[129]

[Vol . 5. No. 18. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBEMBER 7,1896. No. 18


Oidhche Shamhna aig Rathad-an-Taillear.

A MHIC TALLA GHRADHACH.— “Thug mi an oidhche raoir gu Sunndach.” ’S midhfhaodadh a rath a latha-na-mhàireach an deigh oidhche shamhnachur seachad am measg mo chàirdean ionmhuinn aig Rathad-an-Taillear, mu sheachd mile bho bhaile Antigonishe. Bu ro-mhath a chordadh e rium a leithid a dhoidhche fhaicinn ann antir nam beanns nan gleannaibh;” achs docha nach tig a leithid orm gu bràth.

Rainig sinn (cha robh mi idirnam aonar, ’s mi nach robh), ar ceann-uidhesan tràth fheasgar an deigh beagan sárachaidh a chur air an each-iaruinn. Thug air càirdean failte chridheil dhuinn; sann dhaibh fhéin a thig sin a dheanamh; agus nuair a rinn sinn iomadh sgeul a fàgail ar companaich, ’sann a thog mi fhèins an t-Eirionnach oirnn gu cuairt bheag a toirt am measg nan càirdean bu dluithe oirnn

Bhòidich sinn tilleadh ann ùine ghearr. Choimhlion sinn na gheall sinn ach cha bann man dfhuair sinn fuarag, ged a thug sinn ar cheart airidh àite fhàgail airson eile.

Bham feasgar air fàs cho ceòbarrach man thill sinns gun do dhruidh air an EirionnachScotch mist soaks an Irishman to the skin, ”agus gu de le gabhail, mar shaoil shin, frith rathad, ach gun deachaidh mi-fhéin fodhasnuair a dheirich mi bha corrus leth an fhearainn air mo ghiulain agus tha eagal orm gu feum an duine bochd da mbuineadh e achoille ghabhaidhathoirt air turus eile.

Cha bfhada bha sinn a stighnuair thaining fear a leig ris gum be fiodhlair neo-chumanta math a bha ann. Tha fios agad fhein (a tha cluinntin fuaim gach talla) mar a chruinnicheas an ceòl binn na caileagans na gaisgich. Thug sinn fuaim air dannsa. Ged nach be na ceumannan réidh a chleachd ar sinnsear, a dhanns sinn gu h-iomlan, gidheadh cha robh iad gun mhodh na h-aoise fhaighinn. Dhanns fear an taighes mi fhein ruidhle cheathrar, agus gu de thagad air ach gun do ghabh e orm gu mosach, ’s dhfhag e mi gun nàire gun athadh, gedtha e teann air crioch na ceithir fichead, ’s mise le mo chiabhagan fhathast mar bhad do spruis dhuibh. Cha do thog an ceo na taing agus a dhinnse dhut gu robh i dùmhail am muigh, bhan Gille Garbh a stigh naoidh mionadain gu leth mam burrainn dha fear do sheann chàirdean fhaicinn. Rinn an cleochda dorcha so an deagh mhaor, oir cha do mhinntrich sinn a mach a ghoid càil us tuirneap, no gu sàrachadh sann bith a dheanamh air na coimhearsnaich. Thainig àm nan òran. Be mo charaid an seann duine a thog a ghuth an toiseach, a gabhail

Oidhche Shamhnas minam ònar,
Smuaintich mi teannadh ri òran,
Mo thruaigherigh, nach mi bha posda
Ri òigear a chùal duallaich.
Tha mo rùn air a ghille, etc.

Bha iomadh guth eile air an cur gu gléus, ach thig orm an cur seachad gu sàmhach, ged be sin am beud. Fhuair toimhseachains gach seòrsa chleas an urram fhéin.

Than t-àm an fhuarag a nochdadh. Thainig i air ball. Sin far robh a sporadhail airson an fhainne. Fhuair mi iomadh làn na spàinne dhan fhuarag, ach rinn an t-or riumsa mars dual da, —chum e fada bhuam.

Chanurrainn domh beannachd fhàgail agad gun iomradh athoirt air an Fhrangach. ’Nuair bhiodh esiubhal an ùrlair gu reidh fileanta, chuimhnichinn air na bodaich dhannsa a bhithinn a deanamh nuair bha mi am bhrogach. Bu mhath leam taing a thoirt do mchàirdean airson an càirdeas rium fhéins ri mo chompanaich. ’S e mo dhùrachd gu faic thu fhéin iomadh oidhche Shamhna, agus ma ni do chàirdean uidhir toileachaidh ruits rinneadh ruinne, cha bhi thu gun toil-inntinn.

BIORACHAN MOR.


Litir a New Zealand.

A GHAIDHEIL URRAMAICH, —Tha mise a dùnadh anns a litir so, mar phàigheadh air son bliadhna eile dhen MHAC-TALLA, sia tasdain us tri sgillinn (6s. 3d.) Tha mi gle riaraichte bho na thòisich mi, o chionn bliadhna nise, ri ur paipear gasda Gailig fhaotainn. Tha e na mheadhon air mor-thoilinntinn a thoirt domh, ’se sin a bhi leughadh mo chainnt mhàthaireil anns achearn iomallaich so dhen t-saoghal.

Chum na Gàidheil coinneamh mhor bhliadhnail ann an Dùn-Eideann, (N. Z.) air an latha mu dheireadh de dhIulaidh, 1896. Bha còrr us mile pearsa aig a cho-sheirim(concert) ,agus dhfhuirich tri cheud agus ochd fichead càraid air deireadh agus dhanns iad gu maduinn. Cha robh a leithid a chruinneachadh riamh ann an Dun-Eideann. Thainig clanna nan Gaidheal as gach cearn dhen dùthaich a chum onair a chur air a Ghàilig.

Tha beagan de na Gàidheil dhuineil ann an Dun-Eideann acumail air adhart comunn miosail Gàilig bho chionn chòig bliadhndeug, ach tha mi gle dhuilich aideachadh nach eil a chuid as mo de mluchd-dùthcha a toirt a chuideachaidh bu chòir dhaibh, mar Ghàidheil, a thoirt don chomunn; ach air a shon sin cho fada mhaireas am beagan a bhuineas don chomunn beò, cha téid cainnt ar màthar bàs ann an New Zealand.

Bidh mi nisesa cho-dhunadh, a cur mo bheannachd gu clann nan Gàidheal gu léir a tha anns an dùthaich agaibhse, agus aguidhe soirbheachadh dhaibh ann a bhicumail suas na Gàilig, agus MAC-TALLA bhi fada beò gus a clo-bhualadh. Is mise ur caraide dileas,

DOMHNULL ROTHACH.
Reynoldstown . Otago, N. Z. Sept. 29, ’96.


Chunnaic an t-seachdain so car eile air chur an cùisean na h-Eòrpa a tha cur fuasgladh nan Armenianach nas fhaide air falbh na bha e roimhe. Tha e air tighinn am folais gu robh còrdaidhean folaichte eadar a Ghearmailt agus Ruisia o chionn àireamh bhliadhnaichean, agus eadar cuid de na rioghachdan eile. Bha fhios aig na h-uile gu robh còrdadh eadar an Fhraing agus Ruisia, ach nuair a fhuaireadh a mach gu robh còrdadh eile eadar Ruisia agus a Ghearmailt, nàmhaid na Frainge, chuir e iongantas gu leòr air sluagh nan rioghachdan eile. An deigh do na duthchannan ud a bhimealladh a chéile air an dóigh ud, chan eil mor choltas air gun gabh iad toirt gu bhi aonaichte a thaobh ciod is còir a dheanamh ris an Tuirc, agus uime sinses dòcha gu feum Armenia feitheamh agus fulang fhadsa bhios rioghachdan na h-Eòrpa adol air adhart len aimhreitean féin.


Ann am Madagascar, tha gach duines bean, bochd us beairteach, air an còmhdach le aodach sioda. Tha aodach sioda moran nas saoire anns an eilean sin na aodach-lin.


Ann an stàit Maine, feumaidh sealgairean a bhi faiceallach ciod am beathach air an loisg iad. Ma mharbhas iad madadh-alluidh gheibh iad da fhichead dolair a dhairgead, ach ma mharbhas iad fiadh gheibh iad miossa phriosan.



[130]

[Vol . 5. No. 18. p. 2]

IAIN BOTHERTON

Agus a Choig Laithean Grianach.

Fhuair mi (arsa Iain) moran de làithean deuchainn agus toilinntinn ann san t-saoghal an cursa mo bheatha. Ach làithean mo dheuchainn thilg mi air chul mar sheana Mhiosachan gun a bhigan gairm gu tuilleadh cunntais. Ach is math a tha cuimhne agam air coig làithean grianach a bhagam am measg uile laithean mo bheatha. Bha iad air an caitheamh ann an toilinntinn aoibhneach, sholasach, gun urad ball dubh no neul acur sgàil orra. Ghabh iad àite aig caochladh amaibh. Re na h-aimsir, bha moran de làithean grianach blà air nach robh cuimhne agam fad seachduin. Ach eadar-dhealaichte bho shamhuil so bha na coig laithean air a bheil mi toirt iomradh. Bha iadnan laithean a bhios air an cuimhneachadh le dearsadh greine ann am chridhe nach fhag e, am feadhsa bhios an t-anam am chom. A nis bheir mi dhuibh cunntas mar a thachair a cheud latha den choig. Air mìos meadhonach an Fhoghair, agus an dara latha, agus mu shea uairean, an deigh domh sgur de mobair agus aodach glan a chuir orm, theann mi mach agabhail mo shràid fheasgair ri taobh na h-aibhne Tweed. Mar a ghabh mi air maghaidh, thachair buanaichean orm len corrain air an gàirdeanan, agus dhfhàiltich iad mi letha i tighinn Iain.” Air a so rinn iad gàire. “Co tha tighinn,” arsa mise. Ghàir iad a rithist, agus thubhairt iad. “Gabh air daghairt agus faic.” Mar so ghabh mi air maghairt; agus O! aoibhneas nan aoibhneas, co chunnaic mi ach Caitriona Lourina seasamh aig geata atoirt stob fothannain as a laimh. Nis tuigidh sibh gun robh mi an trom ghaol air Caitriona agus cha biongantach sin; oirsi nighean a bu stolta, a bu mhodhaile, agus a bu bhreagha bha san duthaich gu h-iomlan.

A nis mheas mi freagarrach an cothrom so a ghabhail air rùn mo chridhe fhosgladh dhi. Oir ged is iomadh sràid a ghabh sinn comhla, bha daonnan de naire orm nach burrainn mi cheisd a chur oirre, “am pòs thu mi.” Ach air an am so cha burrainn mi cumail orm féin na bfhaide. Air an aobhar sin ghabh mi far an robh i, agus thubhairt mi, “gu de dhfhairich do lamh a Chaitriona. Dhinnis i gur stob fothannain a chaidh innte. An sin thubhairt mi, “leig fhaicinn dhomhsa i dhfheuch an toir mi as e.” An sin ghabh i athadh agus thainig rughadh innte. Dhamhairc mina h-aodan agus a dhinnseadh smior na firinn, chan fhaca mi sealladh riamh a thug bàrr air iomhaigh Chaitriona. Agus mar a bha ghrian adearrsadhna h-aodannsa cheart àmsann a bhaghrian ann am chridhe-sa. Tha mi làn chinnteach gu faodadh sibh coineal a lasadh ri mchridhe le sòlas. Fhuair mi a lamh agus thug mi an stob aisde. Ach tha mi làn chinnteach nach leiginn as i air son lamh na ban-righ. Bha leithid de shòlas ormus nach burrainn mileigeadh as troimh aoibhneis. Beagan as beagan fhuair mi an làmh eile mun cuairt oirrechaneil fhios agam ciamar. Ach co dhiu fhuair mi ann i. Agus ghabh sinn sraidechan urrainn mi innseadh ionnus leis an staid san robh mi. Tha cuimhne agam uairus uair a teannachadh ri mbhroilleach agus a radh ritheA Chaitriona, am pòs thu mi? A nis abair am focal, an gabh thu mi?” Ann sin stad i beagan agus leig i le ceann tuiteam air mo ghàirdean. Agus le trom osna bho fhior ghaol thubhairt i, “posaidh Iain.” O! na facaill a bha sin. Sann annta bha binneas dhomhsa. ’S iad ceol bu bhinne chuala mi riamh. Bha mi na leithid de staid agus gun do ghlaodh mi. “O! beannaich mi, beannaich mi, gu siorruidh beannaich mi. ’S misen duine is sona tha air an t-saoghal.” An sin dhanns mi le h-aoibhneas; agus ma bha duine riamh air mhisg le sòlas bha mise. Agus tha mi cinnteach gun robh Caitrionas an t-suidheachadh cheudna. Mar so choisich sinn gu tigh a h-athar. ’S mar robh toilinntinn agamsa an latha sin cha robh aig duine riamh.

Agus their mi mo cheud latha grianach ris an latha so. A nis bha mi riamh asàbhaladh beagan air son àm feuma, agus ann a seachduin no dhà, ghabh mi tigh agus dhairneisich mi e gu h-urramach. Agus be mo dhara latha grianach an latha ann san dthainig Caitriona, a h-athair, ’s a mathair, agus beagan chairdean maille rithe agus am Ministeir gun teagamh. An uair a chuala mise am Ministeir aseirm dithisnan aon, leum mo chridhe le h-aoibhneas asmaointeachadh air Caitriona, agus misenar n-aon. Agus nas fearr na sin nach robh dealachadh ri bhith ann gus am bàs. Rug mi an sin air laimh oirre agus le deoir an aoibhneis ann am shuilean thubhairt mi, “O, mo Chaitriona fein, mo Chaitriona fein! saoil nach sinn a bhios sona ann san t-saoghal. ’N uair a bha am pòsadh thairis shuidh sinn uile ris an t-suipeir, agus air do uinneig an t-seomir a bhith leth fhosgailte agus eun aseinn gu binn smaointich mi air an t-sòlas a bha gu bhith thairis an uair nach robh mfhear-sa ach atoiseachadh. Thug mi an ath shuil air Caitriona agus O a h-iomhaigh ghradhach! sann a dhfhairich mi mar dhuine aig an robh sòlas neo-chriochnach. An iongantach a nis, ged a their mi mo dhara latha grianach ris an latha so? Bha mo threas aleanachd ri tìom mac a bhith air a bhreith dhomh. Sann an sin a chunnaic mi gu bha mius mac again. Thug mi an sin taing do Dhia an chuid air son an leinibh agus a mhathar. Bha mi san am an coinneamh dol thar mo bheachd eadar na h-uile ni bhann. Cha robh ni nach robh alasadh a suas mo shòlais ann san t-saoghal. Tha mi làn chinnteach gun robh minntinn san am so cho àrd ri inntinn Righ. Be so mo threas latha, agus mur robh e grianach fagaidh mi sin agaibh fein. Sann glan eadar-dhealaichte bhuaithe so a bha an ceathramh ged a chuir e aoibhneas thar tomhais orm. Tuigidh sibh gun drinn Caitriona bean dheanadach, ghlic, ghrunn dail, agusse smaointich i, sea seachduinean an dèigh dhuinn pòsadh, ciste bheag a dheanadh agus tòllna mullach gus a h-uile sgillinn à ghabhadh seachnadh a chur innte. Mar so chaidh dheanadhtoiseachadh air a chiste lionadh le copar, airgead, agus òr, gus an dfhas i cho tromus gur gann a a burrainn domh atogail. Agus cha biongantach sin, oir is iomadh latha a shaoithrich sinn moch agus anmoch gu bhicur beagan mu seach, gus am biodh ceud pund Sassanach againn. Latha bha sin thubhairt Caitriona, “Iain, nach bu chòir achiste fhosgladh.” “Tha mi toileach,” arsa mise. Chaidh an sin an crann a chuir air an dorus, agus falach a chur air na h-uinneagan, a chistethoirt a nuas, agus a doirteadh air an ùrlar. Sann an sin a bha sealladh. Tha daoine abruidhinn mun bhogha-fhrois a bhi briagh, achsann a bha am bogha-frois air an ùrlar agamsa, eadar Caitrionasan t-airgiod. Ghabh e dhuinn ga chunntas bho dhà uair a latha gu sea uairean feasgar. Chunnt sinn e thàirisus thairis, agus fhuair sinn coig-fichead agus coig puinnd-deug Shassanach, seachd tasdain, ochd sgillinnean, agus bonn-a- sea. Bha mi so beartach agus tha mi meas gu faod mi le h-aoibhneis mo cheathramh latha grianach a thoirt air an latha so. Sann orm fein a bha ghrian ag eirigh. Ghabh sinn an sin bùth agus thoisich sinn ri màlairt. Agus shoirbhich leinn gu math, ni thug mise gu meas anabarrach mòr, ionnus gun robh mi air mo ghairm am àrd fhear comhairle aca. Thainig mi dhachaidh an sin agus dhinnis mi do Chaitriona mar a bha. Neo-ar-thaing mur robh ise cho ard agus cho grianach rium fein. Bha misan am so an coinneamh dol thar mo bheachd leis an toilinntinn a bhagam, agus Caitriona a machsa mach rium fein. Thug mi s n greis aspaidseireachd feadh an tighe lem lamhan an ceannaibh mo leis. Mu dheiradh thubhairt mi ri Caitriona, “Cuir a mach a dhiarraidh searrag de liunn laidir,” “Searrag do liunn laidir,” arsa Caitriona, “Cha chuir, cha chuir; cuimhneich thusa, Iain, gur ann ag òl uisge fionnar an fhuarain a fhuair thu cho math air daghaidhsan t-saoghal.” “Gle mhath, gle mhath, a Chaitriona; bha thu ceart riamh, ’us tha thu ceart an diugh.” Be so mo choigeamh latha grianach; agussi mo bharail gur h-e latha bu ghrianaiche den choig. Bha gach lathatòirt bàrr air a cheile. “Gach nan nas gile na mhathair, ’s amhathair cho geal ris an t-sneachda.”

CNAP-AN-TAIRBH.


Ann a Hungary, faodaidh duine siubhal air an rathad-iaruinn eadar Buda-Pesth agus Cronstadt, coig ceud mile dhastar, air son dolair us tri fichead sent ( $1 .60). Tha e air a ghiùlan còrr us tri mile air son a h-uile sent a tha e pàigheadh.



[131]

[Vol . 5. No. 18. p. 3]

NA TRI FAINNEACHAN, Etc.

O chionn fada an t-saoghail, mas fhìor na chuala mi, bha iomadh rud atachairt a bha ro iongantach. Bha buidsich agus bana-bhuidsich ann a thionndadh le buille de shlachdan draoidheachd carragh cloiche gu h-òr, agus duine gu riochd aon a dhainmhidhibh an achaidh, no eadhon gu sgonn maide. Bha iomadh dòigh ann air bacadh a chur air tinniss air abhàs fhéin. Bha dòighean ann air muinntir a chumail òg a ghnath, agus air an deanamh aoidheil, ciùin, tlachdmhor anns na h-uile ni air chor as gum biodh sìth agus sonas a ghnàth ariaghladhnam measg. Dheanadh iad so gu léir le fàine druidheil a chur air meur neach, no le trusgan-sìthe a chur uime. Bithidh sinne a tha beos an linn as-creidmhich so gle mhall gu creideas sam bith a thoirt do sgeul faoin den t-seorsa, ach tha, aig acheart àm, iomadh leasan maith ri fhaotainn uaith. A bharrachd air sin bithidh sinn ullamh air a bhithg ràdh nach robh anns an t-sluagh am measg an déirich na beachdan faoine so ach sluagh dorcha, borb, amaideach, aineolach. Tha eagal mòr orm gum bheil sinne, moiteils mar a tha sinn as ar cuid foghluim, mòran nis fhaide air ais ann an iomadh ni na iadsan. Innsidh mi sgeula beag no dha a nochdas gu soilleir cho glics cho tùrails a bhan seann sluagh so.

Bha duine uasal ann aon uair aig an robh fàinne ro luachmhor a bheireadh air duine sam bith aig am biodh e gum biodh speis mhor aig na h-uile neach dheth. Aig àm a bhàis thug se e don mhac bu docha leis air chùmhnanta gun gleidheadh se e gus am fàgadh se e mar an ceudua aig amhac bu docha leis aig àm a bhàis, agus mar sin air aghaidh fhads a bhiodh mac atighinn an ionad an athar. A bharrachd air a so, am mac a gheibheadh am fàinnesann aige bhiodh riaghladh an teaghlaich agus a chòir-bhreth, eadhon ged a be bòige den teaghlach. An déigh don fhàinne a bhi air a liubhairt a nuas o athair gu mac fad iomadh ginealaich thachair mu dheireadh gun robh e aig athair aig an robh triuir mhac a bha anns na h-uile ni anabarrach umhail, agus dleasnach. Bha e cho miadhail orra nan triuirs nach robh fhios aige co aca dan tugadh em fàinne. Mu dheireadh thalls e bhuails acheann aige gun rachadh e far an robh an t-òrcheards gum tugadh e air fhàinne eile dheanamh cho coltachs a burrainn da ris an fhàinne bhuadhach. ’S ann mar so a bha. Rinneadh an fhàinne, agus bha iad cho coltach ris an fhàinne bhuadhachs nach robh en comas do dhuine bha beò eadar-dhealachadh air an t-saoghal a chur eatorra. ’N uair a bha e air leabaidh a bháis dhiarr e a mhac bu shine a thoirtna làthair, agus air dha comhairlean maithe a thoirt air agus a bheannachd fhagail aige thug e dha fear de na fàinneachan. Chuir e fios air an dara mac agus air an treas mac agus rinn en t-aon ceudna riutha. Beagan ùine na dhéigh sin dheug e. Thiodhlaic a chuid mac e, agus an déigh do gach ni bhi thairis dhinnis am mac bu shine gun dfhuair esan am fàinne o athair, agus mar sin gur ann aige bha còir air gach ni a dhfhàgathair. Bha mòr-ioghnadh air a dhithis bhraithrean an nuair a chuala iad so, achs ann a bhan t-ioghnadh orra nuair a dhinnis gach fear mar a thuirtathair ris. Thug gach fearfhàinne fhéin a làthair, ach cha robh enan comas a dheanamh a mach co aig a bha m fàinne buadhach. Bhan dithis a bòigeg am meas fhéin a h-uile buille cho maith còir air aon dad a dhfhàg an athair ris an fhear bu shine. Mu dheireadh thall chaidh na fir cho fada thar a chéiles gun tug iad achùis an làthair abhreitheamh. Thug gach fear a thaobh fhéin den chùis air aghaidh le innseadh mar a thuirtathair ris. Cha chreideadh fear seach fear dhiu gun tug an athair fealag asda, ach bha gach fear car ann am beachd gun dthug a bhraithrean ionnsuidh air a char a thoirt as le fàinne meallta thoirt air aghaidh. Ach an déigh na h-uile rud bha leithid a dhearbsa acana cheiles nach burrainn doibh so a lan chreidsinn. Bham breitheamh e fhéin ann am iom-chomhairle nach bu bheag mun chùis, ach mu dheireadh thug e breth mar a leanas: “Chan urrainn domhsa dheanamh a mach cia em fàinne ceart, agus mar sin chan urrainn domh ràdh co aige tha còir air a bhina cheann thairis air an teaghlach. Ma tha e fior gum bheil buaidh shònraichte anns an fhàinne cheart a chum an neach aig am bheil e a dheanamh ionmhuinn ann an sealladh nan uile dhaoine, tha e mar an ceudna cheart cho fìor nach urrainn gum bi abhuaidh shònraichte so anns an fhàinne eile. Tillibh dhachaidh, agus sguiribh dher n-aimhreit. Creideadh gach fear agaibh gur h-ann aige fhéin a tham fàinne ceart, agus a chum sin a dhearbhadh dha fheins do mhuinntir eile, deanadh e strì a chum e-fhéin a dheanamh ionmhuinn leis na h-uile. An neach a bheir barr agus is mo choisneas de ghràdh muinntir eile dearbhaidh e gu soilleir gur ann aige a tham fàinne ceart.” Lean iad achomhairle ghlic agus mhaith so a thug am breitheamh orra, agus rinn iad strì feuch co bu ghràdhaiches bu neo-fhéineile gus mu dheireadh thall an deachaidh gach aimhreit a bheatorra mu na fàinneachan air dichuimhne. Chaith iad am beatha gu réidh agus gu sona maille ra chéile.

Bha aon uair ann an aon de dhùthchannaibh na h-airde-near duine uasal a bha ann an suidheachadh ro àrds arìoghachd. Be a bfhaisge ann an inbhe air an rìgh fhéin. Ciod sam bith tubaist a dhéirich dha thachair gun drinn e dol as an rathad aìr choreigin a choisinn dha diomadh agus corruich an righ. Thug an rìgh òrdugh teann cruaidh e bhi air a ghleidheadhna phrìosanach fhads bu bheò e ann an seòmar beag am mullach tùir àird. Rud nach bìoghnadh bha a chridhe gu briseadh le bròn. Bha e cruaidh leis deadhghean an rìgh a chall, ach bu shuarach leis sin seach a bhi dealachadh ra mhnaois ra phàisdean. Chunnaic e air a shon sin nach deanadh bròn feum sam bith dha, agus gum bfhearr dha an oidhirp a bfhearr aburrainn da dheanamh air teicheadh as an tùr. Cha robh e furasda dha idir teicheadh. Chan fhaigheadh e sìos gun fhios, a chionn gun robh luchd-faire a ghnàth aig dorsaibh an tùir agus nan tilgeadh se e fhéin sìos leis an uinneig bhiodh e grad mharbhnuair a bhuaileadh e shìos. Bu duine e aig an robh mòr eolas mu thimchioll iomadh ni. Bha e ghnàth adeanamh feum de shùilibhs de chluasaibh. Bha e agabhail beachd air gnathannaibh gach creutair bheò air am burrainn dha a bheag a dheolas a chur. Ann an àm na trioblaid rinn an t-eolas so feum mòr dhathug e comas dha air teicheadh as an tùr. ’S ann o ghnàthannaibh daolaig, an creutair beag suarach sin air am feudadh na h-uile neach a bhi gle eolach, a dhfhoghlum e an dòigh air am faigheadh e teicheadh.

Air feasgar àraidh thàinig a bhean gu bonn an tùir, ’s thòisich i ri guls ri caoidh. Labhair e rithe mar so, “Mas maith leat mise a bhi air mo chur air mo chomas, grad sguir dhe dbhròn, agus rach dhachaidh agus na tig air ais gus am faigh thu na nithean so: daolag dhubh bheò, rud beag de sheann ìm, ceirsle de shnath cainbe, ceirsle de chòrd maith làidir, agus cuairteag mhaith de bhall.” Ghrad dhfhalbh a bhean dhachaidh, agus fhuair i na h-uile ni dhiu so. An ath oidhche thàinig i leo gu bonn an tùir. Dhìarr e oirre rud den ìm a chur air ceann na daolaig, agus ceann an t-snàth shioda a cheangal ma meadhon, agus a cur air balla an tùirs a h-aghaidh a chur rathad mullach an tùir. Rinn a bhean so. Nis tha ena chleachdadh aig an daolaig a bhi sìor dhol air aghaidh air an rathad air am faigh i fàileadh làidir sam bith as a cionn. Nuair a chuireadh a h-aghaidh ri barr an tùir, air dhi a bhi air a tarruing le faileadh an imebhair a ceann, choisich i suas air abhalla gus mu dheireadh an dràinig i an uinneag far an robh am prìosanach. Fhuair e mar so greim air an t-snàth shioda, agusnuair a fhuair, cheangail a bhean ceann na ceirsle cainbe ris. Tharruing e thuige e, agus na dhéigh sin an còrd, ’s mu dheireadh am ball. Cheangail em ball ris an uinneig. Fhuair e mar so a shaorsa troimh an eòlas a fhuair e air cleachdadh na daolaig. —B. D. ’sa Ghaidheal.


Ann am Brazil, ’nuair a thig am bàs air boirionnach gun phòsadh, bidh iadsan a bhiosga caoidh air an éideadh ann an aodach sgàrlaid an àite dubh mar anns an dùthaich so. Aig an tiodhlacadh, bidh achiste, an carbad, agus bratan nan each uile dhen aon dath sin.


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA. Gheobh thu e gu deireadh na bliadhna sa tighinn airson dolair.



[132]

[Vol . 5. No. 18. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, NOBHEMBER 7, 1896.

Litir as aGhaidhealtachd.

FHIR MO CHRIDHE, —Bha mi cho trang aig iomadh obair o chionn iomadh seachdains nach fhaighinn ùine gu sgrìobhadh ugad, ged bu mhath leam, mar a dhfhaodas tu chreidsinn, fios a chur ugad mu thimchioll nithean a bhatachairtn ar measg anns an dùthaich so. Tha fhios agam gur math leis na seana Ghàidheil chòire a dhfhalbh as an dùthaich so o chionn iomadh bliadhna fios fhaotainn air cor na dùthchadh anns an do thuinich na daoine còire on dthainig iad.

Aig an àm so bheir mi dhut an naigheachd as ùire a tha am measg dhaoine. Cha mhòr gun cluinnear guth eadar cheann na seachdain ach bruidhinn mun t-sìde a bha againn, faodaidh mi ràdh, on a thàinig am foghar. Chan eil duine beò aig am bheil cuimhne air bliadhna fhaicinn coltach ris abhliadhna so. Dhinnis mi uair eiginn mu thoiseach an t-samhraidh, gu robh an aimsir a chaidh seachad on bhliadhnùir anabarrach neo-chumanta. Cha robh, ach gann, reothadh no sneachda againn. Bha am mios Mart anabarrach fliuch, stoirmeil. Mar bu trice, bann on deas agus on iar-dheas a bhaghaoth. Bhan t-sìde cho fliuch fad Aprails nachd fhuair daoine abheag de churachd a dheanamh gus an robh e faisge air deireadh amhios. Bha acheud mhios den t-samhradh tioram, briagha, blàth. Bha an dara mios den t-samhradh cho math air son toirt air barr fàss aburrainn a bhith. Neo-ar-thaing nach robh coltas anabarrach math air feurs air arbhars air buntàta. Chaneil duine beò a chunnaic a leithid de bharr feoirs a bha am bliadhnasan dùthaich so. Cha robh ioghnadh ann; oir cha do sguir am feur a dhfhàs fad na bliadhna. Iadsan a ghearr am feur tràth, fhuair iad cruinn e ann an suidheachadh glé mhath. Ach bha feadhainn eile ann a bha leigeadh leis an fheur gun ghearradh air ghaol gu fàsadh e ni bfhearrs ni bfhearr. Tha aithreachas gu leòr orra an diugh air son mar a rinn iad; oir thachuid as den fheur aca am muigh fhathast, agus tha earrann mhor dhe air grodadh. Leis cho fliuchs a bha an t-sìde on a thàinig am foghar, cha robh an t-abachadh ach glé fhadalach. Cha mhòr gu robh latha tioram againn o chionn mhios. Tha an earrann as den arbhar fhathast gun bhuain. Is ainneamh duine a fhuair cruach a dheanamh fhathast. Anns amhadainn Di-donaich so chaidh, bha oirleach de shneachda air an talamh.

Tha am buntàta air grodadh anns na h-achaidhean, leis cho troms a bhan t-uisge on a thàinig am foghar. A réir choltais, bidh am biadh agus am fodar glé ghann. Chaneil sìol air an arbhar idir. Am beagan bhair thuit e dheth. Tha seann daoine ag radh gu bheil coig bliadhndeug air fhichead o nach robh foghar againn cho fliuchs cho fadalach ri foghar na bliadhna so.

Chaneil sinne anns aGhaidhealtachd cho dona dheths a tha muinntir na Galldachd. Tha cuid den arbhar a bhuaineadh air aGhalldachd o chionn ochd seachdainean anns na h-adagan fhathast, agus e air a dholna cheap fochainn.

Tha pris na spréidhe air tuiteam, agus tha prìs na mine air éirigh o chionn seachdain no dha.

Bha làn anabarrach mòr againn air feasgar Diardaoin so chaidh. Chaidh e steach do mhòran thaighean. Gu fortanach, cha robh stoirm ann. Nam bitheadh, is iomadh taigh a bhiodh air a leagadh.

Tha choltas air an t-sìde gu bheil atharrachd dlùth air laimh. Faodaidh gu faigh daoine sìde mhath am bliadhna fhathast.

Chuala mi caraid dhut ag radh an latha roimhe, gu robh mòran sgeulachdan annasach aìge, agus gu robh edol a chur feadhainn diubh ugad an ùine gun bhith fada. Tha e ag ràdh gu bheil aige de sgeulachdan nam faigheadh e ùine air an sgriobhadh, na chumadh san t-seachdain ris aMHAC-TALLA gu cionn bhliadhna. Theid mi an urras gun taitinn iad gu math ris gach aon a leughas nothuigeas Gailig.

Cluinnidh tu uam an ùine gun bhith fada.
Is mi do charaid,
IAIN.
15, 10, ’96.


A BHAN-RIGH. —Rugadh Ban-righ Victoria, air a 24mh latha den Mhàigh, ’sa bhliadhna 1819. Chaidh a crùnadh air an 28mh latha de dhIun, 1838. Chaidh a gairmna Ban-Iompaire air India latha Bealltuinn, 1876. Phòs i air an 10mh latha de Februaraidh, 1840, agus rugadh a ceud leanabh air an 21mh latha de Nobhember, 1840. Cha chuir a Bhan-righ uimpe uair sam bith ach làmhannan dubha, agus chan eil i cosg ach da dhusan paidhirsa bhliadhna. Tha gach paidhir acosg ochd tasdain us sia sgillinn.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[133]

[Vol . 5. No. 18. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Fhuaireadh muc-mhara, leth cheud troighsa ceithir a dhfhad, marbh air achladach ann an eilean Phicto air air an t-seachdain sa chaidh.

Tha Sir Tearlach Tupper agus a bhean aseoladh á Cuibeic an diugh gu dhol air chuairt do Bhreatuinn. Cha till iad gun deigh na BliadhnUire.

Chaidh dithis dhaoine chur an greim ann aHalifacs, an latha roimhe, air son a bhi cur a mach ribe air son moose a ghlacadh. Chaidh càin a chur orta, leth-cheud dolair am fear. ’S iomadh moose a thatar a marbhadh gu mi-laghail ann an Ceap Breatunn.

Tha soitheach ùr a nise aig Riaghladh Chanada air son sùil a chumail air na soithichean-iasgaich Geancach nuair a bhios iad mu chladaichean na dùthcha so. ’Ses ainm dhi an Osprey, agus tha i na soitheach gle bhòidheach. Bha i anns an acarsaid so air an t-seachdain sa chaidh.

Tha buinn leth-dolair de dhairgead-meallta a dol mun cuairt an dràsda. Tha iad air an deanamh ann an Sina, ’s air an cur an nall as an dùthaich sin do Chanada. Tha iad nas gile nan t-airgead ceart, agus beagan nas mothas nas truime. Tha iad, mas fior iad fhèin de chùinneadh na bliadhna 1894.

Chaidh tearnadh caol air dithis bhràithrean, Mathanaich, a mhuinntir a Chladaich a Tuath, a sheachdain gus an . Bha iad a mach ag iasgach, agus nuair a bha iad a teannadh ri tir, thainig tonn mor orra a chuir am bàta thairis, agussann le spàirn chruaidh a dheanamh a fhuair iad iad-fhéin a shàbhaladh.

Tha am fear fear-iomaraidh as fhearr air an t-saoghal aig an àm so a mhuinntir Chanada. ’S e Gaudaur is ainm dha. Fhuair e cuireadh an la roimhe dhol a null a Shasuinn a chur réise ri fear Towers a mhuinntir Astralia. Tha coig ceud punnd de gheall ri bhi eatorra. Chan eil fhios fhathast an teid Gaudaur ris, ach chan eil teagamh nach teid.

Chaidh roinn mhath rionnaich a ghlacadh air an t-seachdain sa chaidh. Ghlac aon soitheach mu cheud barailte a mach e bheul na h-acarsaid so Di-sathairne sa chaidh, agus ghlac soitheach eile sia fichead barailtesa deich faisg air eilean Scatarie. Tha an t-iasg anabarrach mor, nas motha na chunnacs riamh mu chladaichean Cheap Breatunn. Thatar ag radh nach teid gu barailte dhiubh ach mu cheithir ficheadsa deich.

Chaidh fear Mac Gille-mhoire, a mhuinntir Cheap Breatunn, a robaigeadh faisg air Sunny Brae, an siorrachd Phicto, air an t-seachdain sa chaidh. Bha e air an rathad gu Lorne, agus thachair dithis dhaoine(tramps)air. Beagan an deigh dha a chùl a thoirt riutha, chaidh a bhualadhsa cheannsa leagail, ’Chaidh na bha dhairgead air a shiubhalseachd dolaira thoirt uaithe, cuide ri leintean, brògan agus nithean eile bha aigena mhàileid.

Chaochail seann duine còir dom bainm Seòras Mac-Neill ann am Bay St. Lawrence air an 27mh latha dhen mhios a dhfhalbh. Bha e tri fichead bliadhnasa sia deug a dhaois. Be fear den chead fheadhain a thainig dhan chearna sin dhen eilean. Bha eruith na postachd, agus fad ochd bliadhndeug ghiulain e a mhàileid air a mhuin troimhn choille mhoir eadar Ingonish us Bay St. Lawrence, astar 56 mile. Thog e teachlach mor, agus ged a chaill e te dhe lamhan coig bliadhnan deigh dha pòsadh, rinn a dachaidh mhath dhaibh, agus aig àm a bhais cha robh sgillinn de dhfhiachan an. Bha ena dhuine còir, firinneach, agus gle mheasail aig gach aon a chuir eòlas air.

Chaidh fear Alasdair Halpin a mhuinntir Halifacs, a chur an greim o chionn ghoirid air son còt-uachdair a ghoid. Sheas e cùirt, agus fhuair e bliadhna dhen phriosan.

Tha pris a chruithneachd a sior éiridh. Tha e anabarrach gann anns na h-Innsean, dùthaich a bàbhaist a bhi creic moran dheth, agus tha singa fhàgail daor air feadh an t-saoghail uile.

ThaNa Baird Ghàidhealach,” an leabhar air an dthug sinn iomradh roimhe, a nise deiseil, agus gheibhear e an oifis MHIC-TALLA air son 35c. Cuirear leis aphosta e gu àite sam bith air son na pris cheudna.

Tha mèinneadairean an òir a deanamh gle mhath ann an Columbia Bhreatunnach. Chuir aon mhèinn a thann an Cariboo a mach fiach $35 ,741 de dhòr ann an da sheachdain. Chuir a mhéinn cheudna mach fiach $118 ,000 o thoìseach an t-samhraidh.

Chaidh mèinn luachmhor de chordunum fhaotainn o chionn ghoirid ann an siorrachd Hastings an Ontario. Tha a chlach so car coltach ri emery agusse so a cheud mhèinn dhi a fhuaireadh ann an Canada. Bhatar roimhe soga faotainn ann an stàit Charolina. ’S fhiach tunna dhi ceithir fichead dolair.

Tha sinn an dòchas gun cluinn sinn o àireamh mhor le luchd-gabhail a phaipeir air an t-seachdain sa tighinn. Tha moran againn ri phàigheadh a mach air a mhios so, agus bu chòir dhaibhsan a tha air deireadh ann am pàigheadh an dichioll, a dheanamh air a chur gar n-ionnsuidh cho luaths is urrainn daibh.

Thainig tri teaghlaichean á ceann a tuath Newfoundland gu Eilean a Phrionnsa Di-luain sa chaidh, agus ghabh iad còmhnuidh aig Montague. Tha iad ag innse gu bheil gainne mhor anns an àite as an dthainig iad; gu bheil mu cheud teaghlach ann agus nach eil de bhiadhnam measg air fad na bheireadh tri teaghlaichean troimhn gheamhradh.

Bha fear de shagairt Cheap Breatunn air an t slighe tighn dhachaidh Di-satharna sa chaidh, agus aig Truro chaill e an carbad. Bha e air son a bhina àitesan eaglais an lar-na-mhàireach, agus dhfhastaidh e carbad eile gus a thoirt guNew Glasgow, far an drug e air a charbadnuair a bhan luchd-siubhail agabhail an dinnearach. Chosg fastadh a charbaid da fhichead dolairsa còig dha.

Fhuair na Republicans buaidh anns na Stàitean Di-màirt, agus tha McKinley air a thaghadh mar cheann-suidhe air son nan ceithir bliadhna tha tighinn. Rinn en gnothuch air Bryan gu dona; cha mhor nach dfhuair e dha uiread de bhòtaichean sa fhuair e. Cha ruigear a leas guth a thoirt air saor-chùinneadh an airgeid tuilleadh. Tha Canada, Breatunn, agus dùthchannan eile gle bhuidheach dhe mar chaidh an latha.

Chan eil a nise teagamh sam bith a thaobh an t-soithich a dhfhalbh as a Bhras dOr Bheag o chionn treis a dhùines air nach cualas guth tuilleadh, nach robh i air a call, maille ris gach duine bhair bòrd. Fhuaireadh soitheach anns a Ghulf o chionn ghoirid air a droch bhristeadh, agus a dhith nan crann, agus a reir gach comharraidh sid an a bhann. Bha aon fhear den sgiobana chorp air bòrd; bhan triùir eile a reir coltais air an sguabadh air falbh leis na tuinn. ’S ann ri smugaladh eadar an dùthaich so agus St. Pierre a bha iad, aguss cianail achrioch a thainig orra. Bha an sgiobair, Iain Moore, agus a mhac a mhuinntir a Bhras dOir Bhig; bhuineadh an dithis eile do Shidni Tuath.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[134]

[Vol . 5. No. 18. p. 6]

Cuairt do Eilean aPhrionnsa.

LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH.

Smùid sinn a mach á cala Phicto mu dha uair feasgar, agus rainig sinn Baile-Shèarlot mu sheachd uairean. Ged nach robh sinna ùine ro fhada, dhfhairich sinne fada gu leòr e, a dhaindeoin cho briaghasa bhan latha. ’S neònach an creutair an duine: mar as motha gheibh es ann as motha dhiarras. Beagan bhliadhnaichean air ais bhiodh so air a mheasna thurus goirid, ach an diugh cha chluinnte guth aig duine thall no bhos ach a gearain air cho slaodachsa bhan soitheach. ’Nuair a bha daoine tighnn air imrich don dùthaich sose soitheach ainneamh a thigeadh thairis air achuan mhor ann an ùine bu ghiorra na mios, ach an diugh nithear an t-astar ceudna ann am beagan us seachdain, agus mar a tha na bliadhnaichean aruiths ann as luaithe tha na soithichean adol, air chors gu bheil e coltach nach fhada gus am bi e comasach do dhuine dhol a null dhan t-seann dùthaich gun moran a bharrachd ùine challsa rinn mise eadar Sidni us Baile-Shearlot. Chaidh innse dhomh gu bheìl dùil aca ri soitheach ùr air an astar so an ùine ghoiridtheagamh gu bheil i ann cheanasoitheach a ghiùlanas duine eadar an da bhaile ann an da uair gu leth.

Coma co-dhiu rainig sinn ar ceann-uidhe. An àm a bhi tighnn a stigh don acarsaid cha burrainn do neach gun toirt fa-near an t-eadar-dhealachadh a tha eadar an t-eilean so agus na dùthchannan a tha ceithir-thimchioll air. Tha Ceap Breatunn, Nobha Scotia, agus New Brunswick, cnocach, beanntail, agus ann an àiteachan creagach, clachach; tha Eilean a Phrionnsa air an laimh eile, iseal, còmhnard, agus cha mhor gu bheil creag no clach ri fhaotainn eadar a dha cheann. Am beagan a thann tha iad crion, bog, agus air an aon dath ris an ùir gle fhaisg air a bhi dearg. Chan eil annta ach an ùir air a dinneadh ri chéiles air cruadhachadh, car coltach ris na clachan-creadha. Chuala mi fear de na bhair bòrd an t soithich ag radh, ’nuair a bha sinn a dlùthachadh ri tir, gu feumadh gur ann an so a chaidh an duine chruthachadh; “a chionn,” ars esan, “tha e air innse dhuinn gun drinneadh an duine air tus de dhùir dheirg, agus tha ùir an eilean so cho deargs nach urrainn dhomh a chreidsinn nach e so a cheart àite.” Ach co-dhiu a tha a bheachd ceart nr cearr, cuiridh deirgead talmhainn an eilein so iongantas gu leòr air duinerugadhsa thogadh ann an Ceap Breatunn no an Nobha Scotia.

Tha Baile-Shéarlot suidhichte air taobh acarsaid bhòidhich, agus a reir a chùnntais a fhuair mise, acarsaid mhath; chaula mi cuid de mhuinntir a bhaileg radh gur h-i acarsaid cho mathsa thair an t-saoghal. Cha do chuir so iongantas sam bith orm; mun dfhag min tigh, bha mi eòlach air a bhi cluinntinn amholaidh ceudna ga dheanamh air acarsaidean Shidni us Louisburg; ann am Picto chuala mi sin air a radh mu acarsaid Phicto, agus tha fhios gun cuala sinn uile o ar n-òige bhi ga radh mu acarsaid Halifax; mur cuala chan eil taing sam bith ri thoirt do mhuinntir Halifax. Tha sinnes na dùthchannan tuathach sonar culaidh fharmaid, oir chan eil dith acarsaidean oirnn, agus gach gun tig thu nas fhearr nan a dhfhàg thu. Tha Baile-Shèarlotna chnapach math baile: tha mu aona mile deug de shluagh acòmhnuidh ann, agus tha choltos orruile bhi gu math air an doigh. Tha àireamh de thogalaichean briagha ann, a thacur maise dheth. Tha aon sràid annsraid na ban-righa tha ceud troigh a leud, aguss ann air gach taobh dhi a tha achuid as motha de na togalaichean briagha sin, aguss ann oirre thatar adeanamh a chuid as fhearr de ghnothuch a bhaile. Tha cabhsairean matha de chloichs de dhashphalt ris an t-sràid so, agus ri no dha eile; chan eil ri càch ach cabhsairean fiodha. Tham baile air àite glé chòmhnard, agus cha mhor gu bheil direadh no tearnadh ann idir. Tha e uime sin furasda dhol mun cuairt ann, agus tha e aotrom air duines air ainmhidh.

Tha aon ni aig Eilean aPhrionnsa a bharrachd air Ceap Breatuinn, agusse sin féin-riaghladh. Chaidh Riaghladh a shuidheachadh anns an da eilean beagan us ceud bliadhn air ais, achsa bhliadhna 1820 thugadh sin air falbh o Cheap Breatunn agus chaidh a chur a stigh ri Nobha Scotia. Dhfhàgadh Eilean aPhrionnsa mar a bha e; air tailleabh sin thainig iomadh adhartas air nach dthainig air Ceap Breatunn, agus tha eg obair air a làimh fhein gus an lathan diugh, agus an dùil a bhi ri sin gu ceann iomadh lathas bliadhneile. Cha deachaidh e stigh ri Co-fhlaitheachd Chanadanuair a chaidh na mor-roinnean eil idir; ’se nach deachaidh, ach sheas e mach leis fhéin gus an dfhuair e bargan cruaidh, teann, daingeann a dheanamh ri Riaghladh Ottawa, agus thug e orra deanamh ris na bfhearr na rinneadh ri aon de chàch. Chan eil teagamh nach e sin a choisinn dha an t-ainm, “an t-eilean beag crion” (tight little island) .Ghabh Canada oirre fhéin ainbhfhiach an eilein air fad, agus ghabh i os làimh an rathad-iaruinn, a bhan t-eilean fhéin air a thogail, a chumail air adhart, agus rinneadh sin ged a tha Canada acall àireamh mhiltean dolair air na h-uile bliadhna. Mar anns gach mor-roinn eile an Canada, tha an àrd-phàrlamaid ag amharc thairis air gach ni ach Foghlum, Mèinnean, Fearainn, agus nithean eile a bhuineas don eilean fhéin. Chan eil mèinn de sheòrsa sam bith air an eilean, agus tha na fearainn adol nas gainne na h-uile bliadhna, air chors nach fhada bhios moran aig pàrlamaid an eilein ri dheanamh ach fhaicinn gu bheil an òigridh a thag éiridh suas air an deagh fhoghlum, ni a tha iad a deanamh gu math an dràsda fhéin. Tha deich buill fhichead anns a phàrlamaid, agus mas es gum bi aca sin rin ùine chosg adealbh dhòighean air an deanar tuilleadh foghluim a thoirt don t-sluagh, tha eagal orm gun tig an t-àm anns am faodar a radh mu mhuinntir Eilean aPhrionnsa mar a chaidh a radh mu dhuine còir o shean, “Tha mor-fhoghlumg an cur air bhoil.” Tha apharlamaìd acruinneachadh gach geamhradh ann an tigh briagha claiche an teis-meadhon a bhaile. Chaidh a thogail o chionn mu fhichead bliadhna, agus tha da thigh mhor eile air an cur suas uaithe sin, fear air gach taobh dhe, tigh aphosta, agus tigh na cuspuinn. Tha iadnan tri togalaichean gasda agus acur square dhen bhaile fòdhpa. Tha cuairtean de fhlùraichean agus fuaran-spùtaidh mun coinneamh a tha cur sealladh briagha dhiubh.

(Ri leantuinn.)


NA BAIRD GHAIDHEALACH.

Tha mu cheud is ceithir fichead is ceithir taobh-duilleig anns an leabhar so, “Na Baird Ghaidhealach bhon bhliadhna 1775 gu 1825.” Tha eachdraidh ghoirid air a toirt seachad mu dha fhichead bardsa coig, agus beagan oran leis gach fear dhiu. Tha an eachdraidh fior-fheumail. Am measg nam bard mu bheil iomradh air a thoirt seachad tha Somhairle Camaran, Domhnall Gobha, Aonghus Caimbal, Mr. Tormaid Mac Leoid, Mr. Iain Mac-a- Ghobha, Ailein Dall, Coinneach Mac Coinnich, Calum Dubh Mac-an t-Saoir, Seumas Mac-Gille-Sheathanaich, Uilleam Ros, Calum Ban Mac-Mhannain, Mr. Rob Mac Griogair, Alasdair Mac Fhionghain, Eoghan Mac Lachainn, Domhnallach na Toiseachd, Padruig Grannda, Domhnall Mac Leoid, am Bard Mac Gilleain, Dughall Mac Eachairn, Gobha na Hearradh, agus am Piobaire Mac Gillebhrath. Co nach cuala oran binn Shomhairle Chamarain, ’S mim shuidhe am onar air tulaich bhoidhich? ’Sann mu Sheonaid Stiubhart a rinn en t-oran. Cha do phos e-fein no Seonaid riamh. Chaochail e mun bhliadhna 1792. Rugadh Mr. Tormaid Mac Leoid san Eilein Sgitheanach. Bha e lan bardachd. Be Tormaid a Chuairteir, Tormaid Og, a mhac. Chaochail sean Tormaid sa bhliadhna 1824. Bu sgoilear ainmeil Mr. Iain Mac-a- Ghobha. Chuir e am mach sean dana le Oisein, Orrann, is Ulann sa bhliadhna 1787. Tha eachdraidh fhada air a toirt seachad mu Ailein Dall. Tha e air a mholadh mar bhard binn, ach tha cuid de na h-orain a chuir e am mach na leabhar air an diteadh gu cruaidh. Rugadh Calum Dubh Mac-an-Saoir mun bhliadhna 1755. Bha e gun teagamh sam bith na dheagh bhard. Tha Uilleam Ros a faighinn cliu ard. ’S i eachdraidh Eoghain Mhic-Lachainn te is faide a tha san leabhar. Bha e na sgoileir iomraiteachs na bhard comasach. Rugadh Padruig Grannda an Strathspe sa bhliadhna 1783. Chaochail e an 1868. Rugadh Iain Piobaire sa bhliadhna 1792. Chaochail e sa bhliadhna 1862.



[135]

[Vol . 5. No. 18. p. 7]

S e am bard mu dheireadh a tha air ainmeachadh. Tha na h-orain uile taitneach, agus tha e furasda an leughadh is furasda an tuigsinn.

Tha dochas againn gum faigh sin uair eigin Na Baird Ghaidhealach bhon bhliadhna 1825 gus an la an diugh. Ach biodhmaid taingeil an drast airson na fhuair sin. Tha eachdraidhean matha againn agus orain mhatha. Biodh daoine dileas do chainnt nan Gaidheal agus ceannaicheadh iad an leabhar. Cha bhi aithreachas sam bith orra; ’s ann a bhios iad toilichte e a bhith aca.


Ann am baile Pheairt, o chionn bhliadhnachan, bha seann saighdear den Fhreiceadan Dhubh. Bha e an sud a chums gum faigheadh e gillean gu gabhail anns an àrm dhearg. Anns na laithean ud, fhuair gach gille a ghabhadh anns an àrm, phunnd Sasunnach o fhialachd an Righ. Aon latha, thainig gille dhionnsuidh an t-seann shaighdeir, agus an deidh daibh a bhi bruidhinn ri cheile ghabh e anns an Fhreiceadan Dhubh. Anns achòmhradh a lean dhfheoraich e a gheibheadh an saighdear airson gach fear a fhuair e airson an airm; thuirt an seann duineCoig tasdain.” “Am faighars an gillema ta nuair a gheibh mi an t-airgiod fialachd, ruithidh mi air falbh, agus ann an ceann ùine thig mi ad ionnsuidh a rithist, gabhaidh mi anns an àrm an dara uair, agus bithidh phunnd Sasunnnach eile agamsa agus bithidh còig tasdain eile agadsa.” Bha làn eòlas aig an t-seann shaighdear air cuilbheartan nan gillean aims an àrm ach cha chuala e riamh a leithid eile airson deirg dhanadais. Sheall e le iongantas agus pròis air aghille agus aglacadh a làimh thuirt eA ghille mo chridhe! nach tusa an gille tapaidh, dàna! mureil thu air do chrochadh, no air do thilgeadh a mach as an Reiseamaid, gun teagamh, eiridh tusa gu bhinad Sheanalair.”


Litir a Ceap Nor.

A CHARAID, —Chan eil ach ùine ghearr o na sgriobh mi thugaibh roimhe, ach o na chunnaic mi gun robh sibh ga meas na litir phongail, ’s math a ni mur do chuir sibh a leithid a phròis orms gum feum sibh comhairle thoirt orm an deigh so mo lamh a chumail o sgriobhadh cho tric a dhionnsuidh a MHAC-TALLA, air eagal le mo shior sgriobhadh gun sgithidh mi e, ’s gun gabh e grain dheth manam.

Ciod air bith a thachaireas a thaobh sins eigin dhomh innseadh dhuibh nach sgriobhainn an litir so an dràsta mur bhitheadh an dolair a gheibh sibh na broinn o bhur deagh bhan-charaid Anna Chaimbeul, air son bliadhna eile dhen MHAC-TALLA. Nam biodh na Gàidheil uile, eadar fhir as mhnathan, anns gach àite, cho deidheil air a bhi ga ghabhails a pàidheadh air a shon, rithise, cha bhiodh uireasbhuidh na dìth air a MHAC-TALLA gu bràth. Nach fior an rann a rinn am bàrd nach ainmich mi,

Cuid cha chuirga iarruidh,
Tha dolair ri dhioladh;
Leughaidh iad en iasad,
Spiocaireannach can mi?”

Tham buntàta gle ghann mu na cladaichean so am bliadhna; ach tha e pailt agus math a muigh far am bheil sinnemu ochd mile on chladach. Tha 55 barailean agam féin, agus nis na sin aig teaghlach no dha eile.

Tha mi cluinntinn gu bheil moran deoch làidirs an aite so am bliadhna, ’s gu bheil tuilleadh gus a dhol na ceann, ach tha ena thoileachadh dhuinn gur gann a tha duine air an taobh againne dhe an eaglais a bhlaiseas oirre. Chaneil sinn a mach á cunnart air a shon sin. Slan leibh.

M. D.
Oct. 26, ’96.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais,
Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.



[136]

[Vol . 5. No. 18. p. 8]

Mar a Chaidh Menelaus a Lot Le Pandarus.

Air a thionndadh gu Gàilig Abraich:
bhon cheathramh Duan den Iliad

LE EOBHAN MAC LACHLAINN.

Labhair is dhimpich foill,
Crìdh gun sgoinn gu gnìomh gun bhuaidh:
Tharruing en tiota air lom
Bogha crom bu lìomhaidh snuagh.
A dhcrean bras-ghaibhre nan cruach
A bhuailfhiubhaidh luath roimhn chliabh;
A preas-falaich leum an calg,
S idìreadh nan garbhlach liath.
S teachn a h-uchd chaidh an gath searbh,
Thuit i marbh air creag nan sliabh;
Bha sia bann-lamhdeug air àird
S na h-adhrcean a b àillidh snìomh.
Ceàrd seòlta nan iubhar caol
Chuir air ghleus an fhaodail chòrr
Shnaigh en slios gu dealbhach, grinn,
S chòmhdaich en ruinn le h-òr,
Leag e sìos air lar am ball,
S shnaim en taifeid ùr gu teann,
S an cleith bho shùl-bheachd na Gréig
Air chùl sgiath nan treun gun mheang,
Chums nach brùchdadh neart nan nàmh
A mhosgladh abhlàir romhn àm,
Seal mum biodh fuar marbh, fo chreuchd,
Ceannard Greugach nan geur lann.
Thog e beul-còmhdaich abhuilg,
S fhuair e calg guineach abhàis,
Frith-bhacach, iteach, ùr, slìm,
Aobhar nan deich mìle cràdh,
Ghrad-chuir en t-saighead an crois,
Saighead gheur nan dosgainn truagh;
S rinn ùrnaigh bho chridhgu dian
Ri mòr-dhia nam fiùbhaidh luath;
S gheall iarath-philleadh guthìr
Gun tairgeadh e an ìobairt shaor,
A choig fichead ceud-ghin nan
Air làr Shelia, stuaigh a ghaoil.
An sin ghlac an cuimsiche còrr
An èarr ghobhlach, ’s an deagh shreang;
Tharruing en taifeid guchìch,
S a chuilc dhìreach gu fior-cheann;
N uair bham bogh air a shàr-lagh
Mar mhòr-chearcall, aspadh chruaidh,
A dha bhàrr cuideachd, ach gann,
Bhreab am bail bu ghliongrach fuaim.
Shrann an taifeid le h-àrd-eubh
Leum air ghaoth nan speurn a still
Le h-acras caothaich gu feòil*
Fiòbhaidh chròcach nan geur-ruinn.
Dhuts’, a Mhenelàuis thréin,
Cha bascaoin na bhith-bhuan:
S i Pallas euchdach nam blàr
Dhìon bhon Eug thus achàs chruaidh.
Thill in dealg-bhior bho dchaomh chneas,
Mar mhàthair an taìc a luaidh,
Dhfhuadaicheas creithleag bho ghnùis,
Micein ùirs e tromn a shuain.
Stiuir Pallas gu seòltan calg
Gu sreath ghrinn nan ailbheag òir
A dhaingnich an crios gu dlùth
Farm bu dùbailt uchdach chòrr.
Lot an t-iarrunn stim nan gréis
Gòrsaid cheutach nam breac dhealbh,
S an fhalluing ri taic a chléibh
A bhac neart nan reub-ghath searbh,
Riach an gàinna chraicionn maoth
Romhn deagh-fhaobh bu dlùth richòm;
An fhuil chraobhach bhrùchd gu luath
N a blàth shruithean ruadh romhn toll.


Anns an teine bhann am Montreal o chionn ghoirid chaill àireamh dhaoine am beatha atoirt oidhearp air a chur as. Chaidh airgead a chur cruinn gus cuideachadh a dheanamh len teaghlaichean. Thainig achuid mu dheireadh dhe a stigh an la roimhe, acur na suime suas gu ceithir mile deug dolair.


Solus aDealradh mach a Dorchadas.

EADAR-THEANGAICHTE LEIS AN URRAMACH ALASDAIR CAMSHRON.

An dòighibh dìomhair gluaisidh Dia,
Thoirtiongantais mun cuairt;
Mar charbad dha than doinionn dhian,
S tha lorg achois’ ’s achuan.

An doimhneachdan do ghliocas sìor
Tharuintean taisgte suas;
Iscuirear leis a thoil an gnìomh,
Mars miann leis féin gach uair.

Ur-mhisneach glacaibh, naoimh gun treòir,
Na neòil as duirchtha làn
Do thròcair chaoimh, is dòirtear leò,
Oirbh maitheas mòr gun dàil.

Na measaibh Dia tre shealladh mhàin,
N a ghràs cuiribhur dùil;
Air cul an fhreasdail dhuirch tha gràdh
Alasadh ghnàthn a ghnuis.

A ruintean abaichidh gu luath,
S iad fosgladh suas gun tàmh;
S ged robh aghucag searbhs an uair,
Bidh millsis buaidhs abhlàth.

As-creidimh dall théid clìs gach ceum,
Gnìomh Dhé a chaoidh cha sgrud;
S e Dias fear-mìneachaidh dha féin,
S ni soilleir réidh gach cuis.


Chaidh trosg a ghlacadh aig Rudha Flamborough, an Sasuinn, o chionn ghoirid agus fhuaireadhna bhroinn leth-cheud dubhansa naodh, ’s biadh air gach fear dhiubh. Bha e feuchainn ris an tri fichead a dheanamh dheth, ach cha deachaidh sin leis.


Chan eil duine ann cho suarachna chaithbeathas nach feud a ghiulan a bhi chum lochd da choimhearsnach.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


REIC AODAICH
As mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh.
A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct.

Tha min deigh stoc anabarrach mor de dh
Aodaichean Deante
a cheannach bho na taighean as fhearr an Canada, air pris cho iseals gun teid agam air aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach saoileadh tu,
Cho saorsa dhiarradh tu.

Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caitem bheil sinn. Anns an stor a than aon tigh ais aBhanca.
D. J. DOMHNULLACH.

titleIssue 18
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 18. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page