[121]

[Vol . 5. No. 17. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 31, 1896. No. 17


Litir a Alba.

Bodachan aghàraidh
Cho friogadachs cho frogadach,
Bodachan a ghàraidh
Cho frogadachs a bha e riamh.

MO BHALACH GASDA: —Cha mhor nach eil mi cinnteach gu robh thu fheins do chairdean lionmhor a smaointean gun dfhuair mi bàs, o nach robh mi sgriobhadh a dionnsuidh. Is mi nach dfhuair. Mar a than sean-fhacal ag ràdh, “Is buan gach olc.” Is iomadh fear a bfhearr na mi a fhuair bàs on lathasgriobh mi ugad mu dheireadh. Ged a bha mi fada gu leòr sàmhach, cha robh mi cho fada sàmhach ris na trì fuamhairean air an cuala mi iomradh o chionn fada.

Bha na trì fuamhairean so a fuireach ann an uaimhe. Bu triuir bhràithrean iad; agus bha iad afaotainn am beo-shlaint mar a bfheaarr a dhfhaodadh iad, le sealgs le iasgachs le maorach a chladaich. An uair a chaidh iad a dhfhuìreach don uaimhe, rinn iad suas eatorra fhein gun deanadh iad cho beag de bhruidhinns a burrainn daibh, agus gun tugadh iad an aire air an gnothach. Bha iad lathas bliadhnafuireach anns an uaimhe mun do labhair fear seach fear dhiubh aon fhacal. An uair a chaidh an ùine so seachad, thuirt am fear a bòige, ’s iadnan suidhenan triuir anns an uaimhe, “Cha chreid mi nach e geum a chuala mi.”

Cha dfhosgail fear seach fear den dithis eile a bheul gus an deach lathas bliadhna eile seachad, an uair a thog an dara fear a cheanns iadnan triuirnan suidhe, agus thuirt e, “Ciod e tha thu ag ràdh?”

An uair a chaidh lathas bliadhna eile seachad, thuirt am fear bu shinnes e freagairt, “Mur dean sibh nis lugha bhruidhinn, fàgaidh mi an uamha agaibh fhein.”

Ged nach cuala tusa guth uamsa o chionn iomadh latha, cha robh mo theangana tàmh idir. Cha ruig mi leas teannadh ri innseadh dhut cia mar a bha micur seachad na h-ùine. Ged nach e so àm na curachd, tha pailteas obrach aig gach gàradair ri dheanamh. Tha na luibhean lìonmhor gun fheum a thafàs anns gach gàradh, anabarrach bras gu fàs anns an mhios mu dheireadh den fhoghar. Tha iad mar gum biodh iad a cur rompa gu faigh iad lamh an uachdar gun taing don ghàradair. Ma bhios an t-sìde glé fhliuch, mar a bha i, faodaidh mi ràdh, o chionn ochd seachdainean, theid aig na luibhean oir an cinn a thogail gu math àrd. Nam faiceadh tu mi tighinn dhachaidh as a ghàradh anmochs an fheasgar, le mo bhrògan làn pùill is eabair, agus mo chrògan cho salachs nach dùirigedh tu fhein crathadh laimhe a thoirt dhomh, ged is toigh leat mi; theireadh tu riut fhein nach burrainn gum biodh abheag de shunnd orm gu teannadh ri sgrìobhadh. Ach a nise tha barrachd ùine agam gu sgrìobagan a chur ugad. Anns na h-oidhcheachan fada geamhraidh bidh ùine gu leòr aig daoine gu leughadh is sgriobhadh a dheanamh.

Tha min dòchas bheil cùisean acinntinn gu math leat, agus gu bheil do chàirdean afàs nis lionmhoire gach latha.

An lathachìs nach fhaic, is mi dfhior charaid,

BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh an Locha, 15, 10, ’96.


Ursgeulan GoirId.

Bha gillena sheasamh air an t-sràid Margaidh an Abaireadhan aon fheasgar agus thairg fear-turuis tasdan nan treòraicheadh e a dhionnsuidh na seann Eaglaise aig Machair e. Ach cha bu toigh leis aghille dol astar cho fada aig an àm sin, agus thuirt e nach burrainn daibh an t-àite ruigsinn air an oidhche sin, a chionn gun robh e còrr agus fichead mile air astar. Bha seann duinega éisdeachd agus bha fios gu math aige gun robh an gille a deanamh na breige agus thuirt e ris, “Mo naire ort a ghille! tha iongantas orm nacheil barrachd spéis agad don fhirinn.” “An e spéis a thuirt sibh?” ars an gille, “tha nis mo spéis agam di na bhi tarruing oirre air gach cothrom suarach a thig an rathad.”

***

Bha duine uasal araidh ann am Baile aChliabh, agus bha gille aige a thàinig á cearn eile den dùthaich, agus air an aobhar sin babhaist do ghillean abhaile a bhi asabaid ris gach uair a thachair iad air. Ach is cinnteach gun dthug an t-sabaid uiread de thoileachas dasan agus a thug e daibhsan, oir chaidh e do gach ceilidh agus coinneamh eile de an t-seòrsa sin a burrainn da. Is tric a thàinig e dachaidh le dochann airaodann agus bha eagal air a mhaighstir coir gum bitheadh an gille bochd air a mharbhadh oidhche-eigihn. Nuair a bha e ag ullachadh gu dol a mach air oidhche àraidh, thuirt a mhaighstir risA Phadruig! ma dhfhanas tu a staigh an nochd, bheir mi còig tasdain dut.” “A mhaighstir ghradhaich!” arsa Padruigtha mi anabarrach fadanur comain airson ur tairgse bhàigheil, ach am beil e coltach gun gabhainn còig tasdan an àite na dòrnadaireachd a gheibh mi an oidhche so.”

***

Bha duine àraidh a còmhnuidh ann an Lathurn aon uair agus ged nach robh e buileachna amadan, cha robh e cho glic agus a dhfhaodadh e a bhi. Bha e asiubhal an rathaid gu Achadh na Criche aon latha agus poca air a ghualainn anns an robh coig mulachagan caise, nuair a thachair e air gille air an robh e eòlach. An deidh dhaibh a bhi bruidhinn ri cheile fad beagan mhionaidean, thuirt e ri a charaid, “Ailean! mas urrainn duit innseadh dhomh cia meud mulachag a tha agam anns aphoca so, bheir mi gach den choig dhut;” agus air don ghille a radhcòig,” thuirt e, “Droch bhàs ort a ghille! tha mi cinnteach gu n do dhinnis slaoightir air chor-eigin dhut cia meud a bhagam.”

***

Bha ministir anns aGhàlltachd aon uair, a chaidh do sgireachd ùr anns an robh an sluagh gle bhorb agus mi-mhodhail, ionnas mur robh iad ag aontachadh ri na thuirt neach sam bith gum babhaist daibh a ràdhTha thunad bhreugaire.” ’Nis shaoil an duine math gun teagaisgeadh e modh daibh, agus a chum tòiseachadh a dheanamh dhiarr e orra nuair a bhiodh iad a bruidhinn ri cheile agus nach cordadh ri fear sam bith dhiubh rud-eiginn a bha air a ràdh, casad beag a dheanamh an àite bhi ag ràdhbreugaire.” Air latha àraidh shearmonaich e mu dheidhinn achrùthachaidh agus thuirt e gun drinneadh Adhamh agus Eubh den chriadh agus gun do chuireadh iad ri taic gàraidh gu tiormachadh. Cha luaithe a dhfhàg na facail a bhilean na thòisich an co-thional ri casadaich. Dhi-chuimhnich am ministir bochd na h-uile facal a thuirt e mu mhodh, agus ghlaodh e àrd a chinnCo a tha ag ràdh gum bheil minam bhreugaire?” Bha iadnan tosd air ball agus sheas seann duine suas agus thuirt e, “A mhinistir urramaich! chaneil sinn ag radh gum bheil thunad bhreugaire ach co a thog an gàradh ud?”

L. L.


Na leig as do chuimhne gu bheil sinn a tairgse MHIC-TALLA do luchd-gabhail ùr uaitne so gu deireadh na bliadhna, 1897ceithir miosan deugaair son dolair. ’S math an tairgse so, agus bu chòir do gach leughadair Gailig a gabhail,. ..



[122]

[Vol . 5. No. 17. p. 2]

COMHRADH

Eadar Murachadh Ban agus Coinneach Ciobair.

COIN. “Fhir mo ghraidh, an dthainig thu, oir cha robh duil agam riut gu maireach, ach is minic a thig toil-inntinn gun duil ris. Am bheil urachd idir agad o sin is fhiach aithris?”

MUR. “Chaneil naigheachd sam bith agam, a Choinnich, ach gun robh mi air bainnis gle chridheil an raoir, a chumadh suas gus an deirich a ghrian air mhaduinn an diugh, agus uime sin cha robh co-chomann sam bith eadar do charaidMorpheusagus mi fein re na h-oidhche, agus och mo chreach, a Choinnich, chan fheairrd an gnothuch sin.”

C. “Chuala mi gun robh do chbimhearsnach Alasdair Mac Sheumais Ruaidh gu bean fhaotuinns na laithibh so, ach cha robh duil agam gun robh an gnothuch co fagus. Tha thug radh gun do chuir thu fein agusMorpheuscùl ra cheile an raoir; chaneil teagamh agam, uime sin, nach bfheairrd thu roinneag bheag dhen chu a ghearr thu an raoir, oir a reir coslais chan urrainn an ceann a bhina aite fein an diugh. Rachamaid a choimhead air Seònaid dhfheuchainn an dean i cobhair oirnne.”

M. “Chaneil a bheag acur as domhsa, aChoinnich, agus air an aobhar sin chaneil feum agam air ni sam bith o Sheònaid chòir, aig an uair thràth so dhen la.”

C. “Bheir sinn an tigh oirnn co dhiubh aMhurachaidh, oir tha teas na gréine mor, agus gheibh sinn fionnarachd an tighe taitneach.”

M. “Is rag an duine nach gabh comhairle; uime sin rachamaid a chur fàilte air mo bhan-ghoistidh,”

C. “Ach, mo dhi-chuirnhne, ciamar a than greidhear Griogaireach agad? Tha min dochas nach do theirig a chuid bardachd fathast, ach gu,n cluinn sinn tuilleadh dheth. Gheall thu, aMhurachaidh chòir, gun leigeadh tu ris dhomh nithe àraidh mu eachdraidh Chloinn Ghriogair; am bheil enadchomas abheag dheth a dheanamh a nis?”

M. “Tha eachdraidh aChinnich ghaisgeil sin, co fada, farsuing, agus iomadh-ghnetheach, ’s nacheil e am chomas ach beagan a thoirt soachad an suds an so.”

C. “Is maith beagan fein do neach mar tha mise aig am bheil daimhealas agus cairdeas ris an fhine sin, oir bu bhain-Ghriogairich mo dhithis shean-mhathar.”

M. “Tha migad thuigsinn, aChoinnich, oir is minic a chuala sinn gur tiughaidh fuil na uisge, uime sin, do bhrigh gum bheil an fhuil rioghail sin aruithnadchuislibh, cuiridh mi an céill beagan mun doigh air an do bhuinneadh ris an dream chalma sin. Tha e air a ràdh, ma ta, gun dthainig am Fine Griogarach a mach air tùs o Ghriogair an treas mac aig Ailpean, aon de righribh na h-Alba; o cheann còrr is aon cheud deug bliadhna air ais. O so thugadh Clann Ailpein mar ainm orra. Uime sin, o cheann iomadh linn air ais, bha moran fearainn aig aChinneach chliuteach so air criochaibh Earraghaidheil, ann an Siorrachd Pheirt, agus mun cuairt do Loch Catrine, agus air taobh tuath Loch Laomain. An uair a thug na claidhean còir seachad air uachdaranachd an fhearainn, ghleidh na Griogaraich an còir fein air gach seilbh a bhuinneadh dhoibh, ach béigin doibh sin a dheanamh le faobhar achlaidheimh, agus chan ann, mo chreach! gun mhoran reubainn, sgrios, agus doirteadh fola, chum iad fein a dhionadh.”

C. “Mo lamhsa nach ann, ach bhan Cinneach gaisgeil, dealasach, agus treun, agus chan ann gun fhios ciamar a dhealaicheadh iad rin còirichibh fein.”

M. “Abair sin, aChoinnich, ach an deigh sin, cha bfhurast doibh seasamh an aghaidh seoltachd, foill, agus chuilbheartan an naimhdean fein, a bha guineach agus gamhlasach thar tomhas agus tuigse.”

C. “Tha thu ceart, aMhurachaidh, ach bha e na bhochduinn do Chloinn-Ghríogair, gun robh iad riamh tuilleadhs simplidh, sochaireachnan nàdar fein. Bha iad gun teagamh mus baoghalta, neo-amhrusach, ’nan giùlan do ghnath.”

M. “Chaneil teagamh idir air sin, agus ochan! is searbh a dhfhuiling iad air son sin. Bha iad ag earbsadh ri ceartas agus ri cumhachd achlaidheimh, an uair a bha trèubhan seòlta, sanntach ceithir thimchioll orra, agnàthachadh foill, agus afaotuinn còirichean sgriobhta air na fearannaibh aig Cloinn Ghriogair, mar so agabhail seilbh orra gu h-eucorach, agus asgiùrsadh nan oighreachan dligheach air falbh. Bha na Griogaraich gu tréun agus gu nàdurra acur an aghaidh nan cùisean droch-bheartach agus eucorach so, agus thug iad gu tric len tréubhantas fein, buaidh air an luchd-sàruchaidh. Ach bha ena bhochduinn dhoibhsan, gun drinn an naimhdean innleachd le casaidibh breugach a chur dhionnsuidh an righ, agus ard-uachdarain na tirenan aghaidh, adeanamh mach nach robh annta ach fine buaireasach, droch-mheineach, foirneartach, a bhacur gach lagh agus reachd iomchuidh gun dùlan. Leis na nithibh euceartach so, uime sin, dhfhàs am fine urramach so, nan sluagh garg eu-dochasach, agus neo-mhisneachail, gus an do cho-eignicheadh iad mu dheireadh gu bhicur an laithean trioblaideach seachad gun suimnan cridhe do riaghailt no do lagh duthchail!”

C. “Mo thruaigh! aGhoistidh, am bheil fad on thoisich na cuisean cruaidh agus cianail sin?”

M. “Tha, uine mhor, corr is tri cheud bliadhna. Ri linn na Ban-righinn, Mairi, rinneadh da reachd le Comhairle na rioghachd aig Struidhlasa bhliadhna 1563, a thoirt ughdarrais do Shir Ian Caimbeul, Ghlinnurachaidh, agus do dhuaislibh eile, gu Clann Ghriogair a ruagadh le teine is claidheamh, agus gu cur as doibh, eadar bhun agus bharr, leis gach inneal agus innleachd nan comus Le solas cridhe ghnathaich iad air ball an t-ughdarras so, agus ghlac iad gach cothrom agus innleach chum an dream chalma so a chur am mugh. Cha bfhurast, gidheadh, am Fine gaisgeil agus cruadalach so a chur gu dith, agus a smaladh as. Ach an uair a theidneart thar cheart,’ is mor an sgrios a ni e. Ged a thugadh on Chinneach ainmeil so na h-oighreachdan a bfhearr a bhaca, gidheadh, bha daingnichean laidiraca, anns an robh iadgan druideadh fein suas, agus acur nan naimhdean gun dulain. Gidheadh mu dheireadh, thug an dubh-eigin orra teachd-an-tir a sholaireadh far am faigheadh iad e. Bha iad, mar so, air an co’ -eigneachadh gu bhi frionasach, diorrasach, agus comadh ciod a dheanadh iad. Anns abhliadhna 1589, air doibh a bhi gu trom air an claoidh, agus a thaobh dioghaltais, rinn iad greim air Iain Drummon, a bhana fhorsair don righ agus aig an am agleidheadh na frithe ann an Gleann Artnigh. Ghrad-ghearr iad an ceann dheth, agus thug iad am mionnan thairis air claiginn fuiltich an Drummonaich gun seasadh iad daimheil da cheile gu bas, agus gum biodh iad dileas dam fine fein dhaindeoin cotheireadh e! Dhuisg so suas corruich an righ, agus ghrad chuireadh a mach, le ordugh an righ, agus a luchd-riaghlaidh, litrichean teine, agus claidheimh an aghaidh nan Griogaireach gu leir, agus an aghaidh gach neach a bheireadh caidreamh no fasgadh dhoibh air son fiu aoin oidhche! Bha so cruaidh da rireadh, agus cha bfhurast le dian-spiorad nan Griogaireach thruagha cur suas leis. Ach ciod a bhanan comus a dheanamh? Bha iad air an ruagadh, air an greasadh do na coilltibh, agus air an druideadh suas anns na daingneachaibh aca anns gach aite.”

C. “Mo thruaigh mise, aMhurachaidh, nach uamhasach searbh agus ainiochdmhor a bhuineadh riutha, ach ciod a dheirich dhoibh a ris?”

M. “Lionadh e leabhar sin innseadh, aChoinnich. Re bliadhna na dha an deigh sin dhfhas iad co garg agus eudochasachs gun robh iad comadh ciod a dheanadh iad, oir bha iad ann an cruaidh-airc agus eigin, a dh-easbhuidh loin, sgeudachaidh, agus gach goireis a dhfheumadh iad. Chan e mhain gun robh na Caimbeulaich naimhdeil dhoibh, le Mac Chailein Mhoir air an ceann, ach bha mar an ceudna Coghunnaich Luis anabarrach dian agus diorrasach nan aghaidh. Mheudaicheadh an naimhdeas so a bha eatorra le droch gniomh a rinneadh le Sir Humphri, Ceann-cinnidh nan Coghuinneach, tighearna Luis. Thachair aig an am so, gun do thuit an oidhche air dithis do chloinn Ghriogair, ann an ait araidh air oighreachd Luis, agus chaidh iad a dhiarraidh chairtealan air tuathanach a bha goirid on aitesan robh iad, ach dhiult e na daoine bochd a ghabhail a steach. Air don oidhche a bhi garbh agus anradhach thar



[123]

[Vol . 5. No. 17. p. 3]

tomhas, ghabh iad fasgadh ann an tighmach a bhuineadh don tuathanach, far an do las iad teine, agus an do mharbh iad caor air son loin dhoibh fein. Anns amhaduinn dhinnis iad don tuathanach mar a rinn iad, agus thairg iad dha luach na caorach. Air ball, thionndaidh e a chul, agus chan eisdeadh e riutha, ach air da cuideachd fhaotuinn, thugadh iad an lathair Shir Humphri, a ghrad thug binn am bais a mach, agus chrochadh an dithis Ghriogaireach bochd air craoibh an la sin fein! Dhuisg so suas dian-chorruich na Fine gu leir, agus runaich an Ceann-cinnidh aca tighearna Ghlinn-Straidh grad dhioghaltas a dheanamh air tighearna Luis agus air a chuideachd gu leir. Ann sin, chruinnich MacGriogair ceithir cheud gaisgeach calma dhen fhine aigechuireadh iad fon lan-armaibhagus gun dail sam bith a dheanamh bhruchd iad sios air criochaibh nan Coghunnach. Chual Sir Humphri gun robh iad atighinn, agus ghairm e cuideachd achuid daoine leis achrann-taraidh co h-ealamhsa bhana chomas. Dheirich air ball na h-uiread de na Greumaich, agus de fhineachaibh eile air a thaobh, agus rinn e suas comhlann a bha dubailt ann an aireamh ri Cloinn Ghriogair. Air doibh a bhi deas air gach taobh, chomhlaich na gaisgich acheile ann an Gleann-Bhroin goirid o Lus. Thoisich an la, agus ma thoisich bha e garg? Cha bfhad, gidhead, gus am facas gun robh na cuisean adol gu soilleir an aghaidh tighearna Luis, dhaindeoin lionmhorachd a chuid daoine. Bha moran each aige a mach, ach bha iad atuiteam, agus adol fodhasa bhoglaich far an do chuireadh an cath. Bha na marcaich atuiteam fo chosaibh nan each, gun chumhachd aca gu eiridh. Bha Clann Ghriogair air bhoil le mireadh-chatha agus clis mar bhoisge an dealain, asmaladh sios nan naimhdean air gach taobh. Bha chomhstrith dian, ach cha robh i fad. Chunneas gun robh abhuaidh air taobh nan Griogaireach. Bhualeadh na naimhdean le h-eagal, gidheadh chog na Coghunnaich gu treum. Rinn na Griogairich sgathadh agus marbhadh eagallach nam measg, ach cha do chaill iad fein ach fior neoni dhen cuid daoine. Bha Sir Humphri fein ann am mor-chunnard a bheatha aig aon am, ach theasairgeadh e le luathas an eich air an robh en a shuidh.”

C. “Ma ta, aGhoistidh choir, mo bheannachd agad air son do naigheachd, ach bha na h-amanna sin cianail da rireadh, agus is muladach an t-ana-ceartas, a rinneadh air na Griogairich thruagha, len naimhdibh fealltach fein.”

M. “Chan e sin a mhain, aChoinnich, oir cha chual thu fathast achuid as mhiosa dhen ghnothuch. Cha bu leoir na dhfhuiling iadsan am a chaidh seachad, ach rinneadh casaidean eucorach nan aghaidh, chum corruich an righ agus a luchd-riaghlaidh a dhusgadh suas gu cur as doibh gu buileach. ‘An deigh baiteil aGlinn-Bhroin, bha clach mhor am fagus don raoin air an do chuireadh an cath, ris an abradh iadLeachd aMhinisteir;’ agus mas fior an sgeul, chruinnich na h-uiread fhicheadan oganach aig achloich so, a thainig á Oilthigh ann an Dunbreatuinn, no ait eigin eile, a dhfhaicinn achatha. Chunnaic Ceann-Cinnidh nan Griogaireach na h-oganaich, agus air eagal gun eireadh cunnart sam bith dhoibh, chuir e iad fo churam duine treuna bhan sin, ris an abradh iad Dughall Ciar Mor. An uair a chaidh teas na h-iarghuill seachad, dhfhoighneachd MacGriogair de Chiar Mor, cait an robh na h-oganaich? Tharruing Dughall a mach an sgian-dubh aige, dearg le fuil, agus thubhairt e, ‘Cuir acheist rithe sin, agus innsidh i air ball an fhirinn.’ Chuir e gach mac mathar de na h-oganaich gu bas leis an inneal sgaiteach sin a bha na laimh, anochdadh cruadhais a chridhe fein.”

C. “Ochan, mo chreach! aMhurachaidh, bha sin thar tomhas aingidh, seadh bha e ifrinneach. Chan e sin a mhain, ach air a dheanamh le Griogaireach! Och nan Och! Nam bu Coghunnach e, no Greumach, no Caimbeulach cha bhiodh ioghnadh orm, ach a bhi air a dheanamh le Griogaireach! Tha naire orm, a charaid, agus cha burrainn mi a bhi air taobh cinnich a cheadaicheadh gniomh co sgreaduidh.”

M. “Air do shocair, aChoinnich, air do shocair, agus dean foighidinn gus an cluinn thu an t-iomlan. Cuiream an ceill duit le solas, nacheil dearbhadh sam bith gun do thachair a leithid riamh. Chaneil anns a chuis so, ach gniomh a chuireadh gu h-eucorach as leth Chloinn Ghriogair, chum droch cliu a thogail orrasan am, agus chum an deanamh iomraiteach air son dortaidh fola air feadh na rioghachd. Cha drinneadh an gniomh fuilteach so le Dughall Ciar Mor, no le Griogaireach eìle riamh; oir nam biodh iad ciontach dheth, bhiodh iad air an tarruing air a shon air beulaobh Ard-chomhairle na rioghachd, Is leoir na rinn iad, ach tha na rinneadh orra mile uair nis mo! Goirid an deigh la Ghlinne Bhroin, chuireadh aon fhichead deug banntrach a chaill an companaichsa chath sin, suas gu Struidhla, dhionnsuidh Righ Seumas VI. Biongantach an sealladh iad, oir bha gach aon de na bantraichibh sinna suidh air gearran ban, le sleaghna laimh, air an robh leine acompanaich an crochadh, dearg le fuil! Shuidhicheadh an da fhichead deug leine air beulaobh an righ, agus chuir ìad faiteachas air a chridhe. ’N aon fhocal, dhfhas na cuisean co searbh, is nach robh, achridhe aig mac mathar de Chloinn Ghriogair an ainm fein aideachadh. Beigin doibh ainmean eile a ghabhail dan ionnsuidh fein, agus fantuinn o cheile, oir nam faighteadh ceathrar dhiubh cuideachd a mach nostigh, chuirteadh gu bas iad! Bha iad mu dheireadh gu searbh air an claoidh, air an ruagadh, agus air an geur-leamhuinn len naimhdibh fein, a bha gach la adeanamh chasaidean eucorach nan aghaidh ris an righ, chum gun cailleadh iad na fearannan farsuing a bha iad o chein asealbachadh. Bha Mac Chailein Mhor, Diuchd Athoil, Morair Hundaidh, agus moran eile le seoltachd acur as doibh.”

C. “Ach cait an robh na h-oighreachdan aig Cloinn Ghriogair o shean, oir chaneil moran aca an diugh?”

M. “Cait nach robh iad, aChoinnich? Bha ach beag gach cearnadh, gleann, srath, agus beann, eadar taobh tuath Raineach deas gu Dunbreatuinn agus Comhail, mar a ta Gleann-Liobhainn, Gleann-Lochaidh, Gleann-Falloch, Gleann-Urachaidh, Gleann-Strathaidh, Gleann-Dochart, Srath-Faolain Braidealbain, Bochudair, agus moran aitean eile mar sheilbh aìg an Fhine rioghail so ach a nis chuireadh iad gu criochan cumhann. Tha, gidheadh, aon chomhfhurtachd aca a nis. Fhuair iad buaidh air an naimhdibh fein, agus cheaduicheadh dhoibh an ainmean fein a ghnathachadh a ris.”

C. “Ro cheart, aMhurachardh, fhuair iad buaidh ann an seadh air an naimhdibh, ach cha dfhuair iad am fearannan fein air ais. Cheaduicheadh dhoibh an ainmean fein a ghnathachadh a ris, ach tha iomadh aitim agus treubhsan rioghachd a bhanan Griogairich an toiseach, a thionndaidh gu ainmean eile a chleachdadh, agus nach do dhealaich ris na h-ainmean coimheach sin, agus a nis nach dealaich, ged a dhfheudadh iad sin a dheanamh.”

M. “Tha sin uile mar a thubhairt thu, aChoinnich, ach comadh co dhiubh, is taitneach eolas a bhi againn air eachdraidh Fine co urramach agus cliuiteach.”

C. “Mile taing dhuitse, acharaid, oir thug thu fios domh air eachdraidh chinnich mo dhithis shean-mhathar nach cual mi riamh; agus bu chinneach iad aig nach robh coimeas a thaobh an aireimh, an cumhachd, an cruadail agus an dilseachd.”

M. “Ud! Ud! is fhurast a thoirt fanear agus a thuigsinn, aChoinnich, gun robh dàimh agad ris achinneach ghaisgeil sin, oir tha e soilleir gum bheil deur beag dhen fhuil rioghail aruith ann an cuislibh Choinnich Chiobair.”

C. “Biodh sin mar a dhfheudas, aghraidh nam fear, leigidh sinn leis na Griogairich choira nis; chaneil fios, gidheadh nach feud Murachadh Ban eachdraidh a thoirt dhuinn la eigin an deigh so, air aghaisgeach chalma agus theo-chridheach sin Rob Ruadh MacGriogair! Chaneil fios ciod a dhfheudas teachd mun cuairt; ach aig an am, rachamaid a dhfhaicinn am bheil goireas freagrach sam bith aig Seonaid air ar son. Thig air t-aghaidh, aGhoistidh, agus thugamaid ceann-shuas an tighe oirnn.”

ALASDAIR RUADH.


Chaochail Deòrsa Washington air an uair mu dheireadh dhen latha, air an latha mu dheireadh dhen t-seachdain, air aa latha mu dheireadh dhen mhios, air a mhios mu dheireadh dhen bhliadhna, agus air a bhliadhna mu dheireadh dhen ochdamh linn deug.



[124]

[Vol . 5. No. 17. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OCTOBER 31, 1896.

Se Di-màirt sa tighinn an latha mor anns na Stàitean. Sin an latha dhinnseas co a tha gu bhi air an stiùir re nan ceithir bliadhna tha tighinn, McKinley no Bryan; Chan em furasda sin innse riomh laimh, oir, rud a tha nàdurra gu leòr, than phairtidh ag radh gun taghair an duine fhéin, agus bidh iad ag radh sin gus am bi an latha seachad. Bidh fhios an uair sin cia mar a bhios an dùthaich air a riaghladh fad nan ceithir bliadhna tha romhainn, ged nach bi am fear a bhunnnaicheas air a chur dhan dreuchd gus an ceathramh latha dhen Mhàrt. Am mach as na Stàitean fhéin tha na daoines glice anns gach dùthaich an dochas gun teid an latha le McKinley oir tha iad a meas gum biodh soar-chùinneadh an airgeid, rud a tha Bryans a phàirtidh a cur rompa a bhios air a dheanamh, na ni cronail don dùthaich; ach tha moran de luchd-leanmhuinn aig Bryan anns na Stàitean, agus chan eil fhios nach fhaodadh gur h-e gheobhadh a stigh. Ach mar a tuirt a dall, ‘chi sinn.’


Tha pris a chruithneachd air eiridh gu mor o chionn da sheachdain. Chaidh cho àrd ri 93 sent am buiseal a phàigheadh air a chuid as fhearr de chruithneachd Mhanitoba, ach tha a phris air tuiteam beagan uaithe sin. Fàgaidh pris àrd a chruithneachd am flùr daor, ach cha dean tuathanaich Mhanitoba gearain sam bith air sin; mar as daoirem flùrsann as fhearr dhaibhsan. Chan eil bàs duine gun ghràs duine.


Tha tuathanach ann an Stàit Massachusetts an deigh a nighean a ghealltuinn do dhuinòg a thaga h-iarraidh, ach feumaidh e dàil a chursa phòsadh gus am bi Bryan air a thaghadh. Tha cuid dhe choimhearsnaich afàgail air a bhodach gur h-ann a tha e air son a nighean a chumail aige fhéin, oir ma dhfheitheas am pòsadh ri taghadh Bhryan, tha iad ag radh, cha bhi e ann idir.


Sar Ruisia.

Cha dean math dhuinn a bhi labhairt gu h-olc mu Iompaire Ruisia tuilleadh; tha cuid-eigin air a dhearbhadh gu soilleir gur-a Gàidheal e. Tha e air a radh gu robh an Sar Pòl, athair Nicholas I., na latha fhein air chuairt ann an Sasuinn, agus am feadhsa bha e an Lunnainn gu face ann an sin, aon latha, amarcachd eich, nighean òg uasal de Chloinn-Ghriogair. A chead sealladh a fhuair e dhi, ghabh e meas oirre; fhuair e eòlas a chur oirre, agus mun do dhfhàg e Lunnainn, phòs e i, agus be Nicholas I. am mac. Ma than sgeul so fior, ’s e Sàr an latha diugh iar-ogha na bana-Ghriogairich, agus a réir sloinnteireachd nan Gàidheal is Griogarach e-fhéin. Air dha sin a bhi mar sin, nach beag an t-ioghnadh ged a bhlàthaicheadh a chridhe ri Tir an Fhraoich, agus ged a sgeadaicheadh e e-fhéin anns an deise Ghàidhealaich!


SEARMON MATH. —Bha an t-Urr. Tormaid Mac Leòid uair a searmonachadh ann an cearna de Shiorrachd Earra-Ghàidheal, far nach burrainn coire bu mhotha bhi air searmon na am ministeirga leughadh. ’Nuair a sgaoil an coithional, bha seanabhean a bhasan éisdeachd a moladhsa sior-mholadh an t-searmoin. Ars ise ri bana-choimhearsnach, “An cuala tu riamh a leithid?” “Cha chuala gu dearbh,” ars an eile, “ach gu de dha sins gur e leughadh a rinn e.” “A leughadh!” ars ise, “ma tas mi bhiodh coma ged a be fheadaireachd a dheanadh e. ’S e searmon math a bhann co-dhiu.”


Tha teachdaire tha saoithreachadh a measg nan iasgairean ann an Labrador ag innse gu bheil bochduinn mhor a measg an t-sluaighsna cearnan sin air an fhoghar so; chaneil biadh aig moran dhiubh ach am beagan flùir is urrain na teachdairean a thoirt dhaibh. Tha eg radh gu faigh a chuid as motha dhiubh bàs an taobh a stigh de dha mhios mur cuirear cuideachadh gan ionnsuidh. Tha riaghladh Newfoundland a dol a dheanamh an dichill, ged nach eil a bheag aig muinntir an eilean sin a bharrachd air na dhfheumas iad fhéin.


Tha an Sultan an dràsda leagail cise air a chuid iochdaran, ’s e cur roimhe muillein punnd Sasunnach a chur cruinn air son e fhéin a dhion o na naimhdean. Tha aig gach aon de iochdarain ri faisg air coig dolair a phaigheadh dha. Tha e tuigsinn nach eil latha na tòrachd fada uaithe.


Tha achaitheamh uamhasach cumanta ann an Sasuinn. Tha e air innse nach eil nas lugha na tri deug as gach ceud bàs air aobharrachadh leis an euslaint so. Am measg na feadhnach a thag obair an Telegraph, ’sichaitheamh a tha toirt bàs da fhicheadsa sia as a h-uile ceud.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[125]

[Vol . 5. No. 17. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chuireadh còrr us ceithir mile caora air falbh gu Boston à Summerside, E. P. I., air an fhoghar so.

Ann am Bellville, an Ontario, an la roimhe, phòs Tomas Jones agus Mrs. Vans; tha esan ceithir fichead bliadhna dhaois, agus ise tri ficheadsa deich.

S in oidhche nochd oidhche Shamhna. Tha sinn a creidsinn nach bi uiread cluich air feadh na dùthchasa bàbhaist a thaobh an t-Sàbaid a bhi cho faisg.

Tha beagan sneachda air sileadh cheana an cearnan de Chuibeics de dhOntarìo; chan fhada gus am faod sùil a bhi againn ris anns an dùthaich so cuideachd.

Rinn na h-uisgeannan troma bhann air a mhios so call mor air sràidean Halifacs. Thatar adeanamh a mach gun gabh e fichead mile dolair gus an cursan t-suidheachadhsan robh iad roimhe.

Tha muinntir Shidni Tuath gu trang acur a stigh obair-uisge. Tha dùil aca na pioban a bhi uile fon t-sràid mu dheireadh an ath mhios, ach cha bhin obair uile deas air agheamhradh so.

Tha nas lugha de shoithichean iasgaich Geancach air na cladaichean so na bhann o chionn àireamh bhliadhnaichean. Than rionnach cho ganns nach eil e pàigheadh dhaibh a bhi tighn air a thòir.

Tha na geòidh fhiadhaich air tòiseachadh ri dhol a deas. Chunnacas àireamh mhor dhiubh air an t-slighe air an t-seachdain so. Tha so ag innse gu bheil an geamhradh gu tighinn tràth air abhliadhna so.

Tha an t-Urr. Uisdean Gillios, sagart Antigonish, a fàgail na sgireachd sin air an t-seachdain so. Di-donaich sa chaidh an deigh na h-aifhrinn, thug an sluagh dha mile dolair mar theisteas air am mor spéiss an deagh dhùrachd dha.

Bha teine mor ann an Chicago Di-luain sa chaidh. Bha da thogalach mhor làn gràin air an losgadh, agus chan urrainn an call a bhi cho iseal ri muillein dolair. Bha còrr us da cheud deug gu leth mile (1,250,000) buiseul cruithneachd air a losgadh.

Chaidh caileag bheag le Iain Cleireach, aois thri bliadhna, a losgadh gu bàs ann an Charlottetown, a sheachdain gus an Di-màirt sa chaidh. Chaidh a màthair a mach, agus mun do thill i, bha ise air a losgadh cho donas gun do chaochail i an ceann beagan ùine.

Tha na h-ùbhlan anabarrach pailt ann an Gleann Annapolis air an fhoghar so. Thatar an deigh dlùth air seachd fichead mile (140,000) barailtechur air falbh gu Sasuinn a cheana, agus thatar a meas nuch lugha na ceithir cheud mile barailte na tha anns an dùthaich fhathast.

Tha mèinn Victoria air a curna tàmh a rithist leis an uisge bhi tighn a stigh oirre, ach bidh i air obair a rithist an ceann beagan lathaichean. Bha a mhèinn so gle mhi-fhortanach air a bhliadhna so. Tha dùil ris na mèinnean eile bhig obair gu trang eadar so us bliadhnùr.

Tha muinntir Shidni a Tuath acur rompa stad a chur air creic deoch-làidir agus air gnothuichean mi-rianail eile bhadol air adhart anns abhaile sin, agus cha do thòisich iad tuilleadh us tràth idir. Ann am bade Yarmouth, N. S., an la roimhe fhuaireadh ochd duine deug ciontach de chreic deoch-làidir gu mi-laghail, agus chaidh càin a chur air gach aon dhiubh. Rinn na phàigh iad uile, eadar chàin us chosguis, suas faisg air da cheud deug dolair.

An deigh so cha bhi am Marion a ruith eadar Sidni us Hogamah ach aon uairsan t-seachdain, afalbh á so Di-luainsa tilleadh Di-màirt. Agus cha bhi am May Queen adol eadar Baddecks na Narrows Mhora ach aon uairsan latha.

Bhan soitheach-smuide Durham City anns an acarsaid toiseach na seachdain air a turus eadar Montreal agus an t-seann dùthaich. Bha luchd de chrodhs de chaoraich aice air bòrd. Thachair droch shide oirre faisg air eilean Anticosti, agus chaidh tri fichead ceann cruidh a sguabadh bhar a clar-uachdair, a bharrachd air milleadh a dheanamh air an t-soitheach fhéin.

Thatar o chionn treis mhath a dhùine a toirt oidhearp air airgead a chur cruinn air son càrn-chuimhne chur suas don Onarach Ioseph Howe, duine bha gun teagamh airidh air an urram sin a chur air, ach cha dthainig moran adhartais air fhathast. Chan eil teagamh co-dhiu nach teid an gnothuch leotha, agus gum bi an càrn air a chur suas an uine gun bhi fada.

Tha fios air tighinn as an Iar-Thuath ag innse gun deachaidh mort a dheanamh am measg nan Innseanach o chionn da sheachdain air ais. Mharbh fear dan ainm Droch-Dhuin’ -Og, fear dam bainm Seann-Duine-Leighis. Bha an duinòg ag iadach ris an t-seann duine, agus an deigh dha a mharbhadh theich e, athoirt leis na te a bha cur eatorra. Tha na maoir air a thòir, ach gu ruige so cha drug iad air.


Iadsan a Phaigh

D. M. MacMhuirich, Sidni.
M. L. MacFhionghain, Lakevale .
H. C. Mac Aoidh, Malagawatch .
T. C. Mac-an-Toisich, Malagawatch .
Gilleasbuig Mac Aonghais, Roseburn .
Tearlach R. Mac Leoid, Framboise ,
Bean D. T. Dhomhnullaich, Mabou.
Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett.
Seumas Patterson, Loch Bhlackett.
Ailein Mac Leoid, Whitney Pier.
Ruairi Mac-Philip, Gut-a- Tuath.
Micheil I. Mac-Ille-Mhaoil, cul Cobh a Bhiobhair.
An t-Urr. Niall Mac-Mhuirich, Loch Ainslie.
Ceit Dhomhnullach, Broad Cove Marsh.
Aonghas Domhnullach, Sidni Tuath, $2 .00
Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath, $1 .50
Bean NeillIc Leoid, Beinn Chain.
Anna Mhàrtuinn, Meinn Ghardiner.
Dora Ghillios, Gleann-nan-Sgiathanach.
Aonghas Mac Fhionghain, New Canada.
Ailein Mac Gilleain, Halifax , N. S.
D. A. Gillios, Halifax , N. S.
Domhnull Camaran, Stellarton , N. S.
Iain R, Siosal, Glassboro , N. S.
Donnachadh Siosal; Meinn Acadia,
Murachadh Mac-Laomain, Springton , P. E. I.
Aonghas N. Mac-a- Phì, Heatherdale , P. E. I.
Iain Mac-a- Phi, Heatherdale , P. E. I.
Eoin Mac Gilleain, Heatherdale , P. E. I.
Ruairidh Moireastan, Mac Crimmon, P . O. Ont.
Aonghas Mac Fhionghain, Skye , P. O. Ont.
Uisdean Mac Colla, Strathroy , Ont.
Murachadh Mac Rath, Ottawa , Ont.
Aonghas Mac Aoidh, Providence , R. I.
Bean Eachuinn Dhughlaich, Exeter , N. H.
Eobhan A. Gillios, San Francisco, Cal.
Iain Rothach, Rudha Mharsden, New Zealand.
Alasdair Ceamp, Rudha Mharsden, New Zealand.
Calum Buchanan, Kaurihohori, New Zealand.
Nic-Dhonuill na Ceapaich, Lunnainn, Sasuinn.
Bean C. Lister, Rivers, Dursley, Sasuinn.


POSAIDHEAN.

Air an Eilean Mhor, air an fhicheadamh latha dhen mhios so, leis an Urr. D. Drummond, Eachunn Corbett, Boulardarie, us Anna Nic-Gilleain, Groves Point.


BAS.

Ann am Malden, Mass, air an 18 mh. la de September, Aonghas Dughlach, mac do Aonghas Dughlach, am Broad Cove, C. B., 36 bliadhna dhaois.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[126]

[Vol . 5. No. 17. p. 6]

AM BONN AIR AN ROBH COMHARRADH.

(Air a leantuinn.)

Chaidh càch air adhart le,n cluich. —bha e furasdfhaicinn nach dthug an seòladair fa-near gun do chaill e am bonn. Lean e roimhe air bruidhinns air gàireachdaichach bha minntinn-sa air a cur troimh-chéile gu dona. Bha an sid, fo bhonn mo choise, acheart ni a bha dhith orm. Leis abhonn sobu bhonn da crùn edhfhaodainn Southchester a ruigheachd, agus theagamh gum beirinn air bràthair mathar beò. Ach cha be mo chuid fhéin a bhann. Be mo dhleasanas a thogail agus a thoirt dhan fhear dam buineadh e. Ach an deigh sin chan ionndrainneadh esan e. Smaoinich mi air an liuthad bonn eile chunnaic mina dhòrn, agus thuirt mi rium fhein gum bu shuarach leis-san an uiread sin aige no uaithe. Ach mise

Bha luchd na cluich aig ceann eilebhùird, bha an aire gu h-iomlan air achleas, agus cha robh duineg amharc an taobh a bha mise. Chrom mi agus thog mi am bonn. Ann am priobadh na sùla bha mi muigh air an t-sràid, acoiseachd gu bras agus maghaidh air calan rathaid-iaruinn. Bha e doirbh dhomh manail a tharruinnbu mheairleach mia cheart cho ciontach ri iomadh fear a bha fo ghlais am priosan na siorrachd. Bha leth-dhùil agam, gach ceum a rachainn air adhart, ri làmh throm fhaireachadh air mo ghualainn, agus guth làidir ag innse dhomh gu robh mi air mo ghlacadh. Ach lean mi romham, ’s fhios agam gu robh mi tearuites nach robh dòigh air mo bhrath. Stad mi fo sholus agus sheall mi air a bhonn. Mar a shaoil leam, bu bhonn chrùn e, agus bha làrach tri-chearnach air an darra taobh dhe, air a dheanamh mar gum bann le geilb. Chuir so nàdur eagail ormnan ionndrainneadh an seòladair an t-airgeads gum biodh beachd aig air achomharradh ud, co aige bha fhios nach fhaodte a lorgachadh ugam-sa? Ghreas mi orms mi air son faighinn cuibhteas am baile. Air dhomh tionndadh sios caol-shràid a bhag am threòrachadh dhionnsuidh achala, chunnaic mi bùth ceannaiche-gheall (pawn - broker) agus chuir sin smaoin eile stigh orm. Dhfheumainn air a h-uile cor an seòladair a phàigheadh air ais. Bheireadh Mairi dhomh de dhairgead na dhfhoghnadhbha mi cinnteach á sinagus thillinn air ais gu Hillford agus shirinn an gille mach, agus bheirinn dha na deich tasdain a ghoid mi air, an dearbh bhonn so fhéin nam burrainn domh. Chaidh mi steach don bhùth, agus sheas mi fa chomhair an fhir a bhair cùl a chùnntair.

So,” arsa mise, ’s mi cur a bhuinn ma choinneamh, “an gabh thu sid an geall air deich tasdain?”

Thog e am bonn, agus dhamhairc e air, agus an sin gu h-àmharusach ormsa.

Nach e deich tasdain a than so?” ars esan, “Ciod is ciall duit?”

“ ’S ciall domh na tha mig ràdh,” arsa mise. “Sin agad bonn ris nach eil toil agam dealachadh, agussem bonn mu dheireadh a thagam. Thoir dhomh deich tasdain air a shon, agus saoraidh mi e an ceann seachdain no dha. Siuthad, a dhuine, ’s fhiach am bonn deich tasdain latha sam bith.” Sheall e orm le ioghnadh. Dhfheuch e am bonn le fhiacail, ’s sheall e air na bu ghéire na rinn e roimhe.

Bheir mi dhuit naoidh tasdain air,” ars esan.

Smaoinich mi car tacain. Bheireadh ochd us ceithir sgillinn mi gu Southchester agus bha deich sgillinn agam fhéin.

Gle cheart,” thuirt mi ris. “Ach feuch gun toir thun aire air a bhonndhaithnichean e am measg ceudtha comharradh agam air.”

Thug e dhomh an t-airgead, agus dhfhalbh mi. Bha sùil àmharusach aig orm fhadsa bha mina shealladh, ach thog mise rithes thug mi an cala orm. Mun robh coig mionaidean air a dhol seachad bha mi air acharbad, agus e cur smùid as an rathad gu Southchester.

Thug an t-seachdain an deigh sin iomadh ni mun cuairt. Rainig mi an t-seann dachaidh mun do chaochail bràthair mathar, agus fhuair mi dearbhadh o bhilean féin nach robh eg altrum droch smuain sam bith dham thaobh a chionn mi bhi cho fadanam bharail fhein. Dhinnis e dhomh anns na mionaidean deireannach gu robh e fàgail beagan dìleab agam, agus dhearb e rium a bhi gu math do Mhàiri. Ach ged bu mhor mo mhiann air caoimhneas a nochdadh dhi, cha dfhuair moran cothrom air sin a dheanamh; oir cha dfhuair Màiri riamh thairis air bàs Roib; chaochail is dhadhlaiceadh i mun do ruith seachdain. Cha robh duine cloinne aca fhéin, agus bu mhisen aon dileabach. Mar sin, direach seachd lathan deigh dhomh Hillford fhàgail, leis na fhuair mi air son a bhuinn a ghoid mina mo peòcaid, fhuair mi mi-fhéinna mo mhaighstir air còig ceud punndsa bhliadhna.

Bha iomadh ni ri dheanamh, agus bha moran ghnothuichean agam ri chur air dòigh, ach acheud chothrom a fhuair mi, chuir mi maghaidh air Hillford, air son Nic-a- Ghobha a phàigheadh, agus mar an ceudnam bonn òir a ghoid mi a thoirt air ais dhan t-seòladair. Bha ionghnadh gu leòr air Nic-a- Ghobha mfhaicinn; dhaidich i nach robh dùil aice mfhaicinn gu bràth tuilleadh, ach bha i anabarrach taingeil an t-airgead fhaotainn, aguss iomadh beannachadh a rinn i ormnuair a bha mifagail a doruis. Ach an seòladair cha ghabhadh faotainncha robh fhios aig duine thachair orm air a bheag ma dheibhinn. Bha fear an taigh-òsda cinnteach nach buineadh e dhan bhaile, nach robh ann ach fear a bhagabhail an rathaid. Rinn mi muile dhichioll air fhaotainn, ach dhfhairthlich orm. Ach chaidh mi don bhùth, agus shaor mi am bonn òir; agusnuair a thill mi gu Southchester, chuir mi fo ghlais e, acur romham a ghleidheadh, gun fhios nach robh an dàn dhomh fhéins dhan t-seoladair tachairt air acheilerithist.

Bha mi nise air mo dheagh dhòigh, agus cha robh guth tuilleadh air a bhinam chleasaiche. An aite sinsann a thòisich mi air togail fhlùraicheanròsan gu h-àraidobair a bu ghle thoigh le Rob bràthair mathar. An ceann treis a dhùine phòs mi. Bha mi cur mo shaoghail seachad gu socair, sona. Bha mo leabhraichean, mo ghàradh, agus mo phìob agam, agus ma bha micaitheamh mùine car diomhain, faodaidh mi radh co-dhiù nach robh mi ri cron. Ach bha cuid de mo nàbuidhean an dùil gum bu chòir dhomh beagan aire thoirt do chuisean-riaghlaidh abhaile, agus rinn iad comhairleach dhiom, agus an deigh sin fhuair iad mo chur a stigh mar fhear-ceartais. A mach uaithe sin, bha mi air mo chumail trang air dòigh ùir.

Mas math mo bheachd, ’s ann direach deich bliadhnan deigh bàs bhràthair matharsa mhna, a chaidh mi aon mhaduinn bhriagha shamhraidh sios do thalla a bhaile a ghabhail màite air cathair abhreitheanais. Thachair nach robh de luchd-ceartais ann an latha sin ach mi-fhéin. Chuir an cléireach a cheann a nalls rinn e cagar rium, ag radh nach robh de chàsan rim feuchainn ach a dha no tri, agus nach robh ach aon dhiubh sin a bfhiach an t-saothair. Chuireadh iad an càs sin air mo bheulaobh an toiseachagus air ball thug na maoir a stigh duinòg ann an deise seòladair-airm, agus air an robh coltas a bhi air a nàrachadh air son an t-suidheachaidh anns an robh e. Thug mi sùil neo-shuimeil air an toiseach, ach air dhomh amharc beagan na bu dlùithe air, dhaithnich mi co bhagam, agus cha bu duineil e ach an seòladair on ghoid mi am bonn òir. Bha meanchainn air ballna breislich, ach bha fhios agam nach robh eg am aithneachadh, agus rinn mi mi-féin a stòldadh, agus dhéisd mi ris na fianuisean. Tha e coltach gu robh e aig an àm so na mheat air soitheach-smùide a bha dol thar a chuain, agus gu robh e cur seachad latha no dha ann am fear de na bailtean beaga bha faisg air laimh. Thainig e gu Southchester, agus air dha tuilleadhsa chòir òl, thuit e ann an lamhan nam maor, agus chuir iadsan air ball fo ghlais e. Cha deach e as àicheadh ni dhe so, achs ann a bha e anabarrach duilich gun do thachair a leithid dha, agus bha eguidhe oirnn a leisgeul a ghabhail. Thuirt e gu robh e air uaireannan gle ghòrach, agus a deanamh iomadh ni nach bu chòir dha dheanamh. Dhòrduich mise gum pàigheadh e deich tasdain agus achosguis, agus air dhasan sin a chluinntinn dhatharraich e dreach. Thug mi cagar do na maoir a chumail aca beagan ùine, agus chaidh mi air adhart leis na càsan eile. An deigh dhomh an cur a thaobh, chaidh mi dhan t-seòmar anns an robh



[127]

[Vol . 5. No. 17. p. 7]

e-fhéin ,s na maoir a feitheamh. Bha an t-oifigeach a bhiodh agabhail an airgeid an sin agus thuirt e rium, “Chan eil sgillinn airgeid aig an duinòg ud. Tha e smaoineachadh gun deach a ghoid air no gun do chaill e e an raoir nuair a bhan daorach air; ach tha eg radh ma bheir sibh cead dha a dhol a null dhan bhailes fhaisge far a bheil a chàirdean, gun cuir en t-airgead gur n-ionnsuidh gun dàil.”

Thoir a stigh an so e,” arsa mise. “Bruidhnidh mi fhein ris.”

Nuair a thàinig e stigh, dhuin mi an dorus agus dhiarr mi air suidhe.

Agus chan eil sgillinn airgeid agad? ”arsa mise. “Chan eil,” ars esan, chaidh mi car thar mo dhòigh an raoir, agus, ”—

Am bheil cuimhnagad orm?” arsa mise, “Seall gu math orm.”

Sheall e orm le ioghnadh.

Chan eil,” ars esan. “Chan eil gu dearbhchan fhiosrach mi gu faca mi riamh sibh.”

Am bheil cuimhnagad air a bhicluich bhilliards ann an tigh-òsda Hillford, deich bliadhnair aisair feasgar geamhraidh?” arsa mise.

Tha, gu dearbh,” arsesan, “Bha mi anns abhaile ag amharc air seann charaid, agus chaidh mi dhan tigh-òsda fhadsa bha mi feitheamh ris a charbad. An robh sibhse”—

Bha misesan tigh-òsda aig a cheart àm,” fhreagair mi, “agus ghoid mi bonn da chrùn ort-sa.”

Thug e sùil orm le barrachd ioghnaidhsa rinn e roimhe.

Ghoid sibh bonn da chrùn orm-sa!” ars esan. “Chan eil mig ar tuigsinn.”

Dhinnis mi an sin dha facal air an fhacal mar arinn mi innse an so. ’Nuair a thug iomradh air a chomharradh a bhair abhonn, thainig e guchuimhne.

Agus a nise,” thuirt mi ris, “Dean rium mar is àill leat. Ach mur cuir thu an sàs mi, pàighidh mi do chàin, agus do chosguis, agus gheibh thu do dhinneir còmhla rium, agus chi thu am bonn. Ciod a tha thug radh?”

Tha mi toileach,” ars esan, “gle thoileach.”

Ach tha mig iarraidh aon fhàbhar eilort,” arsa mise, “agusse sin gu fàg thu am bonn agam.”

Dhaontaich e ri sin cuideachd, agus tha am bonn òir agam fhathast, air a ghleidheadh gu cùramach ann am bocsa beag gloinne, mar chuimhneachan air a cheud uairs an uair mu dheireadh a rinn mi gniomh meairlich. —Eadar. o Bheurla J. S. Fletcher.


Tha iomadh cleachdadh neònach aca ann an Ruisia mu àm pòsaidh. So aon diubh; ‘nuais a ruigeas cuideachd na bainnse dorus na h-eaglais, tha a chàraid òg a toirt roid a dhionnsuidh na h-altair; ge be co aca ruigeas an altair an toiseach, ’s ann aige bhios riaghladh an taighe.


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.



[128]

[Vol . 5. No. 17. p. 8]

Niagara.

LEIS AN URR. D. B. BLAIR, NACH MAIREANN.

A Thi mhoir a chruthaich na Duilean,
S a shocruich an Cruinne,
Le dghairdean cumhachdach neartmhor,
Air a bhunait;
S gloirmhor an obair a rinn thu,
Niagara ainmeil,
An t-Eas mor a rinn thu chumadh,
S an t-sean aimsir.
Sud an t-Eas ioghantach loghmhor,
Eas mor na garraich,
Eas ciotranach liaghlas na smuidrich
S na buirich ghabhaidh;
Eas fuaimearra lobhar na beucail
A leam na steallaibh
Thar bhilenan creagan aosmhor,
Na chaoiribh geala,
Gu sridagach, sradagach, sneachdgheal
S a dhreach soilleir;
A tearnadho bhraigh gu iochdar,
Le dian bhoile’;
Sruth uaine briseadh ma mullach,
S e ruith na dheannaibh,
Thar bharradh nan stocan airda,
Le gairmhaireann;
Le slachdruich ghailbheach atuiteam,
An slugan domhainn,
Gu linneachaibh du-ghorm doillear,
A goil mar choire,
An t-aigeal ga thionndadh on iochdar,
Le fior ainneart,
S an glas uisgebruchdadh an uachdar,
Le luaths saighde;
An linne ga shoistreadhs ga maistreadh,
Troimhe cheile.
S i fosgladh a broillich-duibh,
Ris na speuraibh.
B iogtantach an sealladh bhi faicinn,
Deatach liath-ghlas,
Ag èirigh anns an athar,
Ri latha grianach;
Nuair shealladh tu fad air astar,
Air an ioghnadh
Se theireadh tu gur bata-toite,
A bhann le smuidrich:
Achnuair thigeadh tum fagus da
Ghabhail beachd air,
Throm-fhliuchadh an cathadh caoir-gheal
Le braonaibh dealt thu,
S chitheadh tu am bogha frois
Le dhathaibh sgiamhach,
Ged bhiodh side thioram shesgair,
Anns an iormailt.
Am min-iusge a tuiteam mun cuairt dhuit,
Air an ailean,
S an fhaiche gu h-urail uaine,
Mar a baill leat;
Na craobhan a cinntinn dosrach,
S lusan ùr-ghorm,
A fas le feartaibh na greine,
Gu reith fon driuchd ud.
Na liosan a tha mu dthimchioll.
Chan iarr uisge,
Chan aithne dhoibh idir tiormachd
Ri aimsir loisgich,
Cha tuigear leo ciod as ciall do
Bhi gun fhliche,
Ged theanicheadh gach aite mun cuairt doibh
Mar chruas cloiche.
Than t-athar gun ghoinne gun chaomhnadh
Ataomadh feartan
A storas do-thraoghadh na h-aimhne
Gu saoibhir beartach:
Dhfhag aghaidh an fhuinn ud
A dhoidches a latha
Gu h-urail uaine-fheurach aluinn,
Afas gu falain,
Nuair theirneadh tu sios don t-slugan
Gu oir an uisge,
Bhodhradh an tormanaich uamhaidh,
Do chluasan buileach.
Nuair shealladh tun sin mun cuairt duit,
Air achas-shruth
Chuireadh e do cheannna thuaineal,
S tunad bhreislich;
Us nuair thigeadh tum fagus don
Phlaide lia-ghlais,
Than crochadh ri aghaidh na creige,
Bhiodh geilt us fiamh ort,
Nuair sheideadh aghaoth gu laidir
S an t-uisge frasach
Ga chathadh gu fiadhaich a daodunn,
Gach taobh gan teich thu,
Mar latha gailbheachsan fhaoilteach
Le gaoth us uisge,
A fhliuchadh am prioba na sul thu,
S a dhruigheadh tur ort.
Mar osaig o inneal seididh,
Fuirneis iaruinn,
S amhluidh ghaoth sgalanta chruaidh ud,
Thig le dian-neart,
Eadar a charraig agus a steall a tha
Nuas atuiteam:
An comdach a tha air do cheann
S gann gu fuirich;
Shoileadh tu gun deirich doinionn
Anns an iarmailt;
Ach trian chan urainn mi aithris
De gach ioghnadh,
A tha ri fhaicinn air an Eas ud,
An t-Eas cliuiteach;
Bu mhordhalach e gun teagamh:
Ma tha iongantas air an t-saoghal
S aon diubh easan:
Milltean tunna gach mionaid
Atuiteam comhladh
Thar bhile na creige don linne,
Na aon mhor shruth,
Us dluth air ochd fichead troidhean
Anns an leum ud,
O bhraigh gu iochdar na creige
Na seasamh direach;
S a chreag ud gu h-ard aig a mullach
Air chumadh leith-chruinn,
Cosmhail ri cruidh an eich charbaid
No leith cearcaill;
An t-uisge a sputadhna steallaibh
A mach gu fada;
O bhonn na creige san linne
Fichead slat uaip;
Chluinneadh tu thorman seachd mile
Uaith air astar:
Mar thairneach anns na speuraibh
Bi beucaich neartmhor.
S nuair bhiodh tunad sheasamh laimh ris
Bamhluidh thartar,
Us mile carbaid air cabsair
Nan deann dol seachad;
Gun critheadh an t-athar mun cuairt duit
Leis na buillibh,
Than t-uisge trom ashior bhualadh
Air on mhullach;
Us maoth-chrith air an talamh throm
Fo bhonn do chasan;
Mar mhothaichear latha stoirmeil,
Tighga chrathadh;
Ach ged bhiodh mile teangam bheul,
Chan innsinn uile
Na h-iongantais a thair an Eas ud,
Mar sin sguiream.

D. B. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


REIC AODAICH
As mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh.
A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct.

Tha min deigh stoc anabarrach mor de dh
Aodaichean Deante
a cheannach bho na taighean as fhearr an Canada, air pris cho iseals gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu,
Cho saorsa dhiarradh tu.

Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caitem bheil sinn. Anns an stor a than aon tigh ais aBhanca.
D. J. DOMHNULLACH.

titleIssue 17
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 17. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page