a a bha comharraichte. Ma dh’fhaodte gu’n d’thugadh an t-urram so so dh’a le cuid bho eagal roimh a theangaidh sgoilte, agus le cuid eile bho thlachd d’a fein agus d’a dhoigh; ach cha’n ’eil teagamh nach d’fhuair agus nach do thoill e urram bho árd agus bho iosal airson nam feartan inntinn oirdhearc a bhuileachadh air agus an doigh fhior, chothromach anns an do chleachd e iad. Bha beachd Rob Dhuinn mu thimchioll ciod a bha ceart no cearr ann an cleachdadh, ceutach no mi-cheutach ann an giulan, glan no salach ann an cainnt, ma dh’fhaodte dealaichte o’d’ bheachd-sa agus o’m’ bheachdsa. Ach ni sinne gu maith ma ghleidheas sinn, ’nar teagasg agus ’nar n-eisempleir, cho dlù air an ni a tha ceart a reir ar beachd fein.
Tha mi meas, ma tha, gu bheil fior luach dhuinne an diugh ann am beatha agus ann an saothair an duine so, seachad uile gu leir air maise no mi-mhaise a’ chuid rann. Thainig e d’a dhuthaich gun ordugn Righ no Cleir a’ creidsinn gun robh aige-san teachdaireachd r’a liobhairt do’n t-sluagh. Shuidh e ’na bhreitheamh air giulan agus air cleachduin a luchd-duthcha, eadar ard agus iosal, bhochd agus bheartach. Cha robh ni d’an cuisean ris nach do ghabh e, air aon doigh no doigh eile, gnothuch. Cha robh inbhe ach iosal. Cha robh cairdean no storas aige. Cha robh do chul-taice aige ach a bhuaidhean àrd fein; agus nadur fosgailte, firinneach, neo-sgathach. An aite a dhi ’na phlaigh anns an duthaich, dh’fhas e ’na fhior chumhachd innte air taobh firinn, ceartas, agus deadh-bheus os cionn gach Ministeir agus Moraire a bha iad ann. Chaidh aige air so a dheanamh le thalantan a bha lionmhor a chur bu buil mhaith. Bha e creidsinn gun robh dleasdanas air a feagair air na buaidhean a bhuineadh dh’a a chaitheadh air taobh firinn, ceartas agus coir, agus an aghaidh foirneart, foill, agus eucoir ’na latha agus ’na dhuthaich fein. Chaidh e gun teagamh air uairean clì. Ach sheas e thar cheann cho duineil re a bheatha ri firinn, a reir a sholuis fein, agus gu’n do bhuidhinn e cliu agus meas a luchd duthcha fein. Chuir e e fein an ceill mar fhear-teagaisg firinneach— ’na dhoigh fein fior shearmonaiche fireantachd—agus thug e air an t-sluagh gabhail ris mar aon agus creidsinn ann. Cha’n aithne dhomh aon da’r Baird Ghaidhealach a ghabh a leithid so de dhleasdanas air fein; agus cha’n aithne dhomh aon ainmeil dhiu ach Dughall Buchannan d’an tigeadh e a ghabhail. Tha e tuillidh is fior mu mhoran diu nach ann air taobh firinn no coir a bha aon chuid am beatha no an teagasg. Dh’fhag Mac-Mhaighstir-Alastair agus Donnachadh Ban Mac-an-t- Saoir Bardachd ’nan deigh a bheir toilinntinn do mhoran Ghaidheal nach faigh ach beagan blas air Orain Rob Dhuinn. Bha gibhtean Bardail aig an dà dhuine dealaichte bho Rob Donn—gibhtean ma dh’fhaodte a b’airde na a ghibhtean-sa. Tha iad fein agus sinne cho fortanach agus gu’n do sheinn iad mar bu trice mu aillidheachd a chruthachaidh agus gu’n do sheachain iad cuisean an coimhearsnaich. Bhiodh an cliù na b’airde na seachnadh iad cuisean an coimhearsnaich an comhnnidh. A reir coltais cha b’urrainn doibh ach a bhi moladh no caineadh; agus cha b’urrainn doibh moladh no caineadh ach a reir mar a bha tlachd no fuath aca fein. Is e cliù Rob Dhuinn gu’n do ghabh e mar a steigh cuisean agus gnothuichean a latha agus a dhuthcha fein; agus gu’n do sheinn e mu’n deibhinn gun mi-thlachd a chur ach air na h-eucoraich a mhain. Feudaidh e bhi gu’n abair cuid gu’n do dhearbh Rob Donn isle bhuaidhean leis na steighean a thagh e. Cha’n ’eil mi de’n bheachd so. Tba mi meas gur airidh cuisean an t-sluaigh—an aighear agus am bron, an gaol agus am fuath—air an seinn cho maith ri doighean fhiadh agus dath bheanntan, A dh’aon ni b’e gnothuichean a chairdean agus a choimhearsnaich steigh Rob Dhuinn. Ann a bhi g’a seinn dh’ardaich e dhreuchd agus chuir e urram air cho maith ri ach beaga d’ar Baird Ghaidhealach, agus cha d’thug e idir masladh air mar a rinn moran diu.
Cha’n ’eil mi ro chinnteach an d’iunnsaich na Gaidheil no luchd-duthcha Rob Dhuinn fein gu ro mhaith an leasan a tha a bheatha agus a Bhardachd cho soilleir a’ teagasg. Cha’n ’eil cearn de’n Ghaidhealtachd air a bheil sinn cho eolach ceud bliadhna roimhe so agus a tha sinn air Duthaich- ’Ic-Aoidh bho orain Rob Dhuinn. Cluinnidh sinn gu tric, agus tha sinn gu tric a’ creidsinn, gu’n robh daoine an là ud na bu chairdeile, na bu chaoimhneile, na b’fhirinniche, na bu bheusaiche, na bu chrabhaiche agus na bu chomh-fhurtachaile na daoine ar latha-ne. Tha eagal orm gu bheil sinn ann an tomhas mor g’ar mealladh fein anns na cuisean so. Tha sinn ro dheas gu bhi cur barrachd luach air an tìm a bh’ann o shean na thoilleas i. A reir cuntais Rob Dhuinn saoilidh mi nach robh muinntir, Dhuthaich- ’Ic-Aoidh a bheag air thoiseach air mar tha iad an diugh. Cha robh Goill no caoraich mhaola aca. Bha uaislean na duthcha a’ fuireach innte. Ach cha’n fhaic mi gu’n robh cairdeas no caoimhneas no firinn a bheag na b’airde ’nam measg na a shaoileas mi a tha iad fathast. Ma bha an sluagh na bu chrabhaiche no na bu naomha anns an àm ud, is ann air doigh nach tuigear gu ro mhaith an diugh. Bha Rob Donn ’na fhoirfeach anns an Eaglais agus ’na chompanach aìg na Ministeirean a b’ainmeile anns an aite. C’aite a’ bheil Seisein anns na tri Siorrachdan a ghabhadh ’na fhoirfeach an diugh e, no Ministeir a dh’aideachadh d’a shluagh gu’m b’e chleachduin a bhi leughadh a chuid oran? —D. McK. ’sa Gaidheal.
NEW ZEALAND.
Tha na duthchannan so gle iongantach. Tha moran de nithean annta tha calg-dhireach an aghaidh mar tha iad ann an duthchannan eile. Tha ’n duthaich so agus Astralia a’ dol fo’n ainm antipodes, facal a tha ciallachadh a bhi “direach an aghaidh.” Tha duilleach nan craobh gorm na h-uile latha dhe’n bhliadhna, agus cha’n eil craobh gun bhlath agus gun mheas is fhiach ithe. Tha seudar agus fiodh luachmhor eile ’ga losgadh air son connaidh. Tha’n eala dubh, agus tha ian eile ann air am bheil fionnadh mar ghabhar an ann àite itean. Cha’n eil air ach sgiathan goirid leis nach urrainn da itealaich, ach a tha deanamh cuideachadh leis ann an coiseachd. Ann an Astralia tha beothach ceithir-chasach air am bheil gob tunnaig, agus a bhios a breith uibhean. Anns an dùthaich so leumaidh an t-iasg a stigh do’n bhàta le’n toil féin, rud a tha gle iongantach. Bha fear Mac Leòid anns na bliadhnaichean a chaidh seachad a feuchainn ri daoine fhaighinn gu tigh’n do’n dùthaich sa air an t-soitheach aige. Bha e ann an St. Ann ’s, agus am measg na h-uile ni eile bha e ’g innse a’ moladh na tire, dh’ innis e mu ’n iasg so. Chaidh a bhreug a thoirt da an clar an aodainn, agus air eagal gu’n deanar an ni ceudna riumsa, feumaidh mi tuilleadh a radh mu iasg na dùthcha so.
An t-iasg àraid so, ’se mullet a theirear ris.
[Vol . 5. No. 16. p. 3]
Tha a leithid cumanta ann am Breatuinn. Tha e toirt leum mar am bradan; tha e ’dol suas aimhnichean leis a mhuir làn air son cladh. Tha na h-aimhnichean a’ ruith astar fada troimh àiteachan iseal, gus an ruig iad bonn nan cnoc. ’Nuair a tha ’n làn-mara dol air ais, tha ’n t-iasg gu grad a tilleadh gu uisge domhain. Theid am bàta (air a dheanamh air aon mhaide) a chur tarsuinn an amhuinn aig àite ’s an ruig e bho thaobh gu taobh. Theid a dheanamh trom gus am bi a bheul direach aig uachdar an uisge. Tha an t-iasg a ruith sios an amhuinn gu bras; tha na h-iasgairean a bualadh a bhàta le slacain; theid an t-iasg ’na chabhaig; ni e oidhearp air leum thairis, ach ’s ann a thuiteas e anns a’ bhàta. Tachraidh sin do fhear an deigh fir dhiubh, gus am bi am bàta làn. Faodaidh na leughadairean m’ fhacal a ghabhail gur h-i an fhirinn a tha mi ’g innse; mur a creid iad mi cha sgriobh mi facal tuilleadh dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA! Tha am mullet mu mheud an rionnaich, agus gle fhreagarrach air son a dheanamh suas ann an stain(tin) .Tha e cho math air an dòigh sin ris a bhradan. Thatar ’ga ghlacadh mar an ceudna le linn a bhios mu thri òirlich gu leth, agus uaireannan ceithir òirlich anns a mhogul. Mar a’s trice tha ’n lion air a chur air a’ ghrunnd, le pailteas luaidhe an ceangal ris gus a chumail fodha, agus beagan àrca a chumas na sheasamh e air son cumail an éisg. Tha aon ni comharraìchte thaobh iasg na dùthcha so; tha na cnamhan anabarrach garbh. ’Se ’s aobhar d’a sin gu bheil moran a bharrachd de dh’ aol, de mhagnesia, ’s de nithean eile tha deanamh suas nan cnàmh, anns an uisge shailte an so na tha ann ’s na dùthchannan ’s am bheil sibhse. Air son an aobhair cheudna, tha na sligean ’s na faochagan a’ fas gle mhor.
Tha iasg eile ann air an d’ thug Caiptean Cook bream mar ainm, air dha bhi coltach ri iasg a tha mar sin air ainmeachadh. ’Se ’n t-ainm a thug na Dùidsich air, schnapper, an t-ainm a tha leantuinn ris. Tha e na iasg a tha gle phailt, ach cha’n eil e idir reamhar. Tha e air a ghréidheadh mar an trosg; ’se n aon samhuil a th’ aig an trosg anns an dùthaich so. Cha’n eil e idir coltach ann an cumadh ris an trosg chaomh. Tha itean biorach air feadh an droma aige, agus lannan air cuid dhiubh cho mor ri bonn tasdain. Tha e duilich a laimhseachadh gun bhi gle fhaiceallach air na h-itean biorach aige. Tha ’m beul beag, agus tha carbad aige tha anabarrach làidir. Chithear e air latha ciùin ann an uisge eu-domhain le shron a cladhach na gainmhich mar a mhuc a sireadh fhaochagan beaga cruaidhe, a tha e ag itheadh. Tha tuilleadh agam ri innse mu’n iasg so, mar a bhithear ’ga chur gu féill, agus nithean eile, ach feumaidh mi sin a leigeil seachad gu àm eile.
Tha iasg eile anns an dùthaich so ris an can na Maoirich whapuka no hapuka. Tha an t-iasg so mor, garbh, cutach, agus bronnach, mu leth-cheud punnd, agus air uaireanan cho àrd ri ceud punnd air cudthrom. Tha e air a ghlacadh an uisge domhain, an àiteachan àraidh mu thimchioll chreagan, agus far am bheil grunnd garbh. Laidhidh e gun gun ghluasàd air uachdar an uisge; ma tha ’m bata beag faodar a cheangal air sreing gus an tig an t-àm gu falbh dhachaidh. Tha e gle mhath ri ithe ’nuair a tha e ùr; tha ’n ceann aige tiugh, reamhar, agus tha moran gle mhiannach air, ’s cuiridh iad seachad am biadh is fearr gu bhi air ithe leis. Tha an t-iasg so air a ghlacadh air son feum cuid; cha’n eil e na iasg air am bheil féill mhor sam bith.
Tha seòrsa de ghiomach(craw fish)an so gle phailt. Tha e dh’ easbhuidh an dà spòig mhoir, ach tha e coltach ris a’ ghiomach anns gach dòigh eile. Feumar a chur dh’ an phoit beò, neo theid e dholaidh gun dàil. Tha e air a ghiulan ann an cliabhan us feàmainn fhluch air a chumail uime, dh’ ionnsuidh a’ mharsanta. Tha esan ’ga bhruich agus ’ga reic a mach mar sin. Cha’n eil e freagarrach air son a chur suas ann an stain mar tha ’n giomach. ’S mor am beud sin, oir tha am pailteas ann dhe. Tha e ri fhaotainn anns an uisge ùr cuideachd.
Tha an easgann an so gu lionmhor anns a h-uile poll, mòinteach, agus aite fliuch air an tigear tarsuinn. Bha dine ’g radh uair gur i so an dùthaich a’s fearr a th’ air an t-saoghal, a chionn gu’m faighear am buntata ’s an t-iasg air an aon raon, ni a tha gun teagamh fior. Tha ’n abhainneach ri fhaotainn an tuill dhomhain anns am bi uisge sàmhach. Le udh grod air a bhristeadh, bainne, cobhar siabuinn, no fuil a dhortadh air an uisge, thig gu uachdaran uisge. Cha’n eil muirgheadh aca an so idir, agus bithear a glacadh an eisg le dubhan. An tràigh na mara chithear an lorg aice troimh ’n làthaich, agus le sin a leantuinn, theid a cladhach a mach le slusaid. Tha cuid diu anabarrach mor. Chaidh te a ghlacadh faisg air a so, a bha ceithir fichead puund a chudthrom. Bha i ann an dig ’san robh beagan uisge, agus chaidh a marbhadh le gath biorach iarruinn. Tha iad blasda ri ’n ithe, agus ’nan deagh amhlan le biadh, ach an deigh in tha sgreamh mor aig feadhain nan aghaidh.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsdain, 2, 8, ’96.
CARN NAN DRUIDHEAN.
[Tha sinn a toirt ’na leanas á àireamh de’n “Ghaidheal” a thainig a mach ’sa bhliadhna 1873. Bha e air a sgriobhadh le Iain Caimbeul, bàrd na Leideig. Theagamh nach misde le ar leughadairean fhaicinn an deigh na leugh iad mu na Druidhean seachdain no dha air ais. ]
A CHARAID IONMHUINN, —Tha mi an deigh ur paipear a chur as mo laimh, anns an robh mi ’leughadh mu sheann chleachdainnean nan Druidhean, agus smaointich mi nach bu mhisde le cuid d’ ur leughadairean iomradh a chluinntinn air aon de na cuirn aca, a chaidh fhosgladh anns an aite so o chionn ghoirid. Tha mi am barail gur e an carn so carn a bu mho an Albainn. Thachair gur mise a’ cheud neach a chaidh sios ann, ’s e is docha leam, o chionn corr agus da mhile bliadhna.
Thachair do dhuin-uasal’ d’ an ainm Dr Smith á Manchester, a bhi air chuairt an so agus bha ’aire air a tarruing a dh’ ionnsaidh a’ chuirn, oir tha e a’ cur uidh mhoir ann an rannsachadh a mach ni sam bith a dh’ fhaodas solus a thilgeadh air seann chleachdainnean ar sinnsearachd. Fhuair e cead o’ n uachdaran, Caimbeulach Loch-nan-eala, an carn fhosgladh. Chuir e da dhuine ’n a thaice agus thug iad dluth air seachdain a’ cladhach m’an do rainig iad an t-iochdar, ach an uair a rainig iad e, agus a fhuair iad an ceann-saor, bha Dr. Smith air a dheagh phaigheadh airson a dhragh agus a chostais. Thachair dhomhsa a bhi ’n a chuideachd, comhladh ri aon no dha eile, an uair a chaidh clach a thogail, a leig ris dhuinn gu h-iosal fodhainn uamh no seomar mor, dorcha. Chaidh coinneal fhaotainn agus a feuchainn a sios an toiseach, dh’ fheuch an robh an t-adhar glan. An uair a chunnaig sinn gu’n robh, chaidh mise a sios do’n uaimh agus cha’n urrainn domh innseadh na faireachdainnean a bha agam an uair a rainig mi sios, —am sheasamh anns an aite a chaidh a dhunadh a suas o chionn, mar a thuirt mi cheana, ma dh’ fhaoidte corr agus da mhile bliadhna!
Bha sreath de chlachan mora air gach taobh a’ deanamh balla an t-seomair, agus cha’n eil fios aig mac duine ciamar a chaidh an leithid a ghiulan ann. Os an cionn so bha sreath eile de chlachan a cheart cho mor, ach mu thuaiream oirlich no dha na b’ fhaide stigh, agus air oir nan clachan mora a b’ isle bha sreath de chlachan beaga mu mheudachd uibhead chalamain ’s a’ h-uile aon diubh cho geal ri sneachd aon oidhche. Bha an t-aite cho aitidh a’s gu’n robh driuchd fliuch orra, agus le solus na coinnle bha iad a’ dearsadh mar dhaoimean. Bha da chuach no miasan de chreadh air an urlar—aon air an an taobh an iar agus aon air an taobh an ear d’ an t-seomar. Os cionn nan cuach bha da chloìch ghil a’ beantainn ri ’cheile—bha cach beagan oirleach o’ cheile—agus bha clach bheag anns gach cuach. Bha am mullach air a chlachaireachd beagan a stigh, agus leac ’g a chomhdach. Is e an ceann a b’ fhraide stigh a chaidh fhosgladh an toiseach, agus bha e mar a bha na taobhan air a dhunadh le clachan mora. Aig a’ cheann eile, bha da chloich ’nan seasamh mar charraighean, a deanamh mar gu’m b’eadh da ursann; clach coltach ri cluasag ’na sineadh eadar an da ursann so; trannsa caol, iosal a dh’ fheumadh neach dol troimhe air a mhagan, agus an sin seomar eile mar a chiad fhear. Bha ciaradh na h-oidhche ann an uair a chaidh an earn fhosglabh, agus cha robh mi tri mionaidean air tighinn a nios ’n uair a charaich aon de na clachan air an taobh a mach, agus a thuit na tunnachan salchair a dhuin suas am fosgladh, agus mur bithinn a mach ’s an am, is ann leis na Druidhean a chuir mi seachad an oidhche.
[Vol . 5. No. 16. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.
SIDNI. OOTOBER 24, 1896.
Tha Iompaire Ruisia agus a Bhan-Iompaire, air a dhol dhachaidh an deigh dhaibh céilidh ghoirid a dheanamh ann am Breatuinn agus anns a’ Fhraing. Ghabh iad an gnothuch gle shocair ann am Breatuinn; cha robh iad ach ann an Gàidhealtachd na h-Alba, far an robh a Bhan-righ a’ deanamh a dachaidh aig an àm. Ach anns an Fhraing chuireadh fàilte orra le greadhnachas mor, agus rinn an luchd-riaghlaidh ’s an sluagh othail gu leòr riutha; cha b’ urrainn daibh tuilleadh ’sa chòir a dh’ urram a chur orra. Tha e car iongantach ri fhaicinn an dlùthchàirdeas a tha Ruisia ’s an Fhraing a nochdadh dh’a chéile, agus cho calg-dhireach an aghaidh a cheile ’sa tha an doighean-riaghlaidh. Anns an Fhraing, cha’n eil righ no iompaire aca, ach tha riaghladh gach ni an lamhan an t-sluaigh. Ann an Ruisia, tha gach cumhachd air fhàgail aig an Iompaire; cha’n eil guth no lamh aig an t-sluagh ann an riaghladh na dùthcha, ach a mhàin deanamh mar a dh’ iarras esan. Cha bu bhuidhe do’n duine chomhairlicheadh do na Frangaich righ no Iompaire a chur os an ceann, ach ’nuair a thig iompaire Ruisia g’an ionnsuidh, an aon fhear a’s motha cumhachd thairis air a chuid iochdaran am measg uile righrean na Roinn-Eorpa, ni iad uiread toileachaidh ris ’s ged bu leotha fhein e.
Tha sinn an dòchas gu’n dean ar leughadairean, a chuid sin dhiubh nach do phàigh fhathast, an dichioll air am pàigheadh a chur g’ ar n-ionnsuidh gun dàil. Tha ’n clo-bhuailadaia ri phàigheadh, tha paipear ri cheannach, agus tha iomadh ni eile ri choinneachadh air nach leig sinn a leas iomradh a thoirt. Bheir iad so uile leotha airgead, agus a chum ’s gu’m bi e ’nar comas a chuid fhein a thoirt do gach duine, feumaidh luchd-gabhail a phaipeir deanamh mar sin ruinne. Tha sinn an dòchas gu’n dean iad sin, agus nach leig iad dith no deireas air MAC-TALLA.
Cha’n eil atharrachadh sam bith air suidheachadh na Tuirce. Tha e coltach nach d rinn soitheach-cogaidh nan Stàitean na bha i cur romhpe; cha deach i gu Constantinople idir, agus mar sin tha cuisean air am fagail mar a bha iad.
Rinneadh call mor air a bharr an taobh an iar Eirinn le tuiltean. Ann an iomadh àite tha e air a thur mhilleadh, agus mur deanar cuideachadh leisan t-sluagh bhochd, tha e ’na aobhar eagail gu’m bi gorta nam measg air a gheamhradh.
Tha ’n naigheachd mu dheireadh a thainig, ag innse gu bheil an Spainn a dol a thoirt aon ionnsuidh gharg eile air Cuba a thoirt fo chis, agus mur teid aice air sin a dheanamh romh thoiseach a mhios Mhàrt, bheir i suas, agus leigidh i leis an eilein a dhol an lamhan nan ceannairceach.
Tha ’n Dotair Jamieson, a chuireadh dh’ an phriosan air son bristeadh a stigh air an Transvaal, ri bhi air a leigeil m’a sgaoil; cha’n eil am priosan a tigh’n ri ’shlàinte. Ged a bha Jamieson ’sa chuideachd air an cumail am priosan, cha robh ann ach “mar mhagadh,” air bha aire agus biadh dhaoin-uaisle tir a chumail riutha fhad ’sa bha iad ann, agus cha’n eil e furasda thuigsinn ciamar a bhrist air an slàinte.
Cha’n eil teagamh nach bi a chòmhstri a bh’ eadar Breatuinn ’s na Stàitean a thaobh Venezuela seachad an ùine gun bhi fada. Tha iad deonach taobh air thaobh an gnothuch a chur as an làmhan, gu seachd sònruichte o’n tha cùisean cho troimh-chéile anns an Roinn-Eòrpa. Ni gach aon aig am bheil gràdh do’n t-sith aoibhneas ri sin a chluinntinn, oir bhiodh e ’na ghnothuch bochd do dha dhùthaich mhor mar a tha Breatuinn ’s na Stàitean a dhol a chogadh mu ni cho beag.
’Nuair a bha Sàr Ruisia ann am Balmoral, thainig e aon latha ’n làthair na Ban-righ air èideadh anns an deise Ghaidhealaich. Tha fhios aig na h-uile cho measail ’sa tha Bhan-righ air an fheileadh ’s air gach ni eile bhuineas do’n Ghàidhealtachd, agus ’se sin a thug air an t-Sar am fèileadh a chur uime. ’Nuair a tha a bhan-righ ’sa teaghlach air a Ghàidhealtachd, ’s i ’n deise dhùthchasach a bhios na prionnsachan a cosg daonnan. ’Nuair a bha a h-ogha, Deòrsa Diùc York, ann am Moscow, aig crùnadh an t-Sàir a’s t-samhradh s’a chaidh, chaidh e aon oidhche gu cuirm dh’ionnsuidh an d’fhuair e cuireadh o aon de na h-àrd-uaislean, agus ’se bu chulaidh dha,
Feile preasach tlachd mo ruin,
’S osan nach ruig faisg an glun,
’S cota breac nam basan dlùth,
’S bonaid dhù-ghorm thosgarrach.
Tha e air innse dhuinn nach do chòrd a thrusgan ris na h-uaislean Ruiseanach ach gu h-olc.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 16. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Sgaoil a chùirt-mhor a sheachdain gus an diugh. Bha àireamh de chàsan air am fàgaìl gun fheuchainn, agus bidh suidhe eile ann air a mhios s’a tighinn, a’ tòiseachadh air a’ cheud Di-màirt.
Thatar a bruidhinn air tòiseachadh rir cladhach air son olla timchioll air Loch Ainslie. Rinneadh moran tollaidh timchioll oirre o chionn treis mhor a bhliadhnaichean, ach chaidh a leigeil seachad. Tha sinn an dòchas gu’m bi barrachd air a dheanamh air an turus so.
Tha Latha Taingealachd ri bi air a chumail ann an Canada am bliadhna air an Dior-daoin mu dheireadh dhe’n mhios s’a tighinn. Bidh e air a chumail anns na Stàitean aig an àm cheudna. Tha e gu bhi beagan na’s anmoiche na b’ àbhaist da bhi bliadhnaichean roimhe so.
Anns an stoirm a bha ann o chionn beagan us seachdain, bha corr us ochd ceud de dh’ eòin bheaga dhe ach seorsa air am marbhadh aig tigh-soluis Eilean Sable ann an aon oidhche. Bha iad a’ deanamh direach air an t-solus agus ’gam marbhadh fein ris a ghlainne.
Tha a’ mheinn chopair aig Amhuinn Sheòrais a rithist ’na tàmh s’ i air lionadh le uisge. Bha iad an deigh doimhneachd ceithir fichead troigh a ruigh eachd agus bha an copar a fàs na b’fhearr mar bu doimhne rachad iad. Cha’n eil teagamh nach toirear oidhearp air a h-obrachadh ar ùu uair-eigin eil e.
Tha an t-Urr. Domhnull Siosal, sagart Bhroad Cove, gu bhi an deigh so air a shuidheachadh ann an Antigonish, agus tha sagart Antigonish, an t-Urr Mr. Gillios, ri bhi ann am Broad Cove; tha e ann an Antigonish o chionn tri bliadhn’ deug air fhichead, agus bidh muinntir a pharaiste gle dhuilich a’ dealachadh ris.
Tha fear-parlamaid ann an Toronto, Mr. Ros Robertson, agus air dha tilleadh dhachaidh à Ottawa an deigh suidhe na parlamaid, thug e seachad a thuarasdal, mile dolair, air son math tigh-eiridinn chloinne a th’ anns a bhaile, Agus cha biodh e freagarrach a dhi-chuimhneachadh gur-a- fear-deasachaidh paipear-naigheachd a th’ ann.
Thainig soitheach a stigh do acarsaid Sidni Tuath toiseach na seachdain so agus fear de’n sgioba tinn leis a’ bhric. Bha e tinn fad fhichead latha roimhe sìn, agus bha e ’dol am feobhas mu’n àm a thainig an soitheach a stigh. Chaidh an soitheach orduchadh a null guPoint Edward,agus chaidh an duine an sin a chur dh’an ospadal. Bha an soitheach air tighinn à Baniff, an Alba.
Tha sinn a tuigsinn gu bheil cuìdeachd a’ Ghuail gus an rathad eadar am baile so ’s meinn a Reserve fhosgladh as ùr, gu bhi ruith charbadan air gus luchd-siubhail o ghiulan. Tha ’san ainm cuideachd gu bheil iad a’ dol a chàradh ’na seann laimhrig anns a’ bhaile so, agus gu’m bi iad a luchdachadh guail aice air an t-samhradh s’a tighinn. Ma tha sin uile fior, ni e feum mor do Shidni. Tha sinn an dòchas gu beil a fior gu leòr.
Tha e coltach nach fhada gus am bi aig luchd-taghaidh na siorrachd so ri chur an cèill ciod a tha nam beachd a dheanamh a thaobh creic deoch laidir. Mar a tha an dràsda tha an Scott Act na lagh ’san t-siorrachd, ach cha’n eìlear ’ga chiomhead gu ro math, agus tha iadsan a tha ’ga bhristeadh a faotainn as mar a’s trice gun pheanaist sam bith. Thatar an dràsda bruidhinn air feuchainn ris an lagh sin a chur as agus lagh eile ghabhail leis am faodar cead a thoirt do fheadhain deoch làidir a reic, agus càin a chur orra-san a reiceas gun chead. Tha caochladh bheachdan aig càirdean stuaimeachd a thaobh ciod bu chòir a dheanamh.
Fhuair an t-Urr, M. A. MacCoinnich, ministeir Ghrand River o chionn ghoirid sgeula-bais athar, a chaochail ann an Alba air an 22 latha dhe’n mhios a chaidh seachad. Bha e ceithir fichead bliabhna ’sa coig deug a dh’aois, agus ’na dhuine air an robh meas mor anns an sgireachd d’am buineadh e.
Chaidh fear Seumas Babin as a rian ann an Arichat a sheachdain gus a bhòn-de, agus thug e ionnsuidh air beatha Caiptean Marmaud ’se ’g obair còmhla ris. Rug e air sgòrnan air, ach fhuair am fear eile e-fhein as a lamhan agus le cuideachdadh dhaoin’ eile thug e dh’an phriosan e. Cha’n eil teagamh mach bi e air a chur à sin dh’an tigh-chaothaich.
Tha sinn duilich a chluìnntinn gu bheil an t-Urr M. A. Mac Coinnich a’ dol a dh’fhagail sgireachd Ghrand River, far a bheil e nis a saoithreachadh le mor thaitneas o chionn àireamh mhath bhliadhnaichean. Tha Mr. MacCoinnich ’na shearmonaiche math, am Beurla ’s an Gailig, agus tha sinn an dochas, ma dh’ fhagas e Grand River nach leigear leis a dhol fad air falbh, ach gun dean coithional eigin eile faisg air laimh greim air.
Chaidh tigh Dhomhnuill Mhic Neacail, anns an Glace Bay Mhor, a losgadh gu làr oidhche Di-satharna s’a chaidh. Thòisich an teine la lampa thuiteam ’s bhristeadh air an ùrlar. Cha d’fhuaireadh ach gle bheag dhe na bha ’san tigh a shàbhalrdh. Bha Mr. Mac Neacail e-fhèin a stigh an Sidni aig an àm, agus ’nuair a chaidh e air ais bha ’n tigh ’na smàl. Bha ceithir cheud dolair de dh’ airgead-urrais air an tigh, ach cha dean sin suas an call idir.
Bha barr math feòir us arbhair ann an Eilean a Phrionnsa air an fhoghar so, ach tha am buntàta fad air ais seach mar a b’abhaist da bhi. Tha cuid de na tuathanaich a fhuair naodh buiseil dheug crithneachd o gach buiseal a chuir iad, agus ’se àireamh gle bheag dhiubh a fhuair na bu lugha na deich buiseil o gach aon a chuir iad. Cha’n eil na prisean ach gle iseal; tha ’n corca ’creic air da shent air fhichead am buiseal, agus am buntàta air fichead. Cha bhi ach pris gle bhochd air muc-fheoil; cha do thoisicheadh ri ’ceannach fhathast, ach cha’n eil e coltach gu’m bi oirre ach mu thri sentichean am punnd.
’S gann gu’n seall neach air paipear-naigheachd ’san àm so gun e leughadh iomradh air fear no té eigin a tha ’n deigh aois mhor a ruigheachd. Tha paipear mur coinneamh an drasda a tha toirt sgeula-bais bean P. O’Hara, a chaochail ann an Ottawa an la roimhe ’si ceud us aon bliadhn’ deug a dh’ aois. Thainig i mach à Eirinn o chionn còrr us leth-cheud bliadhna air ais. Phòs i ’n uair a a bha i fichead bliadhna, agus chaochail a ceile o chionn da fhichead bliadhna ’sa sia. Tha ’m paipear ceudna ’g innse mu charaid a ann an Summerside, P. E. I., do’n ainm Canning. Tha esan ceud bliadhna ’sa tri agus ise ceud ’sa seachd, agus tha iad le chèile gu slan fallain.
Tha comuinn stuaime a fàs gle lionmhor air an eilean so, s’ gu ma h-e dhaibh. Tha Mr. H. D. Mac-Ille-mhaoil an deigh aireamh nan Good Templars a chur am meud de ceithir deug no coig deug de loidsichean ùra chur air chois o chionn da mhios, agus tha duil aige tuilleadh a chur air chios mu’n stad e. An te mu dheireadh a dh’fhosgail e, ’s ann aig Hillside am Mira, agus tha coltas gle fhallain oirre. So cuid de na h-àiteachan anns am bheir loidsichean ùra: Orangedale, Coxheath, Malagawatch, River Inhabitants agus New Canada. A bharrachd air na Templars, tha da chomunn eile a tha gle lionmhor air feadh an eilein, an Division agus an League of the Cross. Mur bi muinntir Cheap Breatunn stuama ’n deigh so, ’se ’n coire fhein a bhios ann.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
[Vol . 5. No. 16. p. 6]
Am Bonn air an robh Comharradh.
Bu latha trom, docha, an ceud mhios a gheamhraidh a bh’ ann, agus bha na craobhain a bha mi ’cur as mo dheigh ’s mi coiseachd bog fliuch leis a’ cheò abha ’g èiridh bhar nan achaidhean a bha ceithir-thimchioll. Bha uisge mìn air tòiseachadh, agus bha mo chuid aodaich—nach robh air a dhion le aon chuid sgàileagan no cot-uisge—a cheana air fas gu math tais. Thigeadh e ri m’ chàil gle mhath leantuinn air coiseachd romham, ge air bith taobh; ach smaoinich mi na’n rachadh mo fhliuchadh gu ’m faodainn creanachadh air le tinneas a ghabhail; agus anns an t-suidheachadh anns an robh mi aig a’ cheart àm, bu thinneas ni air nach b’ urrainn mi a bheag a dh’uine no dh’ airgead a bhuileachadh. Air an aobhar sin chuir mi mu’n cuairt, agus thill mi gu m’ ionad comhnuidh, ni nach robh mi gle dheònach a dheanamh, oir bha eagal orm gu’n cuireadh bean-an-taighe mar fhiachaibh orm mo chuid fhiachan a phàigheadh. Bha mi ann an droch staid: bha mi air a dhol do Hillford gus a dhol a stigh ri cuideachd chleasaichean a bha ’sa bhaile aig an àm sin, agus an ceann seachdain bha mi air m’ fhàgail lom, falamh, le bochduinn an àrd-chleasaiche. Bha sinn a cluich fad na seachdain, ach cha robh an taigh idir lar, agus bha gnùis an àrd-chleasaiche ag innse dhuinn nach robh cùisean mar bu choir dhaibh a bhi; agus tha mi smaoineachadh nach robh ionghnadh air aon seach aon againn a chluinntinn Di-sathaina nach robh sgillinn airgeid anns an ìonmhas. Dh’fhalbh na cleasaichean eile an sid ’s an so, cha’n eil fhios agam ciamar no c’àite; ach air mo shon-sa dheth, dh’ fhuirich mi, an dòchas gu’n tigeadh cùisean gu bhi na b’ fhearr. A dh’ innse na firinn, bha mi gle ghann a dh’airgead, agus cha robh mi faicinn dòigh air teicheadh. Ach, o’n a bha chùis mar a bha, dh’fheuch mi ris a chuis a b’ fhearr a dheanamh dhe ’n chùis bu mhiosa, le sealltuinn a mach air son cosnaidh. Bha toil agam bean an taighe a phàigheadh—cha b’ urrainn domh am baile’ fhàgail gus an deanainn sin. Ach a dh’ aindeoin m’ uile dhichioll, cha robh cosnadh ri fhaotainn; agus a nise bha Di-haoine na darna seachdain ann, agus bha mise an sid, a’ sràidearachd air feadh na dùthcha, gun na mo phòcaid ach aon bhonn shia sgillinn agus beagan bhuinn-a- sia, agus mì gle an-earbsach a thaobh an latha màireach.
Thionndaidh mi stigh do m’ ionad-còmhnuidh le cridhe trom eu-dòchasach. Bha mi ’n dùil gu’n tachradh Nic-a- Ghobha orm aig an dorus ’s mo chùnntas aice ’na dòrn. Ach na h-àite ’se thachair orm an t-searbhanta; air dh’ ise m’ fhaicinn chaidh i gu grad air ais do ’n chidsinn, agus an ceann mionaid thill i ’s litir aice ’na làimh.
“Le’r cead,” ars ise, “thainig an litir so leis a phosda an deigh na dinnearach, agus dh’ iarr mo bhana-mhaighstir orm an sgillinn a phaigh i air a son fhaotainn uaibh, na ’s e ur toil e.”
Thug mi an sgillinn do’n nighinn, ghabh mi an litir as a làimh agus sheall mi air an sgriobhadh. Air ball las mo chridhe le dòchas—bha an litir bho Mhàiri, bean Rob bhrathair m’ athar. Bha mise ’s iad féin o chionn treis a dh’ ùine a mach air a chéile. Bu mhiann leotha-san mo chur a dh’ionnsachadh na ceannachd, leis an d’ rinn Rob saoibhreas: bu mhiann leamsa bhi ’nam chleasaiche. Cha robh ’chàirdean agam ach iad fhéin, agus cha’n e mhain gu’n d’fhuair mi mo dheagh àrach ’nan dachaidh, ach thug iad foghlum math dhomh air chul sin; agus b’ionghnadh leotha-san mar bu chràdh leamsa nach b’ urrainn duinn a bhi dhe ’n aon inntinn a thaobh an dòigh air an tiginn troimh ’n t-saoghal—agus mar sin bha mise ’nam sheasamh an sid, gun ach gann sgillinn ris an t-saoghal agam, us litir Màiri ’na mo làimh.
Dh’fhosgail mi an litir, agus leugh mi i cho luath ’sa b’urrainn domh. Bha Rob, brathair m’ athar, gu tinn—cho tin ’s nach robh ach gann dùil ri e dhol na b’fhearr. Co luath ’sa thuig e nach robh a shaoghal gu bhi gearr, dh’asluich e orra cur g’ am iarraidh-sa, agus bha a bhean ag àithne dhomh na ’m b’ urrainn domh idir a dhol dhachaidh gun dàil sam bith. Dh’fhaodadh gu’m maireadh e beagan lathaichean na b’ fhaide, ach cha deanadh math dhomh moran ùine chall.
Sheall mi c’uin a chaidh an litir a sgriobhadh, agus an sin air a chomhdach a bha air a sheoladh ugam da uair. Mo chreach! chaidh an litir a sgriobhadh Di-luain, agus bha nis ann Di-haoine. Ach dh’ fhalbhainn gu cinnteach—Rob bochd! bha e riamh gu math dhomh, eadhon ged nach do thuig e mo nàdar. Dh’ fhalbhainn— ’s mi a dh’ fhalbhadh, agus sin gun an còrr dàlach! Ach air dhomh éiridh ’nam sheasamh, air ball chuimhnich mi gu robh Southchester far an robh bràthair mo mhàthar agus a bhean a fuireach, direach ceud mile air falbh, agus nach robh agam ach deich sgillinn ris an t-saoghal. Ciod a bha mi gu dheanamh? Bha mi air m’ uaireadair ’s gach bad aodaich a b’ urrainn domh sheachnadh a thoirt seachad an geall mu sheachdain roimhe sin, agus cha robh ni air fhàgail agam leis am faodainn beagan airgeid fhaighinn. An toireadh Nic-a- Ghobha dhomh deich tasdain an iasad? chuir mi an smaoin sin a thaobh air ball—bha còrr us tri uiread na smuim sin aic’ orm cheana! Ciod e, ma ta a b’urrainn dhomh dheanamh? An robh duin’ idir ann air an iarrainn cideachadh? Bha ’n carbad-iaruinn gu falbh a Hillford aig seachd uairean, agus cha robh e ’n dràsda ach beagan mhionaidean o shia—bha uair a thim agam airson na deich tasdain fhaotainn. Ciamar a ghabhadh sin deanamh?
Am feadh ’sa bha mi mar so ann an innecheist smaoinich mi air duin’ og air an do chuir mi beagan eolais an t-seachdain a bha mi ’san tigh-chluich; duine tapaidh companta aig an robh, a reir mo bharail, meas orm. Thachair sinn air a chèile ann an aon de sheomraichean an taigh-òsda, agus air dòigh-eigin bhuail sinn air seanachas. Rachainn sios dha’ an taigh-òsda—b’ àbhaist da bhi ann mu shia uairean a thoirt greis air cluich mu’n rachadh e dhachaidh. ’N ar coigrich d’a cheile ’s mar a bha sinn, bha mi làn-chinnteach gu’n deanadh e cobhair orm nuair o leiginn ris dha mo chàradh. Thog mi leam m’ ad ’s dh’ fhalbh mi. Eadar an staidhear ’s an dorus thachair Nic-a- Ghobha orm. “Tha feasgar briagh’ ann,” arsa mise, ’s mi leigeil orm gu robh mi an cabhaig mhoir. “Cha’n urrainn dhomh feitheamh ri bheag a sheanachas a bhi agam ruibh—tha mi air litir fhaotainn a dh’fheumas a bhi air a freagairt—gnothuch cudthromach.”
Tharrunn Nic-a- Ghobha osna throm, agus dh’amhairc i orm gu h-amharusach.
“Tha mi ’n dòchas,” ars ise, “gu robh an t-airgead ris an robh dail agad innte, a Mhr. Howard, a chionn”—
“Gle cheart,” arsa mise, “na cuiribh maille orm an dràsda coltach ri boirionnach math, ’s theid mi fèin an urras gu’m bi na th’agaibh orm air a phaigheadh le riabh,” agus choisich mi seachad oirre ’s ruith mi sios na ceumanan dh’ ionnsuidh na sràide. Feumaidh mi aideachadh gu robh mi gle theagmhach a taobh firinn na thuirt mi rithe, oir bha e gle dhoirbh dhomh dheamamh a mach cuin no ciamar a rachadh agam air uiread airgeid ’sa phaigheadh i a chur cruinn. Ach thainig beagan dochais ugam nuair a smaoinich mi air litir Màiri, agus ghreas mi orm dh’ionnsuidh an taigh-òsda a shireadh mo charaid, agus a ghabhail an iasad uaithe na bheireadh mi gu Southchester air ball.
Bha àireamh mhath de dhaoine anns an t-seòmar an uair a chaidh mi steach ’sa thug mi sùil mu’n cuairt feuch am faicinn Mr. Ionas. Aig aon bhord bha dithis dhaoine a cluich billiards; agus aig bòrd eile am measg chàch bha seòladair bhar aon de na soithichean-cogaidh, agus e cur cridhleas air feadh na cuideachd leis cho sporsail ’s cho aoidheil ’sa bha e ’na chonaltradh. Bha triùir no cheathrar de dhaoine ’nan suidhe mu’n cuairt, a gabhail ceò as am pioban agus ag amharc na cluich, ach cha robh sgeul air fear mo ghnothuich. Chaidh mi bhruidhinn ris an fhear a bha amharc-thairis air a’ chluich agus dh’ feoraich mi dhe am fac’ e Mr. Ionas a stigh. Fhreagair e nach fhaca: nach robh Mr. Ionas a stigh an la ud idir. Dh’ eigh e ri fhear-cuideachaidh, a bha na sheasamh aig ceann eile ’bhùird, ’s chuir e mo cheistsa ris. Thionndaidh duine bha ’na shuidhe aig an teine agus thuirt e rium gu fac’ esan Mr-Ionas a mhaduinn ud air an t-slighe gu Manchester, agus nach biodh e air ais gu ceann dha no tri lathaichean.
Ghnog mi mo cheann ris an duine, agus shuidh mi, agus mo dhochas air tuiteam gu làr. Bha an gnothuch air fairthleachadh orm. Bha e nise teannadh ri leth-uair an deigh sia—cha robh agam ach leth-uair gus an t-airgead fhaotainn leis am faighinn
[Vol . 5. No. 16. p. 7]
a dhol gu Southchester, Ach ciod a dheanainn—cha b’aithne dhomh duine—cha robh ni agam air son an faighinn airgead. Shuidh mi an sin, gu trom-chriadheach, truagh, agus eu-dòchas a’ bualadh mo chridhe. Air do’n e-seoladair a bhi faotainn air adhart gu math leis a’ chluich, dh’ iarr e deoch a thoirt a nall dha fhéin ’s dha ’n fhear a bha ’cluich còmhla ris. Thug e mach làn a dhùirn de bhuinn oir us airgeid, agus thilg e leth-chrùn air a bhòrd. ’Sann agamsa bha ’n t-suil air! Bu shanntach mi air beagan dhe na bha ’nlaimh ’nam biodh—
Bha e cur an airgeid air ais d’a phocaid. Bha e fhéin ’sa chompanach a’ bruidhinn ’sa gaireachdaich, gun smaoin air ni ach a mhain air an cluich. Ach bha sùil agamsa air a làimh ’s air an airgead, agus chunnaic mi bonn beag oir a dol troimh mheòirean ’sa tuiteam air an ùrlar. Bha ’m brat-ùrlair tiugh ’s cha d’ rinn am bonn fuaim sam bith. Rol e nall, agus stad e direach ri taobh na caithreach agamsa; agus mu’n do smaoinich mi ciod a bha mi deanamh chuir mi mo chas air.
(Ri Leantuinn.)
Dleasnais Pharanta.
Tha e ’na chunnart ro mhòr ann an riaghladh teaghlaich an uair nach smauinich pàranta gu cùramach air an dleasnasaibh fein. Tha cuid ann a ta’ deanamh gu mearachdach le bhi ’nochdadh leth-bhreith a thaobh an cloinne fein. Is ni sin an aghaidh am bu chòir do gach athair agus màthair a bhi air am faiceall. Is mìllteach an cleachd e, agus is truagh na nithe a tha gu minic a’ sruthada uaith. Tha e tuilleadh ’s trice a’ tachairt ann an teaghlaichibh, gu’m bheil aig aithrichibh agus aig màithrichibh ànnsachd leinibh, no leanabh d’am bheil iad gu follaiseach a’ nochdadh spéis chomharraichte thairis air a’ chuid eile dhe’n cloinne fein. Tha da ni olc a’ sruthadh o’n ghiùlan so. Anns a chèud àite, tha e gu tric a’ tachairt, gu’m bheil annsachd no graidhean so nam pàrant gu buileach air a mhilleadh, air chor is an uair a dh’fhàsas e suas, nach toir e mach ach toradh a bhios ro ghoirt agus géur. Tha leanamh millte a’ nochdadh na truaighe a rinneadh air, an uair a dh’fhàsas e suas gu aois céill agus tuisge. Cha bhuin an saoghal ris, agus cha dean an saoghal ànnsachd dheth mar a rinn a phàranta èuceillidh, uime sin tha e ’mothuchadh gu’n d’rinneadh dochunn air ’na òige, nach ’eil idir chum a leas ann an laithibh na h-aoise. Ach anns an dara àite, tha chuid eile dhe’n teaghlach do nach ’eil sùim co sonraichte air a ghabhail, a’ tàrmachadh farmaid agus tnù an aghaidh am pàrantan fein, agus mar an cèudna an aghaidh a’ bharthar no na peathar, ris an do bhuineadh gu leth-bhreitheach. Tha’n giùlan millteach so a’ dusgadh suas mi-ghean anns an tigh. Cha’n ’eil teagamh nach e mòr-speis athar fein do Ioseph, a thug air a bhrathairean fuath a thoirt dha, agus buntainn ris mar a rinn iad. Cha’n fhad gus an toir na big fein an aire do’n dòigh air am buinear riutha leo-san a ghin iad. Tha e tachairt gu trice gu’m bheil pàranta a’ deanamh iodhail beaga dhe’n leanabh a’s oige ’san teaghlach, ach tha iad a’ deanamh gu mearachdach, —gu mearachdach dhoibh fein, —gu mearachdach do’n chloinn eile, —agus gu ro mhearachdach do’n leanabh fein. Mar so tha eas-aonachd air a suidheachadh anns an ionad sin far am bu chòir do shonas a bhi rioghachadh. Tha’n t-aite sin bu choir a bhi mar Eden na beatha, air a thruailleadh le mi-ruin agus farmad. Tha na pàrantan a’ toirt eòlais air éucoir da’n slìochd fein ann an laithibh an òige, agus tha eiseimpleir neo-mhearachdach air anaceartas agus claoin-bhreith air a sgriobhadh air anamaibh an slìochd fein le làmhaibh nam parant d’an d’thugadh iad. Mar so tha iadsan a’ truailleadh an cloinne fein, eadhon iadsan d’am bheil e ’na dhleas’nas gach ni subhailceach agus diadhaidh a sparradh orra.
SGIATHANACH.
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
[Vol . 5. No. 16. p. 8]
Donull Ban a Bhocain.
Tha mu choig fichead bliadhna ’s a deich bhon’ a dh’ eug an duine foghainteach so—Donull Bàn a’ Bhocain, no mar bu trice theirteadh ris—Dònull Bàn mac Aonghuis. Is ann de mhuinntir Bràighe Lochabar, agus de Tigh-na-Ceapaich a bha e. B’e am fear mu dheireadh a bh’ ann de Shealgairean Mhic- ’ic Raonuill. Bha e fuireach am Muin-Easaidh, agus cuideachd an Ionarlàire. Is Bana-Ghriogarach à Raineach a bha pòsta aige; agus tha iar-oghaichean agus fionn-oghaichean da fathast air bhuil.
Is ann ’s a’ mhonadh a thachair an “Bocan” an toiseach air Dònull Bàn. Thug e fada na ’dheaghaidh, gus mu dheireadh ’n a theabas a chreach leis—cha’n fhàgadh e biadh no annlan gun salchad, ’s gun mhilleadh air an teaghlach, agus dh’ oilltich e romh “Nic-Griogair.” Ged a bha Dònull tric a’ faighinn bruidhne dheth, cha’n fhac e riabh ’an riochd sa bith e. Cha robh fois latha no oidhche aige le clachan ’s le caoban. Bha chléir ’s mithith us maithibh na duthcha fianaiseach air cuid de ’ioraltan—agus sin an lom an latha ghil sholuis.
Tha ioma sgial air chuimhne mu ’n Bhòcan agus cuid diubh ait gu leoir. An oidhche a dhealaich e ri Dònull chaidh e air mullach an fharlais agus ghlaodh e, “Am beil thu ’d chadal a Dhònuill Bhàin? “Cha’n ’eil a nise fhein,” osa Donull. “Cuir a mach an teadhair fhada, ghlas, Nic-Griogair,” os esan. “Cha’n ’eil mi ’m barail gu’n cuir a nochd,” os Dònull. A mach thu fhèin, ma ta, agus fàg do bhoineid.” Shaoil leis a’ mhnaoi chòir gun robh e taobh-mach an tighe, agus cuirear cagar an cluais Dhònuill ’s e ’g èirigh, “nach fharraid thu dheth cuine thig am Prionnsa. Mu’n gann a bha am facal as a bial fhreagair sid i, “Nach d’ fhuair thu do leòir roimhe dheth, a theadhair ghlas?” —dh’ éirich Dònull mar bu dligheach le Tearlach.
A reir a h-uile innsidh-sgeòil bha Dònuil na dhuine firinneach, onorach agus dh’èug e ’n coltas fìor chrìostaidh. Ciod sa bith a bh’ air aire a’ Bhòcain, cha d’ innis Dònull riabh e. Tha ’n uaigh aige fhathast ri ’faicinn ’us leac-monaidh oirre ’an Cille- Chaorraill.
Is am bho m’ charaide aig an Tigh-Mhaol a fhuair mi an laoidh.
D. C. M.
LAOIDH DHONUILL BHAIN A BHOCAIN.
A Dhia, a chruthaich mi gun chàileachd,
Daingnich mo chreideamh ’us dian làidir,
Thoir air aìngeal tigh’nn à Pàras,
Us còmhnaidh ghabhail ann am fhàrdaich,
Gu m’ theasraiginn bho gach buaireadh,
Tha droch shluagh ag cur ’am charaibh;
’Iosa ’dh’fhuilig do cheusadh,
Caisg am beusan ’s bi fhèin mar ruim.
’S beag ioghnadh dhomh ’bhi ri smaoineach’—
’N àm dhomh dol daonnan do m’ leabaidh,
Eiridh na clachan ’s na caoban—
Ciamar ’gheabhadh Naomh ann cadal.
Bidh mi gun fhois ’us gun tamh,
Gun chlos, ’us gun phramh gu madainn.
’Fhir ’tha ’n cathair nan grasan,
Faic mo chàradh ’s bi ’d gheàrd agam.
’S beag ioghnadh dhomh bhi fo imcheist,
Liuthad seanchus ’th orm ’s gach dùthaich
Their roinn diubh a bhios ri èucoir:
’S ann na ’dheaghaidh fhèin tha ’chùis ud.
Na toir a’ bhreith ach mar is lèir dhut,
Geda robh Man Dhè ga d’ dhùsgadh;
Cha ’n eil fhios am mò a thaoill mi,
Na fear saobhir ’tha gun chùram.
Ged tha trioblaid orm ’s an àm so,
Nàile, gheabh mi pàidheadh dubàilt,
An uair thig gairm orm bho m’ Shlanair,
Gheabh mi iochd ’us grasan ùra.
Cha ’n eagal domhsa tuille bruaidhlein,
’N uair ’theid mi suas mar ri d’ naoimh-sa;
Fhir a tha ’d shuidhe ’s a’ chathair,
Cuidich no labhairt ’s gabh ri m’ùrnaigh.
A Dhia, dian mise cuimhneach,
A latha ’s a dh-oidhche, air ’bhi ’g ùrnaigh
Ag iarraidh mathanais gu saobhir,
Anns na rinn mi, air mo ghiùinean,
Càirich le Spiorad na Firinn,
Aithreachas gle chinnt am ghrunnd-sa
’N uair a chuireas tu ’m bàs ga m’ iarraidh
Gu’n gabh Criosta dhiam cùram.
STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.
REIC AODAICH
A’s mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh.
A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct.
Tha mi ’n deigh stoc anabarrach mor de dh’
Aodaichean Deante
a cheannach bho na taighean a’s fhearr an Canada, air pris cho iseal ’s gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu,
Cho saor ’sa dh’ iarradh tu.
Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caite ’m bheil sinn. Anns an stor a tha ’n aon tigh ais a’ Bhanca.
D. J. DOMHNULLACH.
title | Issue 16 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 16. %p |
parent text | Volume 5 |