[137]

[Vol . 5. No. 19. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 14. 1896. No. 19


Litir a Alba.

Bodachan aghàraidh
Cho friogadachs cho frogadach,
Bodachan a gharaidh
Cho frogadachs a bha e riamh.

MO BHALACH GASDA. —Than t-sìde cho fuar an diughs nach urrainn mi car a dheanamh anns aghàradh. Bha mi an s amhòn ag obair anns aghàradh cho trangs a burrainn domh. An uair a thàinig mi dhachaidh anamoch an , cha tugadh tu da sgillinn orm. Bha mi fliuch, salach. Bha mi cho sgith ri each dubh Challum óig, an lathachuir e steach na còig chruachan arbhair. Bha mo dhà bhròig mhòra, ghrannda, cho làn puill is eabairs gum beiginn domh an nigheadh ann an lòn mun dthàinig mi steach. Tha mi air mo shàrachadh; agus thuirt mi rium fhein an diugh, an uair a dhéirich mi, gu suidhinn agaradh mo chas fad an latha, o nach burrainn domh abheag a dhobair a dheanamh anns aghàradh. Mar a than sean fhacal ag ràdh, “An uair a bhios am bodachna thàmh, bidh eruamhar.” Smaoinich mi gun tòisichinn ri ruamhar air feadh minntinn, agus air feadh sheann leabhraicheans air feadh sheana phaipearan, feuch ciod a gheibhinn annta freagarrach air son a chur ugad. Tha fhios agam gu bheil am MAC-TALLA atoirt mòr thoilinntinn do dhiomadh neach, araon air an taobh so, agus air an taobh thall den chuan; agus bu mhath leam, nam burrainn domh, gach toileachadhn am chomas a thoirt do na Gàidheil a thaleughadh do dheadh phàipear air feadh an t-saoghail mun iath aghrian.

Mas fhìor mar a chuala mi an uair a bha mi òg, bha comas bruidhne aig gach creutair beò fon ghrein. Gun teagamh sam bith bruidhnidh gach creutair beò ri chéilenan dòigh fhein; ach is e fìor bheagan a theid agamsa no agadsa air a thuigsinn den chomhradh a bhios eatorra. Tuigidh sinn cuid de na bhios iad ag ràdh. An uair a bhios na cearcan abreith gu trang, bidh an aon ghlag acas iad ag ràdh.—

Gog, gog, gog, gog,
Gog, gog, gaoith:
Beiridh mise h-uile latha
S cha bheir an crodh laoigh.

Nam biodh cluasan gu éisdeachd aig daoine, is iomadh ruh a chlunneadh iad.

Bha duine ann aon uair a chuala piodhaid agus comhachag abruidhinn ri cheile. Bha aphioghaid bruidhneach, luath-bheulach, mar bu dual dhi, agus bha achomhachag sàmhach gu nàdarra; oir, on a bann air na luchainn a bha itighinn beò, cha fhreagradh e dhi a bhith ri glagadaichs ri gleadhraich bhruidhne, mar a bhiodh aphioghaid. Tha a ghoré fhein anns gach creutair. Mar bu mhò a dheanadh aphioghaid de bhruidhinn, is ann a bfhearr a choisneadh i a biadh; agus mar bu lugha dheanadh achomhachag de bhruidhinn, is ann a bfhearr a dheanadh i sealg am measg nan luch. Ach mar is minic a thachair, bhan dara eun afaighinn beum don eun eile. Thachair iad air feasgar àraidh ri chéile anns achoille, agus, a réir mar a chuala mise o chionn iomadh bliadhna, bhan comhradh a leanas eatorra. Cha chuala mise e; ach am fear a bhag an éisdeachd, so mar a dhaithris e an sgeul.—

An uairbhaGhàilig aig na h-eòin
S a thuigeadh iad glòir nan dan’;
Bu tric an comhradhs achoill
Air iomadh ponc, mas fìor am bàrd.

Thàinig pioghaid luath na gleadhraich;
Shuidh i air grod-mheur osach fearna;
Bha chomhachagna gur ch riabhach,
Mu coinnibh gu ciallach, samhach.

Dhéirich aphioghaid gu grad;
Thuirt i, ’s istailceadh a bonn:
An dthusa sin admheall air stob?
An-uair air do chiod-cheann trom.

M bi do theangadhghnàth fo ghlais,
S tu gun luaidh air neach no ,
Cho dùinte ri seana chloich bhric?
A spuch-shuileach achnaip, gun bhrigh!”

Pu-hu hu-, tha thusa faoin,”
Arseun maol a mhothair chòir,
Ons mistha fiosrachs achùis,
Fheudalls beag an tùr tha dghlòir.

Cha bheus leamsa glige-ghlaige;
Chaoidh cha ghabh mi tlachd den luath-bheul;
Labhraidh minuair chì mi feum air;
S cha choisinn mo bheul dhomh bruaillean.

Achs tric càch ort fhein amagadh,
S a liuthad giug-mhearachd bristeach
Thaomas le cladhaireachd fhacal
O shìor-chabar guib gun tuigse.”

Bu ghreis dhaibh mar sos achonnsbaid
Agearr-bhearradh glòir a chéill,
Gus an do leum a nuas an glaiseun;
S rinn esan gach beirt a réiteach.

Air gach taobhn uairchual echùis,
Thuirt e riù le rùn gun chleith;
Mas a fhiach mo bhriathran áisdeachd,
So mar dheanainn fein dhuibh breith.

Is iomadh barrail am measg sluaigh;
Is toigh le cuid nis fhuth le càch:
Pàirt thoir direach na ni cùis,
S cuid nach dàirig sgur gu bràth

Tha àm gu labhairts àm bhith sàmhach,
Am gu cràbhadhs àm gu cleasachd;
Am gu bròn is am gu àbhachd,
Sonan dream a thàras ceart iad.

“ ’S lìonmhor iad don ainm bhith tuigseach,
On dthig mìle facal cearbach,
Corr uair a mheasas tu gòrach,
Le tuilleadhs achòir de sheanachas.

Neach dham bitheangadh fo smachd,
S ainmic leis gun gluais e lochd;
Saoilear gum bin umaidh glic
Nam beòl dha bhith tricna thosd.”

Nach bu tuigseach an t-eun an glaisean? Nach anabarrach math achomhairle a thug e air aphioghaids air a chomachaig?

An ùine gun bhith fada, cluinnidh tu uam. O nacheil mòr eolas aig sluagh òg an lathan duigh air bàrdachd Oisein, tha mismaointean nach biodh e as an rathad dhomh beagan a sgiobhadh agad an dràstas a rithist de na chuala mi an uair a bha min am Dhonnachadh òg.

Is mi dfhìor charaid an latha chis nach fhaic,
BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh an Locha, Oidhche Shamhna, ’96.


Sop as Gach Seid.

Biodh eagal abhàis ort, ach na biodh geilt agad roimh.

Cha ghabh neach sam bith co taitneach ri smachdachadh, ’sa ni an neach sin as lugha a taga thoilltinn.

Cha bu chòir do dhuine a bhi air a mheas air son a chodach no a bhuaidhean, ach air son an fhéuma a ni e dhiubh.

Tha e gu tric atachairt gum bheil iadsan a ta miannachadh an uile do mhuinntir eile, glé chinnteach gun dthig an t-olc gun dàil orra fein.

Tha gniomharanan steigh urraim nis àirde na comhradh. Nacheil thutuigsinn gum bheil beatha nis airde agus nis urramaichna briathra?

An uair a dhfhàsas sinn aosda chan fhuras dar cairdibh ar toileachadh, agus chaneil mòr-chùraim orra cia aca tha sinn toilichte no nacheil.

Théid achuis leat ma ni thu gu maith an ni a thanadchomus a dheanamh, oir, chaneil enadchomas na h-uile nithe a dheanamh.



[138]

[Vol . 5. No. 19. p. 2]

MIANN ABHAIRD AOSDA.”

Chaidh am paipeir a leanas a leubhadh aig a h-aon de choinneamhan comunn Gailig Ghlascho, o chionn beagan bhliadhnaichean air ais le Niall Mac Leoid, ughdar Clarsach an Doire.

Chaneil eachdraidh acur mòran soluis dhuinn air beathabhàird so, chaneil fios cìnnteach againn airainm no air a shloinneadh. Chaneil dearbhadh againn air cuin a bha e beò, no càitan robh e còmhnuidh. Ach tha aon a tha sinn lan chìnnteach as da thaobh, aguss e sin, gum bheil dreach agus blas na h-aoise air an dàn maiseach a dhfhàg e againn mar dhìleab. Chaidh iomadh eadar-theangachadh a dheanamh airMiann abhaird aosda.” Tha h-aon dhiubh le boirionnach foghluimte agus tuigseach, bana Ghranndach an Lagain. Chaidh eadar-theangachadh finealtagus snasmhor a dheanamh air bho chionn beagan bhliadhnaichean air ais leis an Urramach an t-Ollamh Macmhaoilean ann an Grianaig.

Ach dìleas agus comasachs mar a tha na h-eadar-theangaichean sin, chaneil a h-aon dhiubh atoirt a mach làn bhrìgh agus maise an dàin so mar a chaidh a chur ri chéile an toiseach ann an cainnt aosda agus bhlasda nan Gàidheal.

Tha tri nithe àraidh a fhuair àitàrd agus sonraichte ann am bàrdachd nan seann Ghàidheal. Aguss iad sin, maise obair naduir, gaol, agus gaisgeadh. Agus tha na trì nithe sing an taisbeanadh fhéin gle shoilleir ann amMiann a bhàird aosda.”

Faodaidh sinn dol air ais le ar mac-meanmainn agus am bàrd fhaicinnna fhior sheann duine; agus tha e coltach gur e duine treun agus gaisgeil a bhann na latha fhéin. Agus fior bhàrd, anns an robh spiorad uasal agus rioghail, agus aig an robh co-fhaireachadh beò agus blàth, ris gach agus neach a bha fiughail agus maiseach anns an t-saoghal mun cuairt air. Ach tha e nis air fàs cho anmhunn agus cho lag le sean aois agus gum bheil en eiseamail a chàirdean gu bhig a threòrachadh mun cuairt. Agus tha eg innse dhoibhn a chainnt bhlasda fhéin càite am bu mhiann leis iadg a chur:—

O càraibh mi ri taobh nan allt,
A shiubhlas mall le ceumaibh ciùin,
Fo sgàil a bharraich leag mo cheann,
S bi thusa ghrian ro-chàirdeil rium,”

Gu socair sìns an fheur mo thaobh,
Air bruaich nan dìtheans nan gaoth tlàth,
S mo chasg asliobadhs abhraon mhaoth,
S e lùbadh tharais caoin tron bhlàr.”

Tha e soileir ri fhaicinn gun robh an t-aon ghnè miann agus ionndrainn a plosgadh ann an cridheachan chlann nan daoine air feadh gach linn agus ginealach den t-saoghal. Gheibh sinn righ Daibhidh, bàrd mor nan Eabhruidheach, bho chionn mhiltean bliadhnair ais, acur an céill a mhiann fhéin ann am briathran gle choltach ri cainnt abhaird aosda.” Ge do dhéirich Daibhidh bho bhin a bhuachaille chaorach, gu bhin a righ mor agus cumhachdach, air a chuartachadh leis gach sògh agus urram a burrainn an saoghal a thoirt dha; tha thogradh agus a dhùrachd a dol air ais gu laithean òige, agus gus no h-ionadan sin a bàbhaist sìth agus sòlas a thoirt dhan uair a bha e ri buachailleachd caoirich athar.

Tha làn earbsaig Daibhidh ann an Ard bhuachaillanma gun toir E dhamhiann. Agus ann aneart an dòchais sin tha e brisdeadh a mach le òran maiseach fhéin:—

Bheir E fanear gun laidhinn sios
Air cluainibh glas le sith;

Is fòs ri taobh nan aimhnichean
Theid seachad sios gu mall,
Tha Ega mo threòrachadh
Gu min réidh anns gach ball.”

Tha e coltach gun robh tlachd mhòr aig na bàird anns gach linn, agus anns gach dùthaich, a bhi cur cuid den uine seachad ri taobh nan sruthan uisge. Gheibh sinn nis fhaisge air ar latha fhin, bàrd binn milis Lochabar, Eobhann Mac Lachlain, ann anOran an t-Samhraidh,” ag innse an taitneas a bha aige ann a bhi gabhail achuairt ri taobh nan aimhnichean:—

Be méibhneas riamhn uair dhéireadh grian
Le cheud ghath tiorail blàth oirnn,
Bhi ceumadh sios gu beul nam mìn-shruth,
S réidh ghorm lìth mar sgathan;
Asnàmh air falbh gu sàmhach balbh,
Gu cuantaibh gailbheinn sàil ghlais,
Troimh lùbaibh cam le sraithibh ghleann,
Tha tilgeadh greann aMhairt dhiubh.”

Chaneil teagamh nach robh na bàird a faotainn tomhas àraidh de shòlas balbh ann an co-chomunn nan uisgeachan. Agus ann a bhig éisdeachd ri crònan trom tiamhaidh nan allt, a tha ann an tomhas mòr gle choltach ri beatha nam bàrd féin; a bhiodh iomadh uair gu bruailleanach, dorcha, trioblaideach, agus aig amaibh eile asiubhal gu sèimh ciùin, ceòlmhor. Agus mar a thachair do na h-uillt, bu tric leis na bàird a bhi gu h-aonaranach, agus gun fhios don t-saoghal ataomadh a mach an caoidh agus an gearan ann an diomhaireachd am fairichidhean fhéin.

Far an do mhiannaich ambàrd aosdaa bhi, cha robh ni truaillidh ri bhina phaillinn:—

Mun cuairt do bhruachaibh àrd mo ghlinn,
Biodh lùbadh gheugus orra blàth;
S clann bheag nam preas atabhairt seinn,
Do chreagaibh aosdle òran gràidh.”

Anns an dàn so tham bard atoirt dhuinn ath-shealladh air a bheatha gu h-iomlan. Tha e toiseachadh le laithean sona na h-òige, ’n uair a bha aignidhean glan gun truailleadh; a chridhe maoth agus neo-lochdach. ’N uair a bha e comasach air làn thoilinntinn a ghabhail ann am maisagus òirdhearcas achruinne-ché. Blàthan na machrach adealradh mun cuairt airn an glòir. An spréidh len àl ag ionaltradh air gach cluain agus blàr. Mactalla, leghuth fada, fann, afreagairtòrain ghràidh clann bheag nam preas.” Na h-uain òga agus na minn bheaga, ’n uair a bhiodh iad sgìth dhen cluich agus demireag acadal gu sèimh na uchd:—

Freagradh gach cnoc, agus gach sliabh,
Le binn fhuaim geur nan aighean mear.
N sin cluinnidh mise mìle geum,
Aruith mun cuairt dhomhn iars an ear.”

Mun cuairt biodh lu-chleas nan laogh,
Ri taobh nan sruth, no air an leirg,
S na minnain bheag den còmhrag sgìth,
N am achlais a cadal gun cheilg.”

Ach taitneach agus sòlasachs mar a tha laithean na h-òige feumaidh daoine am fàgailn an déidh, agus an aghaidh a chur air dleasanais, cùraman, agus trioblaidean an t-saoghail. Tham bàrd a nis a tighinn gu bhi gabhail àite fhéin mar dhuine ann an caithe-beatha agus cleachdaidhean a luchd dùthcha anns an lathas an robh e beò, gu h-àraidh sealg agus cogadh:—

Biodh ceum an t-sealgair ri mo chluais!
Le sranna ghath, ’us chon feadh sleibh,
N sin deàrrsaidh an oige air mo ghruaidh,
N uair dhéireas toirm air sealg an fhéidh.

N sin chi mi, ar leam an gadhar,
A leanadh mi anmochus moch;
Na sléibhbu mhiannach leam a thaghall,
S na creagan afreagairt don dos.

Chi mi Beinn-àrd is àillidh fiamh,
Ceann-feadhna thar mhile beann,
Bha aislig nan damhn a ciabh,
S i leabaidh nan neul a ceann.”

Bidh fadachd air an òigridh gus an ruig iad aois dhaoinagus mhnathan, ach cha luaithe a thig iad thun na h-ìre sin na gheibh iad a mach ma tha sòlasan anns an t-saoghal gum bheil doilgheasan ann. Ma tha aighear ann tha bròn ann. Mar a thachair don t-seillean, ma tha mil ann tha gath ann.

Tha cuid ann aguss e bhuaidh a tha aig meallaidhean agus trioblaidean an t-saoghail orra bhig an deanamh cruaidh, crosda, agus an-iochdmhor. Ach tha cuid eil ann aguss ann a bheir na nithe sin a mach achuid is fìnealta agus is maisiche dhen nadur, agur bann diubh sin ambàrd aosda.”

Mar a thachair do iomadh bard a bharrachd air, tha e coltach gun do thuit ambard aosdaann an trom ghaol air òigh mhaiseach. Ach cha do shealbhaich e sonas aghaoil sin fada. Ann an ùr mhaduinn a h-òige, a mùirn, agus a h-àilleachd, chaidh cuspair acheud ghràidh a sgarradh uaithe leis abhàs.

Dhùisg sin ann an tomhas mor a bhàigh agus a cho-fhaireachadh ris gach dùil eile a chitheadh e air am fàgail gu brònach, aonaranach, mar a bha e fhéin:—

Bi thusa ri dosan nan tom,
Is cumha do ghaoil ann adbheul,
Ealathriall bho thìr nan tonn,
S tu seinn dhomh ciùil an àird nan speur.

O! éirich thusa le t-òran ciùin,
S cuir naigheachd bhochd do bhròin an céill,
S glacaidh mactalla gach ciùil,
An guth tùrsa sin o dbheul.”

Tha bhi còmhradh mar sin ris an eala a toirt a chall fhéin gu cuimhnabhàird:—

Bheil deòir do rosg, O! thusa ribhinn,
Is mìne màises as gile làmh,



[139]

[Vol . 5. No. 19. p. 3]

Sòlas gan chrich don ghruaidh mhaoth,
A chaoidh nach gluais bhon leabaidh chaoil.”

Mar a bfhaide bham bàrd a meòrach air aobhar a bhròins ann bu truime agus bu doimhne a bha ionndrainn agus a chaoidh adol a mach an déidh na h-òighe don tug echeud rùn. Tha e nis a guidhe gum faiceadh e e-féin agus ise aon uair eile anns na suidhichidhean sòlasach anns am babhaist dhoibh tachairt richeile ged a bann an taisbeanadh no ann am bruadar na h-oidhche:—

An sin thig thu, O! aisling chiùin,
Thag astar dlu measg reull na h-oidhche,
Bhiodh g ioma moidhche ann adcheòl:
Toirt aimsir mo mhùirn gu mchuimhne.

O! manam faic an ribhinn óg,
Fo sgéith an daraich righ nam flath,
A lamh sha[ ? ]chd ’ measg a ciabhan òir,
S a mheall-shàil chiùin air òg a gràidh.

E[ ? ] aseinn ritaobhs i balbh,
Lecridhe leams a snàmhn a cheòl,
S an gaol bho shùil gu sùil a falbh
Car stad air féidh nan slébhtean mor.

Solas g[ ? ] ich don chomunn chaomh,
A dhùisg [ ? ] maoibhneas ait nach till,
Us beannachd do t-anamsa rùin.
A nighean shiùin nan cuach chiabh grinn.”

(Ri leantuinn.)


Tighinn nan Romhanach.

Anns abhliadhna 55 R. C. thàinig an duine comharraichte ud, Iulius Cesar, Impire na Roimh, gu oirthir a deas Bhreatuinns an àite ris an abrar Cent, le càbhlach lionmhor (ceithir-fichead long) air bòrd an robh àireamh mòr shaighdearan. Air feasgar àraidh, ’am mios meadhonach an Fhoghair, dhlùthaich e ris an fhearann; ’s mar bha muinntir na tìrefaicinn nam brataichean Romhanach asnàmhs aghaoith o chrannaibh nan luingeis, bha iad ag aithneachadh nach bu shìth no càirdeas a bhair aire nan coigreach. Chrioslaich gach fear air a chuid armachd, ’s thug e aghaidh air achladach co luathsa dheanadh a chasan e; ’snuair a bhuail an luingeas an sròn air tir bhamol còmhdaichte le saighdearaibh Breatunnach, rùnaichte nach faigheadh na h-eilthirich ud cothrom an cas a chur air tir. Steall Cesar air am feadh fras calachan mòra as na h-innealaibh cogaidh a bha na Ròmhanaich agnàthachadh air son briseadh bhallachan ann an teinne. Rinn so bhagan sgaolidh air an fheadhainn a bh air amhol, ach cha do ghabh iad eagal no teicheadh. Fadheòidh leum fear-iomachair brataich an deicheamh legion don mhuir, aglaodhaich, “Leanaibh mi, a chompaidhean, mur maith leibhair bratach fhaicinn air a glacadh!” Air cluinntinn so do na saighdearan dha chumadh iad orra féin [ ? ] bfhaide; leum gach fear a mach direach roimhe, ’s chum eaghaidh air tìr. Ach chaidh na Breatunnaich a mach gun leasraidh gan coinneachadh; bhuail iad air achéilean sud, ’s chaidh am muir a dheanamh dearg leis na dhòirteadh de fhuils acheud fhàilteachadh a rinn iad air a chéile. Ach le cuideachadh nan crann-tabhuill air bòrd nan luingeas, agus le lìonmhoireachd an àireamh a bhann diubh (10,000) fhuair na Ròmhanaich gu tir tioram; chaidh iad an òrdugh, ’s chuir iad an ruaig air na bha làthair de na Breatunnaich. Tha eachdraidh ag innseadh gun robh armachd nam Breatunnachs an àm ud co maith ri armachd nan Ròmhanach féin. Tha e coslach gun robh iad air eòlas fhaotainn air an iarrunn greis roimhe sud, oir bha armachd iarruinnan làimh na h-uile fir, ’us innealan eile de iarrainn rim faicinns gach àite. Ach bha na Ròmhanaich abuadhachadh orras na h-uile blàr suidhichte a chuir iad riù, a chionn gun robh iad ni bionnsaichtean cleasaibh an airm, ’s nach robh na treubhan Breatunnach adolan guaillibh a chéile air son cur an aghaidh an namhaid, ach gach aon fa leth dhiubh ag oidhirpeachadh iad fein a dhionn uair a thigeadh an nàmhaid air am muin. Mar so ghabh na Ròmhanaich air an aghaidh gus an dràinig iad faisg air an àitan robhchrioch eadar Sasunnus Alban déigh sud. Thog iad sreath dhaingnicheanan sin o mhuir gu muir tarsuinn na dùthcha. Bu mhor-roinn Romhanach na bha deas air an t-sreith ud, air a riaghladh le uachdaran Ròmhanach; ach bu le seann luchd-àiteachaidh na tìre na bha tuath oirre, ris an abradh iad Albion o shean, ’s ris an abair na Gàeil, Alba, gus an an diugh.

2. Anns abhliadhna 80 A. D. bha uachdaran Ròmhanach ariaghladh ceann a deas an eilein dam bainm Agricola, a smuainich air an eilean gu h-iomlan a thoirt fo chìs do na Ròmhanaich. Leis an rùn sin chuir e air abhliadhnud aghaidh gu tuath air ceann an airm. Bha sin 135 bliadhnan déigh dhoibh sealbh a ghabhail air ceann a deas an eilein. Ghabh e air aghart le cruaidh iomairt, gus an ceann thrì bliadhna, (trì càmpichidhean mar theireadh iadsan), an do cheannsaich en tìr gu iomall a deas an àite den dùthaich ris an abrar a nis aGhàeltachd. Sud àit ìs cuinge den eilean gu h-iomlan. Chaneil ach 35 mìle eadar ceann na Frùi agus taobh amhainn Chluaidh. Thog Agricola sreath dhaingnichean o mhuir gu muir an sud anns am bheil mu 36 mìlair fad. Ghoirteadh gàradh Antoniuis ris, oir be sud ainm an Impira bhannn uair a thogadh e. Bha e fichead troidh air àirde, ’s ceithir traidhe-fichead air tiuighead, ’s dìg leathann, dhomhain, air a cladhach ra aghaidh. Bha rathad leathann air son nan saighdearaibh aruith air a thaobh deas ò cheann gu ceann; ’s bha daingnichean air an togail o cheann gu ceann deth, ’an uidhe dhà mhìlo chéile. Cha robh sud acumail muinntir nam beann o bhin tràthss a rìs atoirt ionnsuidh air abhalla, ’s orrasan a bhaga dhìonadh.

3. Anns abhliadhna 84 A. D. rinn Agricola air son buille thoirt do na h-Albannaich air am fonn féin. Ghabh en t-aiseag air ceann an airm aig Port na ban-righ, ’s thriall e troimh shiorrachd Fiofa gu tuath. Bha na h-Albannaich a nis an déigh fhòghlum air an costas, gum be aonadh neart, ’s eas-aonadh laigse. Chaidh an luchd-cogaidhan ceann a chéilen an aon bhuidhinn gus an nàmhaid cumhachdach ud a choinneachadh a bha rùnaichtair an cur fo chìs. Fhuair na Ròmhanaich iad air an tarruingan òrdugh air monadh Ardoichan Siorrachd Pheirt, aig bonn nam beanntan Grampianach. Tha an Seanachaidh Ròmhanach Tacitus, ag ràdh gun robh iad 30,000an àireamh; agus na Ròmhanaich 26,000. Be Galgacus ainm an àird Sheanalair ris an dearb na h-Albannaich stiùireadh an airm féin. Chaneil iomradh sam bitheilair an laoch so roimhe sud no na dhéigh, ach tha e coslach gum bu duine stuthail e, anns an robh a leithid de dhearbsaca. Agus o na tha Tacitus ag ràdh mu thimchiolls an àm ud féin tha e soilleir gum bu duine misneachail, geur-shuileach e. Thòisich am blàr gu maith tràth air an latha, ’s lean e gus an do chuir an oidhche stad air. Tha na Ròmhanaich ag ràdh gur ann leò féin a chaidh, ’s gun do thuit deich mìle marbh mun do sguir iad. So an aon bhlàr mor, air am bheil iomradh, a bheatorra. Ach cha drinn sud an gnothach ni bfhusadh do na Ròmhanaich na bha e roimhe. ’S ann tha e coslach a dhùisg sud suas spiorad luchd nam beann gus an tòrachd a thoirt a mach air son na chaill iad. Co dhiù béigin do Agricola an t-sreath dhaingnichean ud ris an do ghabh e uiread de shaothair fhàgail as a dhéigh goirid an déigh sud, ’s a dhol air ais a deas ceud mìle a dhionnsuidh an àites an robh e roimhe sud. ’N uair a theich e deas chuir eluingeas timchioll Alba gu beachd a ghabhail air meudachd an eilein, ’s air nadur an oirthir. Ghairm an t-Impire dhachaidh e an ath bhliadhna, ’s bhàsaich es an Eadailtochd bliadhnan déigh sin.

Thug na Ròmhanaich Caledònaich mar ainm air luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a tuath. ’S ann fon ainm sin a than luchd-eachdraidh Ròmhanach a ghnàth alabhairt umpa. ’S i barail sgoileirean Gàelach gur Coilltìch is ciall don fhocals gur h-ann o luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a deas a fhuair iad e; ’s o nach burrainn iad a ràdh mar bha es aGhàelic, gun do Laidinich iad e gun eadar-theangachadh idir. Thug iad Caledònia mar ainm air an dùthaich aca— ’s e sin dùthaich nan Coillteach. Bha fios o chogadh aig na Caledònaich tuilleadh ri linn Dhomitian agus Adrian a lean e air an rìgh-chathair. Ach an uair a thàinig Antònius Pius gu bhina Impire, 138 A. D., chuir e uachdaran dam bainm Lollius Urbicus os ceann Bhreatuinn. Goirid an déigh don t-Seanalair so gnothuichean a chur air dòighan ceann a deas an eilein, chuir eaghaidh gu tuath, agus thòisich e air togail ballàrd eadar ceann na Friùus taobh amhainn Chluaidh, far an robh na daingnichean a thog Agricola. Bha cumhachd na Ròimhaig a h-àirdeam Breatunn

Air a leantuinn an taobh 142.



[140]

[Vol . 5. No. 19. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI. NOBHEMBER 14, 1896.

Am Mod Gaidhealach.

Bha Mòd bliadhnail a Chomuinn Ghàidhealaich air a chumail ann am baile Pheirt, air Di-haoine an treas latha fichead de dhOctober. Be so an còigeamh mod a bhaig a chomunn ach be a cheud uair a bha em Peart. Chaidh an latha seachad gu h-eireachdail. Bha moran ann nach robh aig Mo d riamh roimhe, agus bha iongantas orra fhaicinn cho ciatachsa bha gach ni adol air adhart. Bhatar bho dheich uaireansa mhaduinn gu sia uairean feasgar ag éisdeachd ri leughadh, labhairt, agus seinn; cha robh facal air a labhairt ann ach Gàilig, agus bha sluagh mor ag èisdeach le dian aire bho thoiseach gu deireadh. A rithist air an oidhche, bha co-sheirm Ghàilig aca, a mhair tri uairean, agus mu shia ceud deug sluaigh ag éisdeachd le mor thlachd. Bha an t-seinn briagha, agus a nochdadh gu soilleir do na h-uile gu bheil maise agus cumhachd ann an ceòls am bàrdachd nan Gàidheal nach robh moran an dùil. Chan eil rùm againn ann an so air ainmean na feadhnach a choisinn duaisean, mo òrdugh na co-sheirme a chur sios, ach theagamh gun teid againn air sin a dheanamh fhathast. Tha am Mod bliadhnail so adusgadh suas spiorad nam fior Ghaidheal, agus chan urrainn nach dean e feum mor don Ghàilig. Tha sinn an dòchas gu lean an Comunn Gàidhealach roimhe, agus gum bi soirbheachadh leis. Bidh an ath Mhòd air a chumail ann an Inbhirnis, ceann-bhaile sa Gaidhealtachd, agus chan eil teagamh nach bi coinneamh mhor acann an sin, ged nach eil aig Inbhirnis ach droch cliu a thaobh cumail suas na cainnt dhùthchasaich.


Bu mhath le MAC-TALLA tòiseachadh air a bhliadhnùir, nach eil a nise glé fhad air falbh, soar o fhiachan. Ma ni a luchd-leughaidh. Deanadh gach duine dhichioll ma ta, agus bidh soirbheachadh air MAC-TALLA.


Raonull Mac IainIc Eobhain.

Chunnaic mi anns aMHAC-TALLA, o chionn fada, a bhi farraid a mach càite an robh an duine so air a thiodhlacadh. Tha Raonull còirna laidhe maille ri athraichean ann an clachan Aoineaird, ann am Minginish, ’san Eilean Sgiathanach. ’Nuair a leubh mi anns a MHAC-TALLA bi farraid mu dheibhinn, cha robh mi gle chinnteach caiten robh en tiodhlacadh, ach air dhomh sgriob a thoirt do dhùthaich nam beann fhuair mi fios cinnteach air an dearbh bhad annsn do chuireadh e. Tha moran de bhàrdachd Raonuill air fobhais fhathast, ’s bi sin an deagh bhàrdachd, ach theid i air chall le cions nach eil i sgriobhte. Tha moran de chàirdean san Eilean Sgiathanach, ach chan fhios domh gu bheil aon ann air a leasraidh féin, ach thainig mac dha do Chanada a bha na fhear-sùl do Dhomhnull aChlaiginn, no Gladfield mar a theirte ris. Tha oghaichean bràthair do Raonull ann an sgir Dhiùrainis. Neach sam bith a bhiodh toileach fios na bu phongaile fhaotainn uime, chan eil aige ach sgriobhadh gu Miss Mac Pherson, Fasach Glendale, Skye, Scotland.

Is mise ur caraid,
AONGHAS MAC AOIDH.
Providence ,R. I., 16, 11, ’96.


Tha moran aig na paipearan ri radh air an fhoghar so a thaobh nan roideantheagamh gur ann a chionn an t-side bhi cho fliuchs gu bheil iad aniomadh àite ann an droch shuidheachadh. Thatar a deanamh a chuid as mo dhen bhruidhinn anns na Stàitean agus ann an Ontario, ach thatar a deanamh beagan iomraidh air anns na mor-roinnean iseal cuideachd. Chan eil teagamh sam bith nach eil na droch roidean a cur call mor air muinntir gach duthcha anns am bheil iad. Tha carbadan air am bristeadh, agus eich air am fagail crùbach orra, agus iomadh call eile air a dheanamh leotha. Chan eil teagamh sam bith nach eil cùmhnadh mor airgeid ann an ròidean matha, a bharrachd air an toileachadh a thannta, agus tha sinn an dòchas nach deanar stad aig bruidhinn aig an àm so, ach gun teid, chan e mhàin na Staitean agus Ontario, ach na mor-roinnean iseal mar a ceudna, a dhobair.


Tha gnothuichean air a dhol gu math am feobhas anns na Stàitean on chaidh McKinley a thaghadh mar cheann-suidhe. Tha àireamh mhor de dhfhactoridhean a bhanan tàmh o chionn dha no tri bhliadhnaichean air a dhol a dhobair, agus tha malairt afàs nas fhearr. Romhn taghadh bhan diol aig an luchd-riaghlaidh ri dheanamh òr gu leòr a chumail anns an ionmhas. Ach an diugh tha barrachd oir acasa tha iad ag iarraidh, agusse ar barail nach bu chòir dhaibh a bhi gearain. ’S aithne dhuinn gu leòr nach gearaineadh am feasda air tuilleadhsa chòir a bhi aca.


Far nacheil lagh chaneil saorsa.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[141]

[Vol . 5. No. 19. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha dithis dhaoine ùra air an cur dhan t-Seanadh Di-haoine sa chaidh, an t-Onarach Daibhidh Mills, agus Deòrsa A. Cox.

Thuit beagan lòineagan sneachda an so oidhche Chiaduin, a cheud shneachda a thainig air a gheamhradh. Ach ma bhios sinn beò, chan fhada bhios annas sam bith againn dheth.

Tha na soisgeulaichean, Hunter agus Crossley, anns abhaile an dràsda acumail choinneamhan. Thòisich iad oidhche Chiaduin, agus tha dùil ri iad a dhfhuireach da sheachdain, no dhfhaoidte nas fhaide na sin. Tha iad a cumail nan coinneamhan ann an Eaglais St. Andrews.

Tha an sluagh ann an cearnan de dhEirinn ann an suidheachadh truagh air a gheamhradh so. Chaidh am bàrr a thur mhilleadh ann an iomadh aite leis an uisge, agus mar sin tha moran dhen tuath nach eil comasach air am màl a phàigheadh, agus cuid dhiubh aig nach eil de bhiadh na bheir leitheach troimhn gheamhradh iad.

Chaidh tighna theine ann am Montreal o chionn beagan us seachdain air ais, agus chaidh triùir chloinne a losgadh gu bàs ann, aon diubh ochd bliadhna, aon da bhliadhndeug, agus aon eile ceithir bliadhndeug a dhaois. Fhuair pàrantan na cloinne as air eigin. Thatar a deanamh a mach gum be duine chuir teine ris an tigh.

Tha moran sneachda air tuiteam cheana ann an Stait Dakota Deas. Air an t-seachdain sa chaidh, bha eadar troigh us ceithir òrlich dheuga air an talamh, agus bha call mor air a dheanamh leis. Bha moran arbhair a muigh fodha gun bhualadh, agas tha moran cruidh air bàsachadh leis an fhuachd. Cha robh geamhradh cho tràth acasan stàit sin o chionn shia bliadhndeug.

So an t-àm dhen bhliadhna anns an còir do gach neach a thagabhail MHIC-TALLA am pàigheadh a chur air adhart, ’se sin mur do phàigh iad cheana. Tha soirbheachadh a h-uile paipear an crochadh riuthasan a tha ga ghabhail; ma ni iad uile an dleasanas da thaobh theid gu math leis, ach mur dean cha teid leis ach gu h-olc. Thugadh gach aon a leughas so an aire gu bheil gach ni reidh eadar e-fhéins MAC-TALLA.

Ghabh fear Abner Hopper, a tha fuireach ann an Salisbury, N. B., dóigh air bean fhaotainn nach eilear a cleachdadh ro-thric anns na cearnan so dhen t-saoghal. Chuir e sanas ann am fear de na paipearan-naigheachd ag innse gu robh bean a dhith air, agus a reir coltais fhuair e , oir phòs e air an t-seachdain sa chaidh te dam bainm Mairi Decker. Bha iad air am pòsadh anns an eaglais, agus coithional mor sluaigh a lathair.

Rinn na h-uisgeachan troma bhann air an fhoghar so call mor air abhuntata ann am Eilean a Phrionnsa. Dhfhàs an talamh cho bog ann an iomadh àites nach gabhadh each toirt air an talamh dhearg idir, air chors gu bheil moran dhen bhuntata gun bhuain idir. Eadhon far an deach a bhuain, tha chuid mhor dhe grod. Cha bhi mar sin buntatan Eilean cho pailtsa bàbhaist da bhi bliadhnaichean roimhe so.

Tha gluasad air feadh sluagh na siorrachd so an dràsda an aghaidh cuideachd aghuail a bhicumail stòraichean, agus a pàigheadh nan daoine le bathar an àit airgeid, mar sin acumail an airgeid o bhi dol air feadh na dùthcha mar bu choir dha bhis mar bu mho dheanadh e dhfheum. Bha coinneamhan aca ann am Port Morien, am Mira, ’s an áitrachan eile air feadh na siorrachd. Chan eil teagamh nach bi tagradh air a chur air beulaobh na parlamaid a thaobh a ghnothuichnuair a shuidheadhsan earrach.

Bhrist cuideachd cheannaichean ann am Montreal air an t-samhradh sa chaidh, agus an deigh gach ni a chur air dòigh tha iad a pàigheadh sent mu choinneamh gach dolair a bha dhfhiachan orra.

Tha sinn toilichte innse gun do chuir àireamh mhath a dhiarraidh an leabhair, “Na Baird Ghàidhealach,” air an t-seachdain so. Chan eil teagamh againn nach faighear reic mhath dha. Cuirear an leabhar leis a phosta gu àite sam bith, air son 35c. no a tri air son dolair.

Chaidh gillòg a mhuinntir Bhaoghasdail, Iain Mac-Neacail, a thoirt gu cùirt Di-satharna sa chaidh air son irt-rathaid a ghoid. Chaidh a chùis a dhearbhadh air, agus fhuair e da bhliadhnan tigh-obrach. Bha bràthair dha air a chur an sàs còmhla ris, ach cha robh dearbhadh sam bithna aghaidh-san agus fhuair e ma sgaoil.

Thatar ag radh gun deachaidh nathair a mharbhadh faisg air Gabarus o chionn ghoirid air an robh da cheann, aon cheann farm bu chòir dha bhi, agus aon farm bu choir an t-earball a bhi. Tha daoine creideasach a chunnaic an nathair an deigh a marbhadh ag radh gu bheil so fior gu leòr.

Tha paipear-naigheachd ùr gu bhi mach an uine ghoirid ann an Glace Bay. ’Ses ainm dha an Colliery News, agus tha e ri bhi air a char a mach le Mr. S. P. Challoner, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean an co-cheangal ri paipearansa bhaile so; chan eil teagamh againn nach soirbhich leis gu math.

Thasan ainm gu bheilear an deigh òr fhaotainn faisg air Cheticamp, an siorrachd Inbhernis. Ma tha sin fiors gu bheil am pailteas ann dheth, bidh e na ni a ni feum mor dhan chearn sin dhen eilein. ’Sann am measg gainmhich a tha e air fhaotainn mar nach dfhuaireadh òr ann an Nobha Scotia riamh roimhe.

Tha àireamh mhor de Fhrangaich Chanada air a dhol air imrich do na Stàitean o chionn roinn a bhlìadhnaichean, agus tha iad adeanamh an dachaidh ann. Faodar sin a chreidsinn nuair a dhinnsear gu robh còignear dhiubh air an cur do phàrlamaid New Hampshire aig an taghadh a bhann a sheachdain gus an Di-mairt sa chaidh.

Nuair a bhan soitheach-smùide Tiber a fàgail St. Johns, Newfoundland a sheachdain gus an raoir, aig beul na h-acarsaid bhuail i soitehach-seòlaidh a bha dol a stigh, ’ga gearradhna da lethsga cur fodha. Bha tri air fhichead air bòrd an t-soithich a chaidh a bhristeadh, eadar sgiobas luchd-turuis, agus chaidh tri duine deug a bhàthadh, naodhnar fhirionnach agus ceathrar bhoirionnach. Bhatar an toiseach a cur coire air sgiobair an Tiber, ach a reir a sgeòil-san cha robh coire sam bith aige ris near a thachair.

Tha e gle choltach nach bi sneachda trom againn air agheamhradh sa tighinn. Tha luchd-an-eólais ag radh a bhliadhna shileas moran uisge nach sil ach beagan sneachda, agus ma bhios aon àm dhen bhliadhna fliuch gum bi àm eile tioram. Ma tha so fior, agus tha sinn a creidsinn gu bheil, bheir e toileachadh do mhuinntir Cheap Breatunn a smaoineachadh ma bha foghar fliuch aca, nach eil geamhradh ro-chruaidh ri bhi aca.

Chaidh fear Iain Tobin a mharbhadh air an rathad iaruinn ann a Halifax a sheachdain gus an diugh. Fhuaireadh e air an rathad mu leth-uair an deigh ochd, agus a chorp air a ghearradhs air a shracadh air dòigh uamhasach. Bhan ceanns na lamhans na casan air an gearradh dheth agus air an toirt as a cheile nam piosan. Bhuineadh an duine bochd do Windsor, agus bha e da fhichead bliadhnasa sia a dhaois. Cha drinn e ach tighnn don bhaile am feasgar sin fhéin. Bha e coiseachd air an rathadnuair a thainig trein air gun fhios daga mharbhadh ir ball. An deigh sin chaidh da threin eile thairis air. ’Se so sgiorradh cho cianailsa thachair an [ ? ] bh le o chionn fhada.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[142]

[Vol . 5. No. 19. p. 6]

Tighinn na Romhanach.

Air a leantuinn o thaobh 139.

mun àm so. ’S i barail luchd-eachdraidh gur h-ann fo chomannda Lolliuis Urbicuis a thàinig an t-arm Ròmhanach an toiseach gu tuath co fada ri ceann asear Loch Neis. Chaneil a bheag sgriobhta mu thimchioll an turuis sin, ach tha làthraichean nan raidean mòr a rinn iad troimhn dùthaich gus an àitud rim faicinn fathast. Co dhiu, cha tug iad fo chìs riamh aon de na treubhan a bha tuath air ballAntoniuis. ’S abhliadhna 170 dhfhàg iad na bha tuath air abhallud aig na Caledònaich féin. Achan àitiadsan a bhi riaraichte le sin thòisich iad acur dragh mòr air na Ròmhanaich a deas air a chrìch ud. ’An déigh caochladh ionnsuidhean fuilteach anns an drinn iad mòran creachaidh air an dùthaich a deas, thainig an t-Impire Ròmhanach, Seuerus, ’s abhliadhna 209. Ghabh e roimhe tren dùthaich air los na Caledònaich uile thoirt fo chìs, gus an dràinig en Caol Muireach, mar is coslaichair na ròidibh a bha deanta roimhe sud, gun duine beò ga choinneachadh, air son stad a chur air a thurus. Bha na Caledònaich ga chuairteachadh fad an rathaid, roimhes as a dhéigh, ach iad aruith tren choille gun bhi idir air am faicinn, agearradh as na h-uile neach a leigeadh an deireadh air, no rachadh a mach as an t-sreith! ’Nuair a ràinig Seuerus ceann a thuruis bha 50,000 dhethchuid saighdearan air bàsachadh. Phill e air ais an deigh a thoirt air cuid de na treubhan tuathach gealltuinn gun cumadh iad an t-sith. Ach cha dfhairichsiad iad fein fo cheanglaichean sud a dheanamh. Lean iad air achogadhs air achreachadh mar bha iad, ’s na saighdearan Ròmhanach afeuchainn rin cumail dhiubh mar a burrainn iad. Ach bha nis an t-àm adlùthachadhs am feumadh na Ròmhanaich na bhaca de shaighdearan air son iad féin a dhionadh aig abhaile. Bha na Gearmailtichs fineachan tuathach eile na Roinn-Eòrpa abriseadh a steachs agabhail sealbh air achuid a bfhearr dena mòr-roinnean. Bha an impireachd air fàs co mòrs gun robh idol as a chéile lecudthrom féin. Ghairmeadh air falbh á Breatunn an aon mu dheireadh de na legiona Romhanachs abhliadhna 446, an déigh dhoibh ceann a deas an eilein a chumail re 500 bliadhna, ’s dhfhag iad na Breatunnaich gu iad féin a dhionadh mar a bfhearr a burrainn iad. —Eachpraidh na h Alba.


Tha paipear Albannachan Scottish Chief— ’ga chur a mach ann am baile Mhaxton, an Carolina Tuath. An deigh blàr Chùil-fhodair thainig àireamh mhor Ghaidheal air imrich dhan stàit sin, agus tha an sliochd lionmhor ann an siorrachdan Chumberland, Robeson, Richmond, agus Bhladen. Am measg an fheadhain as inbheiche dhiubh tha an Breitheamh Cleireach, aon de Ard-bhreitheamhna na stàite.


Na Meinnean.

Is fuathasach an t-atharachadh a thainìg ann am meinean siorramachd Cheap Breatuinn o chionn beagan bhliadhnaichean. Chaidh mian latha roimhe a Baddeck air mo thuras gu aite caraide dhomh aig dhe na meinean. Tha mach air ochd bliadhna bho nach deach mi air an astar cheudna gus an so. Uime sin, ged bha mi cluinntinn araon anns na paipearan agus bho mo chairdean mar bha na cearnan so dhen duthaich atighinn air an adhart, cha do làn thuig mi gu robh an t-eadar-dhealachadh cho mòr. Dhearbh so aon rud domh gu soilleir; —nach urrainn sinn aites am bith alàn-thuigsinn le bhi leughadh ma dheibhinn, gunfhaicinn. Coma dhiù, thainig mi air a bhata bho Bhaddeck a dhionnsuidh na Narrows. Chaidh ni gun dàil gu Iona far an robh seanachas goirid agam ri beagan chairdean, ’n am measg an t-urramach uasal, agus be sin esan, Maighstir Iain Mac Neill, sagart na sgireachd. Ach cha burrainn mi dheanamh a mach air doighs am bith carson a thug iad Iona air an aite so, mur a h-e na thann de chloinn Neillan tiodhlacadh. Ma dhfhaoidte nacheil miselàn thuigsinn coltais seann Iona, no I Chaluinn Chille, ged leugh mi ma deibhinn, ach, cho fadsa aithne dhomh, chaneil coltas idir aig an da Iona ri cheile. Ach mur h-eile ma thogair.

Ghabh mi an rathad-iaruinn bho Iona gu Bridgeport. Tha gu math a mach air leth-chiad mile eadar an da aite, ach gun teagamh chaneil ann ach fala-dha dol thairis air an astar so air an rathad iaruinn. Cha bionanns a trioblaid a bhagam a chiad chuid den latha, atighinn bhon allt dhorcha, —far am bheil an seann bhochdan agabhail nan sgialachdan, —gu Baddeck, mu dha fhichead mile. Bha mis an astar sin á deigh an da eich cho maths a thann an Siorramachd Inbhirnis, ach, air a shon sin, their mi le cinnt, cha bann gun ghnothach bu choir do dhuine geal dol air an t-slighe man àm so dhen bhliadhna. Carson mata, ’an ainm an fhortain, nacheileas acur rathad-iaruinn tromh Shiorramachd Inbhernis? ’S ann a than duthaich sin atoirt gum chumhne duine fior bhreagh de chloinnIc Rath abhrist a chas cho donas gum beudar do na dotairean atoirt deth uile. Bha duines a choimhearsnachd aige a bha buileach neo-bhreagh. Thuirt MacRath nis aon latha, “tha thusa sona, oir cha ruig tha leas taing a thoirt do Dhia gu bràch, —gu dearbh cha mhòr a rinn e ruit.” “Cha chreid mi ma rinn e gu math ruitsa,” thuirt an fear eil, “nach do ghabh en t-aithreachas air a shon an rithist.” Chaneil Siorramachd Inbhernis buileach mar sin. Rinn Dia fuathas air a son agus chaneil an t-aithreachas air nas , ach gu firinneach cha mhòr a rinn duine air son na Siorramachd bhreagh sin, —agus tha sin nàr.

Eadar Bridgeport agus an Reserve chunnaic mi aon rud air pairt de na tighean nach fhaca mi riabh roimhe, agus nach do thuig mi. Be sin seòrsùr uinneagan. Bha iad air cuid de na tighean, ach gun te agamh cha robh iad air na tighean uile. Bha iad air an gearradh ann am meadhon an doruis a bha ris an t-sraid, agus iad mu dha oirleach gu leth a dhfhad agus pailt oirleachn liad. “An iad saighdearan a tha fanailts na tighean ud?” thuirt mi ris an fhear a bha comhla ruim. “Chan iad, ach gealtairean,” arsesan. “ ’S iad ach a tha deanamh amhi-fhortainan so. ’S iad sid tha reic na deoch laidir. Tha de dheagal aca roimhn luchd-dreuchd agus oifigich an laghas gum bfheudar daibh na h-uinneagan beagud adheanamh mar sheorsa de fhreiceadan.” Than dorus daonnan glaiste agus chan fhaigh duinestigh gus am faicear thann. Nach truagh an gnothach nach rachadh an lagh achuran gniomh da rireadh air beistean a tha deanamh an leithid de challs an aite.

Fhuair mi beagan eolais air na daoine aig an Reserve anns an uine bhig a bha min am measg. ’S e call mòr a thann gum biodh am buaireadh sog a chumail do gnath fa chomhair sluaigh cho math riu. Ach a dhaindeoin gach grabaidh tha e soilleir gum bheil an Reserve atighinn air adhart ann an doigh no dha, gu h-araid bho chionn bliadhna. ’S i mo bharail fhein le firinn gum bheil creideas mòr ri thoirt do dhaon duine uasal air na thaghail mi air mo thuras do na meinean, aguss e sin an t-urramach Maighstir Ruairidh Mac Aonais, sagart na sgireachd. Gun bheum athoirt do dhuineile, no gu h-araid do phears’ -eaglais, feumar aideachadh gun drinn Mr. Ruairidh, an t-urramach tapaidh agus an sar dhuin’ -uasal, atharachadh mòr aig an Reserve bhon chunnaic an fior urramach beannaichte, an t-easbuig, iomchuidh a chur ann. Cha robh aig an Reserve an uair sin, bho chionn beagans bliadhna, ach eaglais bheag agus gun tigh-sagairt idir. Than diugh eaglais mhath ann air a cur air doigh am mighs a stigh, agus tigh-sagairt nacheil le cinnt a leighte air an eilein so, le gle bheag fhiachan fhathast ri phaigheadh; agus tha gach aon toilichte. Chaneil, tha mi creidsinn, gach ni aig an Reserve cho coimhliontas u mhath leis an urramach an sagart Mac Aonais, ach chaneil teagamh aig duines am bith anns am bheil tonaisg nach ann nas fhearrs nas fhearr a bhios gach nidol anns an teaghlach ghasda thaig an Reserve eadar an sagart agus an sluagh.

Bha duil agam braththoirt duibh air mo thuras do Ghlace Bay, do Bhridgeport, agus gu Camus na h-airden ear; ach a chionn gum bheil an litir so a nis a air fàs rudeiginn fada cha chan min corr air an t-seachduinn so. Slàn leibh. Is mi, ’an nisesan rithist, ur caraid,

AONAS AN DOMHNULLAICH,
Baddeck, an 11 la dhen gheamhradh, ’96.



[143]

[Vol . 5. No. 19. p. 7]

Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA. Gheibh thu e uaithe so gu deireadh na h-ath bhliadhna air son dolair.

Tha comunn Gailig Lunnainn gle fhaisg air sia fichead bliadhna dhaois. Rinn an comunn so obair mhor as leth cainnt nan Gàidheal.

Tha tri fichead us da chinneach dheug ag àiteachadh na talmhainn, agus iad alabhairt tri mile agus ceithir cànainean. Tha mu mhile seòrsa creud no aidmheil aca.

Tha aon oighreachd aig Sàr Ruisia dha fhéin anns a bheil ceud muillein acaire, a thri uireadsa tha ann an Sasuinn; agus tha oighreachd eilaige a tha corrsa dha uiread ri Alba.

Chan eil duine beò ann an Tigh nam Morairean, am Breatunn, an diugh, a bha annnuair a thainig ban-righ Victoria dhionnsuidh a chrùin. An duines fhaide thann chan eil e ann ach leth-cheud bliadhna sa sia.

Tha cuideachd ann an Dun-Eideann(Patrick, Geddes & Co., )an deigh leabhar de Bhàrdachd Cheilteach a chur a mach. Tha dàin agus òrain Welshach, Bhreathannach, Eirionnach agus Ghàidhealach ann. Tha an leabhar acosg da dholair us cairteal.

Bha duine bha g iarraidh dhan phàrlamaid uair alabhairt aig coinneamh mhor a chaidh a ghairm air son cùisean na dùthcha bhi air an rannsachadh. “A chàirdean,” ars esan, “bha misuair agus chaidh gabhail orm air son a bhig innse na firinn.” “Ma ta, abhalaich,” arsa seann duine bhasan éisdeachd, “rinn sin do leigheas gu gasda; ’s mor a ghabhadh tus an fhirinn innsen diugh.”

Saolaidh neach nach burrainn do charaid a bhiodhte posadh a bhi cho fad air aiss gun biodh esan air a phosadh rìs a mhaighdinn, no ise ris an fhleasgach. Ach a dhaindeoin cho doirbhsa tha e chreidsinn, tha fios cinnteach gun do thachair a leithid ann am Breatunn uair us uair o thoiseach na linne so. Anns an uine sin bha seachd posaidhean air an deanamh anns an dfhuair am fleasgach bean, agus am bfheudar do fhear-na-bainnse dhol dhachaidh mar a thainig e.

Chuir duine ann an St. Petersburg, an Ruisia, a mach leabhar o chionn ghoirid nach do chòrd ri uachdaranachd na dùthcha, agus chaidh a thoirt gu cùirt air a shon. Thugadh a bhinn a mach gu feumadh e an leabhar itheadh. Chaidh a thoirt a mach gu àite follaiseach dhen bhaile, agus an sin chaidh toirt air an leabhar a chagnadhsa shlugadh, duilleag an deigh duilleig. Bha an leabhar ro-mhor airson itheadh aig aon am, agus thugadh air tri tràthan a dheanamh dheth, aon tràthsan latha.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.



[144]

[Vol . 5. No. 19. p. 8]

Laoidh na Ban-Iudhaich.

LE SIR WALTER SCOTT.

I
Tir a braighdeanaisn uair a dhfhàg
Israel a ghràdhaich Dia,
Bha ESAN mar rithes gach trà,
Ga stiuradh air gach làmhs ga dion.
S an latha roimpe bha meall neòil,
S ben tioghnadh mòr siod de gach treubh;
S an oidhchbham fasach mar an t-òr
Le boillsgan teine a dhorduich E.

II
An sin bha laoidhean naoimh a
Le tromp as tiombanseirm do chliù,
As nighnan Shìointogail fhonn
Dan dthug gach sonns gach sagart, flù.
An nis gun ni mar somo chreach!
Tha Israel ait seachran sleibh,
Cha ghath ar nathraichean Do shlighs,
As dhfhag Thusiadn an slighe féin.

III
Ach mar ruinn fòsgeds ann fo sgàil!
Nuairthig oirn latha seilbhus maoin,
Biodh smuaintean Ortsa dhuinn na dhion
O theasas iargain air gach taobh.
S air slighe Iudah O! ’nuairthig
An oidhche dhorcha, tric bi dlù,
Fad-fhulangachus mall chum feirg,
Nad sholus dealrach dhuinns nadstiùir.

IV
Ar clarsaichean, nan culaidh-thàir,
Dhfhag sinn aig sruth Bhàbeil thall;
Chaidh gach altair oirn fo smàl,
As fuaim ar gaire tha air chall.
Ach fuil nan gobharDhia, ars Thus
Cha toilich mi na mile spréidh
An cridh brist’, ’san spiorad bruit
Sin iobairt umhl dan d thug mi spéis.”


Cruachan-Beann.

LE P. MAC-AN-T- SAOIR

SEISD.—
Cruachan-beann, Cruachan-beann,
Cruachan-beann, ’s mor mo thlachd dhiot;
Cruachan-beann thar gach meall,
S a chuid alltruith roighlacaibh.

Cruachan beanns e cho mor,
Tha e sonraichtra fhaicinn
Chaneil a lethids an Roinn-Eorp’,
S geal a chotan am sneachda.
Cruachan-beann, &c .

Clann-an-t- Saoir dam bu dual
Bhin ad chluanagan fasgach;
An diugh chan fhaic mi aon dan al
Gabhail tamh ann ad thaice.
Cruachan-beann, &c .

S iomadh linn bho nfhuair iad coir
Air abheinn is boidhchra faicinn;
S cho fhad’ ’s a ruitheas uillt gu cuan
Bidh an dualchas ud aca.
Cruachan-beann, &c .

Fines duineala, gun ghruaim,
N am dol suas chun na batailt;
S an Ceann-cinnidh air an ceann
Toirt comandddo na gaisgich,
Cruachan-beann, &c .

An Leitir-beann chaidh marach òg
Leitir bhoidheach nam badan;
Gheibhte fiadh ann air an t-sliabh,
S earbag riach anns gach glac dheth,
Cruachan-beann, &c .

Aites maisiche fon ghrein
Chaoidh cha leur dhomh ra fhaicinn;
S bhon a chuir iad thu fo fheidh,
S goirt mo dheurgabhail beachd ort.
Cruachan-beann, &c .

Fichead mile tha mun cuairt
Anns achruaich ud tha maiseach;
Agus tri dhiubh air aird’—
S iomadh bard a ghabh beachd ort.
Cruachan-beann, &c .

Soraidhnis le Cruachan-beann,
S leis gach coire, ’s gleann than taic ris;
S e mo dhurachd Clann-an-t- Saoir
Bhi chomhnuidh ri dhas na thaice.
Cruachan-beann, &c .


An Ros.

Dhearc mi uair air ros afas
Maiseach, ur, fo dhriuchd aMhaigh
“ ’S dearbht’” thuirt minach bean gu brath
Dad do bhlath cho boidheach!”
Chaidh mi seachad lan a dheigh,—
Chaidh a phabadh leis aghaoith
Ceann ri leathad air, acaoidh,
S beacha breung a rospadh.

Oigh as aingealaiche snuadh,
Faics an ros do choimeas truagh!
S ceart co deas tha diomadh buaidh,
Thogail fuath ri gradh dhuit;—
S mar an nathair anns an tom,
Thoir ceum mearachd, ’s tha Cul-chainnt
Deas gu dbhruthadh— ’s Mi-run lom
Togaidh fonn do naire.

BARD LOCH-FINE.


Biodh tlachd agad ann an obair, do bhrigh, mareil féum agad air a thaobh lòin, gum féud féum a bhi agad air air son leigheis.

Tha mòran de chomhfhurtachd na beatha a ta làthair aco-sheasamh ann an eolas, càirdeas, agus comunn a bhi againn maille riu-san a ta diadhaidh, glic, agus subhailteach.

Smuainich mun labhair thu, agus smuainich iad ris am bheil thu alabhairt. Smuainich car son a tha thu alabhairt agus smuainich ciod a tha thu a labhairt


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an Oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


STOR UR TAILLEARACHD.
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


Air an ath sheachdain tha brath sonruichte againn ri thoirt dar luchd-leughaidh bho
D. J. DOMHNULLACH.

titleIssue 19
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 19. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page